#Article 1: Alba (700 words)


'S e dùthaich suidhichte ann an taobh tuath Bhreatainn a th' ann an Alba (Beurla is Beurla Ghallda: Scotland). Bha i na rìoghachd neo-eisimeileach gus an 18mh linn nuair a dh'aonaich Alba agus Sasainn airson Rìoghachd Bhreatainn Mòr a stèidheachadh anns a' bhliadhna 1707. Anns a' bhliadhna 1801 dh'aonaich Rìoghachd Bhreatainn Mòr le Rìoghachd na h-Èireann airson an Rìoghachd Aonaichte a chruthachadh. Ann an 1999, chaidh Pàrlamaid na h-Alba a' chur air bhonn, far am bithear a' dèiligeadh ri gnothaichean poilitigeach a tha a' buntainn do dh' Alba a-mhàin. Tha Lagh na h-Alba gu math eadar-dhealaichte bhon Lagh ann an Sasainn.

Seo liosta dhe na bailtean as motha ann an Alba:

Tha Alba suidhichte ann an ceann a tuath eilean Bhreatainn, agus s e a chrìoch le Sasainn taobh a deas na dùthcha. A bharrachd air tìr-mòr, tha na ceudan de dh' eileanan – leithid Sealtainn, Arcaibh (Na h-Eileanan a Tuath) agus Na h-Eileanan an Iar air an gabhail a-steach san rìoghachd. Tha tìr-mòr na h-Alba air a roinn ann an trì pàirtean chudthromach: a' Ghàidhealtachd, a' Ghalldachd agus na Monaidhean a Deas. Tha a’ chuid as motha den t-sluagh a' fuireach sa Ghalldachd Mheadhanaich – no Meadhan na h-Alba, far am faighear na bailtean as motha ; Glaschu agus am prìomh-bhaile Dùn Èideann.

Nuair a thachair mòirneasachd ann an Lodaidh an Ear (Lodainn an Ear), o chionn 350 muillean bhliadhna, bha a' phàirt de Rùsg na Talmhainn air am bheil Bhreatainn suidhichte faisg air Crios na Cruinne agus bha e na roinn de proto-Tir-Mòr a tha aithnichte dhuinn leis an ainm Pangaea. Tro linntean fada chaidh co-ghluasad eadar roinnean den rùsg, aithnichte dhuinn mar clàran thìr-mòr, agus thachair sgleog leis tìr-mòr Gondwana.

Cha tàinig na pàirtean mu thuath agus mu dheas na Breatainn teannta, no còmhla, gu 75 muillean bliadhnan roimh toiseach na Bholcanas ann an Lodaidh an Ear. Bha Alba agus pàirt de cheann a tuath na Sasainn nam pàirt de thìr-mòr Laurentian ro -làimh, far an robh Aimearaga mu Thuath agus a’ Ghraonlainn. Aig a h-aon àm, bha an dara leth de 'n Bhreatainn torr nas fhada (mu 40° de domhainn leud) do 'n dheas, faisg air Afraga agus Aimearaga mu Dheas ann an tìr-mòr de Gondwana.

Ri linn nan Ròmanach

Anns a' bhliadhna 80 A. D. bha uachdaran Ròmanach a' riaghladh ceann a deas Bhreatainn dom b' ainm Agricola, a smaoinich air an eilean gu h-iomlan a thoirt fo chìs do na Ròmanaich. Leis an rùn sin chuir e air a' bhliadhna ud aghaidh gu tuath air ceann an airm. Bha sin 135 bliadhna an dèidh dhaibh sealbh a ghabhail air ceann a deas an eilein. Ghabh e air adhart le cruaidh iomairt, gus an ceann thrì bliadhna (trì campachaidhean mar a theireadh iadsan), an do cheannsaich e an tìr gu iomall a deas ann an àite den dùthaich ris an abrar a-nis a' Ghàidhealtachd. 'S e sin an t-àite as cuinge den eilean gu h-iomlan. Chan eil ach 35 mìle eadar ceann na Friù agus taobh Abhainn Chluaidh. Thog Agricola sreath dhaingnichean bho mhuir gu muir an siud anns am bheil mu 36 mìle air fad mar chrìoch eadar roinn na Ròimhe agus Tìr nan Cailleannach no Caledonia mar a bh' aca oirre. Ghoirteadh Gàradh Antoninus ris, oir b'e siud ainm an Ìmpire a bh' ann nuair a thogadh e. Bha e fichead troigh air àirde, 's ceithir troighean fichead air tiughad, 's dìg leathann, dhomhainn, air a cladhach ri a aghaidh. Bha rathad leathann airson nan saighdearan a' ruith air a thaobh deas bho cheann gu ceann; 's bha daingnichean air an togail o cheann gu ceann dheth, an uidhe dhà mhìle bho chèile. Cha robh siud a' cumail muinntir nam beann bho bhith an-dràsta 's a-rithist a' toirt ionnsaigh air a' bhalla, 's orra-san a bha ga dhìon. Thug Gnothach Dharien droch bhuaidh air an dùthaich.

Tha sia bailtean mòra ann an Alba:

A' phrìomh aiste: Poileataigs na h-Alba

Tha còig Oilthighean aosmhor Albannach ann. 'Siad:

Tha trì oilthighean deug ann an Alba gu lèir.

Tha pàipearan-naidheachd iomadaidh ann an Alba. Tha An Herald, an Daily Record agus The National suidhichte ann an Glaschu agus tha an t-Albannach suidhichte ann an Dùn Èideann.




#Article 2: Pàrlamaid na h-Alba (456 words)


Bha Pàrlamaid na h-Alba ann ro 1707, ach chaidh cur às dhith le Achd an Aonaidh, mar mhol Co-chruinneachadh Bun-reachdail na h-Alba, anns an robh Canon Kenyon Wright na chathraiche. Stéidhich Achd na h-Alba 1998 a’ phàrlamaid ùr.  Bha a’ chiad taghadh airson Pàrlamaid na h-Alba anns a’ Chéitean 1999, agus ghabh a’ Phàrlamaid a làn chumhachdan anns an Iuchair 1999.

Tha am Pàrlamaid a' taghadh am prìomh-mhinistear a tha a' stiùireadh Riaghaltas na h-Alba.

Faodaidh Pàrlamaid na h-Alba laghan a dhèanamh a bheireas buaidh air Albainn ann an iomadh cùis a bhuineas ri gnothaichean na dùthcha, agus faodaidh i ìre bhunaiteach na cìse cosnaidh àrdachadh no ìsleachadh suas ri trì sgillinn san not.  Tha Achd na h-Alba 2012 agus Achd na h-Alba 2016 a’ toirt chumhachdan cìse leasaichte do Phàrlamaid na h-Alba, agus thàinig na cumhachdan seo an cur an gnìomh gu h-iomlan sa bhliadhna 2017.  Bhon uair sin tha cìs an tuarastail air a bhith rud beag nas troma air na daoine beartach ann an Albainn seach mar a tha ann an Sasainn, rud beag nas eutroime air na daoine bochda.

Tha cumhachd aig Pàrlamaid na h-Alba a bhith a’ dèanamh laghan air raon ghnothaichean air a bheil “cùisean tiomnaichte”.  Tha iadsan a’ gabhail a-steach:

Tha cuid de chùisean a bhuineas ri Albainn ach aig a bheil buaidh air an Rìoghachd Aonaichte, no buaidh eadar-nàiseanta, gan co-dhùnadh le Pàrlamaid na Rìoghachd Aonaichte ann an Westminster.  Is e “cùisean gléidhte” a theirear ri na rudan seo, leithid:

Is àbhaist do thaghaidhean do Phàrlamaid na h-Alba tachairt a h-uile còig bliadhna.  An siostam bhòtaidh, ’s e seòrsa de riochdachadh co-roinneil a th’ ann air a bheil an t-ainm Siostam Ball a Bharrachd.  Tha dà bhòt aig a h-uile neach-bhòtaidh: aon airson na sgìre-phàrlamaid agus aon airson na roinne.  Tha gach duine ann an Albainn ga riochdachadh le aon BPA sgìreil agus seachd BPA roinneil.  Tha inbhe cho-ionnan aig a h-uile BPA anns a’ Phàrlamaid agus faodaidh luchd-taghaidh fios a chur gu duine sam bith den ochdnar a tha gan riochdachadh.

Leis a’ bhòt sgìreil, nì an neach-bhòtaidh roghainn eadar na tagraichean a tha a’ seasamh anns an sgìre-phàrlamaid aige.  Is e an tagraiche leis an àireamh as motha de bhòtaichean a gheibh an seata.  Tha 73 BPA sgìreil ann uile gu léir.

An bhòt eile, an bhòt roinneil, 's ann airson pàrtaidh poilitigeach a tha sin, no airson duine a sheasas gu neo-eisimeileach anns an roinn-taghaidh.  Tha ochd roinnean-taghaidh Pàrlamaid na h-Alba ann agus seachd seataichean anns a’ Phàrlamaid aig a h-uile roinn, 56 seataichean uile gu léir.  Anns gach roinn, bidh pàrtaidhean a’ faighinn sheataichean a réir cia mheud bhòt a fhuair iad anns a’ bhòtadh roinneil agus cia mheud seata sgìre-pàrlamaid a fhuair iad.




#Article 3: Ball-coise (142 words)


Tha an aiste seo a' bruidhinn mu dheidhinn socair (soccer), airson seòrsaichean eile - faic Còdaichean ball-coise

Is e spòrs buidheann poblach a th' ann am ball-coise. Gach latha, tha milleanan de dhaoine a' cluiche agus a' coimhead a' gheama. Is e buidheann riaghladh eadar-nàiseanta a' gheama FIFA (bho’n Fhraingis “Fédération Internationale de Football Association”) agus tha iad suidhichte ann an Zürich, An Eilbheis.

Tha dà bhuidheann le aon chluicheadair deug ann am buidheann a' cluich ris a chèile agus `s e amas a' gheama am balla a chur ann an lìon a' chuspairiche aig an sgioba eile. Buannaichidh am buidheann a nì sin nas trice. Chan urrainn ach do na neachan-bàire làmh a chur air a' bhall.

NB. Tha ball-coise (neo football anns a' Bheurla) glè thric a' ciallachadh diofar geamannan ann an Astràilia, Na Stàitean Aonaichte agus Poblachd na h-Èireann.




#Article 4: Cruinne (101 words)


Tha a' chruinne na nì a tha cruthte mar ball. Ann an matamataic, tha a' chruinne quadric bac.
Anns an àbhaist neo-mhatamataigeach tha a' chruinne air a lìonadh.

Nas cunntasaiche, 's e seat dhen puing ann am fànas Euclidean 3-thomaid a th' ann ann an cruinne, agus tha astar r bhon a' phuing bunaiteach nam fànas sin.

Ann an cruinneadaireachd cho-òrdanaich, tha a' chruinne aig a bheil buillsgean aig:
(x0, y0, z0) agus radius r seat dhen puingean uile (x,y,z) mar seo:

'S urrainn dhuinn na puingean a sgrìobhadh air a' chruinne le radius r agus buillsgean air a' bhun thaobh:




#Article 5: Matamataig (462 words)


'S e matamataig an t-eòlas a tha togte air bun-bheachdan a' mheud, an structair, an fhànais agus a' chaochlaidh, agus an sgoilearachd nan lùib. 'S e rannsachadh nam bun-bheachdan seo agus nan ceanglaichean eatorra a tha obair mhatamataichean. Thathar a' dèanamh feum de reasanachadh rianais gus co-dhùnaidhean a chur còmhla agus baralachasan ùra a dheasachadh 's a dhearbhadh. 

Tha dlùth-cheangal eadar matamataig agus na saidheansan – gu h-àraidh fiosaig – ged tha aig cuid nach eil saidheans ach ealain a th'ann. Is cinnteach gu bheil gnè inntleachdail aig matamataig. Tha matamataichean a' dèiligeadh ri nithean easchruthach air an sgàth fhèin. 'S e bòidhchead agus eireachdas a' cho-dhùnaidh a tha cudromach a bheil brìgh aige anns an t-saoghal a-muigh no nach eil. Faodaidh e bhith, ach tha e soilleir gur e a' phongalachd agus an rianas à matamataig a tha aig a' bhun-stèidh iomadh saidheans. 'S ann à seo a chaidh a h-ainmeachadh banrigh nan saidheansan. Aig an aon àm 's ann às na saidheansan a thàinig iomadh ceist mhatamataigeach agus, a bharrachd air sin, meuran ùra dha.

Dh'fhàs am matamataig bhon chunntadh, an tomhas, agus a' bheachdachadh air cumadh, cruth agus gluasad nithean. Bha e riatanach anns a' mhalairt, an ailtireachd, a' cheòl, reul-eòlas agus dealbhadh nan uidheam-cogaidh. Tha leasachaidhean nan smuaintean tùsail am follais anns na sgrìobhaidhean àrsaidh bhon Èipheit, Measophotaim agus na h-Innseachan ach b' e na Sean-Greugaich a thug a' phongalachd ris. Bhon linn sin thàinig ach piseach bheag anns an Roinn-Eòrpa gus an 16mh Linn. Nuair sin, rè Linn an Ath-bheothachaidh, thòisich leudachadh mòr luath a mhaireas an diugh. Chan eil ach beag nar latha an diugh aig nach eil matamataig san teis-meadhan agus tha matamataig a' cheart cho riatanach dhuinne 's a bha e dar sinnsirean. Agus thàinig seo uile bhon tuigse gu bheil riaghailtean cunntadh na pònarach iomchaidh do chunntadh an airgid no do chunntadh an rud sam bith eile. 'S ann leis a' chunntadh fhèin a tha na riaghailtean seo. Anns an aon dòigh tha riaghailtean le cumaidhean, le cruthan agus le caochladh – nithean uile a tha easchruthach.

Tha na h-innealan easchruthach matamataigeach feumail do cheistean doirbh a dh'fhuasgladh anns na saidheansan, an innleadaireachd, eòlas-leighis, a' mhalairt, eaconamachd agus iomadh raon eile. 'S e matamataig gnìomhaichte a theireadh ri seo mar dealachadh a dhèanamh bho mhatamataig ghlan (no teòiridheach). 'S e am fuasgladh a tha cudromach ann am matamataig gnìomhaichte. Far nach eil fìor fhuasgladh ann, bidh seòl ann gus fuasgladh fhaighinn a tha cho dlùth ris an fhìor fhuasgladh 's a tha riatanach. Ach chan e seo fuasgladh idir do ghlan-mhatamataiche. Mar a thuirt fear dhiubh: tha cuid a tha a' smaoineachadh nach eil e gu diofar agus cuid eile aig a tha fios gu bheil.

An diugh, tha na roinnean mòra matamataige:




#Article 6: Sasainn (123 words)


 
'S e dùthaich san Roinn Eòrpa a tha ann an Sasainn (Beurla: England).

Bha i na rìoghachd neo-eisimeileach chun na 18mh linn. Tha i suidhichte ann am Breatainn a Deas agus 's e an dùthaich as motha anns na h-eileanan Breatannach. Air 26 am Màrt 1707, chaidh Rìoghachd Sasainn aonachadh le Rìoghachd na h-Alba, agus chaidh Rìoghachd Aonaichte na Breatainne Mòire a chruthachadh. 'S e an aon dùthaich a th' ann aig a bheil crìoch-tìre air Alba. 

Tha mu 50 millean duine a’ fuireach ann an Sasainn. Is e Lunnainn am prìomh-bhaile agus le sluagh de 5 millean am baile as motha 's an tìr.

Is ann bho Sasainn agus na Sasannaich a thàinig a' Bheurla.

Tha 39 siorrachdan traidiseanta ann an Sasainn:




#Article 7: Saidheans (107 words)


Chan ann an saidheans (sòisealta, nàdurra neo diadhachd) ach cruinneachadh fiosrachaidh air a chuir an eagar.

Mar is tric 's an latha an diugh, is e na saidheansan nàdurra a-mhain a tha daoine a' ciallachadh nuair a chanas iad saidheans.

Is iad na prìomh roinnean de saidheans nàdurra

Dèiligidh Bith-eòlas le rudan a tha beo. Chanar fàs-bheairt ri gach nì, beag neo mòr, lus neo beathaich a tha (neo a bha uaireigin) beò. Tha gach nì a tha beò a' comharraich seachd comasan, gu ìre beag neo mòr. 

 comas gluasaid 
 comas a ghabh beathachadh 
 comas ath-ghineachaidh 
 comas a chac 
 comas fàs 
 comas tharruinn aille 
 freagairt 

 (An Seotal)




#Article 8: Reul-eòlas (430 words)


Is dòcha tha thu lorg speuradaireachd (astrology)

Is e reul-eòlas (no speur-eòlas no reuladaireachd) saidheans an stutha anns 
a' chruinne-chè agus bithidh e a' rannsachadh an sgaoilidh, an gluasad, nan coimeasgadh, nan staid agus an rothlas aige. Bithidh reul-eòlas a' mìneachadh tuiteamasan a thachras a-muigh a' Chruinne agus an àile aige. Bithidh reul-eòlaichean a' sgrùdadh an tùs is rothlas aig cùisean anns an domhan, cho math ris na buadhannan fiosaigeach is ceimigeach aca.

Tha reul-eòlas a' dèiligeadh ri rudan thairis air tomhasan aibhseach, bho phlanaidean, gu siostaman grèine, suas gu reultan, reul-bhagaidean, reul-chriosan (còmhla ris an stuth eatarra) suas ris an domhan fhèin na iomlan.

A-rèir Richard Cox  's e reul-eòlas

 
Tha e cudthromach iomsgaradh soilleir a dhèanamh eadar reul-eòlas a tha na saidheans, agus speuradaireachd. Tha mòran daoine ann nach tuig an difir eadar reul-eòlas agus speuradaireachd (fiosachd a-rèir suidheachadh nam planaidean agus nan reultan). Is fìor saidheans an reul-eòlas, ach is geaslanachd agus baoth-chreideamh an speuradaireachd. Is ann ro chumanta mì-thuigse mu dheidhinn an dà chuspair seo fhathast.

A-rèir Richard Cox 's e speuradaireachd

Tha litreachas anns a’ Ghàidhlig mu dheidhinn reul-eòlais nas pailte na litricheas mu dheidhinn saidheans eile air bith. Is e leabhar feumail Reul-eòlas leis an Ollamh Pàdraig Moore, eadar-theangaichte le Iain Aonghas MacLeòid. (Faic clàr-fiosrachaidh shìos.)

Ann an Àireamhan 174 agus 175 (1996), dh’fhoillsich GAIRM alt Reul-eòlas airson Luchd-'tòiseachaidh le Garbhan MacAoidh, còmhla ri foirlionadh: Clàr Briathran Reul-eòlais agus Eòlaidheachd.  
Sgrìobh ùghdar Reul-eòlas airson Luchd-tòiseachaidh: “Cha tèid agam air creidsinn nach robh ar sinnsearan eòlach air a’ mhòr-chuid de na reul-bhaid* as cudthromaiche, gu h-àraid nan robh iad a’ seòladh air an àrd-chuan. Ach a-rèir coltais cha do chuir iad ainmean air mòran dhiubh. Dh’aithnich iad An Grioglachan, An Crann-arain, Slighe Chloinn Uisnich (a’ ghalacsaidh againne), ach glè bheag eile. B’ aithne dhaibh Reul na maide agus Reul an fheasgair (Bheunus no planaid eile nuair a dh’èireas i roimh ghrèin,agus an dèidh laighe na grèine), ach gu cinnteach cha b’ urrainn daibh na planaidean eugsamhail eadar-dhealachadh. Co-dhiù cha robh iad comasach air na planaidean as fhaide ás fhaicinn. A bharrachd air na reultan, dh’aithnicheadh iad na dreugan a thuiteadh air uairibh on speur, ged nach robh fios aca dè an nàdur”.

Sa bhliadhna 1857 dh’fhoillsich ministear Apainneach dom b’ ainm Duncan MacNair Connell leabhar Gàidhlig fon tiotal Beurla .

An 1872-1873 fhoillsich an iris-leabhar ainmeil AN GAIDHEAL sreath de deich aistean AIR CRUINN-CHORPAIBH SOILLSEACH NAN SPEUR leis an t-Urramach Alasdair Mac Griogair a sgrìobh fon ainm phinn SGIATHANACH. 

Tha  sa Ghàidhlig ann bhon 14mh linn.

Gheibhear , bathar-bog amharc-lann nam planaidean agus nam speuran.




#Article 9: Innleadaireachd (367 words)


Is ann an innleadaireachd am proifeasan a chuireas saidheans nàdurra an gnìomh a chruthaich goireasan freagarrach ri feumalachdan dhaoine. Canar innleadair, neach-innlichidh riutha a tha a' sas ann.

Is e freumh-fhacal de innleadair innlich, gnìomhair a tha a' ciallachadh a bhi cruthachadh rudan as ùr. Tha seo an co-mheas leis an fhacal Èireannach innealtoir a tha stèidhichte air an fhacal inneal.
 
A dh'aindeoin sin, is e obair nan innleadair a bhith ri dhealbhadh agus ri dhèanamh innlean agus/neo obraichean ùr a fhreagaireas ri feum an latha. Tha bunachar na proifeasan a' dol ar ais ri linn nan righ, nuair a bha innleadair na h-oifigear arm le eòlas a thogail obraichean dìonaidh agus ionnsaigh (meinichean mar eisimpleir), còmhla le innealan chogaidh- muilnean fùdair is an leithid. Mu deireadh an 18mh linn chruthaich Iain Smeaton, an ceann iar na Sasainn, an stoidhle Civilian Engineer, airson a fhèin agus esan a' tairgse seirbhisean teicniuil, stèidhichte air tuigse de feallsanachd-nadurra, anns an t-saoghal sìobhalta i.e. taobh a muigh laghan an arm. Bha seo co-aimsireil le toiseach de Car a' Mhuiltean a' Ghnìomhachas, agus lorg Smeaton agus na Luchd-Innlichidh a thànaig as an déidh fèille airson na seirbhisean aca, an cruthachadh sgeamaichean airson canalaibh agus drochaidean còmhla le rathaidean, taighean solais, muilnean-uisge agus obraichean mèinnearachd, mus an deach iad a-steach, tràth 's an 19mh linn, air innealaibh-stoith, rathaidean-iarrainn agus roimhe deireadh an linn dealanachd agus conaltradh-dhealain. Anns an 20mh linn, chuir muileannan de innleadairean an saor-bheatha a-steach ri leasaicheadh de rèidio, itealanan, agus coimpiutairean, ged 's chaidh iad air ais cuideachd ri leasachadh de innealan chogaidh cumhachd-mhor gu leòr a dhèanamh milleadh air an t-saoghail. 

Cha mhòr nach eil innleadair air dealbhadh neo air dèanamh a h-uile rud a chleachdas sinn gach latha! Carbad? Is e innleadairean a dhealbh e. Rathad? Is e innleadair a dhealbh e. Drochaid? Is e innleadair a dhealbh i. Solas dhealain? Is e innleadair a dhealbh sin, agus an uidheam gu lèir a tha cruthachadh an dealain agus h-uile sian eile a bhitheas na ruith air dealan.

Tuigsear gur e proifeasan ioma-fhillte a tha ann an innleadaireachd. Mar sin, 's an latha an diugh tha innleadaireachd roinnte eadar caochladh sgoiltean.
Is iad na prìomh roinnean den phroifeasan:




#Article 10: Gàidhlig (1632 words)


'S i cànan dùthchasach na h-Alba a th' anns a' Ghàidhlig. 'S i ball den teaghlach de chànanan Ceilteach dhen mheur Ghoidhealach a tha anns a' Ghàidhlig. Tha Goidhealach a' gabhail a-steach na cànanan Gàidhealach gu lèir; Gàidhlig na h-Èireann, Gàidhlig Mhanainn, agus Gàidhlig agus gu dearbh chan eil anns an fhacal Goidhealach ach seann fhacal a tha a' ciallachadh Gàidhealach.

Tha mu 58,552 ga bruidhinn ann an Alba.

Tha a h-uile cànan Gàidhealach air fàs bhon t-Seann-Ghàidhlig a bhathar a' bruidhinn o chionn còrr is mìle bliadhna – an cànan ris an canar Old Irish mar is trice anns a' Bheurla ged a bhiodh Old Gaelic nas cuimsich. Ann an Alba canar Scottish Gaelic, Scots Gaelic no gu tric Gaelic a-mhàin ris a' chànan. Air taobh a-muigh na h-Alba bidh feadhainn ag ainmeachadh na Gàidhlig mar Scottish no Scots ach chan eil seo cumanta ann am Beurla na h-Alba oir tha ciall an dara fhacail seo air atharrachadh tarsainn air na linntean gu bhith a' ciallachadh na Beurla Ghallda ris an canar Scots, Lowland Scots no Lallans, agus Doric anns a chainnt fhèin.

'S i a' Ghàidhlig an cànan dualchasach aig na Gàidheil agus tha ceangail daingeann aice ri Gàidhlig na h-Èireann. Ge-tà, tha àite fhathast aig a' Ghàidhlig ann an dualchas na h-Alba agus cha do chaill i a-riamh a h-inbhe gu lèir mar chànan nàiseanta na h-Alba agus 's iomadh Albannach a bhios ag aithneachadh an àite chudromaich aice anns an dùthaich agus ann an eachdraidh na dùthcha. Ach cuiridh feadhainn eile dì-meas oirre mar chànan roinneil gun àite no eachdraidh ach air a' Ghaidhealtachd agus ann an Innse Gall.

'S e cànan eachdraidheil do chuid mhòr de dh'Alba a th' anns a' Ghàidhlig agus is ann air na seann Ghàidheal, air an tug na Ròmanaich Scotti san Laideann, a chaidh Alba ainmeachadh mar Scotia no Scotland anns a' chànan Ghallta. Chan eilear cinnteach air dè cho fada 's a tha eachdraidh na Gàidhlig ann am Breatainn a tuath ach tha fianais ann bho ainmean-àite gun tàinig luchd-àiteachaidh Gàidhealach gu math tràth agus ann am mòr-àireamh do na Rannaibh ann an Gall-Ghàidhealaibh mus robh rìoghachd Dhál Riata air a stèidheachadh timcheall 500 AD. 

Tha a’ Ghàidhlig air a bhith ga bruidhinn ann an Alba fad còrr is 1500 bliadhna, bhon a thugar a-nall à Èirinn i le na fògarraich a thathaich ann an Dail Riata, mòr-thir cuimseach far a bheil Earra-Ghàidheal an-diugh. Bhon toiseach seo, sgaoil a’ Ghàidhlig a-mach tron mhòr chuid dhen dùthaich agus gu Innse Gall, a gabhail àite nan Cruithneach agus nan treubhan Ceilteach eile a bha san tìr. Cha do dh’fhuirich taobh a-muigh Alba Ghàidhealach seo ach a-mhàin Gallaibh, fìor earra dheas na dùthcha, agus na h-eileanan aig tuath. Le sin, feumaidh gun deach a’ Ghàidhlig a bhruidhinn, sa mhòr-chuid na dùthcha agus tha i air dìleab fhàgail ann an ainmean-àite na dùthcha.

Le stèidheachadh Rìoghachd Dhál Riata mu àm na 4mh linne, agus e a' dèanamh ceangail eadar an seann roinn de dh'Ulaidh ann an taobh a tuath na h-Éireann agus taobh siar na h-Alba, dh' fhàs cumhachd agus sgaoil na Gàidhlig agus bha buaidh mhòr aig an eaglais Ghàidhealaich air a' chànan, agus i a' sìneadh a-mach tarsainn air Breatainn a tuath. Tha dearbhadh ainmean-àite a' sealltainn gun robh a' Ghàidhlig ga bruidhinn anns na Gall-Ghàidhealaibh mun 5mh no 6mh linn. An dèidh greis ghabh a' Ghàidhlig àite cànan nan Cruithneach gu tuath an Uisge For agus cho fadalach ris an 15mh linn, b' e Scottis an t-ainm a bha orra anns a' Bheurla. 

San naoidheamh linn às dèidh bhreith Chrìosda, bha ceannard nan Gàidheal, Coinneach MacAilpein air na Cruithnich agus na Gàidheil a thoirt còmhla agus bha e mar a’ chiad riaghladair air Alba, mòr-raon a bha a’ gabhail a-steach a’ mhòr-chuid de dh’ Alba tuath air aibhnichean Fhoirthe agus Chluaidh. Chun an latha an-diugh cleachdar an t-ainm Alba airson na dùthcha air fad.

Bha a’ Ghàidhlig aig a h-àrd ìre san 11mh linn. Ach nuair a phòs Máel Coluim III (Maol-Chaluim Ceann Mòr) Margaret ann an 1071, b’ i a’ Bheurla cànan a chùirt, agus thòisich crìonadh na Gàidhlig bhon sin. Bha cùisean air an dèanamh nas miosa leis a’ gheur-leanmhainn a rinneadh air a Ghàidhlig, le mì-leasan malairteach agus le daoine a’ tighinn a-staigh as ùr. Tha e coltach ge-tà gun robh an sluagh fhathast a' bruidhinn na Gàidhlig gu 1400.

Mun àm seo, thòisich an cànan a' fàs diofraichte bho Ghàidhlig na h-Èireann.

Thòisich a' Ghàidhlig a' crìonadh air tìr-mhór na h-Alba mu thoiseach na 13mh linn agus leis a-seo thòisich i a bhith a' call a h-inbhe mar chànan nàiseanta. Mu thoiseach na 15mh linn bha sgeul air tighinn Mì rùn mòr nan Gall agus cò-strì eadar na h-Albannaich Ghàidhealach agus na h-Albannaich Ghallda. Ged a bhàsaich a' Ghàidhlig anns a' chuid as motha den Ghalldachd bha i fhathast ga bruidhinn ann am pàirtean, Charraig agus na Gall-Ghàidhealaibh nam measg, cho fadalach ris an 18mh linn.

Ann am bliadhnaichean tràtha an 16mh linn, dh' atharraich na Goill ainm na Gàidhlig bho Scottis gu Erse (agus sin a' ciallachadh Èireannach). Chleachdadh Scottis bhon uair sin mar ainm airson buidhinn de dhual-chainntean a dh' fhàs bho Bheurla Meadhan Aoisean (Middle English) a bha ga bruidhinn am broinn Rìoghachd na h-Alba). Chruthaich sin sgaradh eadar na daoine ann an Alba aig an àm agus chunnacas na Gàidheil mar sluagh chèin. 

Chrìon an cànan gu mòr le sgiùrsadh nan Gàidheal an dèidh Blàr Chuil Lodair an 1746. Air sgàth 's gun do dh' fhàs na Cinn Cinnidh nan uachdarain às dèidh Blàir Chuil Lodair, dh' fhàs sgaradh eadar na daoine agus na h-uaislean. Bha na uaislean a' measgachadh le muinntir an Deas, a' bruidhinn Beurla agus ghabh iad thairis cleachdaidhean Gallda. Mar sin chaidh iad an ceangail ri muinntir na Gàidhealtachd a dh'fhàs bochd. Chuir an Scottish Society for the Propagation of Christian Knowledge (SSPCK) sgoiltean air a' Ghàidhealtachd gus cur às do cleachdaidhean Gàidhealach agus cànan nan Gàidheal. Bha iad den bheachd gun robh sin a' leasachadh muinntir na Gàidhealtachd. Bhon a sin bha droch inbhe aig a' Ghàidhlig, oir cha robh ach na daoine bochda ga bruidhinn, agus na daoine cumhachdail a' bruidhinn na Beurla. San 19mh linn bha àireamh nan daoine agus le sin an luchd-labhairt a' crìonadh gu luath air sgàth Fuadaichean na Gàidhealtachd. 

B’ e cunntas-sluaigh 1891 a’ chiad fhear a chunnt àireamh luchd-bruidhinn na Gàidhlig, agus chaidh 210,000 a chlàradh ann an Alba aig an àm sin. Ach bha imrich air falbh bhon Ghàidhealtachd, foghlam sa Bheurla agus buaidh nam meadhanan Gallda a’ ciallachadh gun robh a’ Ghàidhlig a’ sìor-chrìonadh tron fhicheadamh linn. Sa chunntas-sluaigh ann an 1991, cha robh ach 65,000 air an clàradh mar luchd-bruidhinn na Gàidhlig, an treas cuid de na bha ann ceud bliadhna ma bu tràithe.

Faic cuideachd Bàird Ghàidhlig, Seachd, Ealain, Ceòl Gàidhlig

Tha beul-aithris agus dualchas litreachais làidir aig a' Ghàidhlig agus i air a cleachdadh mar chànan nam bàrd fad linntean. Tha ceòl tradaiseanta Gàidhealach air fàs nas coileanta bho na 60an, agus tha barrachd is barrachd phàrantan a' togail an cuid cloinne tro mheadhan na Gàidhlig.

Tha stèisean Gàidhlig aig a' BhBC, a sgaoileas cuideachd còmhla ris a' Ghàidhlig Èireannach Raidió na Gaeltachta. Tha prògraman Gàidhlig air an telebhisean air an sgaoileadh leis a' BhBC cuideachd, air a bheil fo-thiotalan Beurla. Nì STV (pàirt Albannach aig ITV) cuid prògraman Gàidhlig air a shon fhèin agus don BhBC. Tha e comasach do dhaoine le Freeview TeleG fhaighinn, a sgaoileas fad uair a thìde gach feasgar.

Thòisich seanail ùr digiteach, BBC Alba, air 19 An t-Sultain 2008, a tha ri fhaicinn tro Sky agus Freesat. 'S e co-obrachadh eadar BBC Scotland agus MG Alba a th' ann. Tha MG Alba na iomairt ùr air a maoineachadh le Riaghaltas na h-Alba gus craoladh Gàidhlig a bhrosnachadh.

Tha an stràc throm aig fuaimreagan na Gàidhlig, leis na litrichean à, è, ì, ò, ù. Tha an stràc gheur air uairibh air fhaicinn ann an sgrìobhaidhean, le é agus ó comharraichte, ach am bitheantas, tha stràc throm aig a h-uile fuaimreag.

Tha dualchas Ceilteach aig a' chuid as motha de dh'fhacail Ghàidhlig. Ach tha mòran fhacal sa chànan bho chainntean eile ris an canar facail iasaid. Tha mòran dhiubh a' tighinn bho Laideann (muinntir is Didòmhnaich bho monastērium is Dies Domini), seann Ghreugais le buaidh mhòr air an roinn diadhaidh (eaglais is Bìoball bho ἐκκλησῐ́ᾱ is βιβλία), Lochlannais (nàbaidh  is sgeir bho nábúi is sker), Eabhra (an t-Sàbaid is Aba bho שַׁבָּת‎ is אבא‎) agus Beurla (briogais is maicreafòn bho britches is microphone). 

Tha oidhirpean ann an cànan ùrachadh tro cruthachadh nua-fhacail a' bheanas ri adhartasan agus atharraichean a-rèir teicneòlais agus cùisean eile co-cheangailte ri beatha an latha an-diugh. Ach 's tric a thèid am facal Beurla a ghabhail agus a chur ann an litreachadh na Gàidhlig; mar eisimpleir Telebhisean bho Television ('s e cian-dealbh ainm eile sa Ghàidhlig air a shon nach eil cho cumanta), coimpiùtar bho computer (ainmean eile nach tèid cleachdadh: aireamhadair, bocsa-fiosa). Leis na gnìomhairean, mar eisimpleir, is tric a thèid facail na Beurla a chleachdadh le deireadh Gàidhlig (-eadh, no an Leòdhas, -igeadh) mar eisimpleir; Tha mi a' watcheadh/watchigeadh an telly (an àite Tha mi a' coimhead air a' chian-dhealbh).
 
A' dol san cùrsa eile, tha buaidh air a bhith aig a' Ghàidhlig air a' Bheurla Ghallda agus Beurla gu ìre, gu h-àraidh Beurla na h-Alba. Tha facail iasadach bhon Ghàidhlig gus na cànanan seo mar: ben (beinn), brogue (bròg), clan (clann), glen (gleann), strontium (Sròn an t-Sìthein), slogan (sluagh-ghairm), whisky (uisge), agus loch. Dhrùidh fòn-eòlas na Gàidhlig gu math blas Beurla na Gàidhealtachd. Mar eisimpleir ann an Gàidhealtachd, mar sin tha [x] (amhail loch is Albannach) glè choitidh.

Gàidhlig na h-Éireann : Gàidhlig

Gàidhlig Mhanainneach : Gàidhlig 




#Article 11: Pàircean Nàiseanta na h-Alba (102 words)


Ged a thòisich iomairt eadar-nàiseanta nam pàircean nàiseanta às dèidh brosnachadh Albannaich ainmeil, John Muir (eilthireach à Dùn Bàrr dha na Stàitean Aonaichte), cha d'fhuair Alba fhèin a' chiad phàirc nàiseanta gu 2002 mdash; Pàirc Nàiseanta Loch Laomainn agus nan Tròsaichean (a' gabhail a-steach Na Tròiseachan, Loch Laomainn, Bràid Albainn, agus pàirt de Chòmhall a tuath).

Thàinig an dara pàirc, Pàirc Nàiseanta a' Mhonaidh Ruaidh, ann an 2003, ach bha deasbad ann an toiseach mun ainm cheart sa
 Ghàidhlig. An coimeas ri Beurla, chan e An Càrn Gorm ach aon bheinn anns an t-sreath air a bheil an t-ainm
Am Monadh Ruadh.




#Article 12: Luinn (162 words)


Is e An t-Eilean Luinn (Beurla: Luing) aon de na h-eileanan sglèat, ann an
Latharna, agus faisg air an Òban. Tha e suidhichte ann an  Comhairle Earra-Ghàidheal agus Bhòid.

Is iad na bailtean: Tobar Dhonnchaidh, Culapoll agus Black Mill Bay. Fhad 's a bha 212 duine a' fuireach ann an Luinn anns a' bhliadhna 2001, a rèir cunntas-sluaigh cha robh ach 195 duine a' fuireach anns an eilean ann an 2011.

A-nis, is iad na prìomh ghnìomhachasan turasachd, a' glacadh nan giomach, agus tuathanachas  mhart.

Tha Luinn ainmeil airson dà rud: gnìomhachais an sglèat, agus pailteas luchd-buannachaidh aig a' Mhòd.

Bha gnìomhachais an sglèat cudromach anns an eilean, le cuaraidhean ann an Tobar Dhonnchaidh, gus an deach an cuaraidh mu dheireadh a dhùnadh ann an 1939.

Bhuannaich Nan NicAonghais bonn òir a' Mhòid ann an 1926, Sandy Brown ann an 1938, agus Hughie MacCuidhein ann an 1985.

'S e Luinneach a chanar ri duine a bhuineas do Luinn, no piocach mar far-ainm.




#Article 13: Earra-Ghàidheal (103 words)


Is e Earra-Ghàidheal, no eàrr ('s e sin oirthir) nan Gàidheal, an ceàrn tùsail ann an Alba far an do shuidhich na Gàidheil. Mu dheireadh, dh'fhàs an tìr-imrich seo gu bhith an rìoghachd Dail Riata. Tha mòran làthairean ro-eachdraidheil ann, mar samplair aig Dùn Athad.

Tha Earra-Ghàidheal eachdraidheil a' gabhail a-staigh Earra-Ghàidheal Meadhanach, Latharna, na leth-eileanan Cinn Tìre agus Còmhall, agus na h-eileanan (Ìle, Diùra, Colbhasa, Muile, Giogha) còmhla ri Àird nam Murchan a chaidh na phàirt de Roinn na Gàidhealtachd ann an 1974.

Is iad na bailtean cudromach An t-Òban, Inbhir Aora, Ceann Loch Gilb, Dùn Omhain, agus Ceann Loch Chille Chiarain.




#Article 14: An Gearasdan (291 words)


Is e An Gearasdan (Fort William sa Bheurla, ainmeachadh airson an Rìgh Uilleam III Shasainn is II Alba) prìomh-bhaile Loch Abar agus, còmhla ris an Òban, aon de'n dà bhaile as motha anns a' Ghàidhealtachd an Iar.

Tha e na cheann-uidhe coiteanta airson làithean-saora agus, a' tighinn an dèidh Dùn Èideann, thatar ag ràdh gur e an dara ceann-uidhe turasachd ann an Alba. Bithidh sluagh a' bhaile a' dùblachadh as t-samhradh air sgàth uidhir a luchd-turais a bhitheas a' tighinn a-steach.

Chaidh am Mòd Nàiseanta a chumail sa Ghearasdan/Loch Abar sna bliadhnaichean 1922, 1927, 1932, 1981, 1985, 1999, 2007 agus 2017.  Thòisich Sgoil Ghàidhlig Loch Abar, bun-sgoil làn-Ghàidhlig, sa bhliadhna 2015 ann an togalach ùr air Rathad Àird Dhobhair.

Bha Gàidhlig aig 726 daoine, 7.33%, ann an 2001.

Tha An Gearasdan a' gabhail a-staigh na bailtean beaga Caol, Clagan, is Inbhir Lòchaidh, agus tha e faisg air a' chlachan croitearachd Blàr mac Faoilteach, agus na bailtean beaga, Drochaid an Aonachain agus Omhanaich.

Tha am baile air an rathad A82 eadar Glaschu agus Inbhir Nis, agus cuideachd far an tòisich Rathad nan Eilean, a dh'ionnsaigh Malaig is nan eileanan.

Tha An Gearasdan ainmeil mar am baile aig cas Beinn Nibheis, am beinn as àirde ann an Alba agus, (ann am Monadh Dhruim Uachdair), ach tha mòran bheanntan eile mun cuairt air a' bhaile; mar Meall an t-Suidhe, agus am monadh mu thuath, Druim Fada.

Tha am baile air oisean dà loch mdash; Loch Iall agus An Linne Dhubh.

Tha An Gearasdan am meadhan dùthaich Clann Chamshron, agus chaidh an gearasdan, no daingneach, a shuidheachadh gu tùsail a chumail nan Gaidheal fodha an dèidh an ar-a-mach Seumasach.

Bha baile beag nas tràithe ann aig Inbhir Lòchaidh, làrach a' bhlàir ainmeil, Cath Inbhir Lòchaidh.




#Article 15: Camanachd (461 words)


Tha camanachd no iomain, air a bhith ga cluich o chionn da mhìle bliadhna leis na Gàidheil. Thug a' chiad Ghàidheil an geam leatha a Èirinn nuair a ràinig iad Dal Riata ann an linn Chaluim Chille. Tha iomain ga chleachdadh mar gnìomhair cuideachd gu bitheanta anns a' Ghàidhlig. An àite a bhith ag ràdh Tha mi a' cluich camanachd no tha mi a' cluich iomain, bithear ag ràdh Tha mi ag iomain.

Thèid iomain a chleachdadh cuideachd a thaobh a bhith a' trusadh sprèidh is caoraich.

Aig aon àm, bha daoine ga cluich air feadh na dùthcha, m.e. Bearaig a Tuath, Gallaibh is Glaschu, ach latha an-diugh, tha e làidir ann an Srath Spè, an t-Eilean Sgitheanach, agus an Gearastan agus àiteachan eile air feadh na Gàidhealtachd le grunn sgiobaidhean. Anns na bailtean mòra, thòisich oileanaich is maoir-shìthe Ghàidhealach clubaichean cuideachd.

B' àbhaist dha iomain a bhith air a cluich tron gheamhradh , leis a' bhliadhna a' tòiseachadh anns an Lùnasdal is a' dol gu Cèitean (Mar ball-coise). Gu mì-fhortanach, chan eil an t-sìde air a' Ghàidhealtachd uamhasach coibhneil aig an am seo, 's mar sin uaireannan shìneadh a' bhliadhna gu Iuchar, uaireannan a' crìochnachadh cha mhòr cola deug mus do thoisich an ath bhliadhna. Ann an 2003, cho-dhùin na clubaichean airson sgeama gearr-ùine de dh'iomain san t-samhradh a chur air bhog. Bha seo air leth soirbheachail le barrachd gheamannan gan cluich air an dearbh latha (Ged bha trioblaidean le cus geamaichean riochdachaidh gun fheum ag adhbhrachadh cus cinn-sheachdain ban). Anns an t-Samhain 2005, le mòran moladh bho Chomunn na Camanachd, chaidh iomain samraidh a' dearbhadh gu tur le taghadh cha mhòr aon-ghuthach. ged bha sgiobaidhean mòra mar Baile Ùr an t-Slèibh, Ceann a' Ghiuthsaich, agus Kyles Athletic a' cur na h-aghaidh gus a' mhionaid mu dheireadh.

Tha an t-seusan a' ruith bhon Màrt gun Dàmhair.

'S e Comunn na Camanachd a th' anns a' bhuidheann stiùiridh aig camanachd agus tha dleastanas aca urra ri riaghailtean a' gheama. Tha bòrd-stiùiridh aca.

Ged thug na Gàidheil camain leotha air feadh an t-saoghail nuair a dh'imrich iad a Alba às dèidh Cùil Lodair agus nam Fuadaichean is gun deach iomadach gheamannan a chluich ann an àiteachan cho sgapte ri Patagonia gu Astràilia, chaidh an cleachdadh seo a bith as deidh greis. (Chaidh rannsachadh mìorbhaileach a dhèanamh air seo le Ùisdean D. MacIllFhinnein mar phàirt den tràchdas acadaimigeach aige). A dh'aindeoin seo, chaidh an geama ath-bheothachadh ann an Aimearaga a Tuath anmoch sna 1990an le Camanachd California a Tuath, a chaidh a thòiseachadh le daoine aig an robh uidh anns a' gheama agus ann an cultar na h-Alba.) a-nis, tha barrachd sgiobaidhean air èirigh air taobh an iar Ameireaga agus ann an Texas. Thàinig California a Tuath gu Alba anns an t-Samhradh 2005.




#Article 16: Lagh (308 words)


Is e a tha anns an lagh ach àlach de riaghailtean stèidhichte air feadh nàisean. Is gnìomh an lagh an inbhe a dhaingneachadh aig gach pearsa. Nì an lagh seo le ainmeachadh an dà chuid: còirichean pearsanta aig daoine anns a' choimhearsnachd agus dleasdanasan pearsanta air daoine ris a' choimhearsnachd.

Tha laghan treubhail air a bhi stéidhichte aig ìre an treubh air feadh an t-saoghal, bho toisich tìm. Ach is ann do linn na seann Greugais a thoisich feallsanaich a ghabhail beachd air nàdar nan lagh còmhla le conceapan de ceartas an cothrom le dleasdanasan nan daoine agus cumhachd nan rìghrean.

Anns an latha an-diugh tha siostam-lagh fa-leth stèidhichte aig gach dùthaich neo-eisimileach  air feadh an t-saoghal. Tha an suidheachadh seo a' leantainn air an ceart riatanach ri féin-riaghaladh a tha gach dùthaich a gléidheadh- Is buadh de dùthaich neo-eisimileach an ceart a dhèanamh laghan dhi pein.

Is lagh-eòlas an roinn de feallsanachd a dhéiligeas leis an lagh.

Is Lagh Siobhalta an roinn den lagh a dhéiligeas le còirichean-sheilbh: m.e seilbh de bathair, seilbh de fearann.

Is Lagh Eucoirean an roinn den lagh a dhéiligeas le eucoir, m.e. meirle, muirt. 
Tha i a' gabhail a-steach lorg eucoirich, cuir casaidean gan aghaidh agus ma bhitheas an cuirt gan lorg ciontach, tha i a' leigeil sìos raon de peansachaidhean a tha freagarrach ris an eucoir.

Is e a tha ann an Lagh Eadar-nàiseanta corp lagh a tha a riaghladh na càirdeasan eadar dùthchannan neo-eisimileach.

Air barrachd an sin tha roinn mor an siostam

Chaidh gleidheadh air Lagh na h-Alba, na siostam lagh fa-leth bho lagh na Sasuinn fo Achd an Aonaidh de 1707. Is e Achd an Aonaidh, air a reachdadh le Parlamaid na h-Albainn agus le Parlamaid na Sasuinn a sguab as an da Phàrlamaid neo-eisimeileach sin agus a stèidhich an Rìoghachd Aonaichte le Pàrlamaid ann an Westminster a-mhàin.




#Article 17: Ailtireachd (276 words)


Is e a tha ann an Ailtire, fear (neo té) a dhealbhas togalaichean. Chanar Ailtireachd ris an saor seo, agus measar anns an latha an diugh gur e ealdhain (proifeasan) a tha ann. Tha an stoidhle ailtire dìonta ann an lagh na h-Alba agus iomadh dùthchannan eile. Tha sin ri ràdh, nach faod neach sam bith a chumail a-mach gur e ailtire a tha ann mur eil e na bhall de comann ailtireachd proifeiseanta na tìre. Feumaidh do ailtirean a chumail ri riaghailtean proifeiseanta anns an obair acasan, an da chuid, a dhìon muinntir na dùthcha bho dhroch ailtireachd agus a dhìon deagh ainm na h-ealdhain.

Tha eachdraidh na proifeasan seo ann an Eòrpa a' dol air ais ris na meadhan aoisean. B' e iadsan a ghin proifeasan na h-ailtireachd, mar a chì sinn i an diugh, na maighstir-clachairean a bha os cionn togail de Arosaibh (àrd-eaglaisean) eadar an 11mh cheud agus an t-Ath-Leasachadh anns an 16mh linn.
 
Ged a tha ailtirean air a bhith ri dealbhachadh togalaichean cudthromach os cionn ceudan nan bliadhna, chan ann gu tric a bhiodh iad a dealbhachadh taigheadas prìobhaideach ach airson daoine air leth bheartach. Is ann mar sin (ann an Alba mar eisimpleir), chithear seann taighean-mòra nan uachdaran a chaidh air dealbhachadh a rèir stoidhlean, a bha fasanta 'san latha air feadh na h-Eòrpa, ach far a bheil taighean co-aimsireil nan daoine cumanta fhathast maireannach lorgar gu bheil na taighean beag seo a' leantainn cruth cumanta na sgìre. Mar is tric tha na stoidhlean ionadail seo a' comharrachadh, chan ann a-mhàin linn an togail ach an stuth togail a bha so-gheibhte gu saor anns an sgìre aig an àm. 




#Article 18: Litreachas (249 words)


Faodar “litreachas” a roinn a rèir a nàdair fhìrinnich (no neo-fhicseanail) no neo-fhìrinnich (no fhicseanail), no a rèir a dhòigh-sgrìobhaidh — an e rosg no bàrdachd a th’ ann — no a rèir a ghnè — m.e., nobhail, sgeulachd, dràma.

Anns na làithean seo, ge-tà, ’s tric a bhios am facal litreachas a’ comharrachadh cuideachd chleachdaidhean labhairteach agus beul-aithriseach, a bharrachd air teacsaichean sgrìobhte annta fhèin.

Am measg nan teacsaichean litreachais a bu shine tha Eipic de Ghilgamesh à Sumer agus Leabhar nam Marbh às an Èipheit ('s mathaid roimhe 2000 RC) no na Vedathan às na h-Innseachan ('s mathaid roimhe 1000 RC). Chan eilear cinnteach dè cho seann a tha iad, oir dh'fhàs iad bho beul-aithris mus robh iad air an cur air a' phàipear. Thathar a' smaoineachadh gur ann bhon 8mh linn RC a tha Ilias agus Odysseia le Homer a thòisich litreachas Greugach is Ròmanach Clasaigeach.

Airson na linntean, cha robh fàrmhorachd litreachais ann an diofar cheàrnan den t-saoghail cothromach, leis nach robh gu leòr eadar-obrachaidh ann eadar culturan sònraichte mar cultar na Roinn-Eòrpa, cultar Arabach, Innseanach, Sìneach no Seapanach. Mar sin, 's ann doirbh tuairisgeul a thoirt air litreachas an t-saoghail san fharsaingeachd. Anns na linntean mu dheireadh thòisich na diofaran seo ri dhol à sealladh; aig an aon àm, ge-tà, bha buaidh dona ann air na cultaran agus litreachasan mion-chuid.

Aig deireadh na 20mh agus toiseach na 21mh linn thàinig atharrachaidhean eile le nochdadh mheadhanan ùra mar rèidio, telebhisean, an t-Eadar-lìon no leabhraichean eileagtronaigeach.




#Article 19: Somhairle MacGill-Eain (633 words)


'S e prìomh bhàrd Gàidhlig an fhicheadamh linn a bh' ann an Somhairle MacGill-Eain (26 an Dàmhair 1911, Òsgaig - 24 an t-Samhain 1996, Inbhir Nis).  Dh'atharraich e saoghal bàrdachd na Gàidhlig gu tur nuair a dh'fhoillsich e Dàin do Eimhir ann an 1943. Tha an sreath bàrdachd seo a' suathadh air gaol, briseadh-cridhe, An Cuilthionn, Cogadh Sìobhalta na Spàinne, Ùisdean MacDhiarmaid, co-mhaoineas is nàiseantachas, uaireannan anns an aon dàn.

Rugadh Somhairle MacGill-Eain ann an 26 an Dàmhair 1911 ann an Òsgaig, baile beag ann an Eilean Ratharsair. Fhuair e foghlam òige an toiseach ann an Ratharsair fhèin agus an uair sin anns an àrd-sgoil ann am Port Rìgh. 

Air gach taobh bha na daoine bhon tàinig e tàlantach a thaobh òran, ciùil agus bàrdachd. Bha dithis pheathraichean agus ceathrar bhràithrean anns an aon teaghlach ri Somhairle agus bha tàlantan sònraichte nam measg fhèin cuideachd.

Bha an Eaglais Shaor-Chlèireach làidir ann an Ratharsair nuair a bha MacGill-Eain òg. 'S e cuspair dha-rìribh inntinneach a th' ann cuideachd dè a' bhuaidh a bha aig an eaglais air a shealladh air an t-saoghal agus air beatha. Tha facail agus ìomhaighean a bhuineas do chreideamh a' nochdadh tric na obair agus chithear e gan cleachdadh gus teachdaireachd làidir a thoirt mu ar coinneamh. Mar eisimpleir, anns a' bhàrdachd  is ann air bochdainn a' bhaile mhòir a tha e a' bualadh. Ann an  tha e ga rùsgadh fhèin agus ag ràdh gur e cridhe sgàinte a tha aige-san.

Dh'fhàs e an-àird le beartas de bheul-aithris ga chuairteachadh agus còmhla ri sin bha e geur-mhothachail air eachdraidh riaslach a dhaoine tro na linntean. Ghabh bràthair a sheanar pàirt anns an strì ainmeil a ghabh àite ann am Bràighe an Eilean Sgitheanaich ann an 1882. Bha cuimhne nan tachartasan sin fhathast beò air beul an t-sluaigh an uair a bha Somhairle òg agus tha a h-uile coltas gun do rinn iad làrach dhomhain ann.

Chaidh e dhan Oilthigh Dhùn Éideann ann an 1929. Bha an t-Ollamh Herbert Grierson ga theagaisg, is bha ùidh aig MacGill-Eain ann am bàrdachd John Donne is na bàird metaphysical eile. Fhad 's a bha e anns an oilthigh choinnich e ri feadhainn dhan tug e àite mòr a thaobh litreachais. Nam measg sin bha Seumas Caird agus Seòras Elder Davie agus bha càirdeas dlùth eadar an triùir aca. An uair a bha e na oileanach gus dreuchd na teagasg a thoirt a-mach choinnich e ri Ùisdean MacDhiarmaid. Bha tarraing mhòr eadar an dithis agus lean sin gus an do bhàsaich MacDhiarmaid ann an 1978. Tha gu leòr den bheachd gun do ràinig Somhairle MacGill-Eain inbhe a cheart cho urramach mar bhàrd ri MacDhiarmaid agus ri Edwin Muir.

Thòisich Somhairle a' teagaisg anns an àrd-sgoil ann am Port Rìgh ann an 1934 agus ghluais e do Thobar Mhoire ann an 1938. Tha e fhèin a' dèanamh aithnichte gun robh buaidh mhòr aig àilleachd, trioblaidean agus eachdraidh Mhuile air. Is ann dhan àm sin a bhuineas a' bhàrdachd dhrùidhteach .

Ann an 1939 chaidh e a Dhùn Éideann. Choinnich e an sin a-rithist ri Raibeart Garioch air an robh e eòlach mar bhàrd bho bha iad san oilthigh. Nochd leabhran de bhàrdachd an dithis, Seventeen Songs for Sixpence, ann an 1940.

As t-fhoghar a' bhliadhna sin chaidh a thogail dhan arm agus chaidh e a thrèanadh ann an Sasainn. Deireadh 1941 chaidh a chur dhan Èiphit. Shruth bàrdachd gu math làidir bho na chunnaic agus na dh'fhairich e ann an sin, mar , , ; ; ; .

Ann an Latha Foghair, tha e a' sgrìobhadh mu dhèidhinn na daoine eile a chaidh mharbhadh anns a' chogadh, neas a bha esan beò:

gun fhaighneachd dhinn
cò b’ fheàrr no bu mhiosa:
ar leam, cho diabhlaidh coma
ris na sligean.

Sianar marbh ri mo ghualainn
latha foghair.




#Article 20: Runrig (118 words)


'S e Runrig am prìomh chòmhlan-ciùil ròc riamh a thàinig a-mach à Gàidhealtachd na h-Alba. Thòisich iad ann an 1973 mar 'The Run Rig Dance Band' anns an Eilean Sgitheanach. ’S iad Ruaraidh Dòmhnallach (giotàr is giotàr beus) agus Calum Dòmhnallach (drumaichean), dithis bhràithrean à Uibhist a Tuath agus (bocsa) à Port Righ a bh’ anns a' chòmhlan bho thùs. Às a dhèidh seo, ghabh Donaidh Rothach ann cuideachd mar sheinneadair is chluicheadair giotàir. ’S iad Calum agus Ruaraidh Dòmhnallach sgrìobhadairean nan òran. B’ àbhaist do Dhonaidh Rothach a bhith na phrìomh-sheinneadair, ach dh’fhàg e airson cùrsa-beatha poileataigeach mì-shealbhach leis a’ Phàrtaidh Làbarach. Bha Peadar Wishart nas sealbhaiche anns an obair a bha aige leis a’ Phàrtaidh Nàiseanta.




#Article 21: Àiteachas (423 words)


Chanar àiteachas ris a' gnìomhachas a tha ann am fàs barra air talamh. Chanar talamh-àiteachais ri fearann a tha freagarrach ri fàs barra. Is fàs bìdh am prìomh chuimse aig àiteachas. 

Tha àiteachas na bhunait do iomadh feumalachdan caochlaideach, an dà chuid biadh agus eu-biadh. Tha toraidhean eu-biadhachd coltach ri cotan, diut agus rubair, ana-cudromach an cuid tiribh, ach ann an Alba tha prìomhachas aig biadh agus chan eil mòran luach anns na toraidhean eu-biadhachd, coltach ri cloimhe agus bian no seiche.

Tha àiteachas eu-coltach ri gnìomhachasan eile ann an iomadh dòigh. Tha gnìomhacasan seirbhis a' cruthachadh thoraidhean nach eil riatanach ri beatha. Nì carbadan agus àirneis beatha nas comhfhurtail, ach faodaidh daoine a bhi beò às an aonais. Chan urrainn dhuinn a bhi beò as aonais biadh. Is ann mar sin a tha àiteachas an gnìomhachas a bu chudthromaiche air feadh an t-saoghail agus tha e a' tarraing an uimhir riaghaltasan dha fhèin. Is gann gu bheil dùthaich san t-saoghal às aonais ministearachd airson àiteachas, ged a bhitheas gach gnìomhachas eile a' tighinn còmhla fo aire aon mhinistearachd a-mhàin.

Tha àiteachas na phàirt cudthromach de chroitearachd air taobh Sear na Gaidhealtachd, mar eisimpleir anns an Eilean Ghoirid, far a bheil croitean cho mòr ri 30 acair a' gèilleadh cruithneachd, eòrna agus coirce ceart cho math 's a tha na tuathanasan air machair Siorrachd Inbhir Narann beagan mìltean dhan ear.

Chan eil mòran àiteachas-croitearachd a' dol air taobh siar na dùthcha anns an latha an diugh, far a bheil an aimsir nas fliuch nan taobh Sear agus nas fliuch an diugh na bha e o chionn fichead bliadhna. A dh'aindeoin sin, tha gairnealachd-croitearachd air tilleadh ris an Eilean Sgitheanach, Ratharsair agus Loch Aillse rè an deichead a chaidh, agus Comann/Companaidh Coimhearsnachd ga co-òrdanachadh agus ga bhrosnachadh. 

Ged nach eil mòran chroitearan ri àiteachas anns an latha an diugh, is fheudar dhuinn aithneachadh gu bheil àiteachas riatanach do chroitearachd. Às aonais àiteachas cha b' urrainn do chroitearan a bheathaich an spreidh aca tron gheamhradh. Bha croitearan ri àiteachas air feadh nan sgìrean croitearachd sìos ri na 1970an, is e ghiulan-bhathair saor, còmhla leis na beanntan-bhidhe a dh'èirich san roinn Eòrpa aig deireadh na 1970an a chuir às àiteachas-croitearachd air an taobh siar aig a' cheann thall, o chionn 's gun do dh'fhàs e nas saoire biadh-sprèidh a cheannach a-steach o sgìrean eile le aimsir agus fearann nas fhearr na bha e a bhith ga fàs aig an taigh. Tha cothrom (an 2008) gun tig a' chuibhle mun chuairt anns na beagan bliadhnachan a romhainn. 




#Article 22: Bòrd na Gàidhlig (100 words)


Is e Buidheann Phoblach Neo-Roinneil (NDPB) a tha ann am Bòrd na Gàidhlig a tha stèidhichte le, agus cunntachail do, Mhinistearan na h-Alba. Bidh uallach air Bòrd na Gàidhlig (Alba) airson stiùireadh iomlan is riaghladh Plana Nàiseanta na Gàidhlig. 

Chaidh Bord na Gàidhlig a stéidheachadh ann an 2003. Tha ceann oifig a' bhùird ann an Inbhir Nis.

Chaidh Bòrd na Gàidhlig ath-stèidhicheadh aig inbhe ughdarras reachdail le Achd na Gàidhlig 2005. An lùib an ath-stéidheachaidh seo, is e Cuasai-Autonomachd Eagaireachd Riaghaltais Naiseanta (CAURN) a tha ann, le na dleasdanasan reachdail don stàit a tha tighinn an lùib na h-inbhe sin.




#Article 23: Foghlam (417 words)


Is e gnìomh a tha ann an fhoghlam. An gnìomh a tha ann an ionnsachadh le amas a thogail comas-inntinn. Air feadh an t-Saoghal is ann air pàrantan a tha am prìomh dhleasdanas foghlam a thoirt do’n cuid cloinne. Ann an iomadh cultur, cuirear clann ri sgoiltean airson foghlam fhoirmeil ann an leughadh, sgrìobhadh agus àireamhachd.

Ann an tìrean bochda 's an treas domhain chan fhaigh h-uile pàiste cothrom air a' bhun-fhoghlam a tha ann leughadh, sgrìobhadh agus àireamhachd ach ann an tìrean beartaich cuirear dleasdanas laghail air pàrantaibh a chuir an clann aca dhan sgoile. Ann an Alba (mar eisimpleir de dùthaich a bhuineas don chiad domhain), is fheadar do clann eadar 5 agus 16 bliadhnaichean a dh'aois a bhi ann an fhoghlam làn-tìde. Is ann leis an stàit fhéin a tha an cuid as motha de sgoiltean an Alba, tha iad maoinichte a-mach à cìsean na dùthcha agus chanar sgoiltean poblach riutha. 

Tha da rang de sgoil anns an t-siostam Albannach an-dràsta, bun-sgoiltean a bhitheas ag foghlam clann air fad na 7 bliadhnaichean eadar 5 agus 12 bliadhna dh'aois agus àrd-sgoiltean a bhitheas ri foghlam clann eadar 12 agus 18 bliadhna dh'aois, ged a tha e ceadaichte do dh’òigridh cùl a chur ri foghlam na sgoile aig aois 16. Leanaidh clann air feadh Alba clàr-oideachaidh coitcheann 5-14, bho chòig bliadhna dh'aois gu ceithir-deug, cuairt-fhoghlaim a leanas a-steach dhan àrd-sgoil. Aig toiseach na treas bliadhna àrd-sgoile feumaidh na sgoilearan 8 cuspairean fa-leth a roghainn, a bhitheas iad a' leantainn chun na h-Ìre Choitcheann. Feumaidh an roghainn pearsanta gabhail-steach Matamataig, Beurla, aon saidheans, aon chùrsa teicniuil agus cànan eile. Suidhidh na sgoilearan deuchainn airson barantas nàiseanta aig an Ìre Choitcheann aig deireadh na 4mh bliadhna (aois 16). As déidh deuchainn na h-Ìre Coitcheann, roghnaichear suas ri 5 cuspair airson cùrsa chun Àrd-ìre. Is e deuchainn matriculation airson inntrigeadh do chùrsaichean  oilthigh a tha 's an Àrd-ìre. Suidhear an Àrd-ìre aig 17 bliadhna dh'aois agus b'e seo an aois aig am biodh oileanaich Albannach gu traidiseanta ag inntrigeadh oilthigh. Anns an latha an diugh, is àbhaist do sgoilearan a' fantainn 's an Àrd-sgoil bliadhna eile, a ghabhail tuilleadh chùrsaichean Àrd-ìre neo lìonadh a-mach an cuid fhoghlam le cuspairean nach do rinn iad aig ìre choitcheann 's a' chiad dol a-mach, neo a' leantainn cùrsa nas adhartaiche ris an chanar Sàr-àrd-ìre. Tha teagamhan mu deidhinn luach an chùrsa seo mu dheireadh o chionn 's gu bheil a h-inbhe gu ìre mhòir co-ionnan leis a' chiad bliadhna de sgrùdadh oilthigh.  




#Article 24: Am Mòd Nàiseanta Rìoghail (147 words)


'S e am Mòd Nàiseanta Rìoghail am prìomh thachartas cultarach ann an saoghal na Gàidhlig, a rèir An Comunn Gàidhealach, am buidhean a chuir am Mòd air bhonn ann an 1874.

B'e tachartas fairpaiseach neo-dhreuchdail, do dh'òigridh agus inbhich, a th'anns a Mhòd. Tha farsaingeachd de cho-fharpaisean ann, m. e.: co-fharpaisean beul-aithris, seinn 's an t-seann nòs,
òrain Gàidhlig is còisirean Gàidhlig, ceòl traidiseanta, co-fharpaisean ionnstramaidean, a' gabhail a-steach fidheall, a' Phìob Mhòr, clàrsach amsaa.
Bidh co-fharpaisean ann air litreachas, leughadh bàrdachd no a' Bhìobaill cuideachd.

Bidh iomain agus ball-coise ann cuideachd agus bidh prògram eadar dhealaichte ann gach bliadhna, air Iomall a' Mhòid, le ceòl, bùthan-obrach agus òraidean. 
Bidh na co-fharpaisean a' tarraing mòran dhaoine chun a' Mhòid. Mar is trice bidh na h-àireamhan gu math àrd, gu h-àraid ann am farpaisean na cloinne.

Leis an t-sianal ùr bidh am Mòd ri fhaicinn air BBC Alba.




#Article 25: Agnostachd (214 words)


Tha agnostachd 'na bheachd nach gabh fhiosrachadh a bheil dia ann gus nach eil.

An neo-làthaireachd de gnosis no eòlas. An creideamh feallsanta nach eil eòlas de Dhia comasach idir air sgàth de na bacadhan ann-fèin ‘s do-cheannsachail den inntinn daonna. Mar as trice tha e a’ cur an aire a’ bhrìgh de bhith às aonais eòlas  air rudeigin. A-rèir feadhainn ‘agnostican’, chan eil e ach ag ràdh a tha an eòlas beag 's bacte. Faodaidh bi duine “air nach eil fios  air ge be dia ann no às gun creideamh mu dheidhinn dia agus uime sin na ain-diadhach. Ach, tha cuid eile daoine ann a bhios a’ toirt creideas do dhia ‘do-aithnichte’ agus air an adhbhar sin faodaidh bith, gu cubhaidh , a’ faighinn an t-ainm agnostics cuir orra cuideachd. Seo fear de na adhbharan carson a tha iomadh ain-diadhach a’ seachnadh cur gu feum am facal agnostic a thoir dealbh air am beachd-smaointean. Uaireannan, mura bheir duine tuilleadh mìneachaidhean air am beachdan, misnichidh cur gu feum am facal agnostic a’ troimh chèile. 
Chaidh am facal a cruthachadh le T.H. Huxley timcheall air a’ bhliadhna 1870 agus bha e esan a bha, a dh’aindeoin na fìrinn nach robh esan an cruthadair dem bun-bheachd, a ghaisgeach as ainmeile san dàrna leth den linn 19mh. 




#Article 26: Geòlas (101 words)


Is e eòlas-talmhainn neo sgoil-chreige an saidheans nàdarra a sgrùdas stuth agus cruth na talmhainn. 

Suas dhan 18mh linn, bha feallsanaichean Eòrpach a' creidsinn nach robh an talamh ach mu 7000 bliadhna dh'aois. Is e an sgeul a dh'adhbharaich am beachd sin an sgeul on Bhìobaill gun do chruthaich Dia an talamh ann an seachd latha agus na sgeulachdan as dèidh siud a thaobh na clann de Àdhamh agus Eubha. Oir bha daoine a' creidsinn gur e an dearbh fhìrinn a bha anns a' Bhìoball mun chùise seo.

Chuireadh ceistean doirbhe an aghaidh am feallsanachd seo ro deireadh an 18mh linn.




#Article 27: Eaconomaidh (110 words)


Is e a tha ann an eaconomaidh an iomlanas de cosnadh beòshlainte a tha muinntir ris, agus na daoine fa-leth a' dèanamh malairt le chèile. Chanar eaconomaidh ionadail ri leir-suim na gnìomhan a tha muinntir sgìreil a' gabhail fo làimhe, Chanar eaconomaidh roinneil ri leir-suim na gnìomhan ann an roinn dhùthaich. Chanar eaconomaidh nàiseanta ris an leir-suim de gnìomhan taobh a-steach ranntairean nàiseanta. 

Is e gnè gnìomhachais a tha a' buntainn ris an treas roinn gnìomhachais (roinn na seirbhis) a tha ann a bancaireachd. Dh'fhàs an bancaireachd a-mach as gnìomhachas de na luchd-iasaid, a leig airgid a mach air iasad, airson airgead-reidh, cho fada air ais ri linne a' Bhìobuill. 




#Article 28: Ealain nan Ceilteach Pàganach (988 words)


 

Tha ìomhaighean bheathaichean sònraichte rim faicinn anns na làmh-sgrìobhainnean Ceilteach-Eileanach de na 7mh agus 8mh linntean. An toiseach ann an Leabhar Darú, thàinig eileamaidean còmhla bho thrì tùsan: ealain nan Ceilteach pàganach, ealain nan Lochlannach/Gearmailteach, agus ealain bho sgìre na Mara Meadhanach: Byzantium nan Greugach agus an Ròimh. Ann an Leabhar Cheanannais agus ann an Soisgeulan Lindisfarne chaidh an cothlamadh a leasachadh gu iomlanachd.

Tha e iomchaidh coimhead air eisimpleirean ealain bho na tùsan a lean dhan chothlamadh, agus air na h-eileamaidean mar a nochd iad anns na làmh-sgrìobhainnean. 

 
Thàinig na Ceiltich bho mheadhan agus bho thaobh an ear na Roinn Eòrpa, agus ghiùlain iad comharraidhean bhon àirde an ear a dh'ionnsaigh na h-àirde an iar. Dh'èirich cultar nan Ceilteach ri taobh cultar nan Illyrian. Bha an dà chultar ceangailte aig àm Hallstatt a thaobh dòighean cleachdadh iarainn agus umha. Nochd sìobhaltas Ceilteach La Tène mun chòigeamh linn R.C. bho fhreumhan cultar Hallstatt. 

Sgaoil sìobhaltas La Tène bho sgìre bhreith stoidhle ealaine La Tène. Bha treubhan Ceilteach pàganach ag imrich air feadh na Roinn Eòrpa iomadh uair fad nan linn R.C.

A bharrachd air siubhal air talamh ann an carbadan agus air eich, bhiodh na Ceiltich phàganach a' siubhal air sàl agus uisge. Bha an fheadhainn a bha air iomall a' chuain agus an fheadhainn a bha a' fuireach air bruthaich nan aibhnichean math air eathraichean a thogail. Shiubhail iad air na h-aibhnichean mòra anns an Roinn Eòrpa agus cuideachd air a' mhuir. 
Fada ro linn na Crìosdaidheachd, bha na Ceiltich a' malairt ri daoine ann an sgìre na Mara Meadhanach, ris na Greugaich agus ris na Etruscanaich. Gu h-àraidh, bha iad a' malairt ri baile Massalia, air Inbhear na Rhône, tìreachas Greugach a chaidh a stèidheachadh mu 600 R.C. le Phocaeans bho Aisia Bheag, rud a cheangail Massalia ri sgìre mhalairt gu math farsaing.

Gu cunbhalach, ghabh na Ceiltich ri dòighean obrachaidh ùra ann an umha, òr, airgead, agus iarann, agus chleachd na Ceiltich iad còmhla ri dòighean obair-chiùird a bha aca mu thràth.
 
Mar thoradh air malairt, nochd cumaidhean agus ìomhaighean ann an ealain nan Ceilteach a thàinig bho àiteachan fad air falbh, mar Inbhear na Danube, na Monaidhean Charpathia, Thrace air a' Cheann-tìre Balkan, Anatolia, Beanntan Cabhcas, Àirdean Meadhanach na Ruis, agus Steipichean Meadhan na h-Àisia. Ghabh na Ceiltich ri ìomhaighean agus ornaidean a bha cumanta am measg nan slògh coigreach agus chleachd iad iad anns an dòigh aca fhèin.

Cho tràth ri linn chultar Hallstatt, bha iomadh ìomhaigh eòin agus beathaich ann an ealain nan Ceilteach. Cha b' e comharradh coimheach a bha sin idir: bha eòin agus beathaichean cudthromach ann an creideamh nan Ceilteach pàganach. 
 
Is ann air sàilleabh 's gun robh na Ceiltich a' gluasad air feadh Mòr-thìr na Roinn Eòrpa gu bheil a' chuid as motha den stuth a dh'fhàg iad 's a chaidh a lorg caran beag. Dh'fhàg iad rudan a ghabhadh a ghiùlan gu furasta, mar seudraidh, acfhainn carbaid, armachd agus acfhainn airson eich. 'S ann bho uaighean a thàinig cuid mhòr de na nithean seo. 

Gabhaidh cumadh ealain Etruria no ealain na Grèige clasaigich fhaicinn anns a' chlagan-fìona Cheilteach bho linn La Tène a chaidh a lorg ann am Basse-Yutz, Moselle. Tha bonn a' chlagan Etruriach agus tha bàrr a' chlagan Ceilteach. Tha beathaichean agus eun La Tène air bàrr a' chlagan.

 
Dìreach mar a bha structar sòisealta nan Ceilteach anns an Roinn Eòrpa, bha dòigh-beatha an t-sluaigh ann an Èirinn agus ann an Alba stèidhichte air structar sòisealta treubha. Ro linn na Crìosdaidheachd, bhiodh luchd-ealain a' dèanamh an cuid obrach airson uaislean mar rìghrean, ridirean agus ghaisgich. 

Bhiodh uaislean na dùthcha ag iarraidh obair ealain mar seudraidh agus armachd. Cha robh togalaichean sòghail cudthromach dhaibh.
 
Chaidh ceanglaichean cultarach agus poileataigeach a stèidheachadh eadar na h-Eileanan Breatannach agus an Roinn Eòrpa aig an àm a bha na Ròmanaich ann an Sasainn. B' ann an sin a nochd an creideamh Crìosdaidh airson a' chiad uair. Ach cha tug na Ròmanaich buaidh mhòr air cultar na h-Èireann neo na h-Alba.

Anns an roinn mu dheireadh de stoidhle La Tène Eòrpach, bha cumaidhean lùbte agus cuairteagan a' faighinn prìomh àite anns an ealain. Gidheadh, anns an Roinn Eòrpa, fo bhuaidh cultar nan Ròmanach, chaidh ealain na roinne mu dheireadh de linn La Tène a chrìonadh gu stoidhle nach robh idir cho beòthail 's a bha e aig an toiseach.
 
'S ann an Èirinn agus ann an Alba a chaidh feadhainn de na h-eisimpleirean as fheàrr den roinn mu dheireadh de chultar La Tène a chruthachadh. Mhair sàr-ealain La Tène sna àiteachan sin gu ruig an àm nuair a ràinig an creideamh Crìosdail.
 
Chì sinn tè de na h-eisimpleirean as fheàrr de La Tène Eileanach anns a' chlogaid umha airson capaill a chaidh a lorg ann an Torrs, Siorrachd Cille Chuithbeirt, Alba. Tha ceann eòin air ceann-deiridh an dàrna adhairc.
 

Is urrainn dhuinn faicinn gun robh na Ceiltich, feadh nan linntean, gu tric a' gabhail ìomhaigh neo eileamaid ealain a bha aig sluagh eile, agus ga chleachdadh ann an dòigh eadar-dhealaichte. Gu h-àbhaisteach, bhiodh iad ag atharrachadh an rud a fhuair iad agus ga dhèanamh nas sìmplidh. Bha ealain nan Ceilteach stèidhichte air eileamaidean teibidh (eas-cruthach) gu ìre mhòr: cha robh i riamh stèidhichte air fìorachas (rèalachas).
  
Bha òrdugh an luchd-ealain Cheiltich stèidhichte air cumaidhean lùbte agus snìomhach gu ìre mhòr. Bha ceàrdan-umha a' cleachdadh phàtranan lùbte neo ceart-cheàrnach air seudraidh agus armachd. Bhiodh iad ag atharrachadh ìomhaighean eòin agus beathaich agus a' dèanamh chumaidhean lùbte nach robh idir nan leth-bhreac de na tha sinn a' faicinn ann an nàdar.

Gabhaidh seo fhaicinn anns an ealain Cheiltich, agus gu h-àraidh anns an ealain Cheiltich anns na h-Eileanan Breatannach, gun robh an aon rud a' tachairt gu cunbhalach. Bhiodh na ceàrdan-umha agus ceàrdan-airgid ag atharrachadh nì air an robh cumadh lùbte bho chruth sìmplidh neo-sgeadaichte gu nì air an robh cinn beathaich no cinn eòin.
 
An Cathach
 
Leabhar Darú
 
Soisgeulan Lindisfarne
 
Leabhar Cheanannais




#Article 29: Teicneòlas (286 words)


Is e a tha ann an teicneòlas an àlach de sgilean agus fiosrachadh a tha sònraichte ri cruthachadh goireasan de gach seòrsa.

Aithnichear anns an latha an diugh trì inbhe de teicneòlas: Teicneòlasan Ìosail, Teicneòlasan Meadhanach agus Ard Teicneòlasan. 

Mar sin tha teicneòlas (ged nach eil e ach aig ìre ìosal) an dèanamh bogha agus saighead le ceann cloiche. Feumaidh muinntir a' chiad dhomhainn a bhi faiceallach co-dhiù nuair a bhios iad a' measadh teicneòlasan simplidh - oir ged nach eil na teicneòlasan fa-leth seo stèidhichte air saidheans mar a bhiodh sinn ga tuigsinn, tha eòlas agus sàr-sgilean aig tùsanach air bith a tha comasach a dhèanamh faobhar-ghearraidh a spealg cloiche.

Thoisich sàr-eòlaich a dh'aithnich seo rè na beagan bliadhnaichean a chaidh, bu sònraichte an Canada, far a bheil 's an latha an diugh colaiste neo dha a' tairgse cùrsaichean an teicneòlasan tùsanaich air toiseach a dh'aithneach. 

Tuigear, bho na facail as àirde, gu bheil roinn de teicneòlas sònraichte ri gach roinn gnìomhachais. Nas àirde a bhios inbhe de teicneòlais, nas eagnaidh a bhios na rudan dèanta leis na teicneòlaich. 

Tha obraichean (neo innealan) mar rathad-iarainn nam deagh eisimpleir den dòigh a tha teicneòlas fa-leth sònraichte ri gach seòrsa muileann, agus tha diofar seòrsaichean rathad-iarrainn a' crochadh air teicneòlasan aig ireaibh eadar-dhealaichte. Anns an 17mh Linn, cha deach cleachdadh air gadaibh iarrainn ach air maidibh fiodha.

Glèidhear na carbadan air na gadaibh leis na slisean agus sin a h-aon prionnsabal a tha cleachdta 'san lath an diugh ged is a tha An teicneòlas air gluasad ar adhart gus an aite cuibhlean fiodh a ruithe aig 2mph air gadaibh fiodh, chì sinn trèanaichean sar-luatha le cuibhlean stàilinn a ruith aig 300 mìle san ur air gadaibh stàilinn.




#Article 30: Glaschu (1640 words)


'S e am baile as motha ann an Alba a th' ann an Glaschu [IPA: ˈɡ̊ɫ̪as̪əxu] (Beurla: Glasgow, a' Bheurla Ghallta: Glesgie no Glesca) ged as e Dùn Èideann prìomh-bhaile na dùthcha. 

'S e fear de na 32 ùghdarrasan ionadail ann an Alba a tha ann. Tha freumhan an ainm stèidhichte air glas + cu, a' ciallachadh sloc glas/gorm anns a' Bhriothannais. Tha e suidhichte ann an taobh an iar na h-Alba air Abhainn Chluaidh ann an Srath Chluaidh. Chaidh a stèidheachadh anns an 6mh linn leis an Naomh Mungan (ris an canar Ceanntighearna neo Kentigern cuideachd) air an àite far a bheil a' chathair-eaglais (a thòisich air a togail anns an 12na linn) an-diugh. 

Tha an dàrna oilthigh as sine ann an Alba anns a' bhaile (bho 1451, an ceathramh as sine anns a' Bhreatainn). Le còmhdhail tombaca, gàrraidhean-iarainn agus gnìomhachas eile, bha An Dàrna Cathair san Ìompaireachd (The Second City of the Empire) air Glaschu aig deireadh 19mh linn. Chaidh gnìomhachas trom anns a' bhaile a chrìonadh gu mòr aig deireadh an fhicheadamh linn, ach dh'èirich leas-gnìomhachas, m.e. roinn ionmhasail, turasachd agus coimpiutaireachd, agus lorg rannsachadh ann an 2005 gun robh làn-thoradh dùthchail gach pearsa nas motha anns an Rìoghachd Aonaichte dìreach ann an Lunnainn agus Dùn Èideann. Chaidh an STUC a stèidheachadh an seo ann an 1897.

Ged a bha caochladh thuineachaidhean airson nam mìltean de bhliadhnaichean far a bheil Glaschu na laighe aig an àm a tha an làthair, chaidh a' bhaile fhèin a stèidheachadh le Naomh Mungo timcheall eaglais far a bheil an Cathair-eaglais Ghlaschu an-diugh. Rè nan linntean, sgaoil am baile gu mòr anns gach àird, thar Abhainn Chluaidh mar an ceudna, agus thionndaich iomadh clachan is baile eile gu pàirt den chathair. Tha e a-nis ann an crìch ri Rinn Friù agus Bruach Chluaidh gu taobh an iar. Chaidh Comhairle Baile Ghlaschu a chuir air bonn ann an 1996 agus tha 21 uàrdan fon smachd aice a-nis.

Tha Meadhan na Cathrach air a chuairteachadh le Abhainn Chluaidh air a thaobh a deas, leis an t-Sràid Àird is Margadh an t-Salainn air a thaobh an ear, agus air a thaobhan a tuath is an iar leis a' mhòr-rathad M8 a chaidh a thogail eadar 1968 agus 1972. Tha iomadh àite agus togalach cudromach suidhichte ann am meadhan na cathrach, m.e.:

Tha Ceann an Iar air a' cheàrn dìreach ri taobh Meadhan na Cathrach, ged a tha farsaingeachd na h-abairte a' fàs. Tha Abhainn Cheilbhinn a' ruith tron cheàrn ro a comar le Abhainn Chluaidh. Am measg nan àiteachan cudromach ann tha Oilthigh Ghlaschu, Pàirc Kelvingrove (anns a bheil Gailearaidh Ealain is Taigh-tasgaidh Kelvingrove), taigh-tasgaidh còmhdhail ann an Taigh-tasgaidh Taobh na h-Aibhne agus Gàrradh Lusan Ghlaschu. 'S ann ann an Ceann an Iar a tha Partaig, a' phàirt Ghlaschu as motha a tha co-cheangailte ris a' Ghàidhlig agus na Gàidheil, le buidhnean mar Comhairle nan Leabhraichean.

Tha Ceann an Ear Ghlaschu a' sìneadh bho Mheadhan na Cathrach gu siorrachdan Lannraig a Tuath is Lannraig a Deas. Dlùth ri Cathair-eaglais Ghlaschu tha cladh air a bheil Cladh Mór Ghlaschu; beagan a deas air tha pàirc Lèanag Ghlaschu leis taigh-tasgaidh Lùchairt a' Phobaill. Tha taigh-grùide Wellpark Brewery far a bheil Tennent's Lager air a dhèanamh, margaid ainmeil Barrowland agus ionad-cluiche ball-coise aig C.B. Celtic (Celtic Park) ann cuideachd. Ge-tà, 's e sònaichean taigheadais mar Charntyne agus Easterhouse a tha a' cruthachadh pàirt as motha dhen cheàrn.

Thathar Taobh a Deas air a' phàirt de Ghlaschu a tha deas air Abhainn Chluaidh. Ged as e gu mòr ceàrn còmhnaidheach a tha innte, tha caochladh fheartan ainmeil ann, m.e. na prìomh-àrosan aig a' BhBC Scotland agus an STV, lann-cluiche buill-choise nàiseanta Pàirc Hampden no grunn phàircean, agus ionad-cluiche ball-coise aig C.B. Rangers Lann-cluich Ibrox (Ibrox Stadium) ann cuideachd. Nam measg Pàirc Dùthcha Pollok, an tè as motha ann an Glaschu anns a tha an cruinneachadh ealain cliùiteach Cruinneachadh Bhurreill. Tha mòran iomall-bhailtean agus bailtean-eisimeil aig Glaschu anns na siorrachdan an cois a' bhaile, m.e. An Ruadh-Ghleann agus Camas Long ann an Siorrachd Lannraig a Deas no Giofnag ann an Siorrachd Rinn Friù an Ear.

Tha Glaschu a Tuath a' sgaoileadh gu Bruach Chluaidh ann an Siorrachd Dhùn Bhreatainn an Iar agus Cille Phàdraig Ùr, Muileann-Ghaidh agus Drochaid an Easbaig ann an Siorrachd Dhùn Bhreatainn an Ear. Lorgar ann an dà chuid ceàrnan nas beartaiche mar Thaobh Cheilbhin a Tuath ann an Cnoc Mhoire, ceàrnan ath-ghinte mar Ruchill agus ceàrnan nas bochda mar Phàirc Phosail no Sighthill far a bheil as àirde àireamh nan comraichean. Tha Rathad-Uisge Fhoirthe is Chluaidh a' ruith troimhe: canàl a bha glè chudromach airson eaconomaidh a' bhaile anns an 19mh linn, mar a bha factaraidh airson pùdair gealachaidh Naomh Rollox ann an Allt an Fhuarain, aig aon àm factaraidh ceimigeach nas motha anns an t-saoghal.

Tha Glaschu na cathair le àireamh-shluaigh as motha ann an Alba airson na linntean. Eadar na 1920an is na 1960an bha barrachd air aon mhillean duine a' fuireach anns a' chathair, leis an àireamh a bu mhotha air a' chlàradh ann an 1931, nuair a ràinig e 1,088,000.

A rèir a' chunntais-shluaigh 2011, bha 593,200 duine a' fuireach ann. Mar an ceudna, bha dùbhlachd sluaigh na bu mhotha ann an Glaschu na ann an comhairle ionadail eile sam bith anns an dùthaich, .i. 3,395 duine airson cilemeatair ceàrnagach (no 1,311 duine airson mìle ceàrnagach). Cuideachd, tha dòchas-beatha as lugha anns an Rìoghachd Aonaichte ann an Glaschu: ann an 2011, b' e sin 71 bliadhna airson fireannaich agus 78 airson boireannaich (bha na cuibheasan 75 agus 80 airson Alba air fad).

Leis an in-imrich eachdraidheil bhon Ghàidhealtachd is na h-Eileanan do Ghlaschu, tha coimhearsnachd gu dàimheach mòr den luchd-labhairt na Gàidhlig ann. Gu ruige 7/4/2013, chan deach toradh a' chunntais-shluaigh 2011 fhoillseachadh, ach aig àm a' chunntais-shluaigh 2001, bha 0.94%, .i. beagan nas lugha na 6,000 duine, ga bruidhinn ann.

Tha siostam mòr giùlan ann an Glaschu. Tha Stèisean-rèile Meadhan Ghlaschu agus Sràid na Banrighinn nam prìomh stèisean-rèile ann an Glaschu. Tha seirbheisean ann bho Chentral Station gu Alba a Deas, Glaschu a Deas agus Sasainn agus seirbheisean bho Sràid na Banrighinn gu Alba a Tuath agus Dùn Èideann.

Dh'fhoillsich rèile fon talamh Ghlaschu no Glasgow Subway air 14 Dùbhlachd 1896 mar an treas siostam fo-rèile anns an t-saoghal (as dèidh fo-rèilean Lunnainn agus Budapest). Chaidh a dealanachadh ann an 1937, ach cha do dh'atharraich cùrsa na dà loidhne aice. Tha an Cearcall a-muigh a' ruith gu deiseil agus an Cearcall a-staigh gu tuathail. 'S iad na stèiseanan (a' leantainn a' Chearcall a-muigh): Pàrtaig – Kelvinhall – Ceann a' Chnuic – Kelvinbridge – St George's Cross – Cowcaddens – Buchanan Street – St Enoch – (fon Abhainn Chluaidh) – Bridge Street – West Street – Shields Road – Pàirc a' Choinein – Cessnock – Ibrox – Baile a' Ghobhainn – (fon Abhainn Chluaidh) – Pàrtaig. 'S e Strathclyde Partnership for Transport (SPT) a tha ag obrachadh na rèile.

Tha an rathad as trainge ann an Alba, am M8 (o Langbank gu Dùn Èideann) a' ruith tron bhaile, is pàirt dhith na tè de na crìochan Meadhan na Cathrach. Tha rathaidean mòra eile a' sgaoileadh a-mach às-san anns a' chathair: an A82 (air a tha Rathad Mòr an Iar cuideachd) taobh Earra-Ghàidheal agus na Gàidhealtachd gu ruige Inbhir Nis, am M80 gu Sruighlea, am M77 gu Cille Mheàrnaig, agus am M74/A74(M) gu Greatna.

'S e Stèisean Bhusaichean Bochanan am prìomh stèisean bhusaichean anns a' chathair. Tha e stèidhichte ann am meadhan na cathrach, beagan an taobh a tuath air stèisean-rèile Sràid na Banrighinn. 'S e an SPT a tha ag obrachadh an stèisein, ach tha seirbheisean nam busaichean fhèin ag obrachadh le First, McGill's, Stagecoach agus Glasgow Citybus.

Tha trì puirt-adhair faisg air Glaschu: Port-adhair Eadar-nàiseanta Ghlaschu (còd GLA) eadar Glaschu, Pàislig agus Rinn Friù, an dàrna port-adhair as motha ann an Alba (an dèidh Port-adhair Dhùn Èideann); Port-adhair Ghlaschu Phreastabhaig (PIK) aig Preastabhaig (an taobh a tuath air Inbhir Àir); agus Port-adhair Dhùn Èideann (EDI) fhèin.

Bha iomadh aiseig anns a' bhaile, ach chan eil ach am fear bhon Eochair gu Rinn Friù ag obair tuilleadh.

Tha trì oilthighean ann an Glaschu:

A bharrachd air sin tha Oilthigh na h-Alba an Iar ann am Pàislig, dìreach 7 mìle bho mheadhan Ghlaschu. Cuideachd, tha seachd colaisdean fhoghlaim adhartaich anns a' bhaile: Colaisde Fhearann Anna, Colaisde Chair Dhòmhnaill, Colaisde Bhaile Ghlaschu, Colaisde Stow (a tha a' tairgsinn cùrsaichean Ghàidhlig), Colaisde Ghlaschu a Tuath, Colaisde John Wheatley agus Colaisde a' Thaobh Fhada. Mar sin, tha 168,000 oileanach anns a bhaile, àireamh as motha ann an Alba.[fianais a dhìth]

Tha 29 àrd-sgoiltean, 149 bun-sgoiltean agus trì sgoiltean àraidh ann an Glaschu, nam measg Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu, bun-sgoil is àrd-sgoil a' lìbhrigeadh Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig as motha ann an Alba.

Tha Glaschu na dhachaigh airson mòran mheadhanan a tha ann an Alba, nam measg na stèiseanan telebhisein BBC Scotland, BBC Alba agus STV. Am measg nam pàipearan a tha air am foillseachadh an seo tha The Herald, an Daily Record agus na h-Evening Times. A thuilleadh air seanailean an rèidio aig a' BhBC, tha iomadh rèidio ionadail a' craoladh anns a' chathair, m.e. Celtic Music Radio (1530 kHz, air loidhne), Capital Scotland (105.7  106.1 MHz, air loidhne), Clyde 1 (97.0, 102.3, 102.5 and 103.3 MHz, air loidhne), Clyde 2 (1152 kHz, air loidhne), 105.2 Smooth Radio, Real Radio agus 96.3 Real Radio XS.

Chaidh am Mòd Nàiseanta a chumail ann an Glaschu anns na bliadhnaichean 1895, 1901, 1907, 1911, 1921, 1933, 1938, 1948, 1958, 1067, 1988, agus 1990 (ann am Baile Ghobhainn). Tillidh am Mòd Nàiseanta a-rithist ann an 2019. 

Tha làrach-lìn fa leth ag innse .

Thòisich Comunn Sgitheanach Ghlaschu ann an 1865 agus tha e a’ dol fhathast.

Tha Comhairle Baile Ghlaschu air  a dheasachadh le fiosrachadh air clasaichean Gàidhlig sa bhaile.




#Article 31: Cù-Chulainn (412 words)


'S e gaisgeach mòr ceilteach a bh' ann an Cu Chullain, a shabhail Uladh aig àm an Tain Bo Chulaige. Bha neart mor aige air sgath 's gun robh Lugh na athair. Chuir e seachad uine air an Eilean Sgitheanach ag ionnsachadh sgilean cogaidh fo Sgathach. Bha e posta ri Eimhir ach dh' fhalbh e iomadach bhoireannaich.

Thug Culann, àrd-ghobha Uladh, cuireadh dhan Rìgh Conchobair agus uaislean gu cuirm. Air latha na cuirme bha an rìgh agus uaislean a' coimhead air balaich ag iomain air an fhaiche air beulaibh na lùchairt.

Chunnaic iad rud a chuir iongnadh orra. Bha aon bhalach beag ag iomain an aghaidh ceud gu leth balach eile agus bha am balach beag a' dèanamh a' chùis orra a h-uile turas. Dh'fhaighnich an rìgh cò am balach beag a bh' ann agus chaidh innse dha gur e Setanta, Mac Sualtaim, mac a pheathar a bh' ann.

Chuir an rìgh ga iarraidh agus dh'iarr e air a thighinn chun na cuirme gu taigh Chullain. Thuirt Setanta gun deigheadh e ann ach nach robh na balaich eile air gu leòr iomain a chluich fhathast agus gun leanadh e iad.

Dh'fhalbh Conchobar agus na h-uaislean eile agus ràinig iad dùn Chullain aig beul an fheasgair. An uair a bha iad gu lèir nan suidhe, dh'fhaighnich Cullan an robh duine eile ri thighinn agus thuirt Conchobar nach robh. Bha e air dìochuimhneachadh mu Setanta. Dhùin Cullan na dorsan agus chuir e an cù mòr aige a-mach airson an dùn a dhìon.

An uair a bha iad deiseil de iomain, dh'fhàg Setanta na balaich eile agus chaidh e gu taigh Chullain. Bha e a' ruith agus e a' tilgeil a chamain umha agus a chnag airgid roimhe. Bhuaileadh e am ball leis a' chaman agus bheireadh e air a' chaman a-rithist mus tuiteadh e chun na talmhainn.

Chunnaic an cù e a' tighinn agus rinn e fuaim eagalach. Ruith e gu Setanta agus a bheul fosgailte 's e deiseil airson a reubadh às a chèile. Rug am balach air a' bhall airgid agus thilg e air a' chù e. Chaidh am ball a-steach a bheul a' choin agus a-mach air a chùl, a' toirt mionach a' choin leis, agus thuit e marbh.

Chuala iad am fuaim anns an dùn agus thuirt Cullan, Tha cuideigin na phìosan beaga aig a' chù. Ruith iad a-mach agus bha am balach beag an sin agus an cù marbh ri thaobh.

Agus sin mar a fhuair Cuchullain an t-ainm.




#Article 32: Teaghlach (125 words)


Ma shireas sibh teaghlach ann an bith-eòlas, faic Teaghlach (bith-eòlas).

'S e buidheann dhaoine a tha a' fuireach còmhla no aig a tha ceanglaichean fala a tha ann an teaghlach. 

Tha trì seòrsaichean teaghlaich ann: teaghlach niùclasach, teaghlach leudaichte agus teaghlach le pàrant singilte.

Tha  teaghlach niùclasach a' ciallachadh athair, màthair agus aon no tuilleadh phàistean, bràthair agus piuthar  a' fuireach còmhla. Tha teaghlach leudaichte a' ciallachadh athair, màthair, clann, seann-phàrantan, uncailean, antaidhean, co-oghaichean agus mar sin sìos. Faodaidh iad uile fuireach còmhla, ach am bitheantas chan eil ach an teaghlach niùclasach a' fuireach anns an aon àite, agus tha an teaghlach leudaichte nas sgaoilte. Tha teaghlach le pàrant singilte fear far a bheil dìreach aon de na phàrantan a' fuireach còmhla leis a' chlann.




#Article 33: Croitearachd (571 words)


Is e modh àiteachais a tha ann an croitearachd. Is e gnìomh croitear a tha ann an croitearachd. Is croitear fear, neo té a sheilbheas gabhaltas croite. Is e a tha ann an croit mion-tuathanas a thathas seilbhichte fo gabhaltas croitearachd, nòs gabhaltais a tha dìonta anns an lagh. Is e am bun-phrionnsabal den modh ghabhaltais seo gu bheil an gabhaltas fhéin ann an seilbh an tí a phàigheas an màl. Faodaidh don ghabhaltach (am fear a phàigheas am màl) a thoir neo reic a ghabhaltas ri treas tì mar a thogras e. Aig a cheann thall tha coireachan an gabhaltach anns an suidheachadh seo a' fàgail tighearna le oighreachd a tha fo an nòs gabhaltas seo as aonais uidhe anns an fhearainn air barrachd am màl airson cleachdadh an fhearainn. Tha seo gu tur eu-coltach ri gabhaltasan airson tuathanasaibh àbhaisteach, nach ruith ach rè cumhnant-ghabhaltais, mar is tric de fichead bliadhna. Aig deireadh an teirm faodaidh don oighreachd a dh'aontaich gabhaltas eile neo faodaidh do tighearna an oighreachd a ghabhail an tuathanas thairis a fhèin, ma bhitheas na gabhaltasan gu lèir air an oighreachd a tighinn gu ceann còmhla bithidh cumhachd aig an tighearna a fhuadaich na tuathanaich far an oighreachd agus toirt am fearann gu lèir na làimh fhèin, mar a thachair 's an Lodaidh air oighreachd Hopetoun, faisg air Loch Iubhar anns a' bhliadhna 2008. Tha gabhaltas croitearachd, a' cuir bacadh air an leithid seo de fuadaich.  

Ged a bhios mòran daoine a' cumail a-mach gu bheil gabhaltas croitearachd sònraichte ri na sgìrean croitearachd a-mhàin, chan eil sin buileach fìor. Is e a tha ann an gabhaltas croitearachd ach nòs gabhaltais ro-aithnichte an lagh na h-Alba fo an t-ainm kindly tenancy (gabhaltas coibhneil), roimhe meadhan an naoidheamh linn deug, bha am modh gabhaltas seo measaichte a bhith seann fhasanta agus cha do mhair e ach an Siorrachd Dhùn Phris. Nuair a dh'aontaich an Riaghaltas a sheasamh còirichean nan Croitearan an lùib sgrùdadh a' Choimisean Napier ann an 1884 agus stèidheachadh Achd na Croitearachd (1886), lorg iad samhail airson gabhaltas croitearachd anns an gabhaltas coibhneil. Leis an inneal seo, sheachnaich an riaghaltas an rèitich a chaidh air dèanamh ann an Èirinn 's an comh-aimsir, far an d'fhuair na mion-tuathanaich Èireannach ceart am fearann a bha iad ag àiteachadh a cheannachd. 

Tha gach croit clàraichte agus tha am màl a phàigheas an croitear air a rèitich bho àm gu àm le Cùirt an Fhearainn. Chan urrainn do chroit a bhith nas motha na 30 acairean 'san fharsaingeachd (is chan eil e gu diofair dé am màl a th' oirre), air neo chan urrainn dhan mhàl a bhith nas àirde na £30 gach bliadhna (is chan eil e gu diofair dé cho mór 's a tha e).

Tha sgìrean croitearachd sgapte air feadh sia siorrachdan, ris an chanar na Siorrachdan Croitearachd. Is iad: Siorramachd Earra-Ghàidheal, Siorrachd Inbhir Nis, Siorrachd Rois, Cataibh, Gallaibh, Sealltainn. Ach airson Sealltainn tha na siorramachdan seo gu lèir ann an Gàidhealtachd na h-Alba. Chan eil ach dà shiorrachd 's a' Ghaidhealtachd nach eil 's na siorrachdan croitearachd: Peairt agus Obar Dheathain, dà shiorrachd air iomall ear-dheas na Gaidhealtachd, a bha a' gabhail a-steach roinn Gaidhealtachd agus roinn Galltachd.

Tha buaidh aig nàdur na tìre agus meud nan croitean air àiteachas croitearachd. B'e àiteachas measgaichte a bha ann o thus, ach 'san latha an diugh is glè bheag de pòr a chuireas croitearan ach siud 's an seo.




#Article 34: U2 (109 words)


Ged nach eil Gaeilge na h-Èireann aig U2, chlàr iad òran le tiotal Gàidhlig air, An Cat Dubh, mu dheidhinn nighean aig an robh Gàidhlig, air a bha Bono glè mheasail 's a dhiùlt e nuair a bha iad òg ann am Baile Àtha Cliath. Tha U2 air deagh obrach a dhèanamh ann an co-bhann còmhla ri Anton Corbijn, dealbhadair chamara às Na Tìrean Ìsle.

Under a Blood Red Sky

The Unforgettable Fire

Wide Awake in America

The Joshua Tree

Rattle and Hum

Achtung Baby

Original Soundtracks Vol. 1 mar Passengers

Best of 1980-1990

All That You Can't Leave Behind

Best of 1990-2000

How to Dismantle an Atomic Bomb




#Article 35: An Tuirc (101 words)


 
'S e dùthaich eadar an Roinn-Eòrpa agus ceann an iar-thuath Àisia a th' anns an Tuirc (IPA: tyɾcije, ainm oifigeil: Türkiye Cumhuriyeti, Gàidhlig: Poblachd na Tuirce, IPA: tyɾcije d͡ʒumˈhuɾijeti).
Tha crìochan aice le Bulgàiria gun iar-thuath, leis a' Ghrèig gun iar, leis a' Chairtbheil gun ear-thuath, le Airmeinia, Asarbaideàn agus Ioràn gun ear 's gun ear-thuath agus le Ioràc agus Siria gun ear-dheas. Canar gu cumanta gur e Muir Mharmara ann an ceann an iar-thuath na dùthcha a' chrìoch eadar an Roinn-Eòrpa agus Àisia. 'S e Ankara am prìomh bhaile, ach 's e Istanbul am baile as motha anns an Tuirc.




#Article 36: An t-Seic (140 words)


 
Is e dùthaich ann am meadhan na h-Eòrpa a tha anns an t-Seic. Tha mòran ainm eadar-dhealaichte aice mar ainm oifigeil:

Tha crìochan aice 'sa tuath leis a' Phòlainn, san ear leis a' Ghearmailt, 'sa deas leis an Eilbheis agus 'san ear leis an t-Slòbhac agus tha Pràg na phrìomh-bhaile. 'S e Seacais an cànan oifigeil aice, ach thathar a' bruidhinn grunnan cànain eile cuideachd. Cluinnear gu math tric Slòbhacais agus cànan nan daoine dubh-shiùbhlaich. Bho 1 am Faoilleach gus 30 an t-Ògmhios 2009, bha an t-Seic an ceann de Chomhairle Aonaidh Eòrpaich.

Bha An t-Seic-Slòbhac (Seicis: Československo; Beurla: Czechoslovakia) neo-eisimeileachd stèidhichte 28mh an Dàmhair 1918 nuair a thuit Impireachd na h-Ostaire ‘s na h-Ungaire às a chèile às dèidh An Cogadh Mòr. Bha Tomáš Garrigue Masaryk na chiad ceann-suidhe. 

Air 12 am Màrt 1999 ghabh an dùthaich ri NATO.




#Article 37: Nobhail (187 words)


'S e gnè-sgrìobhaidh a th' ann an nobhail, pìos rosg fada, gu h-àraid nas fhaide na 70,000 faclan. 

Chan eil mòran sean nobhailean air fhàgail, ach tha fear no dha againne bhon Romanaich, m.e. An Satyricon le Petronius (60 AC) agus An Asal Or le Apuleius (an 2na linn).

Tha am facal 'ùr-sgeul' cuideachd air a chleachdadh airson 'nobhail'. Is e Dùn Aluinn le Iain MacCormaig a' chiad nobhail a chaidh fhoillseachadh ann an Gàidhlig na h-Alba. Thàinig e a-mach ann an 1912. Beagan às dèidh sin, ann an 1913, thàinig An t-Ogha Mòr a-mach le Aonghas MacDhonnchaidh. Tha an nobhaileag no novella air a bhith fada nas cumanta sa Ghàidhlig m.e. An t-Aonaran le Iain Mac a' Ghobhainn agus Gun d'thug i speis do'n Armunn le Iain MacCormaig san 20mh linn.

San 21mh linn, tha grunn nobhailean air nochdadh mar phàirt de dh'iomairt gus rosg do dh'inbhich a chur ann an clò, mar eisimpleir tro Ùr-Sgeul. Tha Màiri Anna NicDhòmhnaill, Iain F. MacLeòid, Màrtainn Mac an t-Saoir, Norma NicLeòid, Catrìona Lexy Chaimbeul, Tormod Caimbeul, Tormod MacGill-Eain agus Aonghas Pàdraig Caimbeul air nobhailean a sgrìobhadh, eadar 2003-2009.




#Article 38: Cas Chaolais (117 words)


Tha Cas Chaolais no Cas Faoileas (South Queensferry sa Bheurla) ’na bhaile air Linn Giùdain, deas air inbhir Uisge For agus faisg air Dùn Èideann. Tha Port na Banrighinn (North Queensferry sa Bheurla) tarsainn Linn Giùdain bhuaipe.

'B e port-aiseig cudromach a tha ann an Cas Chaolais bho 1071. Chuir Bànrigh Maighread air bhonn seirbheis-aiseig eadar an dà bhaile, agus cheadaich Rìgh Maol Chaluim III seòlaid saor airson taistealach gu Cill Rìmhinn agus Dùn Phàrlain.

Tha àite aithnichte cuideachd airson na Queensferry Papers leis a' Chumnantach Donald Cargill. Fhuaradh iad an seo 1680. 

Tha taigh-seinnse sean Hawes Inn ann, a nochd anns na nobhailean Kidnapped (1886) le Robert Louis Stevenson agus The Antiquary (1860) le Walter Scott.




#Article 39: Dùn Èideann (671 words)


'S e Dùn Èideann (Beurla: Edinburgh) prìomh-bhaile na h-Alba (bho 1437) ach chan e am baile as motha – sin Glaschu. 'S e 453,670 àireamh-shluaigh a' bhaile agus 's e an seachdamh cathair as motha a tha anns an Rìoghachd Aonaichte. Tha Dùn Èideann suidhichte air an oirthir aig taobh an ear na h-Alba. B' e Dùn Èideann prìomh-bhaile sgìre Roinn Lodainn cuideachd. 

'S e baile le sean Rìoghachd Bhreatannach a bh' ann an Dùn Èideann no Din Eidyn mar a chanar anns an sean chànan aig nam Breatannaich. Tha an daingneach fèin suidhichte air creag bholcanachd. Rè an linn-deighe, bha sgìre Dùn Èidinn fo raon dòigh a bha siubhal dhan ear. Dh'fhàg sin aghaidh dìreach dhan iar de'n creag agus earball truaill dhan ear (Is e creag is earball an t-ainm air an cruth-tìre seo). Air barrachd dh'fhàg e lagan air taobh tuath agus taobh dheas- a chruthaich da loch: Loch A' Thuatha agus an Loch Deasachd.

Tha An Seann Bhaile suidhichte air an earball, leis an Àrd Sraid na ruith sìos na droma dhan Chanongait a leanas air adhart gu geata Lùchairt Rìoghail An Ròid. Eadar Dùn agus lùchairt lorgar prìomh togalach na stàite: Seann Ceàrnag a' Phàrlamaid–a tha chun latha an diugh prìomh ionad nan luchd-lagha Albannaich (gleidh Achd an Aonaidh de 1707 rian lagh na h-Albainn) agus an Àras, sònraichte ris Giles Naomh, Seachad air Taigh Comhairle Dhùn Èidinn, lorgar an seann Tolbooth agus Taigh Seinnse Deireadh an t-Saoghal (a chomharraicheas iomall balla a' bhaile 's na meadhan aoisean, nuair a bha an Canongait na baile fa-leth taobh a-muigh na ballaichean). Ri taobh bun a' Chanongait lorgar Taigh an Roid, taigh pàrlamaid ur na h-Alba.

Thòisich am baile a sgap am seachad air a sheann crìochan rè an 18mh cheud. Thogadh Baile Ur Dhùin Èidinn dhan thaobh tuatha aig deireadh an 18mh cheud, mu'n am a' ghluais muinntir an oilthigh dha thaobh deas far a bheil an oilthigh suidhichte chun latha an diugh.

'S e cridhe a' bhaile Caisteal Dhùn Èideann air mullach Creag a' Chaisteil. Tha fèis armachd ainmeil ann gach bliadhna ris an canar an Edinburgh Military Tattoo, far am bi saighdearan a sealltainn cho ealanta 's a tha iad ann an co-fharpais, ceòl agus màrsadh.

Tha fèis ainmeil eile ann airson dràma ris an canar, gu simplidh, Fèis Dhùn Èideann no The Edinburgh Festival' ann am Beurla. Bidh mìltean de chleasaichean a' tighinn agus a' gabhail pàirt bho fheadhainn ainmeil gu feadhainn neo-ainmeil a tha a' feuchainn ri ainm a dhèanamh dhaibh fhèin.

Chaidh am Mòd Nàiseanta a chumail ann an Dùn Èideann anns na bliadhnaichean 1899, 1910, 1919, 1935, 1951, 1960 agus 1986.

Tha an lann-cluiche nàiseanta airson sgioba Rugbaidh Albannach ann – Murrayfield – agus dà sgioba mòr ball-coise a bhios a' cluich anns a' Phrìomh-Lìog; Hibs agus Hearts.

Tha Sgioba nàiseanta criogaid na h-Alba a' cluich aig The Grange ann an Dùn Èideann. Chum Dùn Èideann Geamaichean a' Cho-fhlaitheis ann an 1970 agus 1986.

'S e bun-sgoil làn-Ghàidhlig ann an Dùn Èideann, Bun-sgoil Taobh na Pàirce. Tha e faisg air Pàirc Pilrig anns an Lìte.  Faodaidh clann a thig tron sgoil leantainn orra aig Àrd-sgoil Sheumais Ghilleasbuig far a bheil iomadh cuspair ga theagasg tro mheadhan na Gàidhlig.

Tha dìleab agus tòrr eachdraidh ann am foghlam a' bhaile agus 's e Oilthigh Dhùn Èideann aon de na h-oilthighean as ainmeil ann am Breatainn agus san t-saoghal. Tha dà oilthigh ùr ann an Dùn Èideann, Oilthigh Heriot-Watt, stèidhichte ann an 1821 agus Oilthigh Napier, stèidhichte ann an 1992.

Tha Scottish Agricultural College (SAC) an colaiste ann an Dùn Èideann a deas.

Am Baile Àirneach | Àth na Sglèata | Balgreen | Brunstane | Cnoc Churraich | Cnoc an Rìgh | Comely Bank | Crois na Cìse | Drumbrae agus Gyle | Dùn Mheinidh | Gracemount | Gyle a Deas | Hailes an Iar | Liberton | Lìte | Margadh an Fheòir | Sean Bhaile | Taigh an Ròid | Talla na Creige Nuadh

Foghlam tro mheadhan na Gàidhlig ann an Dùn Éideann




#Article 40: Sam Smalaidh (122 words)


'S e prògram cloinne air BBC Alba a tha ann an Sam Smalaidh (Cuimris:Sam Tân), Beurla: Fireman Sam). 

Chaidh an sreath a' sgrìobhadh Rob Lee air na beachdan aig Dave Gingell agus 
Dave Jones, luchd-smàlaidh à Shasainn. An tòiseach bha Sam Tân ri fhaicinn ann an telebhisean Cuimreach S4C ann an 1985 agus an uair sin anns a' Bheurla air BBC1 ann an 1987. Chaidh an sreath a reic do nas motha na 40 dùthaich agus tha eadar-theangachadh gu Gàidhlig ann cuideachd.

Tha an sreath a' cluich anns a' bhaile ficseanail Pontypandy. 'S e measgachadh de na h-ainmean Pontypridd agus Tonypandy a th' ann,  dà bhaile a tha suidhichte mu 5 mìle air falbh bhon a chèile ann an Cuimrigh a Deas. 




#Article 41: Ali Abbasi (250 words)


B' e craoladair Albannach a bh' ann an Ali Abbasi (6 an Lùnastal 1961 – 30 an t-Iuchar 2004). Bha e ainmeil mar dhuine eirmseach, èibhinn. Bha Beurla, Urdu agus Gàidhlig aige.

Rugadh Abbasi ann an Karachi, Pacastan ann an 1961 agus thàinig e a dh'Alba ann an 1963.

B' àbhaist dha obair mar neach-taic aig na gailearaidhean ealain aig Comhairle Baile Ghlaschu. Ann an 1994, thòisich e ag obair aig BBC Scotland a' toirt seachad fiosrachadh mu na rathaidean agus siubhal. A bharrachd air na naidheachdan-siubhail a libhrigeadh, dh'obair e cuideachd mar teicneolaiche fuaim nuair a bhathar a' craoladh a-muigh.  

Dh'fhoillsich e leabhar còcaireachd, No Worry Curries, agus dà leabhar làn fealla-dhà, The Ali Abbasi Joke Book. Sgrìobh Jack McConnell, Prìomh Mhinistear na h-Alba aig am àm, ro-ràdh dhan leabhar còcaireachd.

Dh'ionnsaich e Gàidhlig agus nochd e ann am prògraman Gàidhlig, nam measg Dè a-nis agus Air ais air an Ran Dan.
Ann an 2003, dà bhliadhna às dèidh dha tòiseachadh air a' Ghàidhlig, chaidh ainmeachadh mar Gaisgeach na Gàidhlig le Riaghaltas na h-Alba. Rinn e pìosan cuideachd air a' phrògram Rapal air Radio nan Gàidheal.

Chaochail e air 30 an t-Iuchar 2004 aig Taigh-Eiridinn an Iar, Glaschu, às dèidh tinneasan a dh'adhbharaich lupus, galar a mhilleas siostam ion-dhìon a' chuirp.
Chumadh seirbheis aig Mosg a' Mheadhain agus chaidh e thìodhlacadh aig Cladh Linn ann an Glaschu.

Mar chuimhneachain dha, stèidhichte Cupa Ali Abbasi aig a' Mhòd Nàiseanta Rìoghail. Bidh a' comharrachadh duais airson leughadh pìos bàrdachd le luchd-ionnsachaidh. 




#Article 42: An Iapan (696 words)


'S e dùthaich eileanach a th' anns an Iapan (Iapanais: 日本 Nihon no Nippon, 日本国 Nihon-koku no Nippon-koku gu h-oifigeil; uaireannan an t-Seapan sa Ghàidhlig) suidhichte far oirthir Àisia an Ear. Tha na prìomh eileanan - Hokkaidō, Honshū, Shikoku, Kyūshū agus Okinawa - am measg tuilleadh air 6,800 eileanan eile, ach tha 97% de fharsaingeachd na talmhainn gu lèir gan cumail dhaibh fhèin. Tha a' chuid as motha dhiubh beanntach, agus mòran dhiubh bholcànach; m.e, 's e beinn-theine a th' anns a' mhullach as àirde, Beinn Fuji. Tha an Iapan an ear air Sìona, Coirea 's an Ruis anns a' Chuan Sèimh, a' sìneadh bho Muir Okhotsk san taobh a tuath gu Am Muir Sìneach an Ear san taobh a deas. A thaobh àireamh-shluaigh, 's i an deicheamh dhùthaich as motha anns a' chruinne, le mu 128 millean daoine. 'S e Sgìre Mhòr Tokyo an sgìre àrd-bhailteach as motha air an t-saoghail le tuilleadh air 30 millean luchd-còmhnaidh ann, agus tha seo a' gabhail a-steach prìomh-bhaile Thokyo agus cuid de na sgìrean mun chuairt air.

'S e tùs-grèine brìgh nan litrichean ann an ainm na dùthcha, 's mar sin dheth, dh'aithnichear an t-Seapan mar Tìr Èirigh na Grèine. Tha 日 a' ciallachadh Grian, agus 's e Tùs no Freumh a' bhrìgh a th' air 本。

Bhon a tha an Iapan fada gu leòr bho thìr-mòr Àisia, gun a bhith ro fhada air falbh, fhuair i buannachdan às cultar an tìr-mòr, ach cha deach amaladh ann am buaireasan a' mhòr-thìr cho tric rè nan linntean. Bha e an comas dhith buaidhean chultarach à tìrean cèin a dhèanamh freagarrach dhan chultar aice fhèin 's an uairsin gan aonadh ri a leasachaidh. Gheibhear eisimpleirean dhen seo a thaobh biadh na dùthcha, leithid Tempura, le buinteanas ris a' Phortagail. A thaobh litreachais, chaidh an làmh-sgrìobhaidh Iapanach, Kana, a chruthachadh às na litrichean iol-fhillte Sìonach. A thaobh chreideimh, 's ann a bha Buddhachd air atharrachadh nuair a chaidh a thoirt a-steach san t-siathamh linn. Cha do sgaoil e measg an t-sluaigh gus an do nochd Hōnen agus Shinran, an fheadhainn a stèidhich an dream Jōdo 's an dream Jōdo Shin.

Eu-coltach ri mòran dùthchannan eile, thathas ag ràdh gur e dùthaich gu ìre mhòr aon-ghnèitheach a th' san Iapan. Leis a' sin, thathar a' cumail a-mach nach eil mòran caochladh ann an cultar na dùthcha bho sgìre gu sgìre. Chan e a-mhàin gur e àireamh mhòr de dhaoine, a' fuireach gu dlùth air farsaingeachd bheag de thalamh is adhbhar dha sin, ach gu robh an sluagh riamh beò fad linntean fo riaghladh meadhanaichte, a bhiodh a' stiùireadh a h-uile roinn de bheatha an t-sluaigh gu mionaideach mìn. 

A dh'aindeoin sin, cha ghabh fhàgail air nach e cultar mòr saoibhir a th' ann an cultar na h-Iapain. Tha e ioma-fhillteach, air a dhèanamh air sean is ùr, le deagh mheasgachadh de nithean cèin is dùthchasach an cois. 'S e coimeasgachadh eileamaidean Iapanach agus Siarach a th' anns na trì rudan riatanach - biadh, aodach agus fasgadh. Tha na h-Iapanaich a' cleachdadh deas-ghnàthan à Buddhachd 's Shintō còmhla, agus tha tuilleadh air dàrna leth na h-Iapanais air a dhèanamh à faclan freumhaich Sìonach. Thathar am beachd gur e an ùidh a th' aig an sluagh Iapanach ann an cultaran eile agus an seòl a bh' aca rè nan eachdraidh eileamaidean cultarach cèin a thoirt a-steach, gun an cùl a chur air cleachdaidhean is traidiseanan dùthchasach as adhbhar don ghnè ioma-fhillteach seo.

Tha an àireamh-shluaigh aig mu 127,700,000 daoine, agus tha mu 98.2% a' bruidhinn Iapanais mar chainnt mhàthaireil. Tha an còrr a' buntainn do dh'iomadh dhùthaich, an cuid as motha do Choirèa (700,000) agus do Shìona (350,000). Gheibhear cuideachd sluaghan à Bhiet-Nam, à Braisil , na Stàitean Aonaichte (85,000), an Roinn-Eòrpa (45,000) agus am mion-shluagh dùthchasail a bhuineas do Hokkaidō, agus Honshū a Tuath, na h-Ainu (mu 30,000).

Tha mu 70% dhen t-sluaigh a' fuireach anns a' cheàrn eadar Tōkyo agus Kitakyūshū, ann an eilean Honshū. 'S e A' Bheilg agus Na Tìrean Ìsle far a gheibhear an dlùths àireamh-shluaigh as àirde gu lèir, ach 's e an Iapan far am faighear an dlùths as àirde a-rèir farsaingeachd talmhainn air an gabh còmhnaidh. 




#Article 43: Aonghas Pàdraig Caimbeul (286 words)


'S ann às an Leth Mheadhanach ann an Uibhist a Deas a tha Aonghas Pàdraig Caimbeul (no Aonghas Phàdraig, mar a chanas a choimhearsnachd fhèin sa cheann a deas). Chaidh e gu Sgoil Gheàrraidh na Mònadh agus an uair sin gu Àrd-sgoil an Òbain, far an do ghabh e ùidh ann an litreachas fo stiùir an neach-teagaisg Bheurla aige, Iain Mac a' Ghobhainn, nach maireann. 

Chaidh Aonghas Pàdraig an uairsin gu Oilthigh Dhùn Èideann, far an tug e a-mach Ceum le Urram ann am Poileataigs agus Eachdraidh. Fhad 's a bha e san Oilthigh fhuair e misneachd mhòr a thaobh a chuid sgrìobhaidh bho Shomhairle MacGill-Eain, a bha na Sgrìobhaiche aig an Oilthigh aig an àm.   

As dèidh an Oilthigh, chaidh Aonghas Pàdraig a dh'obair na fhear-naidheachd do Phàipear Beag an Eilein Sgitheanaich, agus an uair sin chun a’ BhBC agus gu Telebhisean Ghrampian. 

Tha e air grunn leabhraichean a thoirt a-mach. Ann an 2001 chaidh urram Crùn na Bàrdachd a thoirt dha leis a' Chomunn Ghàidhealach aig Mòd nan Eilean Siar, agus anns a bhliadhna sin cuideachd fhuair e an duais chliùiteach 'Creative Scotland Award' bho Chomhairle nan Ealain. Tha e air a bhith na Sgrìobhaiche aig Sabhal Mòr Ostaig agus tha dreuchd Caidreachais Iain Mhic a' Ghobhainn aig Roinn na Gàidhealtachd air a bhith aige cuideachd.
 
Aon uair, chluich e ball-coise ann an Cuach na h-Alba aig Pàirce Hampden an aghaidh Queen's Park. Tha e fhèin ’s a bhean Liondsaidh a' fuireach ann an Slèite san Eilean Sgitheanach. Tha sianar chloinne aca. ’S e na sgrìobhadairean as fheàrr leis Lev Tolstoj, George Eliot, Gabriel Garcia Marquez, agus ’s e Alex Cropley aig Hibs an cluicheadair ball-coise as fheàrr a chunnaic e a' cluich beò.




#Article 44: Na h-Innseachan (158 words)


 
'S e dùthaich ann an Àisia a tha anns na h-Innseachan neo na h-Innsean. Tha crìochan aice san ear le Bangladais is Mianmar, san ear-thuath le Sìona, Neapàl is Butàn agus san iar le Pagastàn.

Chaidh na h-Innseachan a stèidheachadh mar nàisean neo-eisimeil ann an 1947 (bha iad nan colonaidh Rìoghachd Bhreatainn Mòr.) Aig an aon àm, bha aimhreit chràbhach mòr; chaidh eadar 200,000 is 2,000,000 a bàs. Sgar Pagastàn (gu mòr Muslamach) is na h-Innseachan (gu mòr Hionduthach). Chaidh faisg air 14 millean duine Hionduthach, Sikheach is Muslamach nam fògarrach; b' e an imrich as motha ann an eachdraidh na daoine. 

Tha iomadh sluagh, cultar, cànan is nàisean ann, agus tha creideamhan gu leòr ann. 'S e Hocaidh am spòrs nàiseanta a tha anns na h-Innseachan. 'S e an tigear Bengal am beathach nàiseanta, 's e a’ pheucaig an t-eun nàiseanta agus 's e an lotus am flùr nàiseanta. Tha an Hionduthachd uabhasach làidir anns na h-Innseachan.




#Article 45: Beurla (823 words)


Is cànan Gearmailteach a tha ann am Beurla (English) mar a tha Duitsis, Gearmailtis agus cànanan Lochlainn msa. 'S i a' Bheurla tè dhe na cànanan as motha air an t-saoghal; a thaobh àireamh luchd-labhairt dùthchasach, tomhaisear gur i an treasamh cànan sa chruinne an dèidh Sìonais (1mh) agus Hindi (2na); ach canar le cuid eile gum bheil i aig a' chòigeamh àite an dèidh na Spàinntis. Measar gur i a' Bheurla an cànan as motha a tha ga labhairt agus ga ionnsachadh mar dàrna cànan air feadh an t-saoghal mhòr. 'S ise aon de shia cànanan oifigeil, agus dà chànan obrach, nan Dùthchannan Aonaichte, còmhla ri Fraingis.

Ged is i Sasainn a' Gàidhlig air an dùthaich, agus Sasannach air nithean a bhuineas do Shasainn, thàinig gur i Beurla a ghabhas air a' chànan. Tha Beurla a' buntainn do Bélre san t-seann Ghàidhlig, a' tighinn bho beul agus re. Mar seo, tha i cuideachd a' ciallachadh cainnt, no teanga san fharsaingeachd a bharrachd air a brìgh san latha a th' ann. Tha a' Ghàidhlig, a-rèiste, a' cur dealachadh eadar a' Bheurla Shasannach, mar a labhras ann an Sasainn i, agus Beurla Albannach, Beurla leathann, no mar as fheàrr a dh' aithnichear an-diugh i, Beurla Ghallda air an cuireadh Beurla Ghallda bho chionn goirid air sgrìobhainnean oifigeil na h-Alba. 'S ann a tha cùisean a' tighinn nas toinnte buileach nuair a bheachdaicheas gur i Beurla na Fèinne a chanas ris an t-seann Ghàidhlig a bh' air a bruidhinn measg muinntir na Fèinne san t-seann aimsir. 

Thachair gur e facal ceangailte ri ainm aon de na treubhan Gearmailteach – na h-Anglaich – a chuireadh air Sasainn agus air a' Bheurla Shasannach sa chànan fhèin; England, English. Mar an ceudna, anns a' chuid as motha de chànanan an t-saoghail ma-tà, tha am facal a thathas a' cur air Beurla, a' buntainn don fhacail a thathas a' cleachdadh mar ainm Shasainn (m.e. Angleterre, anglais; Inglaterra, ingles) ach ann an cànanan mar Shìonais no Iapanais, chan eilear a' cur dealachadh eadar Sasainn, Beurla Shasainn no Breatainn, a dh' aindeoin 's gum bheil faclan eile aca air Alba, a' Chuimrigh ag]us Èirinn a Tuath. Mar eisimpleir, ann an Iapanais, canar 英語 (eigo) ri Beurla Shasainn, agus 英国(eikoku) ri Breatainn, Sasainn no an Rìoghachd Aonaichte am bitheantas ach, 's e a th' ann am barail mòr-shluagh na dùthcha sin an da-rìreabh, ach Sasainn a-mhàin, oir chan eil eadar-dhealachadh ann eadar Breatainn (英国）, agus an R.A（イギリス no Sasainn（英国、イギリス、イングランド）nan eanchainnean, do bhrìgh 's gum bheil dlùth-cheangail sa chainnt mhàthaireil aca eadar an cànan fhèin (Beurla Shasannach) agus na h-ainmean Breatainn, an R.A agus Sasainn uile. Thathar a-nis a' cur dealachadh eadar イングランド ingurando (Sasainn),スコットランドsukottorando (Alba), ウエールズueeruzu (A' Chuimrigh), 北アイルランド kitaairurando (Èirinn a Tuath) agus イギリス igirisu (Sasainn, An Rìoghachd Aonaichte), gu h-àraid bhon a bha Sgioba Ball-coise Shasainn a' cluich ann an Cuach na Cruinne ann an Iapan an 2002. Gidheadh, 's e facal a bhuineas don fhacail Phortagailis – ingles – a th' ann an イギリス.

Thàinig a' Bheurla bho thùs gu bith bho na dual-chainntean Angla-Fhreaslainnis a bh' air an labhairt leis na treubhan Gearmailteach – Anglaich, Sagsanaich, Diutaich agus Freaslainnich – a bhruth a-steach do Bhreatainn a Deas aig toiseach a' chòigeamh linn agus a bhuineadh do sgìrean far am bheil Iar-thuath na Gearmailt agus Tìrean Ìsle a Tuath an-diugh. 

An dèidh do Uilleam Diùc Normandaidh na Sasannaich a cheannsachadh, chuir e fhèin agus na h-uaislean aige dìmeas air a' Bheurla agus gach ni Sasannach. Cha robh cànan sam bith air a theagasg ann an sgoiltean no oilthighean ach Fraingis no Laideann rè mòran linntean an dèidh sin. Is mòr an t-atharrachadh a thàinig air a' Bheurla bho na làithean ud. 

Cha robh a' Bheurla gu deireadh linn an treasamh Ìomhair, Rìgh Shasainn, idir coltach ris a' Bheurla a tha air a labhairt san latha an-diugh. Air an adhbhar sin, chan eil seann leabhraichean sgrìobhte rim faighinn anns a' Bheurla mar a gheibhtear ann an Gàidhlig, Laideann no seann chànanan eile. 

An dèidh Buaidh nan Normanach, chaidh Seann Bheurla na Beurla Mheadhanach, a' gabhail a-steach an t-uabhas fhaclan-iasaid agus gnàthsan litreachaidh bho chainnt nan Normanach (Sasannach-Fhrangach). Thàinig Beurla an latha an-diugh gu bith bhon uairsin, agus san latha a th' ann, 's ann a tha i a' leantainn oirre faclan-iasaid cèin a thoirt a-steach bho chaochladh chànanan, a thuilleadh air a briathrachais fhèin a chruthachadh.

Thug an Impireachd Bhreatannach a' Bheurla còmhla riutha oir a bha i an cànan riaghlachais anns a' h-uile tuineachas. Tha dualchainntean eadar-dhealaichte na Beurla anns an Alba, a' Chuimrigh is an Èirinn, anns na Stàitean Aonaichte, anns na h-Innsean, ann an dùthchannan na h-Afraga agus dùthchannan eile.

Tha cuideachd crìtheolan a thàrmaich às a' Bheurla, mar eisimpleir Patois Diameugach, Crìtheol na Bheilìs, Gullah (ann an t-Saoghal Ùr), Hinglish, Singlish is eile (ann an Àisia), agus Crìtheol nan Eileanan Hawai'i anns a' Chuan Sèimh. Tha crìtheolan eadar-dhealaichte ann an mòran eilean ann an Roinn Charaibeach.




#Article 46: Siombabue (144 words)


'S e dùthaich ann Afraga a tha ann an 
Siombabue, neo Zimbabwe; ainm oifigeil: Poblachd Shiombabue. 

Tha e suidhichte eadar an Abhainn Zambezi agus an Abhainn Limpopo. Tha crìochan aice sa deas le Afraga a Deas, san iar-dheas le Botsuana, san iar-thuath le Saimbia agus le Mòsaimbic san ear. 

Thàinig an t-ainm bhon fhacal Dzimbadzemabwe (Cànan Shona). Tha e a’ ciallachadh: Taigh mòr à clachan.

'S e Beurla an cànan oifigeil a tha ann an Siombabue ach tha an cuid as motha de na daoine a’ bruidhinn Shona, aon de na cànanan bho tùs a tha anns an dùthaich seo. 
'S e Mount Nyangani (seann ainm: Mount Inyangani), (2,592 m; 8,504 ft); a’ bheinn as àirde a tha ann an Siombabue. Tha e na laighe anns an Pairce Nàiseanta Nyanga san ear na dùthcha. Tha na Victoria Falls cliùiteach ri measg an luchd turais.




#Article 47: Duais Nobel ann an Eaconomachd (151 words)


'S e duais airson rannsachadh fìor mhath anns an roinn eaconomaidh a tha anns an Sveriges Riksbank Prize in Economic Sciences in Memory of Alfred Nobel (Suainis: Sveriges riksbanks pris i ekonomisk vetenskap till Alfred Nobels minne). Bidh Acadamh Rìoghail Shuaineach nan Saidheansan a' taghadh na buannaichean.

Mar is trice canar Duais Nobel ann an Eaconomachd ris agus tha e ceangailte ris an Duais Nobel, ged nach e aon de na còig Duaisean Nobel ceart a tha ann (Fiosaig, Ceimigeachd, Leigheas, Litreachas, agus Sìth) a chuir Alfred Nobel air bonn ann an 1895. Chuir Sveriges Riksbank, am banca nàiseanta anns an t-Suain, an Duais air bhonn anns a' bhliadhna 1968 agus tha e air a bhith ann gach bliadhna bhon uair sin. 

Cha do thoir an t-Acadamh an Duais ach do dhà bhoireannaich: Elinor Ostrom agus Esther Duflo.

Seo liosta de na daoine a bhuannaich an Duais Nobel ann an Eaconomachd:




#Article 48: A' Bheilg (166 words)


 
'S e dùthaich anns an Roinn-Eòrpa a tha anns a' Bheilg, (ainm oifigeil: Rìoghachd na Beilge). Tha crìochan aice leis an Òlaind, a' Ghearmailt, an Fhraing agus le Lucsamburg.  'S e ball den Aonadh Eòrpaich a th' innte. 'S e am Bruiseal am prìomh bhaile. Bruidhnear Walon ann an Wallonie, ann an ceann a deas na dùthcha. Ann an 2014 chaidh an sreath Cordon fhilmeadh anns an dùthaich.

Seo liosta na bailtean as motha anns a’ Bheilg:

Tha trì cànain oifigeil anns a' Bheilg: Duitsis no Fleamais, Fraingis, agus Gearmailtis. Chan eil fios le cinnt, oir chan eil cunntas-sluaigh air a bhith ann, ach a rèir choltais, tha 60%  den t-sluaigh a' bruidhinn na Duitsis agus 40% den t-sluaigh a' bruidhinn na Fraingis. Tha luchd-cainnte na Duitsis a' fuireach gu h-àraid ann an ceann a tuath, ann am Flannras, agus luchd-cainnte na Fraingis ann am Wallonia. Tha Duitsis na Beilge agus Fraingis na Beilge eadar-dhealaichte gu ìre bho Duitsis nan Tìrean Ìsle agus Fraingis na Frainge. 




#Article 49: An Danmhairg (171 words)


 
'S e dùthaich anns an Roinn-Eòrpa a tha ann an Danmhairg neo an Danmhairc, ainm oifigeil: Rìoghachd na Danmhairg (Danmhairgis: Kongeriget Danmark). 'S i an dùthaich as lugha 's as deasaiche de na Dùthchannan Lochlannach, is 's i ball den Aonadh Eòrpaich . Tha i suidhichte 'san Lochlainn, a tha 'san tuath na Roinn-Eòrpa, ach chan eil i air a' cheann-tìre na Lochlainn. Tha a' Ghearmailt deas air an Danmhairg. Tha Copenhagen na prìomh-bhaile. Tha na h-Eileanan Fàro nan ceàrn fhèin riaghlach ann an Rìoghachd na Danmhairg. Tha iad suidhichte anns a' Chuan Siar eadar Nirribhidh agus Innis Tìle. 'S e dathaich fhèin-riaghladh ann an Rìoghachd na Danmhairge a tha anns a' Ghraonlainn. 

Eadar 1397 agus 1523 bhuineadh an dùthaich dhan Aonadh Kalmar. Bha an dùthaich gu mòr an sàs gnothach Tràilleachd thar a' Chuain Shiar eadar an 16mh Linn agus an 19mh Linn. Chaidh an sreath telebhisein 1864 fhilmeadh anns an Danmhairg, mun Dàrna Cogadh Schlwesig ann an 1864.

Seo liosta na deich bailtean as motha na dùthcha a leanas:




#Article 50: Poblachd na h-Èireann (339 words)


 
Is e dùthaich ann an Roinn-Eòrpa a tha ann am Poblachd na h-Èireann. Tha i suidhichte air eilean Èireann. Tha crìochan aice sa tuath le Èirinn a Tuath. Tha an Cuan Siar san iar na dùthcha agus Cuan na h-Éireann san ear. Tha Sruth na Maoile eadar Alba is Èirinn. A-rèir an lagh chan eil Poblacht na hÉireann (Beurla: Republic of Ireland) ach tuairisgeul na stàite, ach tha Éire ainm na tìre. 'S e TG4 an sianal telebhisein aca a tha ag obair tro mheadhan na Gàidhlig na h-Èireann anns a' Phoblachd.

Is e Córas Iompair Éireann neo CIE am Coras (Siostam) Iomair (còmhdhail) nàiseanta a tha ann an Èirinn. Tha iad ag obair ri chèile le trì companaidhean eile:

Tha na prìomh rathaidean agus na Motor-bhealaich fo cùram Údaras nan Boithre Naiseanta (Ùghdarras nan Rathaidean Nàiseanta). Tha lìonradh nan Rathaidean Nàiseanta stèidhichte air Baile Atha Cliath, le na prìomh rathaidean mar gathan a' sìneadh a-mach ri gach ceàrnag na dùthcha. Tha na Rathaidean Nàiseanta gu lèir clàraichte le àireamh còmhla leis an ro-litir N. A measg na prìomh rathaidean, chaidh am N1 an aghaidh Beul-Feirste, am N4 gu Sligeach agus N8 gu Corcaigh. Tha an M1 agus an M8 a nis air toirt ionad N1 agus N8, agus tha Motor-bheallach iomlan mun chuairt Baile Atha Cliath a fhèin.
  
Is e Aer Lingus companaidh-adhair nàiseanta Èireannach. Bidh ea 'siubhal gu cinn-uidhe san Roinn Eòrpa agus ann an Ameireaga. 'S e companaidh phlèanaichean Èireannach a tha ann an Ryanair. Tha i a' toirt seirbheis gu àitichean air feadh na Roinn-Eòrpa.

Is mòr spòrs le muinntir na h-Èireann. Is Cumann Luth-Cleas Gàidhlig na h-Èireann an ùghdaras spòrs nàiseanta as cudthromaiche ann an Èirinn. Is iadsan prìomh spòrsan sgioba na h-Èireann: Peile agus Camanachd ( Camanachd Eireannach), chanar camogie ri camanachd nan mnà. Is gann am paraiste as aonais club CLG ionadail. 

Tha mion n-uidh ann an iomadh spòrs buidheann eile m.e.:

Air barrachd, tha uidh mòr an co-ruith nan eich agus nan coin agus bithidh iomadh daoine ri camanachd nan gall.




#Article 51: C.B. Rangers (140 words)


'S e sgioba ball-coise ann an Glaschu gu math soirbheachail a th' annta, ann an Alba agus anns an Roinn-Eòrpa, ach tha iad ainmeil cuideachd airson am buidheannachas an aghaidh Caitligich a tha aig cuid de na luchd leantainn aca. 'S e Rangers an sgioba is buadhach anns na co-fharpaisean ball-coise Albannach ach chan eil iad a riamh air dèanamh cho mar 'sa bu chòir dhaibh ann an co-fharpais eadar-nàiseanta mar Cupa na Roinn-Eòrpa. Tha còmhstri mòr, ainmeil eadar Rangers agus sgioba eile à Glaschu, Celtic. Tha toir den bheachd gur e na geamannan eatarra, ris an canar an geama 'Old Firm', an geama as fiadhaich anns an t-saoghal agus b' àbhaist dha gu leòr trioblaid a bhith ann eadar na luchd-leantainn le sabaid muirt an dèidh geamannan.

Chan eil ach 17 manaidsearan air a bhith aig Rangers nan eachdraidh. 

 

 

 

 

 

 

 

 




#Article 52: Spàinntis (1188 words)


'S e cànan Innd-Eòrpach a`tha ann an Spàinntis, ainm bho thùs: castellano. Thàinig an cànan bho thaobh tuath na Spàinne. Tha freumhan cumanta aig an Spàinntis agus am Portagailis. Tha Spàinntis ga bhruidhinn anns an Roinn Eòrpa, ann am corra àite ann an Àisia is Afraga, agus gu h-àraidh air feadh Aimearaga.

Thathar ag ràdh gun do nochd an Spàinntis agus Am Portagailis mar chànain rè linntean na cogaidhean an aghaidh nan Arabach. Aig toiseach tòiseachaidh an ghnothaich, fhad' s a bha làmh an uachdair fhathast leis na Arabaich, bha sreath dhe Rìoghachdan beaga neo-eisimeileach ann, is iad uile ann an ceann a thuath na Spàinne. Anns A' Ghàilis, bha cànan le freumhan Laideann ga bhruidhinn. Beag air bheag, rinneadh na Crìostaidhich an gnothaich air na h-Arabaich, gan sguabadh a-mach às an dùthaich. Mu dheireadh thall, nochd dà stàit, An Spàinn agus A' Phortagail, far an robh dà chànan coltach ann: Spàinntis agus Portagailis. 

Cha robh Laideann ga bhruidhinn ann am Iberia mus do ràinig feachd na Ròimh ann am 318 RO is rinn iad an gnothaich mu dheireadh thall ann an 18 RO, fo Chaesar Augustus. Sgaoil an cànan fad is farsaing gu luath, agus an ceann beagan ghinealach, bha na cànanan tùsail air a bhàsachadh ach ann corra àite. Thathar a' creidsinn gu robh na daoine deiseil airson a ghabhail ri cultar agus cànan na Ròimh leis gu robh cultaran adhartach mar na Greugaich ann bho thùs. Anns a' chiad linn thuit ìompaireachd na Ròimh a-mach a chèile agus thoisich leasachadh neo-eisimeileachd a' chànain anns na beanntan ann an thaobh mu thuath na dùthcha. Tha iomadh ainm-àite Laideann anns an Spàinn gus an latha an-diugh. Cha do leig na cànanan tùsail ach facal neo dhà.

Bha làmh an iuchair aig na Visigoths, treudan às a' Ghearmailt, rè iomadh linne an dèidh dha na Ròmanaich Hispania fhàgail. Thug iad facal neo dhà dhuibh, ach cha do chuir an cànan aca air an dùthaich, leis cho pròiseil a bha cultar agus cànan na Ròimh, ged nach robh a saighdearan nas motha. 'S e clas flathail a chruthaich iad anns an Spàinn. An dìleab aca: na sloinnidh. 'S e ainmean Visigoth a th' ann na sloinnidh Spàinnteach le -ez: Martínez = Mac Mhàrtainn, Rodríguez = Mac Ruaraidh (Martin's/Roderick's).

Ann am 711 Ràinig airm Muslamach an ceann a deas na Spàinne, le ceann-feachda ris an canadh Tariq Ibn Ziyad os a chionn. Bha Arabais na chànan làitheil beò anns an dùthaich gu ruige 1592, nuair a cheannsaich feachdan Rìgh Fernando agus Banrighinn Isabel an Rìoghachd Mhuslamach mu dheireadh ann an Granada, is na Muslamaich nam fògarraich anns na beanntan neo thall thairis ann am Maroco. 'S e Al Andalus an t-ainm a bha air na tìrean Muslamaich far a bheil An Spàinn agus A' Phortagail an latha an-diugh. Rè 881 bliadhna bha cultar Arabach, saidheans, ionnsachadh, àiteachas, smuaintean agus cleachdaidhean ma sgaoil air feadh na dùthcha agus gu ruige an Roinn Eòrpa. Chruthaich rìghrean na Spàinne Sgoil Eadar-Theangaidh ann an Toledo, an dèidh am baile a thoirt bho na Muslamaich ann am 1085. Le sin, fhuair an Roinn Eòrpa beartas mòr bhuapa. A bharrachd air Muslamaich, bha coimhearsnachdan Iùdhaich agus Crìostaidh nan tàmh gu sìtheil còmhla. 

Seo sreath fhacail le tùs Arabach ann an Spàinntis. Mar as àbhaist, tha iad uile faclan foghlaimte, àiteachail, biadh bho thall thairis neo cogail.

Ann an 1592, ràinig loingeas Spàinnteach eileanan anns a' Chairib. Le sin, thoisich ceannsachadh mòr a thug an tìr-mòr Aimearaga fo bhuaidh na Spàinne neo A' Phortagail bho Chalifornia mu thuath gu ruige Patagonia ann an ceann a deas. Cha do chaill An Spàinn an colonaidh mu dheireadh aice gus 1898, nuair bhuannaich na Stàitean Aonaichte ann an Cuba. Rinn na Spàinntich droch mhilleadh an siud, agus thuit an àireamh-shluaigh gu mòr, leis nach robh iad deiseil airson gan dìon bho tinneasan na Roinn Eòrpa is an droch làimhseachaidh a fhuair iad. A bharrachd air sin, nochd iomadach fhacal ann an Spàinntis: faclan airson rudan nach fhaiceadh a-riamh ann an Roinn Eòrpa, rudan a-nis cho làitheil dhuinn, mar a' bhuntàta neo an tomàto.

Seo sreath dhe na faclan a thàinig dhan Spàinntis bho na Cànainean tùsail ann an Aimearaga, gu h-àraidh bho na cultaran adhartach. Gu tric, tha faclan tùsanach eadar-dhealaichte anns gach uile dùthaich ann an Aimearaga Laideannach. Mar eisimpleir, ann am Meagsago, tha na faclan bho Nauhatl, cànan nan Aztec, uabhasach pailt. Ann am Pearù, tha a' mhòr-chuid dhuibh a' tighinn bho Quechua, teanga oifigeil ìompaireachd nan Inca. An latha an diugh, 's e Piri-Piri (Guaranaidh) an t-ainm ann am Paraguaidh agus Braisil air an stuth ris an canar chile (nahuatl) ann am Meagsago, ach 's e ají (taino) am facal a tha aca air feadh na Mara Chairibianach.

An-diugh tha eadar 322 agus 400 millean duine a' bhruidhinn Spàinntis mar prìomh-chànan.

'S e Cànan fa-leth eadar-nàiseanta a th' ann an Spàinntis, leis gu bheil e ga bhruidhinn ann a bharrachd air 20 dùthchannan. 'S an teanga oifigeil anns na dùthchannan a leanas. Tha iad uile dùthchannan a bha fo bhuaidh ìompaireachd na Spàinne o shean:

'S an teanga co-oifigeil anns na dùthchannan a leanas a th' ann an Spàinntis, is iad uile dùthchannan ann an Aimearaga-Laideannach far a bheil sluagh làidir tùsanach, neo fada falbh bhon na sgìrean a bha fo bhuaidh na Spàinne, mar Afraga neo Aisia. A bharrachd air sin, tha an Spàinntis na chànan co-oifigeil ann am Puerto Rico, air sgàth gu bheil ceanglaichean làidir aige ris na Stàitean Aonaichte:

A bharrachd air sin, tha iomadh mhuilleadn dhe daoine le Spàinntis mar chiad cànan anns na Stàitean Aonaichte, seadh ann an coimhearsnachdan Spàinntich traidiseanta air feadh na stàitean a chaill Meagasgo ann an cogagh an aghaidh Riaghaltais Washington (Texas agus California, mar eisimpleir), seadh inimrich anns na bailtean-mòra.

Tha an suidheachadh cànanach air atharrachadh gu mòr bho chaochail an deachdaire Francisco Franco ann an 1975. 'Se an aon chànan oifigeil na dùthcha a bh' ann an Spàinntis, is an tìr fa-leth fo bhratach na Spàinntis. Mar a leughadh air gach uile bonn airgid o shean España:, Una, Grande, Libre (An Spàinn: Aon, Mòr, Saor). Ach Bhàsaich e agus dh'atharraich an dùthaich gu tùr. Ghlaodh Bun-Reachd na Spàinne (1978):

Is e Cànan oifigeil na Stàit a th' ann an Spàinntis Castellanach. Tha dleastanas aig gach uile Spàinnteach a bhith eòlach air agus tha còir aca a bhith ga chleachdadh. Is e cànainean Spàinntich oifigeil anns na Roinnean aca le fèin-ùghdarras a th' ann na cànainean eile cuideachd, a-rèir na Aontaidhean a th' ann. 'S e dìleab chultarail a th' ann am beartas aig an caochlach dòighean labhairt na Spàinne is bidh iad fo mheas agus dìon sònraichte.

A-nis, tha na cànanan roinneil (Basgais, Catalanais agus Gailìsis a' dol bho neart gu neart, tha stèiseanan telebhisein rim faotainn ann gach fear dhuibh, tha iad gam cleachdadh anns na soighnichean rathaid agus, gu h-àraidh, tha foghlam tro mheadhan na mion-chànain ga sgaoileadh air feadh na roinnean sin. Thathar ag aithneachadh na daoine le dà chànan anns an Spàinn, oir 's e Spàinntis brìghmhor soilleir a th' acasan, leis cho soirbheachail a tha poileasaidhean dà chànanach na dùthcha.




#Article 53: Ruisis (103 words)


Tha a' chànan Ruiseanach (русский язык sa Ruisis) na chànan Slàbhach a thathar a’ bruidhinn gu dùthchasach sa Ruis, ann am Bealaruis, san Ucràin, ann an Casachstàn agus Cìorgastan, agus a thathar a’ cleachdadh le mòran daoine gun a bhith na chànan oifigeil, san Laitbhe, Eastòinia agus tòrr dhùthchannan eile a b’ àbhaist a bhith nam ball den Aonadh Sobhiat.

Tha an Ruisis a' cleachdadh na h-aibidil Chirileach 's tha 33 litir bunaiteach ann:

Tha gnè fhireann, boireann no neodrach aig ainmearan na Ruisise. Chan eil altan ann.  'S urrainn don facal собака cù no an cù a chiallachadh. Tha sia tuislean ann:




#Article 54: Sòrbais (944 words)


Is e cànan Innd-Eòrpach a tha ann an Sòrbais.  Serbšćina sa chànan fhèin. Air neo, gus a bhith nas cirte, ’s e cruinneachadh a th’ ann de dà chànan sgrìobhte a tha dlùth ri chèile agus iomadh dualchainnt.  Buinnidh i don roinn Shlàbhach den theaghlach Indo-Eòrpach. Ainmean eile a b’àbhaist a bhith oirre b’iad Wendish no Lusatian sa Bheurla, Wendisch sa Ghearmailtis.  Tha an t-Sòrbais ga bruidhinn sna stàitean Brandenburg agus Sagsainn den Ghearmailt, faisg air a’ chrìch ris a’ Phòlainn agus ris an t-Seic.

Tha dà chànan ann: Sòrbais Uachdarach (hornjoserbšćina, Beurla: Upper Sorbian) agus Sòrbais Ìochdarach (dolnoserbšćina, Beurla: Lower Sorbian).  Tha an t-Sòrbais Uachdarach ga bruidhinn ann an Sagsainn le timcheall air 13,300 duine agus tha an t-Sòrbais Ìochdarach ga bruidhinn ann am Brandenburg le timcheall air 6,670 duine.  Canar  sa Bheurla/Ladainn ( san t-Sòrbais Uachdarach,  san t-Sòrbais Ìochdarach,  sa Ghearmailtis) ris an sgìre far a bheil an dà chànan gam bruidhinn. Tha an t-Sòrbais dlùth-chàirdeach don t-Seacais, don t-Slòbhacais agus don Phòlainnis ach anns an là an-diugh tha buaidh làidir aig a' Ghearmailtis oirre cuideachd. Nochd an t-Sòrbais a’ chiad turas mar chànan anns an litreachas anns an t-siathamh Linn.

'S e sluagh Slàbhach an Iar a th' anns na Sòrbaich, sluagh gun dùthaich, gun stàit aige fhèin. Anns an t-siathamh Linn, thàinig sinnsearan nan Sòrbach dhan Ghearmailt, dhan sgìre taobh an ear nan abhnaichean Elbe agus Saale.Thug iad an t-ainm Lausitz dhan sgìre. Ged a bha 20 geug eadar-dhealaichte aig an t-sluagh, cha robh ach na Lusici agus na Milzener comasach thairis air na linntean air am fèin-aithne a ghlèideadh. Thàinig tuinichean eile bho air feadh na dùthcha, gu h-àraidh na Sagsannaich, na Flannraich, na Tùiringaich agus na Frangan. Thairis air na linntean dh'fheuch cha mhòr a h-uile riaghaltas ri bacadh a chur air an t-Sòrbais.  Anns an treas Linn deug, bha an t-Sòrbais toirmisgte anns na bailtean mòra agus chaidh riaghailtean a stèidheachadh taobh a-staigh nan comainn-cheàrd gum bu chòir dhan Ghearmailtis a bhith aig daoine nam biodh iad ag iarradh obair.  Bhon t-seachdamh Linn deug a-mach, bha leasachadh an aghaidh na Sòrbais ri fhaicinn cuideachd oir bhathar den bheachd gun robh an t-Sòrbais agus mion-chànanan eile cunnartach agus bhathar ag iarraidh Impireachd na Gearmailte a dhìon. A dh’aindeoin sin, chaidh àireamh nan Sòrbach am meud gus an robh barrachd is dà cheud mìle duine a’ bruidhinn na Sòrbais mar chànan màthaireil. Air sgàth ’s gun robh Sòrbais aig a’ mhòrchuid ann an Lusatia, bha tionndadh air crìonadh a’ chànain ri fhaicinn anns an naoidheamh Linn deug agus bha na daoine moiteil às an cànan fhèin. Ach aig an aon àm, chaidh laghan an aghaidh na Sòrbais a stèidheachadh leis a' Phruis. Thòisich na pàipearean-naidheachd air crìonadh agus bha an t-Sòrbais toirmisgte anns na sgoiltean. Eadar 1921-1945 bha an t-Sòrbais toirmisgte gu tur agus chaidh ceannardan nan Sòrbach a chur gu prìosan. Às dèidh an dàrna cògaidh bha Lusatia na phàirt den raon Sovietach agus bhon àm sin fhuair na Sòrbaich taic airson an cànan a chleachdadh anns na roinnean poblach. Às dèidh 1989 chaidh còirichean a stèidheachadh airson an t-Sòrbais a dhìon.

Tha còir aig gach pàiste air foghlam fhaighinn tro mheadhan na Sòrbais, an dòchas gun tig a h-uile sgoilear gu fileantachd phragtaigeach anns an dà chànan Sòrbais agus Gearmailtis. A bharrachd air sin, tha an t-Sòrbais ga teagasg mar chuspair fa leth ann am bun-sgoiltean eile. Tha an t-Sòrbais ga teagasg ann an ceithir àrd-sgoiltean, agus tha dà sgoil-chòmhnaidh ann cuideachd ann an Cottbus  agus ann am Bautzen. A bharrachd air sin, tha ceòl tradaiseanta, bàrdachd agus dannsa tradaisenta gan teagasg airson cultar nan Sòrbach a neartachadh. Chaidh coimeas a dhèanamh eadar sgoiltean gun Sòrbais agus feadhainn le Sòrbais agus fhuaireadh a-mach gun robh an aon ìre aig na sgoiltean, air neo gun robh na sgoilearan na b' fheàrr aig an robh an t-Sòrbais.

Anns a' Ghearmailt tha inbhe thèarainte is oifigeil aig Sòrbais mar mhion-chànain
. 

Ann an 1997 chuir a' Ghearmailt a h-ainm ri Cumhnant Eòrpach airson Cànan Roinneil no Mion-chànanan: A rèir seo

Tha dà Achd ann: 

A rèir nan Achdan seo tha còir aig na Sòrbaich gun tèid seirbheis tro meadhan na Sòrbais a thoirt seachad dhaibh: Faodaidh na Sòrbaich Sòrbais a chleachadh mar chànan oifigeil anns a' chùirt, agus mur am bi Sòrbais aig an luchd-obrach an sin feumaidh saor-stàit Sagsainn neo Brandenburg eadar-theangadair a sholarachadh.  Mar phàirt den dà Achd, chaidh sanasan-rathaid dà chànanach a chur an àirde agus chìthear iad anns an sgìre phoblach air fad: air an rathad, air beulaibh nan sgoiltean neo air na togalaichean poblach.

Tha saor-stàit Sagsainn air planadh-cànain airson na Sòrbais a stèidheachadh. Thathar den bheachd gu bheil e cudromach gun tèid foghlam dà-chànanach a bhrosnachadh ann an Lausitz, agus thathar ag iarraidh tuilleadh luchd-teagaisg ann an Lausitz airson a bhith cinnteach gum tèid foghlam tro mheadhan na Sòrbais a thoirt seachad san àm ri teachd. Thathar ag iarradh gum bi clasaichean-oidhche ann airson inbhich. Bidh e cudromach gum bi an t-Sòrbais follaiseach anns na bailtean air fad. Uime sin, chaidh soidhnichean-rathaid a chur an àirde mar-thà, agus bidh tuilleadh a’ leantainn. A bharrachd air sin, bu chòir don teicneolas ùr eadar-theangachaidhean a toirt seachad. Thathar ag iarraidh gun tèid na Sòrbaich a bhrosnachadh airson an cànan a chleachdadh, agus bheirear taic do dh’fhoillsichearan, agus do thaighean-tasgaidh ùra a dhèanas an cultar, an eachdraidh is an ceòl so-fhaicsinneach.

Tha Sòrbais ga bruidhinn cuideachd ann an sgìre bheag ann an Lee County, Texas.

Tha cuid de dh’ainmean anns a’ Ghearmailt an Ear a’ tighinn bhon t-Sorbais, m.e.:

Seo eisimpleir le Sòrbais agus Gàidhlig a tha a' sealltainn an diofair eadar Sòrbais Uachdarach is Sòrbais Ìochdarach:




#Article 55: Punjabi (cànan) (122 words)


'S e cànan Innd-Eòrpach a tha ann am Punjabi. Tha Punjabi ga bruidhinn ann am Pagastàn an Ear-thuath agus na h-Innseachan an Iar-thuath, agus tha na h-eilthirich ga bruidhinn anns an Rìoghachd Aonaichte, ann an Canada, anns na na Stàitean Aonaichte, anns na h-Iomaratan Arabach Aonaichte agus ann an Saud-Aràibia.

Ann am Pagastàn tha an cuid as motha de na daoine a' bruidhinn Punjabi. Tha dà sheòrsa ann, Punjabi an Ear a thèid a chleachdadh anns na h-Innseachan agus ann am Pagastàn, agus Punjabi an Iar a thèid a' bruidhinn ann am Pagastàn a-mhàin. Tha Punjabi aig 76 millean duine ann am Pagastàn (2008) agus aig 28 millean anns na h-Innseachan (2001).
 
Tha trì dòighean sgrìobhaidh aca: Gurmukhi, Shahmukhi agus Devanagari.
.




#Article 56: Ungairis (158 words)


'S e cànan Fionn-Ungaireach a tha anns an Ungairis (Magyar san Ungairis, Hungarian sa Bheurla, Hungarica sa Laideann) a tha anns an teaghlach de chànain Ùraileach. Thathar ga bruidhinn san Ungair.

Anns a' bhuidheann Fionn-Ungaireach, lorgar cuideachd Fionnlannais, Eastoinis, Sàmais agus cuid de chànanan eile anns an Ruis. A measg nan cànan sin, tha Khanty agus Mansi nas fhaisge air Ungairis.

Tha timcheall air 14 millean neach a' bruidhinn Ungairis. Tha a' mhòrchuid aca, mu 10 millean, a' fuireach san Ungair agus 1.5 millean neach eile ann an Romàinia. Thathar cuideachd ga bruidhinn ann an Slovakia, taobh tuath na Sèirbe (Vojvodina), agus An Ucràin.

Tha i na cànan oifigeil  anns an Ungair agus fear de na cànanan oifigeil sna Roinn Eòrpa. Tha i cuideachd na cànan oifigeil ann an Autonomous Republic of Vojvodina (Serbia) agus cuid de dh'àiteachan ann an Slovenia. 
 
Tha dualchainntean ann an Ungairis ach chan eil iad cho eadar-dhealaichte o chèile nach gabhadh an tuigsinn. 




#Article 57: An Ròimh (178 words)


'S e An Ròimh prìomh bhaile na h-Eadailt agus an roinn Lazio. Tha am baile suidhichte ri taobh na h-aibhne Tiber agus tha mu 4.1 millean neach a' fuireach ann. Tha Cathair na Bhatacain, an Vatican City anns a Bheurla, suidhichte anns an iar-thuath. Chaochail Enrique Olaya Herrera an seo ann an 1934. A rèir beul-aithris, chaidh an Ròimh a stèidheachadh air an 21mh den Giblean anns a' bhliadhna 753 RC leis an dithis bhràthair: Romulus agus Remus. Mharbh Romulus a bhràthair agus mar sin chaidh am baile ainmeachadh às a dhèidh agus b' esan a' chiad Rìgh na Ròimhe. Bha an Ròimh air a thogail air 'Cnoc a' Ghrian', a chaidh ath-ainmicheadh 'Palatine', agus dh'fhàs e gus an leudaich e tarsainn air seachd cnuic :

Bha an Ròimh 'na phrìomh-bhaile aig Rìoghachd an Ròimh, Poblachd an Ròimh, Impireachd an Ròimh, na Stàitean Pàpach agus an Rìoghachd Eadailteach mus tàinig e gu bhith, anns an latha an-diugh, 'na phrìomh-bhaile aig Poblachd na h-Eadailte .

B' e prìomh-bhaile Stàitean na h-Eaglaise a bh' ann bho 754 gu ruige 1870.




#Article 58: Laideann (123 words)


B' e cànan nan Ròmanach, na h-Eaglaise Caitligich, agus cànan nam fhoghlaim o chionn goirid a bha ann an Laideann. Airson ùine mhòr, airson còrr 's mìle bliadhna bho dheireadh an Impireachd Ròmanach, 's e cànan eadar-nàiseanta a bh' ann an Laideann. Tha e na fhreumh de mhòran chànan na Roinn Eòrpa, nam measg Fraingis, Eadailtis agus Spàinntis a tha uile càirdeil le aithreachd on Laideann. Tha ceudan de mhilleanan a' bruidhinn cànain a dh'fhàs bho Laideann tarsainn air na linntean. 

'S ann à Laideann a tha mòran faclan saidheansail a' tighinn. Gu ruige an ochdamh linn deug, chaidh mòran aistean saidheansail a sgrìobhadh ann an Laidin, mar eisimpleir chaidh Philosophiae Naturalis Principia Mathematica le Sir Isaac Newton a sgrìobhadh ann an Laideann.




#Article 59: Baile Átha Cliath (254 words)


Is e prìomh-bhaile Poblachd na h-Èireann a tha ann an Baile Átha Cliath (IPA: bˠalʲə a:ha klʲiəh;  Beurla: Dublin, Gaelg Mhannain Divlyn) , agus am baile as motha 's an tir sin cuideachd. Tha e suidhichte air gach taobh an linn cumhang de Abhainn na Lifé. Thàinig a h-ainm Beurla bhon ainm Gaeilgeair an seòlaid: Dubh Linn. A dh'aointinn an t-ainm b' e na Lochlannaich a stèidhich am baile. Tha iad comharraichte an ainm sgìre Baile Lochlainn dlùth ri taobh tuath na Life faisg air na ceithir cuairtean, agus an ìomhaigh umha crannghail long-fhada aig beulaibh prìomh-oifis Comhairle Atha Cliatha air Na Laimrigean Deasa.

An linn nan Normanach shuidhich iomadh choigreach a Sasainn am Baile Atha Cliath, agus mar a fhuair na Tighearnan Normanaich smachd air Èireann, thànaig Baile Atha Cliatha a bhi cathair cumhachd nan Sasunnaich an Èireann - suidheachadh a mhair sìos ri 1921. Rinneadh callaid mun chuairt am baile Shasunnaich ré an 14mh linn, a dhìon na Gall bho na Gaidheal borb air an taobh a muigh. Tro na meadhan aoisean, b' e am Beurla cainnte na Callaid agus a' Ghàidhlig cainnte den chorr, shuidheachadh a mhair gu ìre mhòr mus Bliadhna a' Ghoirt Mhòir (1847). 

A measg na prìomh thogalaich den cathair tha: Caisteal Atha Cliatha, Àros Eaglais Chrìosd (Eaglais na h-Èireann), Na Ceithir Cuairtean, Taigh nan Cuspainn, Oifig Ginearalta An Phoist. Tha an Taigh-grùdaidh ainmeil Guinness suidhichte aig Geata Naoimh Sheamuis. Tha Àros an Uachtaran suidhichte an Pàirc an Fhionn-Uisge, pàirc agus taigh a bhuineadh ris an teaghlach Ghuinness.




#Article 60: Berlin (1016 words)


Is e prìomh-bhaile Poblachd na Gearmailt a tha ann am Berlin o chionn 1990 a-rithist. Tha stàit-bhaile Bherlin aon de sia stàitean feadarail deug anns a' Ghearmailt. An-diugh tha 3.4 millean a' fuireach ann am Berlin. Is e am baile as motha anns a’ Ghearmailt agus am baile as motha ach aon anns an Roinn Eòrpa. Is dòcha gun robh am facal Slabhais berl a' ciallachadh mòinteach, agus thug sin ainm air Berlin. Tha 3,400,500 daoine a' fuireach ann am Berlin, is le sin 's e am baile as motha na dùthcha a th'ann. 

Tha Berlin suidhichte am measg Bhrandenburg, stàit feadarail eile anns a' Ghearmailt, 512 km air falbh bho Stuttgart.

Tha a’ chiad fhianais sgrìobhte againn mu Chölln mar phàirt den bhaile dhùbailte 
Bherlin-Chölln anns an Spreeinsel (Eilean Spree) anns a’ bhliadhna 1237. Tha a’ chiad fhianais sgrìobhte againn mu Bherlin aig bruach an Abhainn Spree anns a’ bhliadhna 1244. Bha talla a’ bhaile cumanta air a thogail ann an 1307.

Bhitheadh an cinneadh Hohenzollern a’ riaghladh Berlin gu 1918 mar diùc Bhrandenburg, Rìgh Phrùisea agus Ceusar nan Gearmailteach

Ann an Cogadh na trichead bliadhna (1618 agus 1648) chaidh 30 % de na taighean ann am Berlin a sgrios agus chaidh an dàrna leth den t-sluagh a mharbhadh.

Ann an 1640 ghabh Frederic Uilleam, an Kurfürst mòr, sealbh air an ìompaireachd.
Thòisich e air poileataigeachd den fulangas cràbhach agus den imrich a chur a-steach. Mu 1700 bha 20% de mhuinntir Bherlin nam Frangaich às an Fhraing oir thug Frederic Uilleam na Pròstanaich Frangach do Bherlin.
Thàinig mòran daoine gu Berlin. Dh’ imrich iad às a' Phòlainn, à Bohàimia agus à
Salzburg.

Chaidh Frederic I. air a chrùnadh anns a’ bhaile seo ann an 1701 agus dh' fhàs Berlin na phrìomh-bhaile na Prùise.

Ann an 1807 thàinig Napoleon Bonaparte do Bherlin agus ghoid e an Quadriga bhon Geata Bhrandenburger Tor. Ann an 1814 chaidh an Quadriga a thoirt air ais.

Chaidh dàrna Ìompaireachd na Gearmailt a stèidheachadh anns a’ bhliadhna 1871 agus bha Berlin na phrìomh-bhaile a-rithist. Bha Ceusair Uilleam II an ceusair mu dheireadh a bha ann.

Às deidh a' chiad chogadh ann an 1918 chaidh Poblachd a stèidheachadh anns a' Ghearmailt ann am Berlin.

Anns an 1933 chaidh na Nàsaich agus Adolf Hitler a thaghadh agus stèidhich iad
treasa Ìompaireachd na Gearmailt.

Ann an 1945 bha an Dàrna Cogadh seachad agus chaidh Berlin a roinn ann an ceithir roinnean. Bha Berlin an Ear aig na Rùisich agus bha
Berlin an Iar aig na Stàitean Aonaichte, aig an Fhraing agus aig Breatainn.

Bha na trioblaidean poileataigeach air stiùireadh am  den Bherlin. Chuidich am feachd eadar-nàiseanta às na Stàitean Aonaichte agus eile gus am baile 
a chumail beò le chuir iad drochaid adhair Bherlin air chois.

Ann an 1949 chaidh an GDR, Gearmailt an Ear, a stèidheachadh. B' e prìomh-bhaile a 
bha ann am Berlin an Ear agus dh' fhàs trioblaidean poileataigeachd cho dona 
gu Cogadh Fuar.

Bha cuir cudthrom air na trioblaidean eadar nan Ear agus nan 
Iar ann an 1961. Chaidh Balla Bherlin a thogail.

Chaidh an t-sluagh mì-thoilichte agus diombach.
Às t-samhradh 1989 thòisich na ùrnaighean sìthe anns an Eaglais Nicolai ann an Leipzig
agus às deidh bha na caismeachdan-Di-Luain ann gach seachdain.
Anns an Dàmhair thuit GDR am broinn a chèile.
Thuit am Balla Bherlin aig 9mh den t-Samhain 1989.
Chaidh a’ Ghearmailt ath-aonadh anns a’ bhliadhna 1990 agus b’ e prìomh-bhaile na Gearmailt a bha ann am Berlin a-rithist.

O chionn 1999 tha a' phàrlamaid agus cuid de na ministearan ann am Berlin cuideachd ach tha seachd ministearan fhathast ag obair anns an t-seann phrìomh-bhaile, Bonn.

Tha Gearmailtis air a bhruidhinn ann am Berlin ach tha barrachd chànanan rim cluinntinn air sgàth’ s gu bheil am baile glè ioma-chultarach. Cluinnear Beurla, Arabais is Sìonais gu math tric. Tha mòran choigreach a’ fuireach anns a' bhaile seo agus bidh mòran luchd-turais a' tadhal air Berlin.

Tha dualchainnt ann ris an canar Berlinerisch. Mar eisimpleir bithear ag ràdh icke an àite ich (Gàidhlig: mi), loofen an àite laufen (a' ruith) neo wa'  an àite nicht wahr (...nach eil?)

Tha 36% de na h-obraichean ceangailte ris an roinn-seirbhis.

Tha tòrr stèisean telebhisein is rèidio ann mar RB, MTV, Nick, VIVA, Sat 1, N24 agus gu nàdarra tha studio aig ARD, ZDF no RTL ann am Berlin cuideachd.
Tha 80% de na gnìomhachasan a’ buntainn ris an treas roinn. Tha an treas roinn glè chudthromach airson Berlin agus mar sin tha
turasachd a’ fàs nas cudthromaiche ri taobh bhancaichean agus sheirbhisean eile.

Is e DaimlerChrysler, Sony, Springer-Verlag, Walter de Gruyter na companaidhean as cliùitiche a tha ann. Chan eil tòrr àiteachas ann agus chan eil ach beagan gnìomhachas ann am Berlin. Is e obair mheatailt, cheimigeachd agus bhidh am meur gnìomhachais as motha ann 
am Berlin.

Ach ‘s e Sueben an t-ainm a bha air an treubh.
Cha robh sluagh Gearmanach coitcheann ann.
Bliadhnaichean às deidh bha cumhachd phoilitigeach a dh’ fhàs an t-aonadh 
sluaigh na Gearmanaich. 

h-Alamannaich.
Bha iad a' fuireach ann an clachain agus bha taighean aca, a bha air a thogail 
bho choille is bhon chailc.
Bha cumadh-cruidh is àiteachas ann.

Bha pàganach ann gu tric leis na h-ìobart nan daoine .
Bha a' Chrìosdachd a’ toirt air na Gearmanaich anns an 5mh linn.

Tha a’ chiad fianais sgrìobhte mu gu bhith 200 às deidh Dia.

Bha cuid na bu lugha sgrìobhaidhean den an àm seo.
Cha mhòr dh' aithnich na daoine dealbhan.
O chionn na 5mh linn bha àilleagan òir ann.
Bha dealbhan na tuirc is nam fèidh àbhaisteach mar na eisimpleirean Ròmanach.

Às deidh an Ath-leasachadh anns an 15mh linn 's e an cuid a bu mhotha nan 
daoine Pròstanaich a bh' annta. 
Anns an 18mh linn thoir Frederic Mòr an ceadachas-cràbhach. 
An-diugh 's e baile mòr glè ioma-chultarach a th' ann am Berlin agus 
tha torr chreideimh ann.

Saidheans/ Eòlas

Tha ceithir oilthighean ann. ( 'S e am Medizinische Fakultät coitcheann as motha 
ann an Roinn Eòrpa.)
Tha trì colaisdean-ealain is seachd colaisdean le cuspairean sònraichte is deich 
colaisdean phrìobhaideach ann.
Tha gu bhith 140.000 oileanaich aig Berlin.

 




#Article 61: Reykjavík (150 words)


Is e Reykjavik (IPA: ˈreiːcaˌviːk) am prìomh-bhaile ann an Innis Tìle, agus am prìomh-bhaile as thuaithe air feadh an t-Saoghal. Is e cuideachd am baile as motha den dùthaich. Tha e suidhichte san roinn Höfuðborgarsvæðið, 222km air falbh bho Ísafjörður. Anns a' bhliadhna 2007 's e 117,721 an àireamh-shluaigh den bhaile. Tha an t-ainm a' ciallachadh bagh far a bheil toit. Tha e a' buntainn dhan sgìrean-phàrlamaid Reykjavíkurkjördæmi suður agus Reykjavíkurkjördæmi norður.

Nochd an t-àite san 8mh caibideil dhen Landnámabók, nuair a ràining fear air an robh Ingólfur agus thog e taigh an seo:

...hann bjó í Reykjarvík; þar eru enn öndugissúlur þær í eldhúsi.

Bha e a' fuireach ann an Reykjavík; tha colbhan gun anail fhathast sa chidsin.

Chaidh Pàrlamaid na dùthcha, air a  bheil Alþingi, fhosgladh an seo ann an 1844 agus chaidh togalach a chithear an latha an-diugh, air a bheil Alþingishúsið a thogail ann an 1881.




#Article 62: Nirribhidh (132 words)


 
Is e dùthaich ann an Lochlainn anns an Roinn-Eòrpa a tha ann an Nirribhidh.
A chionn 's gu bheil dà chànan ann an Nirribhidh, tha dà ainm oifigeil ann: Kongeriket Norge (bokmål) agus Kongeriket Noreg (nynorsk). Tha iad a’ ciallachadh Rìoghachd Nirribhidh. Tha crìochan aige leis an t-Suain anns an Ear agus leis an Ruis agus le Suomaidh anns an Earra thuath. Anns an Iar den dùthaich tha a' Chuan Siar ann. Tha Svalbard, eileanan beaga anns a’ Chuan Argtach, pàirt den Nirribhidh cuideachd. Tha Oslo na prìomh-bhaile. 'S e Baroniet Rosendal. a th'ann an aon Baranachd na dùthcha.

Eadar 1397 agus 1523 bhuineadh an dùthaich dhan Aonadh Kalmar. Bha Nirribhidh na pàirt Aonadh Nirribhidh agus An t-Suain gu ruige 1905.

Seo liosta na deich bailtean as motha na dùthcha a leanas:




#Article 63: An Òlaind (117 words)


Gu math tric canar an Òlaind neo An Olaind seach na Tìrean Ìsle ris.
Gu h-àraidh anns a’ Bheurla agus ann am Fraingis, eadhan ann an Duitsis fhèin, cleachdar an t-ainm An Òlaind airson na dùthcha gu lèir. Ach chan iad ach pàirt de na Tìrean Ìsle.

'S e ceàrn a tha anns an Òlaind, suidhichte ann an taobh siar na dùthcha. Tha dà sgìre ann: Noord-Holland (Òlaind a Tuath) agus Zuid-Holland (Òlaind a Deas) le 6.1 millean luchd-còmhnaidh gu lèir.

B’ e dùthaich a bh' ann leis fhèin aig àm Impireachd nan Ròmanach. Chaidh ceàrn na h-Òlaind a stèidheachadh ann an 1840.

Tha bailtean mòra mar Amsterdam, Den Haag agus Rotterdam suidhichte anns an sgìre seo.




#Article 64: A' Phòlainn (168 words)


 
'S e dùthaich Eòrpach a th' anns a' Phòlainn no a’ Phólainn no Póland.
Tha i suidhichte ann am meadhan na Roinn-Eòrpa. Tha crìochan aice leis a' Ghearmailt, a' Bhealaruis, Poblachd na Seice, Ucràin agus le Slobhaigia. Gu h-eachdraidheil agus a rèir cultair is creidimh b' e pàirt den Roinn Eòrpa an Iar a bh' anns a' Phòlainn ach san latha an-diugh bidh i gu tric air a cur am measg nan dùthchannan eile a bha fo smachd a' Chomannachais mar phàirt den Roinn Eòrpa an Ear.

Cleachdar Bealaruisis, Silèisis, cànan Cassubian/Caisiubais, Gearmailtis agus Ucràinis cuideachd ged nach eil iad nan cànanan oifigeil.

'S e Oilthigh Jagiellonian an dàrna oilthigh as sine ann am meadhan na h-Eòrpa. 
Chaidh a stèidheachadh anns a' bhliadhna 1364, mar sin tha e am measg nan oilthighean as aosmhoire san t-saoghal.

Bhuineadh A' Phòlainn dhan Cho-aonta Warszawa eadar 1955 agus 1990. Air 12 am Màrt 1999 ghabh an dùthaich ri NATO.

Seo liosta deich bailtean as motha na dùthcha:

 Àiteachan Turasachd sa Phòlainn




#Article 65: Helsinki (124 words)


'S e Helsinki neo Helsingfors (Suanais) prìomh-bhaile Suòmaidh. Tha Helsinki suidhichte ri taobh a' Chamais Shuòmaidh.

Chaidh Helsinki a stèidhichte le Rìgh Gustav Vasa na Suaine ann an 1550 aig Helsingforsen (Allt na Helsing, nise Vanhankaupunginkoski no eas a' sheann bhaile) ach chaidh a ghluasad do àite làithreach ann an 1640. Thog na Suaineach dùn, Sveaborg (Dùn na Suanie, nise Suomenlinna) air eilean sa' chala nàdarra Helsinki ann an 1748. An dèidh do chogadh eadar an t-Suain is an Ruis anns an do chaill an t-Suain Suomaidh, chaidh Helsinki na phrìomh-bhaile Àrd-Diùcachd Shuòmaidh ann an 1808.
Ghluais  Kungliga Akademin i Åbo gu Helsinki bho Turku ann an 1829.
Dh'fhosgail am metro ann an 1982. 
Bha Helsinki na phrìomh-bhaile Eòrpach a' Chultair ann an 2000.




#Article 66: Romàinia (100 words)


 
Is e dùthaich anns an earra-dheas na h-Eòrpa a tha ann an Romàinia, Ròmainia (IPA: ro.mɨˈni.a) neo Romania. Tha crìochan aice leis an Ungair agus an t-Sèirb anns an ear, leis an Ucràin agus leis a' Mholdobha san earra thuath, agus le Bulgàiria sa deas. Tha Bucharest na phrìomh-bhaile. Ged a tha Ròmainis na cànan oifigeil san dùthaich air fad, tha Ungairis, Gearmailtis, Ucràinis, Croatais is Sèirbis nan cànain oifigeil ann an roinnean sònraichte. 

Bha Romàinia na phàirt Impireachd nan Otomanach ro 1878. Bhuineadh Romàinia dhan Cho-aonta Warszawa eadar 1955 agus 1990.  Ann an 2009 ghabh an dùthaich ri NATO.




#Article 67: An Spàinn (187 words)


 
'S e stàit anns an Eòrpa an Iar a tha anns an Spàinn neo an Spàinnt. Tha crìochan aice sa tuath leis an Fhraing agus le Andorra, san iar leis a’ Phortugal, san ear is sa deas leis a' Mhuir Mheadhanaich agus le Giobraltair. 'S e Rìoghachd ann a th' ann an Spàinn an latha an-diugh, ach tha i air a bhith fo iomadh Cheannardan agus siostaman riaghlaidh eadar-dhealaichte, poblachdan agus deachdairean na measg.

Tha roinnean aig an Spàinn:

'S i rìoghachd ioma-nàiseantach a th' innte. Bruidhnear mòran cànain agus dual-chainntean eadar-dhealaichte anns an Spàinn. Ged a tha Spàinntis na chànan oifigeil, tha Catalanais, Basgais is Gallego co-oifigeil anns na Coimhearsnachdan fèin-riaghlaidh. Ann an Val d'Aran tha an dual chainnt Aranais ann, cànan co-oifigeil a tha ceangailte le Ogsatanais. 

Bha an dùthaich gu mòr an sàs gnothach Tràilleachd thar a' Chuain Shiar eadar an 16mh Linn agus an 19mh Linn.

Seo liosta nam bailtean as motha anns an Spàinn:

Tha dà fhàsach anns an Spàinn:
Bardenas Reales faisg air Nafarroa agus 
Fàsach Thabernas anns an sgìre Almería.

A bharrachd air sin, tha 60 Roinnean anns an dùthaich.




#Article 68: Madrid (192 words)


'S e prìomh-bhaile na Spàinn a tha ann am Madrid (IPA: maˈðɾɪ(ð)). Canar Madrileños ri muinntir a' bhaile. Tha an rìgh spainnteach a' fuireach an seo cuideachd. Tha am baile suidhichte ann am meadhan na Spàinn air bruach Abhainn Manzanares. 'S e am baile as motha den dùthaich agus an ceithreamh baile as motha den Aonadh Eòrpach. Tha am baile cliùiteach airson na taighean-tasgaidh, m.e.: Taigh-tasgaidh Prado, Taigh-tasgaidh Thyssen-Bornemisza ann an Villahermosa Palace agus Museo Nacional Centro de Arte Reina Sofía le dealbhan anns an nos ùr. Tha Madrid aon-roinneil.

Tha iadhtag ann, a bhuineas do Mhadrid, ann an ceann a tuath na roinne a-muigh Segovia. 'S e Dehesa de la Cepeda an t-ainm a tha air. Tha e na aite fa leth air sàilleabh gu bheil sliabh ann eadar an iadhtag sin agus an còrr dhen roinn. A rèir figearan an Riaghlatais, 's e an Lùnastal a' mhìos as teotha agus 's e am Faoilleach a' mhìos as fhuaire ann am Madrid. Cha tuit ach 421mm de dh'uisge air a' bhaile fad na bliadhna - 752mm nas lugha na Steòrnabhagh (1173mm) - leis gur e àite àrd, tioram a th' annː




#Article 69: Sri Lanca (144 words)


 
'S e dùthaich eileanach ann an Àisia a Deas a tha ann an Sri Lanca neo Sri Lanka (ainm oifigeal: Poblachd shòisealach dheomacrasach Sri Lanca). 

B' e Sailon  (Beurla: Ceylon) an t-ainm eile a bha oirre ro 1972.

Tha i na laighe san taobh a deas air na h-Innseachan.

'S e coimhearsnachd na Sinhalese an tè as motha a th' ann. Tha an cuid as motha den mhion-shluagh chinnidheach, na Tamils, a’ fuireach ann an earra-thuath na dùthcha.
Tha Sri Lanca cliùiteach airson cofaidh agus tì, m.e.: Ceylon tea.
Leis na coilltean tropaigeach, na tràighean brèagha agus an dualchas  cultarach tha an roinn turasachd gu math làidir ann an Sri Lanca.
Tha an Làn-thoradh dùthchail (GDP) gach pearsa am fear as àirde a tha ann an Àisia a Deas.

Tha Sgioba nàiseanta criogaid aig Sri Lanca. Chluich iad anns a h-uile Cupa na Cruinne.




#Article 70: Johann Friedrich Wilhelm Adolf von Baeyer (145 words)


B'e ceimigear Gearmailteach a bha ann an Johann Friedrich Wilhelm Adolf von Baeyer (Berlin, 31 an Dàmhair 1835 - Starnberg, 20 an Lùnasdal 1917) a cho-chur guirmean agus a fhuair an Duais Nobel ann an Ceimigeachd ann an 1905. Rugadh e ann am Berlin far an robh e an toiseach ag obair matamataigs agus nàdar-fheallsanachd mus do ghluais e gu Heidelberg airson obair air Ceimigeachd le Robert Bunsen. Fhuair e an t-ollamhachd aige bho Berlin ann an 1858. Bha e na òraidiche aig Acadamaidh Malairt Berlin ann an 1860 agus na àrd-ollamh aig Oilthigh Strasbourg ann an 1871. Ann an 1875 lean e Justus von Liebig mar Àrd-Ollamh Ceimigeachd aig Oilthigh Mhünchen. A bharrachd air sin, 's e a' chiad Iùdhach a choisinn an Duais Nobel ann an Ceimigeachd a-riamh a bh' ann.

Tha e cuideachd ainmeil airson na h-obrach aige còmhla ri Victor Villiger.




#Article 71: John Bauer (138 words)


B' e peantair ainmeil às An t-Suain a bh' ann an John Albert Bauer (Jönköping, 4 an t-Ògmhios 1882 - Vättern, 20 an t-Samhain 1918). B’ ann à Bayern shìos sa Ghearmailt a bh’ ann athair, a ràinig An t-Suain nuair a bha e gu math bochd is cha robh fiù ’s sgillinn ruadh aige. A dh’aindeoin sin, dh’fhosgail e bùth. Chuir Bauer seachad na bliadhnaichean bho 1900 gu ruige 1903 na oileanach san Kungliga Akademien för de Fria Konsterna: cha d’ fhuair ach triùir a-steach sa bhliadhna sin: Ivar Kamke, Pontus Lanner agus Bauer fhèin,  leis cho tàlantach 's a bha iad. Phòs e aig Ester Ellqvist ann an 1906, a bha na neach-ealain cuideachd. Chaidh Bauer a bhàthadh leis an teaghlach aige nuair a chaidh am bàta’aiseig Per Brahe fodha air Loch Vättern ann an 1918.




#Article 72: Sir William Ramsay (138 words)


B’ e ceimigear Albannach a bh’ anns an Ridire William Ramsay. Rugadh e air  2 an Dàmhair 1852 ann an Glaschu. Chaidh e don Oilthigh Ghlaschu. Chaochail e air 23 an t-Iuchar 1916 ann an High Wycombe, Sasainn. Bhuannaich e an Duais Nobel ann an Ceimigeachd anns a' bhliadhna 1904 in recognition of his services in the discovery of the inert gaseous elements in air.

Sgrìobh e an tràchdas aige aig Oilthigh Tübingen fo Rudolph Fittig agus thill e gu Glaschu ann an 1872. Chaidh e na ollamh aig Oilthigh Bhristol ann an 1880 agus na chathair ceimigeachd aig Colaiste Oilthigh Lunnainn ann an 1889. Bha e na cheann-suidhe a' Chomainn Cheimigeach eadar 1907 agus 1909.

Lorg e argon còmhla ri Lord Rayleigh a bhuannaich an Duais Nobel ann am Fiosaigs ann an 1904, neon, criopton agus senon.




#Article 73: Jacobus Henricus van't Hoff (257 words)


B'e Jacobus Henricus van't Hoff (30 an Lùnasdal 1852 - 1 am Màrt 1911) ceimigear fiosaigeach agus fàs-bheartach Duidseach agus buannaiche dhan a' chiad Duais Nobel ann an Ceimigeachd ann an 1901. Chuidich e anns an stèidheachadh de na modhan aig ceimigeach fiosaigeach mar a tha fios againn air an diugh. Tha e cuideachd air a smaoineachadh air mar aon de na ceimigearan is ann an eachdraidh còmhla ri Antoine Lavoisier, Louis Pasteur agus Friedrich Wöhler. 

Rugadh e ann an Rotterdam ri dotair. Bho aois òg bha ùidhe aige ann an saidheans agus cuideachd ann am bàrdachd agus bha an Tighearna Byron na ìomhaigh aige. An aghaidh miann athair chaidh e a sgrùdadh ceimigeachd aig Ionad Polytechnical Delft, Oilthigh Leiden, Bonn anns a' Ghearmailt agus an uairsin Paris agus mu dheireadh fhuair e an ollamhachd aige aig Oilthigh Utrecht ann an 1874. Ann an 1878 phòs e Johanna Francina Mees agus bha dithis nighean aca, Johanna Francina (r. 1880) is Aleida (r. 1882), agus dithis mhac, Jacobus Henricus (r. 1883) agus Govert Jacob (r. 1889).

Thoisich e a bhith na neach-labhairt ann an ceimigeachd agus nàdar-fheallsanachd aig Colaisde Lighiche-Bheataichean ann an Utrecht. Bha e na phroifeasair aig ceimigeachd, geòlas agus mèinn-eòlas ann an Amsterdam airson 18 bliadhna agus aig a' cheann thall ghabh e an àird an ceann-suidheachadh den roinn ceimigeachd. Ann an 1896 ghluais e chun na Gearmailt agus chrìochnaich e a dhreuchd a sin ann an 1911. Ann an 1901 bhuannaich e a' chiad Duais Nobel ann an Ceimigeachd airson na h-obrach aige le eadar-sgaoilidhean.




#Article 74: Ernest Rutherford (106 words)


B' e fiosaigiche niùclach bho Sealainn Nuadh a bha ann an Ernest Rutherford, 1ad Baron Rutherford de Nelson OM PC FRS (Brightwater 30 an Lùnastal 1871–Cambridge 19 an Dàmhair 1937). Bha fios aig daoine air mar 'an athair de nàdar-fheallsanach niùclach'.

Bha e na oileanach aig Oilthigh Shealainn Nuadh agus Oilthigh Chambridge. Chaidh e na ollamh ann an Canada ann an 1898, aig Oilthigh Mhanchester ann an 1907 agus Oilthigh Chambridge a-rithist ann an 1919, far an do stiùirich e an deuchainn-lann Cavendish.
Dh'obraich e còmhla ri Frederick Soddy air iosatòpaichean.

Bhuannaich e an Duais Nobel ann an Ceimigeachd ann an 1908.
Chaidh rutherfordium ainmicheadh air.




#Article 75: Otto Wallach (112 words)


B' e Otto Wallach (Königsberg 27 am Màrt 1847–Göttingen 2 an Gearran 1931) ceimigear Gearmailteach a bhuannaich an Duais Nobel ann an Ceimigeachd anns a' bhliadhna 1910 airson na h-obrach aige air ceimigeachd fhàs-bheartach.
Sgrìobh e an tràchdas aige fo August Wilhelm von Hofmann agus Hans Hübner. An dèidh don cogadh eadar a' Phruis agus an Fhraing dh'obraich e airson a' chompanaidh Aktien-Gesellschaft für Anilin-Fabrikation, no AGFA, ach thill e gu Bonn ann an 1872, far a chaidh e na àrd-ollamh ann an 1879. Thill e gu Göttingen ann an 1889.

A bharrachd air sin, b' e an treas Iùdhach a choisinn an Duais Nobel ann an Ceimigeachd a-riamh a bh' ann.




#Article 76: Henri Moissan (185 words)


B' e ceimigear às an Fhraing a bha ann an Henri Moissan (Paris, 28 an t-Sultain 1852–Paris, 20 an Gearran 1907).

Rugadh e ann am Paris agus dh'imrich a theaghlach do Mheaux nuair a bha e 12 bliadhna a dh'aois. An dèidh do sgoil dh'obraich e ann am bùth-chungaidhean ann am Paris agus an sin anns an Taigh-tasgaidh Eachdraidh Nàdair. Rannsaich e meatabolachd nan lus agus ceimigeachd iarainn is cròmium. Chaidh e na ollamh aig École Supérieure de Pharmacie ann an 1882 ach cha robh deuchainn-lann ann agus rinn e a dheuchainnean ann an deuchainn-lann Aonadh nan Aonaidhean-ciùird far an deach e na stiùiriche ann an 1880. Leth-oirich e fluarain air a' chiad turas ann an 1886.  Chaochail e leis a' pheandaidh ann an 1907.

Chaidh a thaghadh mar bhall Acadamh Fhrangach an Leigheis ann an 1888 agus mar bhall Acadamh Fhrangach nan Saidheansan ann an 1891. Bhuannaich e an Duais Nobel ann an Ceimigeachd ann an 1906 airson an obair aige le fluarain. A bharrachd air sin, b' e an dàrna Iùdhach a choisinn an Duais Nobel ann an Ceimigeachd a-riamh a bh' ann.




#Article 77: Maria Skłodowska-Curie (146 words)


 
Maria Salomea Skłodowska-Curie, (Warsaw 7 an t-Samhain 1867–Passy 4 an t-Iuchar 1934). Rugadh i ann an Warsaw, anns a' Phòlainn, agus chaochail i anns an Fhraing leis an aillse.

Bha i na h-oileanach ann an Warsaw, Kraków, is dh'imrich i gu Paris ann an 1891. Phòs i Pierre Curie ann an 1894 is chaidh i na h-àrd-ollamh fiosaigs ann an 1906 nuair a chaochail e, is na stiùiriche an deuchainn-lann Curie san Institiud Radiuim ann an 1914.

Còmhla ri Pierre Curie lorg i polonium agus radium.

Bhuannaich i an Duais Nobel ann am Fiosaigs ann an 1903 agus an Duais Nobel ann an Ceimigeachd ann an 1911, a' chiad thè a choisinn na duaisean sin a-riamh. Gu h-iongantach, bhuannaich a nighean, Irène Joliot-Curie agus a mac-cèile, Frédéric Joliot-Curie an duais seo fhèin ann an 1935. 

Chaidh an eileamaid cheimigeach curium ainmicheadh oirre is air Pierre Curie.




#Article 78: Victor Grignard (106 words)


B' e François Auguste Victor Grignard, (Cherbourg-Octeville 6 an Cèitean 1871–Lyon 13 an Dùbhlachd 1935), ceimigear às an Fhraing.

Rugadh e ann an Cherbourg is bha e na oileanach ann an Cluny is aig Oilthigh Lyon far an do sgrìobh e a theusais mu na co-thàthadairean organomagnesium an deach ainmicheadh air agus tha gabhail pàirt san iom-obrachadh cudromach is ainmeil Grignard.
Tha e cudromach air sgàth 's gu bheil an iom-obrachadh seo a' ceangal ataman carboin. Am bitheantas tha seo glè dhoirbh.

Fhuair e an  Duais Nobel ann an Ceimigeachd air sgàth an iom-obrachadh aige anns a' bhliadhna 1912, còmhla ri Paul Sabatier airson dòighean eile.




#Article 79: Frederick Soddy (137 words)


B' e radio-cheimigear Sasannach a bha ann am Frederick Soddy (Eastbourne 2 an t-Sultain 1877 – Brighton 22 an t-Sultain 1956). Rugadh e ann an Eastbourne, Sasainn agus dh'ionnsaich e ceimigeachd ann an Colaiste na Cuimrigh ann an Aberystwyth  agus an uair sin ann an Oilthigh Oxford far an robh e ag obair an-dèidh a dheuchainnean gus 1900. An uair sin rinn e rannsachaidhean air rèidio-beò (radioactivity) ann am Montreal còmhla ri Ernest Rutherford agus le Sir William Ramsay ann an Lunnainn. Eadar 1904 is 1913 bha e a' teagaisg ann an Oilthigh Ghlaschu, an uair sin ann an Oilthigh Obar Dheathain, mus thill e air ais gu Oxford ann an 1919, far an robh e ag obair gus 1936. Chaochail e ann am Brighton, Sasainn. Bhuannaich e ann Duais Nobel ann an Ceimigeachd ann an 1921.




#Article 80: Fritz Pregl (114 words)


B' e ceimigear Ostaireach de shìol a bha ann an Fritz (Friderik) Pregl (Ljubljana 3 an t-Sultain 1869–Graz 13 an Dùbhlachd 1930). Fhuair e an Duais Nobel ann an Ceimigeachd anns a' bhliadhna 1923 airson na h-obrach aige mu meanbh-anailis na stuthan fàs-bheartach.

Rugadh e ann an Ljubljana agus dh'ionnsaich e leigheas aig Oilthigh Graz far an d'fhuair e dotaireachd. Thug e meanbh-anailis uimhireil air adhart nuair a dh'obraich e aig Oilthigh Innsbruck eadar 1910 is 1913. Lean e air an obair seo nuair a thill e a Ghraz ann an 1913. Chaochail e ann an 1930.

Thug e airgid a dh'Acadamh nan Saidheans ann am Vienna agus chruthaich iad an Duais Fritz Pregl.




#Article 81: Heinrich Wieland (116 words)


B' e ceimigear  às  a' Ghearmailt a bha ann an Heinrich Otto Wieland.

Rugadh e 4 an t-Ògmhios 1877 ann an Pforzheim, Baden-Württemberg is bha e na oileanach aig Oilthighean Munich, Berlin is Stuttgart agus thill e gu Mhunich far an do sgrìobh e a theusais fo Johannes Thiele. Chaidh e na ollamh aig Oilthigh Mhunich ann an 1925. Nuair a bha na Nàsaich ann an greim, chuidich e oileanaich Iùdhaich a theicheadh do na Stàitean Aonaichte no leig iad obair sa dheuchainn-lann. 

Bhuannaich e an Duais Nobel ann an Ceimigeachd anns a’ bhliadhna 1927. Tha e ainmeil air sgàth na h-obrach aige air searbhagan dhomblasach.
Chaochail e 5 an Lùnasdal 1957 ann an Starnberg, Bavaria.




#Article 82: Harold Urey (136 words)


B’ e ceimigear às na Stàitean Aonaichte a bh’ ann an Harold Clayton Urey (Walkerton, Indiana 29 an Giblean 1893–La Jolla, Calafòrnia 5 am Faoilleach 1981). Tha e ainmeil airson an obair aige air iosatòpaichean agus na deuchainne a rinn e còmhla ri Stanley Miller aig Oilthigh Chicago far an do rinn iad moileciuilean a tha riatanach airson a' bheatha ann an àrainneachd a bha coltach ris a' Shaoghail nuair a bha e òg.

Dh'ionnsaich e ainmh-eòlas aig Oilthigh Mhinnesota is sgrìobh e a theusas ann an ceimigeachd aig Oilthigh Bherkeley. Bha e an sàs anns a' phròiseact Manhattan far an do stiùir e an deuchainn-lann a shaothraich iosatòpaichean uranium a bha freagarrach airson a' bhoma.

Bhuannaich e an Duais Nobel ann an Ceimigeachd anns a' bhliadhna 1934 air sgàth 's gun do lorg e deuterium.




#Article 83: Irène Joliot-Curie (173 words)


B' e ceimigear às an Fhraing a bha ann an Irène Joliot-Curie (Paris 12 an t-Sultain 1897–Paris 17 am Màrt 1956). Fhuair i an Duais Nobel ann an Ceimigeachd anns a' bhliadhna 1935 còmhla ris an duine aice, Frédéric Joliot-Curie, dìreach an dàrna thè a choisinn an duais seo. Gu h-iongantach, 's e nighean Marie Curie, a' chiad thè a fhuair an duais a bh'ann co-dhiù is Pierre Curie.

Rugadh i ann an 1897 is dh'ionnsaich i aig Roinn Saidheansan Pharas is ag obair mar ghath-ghrafaiche sa' Chogadh Mòr. Phòs i Frédéric Joliot ann an 1926 is rinn iad iosatòpaichean rèidio-bheò de naitridean, fosfaras is aluminium.
Chaidh i na h-òraidiche ann an 1932 is na h-àrd-ollamh ann an 1936.
Fhuair i caitheamh san Dàrna Cogadh is dh'imrich i don Eilbheis. Thill i don Fhraing as dèidh a' chogaidh is stiùir i an Institiud Radium as dèidh 1946 is ghabh i pàirt ann an togail a' chiad reactar niùclasach san Fhraing ann an 1948. Chaochail i ann an 1956.

Dh'ainmicheadh cruinn-shloc air Bhèineas oirre.




#Article 84: Paul Karrer (100 words)


B' e Paul Karrer, (Mosgo 1889–Zürich 1971), am bith-cheamagair Eilbheiseach a bhuannaich an Duais Nobel ann an Ceimigeachd ann an 1937 còmhla ri Walter Norman Haworth. Rugadh e ann an Mosgo, anns an Ruis, ach bha a phàrantan às an Eilbheis, agus ann an 1892, thill a phàrantan chun na h-Eilbheis. Leann e Ceimigeachd aig Oilthigh Zürich fo Alfred Werner, agus fhuair e PhD ann an 1911. Chaidh a leabhar, Lehrbuch der Organischen Chemie fhoillseachadh ann an 1927 agus chaidh a ath-fhoillseachadh 13 tursan. Chaidh e a-mach ann an seachd cànanan cuideachd. Bha e pòsta, agus bha da mhac aige.




#Article 85: Artturi Ilmari Virtanen (105 words)


B' e ceimigear à Suòmaidh a bha ann an Artturi Ilmari Virtanen (IPA: ˈɑrtːuri ˈilmɑri ˈʋirtɑnen) (Helsinki 15 am Faoilleach 1895–Helsinki 11 an t-Samhain 1973). Chaidh e gu Oilthigh Helsinki is dh'obraich e aig Valio, co-chomann biadh-bainne far an do dh'innlich e dòighean airson fodar is ìm glèidheadh agus cruth ùr saidhlids. Rannsaich e cuideachd bacteria anns na 1920an.

Bhuannaich e an Duais Nobel ann an Ceimigeachd ann an 1945 airson a rannsachaidh ann an àiteachas is biadh-eòlas, gu sònraichte glèidhteachas fodair. Chaidh institiud aig Oilthigh na Fionnlann an Ear ainmicheadh air còmhla ri bacterium a chaidh a lorg ann an eòrna air a bhrachadh.




#Article 86: Sir Robert Robinson (267 words)


B' e ceimigear à  Sasainn a bha anns an Ridire Robert Robinson (Chesterfield, 13 an t-Sultain 1886-Great Missenden, 8 an Gearran 1975).

Chaidh e dhan Oilthigh Mhanchester ann an 1902 is thòisich e a theusais fo W. H. Perkin, Jr ann an 1905. Chaidh e na Sgoilear an Taisbeanadh 1851 ann an 1907 is leas-òraidiche ann an 1909. Chruthaich Oilthigh Shydney ann an Astràilia cathair ùr anns a' cheimigeachd ann an 1912 is ghabh Robinson e nuair nach robh e ach 26 bliadhna a dh'aois. Rannsaich e olaichean eucalyptus an siud. Thill e a Shasainn ann an 1915 nuair a chaidh e na àrd-ollamh aig Oilthigh Liverpool. Aig àm a' Chogaidh Mhòir dh'obraich e còmhla ri British Dyes Ltd, is dh'imrich e dhan Oilthigh Huddersfield far an robh e na Stiùiriche Rannsachaidh, dhan Oilthigh Chill Rìmhinn ann an 1920 is thill e a Mhanchester ann an 1922. An dèidh do ghreis aig Colaiste Oilthigh Lunnainn eadar 1928 is 1930, dh'imrich e dhan Oilthigh Oxford agus chaidh e na àrd-ollamh Waynflete an dèidh Perkin a bhàsaich ann an 1929. Rannsaich e teòiridh na ceimigeachd fhàs-bheairteach an siud is dh'obraich e air phenicillin aig àm an Dàrna Chogaidh. An dèidh do chogadh stèidhich e an t-iris Tetrahedron an deach fhoillseachadh le Pergamon Press aig Robert Maxwell. Leig e a dhreuchd dheth sna 1950an ach sgrìobh e fèin-eachdraidh is leabhar-ionnsachaidh mu cheimigeachd fhàs-bheairteach còmhla ri E. D. Morgan a chaidh fhoillseachadh an dèidh a bhàis ann an 1975.

Bhuannaich e an Duais Nobel ann an Ceimigeachd ann an 1947. Bha e na cheann-suidhe a' Chomainn Cheimigeach eadar 1939 agus 1941.




#Article 87: Otto Paul Hermann Diels (139 words)


B' e ceimigear às  a’ Ghearmailt a bha ann an Otto Paul Hermann Diels (Hamburg 23 am Faoilleach 1876–Kiel 7 am Màrt 1954).

Tha e ainmeil airson an iom-obrachaidh Diels–Alder, a thionnsgail e còmhla ris an oileanach aige, Kurt Alder.

Bha e fhèin na oileanach aig Oilthigh Humboldt Berlin far an do sgrìobh e a theusais fo Carl Fischer is far an deach e na cheannard Roinn Cheimigeachd ann an 1913. Dh'imrich e dhan Oilthigh Kiel is dh'fhoillsich e agus Alder an iom-obrachadh ainmeil ann an 1928. Leig e dheth a dhreuchd ann an 1944 ach thill e ann an 1946 an t-oilthigh ath-thogail an dèidh do chogaidh. Leig e dheth a dhreuchd a-rithist ann an 1946.

Bhuannaich e an Duais Nobel ann an Ceimigeachd ann an 1950, còmhla ri Kurt Alder. Chaidh sràid ann an Kiel ainmicheadh air.




#Article 88: Kurt Alder (131 words)


B' e ceimigear Gearmailteach a bha ann an Kurt Alder (Königshütte 10 an t-Iuchar 1902–Köln 20 an t-Ògmhios 1958).

Dh'ionnsaich e ceimigeachd aig Oilthigh Bherlin is Oilthigh Kiel, far an do sgrìobh e a theusais, Über die Ursachen der Azoester-reaktion ('Mu adhbharan an iom-obrachadh azoester') fo Otto Diels. Chaidh e na leughadair is òraidiche an siud ach dh'fhàg e Kiel ann an 1936 is chaidh e do Leverkusen, far an do dh'obraich e air rubair fuadan airson IG Farben. Chaidh e gu Cologne ann an 1940 far an do dh'fhuirich e. Chaochail e gu h-obann ann an 1958.

Tha e ainmeil airson an iom-obrachaidh Diels–Alder, a thionnsgail e còmhla ri Otto Diels is
bhuannaich e an Duais Nobel ann an Ceimigeachd ann an 1950 air a shon còmhla ri Otto Diels.




#Article 89: Hermann Staudinger (148 words)


B' e  ceimigear às a' Ghearmailt a bha ann an Hermann Staudinger (Worms 23 am Màrt 1881–Freiburg im Breisgau 8 an t-Sultain 1965). Bhuannaich e an Duais Nobel ann an Ceimigeachd ann an 1953 airson a nuadh-lorgan ann an ceimigeachd mhòr-mhoileciuileach.

Rugadh e ann am Worms is bha e na oileanach aig Oilthigh Halle. Chaidh e na ollamh ann an Karlsruhe ann an 1907 agus dh'obraich e aig an ETH ann an Zürich eadar 1912 is 1926, far an do rinn e obair chudromach air poilimearan. As dèidh sin chaidh e gu Oilthigh Fhreiburg far an do mhair e fad a bheatha.

Ann an 1920, mhol Staudinger gun robh moileciuilean glè mhòr is glè throm ann an stuthan mar rubar. Aig an àm siud, chreid luchd-saidheans gun robh agragaidean de moileciuilean beaga a bha ann an rubar agus poilimearan eile. Chleachd Staudinger viscometry is dhearbhaich e a bheachd-bharail.




#Article 90: Archer Martin (149 words)


B' e ceimigear à Sasainn a bha ann an Archer Martin (Lunnainn 1 am Màrt 1910–Llangarron 28 an t-Iuchar 2002). Bhuannaich e an Duais Nobel ann an Ceimigeachd ann an 1952, còmhla ri Richard Synge air sgàth 's gun do dh'innlich iad cròmatografaidh pàirteachaidh, dòigh na h-anailis far an tèid na co-phàirtean a sgaradh a-rèir an sgaoilteachd.

Rugadh e ann an Lunnainn is dh'fhulaing e le doille-fhaclan nuair a bha e glè òg. Dh'ionnsaich e bith-cheimigeachd aig Oilthigh Chambridge is rinn e a dhotaireachd an siud. Nuair a dh'obraich e airson Comann Rannsachadh Gnìomhachas na Clòimhe ann an Leeds, dh'innlich e cròmatografaidh pàirteachaidh. Dh'imrich e gu Boots ann an Nottingham, far an robh e na cheannard roinn bith-cheimigeachd, ann an 1946, is do Chomhairle Rannsachaidh Mheidigeach ann an 1948. Thill e gu gnìomhachas ann an 1959 nuair a chaidh e na stiùiriche Abbotsford Laboratories. Chaochail e ann an 2002.




#Article 91: Glenn Theodore Seaborg (172 words)


B' e ceimigear às na Stàitean Aonaichte a bha ann an Glenn Theodore Seaborg (Suanais: Glenn Teodor Sjöberg, Ishpeming Michigan, 19 an Giblean 1912–Lafayette, Calafòrnia, 25 an Gearran 1999).

Bha e na oileanach aig UCLA agus Oilthigh Bherkeley, far an do sgrìobh e a theusais. Theagaisg e aig Berkeley, agus bha e an sàs anns a' Phròiseact Mhanhattan. Bha e na Sheannsalair Oilthigh Bherkeley eadar 1958 is 1961 agus chaidh e na cheannard Coimisean Lùtha Atamach ann an 1961 far a mhair e gu ruige 1971.

Còmhla ri Edwin McMillan, Joseph W. Kennedy agus Arthur Wahl rinn e plutonium-238 ann an 1940. Ann an 1944 rinn e ameireagium còmhla ri sgioba eile agus ro-innis e gum bu sreath coltach ri sreath nan lantanach a bha anns na h-eileamaidean an dèidh do dh'actinium, sreath nan actanach.

Bhuannaich e an Duais Nobel ann an Ceimigeachd ann an 1951, còmhla ri Edwin Mattison McMillan.
Seach an Duais Nobel, bhuannaich e am Bonn Nàiseanta an Saidheans ann an 1991 is chaidh seaborgium, eileamaid 106, ainmicheadh air.




#Article 92: Linus Pauling (155 words)


B' e ceimigear Aimearaganach a bh’ ann an Linus Carl Pauling. Tha e ainmeil airson a theòiridh an tàthaidh ceimigeach, a dh'fhoillsich e mar The Nature of the Chemical Bond ann an 1947 agus structar nan grunnan-feòla. Rugadh e ann an 1901 is bha e na oileanach aig Oregon Agricultural College is Caltech far an do sgrìobh e a theusas. Thill e a Chaltech as dèidh obrach còmhla ri Arnold Sommerfeld ann am Munich, is Erwin Schrödinger agus Peter Debye ann an Zürich.
B' e esan a stiùirich Martin Karplus tron dotaireachd aige.
Chaochail e ann an 1994.

Fhuair e an Duais Nobel ann an Ceimigeachd ann an 1954 airson obrach mu dheidhinn ceanglaichean ceimigeach. Ann an 1962, fhuair e an Duais Nobel a-rithist (Sìth) airson obrach an aghaidh dhearbhaidhean air armachd dhadmannach. Cha robh a-riamh ann ach dithis, Marie Curie agus Linus Pauling a fhuair dà dhiofar Dhuais Nobel. 

Dh'ainmicheadh dreag, 4674 Pauling, air.




#Article 93: Melvin Calvin (151 words)


B' e ceimigear às na Stàitean Aonaichte a bha ann am Melvin Ellis Calvin (Saint Paul, Minnesota, 8 an Giblean 1911–Berkeley, Calafòrnia, 8 am Faoilleach 1997). Tha e ainmeil air sgàth 's do bhuannaich e an Duais Nobel ann an Ceimigeachd ann an 1961 airson na h-obrach aige air co-choslachadh carbon dà-ogsaid ann am plantaichean.

Rugadh e ann am Minnesota agus dh'ionnsaich e ceimigeachd aig Michigan College of Science and Technology. Sgrìobh e an tràchdas aige aig Oilthigh Mhinnesota fo George Glockler. An dèidh sin, dh'obraich e comhla ri Michael Polanyi ann am Manchester air foto-cheimigeachd. Dh'imrich e do Oilthigh Chalafòrnia Berkeley ann an 1937 far an do mhair e gus do chaochail e.

Tha e nas ainmeil airson na h-obrach air carbon-14, a chleachd e na pròiseasan ceimigeach ann am foto-cho-chur a thuigsinn.

B' e an seachdamh Iùdhach a choisinn an Duais Nobel ann an Ceimigeachd a-riamh a bh' ann.




#Article 94: Willard Frank Libby (109 words)


B' e ceimigear às na Stàitean Aonaichte a bh' ann an Willard Frank Libby (Grand Valley, 17 an Dùbhlachd 1908–Los Angeles, 8 an t-Sultain 1980). Bhuannaich e an Duais Nobel ann an Ceimigeachd ann an 1960 airson na h-obrach aige air deiteadh rèidio-charboin.

Bha e na oileanach aig Oilthigh Chalifornia Berkeley far an do sgrìobh e an tràchdas aige ann an 1933. An dèidh don obair air am Pròiseact Manhattan chaidh e na ollamh aig Oilthigh Chicago ann an 1945 far an do dh'obraich e gus deach e na bhall United States Atomic Energy Commission. Thill e gu saoghal nan sgoilear ann an 1959 aig Oilthigh Chalifornia Los Angeles.




#Article 95: Robert Burns Woodward (106 words)


B' e ceimigear às na Stàitean Aonaichte a bha ann an Robert Burns Woodward (Boston (Massachusetts) 10 an Giblean 1917–Cambridge (Massachusetts) 8 an t-Iuchar 1979). Bhuannaich e an Duais Nobel ann an Ceimigeachd ann an 1965 airson obrach ann an co-chur fàs-bheairteach.

Bha e na oileanach aig MIT ach an sin chaidh e a dh'Oilthigh Harvard is mhair e an siud air feadh a chùrsa-obrach. Dh'fhàs e ainmeil air sgàth 's gun do rinn e co-thàthaidhean nàdarra, mar cholesterol is beòthaman B12, anns an deuchainn-lann. Sgrìobh e cuideachd, còmhla ri Roald Hoffmann, na riaghailtean Woodward–Hoffmann a tha mìneachadh na ceimigeachd diofraichte fo bhuaidh teasa no solais.




#Article 96: George Porter (116 words)


B' e George Porter neo Baron Porter of Luddenham (Stainforth 6 an Dùbhlachd 1920 – Canterbury 31 an Lùnasdal 2002) ceimigear à Sasainn.

Bha e na oileanach aig an Oilthigh Leeds agus sgrìobh e an trachdas aige fo Ronald Norrish aig an Oilthigh Chambridge. Bho 1954 gu 1966 bha e na ollamh aig an Oilthigh Sheffield agus an-sin ann an UCL.

Bhuannaich e an Duais Nobel ann an Ceimigeachd ann an 1967, còmhla ri Ronald George Wreyford Norrish agus Manfred Eigen. Bha e cuideachd na sheannsalair na Oilthigh Leicester o 1984 do 1995.

Tha Comharra-Tìre Ceimigeachd Nàiseanta a' cuimneachadh e ann an Colaiste Impireil Lunnainn, far an robh e na chathraiche na Ionad airson Saidheansan Foto-moileciuileach.




#Article 97: Odd Hassel (128 words)


B' e ceimigear à Nirribhidh a bha ann an Odd Hassel (Christiania 17 an Cèitean 1897–Oslo 11 an Cèitean 1981).

Rugadh e ann an Oslo is ann an 1915, chaidh e dhan Oilthigh Oslo. Rannsaich e còmhla ri Kazimierz Fajans ann am Munich is sgrìobh e a theusais aig Oilthigh Bherlin. Thill e do dh'Oslo far an do rannsaich e ceimigeachd neo-fhàs-bheairteach is co-chruthachd (conformation) nam moileciuilean fhàs-bheairteach. Dh'fhoillsich e a chiad toraidhean rè an dàrna Cogadh, nuair a chur na Nàsaich e ann an grèim. Chaidh a shaoradh ann an 1944. San 50an rannsaich e co-thàthadairean aiseag teairrds.

Chaidh Òraid Hassel Chomann Ceimigeachd Nirribhidh ainmicheadh air.
Bhuannaich e an Duais Nobel ann an Ceimigeachd ann an 1969 airson obrach air co-chruthachd, còmhla ri Derek H. R. Barton.




#Article 98: Luis F. Leloir (193 words)


B' e ceimigear às an Argantain a bha ann an Luis Federico Leloir (Paris 6 an t-Sultain 1906–Buenos Aires 3 an Dùbhlachd 1987). Bhuannaich e an Duais Nobel ann an Ceimigeachd ann an 1970. A bharrachd air sin, 's e a' chiad fhear aig an robh Spàinntis a choisinn an duais seo a bh' ann.

Rugadh e ann am Paris ann an 1906 agus dh'imrich a theaghlach, a bha às an Argantain o thùs, gu an Argantain nuair a bha e dà bhliadhna a dh'aois.
Dh'ionnsaich e leigheas aig Oilthigh Bhuenos Aires is an dèidh sin dh'obraich e fo Bernard Houssay a bhuannaich an Duais Nobel ann an Leigheas ann an 1947. Rannsaich e beirmearan ann an Cambridge còmhla ri Malcolm Dixon agus rannsaich e co-bheirmearan anns na Stàitean Aonaichte eadar 1943 is 1945 an dèidh don Riaghaltas na Argantaine Houssay a chur à dreuchd. Thill e gu an Argantain airson institiud ùr agus prìobhaideach a stiùireadh, is e air stèidheachadh le taic bho Houssay. Rannsaich e bith-cheimigeachd siùcairean an siud.

Tha an t-Institiud Luis Leloir airson rannsachaidh ann an saidheansan beatha a stiùirich e an dèidh 1947 fhathast ann am Buenos Aires.




#Article 99: Christian B. Anfinsen (121 words)


B' e ceimigear às na Stàitean Aonaichte a bha ann an Christian Boehmer Anfinsen (Monessen, Pennsylvania, 26 am Màrt 1916–Randallstown, Maryland, 14 an Cèitean 1995). Bhuannaich e an Duais Nobel ann an Ceimigeachd ann an 1972, còmhla ri Stanford Moore agus William H. Stein airson na h-obrach aca air a' phròtain, ribonuclease, a tha giullachd RNA.

B' e neach-iomairt a bha cuideachd ann. Chuidich e leis a' chùmhnant a bhac deuchainnean bomaichean niùclasach, is dh'iomairt e an aghaidh a' chogaidh ann am Viet Nam. Ann an 1981 chaidh e na cheannard comataidh nan Còraichean Daonna aig an Acadamh Nàiseanta nan Saidheans is shiubhal e còmhla ri buill eile don Argantain airson 11 luchd-saidheans a shàbhaladh on riaghaltas armach aig Jorge Videla.




#Article 100: John Warcup Cornforth (158 words)


B' e Ceimigear à Astràilia a bh’ ann an John Warcup Cornforth (far-ainm Kappa) (7 an t-Sultain 1917 - 8 an Dùbhlachd 2013). Bhuannaich e an Duais Nobel ann an Ceimigeachd ann an 1975, còmhla ri Vladimir Prelog.

Tha e ainmeil airson an obair aige mu structaran trì-sheallach de bheirmearan ann an catalais de dh'iom-obrachaidhean.

Rugadh Cornforth ann an Sydney, New South Wales. B' e athair an tidsear John Warcup Cornforth a rugadh ann an Sasainn agus a choisinn ceum bho Oilthigh Oxford. B' e a mhàthair Hilda Eipper (1887–1969). Bu i ogha Christopher Eipper, Gearmailteach a bha na mhiseanaraidh agus na mhinistear Clèireach a thàinig à New South Wales ann an 1832.

Thogadh Cornforth ann an Sydney agus a-mach air an dùthaich air taobh tuath New South Wales ann an Armidale.

Nuair a bha e 10 bliadhna a dh'aois, mhothaicheadh gun robh e a' fàs bodhar. 'S e otosclerosis, galar anns a' chluais, a bha as coireach.




#Article 101: Bruce Merrifield (117 words)


B' e ceimigear às Na Stàitean Aonaichte a bha ann an Bruce Merrifield (Fort Worth, Texas 15 an t-Iuchar 1921–Cresskill, Jersey Nuadh 14 an Cèitean 2006). Bhuannaich e an Duais Nobel ann an Ceimigeachd ann an 1984 airson obrach air co-chur air meatrags soladach.

Bha e na oileanach aig UCLA is chaidh e san Institiud Meadaigeach Rockefeller ann an 1949 far an do dh'obraich e air grunnan-feòla is leasaich e dòigh airson polypeptides a co-chur air taic sholadach is le inneal a tha cur nan ceimigean ris an iom-obrachadh. Dh'fhulaing e le cnàimhseagan nuair a bha e òg is fhuair e leigheasadh le réididheachd. Dh'fhulaing e le aillse a' chraicinn nuair a bha e na bu shine.




#Article 102: Herbert A. Hauptman (103 words)


B' e matamataigear agus ceimigear às Na Stàitean Aonaichte a bha ann an Herbert Aaron Hauptman (Eabhraig Nuadh 14 an Gearran 1917–Buffalo 23 an Dàmhair 2011).

Rugadh is thogadh e ann an Eabhraig Nuadh is rinn e ceum ann am matamataig aig Oilthigh Cholumbia. Chaidh e sa' chabhlachd nan Stàitean Aonaichte ann an 1940 is dh'obraich e mar thuairmsear sìde.
Dh'obraich e ann an Deuchainn-lann Rannsachaidh a' Chabhlaich gu ruige 1970. Aig an aon àm sgrìobh e an tràchdas aige, Algairim Euclaideach n-sheallach fo Jerome Karle aig Oilthigh Mharyland.

Bhuannaich e an Duais Nobel ann an Ceimigeachd ann an 1985, còmhla ri Karle.




#Article 103: Sidney Altman (105 words)


'S e ceimigear à Quebec a th' ann an Sydney Altman (Montreal 7 an Cèitean 1939). Bhuannaich e an Duais Nobel ann an Ceimigeachd ann an 1989, còmhla ri Thomas R. Cech airson an obrach air RNA.

Rugadh is thogadh e ann am Montreal is bha e na oileanach aig MIT agus sgrìobh e a thràchdas ann am Boulder, Colorado. An dèidh sin dh'obraich e airson dà bhliadhna aig an LMB ann an Cambridge còmhla ri Sydney Brenner is Francis Crick far an do lorg e fianais gum b' urrainn do RNA obrachadh mar chatailist. Sin as coireach chaidh e na ollamh aig Oilthigh Yale.




#Article 104: Paul D. Boyer (124 words)


B' e ceimigear às Na Stàitean Aonaichte a bh' ann am Paul Delos Boyer (Provo 31 an t-Iuchar 1918–2 an t-Ògmhios 2018).

Rugadh e ann an Utah is bha e na oileanach aig Oilthigh Brigham Young. Sgrìobh e a theusais aig Oilthigh Wisconsin is dh'obraich e aig Oilthigh Stanford is Oilthigh Minnesota mus deach e do dh'UCLA ann an 1963. Rannsaich e am beirmear a tha a' dèanamh ATP, moileciuil glè chudromach ann an cearcall lùths nan cealla, is chinntich John E. Walker a theòiridh mun phròiseas nuair a dhearbhaich e structar an ATP synthase.

Bhuannaich e an Duais Nobel ann an Ceimigeachd ann an 1997, còmhla ri Jens C. Skou agus John E. Walker airson na h-obrach aca air lùths ann an ceallan. 




#Article 105: Richard Smalley (126 words)


B’ e ceimigear às na Stàitean Aonaichte a bha ann an Richard Errett Smalley (Arkon 6 an t-Ògmhios 1943–Houston 28 an Dàmhair 2005).

Bha e na oileanach aig Hope College ann am Michigan agus an sin Oilthigh Mhichigan. Dh'obraich e airson Shell Oil mar cheimigear agus sgrìobh e a thràchdas aig Oilthigh Phrinceton far an do rannsaich e speactromachd leusair. An dèidh postdoc aig Oilthigh Chicago lean e an rannsachadh aige aig Oilthigh Rice. Lorg e, còmhla ri a oileanach Robert Curl agus Harold Kroto à Sussex, fullerenes ann an 1985 is Kroto air chèilidh. Chaochail e le tinneas nan ceallan bàna aig aois 62.

Bhuannaich e an Duais Nobel ann an Ceimigeachd ann an 1996, còmhla ri Curl agus Kroto airson obrach ann an nanoteichneòlas.




#Article 106: Jens C. Skou (105 words)


B' e ceimigear agus ollamh às An Danmhairg a bh' ann Jens Christian Skou (IPA: ˈjɛns kʁæsdjæn ˈsɡʌʊ̯ˀ, Lemvig 8 an Dàmhair 1918–28 an Cèitean 2018). Rugadh e anns an Danmhairg is rinn e dotaireachd meidigeach aig Oilthigh Chopenhagen rèn Dàrna Cogaidh. Dh'imrich e a dh'Oilthigh Aarhus far an do rannsaich e ciamar a tha an-fhaireachdairean ag obair is choilean e dotaireachd eile ann an 1954. Lorg e Na+/K+-ATPase, a tha a' stiùireadh ìrean salainn ann an ceallan, ann an ceallan phartan ann an 1957.

Bhuannaich e an Duais Nobel ann an Ceimigeachd ann an 1997, còmhla ri Paul D. Boyer agus John E. Walker.




#Article 107: John A. Pople (150 words)


B’ e ceimigear a bha ann an Sir John Anthony Pople. Rugadh e air 31 an Dàmhair, 1925 ann am Burnham on Sea, Somerset, Sasainn agus chaidh a thogail an seo cuideachd. Bha e aig Sgoil Gràmair Bhristol as deidh sin, far a bheil seòmar IT air a bheil ainm. An uair sin chaidh e a Colaiste na Trianaide, Cambridge. Fhuair e BA ann an 1946 agus rinn e ollamhachd  ann am matamataig ann an 1951 anns an Oilthigh Chambridge. Dh’imrich do na Stàitean Aonaichte anns a’ bhliadhna 1964. Chaochail e air  15 am Màrt 2004. Tha e ainmeil  air sgàth a chuid obrach air molecular orbitals, aig an robh Rudolph Pariser agus  Robert G. Parr ag obair cuideachd. An-diugh canar an dòigh Pariser–Parr–Pople ris. Bhuannaich e Duais Nobel ann an Ceimigeachd ann an 1998 airson na h-obrach aige air dòighean coimpiutaireach ann an ceimigeachd chuantamach còmhla ri Walter Kohn.




#Article 108: Alan MacDiarmid (146 words)


B' e ceimigear à Sealainn Nuadh a bha ann an Alan Graham MacDiarmid (Masterton 14 an Giblean 1927–Philadelphia 7 an Gearran 2007). Bhuannaich e an Duais Nobel ann an Ceimigeachd ann an 2000, còmhla ri Alan J Heeger agus Hideki Shirakawa airson na h-obrach aice air poilimearan a tha nan giùlanairean.

Rugadh is thogadh e ann an Masterton, Sealainn Nuadh. Nuair a bha e 16 thòisich e ag obair mar neach-cùraim aig Colaiste Bhictoria ann an Wellington, is rinn e ceum pàirt-ùine. Dh'ionnsaich e aig Oilthigh Chambridge is Oilthigh Wisconsin agus chaidh e na àrd-ollamh aig Oilthigh Phennsylvania. Chuala e mu poilimearan airgeadach nuair a bha e aig seiminear ann an Tokyo còmhla ri Hideki Shirakawa is rinn Shirakawa cèilidh air Oilthigh Phennsylvania gus poilimearan giùlanach a dhèanamh.

Chaochail e as dèidh tuiteim nuair an robh e a' dol gu port-adhair airson itealaidh do Shealainn Nuadh.




#Article 109: Karl Marx (253 words)


B' e feallsanaiche poileataigeach às a' Ghearmailt a bha ann an Karl Heinrich Marx (Trier, 5 an Cèitean, 1818 – Lunnainn, 14 am Màrt 1883). Bhitheadh e a sgrìobhadh mu airgeid agus cumhachd. Cuide ri Friedrich Engels, stèidhich e an fheallsanachd phoilitigeach ris an canar Co-mhaoineas anns an duilleachan no pamflaid am Manifesto Commanach a thàinig a-mach ann an 1848. An dèidh seo 's e 'Marxachas' a dh'èighear air na smuaintean aige.

Bha e na oileanach sna oilthighean ann am Bonn agus Berlin. Dh'imrich e do Pharas ann an 1843, far an do choinnich e Engels, agus Lunnainn ann an 1849. Tha mòran den bheachd gur e an leabhar is cudromaiche aige Das Kapital a sgrìobh e tarsainn air trì deichead agus far an do bhris e sìos, bheachdaich e agus gu ìre dh'ainmich e an seòrsa eaconamas ris an canar Kapitalismus (Gàidhlig: calpachas) san latha an diugh.
Bha e a' dol an aghaidh bheachdan eaconamas libearalaich agus lean mòran deasbaid eadar an fheadhainn a tha ag aontachadh leis agus an fheadhainn nach eil.

Dh'ùghdar e gu leòr leabhraichean eile mu iomadach cuspair cuideachd. Ged a chaidh a bhreith anns a' Ghearmailt bha aige ri gluasad dhachaigh glè thric oir nach bu chaomh le toir dhaoine na beachdan aige agus mu dheireadh rinn e a dhachaigh ann an Lunnainn agus dh'fhuirich e an sin gus an do bhàsaich e ann an 1883. Thug na sgrìobh agus na rinn e buaidh mhòr air Fidel Castro.

Dh'ainmicheadh an Oilthigh Leipzig air eadar 1953 agus 1990.




#Article 110: Ratharsair (205 words)


'S e eilean fada caol air taobh an ear an Eilein Sgitheanaich a th' ann an Ratharsair. Chanaidh cuid Ratharsaigh, ach chan eil ann an sin ach cruth Gàidhealach air an t-ainm Beurla: Raasay. 

Tha an ceann a tuath creagach, agus tha coilltean sa cheann a deas. 'S e Dùn Cana a' bheinn as àirde air an eilean.  

Fhad 's a bha 192 duine a' fuireach ann an Ratharsair anns a' bhliadhna 2001, a-rèir cunntas-sluaigh cha robh ach 161 duine a' fuireach anns an eilean ann an 2011. Tha iomadh taighean nan iar-dhachaidh. 'S e Inbhir Àrais am prìomh baile. 

Tha trì eileanan beaga faisg air ceann a tuath Ratharsair: Rònaigh, am fear as motha, Fladaigh agus Eilean Taighe. 

Faic cuideachd: Liosta nan lochan ann an Ratharsair

Lorgar clach-iarainn air Ratharsair aig deireadh an 19mh linn, agus trath anns an 20mh linn fhuair maighstirean-iarainn Uilleam Baird  Co. seilbh air an eilean. Fhosgail Baird meinn-iarainn air an Eilean mu àm a' Chogaidh Mhòr ach cha do chum e a' dol às dèidh 1920. 

Nuair a chaidh An Eaglais Shaor Chlèireach stèidheachadh ann an 1893, bha Dòmhnall MacPhàrlain a bha na mhinistear ann an Ratharsair aig an àm seo, an sàs ann an tachartas seo gu mòr.




#Article 111: Coinneach Odhar (2294 words)


'S e fàidh a bha ann an Coinneach Odhar, Fiosaiche Bhrathainn.

Bha na seann Ghàidheil a' creidsinn gu làidir ann am fiosachd no an taibhsearachd. Gu tric chanadh iad an dà-shealladh  ris. Bha iad dhen bheachd gun robh daoine àraidh ann aig an robh comas neo-àbhaisteach a bhith a' faighinn eòlais, chan ann a-mhàin air rudan a bha falaichte bho dhaoine eile, ach cuideachd air rudan a bha gu teachd.

Cha robh na daoine aig an robh a' ghibht seo a' dèanamh uaill aiste, is ann a bhiodh iad toilichte a bhith às a h-eugmhais. Abair gun coinnicheadh tu fhèin ri caraid air an rathad. Chitheadh tusa e na aodach àbhaisteach ach nan tachradh an taibhsear ris an aon duine agus e dlùth ri bàs, chitheadh an taibhsear e na aodach-mairbh. Chanadh tu nach be gibht a dh'iarradh duine a bhiodh an sin!

Am measg taibhsearan na Gàidhealtachd b' e Coinneach Odhar Fiosaiche a b' ainmeile. Bha urram aig Coinneach mar fhàidh na dhùthaich fhèin oir bha a chliù mar fhiosaiche air a chraobh-sgaoileadh air fad an Taoibh Tuath, agus eadhon an-diugh cluinnear gu tric iomradh air na rudan neo-àbhaisteach a labhair e.

Cha robh eòlas aig daoine air ach o bheul-aithris ach chaidh iomradh fhaighinn air ann an eachdraidh. Bha seo ann an seann phàipear a bha air a sgrìobhadh ann an Laideann, leis an luchd-riaghlaidh, anns a' bhliadhna 1577, mu àm Rìgh Seumas VI.

Tha Coinneach air ainmeachadh anns a' phàipear seo mar Keonoch Owir, fìor dhraoidh. Tha ùghdarras bhon Chrùn air a thoirt do shiorram Chrombaidh a chur an sàs airson na h-obrach chronail ris an canadh iad an Sgoil-dubh. Faodaidh e a bhith gun d' fhuair am Fiosaiche droch ainm airson rudan de nach robh e ciontach, ach a rèir lagha nan làithean ud, bha luchd-draoidheachd air an cur gu bàs, ged nach eil fhios againn ciamar a chaidh do Choinneach.

Co-dhiù, chan eil e coltach gun deach a chliù càil na bu lugha am measg an t-sluaigh aig an àm, no an dèidh sin. Seach gun tàinig na sgeulachdan eile a tha againn mu Choinneach a-nuas tro na linntean le beul-aithris, bha cunnart ann gun deigheadh mòran a chur riutha. Feumar aideachadh cuideachd gu bheil mòran den fhàisneachd a tha air a h-ainmeachadh air Coinneach glè choltach ri fàisneachd Tòmas nan Rann, fiosaiche ainmeil eile a bhuineadh don Ghalldachd, agus a bha beò ri linn Rìgh Alasdair III, mu thrì cheud bliadhna ro àm Choinnich.

Bhiodh na Gàidheil eudmhor mu chliù am fàidh fèin, agus is dòcha gun cuireadh iad facail le Tòmas ann am beul Choinnich.

Ach a dh'aindeoin sin, chaidh iomradh air fàisneachd Choinnich air feadh na dùthcha, agus tha e glè shoilleir gun robh buaidh mhòr aig an Fhiosaiche air inntinnean an t-sluaigh. Bha aithne aca air cuid de nithean mun do labhair e, agus an uair a thachair rudan àraidh, bha daoine a bha toinisgeil gu leòr den bheachd gun robh seann fhàisneachd, air an robh iad eòlach fada roimhe sin, air a coileanadh.

Mar a thachair a thaobh a' Ghreugaich chliùitich sin, Homer, chan eil fhios le cinnt càite an do rugadh Coinneach, ach b' e beachd a' mhòr-shluaigh gum b' e Baile na Cille ann an Ùig, Eilean Leòdhais àite a bhreith. Bha iad a' creidsinn gun do rugadh e mun t-seachdamh linn deug, ach bhon phàipeir air an deachaidh bruidhinn mu thràth tha fhios againn a-nis gun robh e beò còrr is ceud bliadhna roimhe sin.

Tha caochladh sgeulachdan neònach air an innse mu làithean òige Choinnich. Tha e air a ràdh gun d' fhuair e grèim uaireigin air cloich a bha anabarrach bòidheach an dath is an cumadh, is toll tro meadhan. An uair a bheireadh e sùil troimhpe chitheadh e sealladh air rudan a bha gu teachd.

Bha feadhainn a' cantainn gun d' fhuair e a' chlach dhìomhair seo bho thaibhse nighean rìgh Lochlainn. Ceudan bliadhna roimhe sin chaidh am bàta air an robh a' bhean-uasal seo a' seòladh a chall mu chladaichean an iar Leòdhais.

Tha cuid eile ag ràdh gun do thuit e aon là ann an cadal trom, is e na laighe air cnoc, agus nuair a dhùisg e, dh'fhairich e a' chlach chruaidh fodha. Tha cuid eile ag ràdh gun robh e aon là a-muigh air a' mhonadh na aonar, agus gun tàinig e air a' chloich ann an nead fithich. Bha iad a' cantainn gun do chaill e sealladh tè de a shùilean a' chiad uair a choimhead e tron chloich, agus gun robh e dall air an t-sùil sin riamh an dèidh sin.

Mheudaich cliù Choinnich mar fhiosaiche leis an fhàisneachd a rinn e mu cheannard Chlann Mhic Choinnich, Triathan ainmeil Chinn t-Sàile, aig an robh mar shuaicheantas Cabar an Fhèidh, agus a bha a' còmhnaidh ann an seann Chaisteal Bhrathainn.

Tha e coltach gun deach Coinneach agus Baintighearna Bhrathainn a-mach air a chèile an uair a labhair e mu a fear-pòsta agus 's math dh'fhaoidte mu a deidhinn fhèin, rudan nach bu mhath leatha a bhith cluinntinn. Bha fhios aice nach toireadh am marbh fianais, agus chuir i air gun robh e ri draoidheachd. Chaidh am fiosaiche a chur gu bàs ann am baraille tearra, faisg air far a bheil an taigh-solais na sheasamh an-diugh air Rubha na Cananaich, an taobh an ear de Shiorrachd Rois.

Bha a' Bhaintighearna am measg an fheadhainn a lean e gus an àite sin. Is ann an uair a bha iad a' magadh air, air an rathad, a thionndaidh e rithe, agus a rinn e an fhàisneachd ainmeil mun cluinnear gu tric fhathast.

Ge b' e air bith cò a chur na briathran gruamach seo ri chèile, thàinig iad a-nuas thugainn tro iomadh linn, agus bha iad air bilean dhaoine fada mun tàinig air teaghlach aosmhor Chinn t-Sàile deuchainnean cho goirt. Bha sluagh ag ràdh gun robh iad sin glè choltach ris na rudan air an robh an fhàisneachd a' labhairt.

Anns a' bhliadhna 1815, an uair a chaochail an Triath mu dheireadh, ged bu duine-uasal e a bha ro chliùiteach ann an seirbhis a' Chrùin, bha mòran de na thachair dha coltach ris an fhàisneachd.

Bha an Triath mu dheireadh a bh' ann an Cinn t-Sàile bodhar tro thinneas na òige, ach ged a bha e caran liotach, cha robh e balbh. Bha fios aig Sir Walter Scott air an fhàisneachd, agus an deireadh làithean an Triatha seo bha e a' faicinn mar a bha suidheachadh an teaghlaich agus briathran na fàisneachd a' tighinn ri chèile.

An uair a chuala e mu a bhàs, sgrìobh e an cumha sin ris an abrar Lament for the Last Seaforth, anns a bheil e ag ràdh, an dèidh iomradh a dhèanamh air gach trioblaid a thàinig air Ceann-cinnidh Chloinn Choinnich:

Chaochail triùir mhac an Triatha seo roimhe fhèin. B' èiginn dha le cion airgid oighreachd Chinn Tàile a reic, agus an dèidh a bhàis reiceadh Eilean Leòdhais, agus oighreachdan eile a bhuineadh don teaghlach.

Ann a bhith a' toirt dhuibh beagan eile de sgeulachdan mun fhiosaiche seo, chan iarradh sinn gum biodh sibh gan gabhail gu lèir mar an fhìrinn oir is dòcha gur e faoineas a tha ann am mòran dhiubh. Ach dh'iarradh sinn gun dèanadh sibh beagan tuigsinn air cò às a dh'èirich na sgeulachdan seo gus an tig sibh gu bhith creidsinn gu bheil dìomhaireachd mhòr timcheall air ur beatha air an talamh agus gu bheil an Cruinne-cè da-rìribh iongantach.

Na bitheadh e a' cur eagail oirbh ach aig a' cheart àm bithibh a' toirt urraim dha. Cha leig sibh a leas a bhith fo eagal anns an oidhche ma chluinneas sibh sgread na caillich-oidhche anns a' choille, no an uair a chì sibh an teine-dealain air seann mhaide daraich aig taobh an rathaid mhòir, no an dreag a' siubhal gu soilleir tron adhar.

A-nis, 's dòcha gu robhas a' faicinn Choinnich mar dhuine neònach na latha, ach cha bhiodh e air a mheas am measg an t-sluaigh mar dhroch dhuine. Bhiodh iad a' coimhead air an taibhsear mar neach aig an robh spiorad a fhuair saorsainn bho gach cleachdadh amaideach, air dhòigh is gun robh comas aige air rudan fhaicinn 's a chluinntinn nach robh aig daoine eile.

Rinn Coinneach fiosachd mu bhlàr fuilteach a bha dol a ghabhail àite agus an dèidh a' bhlàir mar a shàsaicheadh am fitheach e fhèin le fuil laoch fad thrì làithean. A rèir beul-aithris, bha grunnan àitean anns am faodadh an cath oillteil seo a bhith air a chur, agus tha aon dhiubh faisg air baile Inbhir Nis. Aig àm a' Chogaidh Mhòir, chuala na croitearan a bha fuireach os cionn Loch Nis, ann an àite iomallach, crònan eagalach anns an adhar mu mheadhan-oidhche. B' e seo soitheach-adhair Gearmailteach a chaidh air chall air na monaidhean. Am b' iongnadh ged a bhiodh fàisneachd Choinnich Odhair a' tighinn an cuimhne nan croitearan?

Bha aithne aig an Ollamh Tormod MacLeòid, Caraid nan Gàidheal, air an fhiosachd mu theaghlach Dhùn Bheagain, is e sin gun deigheadh Tormod nan Trì Tormod a mharbhadh ann an tubaist an uair a dheigheadh sealltainn air Bratach shìth Chloinn Leòid an uair mu dheireadh.

Bha an t-Ollamh còir air chuairt ann an Caisteal Dhùn Bheagain anns a' bhliadhna 1799. Thachair do ghobha Gallda a bhith ag obair mun Chaisteal, agus aon là dh'innis e don Ollamh gun robh a' chiste iarainn anns an robh a' bhratach air a glasadh gu bhith air a fosgladh. Bha Tormod an làthair aig àm fosgladh na ciste, agus an taobh a-staigh dhith bha bocsa fiodha den robh fàile ro chùbhraidh. Am broinn a' bhocsa fhiodha bha a' bhratach iomraiteach na laighe, is i air a dèanamh den t-sìoda bu bhrèagha, agus obair-ghrèis ro ghrinn air a chur oirre, le croisean de shnàth òr. Goirid an dèidh sin thàinig fios gun deachaidh an long-chogaidh air an robh Tormod Dhùn Bheagain na oifigear fodha, agus gun robh e air a chall.

Dh'innis e fada ro làimh mu rathaidean mòra is mu rathaidean iarainn a bha gu dhol tarsainn air an dùthaich. Thig an là an uair a chithear rathad a' dol tro chnuic Shiorrachd Rois bho mhuir gu muir, agus drochaid thar gach uillt. Thig an là an uair a bhios sreath fhada de charbadan a' siubhal eadar Inbhir Nis agus Inbhir Pheofharain, agus chan fheum iad eich gan tarraing.

Dh'innis e mu àm anns am biodh fèidh agus caoraich na bu phrìseile ann an sùilean nan uachdaran Gàidhealach na daoine, agus mar a bha sin a' dèanamh nan gleann fàs. Thig an là a chuireas obair chaorach an crann-treabhaidh a-mach à bith.

Thug e iomradh air an adhartas a thigeadh air obair an lighiche ann a bhith leigheis euslainte. Thuirt e mu thobraichean Srath Pheofharain, Thig an là an uair a bhios glas is iuchair air na h-uisgeachan searbha seo, agus bithidh sluagh a' tighinn às gach àite gan òl.

Dh'innis e gum bitheadh bàtaichean a' seòladh bho cheann gu ceann de Ghleann Mòr na h-Alba. Chunnaic e an là a bhiodh glas is iuchair air Tom na h-Iubhraich, agus tha fhios gu bheil an cnoc bòidheach sin a-nis na àite adhlacaidh ro thlachdmhor.

Tha iad a' creidsinn gun d' rinn e fàisneachd mu Bhlàr Chùil Lodair. O, Dhruim Athaisidh, tha mi a' faicinn latha air am bidh do raointean dearg le fuil uasal laoch nan gleann.

Chan eil sinn a' dol a choimeas fàisneachd Choinnich ri fàidheadaireachd Isaiah, ach is fhada cuid de na thuirt e o bhith faoin, gun bhrìgh, oir tha fhacail gu tric a' beantainn ri gnothaichean a tha glè chudthromach a thaobh leasachaidh is sonas an t-sluaigh.

Gun teagamh tha cuid de na thuirt e a shaoilear neònach gu leòr. Thig an là air am bidh sionnach geal air a mharbhadh ann an Cataibh. Cò aige tha fhios nach robh Coinneach a' faicinn fada às Linn na h-Eighe a' tighinn air an talamh a-rìs?

Ach cha chòir dhuinn tàir a dhèanamh air na rudan sin. Tha ùghdaran ainmeil nar là fhèin a tha a' cur rudan nas neònaiche is nas lugha brìgh nan cuid leabhraichean an lùib nan creudan aca fèin. 'S còir dhuinn, mar sin, sealltainn air Coinneach gu càirdeil.

Chaidh mòran de na thuirt Coinneach a thoirt còmhla le Alasdair MacCoinnich ann an leabhar beag (Beurla: The Brahan Seer). Bheir e toil-inntinn dhuibh an leabhar seo a leughadh, ach a thaobh fìrinn na sgeulachd cha leig sibh a leas a bhith ro chinnteach aiste.

Nuair a bhitheas sinn a' meòrachadh air beachdan dhaoine anns na làithean a dh'fhalbh, tha sinn mar gum biodh a' sealltainn a-steach tro uinneig bhig an taighe-dhuibh, far a bheil sinn air faileasan annasach fhaicinn a' gluasad fo na seann chabair ud, ach bha eagal is dòchas, aoibhneas is bròn, gràdh is fuath ann an siud, dìreach mar tha iad sin an-diugh againn fhèin.

Feumar a ràdh gun robh an sluagh bho shean a' toirt cus creideis do thaibhsean is do mhanaidhean, ach tha an cuid sgeulachdan is bheachdan ag innse dhuinn gu robh iad geur-mhothachail nan smuaintean air dìomhaireachd na Cruitheachd, air mòralachd an Tì sin a tha ga cumail suas, agus air sòlaimteachd beatha an duine.

Faodaidh an seann bhocsa a bhith meirgeach agus grànnda, ach dèanaibh greim air an t-seud na thaobh a-staigh. 'S dòcha, tro thìde, nach toir sibh feart air na seann sgeulachdan mar fhìrinn, ach na caillibh an comas sin tron cluinn sibh guthan Nàdair, a' tighinn le sanasan do bhur spiorad, agus trom faic sibh glòir nan speuran le iongnadh is le urram.

Biodh a' Ghàidhlig measail agaibh, agus bithibh an-còmhnaidh dìleas do chànain bhur sinnsire, ach aig an aon àm thoiribh an làn aire don Bheurla. Tron Ghàidhlig thèid agaibh air a' Bheurla a labhairt nas ceòlmhoire agus a tuigsinn nas fheàrr.




#Article 112: Jan Tinbergen (161 words)


B' e eaconamaiche às na Tìrean Ìsle a bha ann an Jan Tinbergen (Den Haag, 12 an Giblean 1903–Den Haag, 9 an t-Ògmhios 1994).

Còmhla ri Ragnar Frisch bhuannaich e a' chiad Duais Nobel ann an Eaconomachd ann an 1969 airson an obrach air modailean daineamaig phròiseasan eaconamach.

Rugadh e ann an Den Haag is bha e na oileanach aig Oilthigh Leiden far an do dh'ionnsaich e matamataig is fiosaig teòiridheach agus thachair e ri Paul Ehrenfest. B' e neach-gearain cogaiseach a bh' ann is an àite seirbheis san arm dh'obair e sa' phrìosan ann an Rotterdam. Dh'imrich e do Àrd-Bhiùro Statastaigs ann an 1928 an dèidh do còig mìosan (de 15) sa' phrìosan is chuir e a theusais, Minimumproblemen in de natuurkunde en de ekonomie, a-steach ann an 1929. Chaidh e na àrd-ollamh aig a' Sgoil Nàiseanta na Tìrean Ìsle ann an 1933 is mhair e an siud gu 1973. Chaidh e cuideachd na stiùiriche Biùro Planaidh Mheadhanach o 1943.




#Article 113: José Echegaray y Eizaguirre (112 words)


B’ e sgrìobhadair às an Spàinn a bha ann an José Echegaray y Eizaguirre.

Rugadh e ann am Madrid ann an 1832 is chaochail e an siud fhèin ann an 1916.
Bha e na oileanach aig an Sgoil Einnseanaireachd Rathaidean ann am Madrid agus an sin chaidh e na neach-teagaisg an siud. 
An dèidh don aramach ann an 1868 chaidh e san riaghaltas is bha e na mhinistear leasachadh eaconomaigeach ann an 1869 is 1872, agus na mhinistear ionmhais gus thill am monarcachd ann an 1874.

'S e El gran Galeoto an leabhair as ainmeile aige. Bhuannaich e an Duais Nobel ann an Litreachas còmhla ri Frédéric Mistral anns a’ bhliadhna 1904.




#Article 114: Gunnar Myrdal (116 words)


B' e eaconamaiche às an t-Suain a bha ann an Karl Gunnar Myrdal (Skattungbyn, 6 an Dùbhlachd 1898 - Danderyd, 17 an Cèitean 1987). Thug e ceum bho Oilthigh Stockholm agus bha e na ollamh san Sgoil Eaconomais Stockholm cuideachd. Còmhla ri Friedrich Hayek bhuannaich e an Duais Nobel ann an Eaconomacachd ann an 1974. Phòs e aig Alva Reimer ann an 1924. Bha ise cuideachd na thè-poileataigs agus bhuannaich i an Duais Nobel airson Sìthe ann an 1982. Sgrìobh iadsan an leabhar Kris i befolkningsfrågan (Staing ann an Ceist an t-Sluaigh) ann an 1934 B' iad an aon chàraid phòsta a bhuannaich an Duais Nobel ann an raointean eadar-dhealaichte agus ann am bliadhnaichean fa leth.




#Article 115: Selma Lagerlöf (123 words)


B’ e sgrìobhadair às an t-Suain a bha ann Selma Ottilia Lovisa Lagerlöf (IPA:/ˈsɛlma ʊˈtiːlɪa lʊˈviːsa ˈlɑːgərˌløːv/). Rugadh i ann an taigh mòr ris an canar Mårbacka anns a' bhaile Sunne ann an 1858 agus chaochail i an siud fhèin ann an 1940.  Sgrìobh Lagerlöf a' chiad nobhail aice ann an Landskrona ann an 1881, nuair a bha i na tidsear. 'S e Nils Holgerssons underbara resa genom Sverige (Beurla: The Wonderful Adventures of Nils) an leabhair as ainmeile aice. B' e ise a' chiad bhean a bhuannaich an Duais Nobel ann an Litreachas riamh. Fhuair i an duais anns a’ bhliadhna 1909. B' ann a' filmeadh Gösta Berlings saga, a sgrìobh Lagerlöf ann an 1891, a thòisich Greta Garbo anns na filmichean. 




#Article 116: Gerhart Hauptmann (148 words)


B' e sgrìobhadair Gearmailteach a bha ann an Gerhard Hauptmann, (Ainm-breith: Gerhart Johann Robert Hauptmann). Bhuannaich e Duais Nobel ann an Litreachas ann an 1912 airson an leabhair aige: Die Ratten  (Na Radan).

Rugadh e san 15 an t-Samhain 1862 ann an Obersalzbrunn, baile beag anns an ear-thuath na Gearmailt. Ann an 1885 dh’imrich e gu Berlin, far a do phòs e. Thòisich e air sgrìobhadh aig an àm seo. Rinn e sin ann an stoidhle ùr ris an canar naturalism literature anns a’ Bheurla. Ann an 1891 dh'imrich e a-rithist gu Schreiberhau ann an Silesia.

Ann an 1909 fhuair e ollamhachd urramach ann an Oilthigh Oxford agus ann an Oilthigh Leipzig. 

Chaochail e anns an 6 an t-Ògmhios 1946 ann an Agnetendorf, Silesia. 

Sgrìobh e mòran leabhraichean, gu h-àraidh dràma agus nobhailean. Chaidh a' chuid as motha dhiubh eadar-theangachadh gu Beurla.

Seo cuid den fheadhainn às cudthromaiche:




#Article 117: Henrik Pontoppidan (132 words)


B’ e sgrìobhadair às an Danmhairg a bha ann an Henrik Pontoppidan.

Rugadh e ann am Fredericia ann an 1857 agus chaidh e do Chopenhagen airson innleadaireachd ionnsachadh ann an 1873. Dh'fhàg e an t-Institiud Polytechnic ann an 1879 is dh'obraich e mar thidsear gu ruige 1882, an dèidh do chiad teachd a-mach litreachail, sgeulachd ghoirid, Et endeligt ('An Deireannach') anns an iris Ute og hjemme ('A-muigh agus Dhachaigh'). Dh'fhoillsich e a chiad nobhail, Sandinge Menighed (Co-thional Shanding'), ann an 1883. Chaochail e ann an Copenhagen ann an 1943.

Bhuannaich e an Duais Nobel ann an Litreachas còmhla ri Karl Gjellerup ann an 1917. Tha e ainmeil airson nan leabhraichean aige, far an robh e a' sgrìobhadh gu math mionaideach mu dhòigh-beatha anns an Danmhairg. Seo cuid den fheadhainn as ainmeile aige: 
 




#Article 118: Anatole France (427 words)


B' e Anatole France, an t-ainm-pinn aig François-Anatole Thibault, sgrìobhadair às an Fhraing. Bhuannaich e an Duais Nobel ann an 1921.

Rugadh e an 16mh latha dhen Ghiblean 1844 ann am Paras fhèin. ‘S e leabhraiche a bh’ ann athair, is le sin chuireadh e seachad a bheatha a-measg leabhraichean. 'S e  Librairie de France (Gàidhlig: Bùth-leabhraichean na Frainge) an t-ainm a bha air a’ bhùth sin is chleachd Jacques Anatole François e airson ainm-pinn. Fhuair e a chuid fhoghlaim aig an àrd-sgoil caitligeach Collège Stanislaus is nuair a dh’ fhàg e an sgoil bha e an sàs ag obair ri taobh athar anns a’ bhùth aca. Fhuair e dreuchd mar leabharlannaiche aig Seanadh na Frainge ann an 1876. Chaidh aige ri ballrachd Académie française (Gàidhlig: Acadamaidh na Frainge) fhaighinn ann an 1896, nuair a chaochail Ferdinand de Lesseps. 

Thug Anatole France taic làidir do dh’ Émile Zola anns a’ chùis Dreyfus, is  chuir e fiù’s ainm gu athchuinge, a dh’iarr air na h-ùghdarrasan sgrùdadh air a’ chùis sin a dhèanamh is gun toireadh bonn na Legión d'Honor air ais do Zola, dìreach an latha an dèidh a dh’ fhoillsich Zola an t-airtgil J'accuse...! ann am pàipear-naidheachd. A bharrachd air sin bha e an sàs ann an stèidheachadh bhuidhne airson Còirichean Daonna. Dhèanadh iomairtean ann an dà chuid airson sgaradh na h-eaglaise bhon stàit agus airson aonaidhean-ciùide a chur air dòigh. 

Bha e aig obair airson L'Humanité, pàipear-naidheachd an làimhe-chlì agus rinn e iomairt an aghaidh Còrdaidh Versailles ann an 1919, nuair a sgrìobh e artaigil leis an tiotal An aghaidh na Sìthe gun Cheartas, a dh’fhoillsich L’Humanité air an 22mh latha dhen Iuchar sa bhliadhna sin. Sheas e aig na taghaidhean ann an 1914 airson Earran Frangach Eadar-nàiseanta na Luchd-Obrach (SFIO), seann ainm Pàrtaidh Sòisealach na Frainge, is bha dlùth air  a’ Phàrtaidh Comannach na Frainge, ach rinn e dubh chàineadh orra mu dheireadh thall. 

Chaochail e air an 12na latha dhen Dàmhair 1924 aig an dachaigh, ann an Tours.

Dh’fhàs Anatole France a bhith uabhasach ainmeil an an 1888 nuair a dh’fhoillsich Le crime de Sylvestre Bonnard, seòrsa dhe sgrùdadh air an 19mh linn. Mholadh an leabhar air sàilleabh a chuid rosg eireachdail is fiù’s bhuannaich e duais Acadamaidh na Frainge.

Bhuannaich e an Duais Nobel ann an Litreachas ann an 1921 airson a bhith ag aideachadh a chuid euchdan spaideil ann an litreachas, is iad làn nòs allail, tlusalachd gu math domhainn, ceadachas agus fìor nàdar Frangach 

Chuireadh an t-ainm aige gu asteroide (11166 Anatolefrance) a lorg Eric Walter Elst 27mh an Gearran 1998.




#Article 119: William Butler Yeats (152 words)


B' e sgrìobhadair Èireannach a bha ann an William Butler Yeats. Rugadh e ann am Baile Átha Cliath ann an 1865 agus chaochail e ann an Roquebrune-Cap-Martin ann an 1939. Bha uidh mhòr aige sna Seann-Cheiltich. Bhuannaich e an Duais Nobel ann an Litreachas ann an 1923.

Sgrìobh e cuideachd dealbhan-cluiche mar The Countess Kathleen (1892) is Cathleen ni Houlihan (1902) anns an do nochd a bhràmair Maud Gonne. Bha e na cheann-suidhe Comann Taigh-cluiche Nàiseanta na h-Èirinn an do stèidhich Amharclann na Mainistreach ann am Baile Átha Cliath ann an 1904. Sgrìobh e an duan ainmeil Easter, 1916 an dèidh do Ar-a-mach na Càisge.

Tha an t-ainm, William Butler Yeats, a' nochdadh gu tric ann am bàrdachd Shomhairle MhicGill-Eain, gu sònraichte ann an Dàin do Eimhir agus Dàin Eile. Ann an dà dhàn eile, 'Thug Yeats Dà Fhichead Bliadhna' is '', tha MacGill-Eain a' làimhseachadh a dhàim làidir toinnte ri Yeats. 




#Article 120: Ronald Coase (113 words)


Is e eaconomaiche Breatannach a tha ann an Ronald Coase. Rugadh e air 29 an Dùbhlachd 1910 faisg air Lunnainn. Bha e na ollamh air foghnadh de Eaconamaiche aig sgoil-lagha Oilthigh Chicago. Cheumnaich e bho Sgoil Eaconomaiche Lunnainn ann an 1931 is dh'obair e aig Oilthigh Bhuffalo agus Oilthigh Virginia mus deach e gu Chicago ann an 1964. Dh'fhrithealaich e mar dheasaiche Journal of Law and Economics o 1960 far an do dh'fhoillsich e an obair aige as ainmeile. Bha buaidh aige air poileasaidhean nan riaghaltasan air feadh an t-saoghal, mar eisimpleir ròpan airson an speactram rèidio is malairt gualain.
Bhuannaich e an Duais Nobel ann an 1991.
Chaochail e ann an 2013.




#Article 121: John Nash (118 words)


B' e matamataigear is eaconamaiche às na Stàitean Aonaichte a bh' ann an John Forbes Nash, Jr. (13 an t-Ògmhios 1928–23 an Cèitean 2015). Rugadh e ann am Bluefield, West Virginia. Dh'eug e còmhla ris a mhnaoi ann an tubaiste rathaid ann am Monroe, New Jersey.

Còmhla ri Reinhard Selten agus John Harsanyi bhuannaich e an Duais Nobel ann an Eaconomachd ann an 1994 airson na h-anailis aca de co-chothroman ann an geamaichean nach eil co-obrachail.

Rinn Ron Howard film, A Beautiful Mind, mu bheatha Nash, suidhichte air eachdraidh-bheatha le Sylvia Nasar. Tha am film a' sealltainn na trioblaide aig Nash eadar a dheagh inntinn matamataigeach agus an tinneas schizophrenia a bha aige. Bhuannaich am film ceithir Oscars.




#Article 122: Thomas Mann (185 words)


B’ e sgrìobhadair Gearmailteach a bha ann an Thomas Mann (Ainm-breith: Paul Thomas Mann).

Rugadh e air an 6mh latha den Ògmhios 1871 ann an Lübeck anns a' Ghearmailt. Thòisich e air sgrìobhadh nuair a bha e fhathast anns an sgoil.

Anns a chuid obair, choimhead Thomas Mann gu math mionaideach air dòighean-beatha nan Gearmailteach. Uaireannan bha e a' tarraing e air na beachdan aig Goethe, Nietzsche agus Schopenhauer agus cleachd e dealbhan às a’ Bhìoball cuideachd.

Sgrìobh e an leabhar Buddenbrooks nuair a bha e 22 bhliadhna a dh'aois. Chaidh an leabhar fhoillseachadh ann an 1901. Fhuair e an Duais Nobel ann an Litreachas anns a' bhliadhna 1929 airson an leabhair seo.

Ann an 1905 phòs e Katia Pringsheim agus bha sianar chloinne aca. Tha triùir dhiubh nan sgrìobhadairean fhèin. (Klaus Mann, Erika Mann agus Golo Mann).
Dh'fhàg iad a' Ghearmailt ron Dàrna Cogadh agus dh'imrich iad chun nan Stàitean Aonaichte.
Chaidh e air ais don Eilbheis ann an 1952. Chaochail e air an 12mh latha den Lùnastal ann an Zürich.

Sgrìobh e mòran leabhraichean agus nobhailean agus seo cuid den fheadhainn às cudromaiche:




#Article 123: James Heckman (114 words)


'S e eaconamaiche às na Stàitean Aonaichte a th' ann an James Joseph Heckman (1943–).

Bhuannaich e an Duais Nobel ann an Eaconomachd ann an 2000 còmhla ri Daniel McFadden airson an cuid obrach ann am meanbh-eaconomachd.

Rugadh e 19 Giblean 1944 ann an Chicago, na Stàitean Aonaichte.

Fhuair e ceum B.A. ann am matamataigs bho Colorado College, agus Ph.D. bho Oilthigh Phrinceton ann an eaconomachd ann an 1971.

Rinn e obair aig Oilthigh Cholumbia roimhe ach tha e air a bhith aig Oilthigh Chicago o 1973. Tha e cuideachd na rannsaiche aig an American Bar Foundation.

Tha Heckman air còrr is 300 artaigilean a sgrìobhadh agus iomadh leabhar ann am Beurla. Nam measg:




#Article 124: Hermann Hesse (105 words)


B' e sgrìobhadair Gearmailteach a bha ann an Hermann Hesse. Rugadh e ann an Calw ann an 1877 agus chaochail e ann am Montagnola ann an 1962. Rinn e Siddhartha, mu dheidhinn Buddha, agus Der Steppenwolf. Fhuair e an Duais Nobel ann an Litreachas ann an 1946, agus sgrìobh e ann an cànan measarra; bha Hesse daonnan a' lorg seòrsa co-thàthaidh eadar saoil lathail na talmhainn agus barrachas na h-inntinne. Bha mòran fios aige ann an creidsinn an Ear, agus seo gnìomh a faodar fhaicinn anns na dealbhan a tha Hesse a' cruthachadh anns na leabhraichean aige.

Sgrìobh Hesse cuideachd bàrdachd, agus pheant e dealbhan.




#Article 125: Arizona (134 words)


'S e tè de na Stàitean Aonaichte a tha ann an Arizona no Arasòna. Tha i suidhichte san àirde an iar-dheas na dùthcha. Tha crìochan aice le Meagsago. Tha Phoenix na prìomh-bhaile. 'S e Tucson am baile mòr eile a th' anns an stàit. B' e 6,392,017 an t-àireamh-sluaigh ann an 2010. 'S e Beurla an cànan oifigeil, ach tha Spàinntis aig 22% dhen t-sluagh cuideachd. Agus 's e Arizona a th' anns an dachaigh dhen choimhearsnachd as motha a tha a' bruidhinn cànan Ameireaganach-dhùthchasach anns an dùthaich: na Naibheahonan. Fhuair Arizona a h-inbhe mar stàit air an ceathramh latha deug dhen Gearran, 1912, mar sin tha an sluagh uaireannan a' toirt Stàit Latha na Valentine mar ainm air. 'S e an dà fhicheadamh stàit is a h-ochd nan Stàitean Aonaichte a bh' ann.




#Article 126: Saint-John Perse (105 words)


B' e sgrìobhadair agus riochdaire dioplòmasach às an Fhraing a bha ann an Saint-John Perse (fìor ainm: Alexis St-Léger Léger).

Rugadh e ann am Pointe-à-Pitre, Guadeloupe ann an 1887. Bhuin e do theaghlach a bha an sàs ann am malairt nan tràillean anns Na h-Innseachan an Iar. Dh'imrich a theaghlach dhan Fhraing nuair a bha e 12 bliadhna a dh'aois.

Dh'ionnsaich e lagh aig Oilthigh Bhordeaux is chaidh e san seirbheis dhioplòmasach. Dh'obraich e mar thosgair ann an Sìne is sna Stàitean Aonaichte.
Chaochail e ann an Hyères ann an 1975.

Bhuannaich e an Duais Nobel ann an Litreachas ann an 1960 airson a bhàrdachd.




#Article 127: Delaware (100 words)


'S e tè de na Stàitean Aonaichte a tha ann an  Delaware. 
Tha i suidhichte san àirde an ear na dùthcha air cladach a’ Chuan Shiar. 'S e an dàrna stàit as lugha a tha anns na Stàitean Aonaichte. Tha 897,934 duine a' fuireach anns an stàite. Tha Dover na prìomh-bhaile ach 's e Wilmington am baile as motha a tha ann an Delaware. Thàinig an t-ainm bhon Bhàgh Dhelaware agus Abhainn Dhelaware, fhuair iad an t-ainm bhon duine uaisle Breatannach 
Thomas West, 3mh Baran De La Warr. Tha e air a bhith na stàit bho 7 an Dùbhlachd 1787. 




#Article 128: Massachusetts (114 words)


'S e tè de na Stàitean Aonaichte a tha ann am Massachusetts.'S e Co-Fhlaitheas Mhassachusetts an t-ainm ceart aice. Tha i suidhichte san àirde an ear na dùthcha. Tha i na pàirt den Sasainn Nuadh. Tha 6,547,629 duine a' fuireach anns an stàite. Tha an cuid as motha dhiubh a' fuireach anns an àrd-bhaile Bhoston. Tha Boston na prìomh-bhaile agus am baile as motha a tha ann am Massachusetts. Thòisich an Ar-a-mach Ameireaganach an seo. 
Chaidh Oilthigh Harvard, oilthigh gu math ainmeil, a steidheachadh faisg air Boston sa bhliadhna 1636. Tha mòran luchd-poileataigs a' buntainn ri Massachusetts, m. e.: John F. Kennedy. Tha e air a bhith na stàit bho 6 an Gearran 1788. 




#Article 129: Gabriel García Márquez (133 words)


B' e Gabriel José García Márquez, (IPA: ɡaˈβɾjel ɡarˈsia ˈmarkes, Aracataca, 6 am Màrt 1927 - Meagsago, 17 an Giblean 2014) sgriobhadair, foillsichear, naidheachdair agus gnìomhachair poileatagach Coloimbianach agus cuideachd bhuannaich e an Duais Nobel ann an Litreachas ann an 1982.

Rugadh Gabriel José García Márquez, neo Gabo mar fhar-ainm, ann an Aracataca, baile meadhanach roinneil ann an ceann a tuatha Coloimbia. Bha e na fhear-aithris fad iomadh bhliadhna leis a' phàipear-naidheachd El Espectador ann am Bogotá, prìomh-bhaile na dùthcha. Fhad's a bha e an siud ghabh e fianais air seachdain dhe ùpraid anns na sràidean ris an canar Am Bogotazo. Fhuair sin, agus an cogadh sìobhalta neo-fhoirmeil a lean e buaidh mhòr air an ùghdair. Le sin, nochdaidh cuspairean poileatagach na dùthcha aige fhèin gu tric anns na leabhraichean a sgrìobhas e.




#Article 130: Wole Soyinka (101 words)


'S e sgrìobhadair Yoruba a tha sgrìobhadh anns a' Bheurla a tha ann an Akinwande Oluwole Wole Soyinka. Rugadh e ann an Abeokuta, Nigeria, ann an 1934 agus is e a' chiad Afraganach a bhuannaich an Duais Nobel ann an Litreachas ann an 1986. Tha Soyinka fhathast gu math poileataigeach; nuair a bha e na b' òige, chaidh e dhan phrìosan. Thàinig e a-mach as dèidh follaiseachd mòr eadar-nàiseanta. Bha e fortanach air sgàth 's gun do chuir an riaghaltas Nigerianach sgrìobhadair ainmeil eile, Ken Saro-Wiwa, gu bàs ged a bha iomairt eadar-nàiseanta ann. Tha e 'na theachdaire airson UNESCO a-nis.




#Article 131: Toni Morrison (126 words)


'S e sgrìobhadair às na Stàitean Aonaichte a tha ann Toni Morrison. Rugadh i mar Chloe Wofford ann am baile beag ris na canar Lorain, Ohio, ann an 1931.
Bha i na h-oileanach aig Oilthigh Howard agus Oilthigh Chornell is thill i dhan Oilthigh Howard agus theagaisg i litreachas mus deach i do Shyracuse far an do dh'obair i airson an fhoillsicheir Random House.

Dh'fhoillsich i a ciad nobhail, The Bluest Eye, ann an 1970, is a nobhail as ainmeile, Beloved, ann an 1987.

Theagaisg i aig Oilthigh Phrinceton eadar 1989 is 2006.

Bhuannaich i an Duais Pulitzer airson Ficsein ann an 1988, agus an Duais Nobel ann an Litreachas ann an 1993. S' e an ochdamh tè a choisinn an duais seo a tha innte.




#Article 132: Seamus Heaney (100 words)


B' e bàrd Èireannach a bh' ann an Seumas Heaney (Gaeilge: Séamus Ó hÉannaí nó Ó hÉanaí; agus bhuannaich e an Duais Nobel ann an Litreachas ann an 1995. Thug Edwin Morgan buaidh mhòr air.

Rugadh Seamus Heaney ann an Èirinn a Tuath ann an teaghlach Caitligeach, agus thug sin buaidh mhòr air. Rinn e ceum ann am Beurla aig Oilthigh na Bànrigh ann am Beul Feirste. Bha ùidh mhòr aige ann am bàird mar Raibeart Frost agus Pàdraig Kavanagh.

Rinn Heaney òraid chudromach air Somhairle MacGill-Eain, '', agus sgrìobh e ro-ràdh airson an leabhair Sorley MacLean: Critical Essays (1986).




#Article 133: Rhode Island (105 words)


'S e tè de na Stàitean Aonaichte a tha ann an  Rhode Island (Eilean Ròdach sa Gàidhlig). Tha i suidhichte san àirde an ear-thuath na dùthcha. Tha 1,052,567 duine a' fuireach anns an stàite. Tha Providence na prìomh-bhaile agus am baile as motha a tha ann an Rhode Island. 'S e Rhode Island an stàit as lugha a tha anns na Stàitean Aonaichte. Tha e air a bhith na stàit bho 29 an Cèitean 1790.

Ro 2020 bha the State of Rhode Island and Providence Plantations ('Stàit Eilean Ròdach is Planntachaidhean Phrovidence') gu oifigeil air is dh'atharrachadh an riaghladair air sgàth ceanglaichean le thràilleachd e.




#Article 134: Virginia (107 words)


'S e tè de na Stàitean Aonaichte a tha ann an Virginia. Tha i suidhichte san àirde an ear na dùthcha. Tha 8,001,024 duine a' fuireach anns an stàite.. Tha Richmond na prìomh-bhaile ach 's e Virginia Beach am baile as motha a tha ann an Virginia. 'S e aon de na 13 tìrean imrich a tha ann an South Carolina a bha a' sabaid an aghaidh smachd na Breatannaich anns an Ar-a-mach Ameireaganach. Thàinig an t-ainm bho Ban-rìgh Elizabeth I aig an robh am far-ainm 'Virgin Queen' air sgàths nach do phòs i riamh. Tha e air a bhith na stàit bho 25 an t-Ògmhios 1788.




#Article 135: Canada (657 words)


 
'S e dùthaich ann an Ameireaga-a-Tuath a tha ann an Canada. Tha e suidhichte tuath air na Stàitean Aonaichte. Le farsaingeachd 9.93M km² 's e seo an dàrna dùthaich as motha san t-saoghal.

Tha mòran ag aideachadh gu bheil dualchas na Gàidhlig ann an Canada ann an Albainn Nuaidh ann an suidheachadh cunnartach. Cho fad air ais ri 1987, chaidh a dhearbhadh gun robh fìor fheum anns a’ mhòr-roinn air leasachadh taobh na Gàidhlig.

Ann an 1890, chaidh bile thoirt a-steach le Seanadhair Tomas Raibeart MacAonghais, a rugadh an Ceap Breatainn ach a bha ’na riochdaire airson Cholumbia Bhreatnach; ged nach do shoirbhich leis, bha e ’na bheachd Gàidhlig ainmeachadh mar an treas cànan oifigeil ann an Canada. Dh’ainmich e àireamhan a' Chunntais 1881 a bha sealltainn gum b’e 1,657,266 uil-àireamh an t-sluaigh Albannaich agus Èireannaich, an coimeas ri 1,289,929 de Fhrangaich agus gun ach 881,301 de Shasunnaich. Ged nach robh e cumail a-mach gun robh Gàidhlig aig gach Albannach is Èireannach, na eadhoin aig a’ mhòr chuid dhiubh, thagair e gun robh an àireamh a bha bruidhinn cànan an sinnsir anns an dà bhuidhean nàiseanta mòr gu leòr chum inbhe thèarainte a chosnadh.

Seo liosta na bailtean as motha ann an Canada:

'S e an darna dùthaich as motha anns an t-Saoghal às dèidh na Ruise a th' ann an Canada, agus tha an t-iomall-fairge na Canada nas fhaide na fear aig dùthaich sam bith eile anns an t-saoghal.

Ged as e dùthaich mhòr agus farsaing a th' ann an Canada, chan eil mòran dhaoine a tha a' fuireach innte an coimeas ri dùthchannan eile. Thar farsaingeachd de 9,984,670 km², chan eil ach 32.976.026 (2007) a tha a' fuireach innte, neo 3.2 daoine airson gach km². Tha an cuid as motha de muinntir na Canada a' fuireach eadar Uindseor, Ontairio agus Baile Quebec, Quebec.

Tha na Beanntan Creagach san àirde an iar na dùthcha. Tha an Fhàsach Nc'mip suidhichte ann an Columbia Bhreatannach.

A thaobh am meud agus an doimhneachd, 's e ni as iongantaiche ann na Canada na lochan uisge a th' ann. Tha iad a' toirt bàrr air lochan uisge an t-saoghail; mar a tha Loch Superior, an dàrna loch-uisge as motha sa chruinne a-rèir fharsaingeachd uachdair (Loch Michigan-Huron, 1mh) agus a tha 350 mìle air fad, agus 160 mìle air leud. Tha astar 115 mìle ceithir timcheall an loch-uisge seo, agus tha e 1,332 troigh air doimhneachd. Tha trì no ceithir de na lochan seo dlùth do a chèile; agus a' tearbadh Chanada uachdrach bho Stàitean Aonaichte Aimearaga a tha air an taobh eile. Bho loch gu loch dhiubh seo tha aibhnichean a' ruith, a' meudachadh gu mòr mar a tha iad a' dol air an aghaidh, gus am bheil an abhainn mhòr don ainm an Abhainn Labhrainn(Abhainn naoimh Labhrainn) a' tòiseachadh. Tha an abhainn seo dlùth do 100 mìle air leud far am bheil i a' ruigsinn a' chuain. Tha 1900 mìltean bhon àite bho am bheil an abhainn seo ag èirigh, a dh' ionnsaigh an àite far am bheil i a' coinneachadh na fairge. Tha aon àite air Abhainn Labhrainn a tha air ainmeachadh loch nam mìle eilein; tha 117 eilean ann an aon ruith air an abhainn seo. Tha iad do gach cumadh agus meudachd, fo choille dhreachmhor. Anns na h-àiteachan sin, far am bheil loch a' tuiteam a-staigh do loch eile mar a tha iad a' tèarnadh le leathad chum a' chuain, tha sruthan brasa, agus leumannan uisge nach eil an coimeas ri fhaicinn anns an t-saoghal gu lèir.

Tha na deich mòr-roinnean aig Canada air an ainmeachadh mar a leanas còmhla ri na prìomh-bhailtean agus a' bhliadhna anns a dh'aonaich iad leis an dùthaich.
Tha trì roinnean ann an Canada cuideachd, 's e sin Roinnean an Iar thuath, Nunabhùt is Roinn an Iucon. 

Tha Canèideanaich 0.5% air an t-Àimeamh-shluaigh air talamh le 2011. Tha ceathrar a-mach à còig a' fuireach faisg air a' chrìch gu na Stàitean Aonaichte.




#Article 136: Mòr-roinnean Chanada (164 words)


Tha mòr-roinnean Chanada a' gabhail a-steach na deich mòr-roinnean agus na trì territories a tha ann an Canada. 'S e an cùmhachd a tha aig na mòr-roinnean an diofar as motha eadar mòr-roinn agus territory Chanèidianach. Fhuair iad an cùmhachd aca dìreach bho ban-rìgh tron Constitution Act, 1867. Tha na territories fo smachd riaghaltas Chanada fhèin. 

Seo sin na mòr-roinnean:Alberta, Columbia Bhreatannach, Manitoba, Brunswick Nuadh, An Talamh Ùr is Labrador, Alba Nuadh, Ontario, Eilean a' Phrionnsa, Quebec, agus Saskatchewan. 
'S e Northwest Territories, Nunavut agus Yukon na trì territories a tha ann an Canada.

Seo liosta de Mhòr-roinnean Chanada a tha a' sealltainn ainm na roinne, giorradan phuist agus giorradan eile, am prìomh-bhaile agus am baile as motha den mòr-roinn. Tha fiosrachadh eachdraidheil ag ràdh cùin a chaidh an roinn còmhla ri Canada. 
Cuideachd tha àireamhean ann mun fharsaingeachd gu lèir agus cia mheud duine a tha a' fuireach anns an roinn seo. 

Seo liosta de na trì territories a tha ann an Canada: 




#Article 137: Eilean Eòin (424 words)


Tha Eilean Eòin neo Eilean a' Phrionnsa  (Beurla: Prince Edward Island) na mòr-roinn Chanèidianach ri taobh Alba Nuaidh. 

'S e Eilean a' Phrionnsa cruth goirid ainm an àite-sa a bha cumanta am measg luchd na Gàidhlig air an Eilean-sa: 'Eilean a' Phrionnsa Ìomhair' sa chruth fhada; canaidh cuid ann an Alba Nuaidh Eilean Eòin ris mar eadar-theangachadh air Saint John's Island, ainm an eilein aig deireadh na 18mh linne is ainm a bha na eadar-theangachadh e fhèin air an Fhraingis Île Saint Jean; chanadh tùsanaich an àite, na Mi'kmaq, abegweit no epikwit ris: 'air a thulgadh air na tuinn' ann am Mi'kmaq. 

O chionn còrr is deich bliadhna air ais, fhuair muinntir Eilean a' Phrionnsa drochaid a tha a' ceangal an eilein ri tìr-mòr Chanada. Tha Baile Sheàrlot na phrìomh-bhaile.

Bha coimhearsnachd làidir de luchd-labhairt na Gàidhlig ann bho dheireadh na 18mh linne suas gu meadhan na 20mh linne. Ged a tha an cànan fhèin air sìoladh às bhon uair sin, tha fhathast coimhearsnachdan Gàidhealach rim faotainn air feadh an eilein 's gu h-àraidh ann an ceann an ear 's an ear-dheas an eilein eadar Eilean na Coille (Wood Islands), far am faighear am bàt'-aiseig a-null gu tìr-mòr Alba Nuaidh, is Drochaid Mhòntagu: a' gabhail a-staigh àiteachan 'Gàidhealach' far am b' àbhaist a' Ghàidhlig a bhith air a bruidhinn mar 'Am Bruach Àrd' (no 'High Bank'), 'Sgonnsair' (no 'West Caledonia'), 'An Tuirc' (no 'Lewes'), 'Gleann Uilleim' ('Glenwilliam'), 'Gleann Mhàrtainn' ('Glenmartin'), 'Drochaid an Livingstonaich' (no 'Murray River'),'Uige' ('Uigg') 's mar sin air adhart. 

A thuilleadh air na coimhearsnachdan Gàidhealach, tha coimhearsnachd ann de luchd-labhairt na Fraingis, no 'les Acadiens', (mar a chanas iad riutha fhèin ann am Fraingis), is iad sin air a bhith ann bho dheireadh na 17mh linne ged a thug am fuadach a dh'fhuiling iad ann an 1755 ('le Grand Dérangement') crathadh mòr orra. Cuideachd tha tùsanaich an eilein, na Mi'kmaq fhathast a' fuireach ann an caochladh àiteachan a leithid Eilean Lennox shuas air oirthir a tuath an eilein. A bharrachd air na Mi'kmaq, na h-Acadianaich is na Gàidheil, bha is tha gu h-eachdraidheil coimhearsnachdan de mhuinntir na h-Èireann, de mhuinntir Shasainn agus coimhearsnachd bheag de mhuinntir Leabanon a rinn imrich an tùs gnothaich a-null gu ruige Eilean a' Phrionnsa a-mach à Impireachd nan Otomanach aig deireadh na 19mh linne.

Tha buidheann de luchd-taic is luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig a' sìor fhàs nas pailte san eilean san latha againn fhìn, 'Comann Gàidhlig Eilean a' Phrionnsa', is iad a' ruith chlasaichean Gàidhlig feadh na bliadhna ann am Baile Sheàrlot is ann an àiteachan eile.




#Article 138: Fine Gael (238 words)


'S e partaidh poileatagach ann am Poblachd na h-Èireann a tha ann am Fine Gael.

Chaidh am pàrtaidh air stèidheachadh leis an Seanaireal Eoin Duffy, de Oglach na h-Èireann (Arm Saor-stàit na h-Èireann), as deidh esan air crìochnachadh túras-rothaire Eòrpa aig deireadh na 1920an. Bha Pàrtaidhean Faiseaich a' nochdadh air feadh Eòrpa aig an ám agus bha ìomhaigh dearbhach de tìr-graidh adhartach aig an gluasad. Stèidhich Duffy Eagaireachd de Fir nan Leine Gorma, mac-shamhla de na dubh-leintaich aig Mussolini.
Is ann as an eagaireachd sin a chaidh stèidhicheadh air Fine Gael (Sloighne nan Gaidheal). Tha fèin-dearbhadh cinnidh soillear an ainm a' Phartaidh chun latha an diugh.

Tuigsear, gu tanaig Fine Gael a bhi dlùth-cheangailte le na daoine a dh'aontach leis an Treataidh de 1921, agus a bha air taobh na Saor-Stait (An aghaidh na Poblanaich, a chaidh fo cheannardas Éamon de Valera) rè an cogadh sìobhalta de 1921-22. 

Coltach ri Fianna Fáil (Feachd na Fàil), am pàrtaidh Poblanach a stèidhich De Valera, tha freumhan Fine Gael ann an Sinn Féin, cha mhòr nach do choisinn gach cathair Eireannach 's an taghadh coitcheann de 1919. Tha e cudthromach ri aithneachadh gun do sheas am Pàrtaidh Làbarach, pàrtaidh Seamus O Connghaile, ris an taobh airson an taghadh coitcheann de 1919, taghadh a bha an suil na h-Èireannaich na de facto referendum air neo-eisimileas.   

Anns an latha an diugh, is e pàrtaidh Deamocratach den mheadhan-dheas a tha anns an Fine Gael.




#Article 139: Emil Abderhalden (143 words)


B' e bith-cheimigear agus beò-eòlaiche Eilbheiseach a bh' ann an Emil Abderhalden.

Rugadh e ann an Oberuzwill sa Chanton Naomh Gallen) san Eilbheis.

Fhuair Emil Abderhalden foghlam ann an leigheas aig Oilthigh Bhasel agus choisinn e PhD ann an 1902. An uairsin, chaidh e dhan obair-lann aig Emil Fischer agus dh'obair e aig Oilthigh Bherlin. An 1911, ghluais e gu Oilthigh Halle far a theagasg e beò-eòlas ann an sgoil an leigheis. 

Ri linn a' Chiad Chogadh, stèidhich e ospadal chloinne agus lorg e dòigh airson clann a' fulang le dìth beathachaidh a chur dhan Eilbheis. 
An dèidh a' chogaidh, thill e dhan rannsachadh beò-eòlach.
As dèidh an Dàrna Chogaidh, thill e dhan Eilbheis agus dh'obair e aig Oilthigh Zürich. Chaochail e an sin nuair a bha e 73.

Gu mì-fhortanaich bha an obair aige air beartan mealltach agus dhearbhaich Leonor Michaelis seo.




#Article 140: Johan August Arfwedson (146 words)


B' e ceimigear às an t-Suain a bha ann an Johan August Arfwedson (Laxå, 4 am Faoilleach 1792–Eskilstuna, 28 an Dàmhair 1841). Tha e ainmeil airson an taisgealadh de litium aige. 

Rugadh e ann an Skaraborgs Län san t-Suain a deas, agus bha e na oileanach ann an Oilthigh Uppsala far an do dh'ionnsaich e lagh agus mèinnear-eòlas.
Ann an 1817, nuair a bha e ag obair ann an deuchainn-lann rannsachaidh Jöns Jacob Berzelius, lorg e eileamaid ùr, litium. Taghadh e mar bhall an Acadamaidh Rìoghail Saidheansan na Suaine ann an 1821 agus mhair e ann an oighreachd aige far an do thog e deuchainn-lann ceimigeach gus an do chaochail e ann an 1841. Bha e na mhac-bràthar Karl Kristoffer Arfwedson, neach-gnìomhachais agus stèidheadair Tottie  Arfwedson, às-mhalartair mòr de dh'iarainn agus na sheanair Karl David Arfwedson, neach-gnìomhachais agus sgrìobhadair. Dh'ainmicheadh mèinnear às a' Ghraonlainn, arfvedsonaid, air.

 




#Article 141: Svante Arrhenius (229 words)


B' e ceimigear às  An t-Suain a bha ann an Svante Arrhenius (Vik 1859–Stockholm 1927).
Bha e na oileanach aig Oilthigh Uppsala eadar 1876 agus 1881 nuair a dh'imrich e dhan Oilthigh Stockholm agus chuir e crìoch air a theusais, Recherches sur la conductibilité galvanique des électrolytes ann an 1884, anns an do lorg e gun nuair a sgaoileas salainn ann an uisge, bhriseas iad agus chruthaicheas iad aidheonan. Chaidh e na òraidiche aig Oilthigh Uppsala ann an 1884 agus shiubhal e do Riga, Würzburg, Graz agus do dh'Amsterdam. Chaidh e na ollamh aig Oilthigh Stockholm ann an 1895 agus ceannard an Institiud Nobel airson Ceimigeachd Fhiosaigeach ann an 1905.

Rinn e a chiad òraid riamh mu atharrachadh na gnàth-shìde aig Comann Fiosaigeach na Suaine ann an Stockholm ann an 1895 mun buaidh gualan dà-ogsaid san adhair air teòthachd air an talamh, anns an do dh'àireamhaich e buaidh meudachadh is lùghdachadh gualan dà-ogsaid san adhair air an Artaig is co-chruinne CO2 san adhair aig àm Linn na Deighe. Thug e taic don teòiridh Panspermia, a chaidh a chruthachadh le Anaxagoras is chaidh a leasachadh le Hermann Richter, gun do thàinig beatha à planaidean eile, ann an òraid ann an 1908.

Chaidh a cho-aontar a tha ceangal reat iom-obrachaidh do theòthachd ainmicheadh air.
Bhuannaich e an Duais Nobel ann an Ceimigeachd ann an 1903 airson an obrach aige mu leactroilisis.




#Article 142: Neil Bartlett (103 words)


'B e ceimigear Aimeirigeanach a rugadh ann an Sasainn a bha ann Neil Bartlett.

Fhuair e an dotaireachd aige aig Colaiste a' Righ ann an Durham. Ann an 1958 chaidh e ag obair aig Oilthigh Columbia Bhreatannaich (UBC) ann an Canada. 'S ann ann an seo a lorg e rud iongantach nuair a chuir e ri chèile a' chiad co-thàthadh de gas uasal. Rinn  e a' chiad cho-thàthadh senoin ann an 1962. Ron an seo bha daoine den bheachd nach b' urrainn dha na buill aig am buidheann seo frith-ghluasad agus mar seo bha iad an toiseach a' dol fon ainm gasaichean tàmhach.




#Article 143: Jöns Jacob Berzelius (141 words)


B' e ceimigear às an t-Suain a bha ann an Jöns Jacob Berzelius.

Canadh e athair na cheimigeachd san t-Suain agus tha e ainmeil airson an taisgealadh de shileacon, shelenium, thorium is cerium.

Rugadh e ann am Väversunda san t-Suain a deas. Bha e na oileanach ann an Oilthigh Uppsala far an do dh'ionnsaich e leigheas agus ann an 1807 chaidh e na ollamh aig an Karolinska Institutet.

Lorg e na h-eileamaidean sileacon, selenium, torium is cerium. Chaidh bhanadium agus litium a lorg anns a deuchainn-lann rannsachaidh. Dh'ainmich Berzelius an tachartas catailis. Thionnsgail e cuideachd samhlaichean mar H agus O do eileamaidean cheimigeach.

Dh'obraich e còmhla ri an neach-cuideachaidh aige, Anna Sundström, gus an do phòs e Elisabeth Poppius ann an 1836.

Bhuannaich e an Bonn-cuimhne Copley ann an 1836 còmhla ri Francis Kiernan. Chaidh pàirc ann an Stockholm ainmicheadh air.




#Article 144: Joseph Black (114 words)


Bha Joseph Black (16 an Giblean 1728–6 an Dùbhlachd 1799) ’na lighiche agus ceimigear Albannach, ainmeil airson an rannsachaidh a rinn e air teas, air magnesium, agus air dà-ogsaid gualain.

Bha e ’na ollamh aig Oilthighean Ghlaschu agus Dhùn Èideann.

Lean an rannsachadh aige air teas, gu h-àraid soilleireachadh a' bhun-bheachd teas falaichte gu leasachadh teòiric na
teas-dhinimigeachd agus, cuideachd, leasachadh an inneal-smùide le James Watt.

Bha Black càirdeil ri Watt agus mhaoinich Black an obair tràth aig Watt. Cuideachd, bha Black càirdeil ri buill eile 
an t-Soillseachaidh Albannaich, leithid David Hume agus Adam Smith.

Chaochail e ann an 1799 agus chaidh a thìodhlacadh ann an Cladh nam Manach Liadh ann an Dùn Èideann.




#Article 145: Wallace Carothers (116 words)


B' e ceimigear às na Stàitean Aonaichte a bha ann an Wallace Carothers (Burlington, Iowa, 27 an Giblean 1896–Philadelphia, 29 an Giblean 1937). Tha e ainmeil airson taisgealadh an naidhlein.

Rugadh e ann an 1896 is thogadh e ann an Des Moines, Iowa. Bha e na oileanach aig Colaiste Tarkio ann am Missouri agus aig Oilthigh Illinois far an do dh'ionnsaich e ceimigeachd. Bha e ag obair mar neach-teagaisg aig Oilthigh Harvard nuair an do fhastaich DuPont, a bha a' togail sgioba mòr luchd-saidheans, e ann an 1928. Thòisich e ag obair air poilimearan. Lorg a sgioba neoprene ann an 1930 is naidhlean ann an 1936.

Chuir e làmh air a bheatha fhèin ann an 1937.




#Article 146: Pierre Curie (154 words)


B' e fiosaigiche às an Fhraing a bha ann am Pierre Curie, (1859–1906). Tha e ainmeil airson an obrach aige air rèididheachd bheò còmhla ri Marie Curie.

Rugadh e ann am Paris far a bheil athair na dhotair-teaghlaich. Choilean e a chiad ceum ann am fiosaigs ann an 1878 is dh'obair e mar neach-teagaisg sna deuchainn-lannan aig a' Shorbonne. Rannsaich e criostalagrafachd cuide ris a bhràthair Jacques Curie is lorg iad piezoelectricity. Lorg e cuideachd am Puing Curie, an tèothachd aig a bheil feartan magnaiteach an stuth atharrachadh. Rinn e tràchdas mu dheidhinn magnaiteachd fo Gabriel Lippmann. Chaidh e na ollamh is phòs e Marie ann an 1895.

Bhuannaich e an Duais Nobel ann am Fiosaigs agus an Bonn-Cuimhne Davy còmhla ri Marie Curie, a' bhean aige, ann an 1903, airson an taisgealadh polonium is radium. Dh'ainmicheadh curium orra agus am puing Curie, far a bheil na feartan magnaiteach de stuth a' mùthadh, air.




#Article 147: Dušan Hadži (104 words)


B' e ceimigear Sloibhìnianach a bh' ann an Dušan Hadži.

Rugadh e ann an Ljubljana ann an 1921. Dh'ionnsaich e leigheas, ceimigeachd agus fiosaig aig Oilthigh Ljubljana far an do rannsaich e ceimigeachd guail le speactrosgopachd fho-dhearg.
Dh'obair e an sin ann am Paris agus ann an Cambridge, far an do rannsaich e tàthaidhean haidridein. Thill e gu Sloibhìnia ann an 1953 far an do mhair e gu 1960 is e ag obair ann am Pitsburgh còmhla ri Foil Miller airson bliadhna. Ann an 1982 leig e a dhreuchd suas agus dh'obair e an sin airson Lek, companaidh chungaidhean-leighis.
Chaochail e ann an 2019.




#Article 148: Harold Kroto (203 words)


B' e ceimigear à Sasainn a bh' ann an Sir Harold Walter Kroto KBE FRS. Fhuair e an Duais Nobel ann an Ceimigeachd anns a' bhliadhna 1996 còmhla ri Robert F. Curl Jr. agus Richard E. Smalley airson an obair aca air C60, cruth ùr de charbon eileamaideach.

Thàinig a phàrantan gu Sasainn bho Berlin, agus b' e Iùdhaich a bha athair. B' e Krotoschiner an sloinneadh a bh' aca ach ghearr athair e ann an 1955. Dh'ionnsaich e ceimigeachd ann an Oilthigh Sheffield far an do sgrìobh e an tràchdas aige, The spectra of unstable molecules under high resolution. Bha e na phostdoc san Comhairle Nàiseanta Rannsachaidh ann an Canada agus Bell Labs agus thill e do Sasainn ann an 1966 nuair a thòisich e ann an Oilthigh Shussex.

Ann an 1995, thòisich e Filmichean Vega. 'S e an t-amas aig Vega prògraman math a chruthachadh mu dheidhinn saidheans. 
Ann an 2014, chuir e ainm air athchuinge gu Pàrlamaid na h-Alba ag iarraidh nach uaireannear creationism a theagaisg mar shaidheans ann an sgoiltean na h-Alba. Chaochail e ann an 2016.

Rannsaich e mìon-saidheans (nanoscience) agus mìon-teicneòlas (nanotechnology). Bha e ag obair aig Oilthigh Florida State far a thòisich e ann an 2004.




#Article 149: Primo Levi (696 words)


B' e ceimigear, bàrd agus sgrìobhadair às an Eadailt a bh' ann am Primo Levi (IPA: ˈpriːmo ˈlɛːvi, Torino, 31 an t-Iuchar 1919 – Ibidem 11 an Giblean 1987). Ach tha e ainmeil, gu h-àraidh, mar ìobairt agus neach-tàrsainn Auschwitz. Sgrìobh e mòran mun uile-losgadh.

Thogadh Primo Levi ann an Torino agus bhuineadh e do theaghlach Iùdhach libearalach. Bha obair aig athair, Cesare, còmhla ri companaidh air an robh Ganz agus chuireadh esan seachad tòrr ùine a' siubhal thall thairis dhan Ungair às leth Ghanz. Bha Cesare uabhasach dèidheil air leughadh agus dh'ionnsaich e fhèin. Chaidh a mhàthair, Ester Rina Luzzati dhan sgoil Maria Letizia, bha Fraingis siùbhlach oirre agus chluicheadh i a' phiàna. B 'e athair Rini a chuir am pòsadh air dòigh agus cuideachd b' e esan a thug flat spaideil air an Via Re Umberto dhaibh, far a rugadh Primo Levi, far a dh'fhuiricheadh e fad a bheatha agus far a chaochail e. Rugadh a phiuthar, Anna Maria, ann an 1921. Bha dlùth dàimh aca fad am beatha. Thoisich e am bunsgoil Felice Rignon ann an Torino ann an 1925. Chaidh e dhan àrd-sgoil Massimo d'Azeglio as t-fhoghar 1930, a' tòiseachadh ÀS2 an àite ÀS1 oir bha e deagh oideachaidh fhaighinn aig an taigh fad bliadhna. B' e an sgoilear na b' òige agus na bu tapaidh sa clas a bh' ann agus an aon Iùdhach cuideachd agus le sin bhiodh cuid dhuibh ag obair air bho àm gu àm. A thuilleadh air sin, chuir e seachad dà bhliadhna ann an sgoil Talmud Torah  gus òran a ghabhail san sionagog aig a Bhar Mitzvah, ann an 1932. Thoisich e ceimigeachd aig oilthigh Torino as t-fhoghar 1937 agus thug e ceum ann ann 1941. Bha dreuchd aige leis a' chompanaidh Wander, ann am Milano. B' urrainn dha an cùrsa aige a choileanadh, a dh'aindeoin gu robhar a' cur laghan a chuireadh bacadh air oileanaich Iùdhach sna oilthighean air feadh na h-Eadailte.

Ann an 1943 dh'fheuch e agus a chuid charaidean a dhol dhan fheachdan a bha a' strì an aghaidh nan Nàsach. Bha iad air leth gorm le sin agus chaidh an chur an greim leis a' Mhailisidh air 13 an Dùbhlachd 1943. Lìbhrig iad Levi do dh'Arm na Gearmailt, oir dh'aidich e gur e Iùdhach a bh' ann los nach loisgeadh iad airsan anns a' bhad. Bha e na phrìosanach ann am Fossoli mus deach a chur às an tìr air 21 an Gearran 1944 agus an ceann mìos ràinig e Monowice (Monowitz), fear dhe na campaichean am broinn aitreabhan Auschwitz, suidhichte anns a' Phòlainn fo bhuaidh nan Nàsach. B' urrainn dha maireachdainn beò fad deich mìos gus a shaoraich  an t-Arm Dearg an campa. Chaidh 650 Iùdhaich às an Eadailt còmhla ris ach cha robh ach dìreach 24 dhiubh beò aig deireadh a' chogaidh. Chuir e seachad naoi mìosan air an rathad mus d'fhuair e dhachaigh. Cha do dh'aithnich an dorsair e, leis cho bochd robach salach 's a bha e.

Phòs e Lucia Morpurgo ann an 1947. Fhuair iad dithis duine-chloinne còmhla: Lisa (1948) agus Enzo (1957).  Thoisich e a' cantainn mu dheidhinn na thachair thall sa Phòlainn agus chuireadh e seachad oidhcheannan a' sgrìobhadh. Beag air bheag nochd a' chiad nobhail aige, Se questo è un uomo, a chaidh foilleachadh ann an 1947. Lean e air ag obair mar cheimigear agus sgrìobhadair fad a bheatha.

Chaochail Primo Levi aig 10:20 madainn air 11 an Giblean 1987, nuair a thuit e bhon flat aige air an treas làr Via Re Umberto 75 dhan t-sràid. Tha cuid dhen bheachd gun do chuir e làmh na bheatha fhèin, air sàilleabh gu robh e gu math ìsle le trom-inntinn dìreach mus do bhàsaich e. A dh'aindeoin sin, cha do dh' fhàg e litir neo litir a dhearbhadh na thachair dha. A bharrachd air sin, mar cheimigear, bha fios aige ciamar a ghabhadh e ri a bheatha fhèin ann an dòigh na bu shìmplidh agus na bu dheirbhe na leum a-mach à balconaidh. Cuideachd, bha pròiseactan aige ri choileanadh. Ghairm an Rabbai Elio Toaff gun do chuir Levi brath thuige a' cantainn Tha mi seachd searbh sgìth le mo bheatha dìreach mus do thuit e.




#Article 150: Ceimigeachd (189 words)


Is e ceimigeachd saidheans nan stuthan agus an eadar-oibre aige le lùth, gu h-àraid na dòighean mar a dhealbhas ataman, moileciuilean, agus buadhan cheimigeach. Tha e a' dèiligeadh le stuth, mar eileamaidean is co-thàthaidhean ceimigeach agus ciamar a tha iad ag iom-obrachadh ri chèile.

Tha na meuran cheimigeachd nas cudromach nan:

Tha na h-eileamaidean roinnte eadar meatailtean, meataloighdean agus neo-mheatailtean. Is atam an t-aonad bu lugha de gach eileamaid, agus tha gach atam dèanta suas de niùclas, agus sligean eileagtronach a tha gan chuairteachadh. Tha gach atam fa-leth na staid as cunbhalach nuair a tha na sligean eileagtronaich aice làn. Is feart de meatailtean, gun choisinn iad inbhe cunbhalas le toirt seachad na dealanaich a tha anns an slige a-muigh aca, agus is feart de neo-mheatailtean gun choisinn iad cunbhalas le gabhail na dealanaich a tha dith orra a lìonaich na slige-dhealain a-muigh aca.

Nuair a thig atam de mheatailt agus atam de neo-mheatailt còmhla, cruthaichear tàthadh aidheonach eadarra. Tha sin ri ràdh gu gèill an meatailt dealanach chun neo-mheatailt, a' fàgail slige a-muigh a' mheatailt ban agus slige a-muigh an t-anamheatailt làn. Canar aidheonan ri na mirean seo.




#Article 151: Friedrich Engels (395 words)


B' e feallsanaiche poileataigeach a bh' ann an Friedrich Engels (IPA: fʁiːdʁɪç ˈɛŋəls, Barmen, 28 an t-Samhain 1820–5 an Lùnastal 1895). Bha e gu mòr an sàs ann an Co-mhaoineas. Sgrìobh e am Manifesto Comannach le charaid, Karl Marx.

Rugadh e ann am Barmen faisg air Wuppertal ann an teaghlach beairteach. Bha earrannan ann am factaraidh ann am Manchester aig athair is thoisich e ann an gnothachas nuair nach robh e a dh'aois 17. Bha e an sàs ann am poileataigs agus sgrìobh e Litrichean bho Wuppertal ann an 1839 le ainm-brèige Friedrich Oswald.

Dh'imrich e gu Manchester ann an 1842 is e ag obair ann an gnothachas teaghlaich. Sgrìobh e aistean airson Karl Marx agus dh'fhoillsich e Die Lage der arbeitenden Klasse in England ('Staid a' Chlas-obrach ann an Sasainn') ann an 1845. Dh'imrich e gu A' Bhruiseal còmhla Marx ach thill iad gu Sasainn an dèidh nan Aramach 1848. Chuir Engels taic do Mharx, a bha ann an Lunnainn is Engels ag obair airson gnìomhachas teaghlaich ann am Manchester. An dèidh do Mharx a bhàsachadh chuir Engels crìoch air Das Kapital ('Calpa'). Chaochail e ann an Lunnainn ann an 1895.

Chaidh astaroid 29829 ainmicheadh air.

Bha Engels den beachd gun robh cuid de na nàiseanan ann an Eòrpa - nam measg, an Gàidheal - gun eachdraidh agus mar sin gun robh iad nan ais-ghnìomhaiche gu nàdarra. Sgrìobh e ann an Der Magyarische Kampf:There is no country in Europe which does not contain in some corner one or several ruins of people, left-overs of earlier inhabitants, pushed back and made subject to the nation which later became the carrier of historical development. These remains of nations which have been mercilessly trampled down by the passage of history, as Hegel expressed it, this ethnic trash always becomes and remains until its complete extermination or de-nationalization, the most fanatic carrier of counterrevolution, since its entire existence is nothing more than a protest against a great historical revolution.

Such in Scotland were the Gaels, the supporters of the Stuarts from 1640 to 1745. Such in France were the Bretons, the supporters of the Bourbons from 1792 to 1800. Such in Spain were the Basques, supporters of Don Carlos. Such in Austria are the Panslavist South Slavs, who are nothing more than the waste products of a highly confused development which has gone on for a thousand years.




#Article 152: Na h-Eileanan Mhaladaibh (118 words)


 
'S e dùthaich ann an Àisia a tha anns na h-Eileanan Mhaladaibh neo Maldives
'S e buidheann de dh'eileanan a th' innte. Tha i a’ gabhail a-steach 1,192 eilean, ach tha dìreach 250 eilean ann far a bheil daoine a’ fuireach. 
Tha iad suidhichte deas air na h-Innseachan anns a’ Chuan Innseanach mu 700 cilemeatair san àird an iar-dheas Sri Lanca.

'S e an dùthaich as lugha ann an Àisia a th’ ann  a-rèir àireamh-shluaigh.

Tha roinn na  turasachd gu math làidir anns na h-eileanan, tha 20% den Làn-thoradh dùthchail a' thighinn às a' ghnìomhachas seo. Anns  a' bhliadhna 1972 b' e Bandos island resort agus Kurumba Village a chiad “tourist resort” a chaidh a thogail an seo. 




#Article 153: Omàn (102 words)


 
Is e Sultanachd a tha ann an Omàn (IPA: [omaːn]) neo Oman (Arabais: سلطنة عُمان, thar-litreachadh: Sulṭanachd Omàn) a tha na dùthaich neo-eisimeileach ann an iar-dheas na h-Àisia.
Tha i suidhichte air a' cheàrnag ear-dheas den Rubha Mòr Arabach. Tha crìoch an iar-thuath mu choinneamh na h-Iomaratan Arabach Aonaichte , tha crìoch le Aràibia nan Sabhd dhan iar, agus le Iemen dhan iar-dheas. Tha oir na Mara Arabaich aige dhan deas agus dhan ear, agus Linne Omàin air an ear-thuath. Air barrachd an seo tha dà roinn dealaichte dhan Sultanaid, Madha agus Musandam a tha cuairtichte  le ranntairean nan h-Iomaratan Arabach Aonaichte.




#Article 154: Aràibia nan Sabhd (131 words)


 
'S e dùthaich ann an Àisia a tha ann an Aràibia nan Sabhd neo Aràbia Saudach neo Saudi Arabia neo Aràibia Saudach 

'S e an rìoghachd as motha air a Rubha Arabach agus am prìomh dùthaich airson peatrol a reic a-null thairis. Ann a 1932 fhuair na trì prìomh sgìrean Al-Hasa, an Nejd agus an Hejaz an t-ainm Rìoghachd Aràibia nan Sabhd. Tha crìochan aige le Iòrdan, Ioràc, Cubhait, Catar, Bachrain, leis na h-Iomaratan Arabach Aonaichte, Omàn agus leis an Eaman. Tha an Camas Pearsach san ear-thuath air agus tha am Muir Ruadh iar air.

Tha Riyadh na prìomh-bhaile agus 's e Jeddah an dàrna baile as motha a th' ann. 

Uaireannan canar Dùthaich an dà Mhosg rithe, a-rèir na dà àitichean as cudthromaiche anns an t-saoghal Ioslamach, Mecca agus Medina.




#Article 155: Burundaidh (157 words)


'S e dùthaich ann an Afraga a tha ann am Burundaidh; ainmean eile: Buruindi  neo Burundi, ainm oifigeil: Poblachd Bhurundaidh. Tha crìochan aice le Ruanda san taobh tuath, le Tansainìa san earra-dheas agus le Poblachd Dheamocrach na Congo san iar. Tha an Loch Tanganyika anns an iar na dùthcha.  'S e Bujumbura am prìomh-bhaile aice. Thàinig an t-ainm Burundaidh bhon chànan Bantu: Kirundi. Tha an dùthaich gu math iomallach agus chan eil mòran stòrais nàdarra aice. Mar sin dheth ‘s e aon de na dùthchannan as bochda air feadh an t-saoghail a-rèir Làn-thoradh dùthchail (GDP) gach pearsa.

Bhuannaich Évariste Ndayishimiye na taghaidhean anns a' Chèitean 2020.
Chaochail an ceann-suidhe Pierre Nkurunziza 8 an t-Ògmhios 2020 an dèidh greim-cridhe. Cha do chuir e lockdown air Burundaidh is dh'fhuad a riaghaltas às an dùthaich fìor-eòlaichean o Bhuidheann Slàinte na Cruinne. Bha fathannan ann gun do dh'fhulaing e le COVID-19 is a bhean air a dhol gu Kenya airson leigheasaidh.




#Article 156: Camarun (150 words)


'S e dùthaich ann an Afraga a tha ann an Camarun no Camarùn . 
'S e an t-ainm oifigeil Poblachd Chamarun air neo anns na cànain oifigeil: Beurla: Republic of Cameroon, Fraingis: République du Cameroun.

Is e Paul Biya am Prìomhaire agus is e Ephraïm Inoni am prìomh-mhinistear.

Is dòcha gun thàinig an t-ainm Camarun bhon fhacal Camer Ayoun bho àm na Phoenician. Tha e a’ ciallachadh: Carbad an Dhia.  

Tha crìochan aice san ear leis a' Phoblachd Mheadhan Afraga, san ear-thuath leis an t-Siad, san iar le Nìgeiria agus sa deas le Gini Mheadhan-Chriosach, le Gabon 's le Poblachd na Congo. 
Tha iomall-fairge a' ruith 400 km a dh'fhaide ris a' Chuain Siar.

Is e Yaoundé prìomh-bhaile Chamarun.

'S e Mount Cameroon a’ bheinn as airde a tha ann an Camarun. 

Tha dà chànan oifigeil san dùthaich, Beurla agus Fraingis, ach 's e Fraingis a th' aig a' mhòr-chuid. 




#Article 157: Tansainia (103 words)


 
'S e dùthaich ann an Afraga a tha ann an Tansania;; an Tansan neo Tansainia.'S e Poblachd Aonaichte Thansania a h-ainm oifigeil. Tha i suidhichte ann an Afraga an Ear. Tha crìochan aice san tuath le Ceinia agus Uganda, san iar le Ruanda, Burundaidh agus Poblachd Dheamocrach na Congo, agus san deas le Saimbia, Malabhaidh agus Mòsaimbic. Tha an Cuan Innseanach san ear oirre.Anns a’ bhliadhna 1996 dh’imrich riaghaltas Tansania bho Dar es Salaam gu Dodoma, ach tha mòran oifisean pàrlamaideach fhathast ann an Dar es Salaam. 'S ann Kilimanjaro, a' bheinn as àirde ann an Afraga, a tha suidhichte ann an Tansania. 




#Article 158: Aildiria (104 words)


'S e dùthaich ann an Afraga a tha ann an  Aildiria  (Arabais: لجزائر, Al Jaza'ir IPA: ɛlʤɛˈzɛːʔir; Cànan Bherber: , Dzayer IPA:ldzæjər). Ach tha ainm Gàidhlig eile oirre:

 
'S e Aildiria an dàrna dùthaich as motha air feadh Afraga 
. Tha crìochan aice san ear-thuath le Tuinisia, san ear le Libia, san ear-dheas le Nìgeir, san iar-dheas le Màili agus Moratainia agus le Maroco san iar-thuath. Tha i suidhichte air a’ Mhuir Mheadhanach. 'S e Algiers prìomh-bhaile na dùthcha.Tha mòran àitichean ann an Aildiria a tha dìonta mar Làrach Dhualchas na Cruinne leis an UNESCO:

Bha Aildiria na phàirt Impireachd nan Otomanach ro 1830.




#Article 159: Libia (102 words)


 
'S e dùthaich ann an Afraga a tha ann an Libia. Tha e suidhichte air a’ Mhuir Meadhan-thìreach. Tha a’ mhòrchuid den dùthaich na fhàsach Sahara. Tha crìochan aice san ear leis an Èipheit, san ear-dheas le Sudàn, sa deas leis an t-Siad agus Nìgeir agus san iar le Algeria agus Tuinisia. Tha Tripoli na phrìomh-bhaile. 'S e an ceathramh dùthaich as motha ann an Afraga a tha ann an Libia. Bho 1969 gu ruige 2011 bha an dùthaich fo bhuaidh Mhuammar al-Gaddafi. 

Bha taobh tuath Libia na phàirt Impireachd nan Otomanach ro 1922, leis gun do cheannsaich Süleyman I an sgìre.




#Article 160: Botsuana (148 words)


 
'S e dùthaich ann an Afraga a tha ann Botsuana, ainm oifigeil: Poblachd Bhotsuana. Tha crìochan aice sa tuath le Saimbia, san ear-thuath le Siombabue, san iar le Naimibia agus sa deas le Afraga a Deas.

'S e fàsach a tha ann an 70% den dùthaich. Tha am Fàsach Kalahari suidhichte ann an iar-dheas Botsuana. 'S e an Okavango Delta an t-inbhir as motha air an t-Saoghail. Tha e ann an earra-thuath na dùthcha.

Fhuair an dùthaich neo-eisimeileachd bhon Rìoghachd Aonaichte anns a’ bhliadhna 1966, ach tha i fhathast nam ball den Cho-fhlaitheas.

B' e Botsuana aon de na dùthchannan as bochda a bha ann air feadh an t-Saoghail. Ach bhon àm ud, nuair a fhuair iad neo-eisimeileachd, dh’fhàs i nas beartaiche. Eadar 1966 agus 1999 chaidh an Làn-thoradh dùthchail suas mu 9% gach bliadhna. Anns a' bhliadhna 2007 bha an GDP aig gach pearsa suas gu $14,700.




#Article 161: Malabhaidh (194 words)


 
'S e dùthaich ann an Afraga a tha ann am Malabhaidh,, Malawi  neo Malaiwi (Beurla: Malawi, IPA: |[malaβi]); ainm oifigeil: Poblachd Mhalabhaidh. B' e Nyasaland an seann ainm a bha oirre.
Chan eilear cinnteach cò às a thàinig ainm na dùthcha. Tha aon mìneachadh ag ràdh gu bheil e a’ ciallachadh: deàrrsadh na grèine ag èirigh thairis air an loch. 'S e seo a’ sealltainn ann am bratach na dùthcha cuideachd.

Tha crìochan aice san iar-thuath le Saimbia, sa tuath le Mòsaimbic agus san earra-dheas le Tansainìa.
'S e Lilongwe prìomh-bhaile na dùthcha, ach 's e Blantyre am baile as motha a th' ann.

B’ e David Livingstone a’ chiad duine Eòrpach a ràinig air Malabhaidh anns a’ bhliadhna 1859. An uair sin b' iad na h-Albannaich a thòisich air eaglaisean agus miseanan a thogail, gu h-àraidh timcheall air Loch Mhalawi.

Tha an gleann Great Rift Valley a’ ruith bho thuath gu deas. Anns a' ghleann seo tha Loch Mhalawi (ainm eile: Lake Nyasa).’S e an treasamh loch as motha ann an Afraga agus an deicheamh loch as motha air an t-saoghail. An–diugh tha e dìonta mar Làrach Dhualchas na Cruinne leis an UNESCO.




#Article 162: Na h-Eileanan Mhoiriseas (121 words)


 
'S e dùthaich eileanach ann an Afraga a tha anns na h-Eileanan Mhoiriseas neo Mauritius (IPA: məˈrɪʃəs), Fraingis: Ile Maurice, (IPA: mɔʁis); Creole: Moris, ainm oifigeil: Republic of Mauritius, (Fraingis: République de Maurice). Tha i suidhichte anns a' Chuan Innseanach mu 900 cilemeatair air falbh san ear bho Mhadagascar. 

'S e Port Louis prìomh-bhaile na dùthcha. 

Tha na h-Eileanan Mhoiriseas a’ gabhail a-steach na h-eileanan:

Canar gu bheil an t-eilean glè bhrèagha. Mar eisimpleir, sgrìobh an t-ùghdar Mark Twain anns an leabhar Following the Equator: You gather the idea that Mauritius was made first and then heaven, and that heaven was copied after Mauritius.

Tha na h-Eileanan Mhoiriseas ainmeil airson na stampaichean aice: . Chaidh an clò-bhualadh anns a’ bhliadhna 1847.




#Article 163: Naimibia (124 words)


'S e dùthaich ann an Afraga a tha ann an Naimibia, ainm oifigeil: Poblachd Namibia. Tha crìochan aice san ear le Botsuana, sa tuath le Angòla agus Saimbia agus sa deas le Afraga a Deas. 

Tha Naimibia suidhichte air a’ Chuan Siar. Tha i na ball de na Dùthchannan Aonaichte agus den Cho-fhlaitheas. 'S e Windhoek na prìomh-bhaile. 

Bha Gearmailtis agus Afraganais‎ nan cànanan oifigeil gus an dh’fhuair Naimibia neo-eisimeileachd anns a’ bhliadhna 1990. 

'S e Oshiwambo a’ chiad chànan a tha aig an dàrna leth de na daoine. Tha an cuid as motha de na daoine a’ bruidhinn Afraganais‎ mar dàrna cànan. Tha Gearmailtis ga bruidhninn le 32% de na daoine Eòrpach, ach tha Beurla dìreach aig 7% de na daoine a-mhàin. .




#Article 164: Màili (286 words)


'S e dùthaich ann an Afraga a tha ann am Màili, , ainm eile: Mailidh , Màilidh neo Maili; ainm oifigeil: Poblachd Mhàili (Fraingis: République du Mali). Tha crìochan aice san ear le Nìgeir, sa tuath le Aildiria, san iar le Seanagal agus Moratainia, sa deas le Buircina Fhaso agus le Costa Ìbhri. Tha an Abhainn Niger agus an Abhainn Senegal ann an taobh a deas cuideachd. 'S e Bamako am prìomh-bhaile.

Chuireadh às do tràilleachd an seo ann an 1222 nuair a bha Sundjata Keïta os cionn na h-impireachd.

Tha mìltean de chroitearan ann an Màili ach chan eil laghan croitearachd anns an tìr sin, agus tha naidheachd a' tighinn a mach às an duthaich gu bheil riaghaltas Mhàili an diugh a' toirt gabhaltasan ri agra-calpanaich bho tìrean chèin. 

Tha ùghdarras nàiseanta don b' ainm Office du Niger a' sealbhachadh mu deidhinn 1,200,000 heactair ri taobh Abhainn de Niger, ach anns an 80 bliadhna mu dheireadh cha chuireadh sgeamaichean uisgeachaidh an gnìomh a leasaich ach 80,000 heactair. Mar sin tha beò-shlàinte de na croitearan ri taobh na h-aibhne a' crochadh air na uisgeachan bliadhnail o gu h-àrd. Tha seo na cothrom leasachaidh do luchd-chalpa bho tìrean nas beairteach - Libia nan measg, agus tha an riaghaltas a' faicinn cothrom air airgead, ged a chosgas seo beatha nan croitearan. 

Da rèir Abou Sow, Prìomh-Stiùiriche Office du Niger, chan eil comas aig an t-sluagh an talmhainn a leasachadh, agus tha a h-oifis air suas ri 240,000 heactair a thoirt seachad do chalpanaich. Tha aithrisean air nochdadh de shaighdearan a' cur ionnsaigh air cuid tuathanaich, agus do rèir Ibrahima Coulibaly, Taoiseach den Chomataidh Co-òrdanachaidh airson Eagar-bhuidhnean nan Tuathanaich agus Croitearan Màilianach Bithidh an goirt a' toisich a dh'aithghearr.




#Article 165: Braisil (161 words)


 
'S e dùthaich ann an Aimearaga a Deas a tha ann am Braisil, neo Brasil
'S e a' chòigeamh dùthaich as motha a-rèir farsaingeachd agus a-rèir àireamh-shluaigh san t-Saoghal air fad. Tha crìochan aice san tuath leis a' Bheiniseala, le Sùranam, Guidheana agus Guiana Frangach, san iar-thuath le Coloimbia, san iar le Boilibhia agus Pearu, san iar-dheas leis an Argantain agus le Paraguaidh agus san deas le Uruguaidh. Tha an Cuan Siar san ear dhith.

Tha Braisil a’ gabhail a-steach mòran eileanan cuideachd, m. e.: 

Bha an dùthaich gu mòr an sàs gnothach Tràilleachd thar a' Chuain Shiar eadar an 16mh Linn agus an 19mh Linn.

Tha deasbad aig an luchd-rannsachaidh cò às a thàinig an t-ainm Braisil. Tha cuid den bheachd gur e ainm Gàidhealach a th' ann. Tha ceangal làidir leis an ainm  san Seann-Ghàidhlig Bha an t-ainm sgrìobhte air mapa an t-Saoghail anns an 15mh linn. Bha na h-Èireannaich a' cleachdadh an ainm airson Tìr nan Òg cuideachd.




#Article 166: Coloimbia (1060 words)


 
'S e dùthaich ann an Aimearaga a Deas a tha ann an Coloimbia , no Colombia, agus 's e Bogotá am prìomh-bhaile aice. Tha crìochan aice leis a' Bheiniseala agus le Braisil 'san ear, Pearù agus Eacuador gu deas, Panama gu siar agus am Muir Caraibeach gu tuath. Tha an dùthaich air ainmeachadh airson Christopher Columbus a lorg an t-Saoghal Ùr. Chaidh Coloimbia a stèidheachadh ann an 1810 an dèidh dhà briseadh air falbh bho Ìmpireachd an Spàinn agus 's e Spàinntis an cànan oifigeil aice.

A-rèir Map Oifigeil Crìochan na Dùthcha, tha crìochan aig Coloimbia le còig dùthaich: A' Bheiniseala (2,219 cilemeatair), Braisil (1,645 cilemeatair), Eacuador (586 cilemeatair), Panama (266 cilemeatair) agus Pearù (1,626 cilemeatair). A bharrachd air sin, tha oirthir air Muir a' Charaibeach (1,600 cilemeatair) agus air a' Chuan Sèimh (1,300 cilemeatair) aig an dùthaich. Le sin, tha cuairt-thomhas dhe 9,242 cilemeatair aig Coloimbia.

Bha mòran bhuidhne dhe tùsanaich nan tàmh air an fhearann far a bheil Coloimbia an latha an-diugh. Tha na Tùsanaich ann fhathast ann an corra sgìre, ach tha an àireamh-shluaigh aca air thuiteam gu mòr bhon àm a thàinig na Spàinntich. 'S e òr-cheàrdaichean agus tuathanaich a bh' annta. Bha treudan dhe daoine Arawak, Muisca agus Carib nan tàmh air feadh na dùthcha. Bha an dùthaich gu mòr an sàs gnothach Tràilleachd thar a' Chuain Shiar eadar an 16mh Linn agus an 19mh Linn.

Nuair a bhuannaich Coloimbia a chuid neo-eisimeileachd bhon Spàinn, bha an dùthaich mòran na bu mhotha na tha i an latha an-diugh, leis gu robh a' Phoblachd ùr ga stèidheachadh air an seann roinn Nueva Granada na h-ìompaireachd Spàinnteach. Bhrist an dùthaich a-mach a chèile mus do bhàsaich Simón Bolívar fhèin is na uachdarain ann an Caracas agus ann an Quito a' cur poblachdan ùra air bhog. Chaill Coloimbia Roinn a' Chaolais (El departamento del Istmo) ris an canar Panama an latha an-diugh. 'S e Coloimbia Mhòr (La Gran Colombia) an t-ainm a th' oirre. Chuireadh às do tràilleachd an seo ann an 1851.

Bha cogadh sìobhalta cruaidh fuilteach ann eadar 1899 agus 1903 ris an canar Cogadh na Mìle Làithean. Chaill Coloimbia Roinn A' Chaolais, Poblachd Panama an latha an-diugh, agus an Canal cudromach cuideachd. An dèidh a' chogaidh bha an dùthaich ann am fìor dhroch staing, fo cheann-suidhe Rafael Reyes, a bha mar dheachdaire. Chaill esan an dreuchd aige oir bha e airson ainm a chur gu aontaidhean le Panama agus leis na Stàitean Aonaichte.

An dèidh an ùpraid a dh'adhbharaich murt Jorge Eliecer Gaitán ann an 1948, thuit an dùthaich ann an cogadh sìobhalta neo-fhoirmeil eadar an dà phàrtaidh mòr. Bha prìs eadar-nàiseanta a' chofaidh air a thuiteam gu mòr, agus bhris sin suidheachadh poileataigeach na dùthcha. 'S e An t-Ainneart (La Violencia) an t-ainm a tha air a' chòmhstri ud. Chuir an t-arm an dùthaich fo smachd an deachdair Rojas Pinilla, is bu ghann a bha sìth agus òrdugh.

Thoisich cogadh na Guerrillas an dèidh an Ainneirt, anns na sgìrean dùthchasail a bha fo bhuaidh an ainneirt, mar dhòigh iadsan a dhìon. Bha iomadh bhuidheann dhe guerrillas ann, feadhainn dhuibh a' dol fhathast. Cha robh Riaghaltas na Poblachd an làthair ann an gach uile sgìre is àite leis cho mòr 's a tha an dùthaich is le sin, fhuair na guerrillas làmh an uachdair air mòran sgìre, ach cha b' urrainn dhuibh cuidhteas fhaighinn bho Riaghaltas na dùthcha. Le sin, thar na deicheadan, bha na bailtean mòra fo smachd an Riaghaltais, leis na guerrillas air an dùthaich is iad a' sabaid an aghaidh feachdan prìobhaideach na h-uachdarain. Ann an 2016, mu dheireadh thall, chuir na FARC agus Juan Manuel Santos Calderón - ceann-suidhe na dùthcha - ainmean gu còrdadh na Sìthe agus bhuannaich Santos Calderón Duais Nobel airson Sìthe air a shon-sa.

Thoisich Diadhaireachd an t-saoraidh ann am Medellín ann an 1968, air sàilleabh gum cumadh co-labhairt na h-eaglaise an siud ann an co-theacsa ùr is bochdainn is ainneart a' sìor fhàs.

'S e Bogotá, Cali, Medellín, Cartagena de Indias, agus Barranquilla na bailtean as motha ann an Coloimbia. Thòisich imrich mhòr a-steach dha na bailtean aig àm an Ainneirt airson obair fhaighinn agus iomadh dhuibh nam fògarraich. Tha a' mhòr-chuid a-nis nan tàmh anns na bailtean

Clioc air an roinn air a’ mhapa shìos an seo gus an t-artaigil a leughadh.

Tha iomadh phàipear-naidheachd gam foillseachadh gu làitheil agus gu seachdaineil ann an Coloimbia. 'S e gnothach roinneil neo sgìreil a th' ann a' mhòr-chuid dhuibh air sgàth gu nochdadh na pàipearan-naidheachd airson aon bhaile mòr neo aon roinn neo aon cheàrn a fhrithealadh, oir cha robh ach margaidh nàiseanta ann o shean, leis gu robh tionndadh ghnìomhachasail na dùthcha fa-leth roinneil. Leughadh luchd-malairt ann am Medellín El Colombiano, gun sgeul air El Tiempo, bho Bhogota. A bharrachd air sin, chuireadh gach uile pàipear-naidheachd làn taic seadh dhan na Libearalaich, seadh dha na Tòraidhean. Seo liosta na pàipearan-naidheachd as cudromaiche ann an Coloimbia:

Thoisich a' chiad sheirbheis rèidio ann an Coloimbia ann an 1929, ged a thòisich a' Chompanaidh Marconi an teicneolas a chur air dòigh ann an 1923. 'S e HJN an t-ainm a bha air an t-seirbheis is 's e ceann-suidhe na dùthcha Miguel Abadía Méndez a fhosgail i. Dà bhliadhna as a dhèidh thòisich HKF, a' chiad sheirbheis marsantach, ann an 1931. Bhàsaich an seinneadair Tango Argantaineach Carlos Gardel ann an tubaist plèana ann am Medellín ann an 1935 agus le sin rugadh Radio Perdiodismo (Aithrisean naidheachd ràdio). Chaidh na stèiseanan nàiseanta RCN, Caracol agus Todelar a chur air bhog ann an 1945. Tha mòran stèisein rèidio ann an latha an-diugh. Seo liosta na stèiseanan rèidio as cudromaiche ann an Coloimbia:

Thòisich a' chiad sheirbheis thelebhisean ann an Coloimbia ann an 1954, fon Dheachdair Gustavo Rojas Pinilla. Fhuair esan deagh fhoghlaim mu dheidhinn cho cudromach 's a bha an telebhisean fhad 's a bha e a' fuireach anns A' Ghearmailt aig àm Adolf Hitler. 'S e teicneolas Gearmailteach agus Aimeireaganach a chleachd iad aig toiseach tòiseachaidh an t-seirbheis, is chaidh na sianalan a stèidheachadh air na stèiseanan rèidio a bh' ann mar-thà. Thòisich Teletigre, a' chiad sheirbheis prìobhaideach a chraoladh ann am Bogotá ann an 1966. Thàinig telebhisean dathach dhan dùthaich ann an 1979. Chaidh seirbheisean roinneil a chuir air dòigh rè na 1980an. Chaidh siostam dhe telebhisean didseatach a thaghadh ann an 2008. Seo liosta na sianalan telebhisean as cudromaiche:




#Article 167: Eacuador (100 words)


 
'S e dùthaich ann an Aimearaga a Deas a tha ann an  Eacuador neo Ecuador, ainm oifigeil: Poblachd Eacuador (Spàinntis: República del Ecuador). Tha an t-ainm a’ ciallachadh: Poblachd den Crios-mheadhain. Tha crìochan aice san earra-dheas le Pearù agus sa tuath le Coloimbia. Tha an Cuan Sèimh san iar dhith. 'S e Quito a th' ann prìomh-bhaile na Poblachd, ach 's e Guayaquil am baile as motha san dùthaich. Tha an dùthaich a’ gabhail a-steach na h-Eileanan Galápagos a tha suidhichte mu 965 cilemeatair air falbh san iar bhon tìr mhòr.

Chuireadh às do tràilleachd an seo ann an 1851.




#Article 168: Pearù (126 words)


 

'S e dùthaich ann an Aimearaga a Deas a tha ann am Pearù neo Peru neo
Perù.
Tha a' chànan Quechua agus a' chànan Aymara nan cànanan oifigeil anns na roinnean far a bheil iad ga bruidhinn leis a' mhòrchuid de na daoine. 'S e Piruw an t-ainm air Pearù anns a’ chànan Quechua agus anns a’ chànan Aymara.

Tha crìochan aice san ear le Braisil, sa tuath le Eacuador agus Coloimbia, san ear-dheas le Boilibhia agus 
sa deas leis an t-Sile. Tha an Cuan Sèimh air taobh an iar na dùthcha. 

'S e Lima am prìomh-bhaile aice. 

Chuireadh às do tràilleachd an seo ann an 1854.
Sgrìobh Dòmhnall Alasdair an dàn 'Riaghladh' mun ana-cheartas a chunnaic e anns an t-saoghal is e ag ainmeachadh Pearu:




#Article 169: An t-Sile (141 words)


 
'S e dùthaich ann an Aimearaga a Deas a tha anns an t-Sile,, Chile, neo Tilì; ainm oifigeil: Poblachd na Sile, Spàinntis: República de Chile. Tha i suidhichte eadar na ruith-bheanntan Andes agus an Cuan Sèimh. Tha crìochan aice san ear leis an Argantain, sa tuath le Pearu agus san ear-thuath le Boilibhia. 'S e Santiago am prìomh-bhaile aice.

Tha am fàsach as tiorama anns an an t-Saoghail, am fàsach Atacama, ann an àird a thuath na dùthcha.
Tha mòran coilltean agus àitichean-feuraich ann an ceann a deas na Sile, tha beanntan-teinne agus lochan ann cuideachd. Tha an Caolas Dhrake  san àirde a deas dhith. Tha an t-Sile a’ gabhail a-steach na h-eileanan Juan Fernández Islands, Sala y Gómez, na Desventuradas Islands agus na Easter Island, a tha suidhichte anns na h-Ioma-eileanan.

Chuireadh às do tràilleachd an seo ann an 1823.




#Article 170: Uruguaidh (105 words)


 
'S e dùthaich ann an Aimearaga a Deas a tha ann an  Uruguaidh, (Spàinntis:República Oriental del Uruguay, IPA:reˈpuβlika oɾjenˈtal del uɾuˈɣwai). Tha crìochan aice sa tuath le Braisil agus san iar leis an Argantain. Tha an Cuan Siar san ear-dheas dhith. ‘S e an darna dùthaich neo-eisimeileach as lugha a tha ann an Aimearaga a Deas. Tha mu 3.46 millean duine a’ fuireach ann an Uruguaidh, ach tha mu 1.7 millean a’ fuireach anns an àrd-bhaile Montevideo fhèin.  Tha àiteachas gu math cudthromach airson eaconomaidh Uruguaidh. Tha 10% den GDP a’ tighinn às a’ ghnìomhachas seo. 

Chuireadh às do tràilleachd an seo ann an 1842.




#Article 171: A' Bheiniseala (109 words)


 
'S e dùthaich ann an Aimearaga a Deas a tha anns a' Bheiniseala neo Benesuela neo Bhenesuèla (Venezuela san Spàinntis). 
'S e República Bolivariana de Venezuela an t-ainm oifigeil a th’ oirre. 
Tha crìochan aice san ear le Guidheana, san iar le Coloimbia agus sa deas le Braisil.

Tha na h-eileanan Trianaid agus Tobago, Greanada, Naomh Lùisia, Barbados, Curaçao, Bonaire, Arùba, Naomh Bhionsant agus Eileanan Greanadach agus na Lesser Antilles san àird a tuath dhith anns a’ Mhuir Chairibianach.

Tha ola gu leòr ann.

Tha Caracas na phrìomh-bhaile aige. 

'S e Nicolás Maduro an ceann-suidhe an-dràsta. Lean e Hugo Chavez is bhuannaich e taghaidhean ann an 2013 agus 2018.




#Article 172: Caracas (100 words)


Is e prìomh-bhaile na  Beiniseala a tha ann an Caracas. Tha e suidhichte san àird a tuath den dùthaich anns a’ Ghleann Caracas anns na ruith-bheanntain Cordillera de la Costa. 
Tha mu 4.7 millean duine a’ fuireach anns an àrd-bhaile Characas.

Chaidh an Oilthigh Characas a stèidheachadh anns a' bhliadhna 1721. Mar sin dheth  's e  an t-oilthigh as sine a tha anns a' Bheiniseala air fad, agus aon de na h-oilthighean as sine air feadh Aimearaga-Laideannach. Dhealbhaich an t-ailtire Carlos Raúl Villanueva  Campus an oilthigh. Anns a' bhliadhna 2000 dhìon an UNESCO an Campus mar Làrach Dhualchas na Cruinne.




#Article 173: Iain Mac a' Ghobhainn (248 words)


'S e tidsear agus sgrìobhadair a bha ann an Iain Mac a' Ghobhainn (1 am Faoilleach 1928 ndash; 15 an Dàmhair 1998), a bha cuideachd a' cleachdadh an ainm Bheurla Iain Crichton Smith. Sgrìobh e bàrdachd, nobhailean, sgeulachdan goirid is dealbhan-cluich sa Ghàidhlig agus sa Bheurla.

Rugadh e ann an Glaschu ann an 1928, ach bha a phàrantan à Leòdhas agus ghluais an teaghlach a Leòdhas nuair a bha e fhathast òg, ann an 1930. Thogadh e ann am Pabail, an aon bhaile far an do thogadh Ruaraidh MacThòmais agus Anna Frater. B' e Gàidhlig am prìomh chànan aige. Bhàsaich athair leis a' chaitheamh. Chaidh e do Sgoil Phabail, Sgoil MhicNeacail ann an Steòrnabhagh is rinn e ceum ann an Oilthigh Obar Dheathain ann am Beurla. Cheumnaich e ann an 1949. Rinn e seirbheis nàiseanta agus às dèidh na seirbheise, bha e ag obair mar thidsear ann am Bruaich Chluaidh agus, airson bhliadhnaichean, anns an Oban. Dh'fhàg e Àrd-Sgoil an Òbain ann an 1977, oir bha e ag iarraidh a bhith a' sgrìobhadh làn-thìde. Nuair a phòs e Donalda Gillies Logan, ghluais iad gu Taigh an Uillt. Ann an 1980, fhuair e OBE. Gu mì-fhortanach, thàinig aillse air agus chaochail Iain Mac a' Ghobhainn ann an 1998, nuair a bha e 70 bliadhna a dh'aois.  

Bha ùidh aig Mac a' Ghobhainn ann am Fuadach nan Gàidheal: tha an nobhail Beurla aige, Consider the Lillies, an dealbh-chluich Gàidhlig, A' Chùirt, is an dàn Gàidhlig a' làimhseachadh a' chuspair seo. 




#Article 174: Lao Zi (107 words)


'S e feallsanach aosmhor ainmeil Sìonach a bha ann an Lao Zi (Sìonais: 老子, Pinyin: Lǎozǐ, a' ciallachadh Seann Mhaighstir; Beurla: Laozi, Lao-Tzu no Lao-Tze). Chan eil e cinnteach cuin a bha e beò: thathar ag ràdh gun robh sin ann an 6mh linn RC agus Lao Zi co-aimsireil ri Confucius, ach tha feadhainn a' smaointinn nach robh sin ach ann an 5mh no eadhon 4mh linn RC.

Stèidhich e Sgoil Tao, tè de na feallsanachdan as cudromaiche ann an Sìona. Tha e coltach gun do sgrìobh e Tao Te Ching (no Daodejing, Dao De Jing), teagsa bunaiteach na feallsanachd, leis a' bhun-bheachd wu wei - neo-ghnìomh.




#Article 175: Bogsa-ciùil (353 words)


Bocsa-Ciuil: inneal chiuil saor-riobhaid, ainmichte airson a choltas ri bocsa. Is cruth an innil balg-seididh le ciste-sheirme aig gach ceann. Air gach ciste sheirme tha clar-iuchair. Tha clar-iuchair an fhuinn air air taobh deas agus clar-iuchair nan dordan air an taobh cli.  

Ann an 1829, fhuair Cyril Demien, saor-inneal-ciul a bha steidhichte ann an Vienna, litir-patant airson akkordeon - inneal ciuil a sheinneadh dordan,   

Mar is tric, tha an clar-iuchair an fhuinn coltach ri clar-iuchair piano. Chanar bocsa-phutain ris an nòs bocsa le rang putanan ann aite clar-phiano.

Ged nach deach an t-urachadh ach mu 1830, tha a' bhocsa-chiuil ait lorg aite ann an ceol  traideasanta, nan Gaidheal , an dà chuid an Alba agus an Eireann. Anns an latha an diugh tha bocsa-phiano nas cumanta ann an Alba, far a bheil e na phriomh-inneal airson dannsadh duthchail agus dannsadh-cheilidh, ach tha am bocsa-phutain nas cumanta an Eire.

Chaidh urachadh air a' bhocsa-ciuil le Cyril Demien, ceard-inneal-ciuil ann an Vienna a fhuair patent, ann an 1829, airson akkordeon inneal le ciste-seirme agus balg seididh a  sheinneadh dordan. Chuibhreag am patant cuideachd nòs akkordeon le dara chiste-seirme aig ceann eile a' bhalg-seididh, uidheamaichte le riobhaidean fa-leth a thogail fonn. Bé seo an cruth den inneal a lorg feill. Chaidh a leasachadh gu trath ri inneal diatonach, uidheamaichte le deich putan fuinne fo an laimhe deas agus da phutan dord fo an laimhe cli , agus roimhe meadhan an 19mh linn bha ceudan nam factoraidhean  an dà chuid ann an Sacsonaigh agus an Russe a ' giollachadh ceudan nan milltean dhaibh gach bliadhna. 

Anns an latha an diugh tha iomadh nos naiseanta agus ionadail de bocsa-ciuil, mar eisimplir am Bayan: nòs Ruisseach den bocsa-ciuil. 

Puingean Leasachaidh - ann an sgeul a' bhocsa-ciuil 

Ged a chaidh leasachadh air bocsaichean nas motha agus nas daora bho na 1840an air adhart, mhair an seann-bhocsa, aon rodach, bu fàda ann an ceol traideasanta an dà chuid ann an Gaidhealtachd na h-Eireann agus ann an Suffolk air sgaths gu robh e saor agus aotrom.

Tha na ceoladairean fodha ainmeil airson an cuid sgilean air a' bhocsa-ciuil (os cionn aobharan eile).




#Article 176: Cruit (143 words)


Se inneal ciùil a tha ann an Cruit  air a dhèanamh le fiodh agus cruaidh.  Se an t-ainm eile air an inneal ciùil seo clàrsach.

Chan eil cinnt sam bith ann mu dhéidhinn ciall an fhacail cruit bho thùs.  Faodar a ràdha le cinnt gu robh am facal riamh air a chleachdadh airson an ionnsramaid ris an can sinn a' chlàrsach Ghàidhealach.  Chan eil fhios againn le cinnt dé seòrsachan de chlàrsaichean a bha againn ann an Alba, Éirinn agus Eilean Mhanainn anns na linntean mus robh clàrsach Ghàidhealach ann mar a tha againn an diugh i.

Anns a' Chuimrigh, tha an aon fhacal (canaidh iadsan crwth) ga chleachdadh airson ionnsramaid eile a tha na sheòrsa de liora s chan e clàrsach.  Dh'fhaodadh gu bheil an inneal Cuimreach seo coltach ri seann inneal Ghàidhealach eile, an tiompan, a chaidh a bith gun sgeul.




#Article 177: Clàrsach (1645 words)


Tha clàrsach na inneal-ciùil nan teud. Cleachdar taigh nan teud mar far-ainm.

'S e cruit an t-ainm a tha air clàrsach beag.

'S e orghan-ciùil teudach trì-cheàrnach a th' anns a' chlàrsaich neo a' chruit.

Gheibhear caochladh sheòrsachan de chlàrsaichean air feadh Afraga, an Roinn Eòrpa, Aimearaga agus roinnean de dh'Àisia. B' àbhaist seasamh àrd a bhith aig a' chlàrsaich agus an liora am measg a' chuid a bu mhotha de chinnidhean an t-saoghail. Anns an Roinn Eòrpa, chaill a' chlàrsaich a seasamh tràth anns an 19mh linn oir shaoil sgrìobhadairean ciùil gur e ionnsramaid do bhoireannaich a bh' innte bhon a lean móran bhoireannach cleas Marie Antoinette ann a bhith a' gabhail ùidh innte.

A thaobh Aeolian harp (clàrsach gaoithe), autoharp neo cumadh sam bith den liora neo ciothara, chan e clàrsaichean a th' annta seo air sgàth s nach bi na teudan aca ag éirigh gu dìreach a cuim na clàrsaich. Bidh na teudan aca seo a' dol tarsainn na cuime agus mar sin buinidh na h-ionnsramaidean seo dhan ghné-orghain zither, mar a bhuineas agus pianoforte is harpsichord.

Thathar a' cur an ceann gun d'thàinig an t-ainm clàrsach bho na faclan clàr seileach ach chan eil anns an seo ach beachd. Gur math a dh'fhaodte gu bheil am facal togte as an fhacal clàr agus an leasachan -seach a tha a' dèanamh an fhacail clàr boireanta. Leanadh seo seann chleachdadh a chìthear ann an ainmean mar Ròinseach (Rònan ach do bhoireannach) neo Finnseach (Fionn ach do bhoireannach).

Thathar a smaoineachadh gu bheil a’ Chlàrsach ’na h-ionnstramaid ciùil a chaidh a cruthachadh ann an Alba fhèin às dèidh dhan ‘Lyre’ Èirinneach a’ tighinn a-nall thairis anns an ochdamh no naoidheamh linn. Tha sinn a’ faighinn am fiosrachadh seo bho na clachan Cruithneach gu math aosta ann an Alba le dealbhan den Chlàrsach orra. Bha a’ Clarsach cuideachd air a cluich anns na h-eaglaisean còmhla ri duine a seinn le guthan agus Pìoban Tri Fillte. Stad seo nuair a thòisich an Musick Fyne. Rinn an eaglais seo airson na daoine a bhrosnachadh a bha a’ tighinn dhan eaglais. B’e droch rud airson na Clàrsaich a bha seo, oir mòran de na leabhraichean far an robh an ceòl air a sgrìobhadh sìos, chaidh iad an cur dhan teine. 

An t-àm a b’ fheàrr aig a’ Chlàrsach b’ e àm Tighearnas nan Eilean eadar an ochdamh linn agus an còigeamh linn deug. Bha Clàrsair aig a h-uile Ceann-chinnidh aig an àm agus bha iad ann còmhla ri na bard a’ dèanamh òrain agus puirt airson a’ Cheann-chinnidh agus a’ theaghlach. Cha deach mòran de phuirt na clàrsaich a sgrìobhadh sìos aig an àm seo agus tha smaoin ann gun robh mòran de na Clàrsadairean dall. Bha iad ag ionnsachadh ceòl bhon cluasan an àite bhon phàipear aig an àm agus cò na b’ fheàrr aige seo na duine dall. Bhiodh an teòirig seo a mìnicheadh carson nach eile mòran againn sgriobhte ann an latha an-diugh. Nuair a bhris Tighearnas nan Eilean sìos chaidh a’ Chlàrsach fhathast a cumail beò gu meadhan na seachdamh linn deug ach chan eil sin a’ ciallachadh gu robh a h-uile rud ceart gu leòr. Thòisich na teaghlaichean Clàrsair a gluasad a-steach gu obraichean eile oir cha robh obair gu leòr ann a-nis.

B’ e Ruaidhri Dall MacMhuirich aon de na ceann-chinnidh tradaiseanta mu dheireadh: Iain Breac. Bha Aramach nan Seumasaich agus ‘Anglicization’ a cur crìoch air an seann dòigh bheatha a bha aig na ceann-chinnidh is na daoine aca. Bha seo a dèanamh buaidh mòr air na Clàrsairean oir cha robh airgead gu leòr aig na cinn-chinnidh a-nis airson Clàrsairean a phàigheadh. Bha Ruaidhri Dall a chur mòran fhaclan ùra gu na h-òrain aosta ach, thathar a’ smaointinn gu e ceòl aosta a-mhàin a bha e a’ cluich air a’ Chlàrsach. Chaidh cuid de na h-òrain aige a toirt thairis dhan bheul-aithris. Tha fhios again nach eil iad an aon rud ’s a bha aig an àm oir tha tri ceud bliadhna air a dhol seachad, ach tha iad fhathast a’ toirt sealladh a-steach cò-ris ’s a bha puirt na Clàrsaich coltach. Chuir an aramach ann an 1745 a h-uile nach-ciùil ann an àite corrach agus às dèidh sin bha daoine dìreach ga cluich ann an còmhlan agus bha ceòl na Clàrsaich a’ dol air chall. Bha an dà rud seo a’ toirt a’ mhòrchuid den choire airson crìonadh na Clàrsaich ach cuideachd bha ionnstramaidean ciùil na b’ fheàrr ann airson na aighear nan daoine a togail suas ann am blàr agus cha robh a’ Chlàrsach làidir agus fuaimneachd gu leòr airson a dhol ann an co-fharpais ris a’ Phìob. Cuideachd bha an Fhidheal a’ dol suas ann am meas nan daoine oir bha i air a cluich airson dannsaichean agus cha robh e fada gus an robh i na bu fèillear na a’ Chlàrsach.

Mar as trice, bidh teudan na clàrsaich ag éirigh gu dìreach a cuim na clàrsaich. Bidh teudan, com agus corr air a h-uile clàrsaich ach cha bhith làmh-chrann oirre daonnan. Canar clàrsach thrì-ballach ri clàrsaich aig a bheil làmh-chrann agus clàrsach dhà-bhallach ri té aig nach eil làmh-chrann. Bidh cuid de chlàrsaichean gan seasamh air an ùrlar agus cuid eile gan cuir ann an uchd a' chlàrsair, a-réir a' mheud. Faodaidh teudan clàrsaich a bhith de dh'umha, de chopair, de dh'fheòil caolain, de chalg, de shìoda neo de naidhlean, am measg rudan eile. Canar clàrsair/bana-chlàrsair ri neach a sheinneas a' chlàrsaich.

Bha nòs a’ Chlàrsach anns na làithean sin gu math cudromach airson an ionnstramaid ciùil a tha sinn a’ faicinn anns an latha an-diugh. Fhuir a’ Chlàrsach a frèam trìantan oir bha seo a’ toirt neart dhan Chlàrsaich agus air sgath seo ghabhadh barrachd teudan a chur oirre agus tha seo a’ ciallachadh gu bheil farsaingeach ciùil nas motha aice. Cuideachd bha an trìantan seo a’ ciallachadh gum b’ urrainn do na teudan a bhith nas teinne agus bha seo a’ dèanamh fuaim nas soilleir agus nas domhain is iomlan nuair a bhite a’ spìonadh na Clàrsaich. 

Tha am bogsa-fuaime a’ cuideachadh le bhith a’ toirt fuaim a tha domhain is iomlan cuideachd. Tha smaoin ann gun robh am bogsa-fuaime aig na ciad Clàrsaich air a’ dhèanamh a-mach à aon phìos feadha mar feadh-seileich no feadh-darach. Bha na teudan air an dèanamh à mòran diofair rudan. Mar eisimpleir rudan nàdarra mar ròineach is caolain agus rudan meatailt mar òr, airgead, umha agus iarann. Bha na Clàrsaichean anns na làithean sin cuideachd a’ faighinn spangan, oir bha lagh ann nach b’ urrainn da dhuine sam bith a’ Chlàrsach a toirt air falamh bhon Clàrsair oir b’ e sin an dòigh a fhuair an Clàrsair a bheòshlaint. Bha na spangan a’ tighinn ann am mòran diofair dòighean bho ealain anns an fheadh gu clachan-lèig. 

Mu dheireadh bha na daoine sna làithean sin a’ cluich na Clàrsaich leis na h-ìnean aca airson a spìonadh nan teudan. Anns an latha an-diugh tha Clàrsairean a’ cleachdadh na padaichean-corraig airson na teudan a spìonadh. Tha rudan eile anns a’ Chlàrsaich fhèin a tha diofraichte a-nis. Mar eisimpleir tha am bogsa-fuaime a-nis air a dhèanamh a-mach à leathar an àite feadh. Tha na teudan beagan nas duilidhe bha iad gan atharrachadh gu teudan crisle is uèir ach an latha an-diugh tha seo air atharrachadh oir tha daoine ag iarraidh am fuaim as fheàrr fhaighinn a-mach as an ionnstramaid ciùil aca. Mar eisimpleir thòisich Ann Heymann ag atharrachadh nan teudan aice a rèir na lorg i a-mach mu na dòighean aosta. Chuir i òr air na teudan na b’ ìsle airson nas motha soilleireachd a thoirt dhaibh. Cuideachd chuir i airgead air na teudan anns a mheadhain agus mu dheireadh chuir i pràis air na teudan na b’ airde.

Gheibhar leabhraichean-ciùil leis an t-ainm Ap Huw agus leabhair Edward Bunting ‘Ancient Music of Ireland’ (1840) a tha a’ sealltainn an follamhan a bha aig a’ Chlàrsach anns na lathaichean a chaidh seachad. Thàinig na leabhraichean seo dìreach aig an am ceart airson a’ Chlàrsach oir bha seo dìreach mus do bhris tradaisean ceòl na Clàrsaich agus tha seo a’ ciallachadh gu bheil clàr again a’ sealtainn mar a bha an ceòl anns na làithean sin. Mar eisimpleir, tha iad a’ sealltainn nach robh an bun-loidhne dìreach airson chòrdan ach airson ruithean is trìaran agus bha na chòrdan a tha sinn a’ cleachdadh san latha an-diugh gu math ainneamh aig an àm. Gu fortanach airson na Clàrsaich tha ceangal làidir ann eadar ceòl aosta a’ Chlàrsach agus ceòl na Phìob agus tro seo tha cuid den ceòl na Clàrsaich beò fhathast. Tha ceòl na Fìdhle agus an Lute a ruith gu nàdarra air na Clàrsaichean aosta agus a’ lìonadh beàrn cudromach ann an eachdraidh ceòl na h-Alba. Rinn Alison Kinnard agus Keith Sanger tòrr rannsachaidh air eachdraidh na Clàrsaich agus lorg iad ceòl, fianais agus làmh-sgrìobhaidhean a bha a’ sealltainn a’ ceangail seo. 

Bha cuideachadh a’ tighinn airson a’ Chlàrsach bho àite neònach. Bha co-fharpais ann an Lunnainn ann an 1832 airson nam Pìobairean agus nuair a thòisich iad co-fharpais airson na Fhìdhle cuideachd thuirt Captain Mackenzie gum biodh e math nam biodh iad a’ toirt misneach dhan Chlàrsaich cuideachd. Gu mì-fhortanach cha do thòisich iad an co-fharpais airson na Clàrsaich ach b’ e ceum anns an àite ceart a bh’ ann. Às dèidh seo thòisich a’ chiad ‘Irish Harp Society’ ann an Èirinn agus bho seo thòisich sgoilearan a thighinn airson a’ Chlàrsach a ionnsachadh. Ann an 1892 thòisich na co-fharpaisean aig a’ Mhòd Nàiseanta Rìoghail agus bha an Lord Archibald an ceann-suidhe ag iarraidh a’ dèanamh ath-bheòthaich airson na Clàrsaich. Bha a’ chiad co-fharpais airson an òrain a b’ fheàrr le taic fhèin air a’ Chlàrsach. Bha dìreach dà fharpaiseach air a’ bhliadhna sin ach bho seo thòisich e a’ fàs. San latha an-diugh tha latha sònraichte aig a’ Chlàrsaich anns a Mhòd.




#Article 178: Còmhdhail (220 words)


'S e siubhal bho àite gu àite eile a tha ann an còmhdhail no giùlan.

Tha caochladh mhodhan-giùlain ann, air an roinn a rèir na dòigh air am bi iad a' siubhal agus a rèir nan uidheaman a bhios a' giùlan na trabhaig fhèin.
Tha modhan-giùlain eadar-dhealaichte freagarrach air trabhaig eadar-dhealaichte. Mar riaghailt choitcheann, bidh na modhan-giùlain as luaithe nas cosgaile - an airgead agus an cumhachd.

Tha na prìomh roinnean a rèir a' mheadhain

Cleachdar caochladh mhodhan-siubhail air tìr, nam measg rathaidean-iarainn, carbadan-ola(nach eil gu mòran feum gun rathad dubh, le bàrr tearra) agus canalan.

Cleachdar itealain agus heileacoptairean. 

Ann an Alba tha siubhal itealain gu math cudthromach do na h-eileanan. Anns a' chiad dol a-mach, leasachadh seirbhisean itealain gu na h-eileanan le Loganair anns na 1960an

Is urrainn do ghiùlan thar uisge a bhith na mhodh-siubhail cho saor 's a th' ann a thaobh cumhachd. O chionn 's gu bheil suathadh eadar cochall na luinge agus an t-uisge a rèir astar an t-siubhail, cha mhòr nach eil suathadh idir ann aig long a bhios na siubhal gu mall.

Anns an fharsaingeachd is e siubhal-adhair as cosgaile an cumhachd, ged as e am modh-siubhail as luaithe.

Air na rathaidean-iarainn bho Sràid na Banrigh ann an Glaschu gu tuath, bidh soidhnichean a' nochdadh gu dà-chànanach ann an Gàidhlig is Beurla.




#Article 179: Caledonian Mac a' Bhriuthainn (177 words)


'S e companaidh aiseig a tha ann an Caledonian Mac a' Bhriuthainn.  Tha i a' ruith nan aiseagan air an Linne Chluaidh agus eadar na h-Eileanan Siar. Tha a' chompanaidh fo smachd Riaghaltas na h-Alba agus a' dol gu 22 eileanan ann an Alba.

B' e David Hutcheson  Co. an t-ainm a bha oirre, nuair a thòisich a' chompanaidh anns a' bhliadhna 1851. Sin an duine, Daibhidh Mac Ùisdein, d'an robh carragh-chuimhne air a chur suas air ceann Chearara, far am fai thu i cho soilleir ri Dun-olla fhèin, a' dol a steach do'n Oban no 'ga fhàgail. Bha an companaidh ag obair ann an Linne Chluaidh. Nuair a chuir an luchd-stèidheachaidh an dreuchd dhiubh ann an 1871, bha David MacBrayne na neach-seilbhe a-mhàin gu 1921.

Bhon bhliadhna 1990 tha a' chompanaidh fo smachd Riaghaltas na h-Alba agus Rùnaire Stàit na h-Alba. Bha Banca Rìoghail na h-Alba agus CalMac air dìoladh le chèile còmhla ri seirbheisean aiseag nan Eileanan Tuathach, Northlink Orkney and Shetland Ferries.

Tha ochd bàtaichean air fhichead anns a' chabhlach.

Chaidh bàta ùr, .




#Article 180: Còigeamh Uladh (120 words)


'S e Còigeamh na h-Èireann a tha ann an Còigeamh Uladh (Gaeilge: Cúige Uladh). Tha e suidhichte ann an ceann a tuath na h-Èireann agus tha 1,870,003 duine a' fuireach san t-siorramachd fad 22,138km².Tha buaidh làidir Albannach air Uladh o chionn fhada, agus thàinig na Scotti bho Uladh. Nuair a thoisich Dal Riada, bha e ann an Alba agus ann an Uladh. Tha Uladh a' gabhail a-steach naoi Chontae, trà ann am Poblachd na h-Èireann (Contae an Chabháin, Contae Dhún nan Gall, Contae Mhuineacháin) agus sia ann an Èirinn a Tuath (Contae Fhear Manach, Contae Thír Eoghain, Contae Dhoire, Contae Aontroma, Contae an Dúin, Contae Ard Mhacha). 'S e Sliabh Dónairt (852m) a th'ann a' beinn as àirde na roinne.  




#Article 181: Eilean Mhanainn (153 words)


 
Tha Eilean Mhanainn (Gàidhlig Mhanainn: Ellan Vannin) na eilean beag ann am Muir Mheann (ann an Cuan na h-Èireann) faisg air Sruth na Maoile a tha eadar Alba, a' Chuimrigh, Sasainn agus Èirinn. 

'S ann aig Eilean Mhanainn a tha am pàrlamaid as aosta anns an t-saoghal, an Tinbheal.

B' àbhaist gum b' i Gàidhlig Mhanainn an cànan a bh' aig sluagh an eilein, ach chaochail am fear mu dheireadh aig an robh Gàidhlig Mhanainn mar chainnt màthaireil, Ned Maddrell, anns a' bhliadhna 1973. Dh'ionnsaich buidhnean beaga de dhaoine an cànan aige fhèin agus aig casan Gàidheil eile ron sin. A bharrachd air sin, agus mus do chaochail Ned Madrell, thàinig ceannard na h-Èireann, Éamonn De Valera, chun eilein agus rinn na h-Èireannaich mu cheithir uairean de chlàraidhean na Gàidhlig Mhanainn. Mar sin dheth, cha do bhàsaich a' Ghàidhlig Mhanainn riamh, agus tha feadhainn a dèanamh oidhirp an cànan ath-bheòthachadh gu ruige seo.




#Article 182: Calum Cille (134 words)


Rugadh Calum Cille no Colum Cille (Gaeilge: Colm Cille; Gaelg: Columb Killey; Beurla: Columba) mu 517 ann an Doire ann an Còigeamh Uladh. Dh'eug e ann an 597.

Am prìomh naomh aig Alba, fiu's os cionn Naomh Anndra o chionn's gur e fhéin is coireach airson leasachadh na Crìosdaidheachd bho Éirinn gu air feadh na h-Alba. (Ged feumar a ràdh gun robh Ninian a' searmonachadh an ceann a deas na dùthcha dà cheud bliadhna roimhe seo.).

Chaidh Vita Columbae (Beatha Chaluim Chille) a sgrìobhadh sa Laideann, tràth sna 690an tha e coltach, le Adomnán, a bha ʼna 9mh Aba Eilean Ì suas gʼa bàs sa bhliadhna 704.  Chaidh aʼ phrìomh làmh-sgrìobhainn den teacsa a sgrìobhadh le Dorbbéne, deisciobal aig Adomnán a bhàsaich ann an 713, agus tha i gléidhte ann an Schaffhausen san Eilbheis.




#Article 183: Gallaibh (455 words)


Is e an sgìre as fhada dhan tuath air tìr mhòr de Gàidhealtachd na h-Alba a tha ann an Gallaibh (Beurla: Caithness). Tha i suidhichte air ceann an ear de ear-thuath na h-Alba, le Linne a' Phentland dhan tuath. Chan eil crìoch aige le sgìre eile ach A' Chataibh a' mhàin.

Tha dualchas Gàidhealach aig Gallaibh a dh'aindeoin a h-ainm, ach tha an dualchas sin air crìonadh gu mòr. Thadhal na Lochlannaich gun teagamh, ach chan eil ainmean àite na sgìre a thoirt fianais ris a' bheachd gun do stèidhich Lochlannaich bailtean-fhearann idir. Ged a tha eachdraidh Lochlannach aig na h-eileanan de dh'Arcaibh agus de Shealtainn dhan tuath, tha eachdraidh Lochlannaich aig iomadh baile sìos cost an ear Sasainn; Ioirc mar eisimpleir, neo Cathair Corcaigh an Èirinn tòrr nas soilleir na eachdraidh Lochlannaich Gallaibh.

Mhair a' Ghàidhlig anns na sgìrean siarach de Ghallaibh dhan 20mh linn.

A rèir an New Statistical Account de 1841, bu gann gun tuigsear facal Gàidhlig taobh sear de Burn of Clyth, agus air an taobh siar dh'fhuiling a' Bheurla an dearbh dàin.

Ann an 1911 bha a' Ghàidhlig aig 1,685 daoine, a' riochdachadh 6.7% den sluagh, ged nach robh ach 22 dhaibh na b' òige na 20 bliadhna.

Tha Gallaibh ainmeil airson Taigh Iain Gròit, far an robh Duitseach don b' ainm Iain a ruith aiseag dha Arcaibh uaireigin anns an linn Hainseatachd. Bha fàradh an aiseig seo a' cosgadh gròt. A rèir na h-ùghdarrasan Turasachd tha Taigh Iain Ghròit aig a' phuing as fhaide tuath air Tìr Mòir na h-Alba. Gu mì-fhortanach chan eil seo fìor: Tha Am Parbh ann an Cataibh aig ceann siar den chosta a tuath nas fhaisge air a' Mhùl.

Bha Gallaibh na siorrachd fa-leth sìos gu 1974, nuair a chaidh eagar ùr air riaghladh ionadail na h-Albainn, bho 1974 gu 1996 bha dà inbhe de riaghaltas ionadail air feadh Alba. Rè an ùine sin bha Gallaibh na sgìre (le comhairle sgìreil) de Roinn na Gàidhealtachd. Chaidh ath-rèiteachadh air riaghaltas ionadail na dùthcha a-rithist ann an 1996, chaidh Gallaibh air a pasgadh a-steach ri roinn ùr don ainm A' Ghàidhealtachd. Mhair siostam rianachd stèidhichte air na sgìrean de 1974 airson deichead eile gu Giblean 2007, nuair a chaidh ath-eagarachadh air a' Chomhairle, a tha an-diugh air an roinneadh airson adhbharan rianachd eadar trì sgìrean. Tha Gallaibh na pàirt den sgìre a thuath.

Is e Inbhir Ùige a tha suidhichte air an taobh searach, prìomh-bhaile na sgìre. Tha an taigh staile Old Pulteney agus cala meadhanach mòr aig a' bhaile. 
Tha Inbhir Theòrsa, na dara bhaile Ghallaibh air a' chosta a tuath. Is ann aig Sgrabastal, baile iasgaich 2 mhìle dhan iar a Inbhir Theòrsa a tha an aiseag airson Arcaibh. Tha flacais niùclasach aig Dùnrath.




#Article 184: Cataibh (170 words)


'S e aon de na Siorrachdan traidiseanta na h-Alba a tha ann an Cataibh (Beurla: Sutherland).

Ged a tha gu tric Cataibh air Sutherland air fad anns an latha a tha ann, gu traidiseanta cha b' e ann an Cataibh ach a' phàirt an ear, le Dùthaich MhicAoidh (no Dùthaich 'Ic Aoidh) air a' phàirt an iar-thuath agus Asaint (no Asainte) air a' phàirt an iar-dheas.

Tha Cataibh ainmeil airson Fuadaich nan Gàidheal ann an 18mh agus 19mh linn. Dh'fhuadaich an Diùc Chataibh agus Padruig Dubh a mòran daoine agus sgrìobh Karl Marx mu a dheidhinn. 

Tha am Parbh na àite as tuaithe ann an tìr-mòr na h-Alba.

Anns a' bhliadhna 2011 bha 12,650 duine a' fuireach an seo.

'S e Dòrnach prìomh-bhaile na sgìre agus an t-aona borgh ann an Cataibh. Seo cuid den na bailtean eile:

Tha Brùra, Bun Ilidh, Dòrnach, Goillspidh agus Luirg faisg air an oirthir an ear, leis am Blàran Odhar agus Tunga air a' chosta a tuath.

Tha trì pàrrasan deug ann an Cataibh.




#Article 185: Cromba (142 words)


'S e baile ann an Ros an Ear a tha ann an Cromba (Beurla: Cromarty). Tha e suidhichte air an Eilean Dubh aig inbhir Linne Chrombaidh. Tha Inbhir Ghòrdain mu 5 mìltean air falbh air an taobh eile den linn.  

Anns a' bhliadhna 2001 bha 719 duine a' fuireach an seo. Tha port-mara  aig Cromba agus tha a' chuid as motha den bhaile, eadar Shore Street agus Marine Terrace na raoin-ghlèidhteachais. Ear air a' bhaile tha aon de na Sùdraichean Chrombaigh (Sutors of Cromarty) ann. Bha Cromba na phrìomh-bhaile den t-Siorrachd Chromba. 

Bha dualchainnt sònraichte de dh'Albais ga bruidhinn ann an Cromba a bha cumanta a-measg nan iasgairean. Ged-tà, chaochail am fear mu dheireadh aig an robh an cànain, Bobby Hogg, anns an Dàmhair 2012 agus mar sin chaidh an cànain a bith . Chaidh an dualchainnt a chlàradh le Am Baile.




#Article 186: Fìobha (476 words)


Se roinn àrsaidh agus siorrachd traidiseanta na h-Alba a tha ann am Fìobha. Is e Rìoghachd Fìobha far-ainm a tha air, o chionn 's gu bheil (neo gu robh) gach ni a bhiodh aig rìoghachd neo-eisimeileach ri lorg taobh a-steachd a crìochan.
Tha muir is beanntan aige còmhla le talamh àiteachas meinnearan agus gnìomhachasan ghiollachais. 

A-nis tha Comhairle Fhìobha na chomairle ionadail airson Fìobha.

Tha oir na mara a sineadh bho Ros Saidhe air an Linne Foirthe, tro Cill Rìmhinn air an Ear gu Port na Creige agus Obar Neithich air bruaich deas na Tatha. Tha calan le cidhean-luing aig Cathair Challdainn agus an Eilean Loisgte, tha àireamh de bailtean iasgaidh, na measg Cathair Aile agus Ànsruthair air an oir deas

B'e Cùbar prìomh baile na Fìobha. Bha Malairt Arbhair an seo. Is e talla poblach a tha anns an togalach anns an latha an diugh.

Bha Cille Rìmhinn le a Chaisteal agus Oilthigh Chill Rìmhinn na phort cudthromach re na meadhan aoisean. Anns a' bhaile seo tha Sràid Earra Ghaidheil a' comharrachadh chun latha an diugh far an robh an ceàrnag Gàidhealach de'n bhaile anns an linn sin.

Tha tur-cruinne, de linn na h-Eaglais Ceilteach agus 24m a dh'àirde anns an cladh aig Obar Neithich.

Is e Beinn Loman am beann as àirde ann am Fìobha. Is beinn bhòidheach a tha innte ged nach eil a mullach fiù 's 600m os cionn barr na mara.

'S e tairbeart a tha ann, agus o chionn goirid, roimh na drochaidean thairis an Tatha agus Linne Foirthe, bha i nas iomallaiche.

Tha àiteachas na roinn gnìomhachais cudthromach do eaconomaidh na Fìobha. Tha talamh beartach an meadhan na Fìobha, agus tha muileann coirce a chruthaicheas bleideagan-bhrochan (Scott's Porridge Oats) aig Cùbar. Tha an taigh-staile a thogas an t-uisge bheatha shile-singilte, Stewarts Cream of the Barley aig agus tha taigh-staile a thogas malt-singilte aig Achadh an Fhuarain. Bha muilnean pàipear aig Marg Innis agus Drochaid-Gèaird.

Tha gnìomhachasan giollachais air trèigsinn Fìobha gu ìre mhòr rè an trithead bliadhna a chaidh, ach bha obraichean salainn air an oir deas bho'n 18mh linn, nuair a chaidh a' chiad leasachadh air an Raon Guail Fìobhach. Bho meadhan an 19mh linn, nuair a fhosgail James Williamson a Lancaster, Muileann Linoleum ann an Cathair Challdainn gu na 1970an bha am baile am prìomh ionad-giollachais de chuibhrigidhean ùrlair anns an t-saoghail. Cha do mhair na muilnean lino tro an gluais bho stuth-beathachaidh nàdarra (b' e jute, ola-fhrois-lìn agus min-airc na bun-stuthan do linoleum) ri plastaigean stèidhichte air ola-mèinneireachd.

Chaidh ath-leasachadh air an raon-ghuail Fìobhach as deidh an dara cogadh, stèidhicheadh mèinn-domhainn mhòr ùr aig Seafield, ri taobh Cathair Challdainn anns na 1960an. Chaidh a dhùnadh as deidh stalc nàiseanta na mèinnearan a mhair bliadhna re 1983-84. Tha mèinnearachd fhathast a' dol an iar-deas na roinn, ach cladhair an gual a mach a slochdan fosgailte, seachd mèinnean-domhainn. 




#Article 187: Siorrachd Lannraig (120 words)


'S e fear den Siorrachdan traidiseanta na h-Alba a tha ann an Siorrachd Lannraig le Lannraig mar prìomh-bhaile. Chaidh i sgaoileadh ann an 1975 nuair a chaidh i na pàirt de Roinn Srath Chluaidh.

Sgrìobh Tormod E. Dòmhnallach sreath de dh'aistean mu Gàidheil ann an Siorramachd Lannraig ann an Gairm.
Chuireadh Comann Ghaidheil Lannraig air bonn ron dàrna chogadh le Gàidheil ann an Siorrachd Lannraig a bhiodh a' cruinneachadh ann an Hamilton. Chaidh e à bith ri linn a' chogaidh.
As dèidh a' chogaidh, chuireadh comainn air leth ann an Hamilton, Lannraig agus Tobar na Màthar.
B' e Sandy Wilson (Anndra Alasdair MacUilleim) a' chiad cheannard air a' chomainn ann an Hamilton. Bha e na cheannard fad deich bliadhna fichead.




#Article 188: Arcaibh (267 words)


Is e buidheann de dh'eileanan a tha ann an Arcaibh far costa a tuath na h-Alba.

Cha robh na h-eileanan seo fo riaghladh Albannach ro 1471, nuair a thugadh iad (còmhla le Sealtainn) le Rìgh Lochlainn do Rìgh na h-Alba, mar eàrlas airson tochradh a nighinn na b' urrainn ga phàigheadh. Cha do phàigh Rìgh Lochlainn an tochradh fhathast agus tha Arcaibh an-diugh measaichte a bhith Albannach. Cha robh a' Ghàidhlig a-riamh aig na h-Arcaich. B' e Nòrnais an cànan a bha aca, nòs de sheann Lochlannais a mhair gu ruige na 18mh linn. Bha rìoghachd Chruithneach ann mus dàinig na Lochlannaich. 'S e Bàgh na h-Eaglaise am prìomh-bhaile ann, far a bheil àrd-eaglais Naomh Mhànais.

Còmhla ri Sealtainn, canar cuid na h-Eileanan a Tuath ri Arcaibh.

Bha inbhe siorramachd aig Arcaibh gu ruige 1974, suidheachadh nach do dh'atharraich gu mòr fon Local Government Scotland Act, a chuir às do na seann Chomhairlean Shiorramachd agus a' stèidhich comhairlean roinneil agus sgìreil nan àite. Is ann mar sin a chaidh Comhairle Arcaibh a chruthachadh an 1974, ùghdarras ionadail aonaichte, mar a tha aig Innse Gall agus Sealtainn bho sin a-mach.

Eu-coltach ri Sealtainn, nas fhaide tuath, cha dug gnìomhachas ola a' Chuain Ghearmailtich buaidh mhòr air Arcaibh. Tha na h-eileanan seo ìosail agus tha an talamh math, is e àiteachas aig inbhe tuathanasachd, (inbhe nas beartaich na croitearachd) a tha na bun-stèidh den eaconomaidh. Is ann mar sin nach e siorramachd croitearachd a bha an Arcaibh a-riamh.

Ged nach robh Gàidhlig dualchasach dha na h-eileanan, cleachdar ainmean sa Ghàidhlig airson àiteachan ann an Arcaibh bho àm gu àm.




#Article 189: A' Bhreatainn Bheag (134 words)


'S e an t-aona dùthaich cheilteach air tìr-mòr Eòrpa a th' anns a’ Bhreatainn Bhig (Breatannais: Breizh, Fraingis: Bretagne, Beurla: Brittany). Tha e suidhichte ann an Ceann Iar-thuath na Frainge.

Ged a bha A' Bhreatainn Bheag na sgìre ceilteach o chionn trì mìle bliadhna, (bha na sgeulachdan aig Asterix An Ceilteach stèidhichte anns a' Bhreatainn Bhig, no Armorica mar a bha oirre san seann-làithean.) chan eil an cànan aig a' mhuinntir, ris an abrar, Breatainnis a' buntainn ris an sgìre seo bho thus, thàinig e à ceann a deas na Breatainn le fògarraich cheilteach a' teicheadh nan ionnsaigh Shasannach. Anns a' Ghaeilge , tha An Bhriotáin a' ciallachadh A' Chuimrigh.

Tha na crìochan oifigeil caran eadar-dhealaichte o chionn an dàrna Cogadh. Tha Liger-Atlantel na phàirt traidiseanta, agus se Naoned  a tha na phrìomh-bhaile traidiseanta.




#Article 190: Contae Dhún nan Gall (159 words)


'S e siorramachd (Gaeilge: Contae) ann am Poblachd na h-Èireann a tha ann an Dùn na nGall (tuiseal ainmneach: Dún na nGall, Laideann: Comitatus Dungalensis) no Tìr Chonaill mar a chanas a' mhòr-chuid ris. Tha 161,137 duine a' fuireach san t-siorramachd fad 4,831km², an ceithreamh siorramachd as motha na dùthcha a thaobh fharsaingeachd agus an 11mh a thaobh àireamh-sluaigh. Tha crìochan aig Contae Dhún nan Gall le Fear Manach, Tír Eoghain, Doire agus Liatroim. Bha 296,448 nan tàmh sa chontae ann an 1841, ron a' Ghorta Mhòir. 'S e An Earagail (751m) a th'ann a' beinn as àirde na siorramachd.

Tha ochd baranachdan  (Gaeilge: barúntacht) am broinn Dún na nGall: Báinigh, Baollaigh, Inis Eoghain Thoir, Inis Eoghain Thiar, Cill Mhic Réanáin, Ráth Bhoth Thuaidh, Ráth Bhoth Theas agus Tír Aodha. A bharrachd air sin, tha 52 parraistean (a' mhòr-chuid ann an sgìreachdan-easpaig Ráth Bhoth agus Doire, ach tha dà dhuibh ann an Clochar) agus 2,748 bailtean fearainn sa chontae.




#Article 191: The Godfather (144 words)


'S e film domhainn, fada le Francis Ford Coppola a bhios a' suathadh air eòlas nan Eadailteach Amerigeanach tro shùilean an teaghlaich Chorleone, an teaghlach Mafia as motha ann an New York. Stèidhichte air an leabhar leis an aon ainm le Mario Puzo, (a dh'obair an comunn le Coppola ann a bhith a' dealbhadh an leabhair airson an sgailein airgid), thathar a radh gur e The Godfather a th' ann am fear de na fiolmaichean as fheàrr is as cudromaiche ann an eachdraidh Fhiolmaichean.

'S e an teaghlach a th' anns an sreath as cudromaiche a bhios a' ruith tron fhiolm, 's ann às an teaghlach a dh'èiricheas a h-uile rud. 

Cluichte le Marlon Brando

Cluichte le James Caan

Cluichte le Iain Cazale

Cluichte le Talia Shire

Cluichte le Al Pacino

Cluichte le Diane Keaton

Cluichte le Robert Duvall

Na còig teaghlaichean

Johnny Fontane




#Article 192: Al Pacino (168 words)


Tha Al Pacino (Eabhraig Nuadh, 25 an Giblean 1940) na chleasaiche ainmeil Ameireigeanach, a dh'fhàs cliùiteach as dèidh sreath de dh'fhilmichean mìorbhaileach aig toiseach nan 70an, 
Dog Day Afternoon, Serpico, ach gu h-àraidh
The Godfather, far an do chluich e Micheal Corleone. Chluich e Micheal da uair eile anns The Godfather Part II agus The Godfather Part III.

Ged a tha cliù aige mar fear dhe na cleasaichean as fheàrr a bha ann a-riamh, agus bha e air a mholadh sia tursan airson Duais an Acadamaidh, cha d' fhuair e greim air 'Oscar' gus 1991 airson Scent of a Woman far an do chluich e seann saighdear dall.

As dèidh Revolution ann an 1985, film èiginneach mu dheidhinn Cogadh Neo-eisimeileachd nan Ameireaganach, sguir e dheth filmichean a dhèanamh. Ach thill e anns na 90an, far an do nochd e ann an sreath de dh'fhilmichean, 's ged nach robh iad cho math ris a' chuid a rinn a chliù anns na 70an, dhearbh iad àite Phacino mar chleasaiche chudtromach.




#Article 193: Sabhal Mòr Ostaig (655 words)


Is e Sabhal Mòr Ostaig colaiste Ghàidhlig na h-Alba, is e na ionad nàiseanta cànan is cultar na Gàidhlig, stèidhichte ann an Slèite san Eilean Sgitheanach. Aig a' cholaiste, tha Sabhal Mòr Ostaig a' tabhainn chùrsaichean làn-tìde tro mheadhan na Gàidhlig suas gu ìre ceum le urram, cho math ri ceum maighstireachd agus dotaireachd, tro Sgeama na Gàidhlig aig Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean.  Gabhaidh na cùrsaichean sin a dhèanamh pàirt-ùine air astar cuideachd, agus am measg nan cùrsaichean eile air astar tha an Cùrsa Inntrigidh airson luchd-tòiseachaidh na Gàidhlig, an Cùrsa Adhartais a tha aig ìre a' chiad bliadhna oilthigh, agus MSc ann an Cultar Dùthchasach agus Eachdraidh na h-Alba.

Tha iomadh phròiseact eile stèidhte air làraich na Colaiste: an companaidh foillseachaidh Cànan; am pròiseact rannsachaidh Soillse; ; Ainmean Àite na h-Alba; stiùidio telebhisein.  Chuidich SMO ri Ionad Chaluim Chille Ìle a chur air chois agus tha ceanglaichean làidir eadar na colaistean. 

Dh'fhosgail Sabhal Mòr Ostaig ann an 1973, ann an seann toglaichean tuathanais aig Ostaig ann an Slèite.  B' e am prìomh amas leabharlann Gàidhlig a chur air bhonn, ach bha colaiste Ghàidhlig cuideachd san amharc, airson foghlam adhartach agus dreuchdail a thabhainn do luchd-labhairt na Gàidhlig.  Bha barrachd is barrachd luchd-ionnsachaidh a' togail ùidh anns a' chànan agus bhiodh cothroman ionnsachaidh ann dhaibhsan cuideachd.

Thòisich a' Cholaiste a' tabhann sgoiltean samhraidh is chlasaichean oidhche sa Ghàidhlig, agus ann an 1983 bha Sabhal Mòr Ostaig deiseil gus a' chiad chùrsa adhartach làn-thìde a thabhann.  Chaidh Sabhal Mòr Ostaig sa bhliadhna 1997 'na com-pàirtiche acadaimigeach ann an Institiud OGE na Mìle Bliadhna, agus chinnidh e siud 'na Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean sa bhliadhna 2011.

Bhon chaidh a stèidheachadh, tha Sabhal Mòr air a bhith uabhasach cudromach ann an ath-bheòthachadh cànanach agus cultarail na Gàidhlig ann an Alba. A-nis, tha cliù eadar-nàiseanta aig a' Cholaiste: 

Am measg seòrsaichean eile rannsachaidh anns a bheil Sabhal Mòr an sàs, stèidhichear corra chuspair air an àrainn fhèin: sòiseo-chànanachas ann an iomairt Soillse; planadh corpais agus faclaireachd eachdraidheil ann an Stòrdata Nàiseanta na Gàidhlig agus Faclair na Gàidhlig; agus sgrùdadh air ainmean-àite ann an Àinmean-Àite na h-Alba. ’S e goireas air leth taiceil dhan rannsachadh seo a th’ ann an Leabharlann na colaiste, anns am faicear cruinneachaidhean le cliù eadar-nàiseanta, air chuspairean ceangailte ris a’ Ghàidhlig agus ris a’ Ghàidhealtachd. Cuiridh dà thasg-lann eile ris a’ ghoireas seo: lorgar cruinneachadh Clann Dhòmhnaill ann an Taigh-Tasgaidh nan Eilean ann an Caisteal Armadal a tha faisg air làimh; agus pàipearan MhicLeòid ann an Caisteal Dhùn Bheagain, nach eil fad air falbh. Tro cho-obrachadh acadaimigeach agus iomlaidean oileanach, chumar dlùth cheanglaichean ri oilthighean eile ann an Alba, ann an Èirinn, anns a’ Chuimrigh agus ann an Alba Nuadh.

Thòisich Òraid an t-Sabhail sa bhliadhna 1990, agus tha i air a bhith a’ leantainn cha mhór gach bliadhna bhon uair sin.

'S ann an seo a chaidh a' Cholaiste a stèidheachadh an toiseach, ann an Seann Togalach aiteachais a chaidh an togail timcheall air a’ bhliadhna 1827, le fear Màidsear Ailean MacDhòmhnaill (Baile Fhionnlaigh agus Bhatarnais) a bha air tilleadh bho chogadh Napoleon.  Tha an An Talla Mòr ann, talla a thathar a’ cleachdadh airson céilidhean, cuirmean-ciùil agus dannsaichean.  Anns a' bhliadhna 1993, chaidh cur ris a' chiad toglach cloiche seo, le àitichean-fuirich, oifisean agus seòmraichean teagaisg.

Bidh togalach ùr deiseal ann an 2015, agus is e an t-ainm Ionad Iain Nobail a théid a chur air.  Bidh seòmraichean teagaisg, oifisean luchd-teagaisg, agus na h-oifisean ionmhais agus stiùiridh ann

Chaidh Àrainn Chaluim Chille fhosgladh ann an 1999, is i a' leudachadh ghoireasan na Colaiste gu mòr le trì toglaichean: am Prìomh Thogalach; a' Cheàrnag le seòmraichean-cadail; agus an Tùr le seòmraichean-cadail.

Chaidh an togalach ùr Fàs fhosgladh gu h-oifigeil ann an 2008.  Tha stiùidio telebhisean ann, ionad cùraim-chloinne (), an roinn Foghlam Fad-beatha aig SMO, an companaidh Cànan, am pròiseact Soillse, , Ainmean-Àite na h-Alba agus an companaidh telebhisein Sealladh.




#Article 194: Led Zeppelin (337 words)


Còmhlan-ciùil fìor mhath a chruthaich Roc Cruaidh leis a' chiad chlàr aca, Led Zeppelin I. Bha ceathrar ann, Jimmy Page na chluichdear giotàir, Robert Plant a' seinn, John Paul Jones air bass is air meur-chlàran agus John Bonham no Bonzo mar a chanadh cuid ris, air na drumaichean.

Thoisich iad ann an 1969 mar 'The Yardbirds Ur, as deidh dha an còmhlan den aon ainm a sgaradh, a' fàgail Page leis na còirichean airson an ainm. Thug iad orra 'Led Zeppelin' mar ainm as deidh fealla-dhà a rinn Keith Moon bho The Who nuair a thuirt e 'Thèid e sìos mar balùn luaidhe no (Led Zeppelin)'.

Chlàr iad a' chiad chlàr, Led Zeppelin I ann an trì seachdainean agus thoisich iad anns a' bhad air an dàrna chlàr, ris a chanar, Am Bombadair Donn no gu h-oifigeil Led Zeppelin II.

Air feadh beatha a' chòmhlain, bha cliù nas motha aig Zeppelin ann an Aimeireaga na bha riamh ann am Breatainn fhèin. Chaidh am fiolm The Song Remains The Same ann am Madison Square Gardens. An-diugh, 'S e Stairway to Heaven a th' anns an òran a tha air a bhith ga chluich as trice air rèidio ann an Aimeirigea. Ann an Hammer of the Gods, an leabhar mu dheidhinn a' chòmhlain, tha e air a dhèanamh a-mach gum faca Led Zeppelin na Stàitean mar àite far an robh iad saor is gun bacadh orra.

Nuair a dh'eug Bonham, dhealaich an triùir mhaireannach, ag ràdh nach robh Led Zeppelin ann as aonais. Ach tha iad air thighinn còmhla ceithir tursan, airson a' chiad turas ann an 1985 airson Live Aid, airson 40 bliadhna de Clàran a' Chuain Siar, airson banais Jason Bonham, (Mac Bhonzo) agus nuair a chaidh an aontachadh mar bhuill de Thalla Cliù Rock agus Roll ann an 1992

Thàinig Page  Plant còmhla, as aonais John Paul Jones, ann an 1994 airson cuirm air MTV, air an robh Unledded agus rinn iad da chlàr, No Quarter ann an 1994 agus Walking into Clarksdale ann an 1998.




#Article 195: Punc (139 words)


Thòisich punc anns na seachdadan leis Na Ramones anns na Stàitean Aonaichte agus Na Sex Pistols ann am Breatainn. 'S e nòs-ciùil luath, garbh a th' ann, gu tric a-mach air poileataics agus cuideachd an aghaidh ùghdarras agus comann a' mhòr-shluaigh.

Leudaich an nòs-ciùil seo gu iomadach seòrsaichean agus stoidhlichean eadar-dhealaichte rè nam bliadhnaichean. Anns na naochadan, shoirbhich còmhlanan punc mar a leithid Nirvana agus Greenday anns an t-saoghal chiùil pop mar nach do shoirbhich còmhlan punc sam bith eile gu ruige sin, ach chanadh cuid, leis an t-soirbheas sin, gun do leig iad seachad spiorad agus feallsanachd a' chiùil.

'S ann ann an 2005 a thàinig meur ùr de punc am bàrr agus 's e sin punc Gàidhlig leis an dà chlàr làn Gàidhlig a thàinig a-mach le Oi Polloi agus Mill a h-Uile Rud san aon mhìos.




#Article 196: Eilean Cheap Bhreatainn (154 words)


'S e eilean a tha ann an Ceap Breatainn, neo tairbeirt (leis gu bheil cabhsair aige), suidhichte ann an Alba Nuadh, Canada.  Tha e ainmeil air sgàth ciùil (gu h-àraid fìdhleireachd), dannsaidh, agus coimhearsnachd Ghàidhealach a mhair gus an latha an diugh.

An dèidh do dh'Iain Cabot Cheap Bhreatainn a thadhal ann an 1497, chaidh Ceap Breatainn a thuineachadh a' chiad turas anns an bhliadhna 1521–1522 leis na Portagailich do' n iasgach. Bha na Frangaich a' tuineachadh ann an Ceap Bhreatainn cuideachd. Chleachd iad an t-ainm Île Royale (Eilean Rìoghail) ann am Fraingis. Chaidh Île Royale a ghlacadh leis na Breatannaich eadar 1756 agus 1763.

Tha Beurla, Fraingis is Gàidhlig gam bruidhinn ann an Ceap Breatainn. B' e Gàidhlig am prìomh chànan ann an Ceap Breatainn mu 1850.

Tha 10,311 km2 aig Ceap Bhreatainn. Tha e as 77mh motha eilean ann an saoghal. 'S e suidhe timcheall an loch th' ann Bras d'Or Loch.




#Article 197: Toirsgian (115 words)


Tha toirsgian na inneal sònraichte ri buann na mòna, bho aghaidh dìreach. Tha a chruth beagan coltach ri spaid fada seang uidheamaichte le lann beag  ri taobh faobhar a phrìomh luinn. Tha an lann bheag coltach ri sgian, mu 150mm a dh'fhaid, 50mm an doimhne agus 4mm a thiughaid suidhichte ceart ceàrnag ris a' phrìomh lann.  Mar sin, nuair a ghearrar fàd mòna far aghaidh a' bhruthaich bithidh an lann beag a' saoradh taobh an fhaid bhon bhruaich.

Mun tèid buann na mòna, rusgar am bruthaich le ceapa-mhara, neo (mar is tric an-diugh) le spaid.

Tha an dearbh inneal a' dol fo ainm tairisgeir (Leodhas), traisgeir (Eileanan Deas), tusker (Sealltainn) agus iarainn-mona (An t-Eilean Sgitheanach). 




#Article 198: Inbhir Nis (459 words)


'S e baile ann an Ceann a Tuath na h-Alba a th' ann an Inbhir Nis (/iNʲɪrʲ'niʃ/ no /ilɪrʲ'niʃ/) agus 's e prìomh-bhaile sgìre  Chomhairle na Gàidhealtachd.

Tha Inbhir Nis suidhichte aig beul (inbhir) Abhainn Nis agus 's e am baile as luaithe a tha a' fàs san  Roinn Eòrpa san latha an-diugh. Ann an 2001 b' e 51,000 àireamh sluaigh a' bhaile agus thathas an dùil gun dùblaich an àireamh seo thairis air an ath deich bliadhna air fhichead ri thighinn.

Tha Inbhir Nis suidhichte aig ceann ear-thuath Ghlinn Albainn, air taobh deas an Linne Mhoireibh far a bheil am fìor-uisge a' dòrtadh a-mach a ceann ear-thuath Loch Nis ag coinneamh sàl na mara. Tha Ceann Loch Nis 6 mìltean air falbh. Tha beul searach Slighe-Uisge a' Ghlinne Mhòir a tha a' ceangail an Linne Mhoireibh leis an Linne Dhubh le rathad Loch Nis, Loch Omhaich agus Loch Lochaidh aig Clach na h-Àirigh air iomall a' bhaile.

Bha Inbhir Nis taigh do Na Cruithnich agus bha Calum Cille a' tadhail an seo ann an  565. Chaidh an caisteal a thogail le Maol Chaluim Mac Dhonnchaidh. Thog Crombhuel Citadel ri taobh a' Bhaile. Anns a' bhliadhna  2001 rinneadh cathair dheth, a cheilearaich am Millennium ur.

Chithear gun do dh'atharraich an cànan bho Ghàidhlig gu Beurla anns na linntean sa chaidh. Bathar ag ràdh anns an New Statistical Account of Scotland ann an 1845:
 ... but it [Gàidhlig] is fast wearing out, and by the rising generation English is almost universally preferred, especially in the town of Inverness, where many of them are wholly ignorant of Gaelic. 

Ann an 1881 bha Gàidhlig aig 23.3% de mhuinntir a‘ bhaile, ach ann an 2001 cha robh i aig ach 5.47% dhiubh.

Chaidh Comunn Gàidhlig Inbhir Nis a stèidheachadh ann an 1871.

Chaidh am Mòd Nàiseanta a chumail ann an Inbhir Nis anns na bliadhnaichean 1897, 1903, 1912, 1923, 1928, 1936, 1949, 1957, 1966, 1972, 1984, 1997 agus 2014.

Tha oidhirpean anns a' bhaile airson a' Ghàidhlig a chumail beò, mar eisimpleir chaidh Bun-sgoil Ghàidhlig Inbhir Nis a chur air bhonn anns an Lùnasdail 2007.

Tha seirbheisean trèana (dìreach) bho Stèisean-rèile Inbhir Nis gu Obar Dheathain, Sràid na Ban-righ ann an Glaschu, Dùn Èideann, Inbhir Pheofharain, Inbhir Uige/Inbhir Theòrsa, Caol Loch Aillse agus Lunnainn. 

Tha rathad mòr (A9, A82 agus A96) a' ceangal Inbhir Nis le Obar Dheathain, Glaschu, Peairt, Inbhir Uige agus Dùn Èideann. 

Tha plèanaichean bho Phort-adhair Inbhir Nis a' ceangal Inbhir Nis gu Sasainn, Eireann, agus An Roinn-Eòrpa.

Is baile malairt agus rianachd a tha ann an Inbhir Nis anns an latha an diugh. Chaill Inbhir Nis an cuid bu mhotha de a gniomhacasan giollachais ré an treas ceathramh den fhicheadamh linn.

Aonta Baile

Margadh Bhictorianach

Taigh-cùirte

Prìosan ùr

Slàinte




#Article 199: Cabar (337 words)


Tha tilgeil a'chabair na cho-fharpais Albannach tràidiseanta far am bi co-fharpaisich a' tigeil crann mòr.

Gus an cabar a thigeil, feumaidh an tilgeir a làmhan a phasgadh ri chèile anns a' chiad dol-a-mach.  Thèid an cabar a-nis a sheasamh gu dìreach leis a'bhun ann an làmh an paisgte an tilgeir.  A'cumail a'chabair gu dìreach (rud gu math doirbh a dhèanamh gun a bhith a' call còmhnardas), ruithidh an tilgeir air adhart is tilgidh e an cabar san adhar far a char e bun gu barr tro 180° is laighidh e air a'cheann a b'abhaist a bhith aig a'bharr.  Air sgàth is gu bheil astar-uilinn fhathast air a'chabar, thathar an dòchas gun tuit an ceann a b'abhaist a bhith aig a'bhun air adhart, air falbh bhon tilgeir. 

Chan e astar a th'ann an amas an tilgeidh idir, is e a'dèanamh cinnteach gun tuit an cabar gu dìreach air beulaibh an tilgeir as dèidh dha a laighe a th'ann.  Bidhidh tilgeadh glan a'ciallachadh gu bheil an cabar a' laighe leis a'bhàrr as fhaisge air an tilgeir agus am bun a'tomhadh air falbh gu buileach bho'n tilgeir.  Mura bi an tilgeadh glan, tha an tilgeadh ga chomharrachadh mar gum biodh an cabar na làmh air aodann chleoic.  Tha na comharraidhean as fheàrr ri fhaotainn na fhaisge air 12:00, mar eisimpleir tha 11.30f nas fheàrr na 2.00m.  Ma thuiteas cabar air ais chun an tilgeir, is e uilinn a rinn an cabar an uair a bha e a'seasamh gu dìreach a tha a'cunntadh.  Mar eismpleir, tha 87°, gu bhith tutieam, nas fhearr na 75°,

Tha cabar traidiseanta mu 16-20 troighean air fad agus tha e mu 80-130 punnd.  Tha am meud is gu h-àraidh am fad a'ciallachadh gum feum neart mhòr a bhith agaibh dìreach gu a sheasamh gu dìreach, agus tha feum airson barrachd nas motha airson a thilgeil.  Airson co-fharpaisean beaga, bidh iad a' cleachdadh cabar as aotroime.

Tha an spòrs seo a' buntainn ris a' Ghàidhealtachd ann an Alba agus bi e a'nochdadh gu tric aig Geammanan Gaidhealach




#Article 200: Charles Dickens (338 words)


'S e ùghdar is beachdair sòisealta Sasannach a bha ann an Charles John Huffam Dickens (/ˈtʃɑrlz ˈdɪkɪnz/). Rugadh e ann am Portsmouth air an 7mh an Gearran 1812 agus chaochail e air an 9mh an t-Ògmhios 1870 ann an Higham, Kent.

Sgrìobh e nobhailean leithid: 

Sgrìobh e cuid de na nobhailean as ainmeile a chaidh sgrìobhadh anns an naoidheamh linn deug.  Cuimhnichidh tòrr dhaoine caractaran aige le blàths is bruidhnidh man deidhinn mar gum b’ eadh iad gu dearbh beò.  Bha e glè ainmeil nuair a bha e fhathast beò.  A-nis tha an cliù aige an-còmhnaidh glè àrd.  Chaidh na nobhailean is na sgeulachdan goirid aige a leughadh le mòran dhaoine le tlachdmhor air feadh an t-saoghail 
Chaidh athair a thilgeil anns a’ phrìosan air sàilleibh nam fiachan aige. Cha b’ urrainn dha na fiachan seo a phàigheadh.  Air sgàth gann airgid (cha robh am foghlam saor an asgaidh anns na làithean sin), cha b’ urrainn do Charles Dickens a dh’fhuirich na sgoilear. Dh’fhalbh e an sgoil dà latha às dèidh an dàrna cola breith deug aige, thòisich e na neach-obrach anns a factaraidh.  Bha aige ri bileagan a’ cur air crogan lìomh bhrògan.  Bha iad a cleachdadh an raon-fiosrachaidh aige ann an nobhailean. Mar eisimpleir tha an nobhail “Little Dorrit” a-mach air an cuspair daoine glacte ann am prìosan fèichnearan.  Thog a h-uile nobhailean aige a thogail fianais an aghaidh  rudan ana-ceartas anns an t-sòisealtas; rudan a’ cur cnap-starra air an t-slighe dhaoine onaraich ach gun chumhachd.
  
Gu tric nam biodh daoine air an bualadh ri ana-ceartas is bochdanas bhiodh iad a’ dol fodha.  Uaireannan thèid suidheachadh seo gan brosnachadh a’ strì an aghaidh an dàin agus uaireannan bhiodh iad soirbheachail.  Bha Charles Dickens glè shoirbheachail a dh’aindeoin an òige aige doirbh.

Phòs e Catherine Hogarth, nighean George Hogarth, a dheasaich Sketches by Boz, cruinneachadh pìosan a sgrìobh Dickens anns na pàipearan-naidheachd, ann an 1836, is rug i deichnear chloinne. Dhealaich iad ann an 1858. Bha e a' gaolaireachd còmhla ri Ellen Terry a bha na cleasaiche.




#Article 201: The Beatles (103 words)


B' e còmhlan-ciùil gu math ainmeil à Poll a' Ghrùthain a bha anns The Beatles. Bha ceathrar ann, John Lennon (G. Èir. Ó Lionáin), Paul McCartney (G. Èir. Mac Cartaine), George Harrison is Ringo Starr. Tha a' chuid is motha de dhaoine le ùidh ann an ceòl roc agus pop dham faicinn mar an còmhlain-chiùil aig an robh am buaidh is motha air ceòl an là. Tha cuideachd a' chlàrachadh aca airson a' chòmhlain-chiùil a tha air reic is motha clàran 's an t-saoghal. Tha a' chompanaidh-clàir aca a' tuairmse an àireimh a tha iad air reic a bhith faisg air aon bhillean.




#Article 202: Poll a' Ghrùthain (442 words)


Tha Poll a' Ghrùthain na mòr-bhaile ann an iar-thuath na Sasainn. Tha e suidhichte air bruach a tuath  Abhainn Mhersey, agus 's e cathair agus port-mara a tha innte. 'S e 444,500 àireamh-sluaigh a' bhaile. Chuirear Learpholl air a' chathair anns an nua-Ghaeilge, agus Lerpwl sa Chuimris.

'S e eadar-theangachadh bhon ainm Beurla Liverpool a tha ann am Poll a' Ghrùthain, ach is ann bho Gaeilge aig linn nan Lochlannach leifir poll a thàinig an t-ainm sin bho thùs. Tha an t-ainm a' comharrachadh lon a chaidh don mhuir eadar bruaichean polltach. Ruith am poll  suas gu ceann far a bheil James Street a' tòiseachadh san latha an diugh. Mhair am poll gu toiseach an 19mh linn, nuair a chaidh saibhearachadh air. 

Theirear gun deach a’ chathair a stéidheachadh ann an 1207 nuair a bhail Rìgh Iain cairt oirre.  Chuirte saighdearan gu h-Éirinn bhon chala ach bu bheag leasachadh a rinneadh air a’ chathair fhéin gu ceann iomadh linn.  Cha robh ach mu 500 duine a’ fuireach ann am Poll a' Ghrùthain gu meadhan an 16mh Linn. Mu cheud gu leth bliadhna às dheidh sin, ge-tà, rinneadh parraist de Pholl a' Ghrùthain le Achd Pàrlamaid agus thòisich fàs na cathrach. Dh'fhàs a cuid malairt ri Éirinn agus ri na h-Innseachan an Iar agus rinneadh prothaid mhór bho thràilleas.

Bho 1750 air adhart, b’ e Poll a' Ghrùthain am port san Roinn-Eòrpa a bu mhotha an sàs ann am malairt nan tràillean.  Dh'fhàs a’ chathair gu mòr air malairt trì-oisinneach: airm, prìosanaich agus bathar cotain a-null a dh’ Afraga, tràillean a thoirt tarsainn bho Afraga gu Aimeireaga a Tuath agus gu Meadhan-Aimeireaga, agus cotan, tombaca agus siucair a-nall bho phlanntaichean Aimeireaga.  Mu thoiseach an 19mh Linn bha 40% de mhalairt an t-Saoghail a’ dol tro Pholl a’ Ghrùthain.  Thòisich sluagh à Éirinn a’ tighinn a dh’fhuireach sa chathair nuair a bha gort ann an Éirinn sna 1840an, agus ann an cunntas-sluaigh 1851 b’ ann à Éirinn a bha a’ cheathreamh chuid den t-sluagh.

B' ann rè an 19mh linn a thogadh toglaichean móra a' bhaile. Lean fàs a' bhaile san 20mh linn agus e a' tarraing in-imrichean à tìrean na h-Eòrpa, Cuimrich, Albannaich agus Èireannaich gu h-àraidh. Bha a bharrachd air 850,000 duine sa chathair ann an 1930. Rinneadh lom-sgrios air Poll a' Ghrùthain rè am Blitz, ionnsaigh bomaichean na Gearmailte.

Thàinig mall air malairt a' phuirt agus air gnìomhachasan tradaiseanta Poll a' Ghrùthain ré na 1970an. Bha stailcean agus aimhreitean sa chathair sna 1980an agus mhothaich muinntir Poll a' Ghrùthain nach robh cothrom na féinne á fháil aca bhon riaghaltas aig Mairead Thatcher. Tha an còmhlan-ciùil Motörhead à Poll a' Ghrùthain cuideachd.




#Article 203: Paul McCartney (121 words)


'S e seinneadair, cluicheadair piàna is cluicheadair beus anns The Beatles a tha ann an Sir James Paul McCartney, MBE (Gaeilge: Mac Cartaine). Rugadh e ann am Poll a' Ghrùthain (Beurla: Liverpool), 18 an t-Ògmhios 1942. Bha e cuideachd ann an còmhlan eile, Wings, as deidh dha The Beatles a sgaradh.

'S iad Yesterday (1965) agus Mull of Kintyre (1977) na h-òrain as ainmeile a sgrìobh Paul McCartney. 'S e Maol Chinn Tìre (Earra-Ghàidheal) susbaint an òrain Mull of Kintyre. Tha an High Park Farm, suidhichte air an leth-eilean, aig McCartney bho 1966 a-mach.

'S e MBE (Member of the Order of the British Empire) a tha ann am Paul McCartney o chionn 1965 agus rinneadh ridir dheth ann an 1997.




#Article 204: Gàidhlig Mhanainn (154 words)


'S e am foirm Gàidhlig aig Eilean Mhanainn a tha ann Gàidhlig Mhanainn (y Ghailck, neo yn Ghaelg).

Seo pìos sa Ghaelg air cat Manainneach. Mar a chì sinn, tha an dòigh-litreachadh shònraichte aice, coltach ris a' Bheurla le buaidh beag den Chuimris. Bidh Sostnagh a' ciallachadh Sasannach, agus sorçh seòrsa:

Clàr: 
Gà - Gàidhlig, Gae - Gàidhlig na h-Èireann

Gu tric, tha sg (Gà) co-ionnan ri st (GMh). Mar eisimpleir: ushtey (uisge), eeast (iasg), fastyr (feasgar). 

Tha -ich (Gà) co-ionnan ri ee (GMh): doillee (duilich), gee (ith), Jedoonee (Didòmhnaich). 

Tha -aid (Gà) co-ionnan ri ee no ey (GMh): carrey (caraid), oonlee (ionnlaid). 

Tha bàthadh ag obair gu diofrach. Mar eisimpleir: ta mee (tha mi), ach t'ou (tha thu), t'eh (tha e), t'ee (tha i), t'ad (tha iad), nee'm (nì mi).  

Tràth caithte: renn mi fakin (s.s. rinn mi faicinn = chunnaic mi). 

Tràth teachdail: nee'm fakin (s.s. nì mi faicinn = chì mi).




#Article 205: Sionnach (352 words)


Tha an sionnach (iolra: sionnaich) 'na shineach ann an teaghlach nan con, (Laideann: Vulpes vulpes). Theirear am madadh-ruadh ris agus ann an sgeulachdan à beul-aithris, canar Gille-nan-car ris cuideachd. Tha a dhath donn, a bheul biorach, a chluasan àrd agus dìreach, agus earball fada dosach, agus breac. 'S e 'cuilean sionnaich' a chanas ri sionnach òg.

Tha an toll sam bheil e a' gabhail còmhnaidh am bitheanta fon talamh no ann an sgeirean chreag.

'S e is biadh dhan t-sionnach, a' mhaigheach, an coinean, cearcan agus eunlaith de gach seòrsa. Ithidh e mar an ceudna faimh, radanan, agus luchan; agus tha e ro dhèidheil air ùbhlan agus air gach gnè meas.

Chan fhàg an sionnach a gharadh gu feasgar; agus an sin thèid e a-mach air feadh nan coilltean agus an fhearainn airson cobhartaich, agus fanaidh e a-muigh gu madainn. Ged a tha e ro dhìobhalach am measg eunlaith agus uan, tha e a' dèanamh feum mòr le bhith a' cur às do iomadh creutair millteach agus gràineil. Ann an Iapan, measar mar Dhiadhachd an fhogharaidh e, beathach a tha a' dìon bàrr an ruis.

Tha an sionnach ro innleachdach a chum breith air a chobhartach, agus chum a nàimhdean a sheachnadh. Tha seo cho aithnichte do gach neach is gun abrar mar ghnàth-fhacal ri duine carach agus cuilbheartach, Gum bheil e cho seòlta ris an t-sionnach. 'S iomadh sgeul a dh'innsear mu thimcheall an t-sionnaich agus mu thimcheall nan innleachdan a tha e a' gnàthachadh a mhealladh a nàimhdean.

Ann an iomadh àite den domhain, tha an sionnach a' toirt mòr-shùgradh agus aighear do luchd-seilg. Chasgadh ruaig an t-sionnaich ann an Alba ann an 2002, agus ann an Sasann 's a' Chuimrigh air Gearran 18, 2005. Roimhe sin ann an Sasann, bhiodh na sealgairean a' marcachd an dèidh an t-sionnaich, agus ga ruagadh le madaidhean; ach is tric a sgìthicheas e na coin, na h-eich agus na sealgairean; agus faodaidh e bhith, an dèidh dhaibh a leantainn car leth-cheud mìle, gun toir e an car asta mu dheireadh - gun ruig e ionad falach èiginn, agus gun tèarainn e a bheatha.




#Article 206: Cù (205 words)


Tha an cù (Laideann: Canis lupus familiaris, Cuimris: ci) na shineach feòil-itheach anns an òrdugh Carnivora, a tha cumanta mar pheata, beathach seilg agus beathach obrach. Tha an dlùth-cheangal eadar daoine agus coin air maireachdainn co-dhiù 17,000 bliadhnaichean; their cuid an co-cheangail ris an dàimh seo. Is fhada bho bha daoine dhen bheachd gur h-ann bho mhadaidhean-allaidh a thàinig an gnè Canis familiaris. Tha iomadach seòrsa is briod de choin; faic mar eisimpleir an diofar eadar an Chihuahua beag biodach agus an Irish Wolfhound, neo eadar na diofar seòrsaichean abhagan agus am miol-chù. Tha gaoisid dhen a h-uile seòrsa is dath orra eadar dubh is geal, ruadh, riabhach, liath is donn. Tha coin, mar a tha daoine, nam beathaichean sòisealta, agus tha sin a' cur an cèill carson a tha iad cho math gu trèanadh, cho spòrsail, agus carson a tha iad cho comhfhurtail am measg daoine. Tha ceann math orra, le cuimhne a mhaireas fada, agus comas aca iad a bhith glè luath-aireach ann an cuid a shuidheachdain; tha sin gam fàgail glè fheumail do mhac an duine. Ged-tà tha cuid de chultaran, m.e. Islam, a' smaoineachadh gur e rud salach grànta a tha anns a' chù. Ann an cultaran eile, thèid an ithe.




#Article 207: Gualan (329 words)


Is e eileamaid cheimigeach a tha ann an gualan, no carbon le samhla C agus àireamh atamach 6. 'S e an siathamh eileamaid air a' chlàr pillteach agus is e neo-mheatailt a th' ann. Is e an ceathramh eileamaid nas cumanta anns a' ghrian a tha ann an carbon.

Bidh gualan a' nochdadh ann an dà dhòigh gu nàdarrach, graifit is daoimean.

Ann an daoimeanan tha a h-uile atam gualain ceangailte ri ceithir ataman eile ann an structar ceithir-shliosnach agus sin as coireach tha daoimeanan glè chruaidh. Chan eil eileagtronan saor ann agus mar sin 's e còmhdach-dealain a tha anns an daoimean. Cruaidh is gu bheil daoimean, tha graifit maoth is e co-dhèanta a fhillidhean anns a bheil a h-uile atam ceangailte ri trì ataman eile is eileagtron saor aig gach atam. 'S urrainn do na fillidhean a shleamhnachadh air muin a chèile is sin as coireach tha e maoth is 's e stuth-giùlain a tha ann air sgàth nan eileagtronan saora.

Tha e ri fhaotainn cuideachd gu innealta ann an cruth air a bheil fullerene a chaidh a lorg ann an sùith ann an 1985 aig Oilthigh Rice le Harry Kroto, Richard Smalley is Robert Curl. 'S ann a mhoileciuilean cruinn a tha na fullerenes co-dhèanta, mar as àbhaist 60 ataman.

Ann an 1772, dhearbhaich Antoine Lavoisier gur an aon rud a bha ann daoimean agus gual-fhiodha. Ann an 1779, dhearbhaich Carl Wilhelm Scheele gur an aon rud a bha ann graifit agus gual-fhiodha. Ann an 1789, liostaich Antoine Lavoisier carbon mar eileamaid.

Tha gualan ga chleachdadh airson lùtha, mar eisimpleir o ghual no bho ghual-fhiodha. Chan eil mòran achaidhean-guail air a' Ghàidhealtachd seach aon faisg air Machaire Shanais a dhùin ann an 1967 agus fear eile ann am Brùra a dhùin ann an 1974.

Tha tasgadh nàdarra de ghraifit ann am Borrowdale, Cumbria. Chaidh an graifit seo a chleachdadh airson caoraich a chomharradh agus molldairean mus deach gnìomhachais peansail a stèidheachadh air anns an 19mh linn.




#Article 208: Ùig, Leòdhas (186 words)


An Sgìre as iomallaiche ann an Leòdhas.

'S ann à seo a thàinig an reubaltaich ainmeil Dòmhnall Cam MacAmhlaigh, a bha an-còmhnaidh a' cur dragh air muinntir Dhùn Chàrlabhaigh.

Tha Ùig nas coltaiche ris Na Hearadh 'na chruinn-eòlas, le móran bheanntan ri fhaicinn ann, agus mòran tràighean brèagha cuideachd.  Gu dearbh, tha blas Gàidhlig diofraichte aig na Ùigich a tha nas coltaiche ri blas Hearach na blas Leòdhasach.

'S e Tràigh Ùige an traigh as motha a th' ann, ach tha tràighean eile aig Mangarstaigh, Mealasta, Riof agus Bhaltos a tha uamhasach brèagha cuideachd.  Chaidh na Fir-thàileisg Leòdhais a lorg an seo cuideachd anns an 19mh linn.

'S e Mealsabhal a' bheinn as àirde san sgìre, ach 's e Suaineabhal an té as brèagha, a' seasamh leatha fhèin ri taobh Loch Suaineabhal, loch fada is domhainn, beagan air falbh bho na beanntan eile.

Airson bhliadhnaichean bha crann mòr rèidio ag éirigh à Àird Ùige, far an robh ionad Feachd Adhair, ach dh'fhàs e meirgeach 's a-nis chan eil ach crann beag air mullach Fhorsnabhail.

A-rèir staitistearachd ann an 2001, b' urrainn do 68% Gàidhlig a bhruidhinn.




#Article 209: An t-Eilean Sgitheanach (1168 words)


Tha an t-Eilean Sgitheanach (far-ainm: Eilean a' Cheò) na laighe an iar air tìr-mòr siorrachdan Inbhir Nis agus Rois agus dealaichte bhuapa le caolas cumhang ris an canar An Linne Shlèiteach. 

Tha an t-Eilean a tuath air a' cheum latitude 57, agus tha an 6mh ceum longitude a' ruith ach beag tro a mheadhan; nì a tha a' leigeil ris dhuinn gu bheil àird a' mheadhan latha 24 mionaidean an dèidh meadhan-latha Ghreenwich. Tha e mu 50 mìle a dh' fhaid, ach chan eil bad dheth nas fhaide na ceithir mìle bhon mhuir. Tha e aig a leathad 24 mìle de thalamh tioram a leud.

Ann an cumadh, tha an t-Eilean Sgitheanach mar ghiomach mòr le a spògan gobhlach sìnte mach tro chuan na Maoile. Is e an gnè creige a tha fon uachdair a dh' fhàg an cumadh sin air. Tha cruth an eilein le a lochan eangach mara, agus a chlàr, le a bheanntan 's a dhromannan nam fianais gus an latha an-diugh air tachartasan linntean milleanan bliadhna air ais.

Bha an t-Eilean ceangailte ri tìr-mòr nuair a bha àrd-thìr Chailleann ag èirigh bho dhoimhne chuain gu bhith na h-aonaichean àrda. 'S iad beanntan a' Chuilthinn Dhuibh na tha air fhàgail dhuinn de na chruaidhich anns na glomhasan mòra a bh' ann roimhe. 'S iad beanntan a' Chuilthinn Dheirg na tha air fhàgail den taomadh creig leaghte mar ghranaid. Bha an taomadh sin cho cumhachdach gun do thog e Blàbheinn às a bun.

Bha sgaoiltichean eile ann de chreig leaghte mar làbha ris an canar Basalt. Tha dà thrian a tuath den eilean còmhdaichte le 'basalt'. 'S e sin as adhbhar gu bheil grunnd an eilein cho torach oir leigidh i an t-uisge troimhpe agus brisidh i na mìn-thalamh a tha fìor mhath airson feurach is talamh-àitich.

Tha leac an eilein anabarrach measgaichte leis mar a chaidh na dithean creige a b' aosta a bha nam bonn den eilean is an leac aoil a bhristeadh, 's a shadadh 's a lùbadh is fhilleadh. Chì sin gu h-àraidh ann an cuid de Sgìrean an t-Sratha is Shlèite.

'S e Sgurr Alasdair a’ bheinn as àirde san eilean - 993 meatair (3,257 troigh).

Tha beanntan an eilein cho tric còmhdaichte le smùidrich mhìn uisge, is gur dara h-ainm dha Eilean a' Cheò.

Tha an aimsir tlàth ach tais, is a' ghaoth rudeigin làidir, gu h-àraidh ann an Tròndairnis agus Bhatairnis. Chan eil na h-àitean sin cho fasgach ris a' chuid mhòr den eilean, agus tha na croitean an sin ri aghaidh na mara agus rudeigin àrd agus lom. 

Tha Sgìre Shlèite agus gu h-àraidh sìos an Àird, nas tiorma na an còrr dhen eilean, oir tha beanntan a' Chuilthinn a' toirt mòran den uisge às a' ghaoith san dol seachad dhi. An dèidh sin, tha suas ri 60 òirleach a' tuiteam san àite as tiorma den eilean.

Tha an t-eilean a bhith a' faighinn na h-uiread de dh'uisge na adhbhar air a' mhòr-chuid den talamh-àitich a bhith fo fheur, oir tha am foghar mì-chinnteach agus gu tric tha am bàrr fadalach agus duilich a chaoineachadh. Ged a tha cuid de mhaith na talmhainn a' falbh leis na dòirtidhean uisge, tha fàs mòr feòir air a' chòmhnard agus mòran bheathaichean gan cumail.

Leis an eilean a bhith eadar na ceuman latitude 57 is 58, bhiodh dùil ri aimsir chuimsich, gun i a bhith ro fhionnar no ro theth; oir chan eil uiread de theas na grèine a' ruighinn air 's a tha a deas no cho beag 's a tha a tuath. Ach tha buaidhean eile ann a tha a' dèanamh na h-aimsir cunbhalach is tlàth mar a tha:

'S e Port Rìgh am prìomh-bhaile, agus is e cuideachd am baile as motha a th’ anns an eilean. Tha cala Phort Rìgh, leis na taighean daithte timcheall air, gu math tric ri fhaicinn air cairtean-puist. Tha cuid aig ràdh gun deach am baile ainmeachadh an dèidh do Rìgh Seumas V tadhal sa bhliadhna 1540.  Ach tha cuid eile ag ràdh nach e Port Rìgh ach Port Ruighe an t-ainm a bh’ ann bho thùs.

Canar gun tàinig an t-ainm bhon Ghàidhlig (“eilean sgiathach”), neo bhon fhacal sean Lochlannais: Skuyö, a tha a’ ciallachadh: “Eilean fo sgothan”.  Ach tha Arne Kruse a’ cur ’nar cuimhne gu bheil Sketis Nesos sa Laideinn bho Ptolemy san 2mh Linn, fada ro linn nan Lochlannach, agus gu bheil Sci agus Sceth san t-Seann-Ghàidhlig.  Tha e ag ràdh gur ann às a sin a thàinig an t-ainm Seann-Lochlannais, Skíð; gu bheil an dà chuid Seann-Lochlannais agus Seann-Ghàidhlig a’ ciallachadh “sgoilte” agus gur dòcha gun tàinig sin bho na lochan fada mara a tha a’ sgoilteadh an eilein air an taobh siar.

Bho shean, chanadh na bàird An Clàr Sgìth ris an eilean, agus gus an latha an-diugh canar An Cuan Sgìth ris a' mhuir eadar e agus an t-Eilean Fada. Tha am facal Sgith a' ciallachadh 'geàrrte' no 'sgiathach' no 'eangach'. Aon sùil air a' mhapa agus chì sinn cho freagarrach agus a tha an t-ainm. Mar a thuirt a' bhana-bhàrd, Màiri nan Òran:

Bha an t-eilean an sealbh nan Lochlannach eadar an 9mh linn agus an 12mh linn AC.

Tha àiteachas (gu seachd àraid croitearachd), obair-ealain, gnìomhachas uisge-beatha agus an ròinn turasachd glè chudromach a thaobh bith-beò muinntir an eilein.

Tha gu bhith 2000 croit (no lotaichean mar a chanadh na Sgitheanaich riutha) san eilean, ach chan eil ach mu 100 dhiubh a tha mòr gu leòr airson a bhith beò asta.

Tha taigh-staile mòr Talasgair ann. Cuideachd tha Mac-na-Mara, Tè bheag nan Eilean agus Poit Dhubh, uisge-beatha pòsta, air an reic ann an Eilean Iarmain ann an Slèite.

As t-samhradh thig mòran luchd-turais don eilean seo. 
Tha an t-Eilean Sgitheanach cliùiteach airson na seallaidhean brèagha, m.e.:

 
Tha iomadach seann chaisteil rim faicinn, m.e:

Tha taigh-tasgaidh mu dhualchas nan eilean agus croitearachd ann an ceann a tuath an eilein, aig Cille Mhoire.

Tha an Ionad Àros faisg air Port Rìgh a' reic mòran stuth do luchd turais.

Tha beathaichean fiadhaich, m. e. an iolaire-bhuidhe, an iolaire-mhara agus a' bhiast-dhubh fhathast bitheanta is rim faicinn anns an Eilean Sgitheanach.

Tha a' cholaiste Gàidhlig Sabhal Mòr Ostaig suidhichte ann an Slèite, ann an ceann a deas an eilein.

Tha Drochaid an Eilein aʼ ceangal an eilein ri tìr mòr na Breatainne. Chaidh an drochaid seo a thogail anns aʼ bhliadhna 1995 eadar Caol Loch Aillse agus Caol Acain. Ach bha muinntir an eilein a' gearan mun phrìs (£7.50) a b' fheudar dhaibh a pàigheadh. Mar sin dheth cheannaich Riaghaltas na h-Alba an drochaid ann an 2004. An dràsta cleachdar an drochaid saor 's asgaidh.

Tha bàtaichean aiseig a' ruith eadar Armadail agus Mallaig, as t-samhradh cuideachd eadar Caol Acain agus Gleann Eilge.
Tha bàtaichean eile a' dol eadar Ùige agus An Tairbeart/na Hearadh, agus eadar Ùige agus Loch nam Madadh/Uibhist a Tuath.

Tha busaichean a' ruith gu Inbhir Nis agus gu Glaschu.

Tha duilleag  ann a bheireas ceanglaichean a tha feumail airson siubhal dhan Eilean Sgitheanach.




#Article 210: Cian-chonaltradh (125 words)


Air taobh cànan tha na freumhan aig cian-chonaltradh simplidh gu leòr. Tha cian a' ciallachadh ag astar agus fàd air falbh. Is e a tha ann an conaltradh ach cuir teachdairean, o daoine gu daoine - nuair a bhitheas dithis a labhairt le chèile, sin conaltradh. Nuair a bhios daoine a' sgrìobhadh litir ri cuideigin agus ga chuir dha troimhe a' phuist, sin conaltradh. Nuair a bhios dithis a labhairt le chèile air an fhòn, sin conaltradh. 

Chan urrainn do dithis a' labhairt mur eil iad còmhla le chèile, ach is urrainnear litir a chur ri cuideigin iomadh mìltean air falbh, fiù 's ann an tìr eile. Is urrainn dhuit, anns a h-aon seagh a labhairt ri cuideigin a tha fada air falbh air fòn.




#Article 211: An Eala Bhàn (109 words)


'S e An Eala Bhàn òran gaoil le Dòmhnall Ruadh Chorùna.  Chaidh a sgrìobhadh sa Chogadh Mhòr mu dheidhinn nighean air an robh e measail ann an Uibhist a Tuath.

'S e seo fear de na h-òrain as ainmeile ann an ceòl na Gàidhlig. Bhuannaich e taghadh airson 'Òran na Bliadhna' ann an 2010 ann an iomairt a rinn BBC Alba.

Seo a' chiad rann: 

Chan fhaodar an t-òran slàn fhaicinn an seo oir tha e fo dlighe-sgrìobhaidh. Chithear e agus Far an èistear ris air a sheinn le Iain MacAoidh, Calum Ceanadach, Dòmhnall Maccoinnich (Dòmhnall Chròic), Gòrdan Mckeeve, Karen NicMhathain, Neilidh Fearghasdan agus Seumas Greumach air làrach-lìn .




#Article 212: An Cogadh Mòr (1263 words)


Thachair An Cogadh Mòr no Cogadh a' Cheusair eadar 1914 agus 1918.  B' e sin an cogadh a bu sgriosaile a chaidh fhaicinn gu ruige sin, le barrachd bàs agus milleadh na thachair ann an cogadh sam bith a bh' ann roimhe. Fichead 'sa h-aon bliadhna às a dhèidh, thòisich  Dara Cogadh an t-Saoghail agus tha ceangal mòr ann eadar na dhà.

B' e sin a' chiad chogadh anns an robh tancaichean agus itealain an sàs. Chaidh bàtaichean-aigil a chleachdadh gu mòr, gu h-àraidh leis a' Ghearmailt.

Anns na bliadhnaichean ro 'n chiad chogadh, bha airm mhòra aig cuid mhòr de na dùthchannan mòra na Roinn Eòrpa ged a' bha iad aig sìth. A bharrachd air a sin, anns a' chuid a bu mhotha de na dùthchannan mòra, bha cuid a bu mhotha de dhaoine aig aois chogaidh anns na feachdan cùl-chuideachd. Bha sin a' ciallachadh gun rachadh na daoine aig an robh dreuchd sìobhalta gairm gu cogadh nan robh feum aig an dùthaich orra. 

Na bu mhiosa na sin, bha na planaichean-cruinneachaidh nam feachdan stèidhte gu mòr air na clàran-ama nan trèanaichean. Ann an seòrsa de dhealbh-cluich mòr, bha fios aig gach duine cuin a b' fheudar dha dhol ga uidheamachadh dhan ghearasdan ionadail agus an uair sin cuin a b' fheudar dhan gach aonad a dhol dhan stèisean trèine airson a dhol gu na crìochan. Bha e an ìre mhath do-dhèanta stad a chuir air cruinneachadh nam feachdan uair a chaidh e tòiseachadh gun na feachdan a chuir troimhe chèile, rud a bheireadh làmh an uachdar dhan nàmhaid. Agus bha làimh-an-uachdar aig an dùthaich a bha an toiseach air an fheadhainn eile ann a bhith a' cruinneachadh a feachdan. Leis a sin, bho a chaidh gairm gu armachd a-mach, 's e sliabh cas gu cogadh a bh' ann dhaibh. 

Thar nam bliadhnaichean ro 'n chogadh, chaidh iomadh caidreachais 's cùmhnantan stèidheachadh eadar mòran dùthchannan na Roinn Eòrpa. Mar eisimpleir, bha Caidreachas nan Cumhachdan Meadhanach ann leis a' Ghearmailt, an Eadailt agus an Ostair-Ungaire a bha nam ball ann. Bha cùmhnant-dìon eadar an Ruis agus an t-Sèirb an aghaidh Ostair-Ungaire. A bharrachd air a sin, bha caidreachas eadar an Ruis, an Rìoghachd Aonaichte agus an Fhraing an aghaidh na Gearmailt.

Stèidhich cuid mhòr de na dùthchannan mòra planaichean chogaidh. Mar eisimpleir, anns a' Ghearmailt, fo a' phlana Schlieffen, bha rùn aca bhuannachadh anns an Fhrainge an toiseach agus an uair sin an Ruis. Agus bha an Fhraing, fo phlana XVII, ag amas air a' ghleann Ruhr far an robh cuid mhòr de na factaraidhean na Gearmailt. Anns an Ruis, bha iad ag amas an aghaidh na Gearmailte agus na h-Ostaire 's na h-Ungaire aig an aon àm.

Bha na planaichean a' crochadh gu mòr air an t-siostaim rèile anns gach dùthaich. 'S seòrsa de dhealbh-cluich mòr 's na trèanaichean anns gach dùthaich a' feuchainn na milleanan de saighdearan a thoirt do na crìochan. Agus bhiodh làmh-an-uachdair a dhèanadh a' chùis an toiseach agus ann an deagh òrdugh.
 

'S e sradag a thòisich an cogadh am murt Àrd-Diùc Ferdinand na h-Ostaire 's na h-Ungaire le fear Gavrilo Princip, air an 28mh Ògmhios, 1914 ann an Sarajevo. Chuir am murt seo fearg air Ostair-Ungaire an aghaidh an t-Sèirb oir bha iad cinnteach gu robh an t-Sèirb air cùl a' mhuirt. Mar sin ghairm Ostair-Ungaire cogadh an aghaidh na Sèirbe air an 28mh Iuchair, 1914. Leis gu robh caidreachas-dìon eadar an Ruis agus an t-Sèirb, tòisich an Ruis a feachdan a chruinneachadh 's a chuir air cois-chogaidh airson taic a thoirt dhan t-Sèirb. Leis gun do gheall a' Ghearmailt taic dhan Ostair-Ungaire 's gu robh ann na rinn an Ruis dhaibh co-dhiù, ghairm a' Ghearmailt cogaidh an aghaidh na Ruis air 1ad an Lùnasdal agus air an Fhraing 3as an Lùnasdal.

Thòisich a' Ghearmailt le bhith a' toirt ionnsaigh air an Fraing tro a' Bheilg le a' chuid a bu mhotha de na feachdan aca, a' fàgail feachdan aotrom anns a' cheann an ear ri dhìon an aghaidh na Ruise cho math sa b' urrainn dhaibh. 'S an amas a bh' aca chuir ruaig air an Fhraing mus biodh cothrom aig an Ruis na feachdan acasan a chruinneachadh air na crìochan eadar a' Ghearmailt agus an Ruis. B' e am plana stèidhte air a' bharail gu robh an t-siostam rèile aig an Ruis gu math slaodach agus leis cho farsaing sa bha an Ruis, b' fheudar dhan Ruis ùine mhòr ri na feachdan aca a chruinneachadh.

An aghaidh na Frainge, 's e am plana aig a' Ghearmailt cuideam a chuir air a' làimh dheis aca, a' ciallachadh gum biodh a' chuid a bu mhotha de na feachdan anns a' cheann an iar an aghaidh na Frainge a' toirt ionnsaigh tro a' Bheilg agus nach biodh ach feachdan aotrom air a' chrìoch eadar an Fhraing 's a' Ghearmailt fhèin. B' e sin rùn a' phlana Schlieffen. Ach mar a thachair, cha do chuir na Gearmailtich cuideam gu leòr air a' làimh dheis air a' plana, 's cha do dh' amas iad air cùil Pharas mar a bha Schlieffen an dùil. Thachair sreath de chathan eadar na feachdan na Beilge, na Frainge agus an Rìoghachd Aonaichte a chuir stad air an dol-air-adhart nan Gearmailteach.

Aig an dearbh àm, thug an Ruis ionnsaigh an aghaidh na Gearmailt anns a' cheann an ear agus b' fheudar dhan Ghearmailt a dìon as aonais na feachdan anns an Fhraing leis gu robh fhathast glacte ann an sin. Uill, mar a thachair, bhuannaich na Gearmailtich buaidh mhòr os cionn nan Ruiseach le na feachdan a bh' aca co-dhiù agus chuir na Gearmailtich stad air an dol-air-adhart nan Ruiseach ann a' bhatail ris an canar .

Dh'atharraich rang-eòlas gu mòr thar na bliadhnaichean a' chogaidh mhòir. Aig toiseach a' chogaidh, bha an armachd air fàs marbhtach gu ìre nach do thuig idir na seanalairean. Mar eisimpleir bha na [machine guns] ann a bha comasach iomadh peilearan a losgadh ann an sreath a chèile. Bha na gunnaichean mòra air fàs na bu chumhachdaiche 's na b' astaraiche. Ach a dh'aindheoin sin, bha rang-eòlas an ìre mhath mar a bha e aig àm nan cogaidhean Napoleon. Mar bu thrice, dhèanadh saighdearan caismeachd sìos an rathaid nam buidhnean mòra 's iad fhathast corra cilemeatairean bho lìnean nan nàimhdean ach mharbhadh na gunnaichean mòra na mìltean aca co-dhiù. Chaill mòran am beatha mus do thuig iad gum b' fheudar dhaibh sgapadh fiù 's nuair bha iad fhathast astar mòr bhon nàmhaid. 

Air a' bhlàr fhèin an toiseach rachadh na saighdearan an sàs an nàmhaid nan sreathan fada 's aig amannan fiù 's a' seinn gun a bhith a' toirt cus for do na machine guns. Ach ged a bha na seanalairean fhathast aineolach, dh'ionnsaich na saighdearan fhèin gum b' èiginn dhaibh trainnsichean doimhne a chladhadh agus uèirean biorach a sgapadh air am beulaibh.

Mar sin, gu h-àraid sa cheann an iar, san Fhraing, cha b' fhada mus do stad na loidhnichean chogaidh a ghluasad 's thoisich na saighdearan a chladhadh tuill eu-domhainn 's an uair sin trainnseachan domhainn dhaibh-fèin gus an dìon o na [machine guns] 's na gunnaichean mòra. Chuir iad suas uèir bhiorach eadar an dà loinne.

Air sgàth sin, bha làmh-an-uachdair gu mòr ri taobh an fheadhainn a bha a' dìon. Bha na blàran uabhasach fhèin fuilteach. 'S iomadh bhlàr far an do chaidh ceudan mìltean saighdearan am marbhadh ach bu ghann a ghluasad na loidhnichean idir co-dhiù.

Air sgàth sin, dh'atharraich rang-eòlas gu mòr, feuch am faigh iad tro na trainnseichean. Chleachd iad gasaichean puinnseanta. Thionnsgain iad tancaichean agus an rang-eòlas an chleachdadh.




#Article 213: Tenzin Gyatso (134 words)


Rugadh Tenzin Gyatso, an 14mh Dalai Lama air 6mh Iuchar 1935 ann an Takster ann an ear-thuath Tibet. 

Ceannard Spioradail nam Budach Tibeiteach agus an ceathramh ath-fheòilich deug de Bhuddha a' Cho-fhulangais. Tha e air a bhith na fhògarraich anns na h-Innseachan o 1959 nuair a dhiùlt e Aonta nan Seachd Puingean leis na Sìnich, a bha air Tibet a ghabhail os làimh ann an 1950. Bha còir aig an Aonta seo còirichean nan Tibeiteach a dhìon ach cha do chum na Sìnich leis idir.

Tha e a-nis a' siubhal an t-saoghail gun tàmh, a' coinneachadh ri ceannardan is daoine mòra mar phàirt de dh'oidhirp airson Tibet a shaoradh bho smachd nan Sìneach. Bhuannaich e an Duais Nobel airson Sìth ann an 1989. Labhair e aig an S.E.C.C. ann an Glaschu ann an 2004.




#Article 214: An Dara Sealladh (246 words)


'S e an comas a bhith a' faicinn thachartasan san àm ri teachd a th' anns an dara shealladh neo an dà shealladh.  Ged tha e coltach gu bheil an comas seo aig mòran dhaoine air feadh an t-saoghail, gu h-àraidh ann an Tibet agus cultaran shamanach eile, tha an dara shealladh na rud cudromach ann an cultar nan Gaidheal.  Tha uamhas de sgeulachdan air a' Ghàidhealtachd mu dheidhinn tachartasan air a chaidh iomradh a thoirt fada mus do thachair iad.

Bhiodh an dara shealladh ag obair ann an iomadach dòighean, uaireannan bhiodh am fàidh, an duine no an tè aig an robh an dara shealladh, a' faicinn samhla, mar chiste-laighe, no solais dìomhair fad air falbh air a' mhòinteach, nach gabhadh lorg.  (Tha deagh eisimpleir de seo ri faotainn anns an òran Runrig, Cnoc na Fèille) Aig amannan eile, bhiodh na fàidhean fhèin a' toirt iomradh air na tachartasan fhèin, mar a rinn Coinneach Odhar nuair a rinn e iomradh air Seòlaid a' Ghlinne Mhòir, corr is da cheud bliadhna mus deach a thogail.  Thuirt e gum biodh luing a' seòladh seachad air Tom na h-Iubhraich aon latha.

Bha cumhachd mhòr aig daoine leis an dara shealladh, agus airson a' mhòr-chuid, bhiodh iad a' toirt sgeul air droch thachartasan, mar bhàs dhuine.  Thathar a' ràdh gum b' urrainn dha fàidh innse nuair a chaochladh cuideigin 'sa bhaile.  Tha mòran dhaoine fhathast a' creidsinn anns an dara shealladh mar Fergie Dòmhnallach, an cluicheadair bocsa Mùideartach ainmeil.




#Article 215: Cnoc na Fèille (205 words)


Òran glè thaitneach le Runrig, còmhlan-ciùil Ceilteach às an Eilean Sgitheanach.  'S ann mu dheidhinn tachartas neònach ann an Uibhist a Tuath, nuair a chunnaic cuid de dhaoine, gu h-àraidh cuid leis an dara shealladh no an dà-shealladh mar a chanar ann an Uibhist, solais a' siubhail faisg air Cnoc na Fèille.  'S e deagh oidhirp a th' anns an òran seo airson òran luaidh a dhèanamh ann an dòigh ùr, nuadh.

Gun dragh gun d' chuir e an t-eagal oirnn

Solas Cnoc na Fèille

Hogainn o ro ho ro illean ho ro eile.

Bha feadhainn ann a chunnaic e

'S càch ag innse nam breugan

Hogainn o ro ho ro illean ho ro eile.

Ach muinntir an dà-shealladh

Chitheadh iadsan co-dhiù e

Hogainn o ro ho ro illean ho ro eile.

Tha lach is gèadh is curracag

Nan caraidean air a' mhachaire

Hogainn o ro ho ro illean ho ro eile.

Tha feannag air a crochadh suas

Ceangailte le ròpa

Hogainn o ro ho ro illean ho ro eile.

Tha coineanach sa ghainmheach

Na sheasamh, abair urchaire

Hogainn o ro ho ro illean ho ro eile.

Hogainn o, hogainn o, ho ro ho ro illean

Hogainn o, ho ro illean, hogainn o horainn o.




#Article 216: Comhachag (102 words)


'S e eun anns an òrdugh Strigiformes a tha anns a' chomhachag no cailleach-oidhche.

Bidh a' chomhachag na dùisg tron oidhche , agus bidh i a' nochdadh gu tric ann am beul na h-oidhche is anns a' chamhanaich. Bidh iad a' cur dòigh air fasgadh rè an latha, ann an spiris shàmhach agus gan nighe fhèin, ach chìthear uaireannan iad air iteig ris an latha gheal. Bidh iad a' sealg eòin eile agus luchagan. 

Bidh a' chomhachag a' nochdadh gu tric ann am beul-aithris. Mar eisimpleir, anns an ràdh seo: 

Tha mi nas eòlaich' air coille na bhith fo eagal na caillich'-oidhche.




#Article 217: Martyn Bennett (317 words)


B' e Martyn Bennett fear-ciùil ùr-ghnothach a mheasgaich ceòl Albannach traidiseanta agus modhannan as ùire. 'S e bh' ann ach fear de na luchd-ciùil Albannach as cudromaiche ri a linn-sa.  Rugadh e air an 17mh an Gearran 1971, ann am Baile Naoimh Eòin, An Talamh Ùr, Canada. B' e mac an t-seinneadair Gàidhlig is eòlaiche ainmeil, Mairead Bennett, às an Eilean Sgitheanach. An uair a bha e 6 bliadhna de dh'aois, thàinig iad ri Ceann a' Ghiùthsaich, Alba, far an deach a thogail a-measg beartas de dhualchas na h-Alba, an dà chuid Gaidhealach is Gallta, a thug buaidh mhòr air a cheòl. Rinn e ceòl clasaigeach aig an RSAMD ann an Glaschu, far an do choinnich e ris a bhean, Kirsten, a' ceumnachadh ann an 1994.

Ged a rinn e ceòl clasaigeach mar cheum, thill e gu ceòl Albannach, a' cluich na fìdhle is na  pìoba mòire agus thòisich e ag aonachadh seo le ceòl dannsa de leithid eile (air a bheil Rave no House).  Thàinig a chiad chlàr, air ainmeachadh leis fhèin, a-mach ann an 1996.  Bha seo an deagh àm, an uair a bha Runrig agus Capercallie a' fàs sgìth is sean.  Ach 's e an dàrna clàr aige Bothy Culture a bha na chlach-mhìle ann an ceòl tradaiseanta Albannach.  A' tarraing air iomadach dhòighean is chultaran, 's e Hallaig le Somhairle MacGill-Eain  a' leughadh a chuid bhàrdachd fhèin a th' anns an òran as mìorbhailiche, ach tha e doirbh port lag a lorg air a' chlàr.

B' e Hardland an treasa clàr aige.

Dh'imrich e gu Muile ann an 1999 agus chùm e air ag aonachadh nan diofar dhòighean ri chèile gu ann Glen Lyon agus le Grit a thàinig a-mach ann an 2003.  Chaochail Martyn Bennett ann an Dùn Èideann air an 30mh latha den Fhaoilleach 2005 as deidh tinneas fada le aillse.  Dh'fhàg e a bhean chòir, Kirsten agus a mhàthair, Mairead.




#Article 218: Basgais (1537 words)


'S e Basgais (Basgais: Euskara IPA: [eus̺kaɾa]) cànan nam Basgach a tha a' fuireach ann an Dùthaich nam Basgach, ceàrnaidh eadar ear-thuath na Spàinne is iar-dheas na Frainge. Tha i aig 25.7% dhe na Basgaich anns na roinnean-dùthcha air fad (665,800 a-mach à 2,589,600). Tha 614,000 dhiubh a' fuireach air taobh na Spàinne de Dhùthaich nam Basgach is càch 51,800 air taobh na Frainge.

Tha dùmhlachd luchd-bruidhinn as àirde ann am Bizkaia, Gipuzkoa, taobh tuath Nafarroa agus Lapurdi, Nafarroa Ìochdarach agus Zuberoa ann an iar Département Pyrénées-Atlantiques san Fhraing. Tha na Basgaich fhèin pailt air feadh gach aon dhe na seachd roinnean, a' gabhail a-steach Araba, ach cha do mhair an cànan anns a' mhòrchuid de dh'Araba, taobh an iar Bhizkaia is taobh a deas Nafarroa ged a tha i ag ath-shìoladh ann a-rithist an cois ath-bheòthachadh a' chànain.

Chaidh bun-tomhas cànain air a bheil Batua a chruthachadh leis an Euskaltzaindia (Acadamaidh na Basgaise) aig deireadh nan 60an. Chaidh a bhrosnachadh anns na sgoiltean, ann an rianachd is ann am meadhanan na Basgaise an toiseach agus thathar ga cleachdadh gu mòr an-diugh. 

A bharrachd air a' bhun-tomhas, tha sia prìomh dhual-chainntean ann, Bizkaiera, Gipuzkera, Nafarrera Uachdarach, Nafarrera Ìochdarach is Zuberera. Ged a tha iad seo air an ainmeachadh a-rèir ainmean nan roinnean, cha cho-ionnan sgìre nan roinnean is sgìrean nan dual-chainntean.

'S e Euskara ainm oifigeach a' chànain (le grunn ainmean eile sna dual-chainntean eadar Euskuara, Eüskara, Uskara, Auskera, Üskaa is feadhainn eile mar sin). Tha dhà no trì teòraigean seasmhach ann an-diugh mu fhreumh an ainm.

Chaidh grunn bhonn a lorg on 1d is 2na linn AC ann an taobh a tuath na Spàinne air a bheil an t-ainm barscunes sgrìobhte ann an aibidil Ìbeireach ann an sgìre faisg air Iruña far an robh na Vascones a' fuireach san linn sin. Tha cuid ag argamaid gu bheil ceangal eadar am facal barscunes agus Vascones nan Ròmanach.

Tha na Basgaich fhèin a' cur euskaldunak (iolra) orra fhèin, o euskal (tionndadh ro-leasachail de Euskara) agus dun (cuideigin aig a bheil rudeigin); mar sin cuideigin aig a' bheil Basgais.

Cuideachd, tha Alfonso Irigoyen ag argamaid gu bheil an t-ainm Euskara a' tighinn on ghnìomhair àrsaidh enautsi abair, leis an leasachan -(k)ara dòigh gus rudeigin a dhèanamh; mar sin an dòigh bruidhinn). Tha aon rud ann a tha a' cur taic ris an teòraig seo agus sin leabhar air a bheil Compendio Historial, air a sgrìobhadh ann an 1571 leis an sgrìobhadair Bhasgach Esteban de Garibay far a bheil ainm a' chànain a' nochdadh mar enusquera.

'S e basque a bhitear a' cleachdadh san Fhraingis mar is trice ach tha barrachd ainmean ann san Spàinntis eadar el vasco, la lengua vasca no el euskera. Tha an dà chuid vasco is basque a' tighinn on ainm-sluaigh Laideann Vascones a tha e fhèin a' dol air ais dhan fhacal Ghreugais ουασκωνους (ouaskōnous), ainm-sluaigh a chleachd Strabo.

Tha ainm eile ann sa Spàinnis nach eilear a' cleachdadh gu tric tuilleadh, Vascuence, on Laideann vasconĭce, ach thog an t-ainm sinn droch bhlas thairis air na linntean 's cha toigh leis na Basgaich e idir. Tha e a' dol air ais dhan 14mh linn air a' char as lugha ge-tà, le lagh à Huesca ann an 1349 ag ràdh Item nuyl corridor nonsia usado que faga mercadería ninguna que compre nin venda entre ningunas personas, faulando en algaravia nin en abraych nin en basquenç: et qui lo fara pague por coto XXX sol - ag ràdh gu bheilear a' cur càin 30 sol air bruidhinn na h-Arabais, Eabhra no Vascuence (Basgais) air margaidean ann an Huesca.

Ged a tha Cànain Ròmanach Innd-eòrpach ceithir timcheall a' chànain, 's e cànan aonaranach a tha sa Bhasgais. 'S ise tè mu dheireadh de na cànain ro-Innd-eòrpach anns an Roinn Eòrpa a tha innte. Air sgàth sin, cha gabh eachdraidh nam faclan sgrùdadh tron dòigh choimeasach ach a-mhàin tro coimeas nan dual-chainntean. 

Chan eil làn fhios mu thùs a' chànain ach gun robh sinnsear dhith an lathair san Roinn Eòrpa an Iar ro thighinn nan cànan Innd-Eòrpach. Tha sgrìobhainnean Laideann ann an Aquitania a' nochdadh grunn fhaclan a tha glè fhaisg air na foirmean a chaidh an ath-chruthachadh airson proto-Bhasgais, mar eisimpleir na h-ainmean Nescato is Cison (neskato is gizon - caileag agus fireannach ann an Basgais an latha an-diugh). 'S e Aquitanais a chanar ris a' chànan seo a ghnàth agus thathar sa bheachd gun robh i san sgìre ro cheannsachadh Iberia leis na Ròmanaich. 

On nach robh ùidh mhòr aig na Ròmanaich ann an sgìrean beanntach Aquitania 's iad dèidheil air an talamh rèidh, chaidh aig a' chànan mairsinn beò fhad 's a bhàsaich na cànain eile mar Ibeiris is Tartesis. Gahbh a' Bhasgais ri iomadh facal-iasaid tro eadar-mhalairt leis na cànain mun cuairt oirre, a' tòiseachadh le Laideann, an uairsin Gasconais san ear-thuath, Fraingis, Spàinntis is an-diugh fiù Beurla.

A chionn 's nach b' urrainn do sgoilearan an cànan a cheangal ris na cànain Innd-Eòrpach eile, thug iad sùil na b' fharsainge mun cuairt. Am measg iomadh faoin-bheachd, tha feadhainn ann a tha nas saidheansail ach a dh'aindeoin sin, cha deach teòraig shaidheansail sam bith a stèidheachadh a fhuair aonta farsain gu ruige seo agus tha a' mhòrchuid dhiubh ro-chonnspaideach fhathast agus thathar a' coimhead air a' chànan mar fhear aonaranach fhathast.

Tha grunn rudan ann a tha car coltach san Ìbeiris, cànan àrsaidh eile air leth-eilean Hiospàineach, agus Aquitanais. Ge-tà, chan urrainnear fhathast a ràdh le cinnt an e ceanglaichean ginteil a bha ann. Chan eilear cinnteach fhathast dè an teaghlach a bhuineas Ìbeiris fhèin dha.

Seo cuid dhe na ceanglaichean a bhathar gan cur nar sùilean nach eilear a' cur cus creidsinn ann tuilleadh:

Chrìon àireamh nan sgìrean far a bheilear a' bruidhinn Basgais thairis air na linntean agus tha e nas lugha na meud na dùthcha ris an can na Basgaich Euskal Herria no Dùthaich na Basgaise. Tha gu h-àraid ainmean-àite a' sealltainn dhuinn gun robh an roinn far an robhar ga bruidhinn fada na bu mhotha roimhe, gu h-àraid air taobh an ear nam Beanntan Pirineitheach. Mar eiseimpleir, tha ainm Gleann Aran, àite ann an Catalunia far a bheilear a' bruidhinn Gasgonais an-diugh, stèidhichte air facal Basgais haran gleann.

Bha sgìre a' chànain a' fàs fad greis aig àm an Reconquista nuair a ghairm na tighearnan crìosdaidh air muinntir taobh tuath na Spàinne - na Basgaich is na h-Asturaich na raointean a thuineadh a bhuannaich iad o na Muslamaich. Ach ged a bha an cànan na chainnt làitheil cuid mhòr dhen t-sluaigh, 's e Spàinnis, Gasgonais, Frangais no Laideann a bhathar a' cleachdadh san rianachd is ann am foghlam.

Chrìon a' Bhasgais gu grad ann an Araba is Nafarroa sna 1800an. Ge-tà, am cois èirigh nàiseantachais Bhasgaich is dàn a' chànan an teis meadhan na h-iomairt 's i na prìomh chomharra nàiseantachd ann an sùilean nan daoine, thill ann cànan am measg na feadhainn òga ann an sgìrean mar Araba, anns na h-Encartaciones is cuid de Nafarroa.

'S Laideann, Spàinnis agus an Fhrangais na cànan aig an robh inbhe oifigeach gu eachdraidheil air feadh Dùthaich nam Basgach. Ge-tà, bha seòrse de dh'inbhe aig a' Bhasgais ann an cuid de na sgìrean. Mar eisimpleir, bha cairt ionadail ann an gleann Ojacastro far an robh Basgais ann aig àm ged a tha e san La Rioja an-diugh a thug cead do na Basgaich an cànan a chleachdadh ann am pròiseasan laghail san 13mh is 14mh linn.

Tha inbhe co-oifigeach aig a' chànan sa Choimhearsnachd Fhèin-riaghlaidh Bhasgach agus cuid dhe na sgìrean ann an Nafarroa. Chan eil inbhe oifigeach aig a' chànan anns an Fhraing fhathast agus chan urrainnear a chleachdadh anns na cùirtean a bharrachd. Gu h-annasach, tha cead aig Basgaich Spàinnteach an cànan a chleachdadh sna cùirtean san Fhraing a chionn 's gu bheil e na chànan oifigeach air taobh eile na crìche.

Tha rianachd gach roinne a' brosnachadh a' chànain aig ìre eadar-dhealaichte. Thathar ga bhrosnachadh gu làidir sa Choimhearsnachd Fhèin-riaghlaidh ach gu fann san Fhraing. Tha an taic a gheibh an cànan ann an Nafarroa a' crochadh air dè an roinn dhen dùthaich sa bheilear. Stèidhich riaghaltas Nafarroa roinntean eadar-dhealaichte - roinn Bhasgach san tuath, roinn bhreac ann am meadhan na dùthcha is roinn neo-Bhasgach san deas leis an Ley de Vascuence (Lagh na Basgais), rud a tha air leth connspaideach am measg nam Basgach.

Sheall an t-Suirbhidh Shòiseo-chànanach 2006 de gach ceàrn dhen dùthaich na leanas am measg an t-sluaigh os cionn aois 16:

Còmhla, bha 665,800 duine ann aig an robh Basgais ann an 2006 (aois 16 is na bu sine) a-mach à sluagh iomlan de 2,589,600 (1,850,500 sa Choimhearsnachd Fhèin-riaghlaidh, 230,200 ann an Iparralde agus 508,900 ann an Nafarroa). Sin 25.7% de labhraichean dà-chànanach, 15.4% de labhraichean fulangach is 58.9% de dhaoine gun Bhasgais. Sin piseach air àireamhan 1991 o 528,500 (a-mach à sluagh de 2,371,100 ann an 1991) gu 665,800 (ann an 2006)

Tha sgaradh mòr eadar dual-chainntean an latha an-diugh agus tha e doirbh do dhaoine aig a bheil diofar dual-chainntean tuigsinn a chèile uaireannan mur eil Batua aca. Tha sinn gu h-àraid fìor mu dhual-chainnt Zuberoa a tha gu math eadar-dhealaichte o chàch.

Tha eadar 6 is 9 dual-chainntean air an sgaradh mar is trice: 




#Article 219: Lord of the Rings (film) (129 words)


Tri fiolmaichean steidhichte air an leabhar Lord of the Rings(Tighearna nam Fainne) le JRR Tolkien. Chaidh an stiùireadh le Peter Jackson(Peadair MacIain) agus chaidh a chlàradh ann an Seallain Nuadh ann an 1999. Thainig a' chiad fhiolm The Fellowship of the Ring(Caidreachas nam Fainne) a-mach anns an Dubhlachd 2001, le The Two Towers(An Da Thùr) a' tighinn a-mach ann an 2002 agus Return of the King(Tilleadh an Righ) a'nochdadh ann an 2003. Bhuannaich Tilleadh an Righ 11 duaisean acadamaidh ann an 2004.

Corr is tri fichead bliadhna as deidh nan tachartasan anns The Hobbit(Na Hàbad), tha an tighearna dorch, Sauron ag eirigh agus a' sireadh An Aon Fhainne a ghoid Bilbo bho Uamh Gollum. Feumaidh a cho-ogha òg, Frodo Baggins a chur às dhan Fhainne aig Bealach Bheinn Luain 




#Article 220: Tormod MacGill-Eain (347 words)


'S e pìobaire, bàrd, sgeulaiche, ùghdar, cleasaiche, craoladair agus stand-up a bh' ann an Tormod MacGill-Eain (Beurla: Norman MacLean; 1936–2017).  

Anns aʼ bhliadhna 1967, choisinn e an dà chuid Crùn na Bàrdachd agus Bonn Òir a' Chomuinn Ghaidhealaich aig aʼ Mhòd Nàiseanta, an aon duine riamh a rinn sin. Bha prògram telebhisean aige fhéin, air an robh Tormod air an Telly, far an do rinn e spòrs is fealla-dhà agus tha e gu math ainmeil air feadh nan Gàidheal is na Gàidhealtachd.

Rugadh e ann an 1936 ann an Glaschu do theaghlach eileanach ann an Glaschu. Thogadh e còmhla ri càirdean ann an Grìminis, Beinn na Faoghla, anns an t-Srathan, aig Ceann Loch Airceig ann an Loch Abar, far an robh bràthair a sheanmhar na chìobair, agus an uairsin ann an Uibhist. 

Às dèidh foghlaim oilthigh, chaidh e a theagasg ann an Glaschu agus anns an Òban. Bha e cuideachd a' dol air feadh na dùthcha mar sheinneadair 's fear-ciùil pàirt-ùine. 

Chuir e na bliadhnaichean mu dheireadh de a bheatha seachad ann an Dalabrog, Uibhist a Deas. Bha e 80 bliadhna a dh'aois nuair a chaochail e ann an 2017. 

B' ann anns an 1970an a choisinn e cliù anns na meadhanan leis a' phrògram Tormod air Telly - a' chiad phrògram comadaidh Ghàidhlig. Sa phrògram, sgrìobh e agus bha e ri cleasachd ann an sgeidsichean èibhinn, a bharrachd air a bhith a' seinn agus ag innse sgeulachdan. Thathas ag ràdh nach b' aon uair a chaidh banais a stad ach am faiceadh na bha an làthair Tormod air an telebhisean.

Bho na 1970an gus na 1990an, bha fèill mhòr aig cuirmean air feadh na dùthcha. Air an àrd-ùrlar, bhiodh e ri fealla-dhà, seinn agus ceòl. Thug e a-mach clàran de chomadaidh agus seinn.

Bha e air ceithir leabhraichean a sgrìobhadh sa Ghàidhlig: Keino, Cumhnantan agus, fon tionnsgnadh Ùr-Sgeul, Dacha mo Ghaoil agus Slaightearan. Tha a' chiad fhear mu dheidhinn féis agus adhaltranas, agus an dàrna fear mu dheidhinn nam meadhanan Gàidhlig. Ann an 2009, nochd eachdraidh-beatha ann an clò, The Leper's Bell, sgrìobhte sa Bheurla a-mhàin.




#Article 221: Breac (278 words)


Cleachdaidhean eile aig breac (soilleireachadh)

'S e seòrsa iasg a tha ann am breac (Laideann: Salmo trutta trutta)

Tha cuid as motha dhe na bhreacan a-mach sa fìor-uisge ach tha feadhainn a’ fuireach ann an uisge saillte.  Nuair a tha breac na mara a’ mealgachadh bidh iad a’ gluasad air ais dhan fhìor-uisge agus dha na h-aibhnichean eadar an t-Iuchar agus an t-Samhain far am bi gach boireannach a’ dèanamh timcheall air deich mìle uighean.  Bidh na feadhainn beaga a’ feitheamh ann gus a bheil iad eadar còig deug no fichead ciadameatairean sa còig, a’ fàs le bhith ag ithe bèisteagan.  As dèidh a bhith a’ fuireach anns na uisge saillte airson eadar leth-bhliadhna agus còig bliadhnaichean bidh iad a’ dol air ais dhan fhìor-uisge gach bliadhna airson sìolradh a dhèanamh.  Tron an t-àm a tha iad anns a’ mhuir bidh iad a’ fuireach faisg air an oirthir gu h-àraidh faisg air beòil-aibhne agus àiteachan eile far a bheil fìor-uisge a’ tighinn còmhla ri uisge saillte.  Tha e air a lorg timcheall Bhreatainn. 

 
Tha tòrr daoine ag iasgach airson breac airson spòrs agus tha àiteachan ann far a dh’ fheumadh tu cead fhaighinn airson gan glacadh.  Tha e tòrr nas fhasa a bhith a’ faighinn breac bhon fhìor-uisge seachd air a’ mhuir agus ‘s e duais mhòr a th’ ann a bhith glacadh breac fiadh a tha a’ fuireach sa mhuir, ‘s e ròicealachd a th’ ann airson coicearachd agus ithe cuideachd.

'S e iasg làn blas a th’ ann an breac agus tha e caran olach le feòil cleiteach.  B’ urrainn dhuibh am breac a lìonadh a–steach le rudan eile, bruich, frighig anns a’ phana neo grisgean.




#Article 222: Buntàta (119 words)


Tha am buntàta na ghlasraich freumh, gu math pailt air feadh an t-saoghail, ach tha e a' buntainn ri Aimearaga a Deas bho thùs. Is iad na Spàinntich a thug am buntàta a-steach dhan Roinn Eòrpa, as dèidh dhaibh na h-Incas a chur fo smachd. Thathar a-nis ga ithe air feadh an t-saoghail ann an iomadach dòigh. 

A-rèir beul-aithris thàinig am buntàta gu h-Éirinn sa chiad dol a-mach le seòladairean Spàinnteach a' teicheadh bho na Sasannaich as dèidh na h-ionnsaigh neo-shoirbheachail le feachd-mara na Spàinn ann an 1588. Tha an aon sgeulachd aig na Sgalpaich, ach a-rèir coltais dh'fhàg na Spàinntich sìol de leithid eile ann an siud!

Is e luach neirt air buntàta goillte 323 KJ / 100g.




#Article 223: Guga (162 words)


Buinidh an guga do dh'àl an t-sùlaire. Ann an Earra-Ghàidheal, bhathar a' toirt an fhacail amhsan air, agus ann an sgìrean eile, 's e Caraid nan Gàidheal a chanadh ris.

Bha an guga ag abachadh aig an aon àm ris an eòrna. 

Tha e na chleachdadh aig muinntir Nis bho linn Oisein a bhith a' dol a dh'eilean Shùlaisgeir, le sgothan fosgailte, a dh'iarraidh ghugannan. Tha iad ris an cleachdadh seo fhathast. 

Bhiodh na Nisich a' fuireach 7 latha no 8 air Eilean Shùlaisgeir bho chionn còrr is 400 bliadhna, agus a' toirt air ais leotha làn an eathair de dh'eòin 's de dh'itean.

Tha Sùla Sgeir no (Sùlaisgeir), suas ri 40 mìle tuath 's an ear-thuath air Rubha Robhanais, Leòdhas. Tha e leth-mhìle bho cheann gu ceann, agus 200 troigh os cionn na mara. 

Chan eil bàgh ann anns an gabh eathar tìr, mar sin, 's ann suas aodann na creige aig ìochdar geodhaidh a tha na h-eathraichean air an tarraing.




#Article 224: Nis, Leòdhas (179 words)


'S e sgìre ann an ceann a tuath Eilean Leòdhais a th' ann an Nis. Tha mu 16 bailtean beaga anns an sgìre: (tuath gu deas): Eoropaidh, na Còig Peighinnean, an Cnoc Àrd, Am Port (Port Nis), Lìonal, Tàbost, Suainebost, Cros, Cros-Sgiogarstaigh, Eoradal, Adabroc,  Àird Dhail, Dail bho Thuath, Dail bho Dheas, Sgiogarstaigh agus Cuishader. Chan eil coimhearsnachd anns an Aonadh Eorpach nas fhaide chun an iar-thuath na Nis. Tha a' Ghàidhlig nas treasa ann an Nis na tha i ann am pàirt sam bith eile de Leòdhas; tha mu 75% ga bruidhinn.

Tha cunntas-sluaigh 2001 ag ràdh gu robh beagan nas lugha na 1,000 duine ann an Nis aig an àm. Ann an 1831 bha nas motha na 3,000 duine ann.

A h-uile bliadhna aig deireadh an Lùnastail bidh deichnear a dol a-mach bho Nis gu Sula Sgeir airson 2,000 guga (sùlaire òg) a mharbhadh.

'S e Sgoth an t-ainm th' air an t-seòrsa bàta a bhathar a' cleachdadh le na Nisich airson iasgach agus tha urras ann a-nis (Falmadair) airson bataichean a chumail ann an deagh òrdugh.




#Article 225: Raymond Burr (120 words)


B' e cleasaiche ainmeil a bha ann an Raymond Burr. Rugadh e sa bhliadhna 1917 ann an Canada agus chaochail e sa 12mh An t-Sultain, 1993 ann an California, Na Stàitean Aonaichte le aillse stamaig.

Fhuair e cliù mar Perry Clachair, am fear-lagha mìorbhaileach, agus Ironside, am fear-poileas ann an cathair-cuibhle anns na sreathan air an robh na h-ainmean sin fhèin.  Chluich e na pàirtean seo da thuras, Perry Clachair ann an da shreath fhada aig deireadh nan 50an agus bho 1985 gu 1993, nuair a chaochail e.  Chaidh a chiad shreath de Ironside a dhèanamh ann an 1967.  Thill e don phàirt ann an 1993 airson prògram sònraichte.

Tha rionnag aig Burr air Sraid na Cliù ann an Hollywood.




#Article 226: Hollywood Walk of Fame (102 words)


Dà shlighe ann an Hollywood, Los Angeles far a bheil sreath fada de rionnagan uamh agus terrazzo a' comharrachadh saothair dhaoine anns na gnìomhachasan fhèisteas, fiolm, reidio, ceol is mar sin air adhart. Tha na streathan nan ruith fad dà mhìle ann am meadhan Hollywood air Vine Avenue (tuath gu deas) agus Hollywood Boulevard (ear gu iar). Air sgath 's gu bheil a' mhòr-chuid den luchd-turais a' tadhal air pìos beag den Walk of Fame, aig Hollywood Boulevard agus Highland Avenue, bidh na rionnagan nas ùire rim faicinn an sin.

Fiù 's tha rionnag aig da chù, Rin Tin Tin agus Lassie.




#Article 227: Ogsaidean (129 words)


'S e eileamaid cheimigeach a tha ann an ogsaidean, no àile-bheathail le samhla O agus àireamh atamach 8. Tha e na ghas aig teothachd is brùthadh àbhaisteach. Tha ogsaidean na ghas meadhanach iom-obrachail is tha e air leth cudromach airson beatha air an t-Saoghal. Tha ogsaidean sna chòigeamh phàirt de àile na talmhainn. Tha 13 iosatòpaichean aig ogsaidean ach chan eil ach trì, 16O, an t-iosatòp as cumanta, 17O agus 18O seasmhach.

Tha dà chruth cumanta de dh'ogsaidean ann, ogsaidean dà-atamach, agus òson. Tha òson cudromach o chionn 's gu bheil am filleadh òson gar dìon an aghaidh rèididheachd ultra-bhìolait.

Ann an 1772 lorg Carl Wilhelm Scheele gas lasanta ùr nuair a theasaich e mearcair ogsaid.

Cleachdar ogsaidean ann an leigheas far a bheil e a' cuideachadh euslaintich anailich.




#Article 228: Func (123 words)


'S e stoidhle-ciùil a tha ann am Func. Thàinig e à R'n'B aig toiseach nan 60an, gu h-àraidh le James Brown agus Sly Stone. Anns na 70an, thoisich George Clinton ag atharrachadh func gu mòr le Pàrlamaid agus Funkadelic, a' toirt a-steach stoidhle ùr, air a thug e P-Func. Ach bha iomadach chòmhlan ann a' cur a-mach fonn air fhonn, bho Curtis Mayfield gu Na Commodores agus Earth, Wind and Fire.

Dh'fhulaing func gu mòr le disco ach anns na 80an, thog Prince a cheann, a' toirt spionnadh gu func. Chaidh func ath-bhreith ann an dòigh le rap, nuair a thoisich na DJs a' goid samplaichean bho sheann chlàran func, tha Dr. Dre na dheagh eisimpleir de rappair a rinn seo gu soirbheachail.




#Article 229: Dr. Dre (186 words)


'S e rapair is riochdaire-ciùil ainmeil a tha ann an Dr. Dre (Fìor ainm: Andre Romelle Young, Los Angeles, 18 an Gearran 1965). Bha e na bhall anns an World Class Wreckin' Cru agus N.W.A. agus tha e air da chlàir a chur a-mach leis fhèin, The Chronic ann an 1992 agus 2001 ann an 1999. Lorg e Eminem cuideachd agus riochdaich e a' chiad chlàr aige, The Slim Shady Lp ann an 1999. Chruthaich e stoidhle ùr le bhith a' tarraing air seann chlàran aig George Clinton, ag atharrachadh a' chiùil bho P-Funk gu G-Funk. Chaidh gangsta rap a thoirt air an stoidhle seo, o chionn 's gun robh e a' moladh dòigh-beatha air a ghlacadh le gunnaichean, boireannaich is airgead. Tha e a-nis air a dhreuchd a leigeil dheth mar rapair, a' briseadh cridhean a luchd-leantainn a bha an dùil a threasamh clàr Detox. Tha e air ghealltainn ge-tà gun cum e air a' riochdachadh chlàran aig rapairean eile. Tha e air 50 Cent, Ice Cube, Eve agus fiù 's Na Rolling Stones a riochdachadh. Tha an rapair Warren G na leth-bhràthair do Dre.




#Article 230: Na Rolling Stones (259 words)


Comhlan-ciuil Roc Sasannach. Tha iad air a bhith a' dol o chionn corr is 40 bliadhna a-nis. 'S e sar-iomhaigh den t-seinneadair-roc a th' ann am Mick Jagger. Tha moran bhall air a bhith aca ach tha Jagger agus an cluicheadair giotair, Keith Richards air a bhith ann bhon toisich.

The Rolling Stones (1964)

Five By Five (1964) 
 
got LIVE if you want it! (1965) 

The Rolling Stones (1964)
 
The Rolling Stones No. 2 (1965) 

Out of Our Heads (1965)
  
Aftermath (1966)
 
Big Hits (High Tide and Green Grass) (1966) 

Between the Buttons (1967) 

England's Newest Hit Makers (1964) 

 
The Rolling Stones, Now! (1965)
  
Out of Our Heads (1965)
 
December's Children (And Everybody's) (1965)
 
Big Hits (High Tide and Green Grass) (1966)
  
Aftermath (1966)
 
Got Live If You Want It! (1966) 
 
Between the Buttons (1967)
 
Flowers (1967) 

Their Satanic Majesties Request (1967) 

Beggars Banquet (1968) 

Through The Past, Darkly (Big Hits Vol. 2) (1969)
 
Let It Bleed (1969) 

'Get Yer Ya-Ya's Out!' The Rolling Stones in Concert (1970) 

Sticky Fingers (1971)
 
Exile on Main St. (1972) 

Goats Head Soup (1973)
 
It's Only Rock'n Roll (1974)

Made in the Shade (1975)
 
Black and Blue (1976)
 
Love You Live (1977) 
 
Some Girls (1978) 

Emotional Rescue (1980) 

Sucking in the Seventies (1981)
 
Tattoo You (1981)
 

Undercover (1983)
 
Rewind (1971-1984) (1984) 

Dirty Work (1986)
 
Steel Wheels (1989)
 
Flashpoint (1991)
 
Jump Back: The Best of The Rolling Stones (1993)
 
Voodoo Lounge (1994) 

Stripped (1995) 

Bridges to Babylon (1997) 

No Security (1998)
 
Forty Licks (2002) 

Live Licks (2004) 

A Bigger Bang (2005) 

Rarities 1971-2003 (2005)




#Article 231: Bathar-bog (150 words)


Tha bathar-bog na prògraman agus an dàta a th' ann an cuimhne coimpiutair. Faodaidh seo a chur an aghaidh bathar-cruaidh.

Gu tric, cha bhi daoine a' beachdachadh gur e bathar-bog a th' ann an dàta idir (an aghaidh nam prògram), ach dh'fhoillsich am beachdair ainmeil, John von Neumann, ris an linn 40, gum faod an dà chuid dàta agus prògraman a thasgadh anns an aon seòrsa cuimhne. B' e seo beachd an coimpiutair prògram-taisgte, agus atharrachadh mòr aig an àm. Bithidh a h-uile coimpiutair dèanta leis an ailtireachd sin an diugh.

Cuideachd, faodaidh prògram a dh'oibreachadh air prògram eile. An uair a ghabhas prògram, prògram eile mar dàta, canaidh sinn gur e meata-prògram a th' ann.

Mar a chumas e a ghabhail dreuchdan ùra air, tha bathar-bog a' fàs nas cudromaiche ann an cha mhòr a h-uile roinn an t-saoghail nuadh, agus tha leasachadh bathar-bog air fàs ri gnìomhachas cudromach.




#Article 232: Raibeart Burns (291 words)


Is e Raibeart Burns (Allmhaigh, 25 am Faoilleach 1759 - Dùn Phris, 21 an t-Iuchar 1796), no Rabbie Burns anns a' Bheurla Ghallda, bàrd Albannach anabarrach mòr-chòrdte, agus bàrd nàiseanta na h-Alba. Sgrìobh Burns a' chuid as motha de'n bhàrdachd aige ann am Beurla Gallda. Rugadh e ann an Allmhaigh, ann an Siorrachd Àir. Bha e na mhac coiteir, agus aon de seachdnar cloinne. Thogadh Burns ann am bochdainn agus fhuair e a theachd-an-tìr mar treabhaiche, obair gu math cruaidh a chur ris a' bhàs tràth aige (le tinneas-cridhe loidhnicheadh) ann an 1796.

Am measg na bàrdachd agus nan òran as ainmeile aige, gheibhear òrain gaoil (Green Grow the Rashes O' , Ye Banks and Braes), dàin aithriseach (Tam O'Shanter, a sgrìobh e ann an Dùn Sgoir), òrain nàiseantach (Brosnachadh Bhruis (Scots Wha Hae)), òrain sòisealach (A Man's a Man for A That), dàin a bheir iomradh air a bheatha air an dùthaich (To a Mouse), agus òran eadar-nàiseanta na bliadhna ùire, An Tìm a bh' ann o chian (Auld Lang Syne). Air sgàth na bàrdachd sòisealaich aige, tha e na ghaisgeach do mhòran dhaoine air feadh an t-saoghail. Bha Burns gu math deidheil air cuideachd nam boireannach agus bha iomadh companach as pòsadh agus leanabh dìolain aige. An diugh, bithidh Albannaich a' moladh a chuimhne gach Faoilteach 25mh aig suipearan Burns. Tha ìomhaighean air togail an urram dha air feadh an t-saoghail (mar eisimpleir, ann an San Francisco, New York, agus Vancouver). Sheinneadh an t-òran A Man's a Man aig fuasgladh na Pàrlamaid Albannach ann an 1999.

Sgrìobh Burns an dàn ainmeil The Deil's awa' wi' the Exciseman (Gàidhlig: Tha an diabhal air falbh leis a' ghàidsear) an Inbhir Anainn ann an 1792, nuair a bha esan fhèin na ghàidsear.




#Article 233: Uisge-beatha (224 words)


Is e uisge-beatha spiorad dibhe làidir a tha air a dhèanamh le gràn. Gu h-àbhaisteach, tha uisge-beatha à Alba neo Èirinn, is ann à Aimearaga a tha bourbon. Tha uisge-beatha, mar is àbhaist, buidhe is trìd-shoilleir.

Gu tradaiseanta, tha uisge-beatha air tarraing à braich, 's e sin eòrna a th' air brachadh. Às dèidh sin, thèid a thiormachadh os cionn teine mhòine, a chuireas blas so-aithnichte ris an deoch.

Is e an ath cheum a leaghadh na bracha tiormaichte ann an uisge a dhèanamh brailis (ris an abrar, cuideachd, dile no mir). Sin, cuirear beirm gus an toiseach am brachadh a dhèanamh caochan.

Thèid an caochan a tharraing dà no trì uair ann am poit-staile. (Às dèidh ceithir tarraing, is e uisge beatha baoghal a bhitheas ann).

'S e deoch nàiseanta na h-Alba a tha ann an uisge-beatha. Tha uisge-beatha air a dhèanamh ann an Alba o chionn barrachd air mìle bliadhna, air tighinn o thùs bho Èirinn gu Dail Riada.

Dhèanadh na Gàidheil uisge-beatha dhaibh fhèin ann am poit-dhubh, ach nise, is e gnìomhachas mòr a th' ann, agus bithidh grùdairean proifeasanta a' dèanamh uisge-beatha ann an taighean-staile airson buidhnean mòra.

Faodaidh na braichean Albannach a dhealaichear ann an seachd roinnean cruinn-eòlasach: Ìle, a' Ghaidhealtachd, Srath Spè, a' Ghalltachd, na h-Eileanan Siar, agus Ceann Loch Chille Chiarain.

Seo cuid de na taighean-staile ainmeil:




#Article 234: Na Tròiseachan (138 words)


Tha Na Tròiseachan (no Na Tròisichean) na cheàrn am meadhan na h-Alba. Tha iad ainmichte airson bòidhchead nàdurrach nam beann is nan gleann is nan loch. Is e facal àrsaidh a th' anns na tròiseachan, a' ciallachadh nan àite-coise (a-rèir choltais eadar Loch Ath-chrathaigh agus Loch Ceiteirein). O chionn 's gu bheil Na Tròiseachan cho faisg air Glaschu is Sruighlea, tha iad nan ceann-uidhe coitcheanta. B' e a chiad  phàirc nàiseanta Albannach
Loch Laomainn is nan Tròisichean. Is e a' bheinn as motha anns na Tròiseachan Beinn Lidi (no Lididh). Is iad na lochannan Loch Ceiteirein, Drongaidh, Ath-Chrathaigh, Ard, Bheannchair. Ged a tha an ceàrn ainmeil airson a bhòidhchead nàdurrach, tha iomadh baile ann cuideachd, a' gabhail a-staigh Calasraid, Obar Phuill, Srath Eadhair, agus Both Chuidir. Tha uaigh an fhear-cùirn ainmeil, Raibeart Ruadh MacGriogair, ann am
Both Chuidir.




#Article 235: Hiort (347 words)


Tha na h-eileanan ris an canar Hiort, a’ chuid as iomallaiche a dh'Alba, 41 mìle (68 cilemeatair) an iar air Beinn na Faoghla ann an Innse Gall na h-Alba. Tha na h-eileanan seo, len cuid bhearraidhean is stacan, air àite sìolachaidh cho cudromach ’s a tha air ceann an iar thuath na Roinn Eòrpa airson eòin-mhara. Nuair a dh’fhàg na daoine ann an 1930, thàinig eachdraidh iongantach air tighinn beò gu crìch.

Dh'fhàg an còigeamh Iarla Bhòid Hiort aig Urras Nàiseanta na h-Alba mar dhìleab ann an 1957. Chaidh a chomharrachadh san aon bhliadhna mar Thèarmann Nàdair Nàiseanta le Glèidhteachas Nàdair (Dualchas Nàdair na h-Alba a-nis). Dìreach mus do chaochail e, dh’aontaich Iarla Bhòid pìos beag fearainn a thoirt air mhàl do Mhinistreachd an Dìon   mar stèisean-lorgaidh ràdair airson raon nan urchraichean ann am Beinn na Faoghla ann an Innse Gall.(Chaidh an aonta màil ùrachadh ann an 1976 airson 25 bliadhna eile.)

An-diugh, tha na trì buidhnean seo, Urras Nàiseanta na h-Alba, Dualchas Nàdair na h-Alba agus Ministreachd an Dìon, ag obair ann an co-bhanntachd gus prògram glèidhteachais agus rannsachaidh a leudachadh air na h-eileanan airson a bhith cinnteach gun tèid Làrach Dhualchas na Cruinne a chumail gu math agus a dhìon.

Chaidh Hiort a chomharrachadh iomadh uair aig ìre eadar-nàiseanta airson dualchas agus nàdar air leth.

An dèidh don RAF an t-eilean a' gabhail os làimh ann an 1957, bha Seumas A. MacAoidh na oifigeach-fhoghluim airson a rèiseamaid. Bha e thall air Hiort agus chunnaic e cia mar a bha beatha nam balach a bha an urra ris nan rocaidean an sin. Sgrìobh e alt toil-inntinneach leis an tiotal Hiort an Diugh a chaidh fhoillseachadh ann an GAIRM Leabhar VIII, 1959-60. Rinn e luaidh air alt eile le Tim Weir mu Hiort, a thàinig a-mach ann an Gairm an Earraich,1958.

Tha planaichean ann ionad fiosrachaidh mu dheidhinn Hiort a thogail ann am Mangurstadh ann an Ùig Leòdhais.

Sgrìobh Màrtainn MacGilleMhàrtainn mun chuairt a rinn e do Hiort ann an 1697 anns an leabhar A Late Voyage to St Kilda.  Chaidh an leabhar fhoillseachadh ann an 1698.




#Article 236: Mill a h-Uile Rud (366 words)


'S e còmhlan-ciùil punc à Seattle, ann an Aimearaga, a th' ann am Mill a h-Uile Rud a chaidh air bhog ann an 2003. Tha triùir anns a’ chòmhlan; Tim Armstrong (guth agus giotàr), Sgrios (guth agus giotàr beus) agus Sìne (na drumaichean). Rugadh màthair Shìne ann am Beinn na Faoghla ach bha Sìne fhèin air a togail eadar a' Ghalltachd agus na Stàitean Aonaichte. Thòisich Sìne agus Tim ag ionnsachadh na Gàidhlig nuair a bha iad a’ fuireach ann an Dùn Èideann agus às dèidh dhaibh tachairt ri puncairean Gàidhlig eile mar Ruairidh à Oi Polloi.  

Tha na h-òrain aca mu dheidhinn feise mar as trice, gu math coltach, ann an dòigh, ris a’ bhàrdachd aig Alasdair Mac Mhaighstir Alasdair, Iain Lom agus a leithid.  Dh'fhoillsich iad CD, Ceàrr, ann an 2004 agus tha òrain aca air dà chlàr cruinneachaidh le Oi Polloi, Nad Aislingean agus Atomgevitter. Tha na òrain aca air fad 'sa Ghàidhlig.

Tha iad dubh an aghaidh mòran dhen phunc “Cheilteach” a tha, nam beachd-san, a’ reic droch ìomhaigh dhe na Gàidheil mar mhisgearan gòrach.  Cuideachd tha iad gu math làidir mu dheidhinn cleachdadh na Gàidhlig, chan ann anns na h-òrain a-mhàin, ach cuideachd air na CDan, air an làrach-lìn aca, air an àrd ùrlair agus am measg à chèile gu làitheil.

Le Ceàrr, rinn iad a' chiad CD a-riamh a bha uile de dh'òrain ùra Gàidhlig.  (B' e Play Gaelic aig Runrig a' chiad CD ròc ann an Gàidhlig, ach bha grunn òran tradaiseanta am measg nan òran ùra, agus b' e an clàr vinyl, Carson?, aig Oi Polloi a' chiad clàr punc uile gu lèir ann an Gàidhlig.  B' e Ar Ceòl, Ar Cànan, Ar-A-Mach aig Oi Polloi a' chiad CD a bha uile de dh'òrain ùra Gàidhlig agus e cuideachd de dh'fhaide LP.)  Cuideachd, rinn iad a' chiad làrach-lìn còmhlain a-riamh a bha ann an Gàidhlig a-mhàin.

Chaidh iad air turasan air feadh nan Stàitean Aonaichte agus cuideachd ann an Alba agus anns an Roinn Eòrpa.  Chluich iad ann an Steòrnabhagh, Dùn Èideann agus Glaschu.  Chluich iad cuirm-chiùil bheò air Rapal air BBC Radio nan Gàidheal agus bha prògram mu an deidhinn air a sgaoileadh anns an t-sreath, Ealtainn. 




#Article 237: An Rìoghachd Aonaichte (286 words)


 
Is e stàit anns an Roinn-Eòrpa a tha anns an Rìoghachd Aonaichte.

Bha na trì rìoghachdan fo aon mhonarcachd on bhliadhna 1603 nuair a fhuair Rìgh Seumas VI seilbh air cathair-rìgh Shasainn agus grèim air rìoghachd na h-Èireann an dèidh bàs bànrigh Ealasaid I de Shasainn, am monarc mu dheireadh bho theaghlach nan Tudor. 

Chaidh an stàit a stèidheachadh ann an 1707 an dèidh aonadh eadar pàrlamaid Alba agus pàrlamaid Shasainn. As dèidh Ar-a-mach nan Èireannaich Aonaichte ann an 1798, chaidh Èirinn a-steach air an aonadh pàrlamaideach - cha robh a mhòr-chuid de mhuinntir na h-Èireann taiceil ri riaghail Shasannach co-dhiù. 

Ann an 1688 chaill an Rìgh Seumas II (Seumas VII na h-Alba) a chrùn agus chaidh a nighean fhèin agus mac a pheathar as an Òlaind na àite. Rinn an fheadhainn a bha fhathast a' cur taic ris an Rìgh Seumas, na Seumasaich, trì ar-a-machan ann an 1715, 1719 is 1745 gus a chrùn a thilleadh dha. Aig crìoch a' ghnothaich, chaill mòran mhorairean Albannach na h-oighreachdan aca. 

Bha an dùthaich gu mòr an sàs ann an tràilleachd thar a' Chuain Shiar eadar an 16mh Linn agus an 19mh Linn. Thachair an t-Ar-a-mach Aimeireagach ann an 1776; ann an 1783, dh'aithnich a' Bhreatann Mhòr gun robh na Stàitean Aonaichte neo-eisimeileach.

Aig deireadh an t-seachdamh linn deug, bha an Rìoghachd Aonaichte an sàs anns na Cogaidhean Napoleon Bonaparte, gu sònraichte anns an Spàinn. 

Ann an 1921 chaidh roinneadh air Èirinn a chruthaich Saorstàit na h-Èireann (anns an robh 26 siorrachdan, no contae, a dh'fhàg an Rìoghachd Aonaichte) agus Èirinn a Tuath, 6 siorrachdan Ultach a dh'fhan anns an Rìoghachd Aonaichte. Ann an 1937 thilg muinntir na saorstàit dheth ùghdarras an Rìgh agus stèidhicheadh Poblachd na h-Èireann.




#Article 238: Innis Tìle (412 words)


 
'S e eilean agus dùthaich a tha ann an Innis Tìle  neo Innis Tile aig bàrr a' Chuan Siar, agus taobh-a-tuath na Roinn-Eòrpa. 'S e Reykjavik na prìomh-bhaile. A thaobh chultair, cànan agus eachdraidh, 's ann gu Lochlann 's a tha Innis Tìle a' buinntinn. Canar Alþingi ris a' phàrlamaid nàiseanta aig Innis Tìle. 'S e Eaglais Innse Tìle an eaglais as treasa na dùthcha.

'S ann à Thūlē (Laideann) agus Θούλη Greugais, an t-ainm a chleachdadh o shin airson an tìr a bha gu tuath air an Roinn-Eòrpa a tha an t-ainm Gàidhleach.  'S e an Landnámabók a th'anns an tobar as sìne a th'ann a bheir fiosachadh dhuinn mun dòigh anns an tug na Lochlannaich seilbh air an dùthaich. Anns a' chiad chaibideil dhen Landnámabók tha e sgrìobhte gun duirt Bede, am manach agus seanachaidh, gu robh Innis Tìle sia latha fo sheòl  gu tuath air Breatainn:

Í aldarfarsbók þeirri, er Beda prestur heilagur gerði, er getið eylands þess er Thile heitir og á bókum er sagt, að liggi sex dægra sigling í norður frá Bretlandi

(San t-seann leabhar aca, a bheannaich an sagart Bede, far a nochdas an t-eilean is san leabhar tha e ag ràdh gu bheil Innis Tìle na laighe sia latha fo sheòl gu tuath air Breatainn)

Tha fianais ann gur e manaich Gàidhleach à Alba agus Èirinn a bh' anns a' chiad choimhearnachd air an eilean a tha seo. A bharrachd air an Landnámabók, 's e na sàgaichean (Innis Tìlis: saga/sögur) a tha a' toirt dhuinn iomadh fiosrachadh mu ghabhail na tìre agus an seòrsa sòisealachd a bh' ann o shin.

B' ann ann an 999 a ghabh an dùthaich ri Crìosdaidheachd, pròiseas air a bheil Kristnitakan, air neo Togail Chrìosd sa Ghàidhlig.

Tha àrd-thìr ann am meadhan na dùthcha ris an canar Hálendi neo Beanntan Innis Tìle. Fhuair an Eileamaid cheimigeach Tuilium ainm às an dùthaich seo.

'S ann ann an ochd roinnean a tha Innis Tìle air a sgarradh airson adhbharan staitistigeil, ged a thathar a' riaghladh na dùthcha aig ìre ionadan cathrach (Innis Tìlis: Sveitarfélag). Cithear, mar a leanas, liosta nan roinnean agus an uiread dhaoine a tha a' fuireach ann, a bharrachd air farsaingeachd na tìre:

Seo liosta nan deich bailtean as motha san dùthaich.

'S ann làidir 's a tha traidisean sgrìobhaidh ann an Innis Tìle. Bhuannaich Halldór Laxness an Duais Nobel ann an Litreachas anns a' bhliadhna 1955 agus bidh rudeigin mar aon duine thar 10 a sgrìobhas leabhar.




#Article 239: Oi Polloi (237 words)


Thòisich Oi Polloi ann an Dùn Eideann ann an 1981 agus bha Ruairidh na sheinneadair bho thùs, ach tro na bliadhnaichean, dh’atharraich na ceòladairean eile cho tric ‘s gu bheil faisg air ceud duine ann a-nis a bha anns a’ chòmhlan aig aon àm. Sheinn iad sa Bheurla aig an toiseach, ach dh’ionnsaich Ruairidh Gàidhlig gu fileanta agus seinnidh iad sa Bheurla agus sa Ghàidhlig a-nis.

Chlàraich iad na dusanan de chlàraidhean, theipichean agus CDan gus nach urrainn do Ruairidh cuimhneachadh cia mheud dhuibh a bh’ ann agus bidh iad air turas tron Roinn Eòrpa uair no trì gach bhliadhna.  Tha iad cho ainmeil ann an saoghal a' phunc, agus tha e iongantach nach eil iad nas ainmeil anns an fharsaingeachd, ach tha iad gu math làidir mun fheallsanachd DIY agus cumaidh seo fon talamh iad gu ìre mhòr. Cha gabh iad idir ris na companaidhean-ciùil mòra.

Ann an 2013, rinn iad co-obrachadh ainmeil còmhla ri CLÀR, am foillsichear Gàidhlig neo-eisimeileach, gus an leabhar ficsean-saidheans Air Cuan Dubh Drilseach le Tim Armstrong (bho Mill a h-Uile Rud),  a chur air bhog aig tachartas mì-laghail air a’ chabhsair tron latha taobh a-muigh Elvis Shakespeare air  Ceum Lìte an Dùn Èideann,  agus air a bhàta The Cruz air a’ chidhe ann an Lìte air an oidhche. Aig an dà thachartas seo, b' e orain ann an Gàidhlig air fad a bh'aig Oi Polloi: cha robh aon òran Beurla aca.  




#Article 240: Co-sheòrsachd (967 words)


Faodaidh Co-Sheòrsachd a chur ri:   

'S àbhaist do co-sheòrsachd leis an iol-sheòrsachd agus dà-mhiannachd choimeas. Seallaibh suidheachadh gnèitheach
Codaich luchd-corpeòlas co-sheòrsachd a-steach do seòrsa, gam chomharrachadh às a chèile, seach bhiodh cuid dhiubh sochairichte thar luchd eile ann am comann dearbha aig ùine dhearbha.

Mar tha ann iomasgladh eugsamhail eachdraidheil, bith-eòlasach, agus inntinn-comannach ri gnè is seòrsa, chan eil ann ainm no dealbh-chunntas a freagairidh uile neach. Faicibh na còmhraidhean air  gnè is seòrsa aig gnè agus Co-sheòrsachd agus thairis-sheòrsachd.

Dh’eadar-theangaicheadh an facal Beurla Homosexual (co-sheòrsach), a bhith cothlamadh na ro-leasachain Grèigeach homo- comharrachadh “ceudna” agus an freumh Laideannach sex- comharrachadh “gnè”. Mar sin: cothlamadh de co- agus seòrsa.

Tha a' chiad nochdadh àitheanta an fhacail co-sheòrsach ann am clò-bhualadh air a lorgadh ann am bileag Ghearmailtis sgrìobhta tron Ungaireach Karl-Maria Kertbeny, air fhoillseachadh gun ainm ann an 1869.
[deasaich]

'S urrainn dham fhacal air chleachdadh a bhith mar ainmear no buadhair a thoirt dealbh air daoine ‘gus an suidheachadh grèitheach, eachdraidh na drùise, no fèin-aithneachadh. Ge-tà, seach cuiridh faclan mar “fearas-feise” is “banas-feise” cudthrom air an sealladh feòlmhor, mar sin b' urrainn do dragh suas èirigh. Tha roinn nan daoine a’ faireachdainn a bheil an facal ro-sgrùdail is mar sin truailleachadh beagan. Mar sin, nuair toirt iomladh air duine (an àite modh na drùise), tha co-sheòrsach no leasbach ann am bitheanas nas fheàrr. (B’ fheàrr le roinn nam co-sheòrsach gu fìor an facal fearas-feiseach/banas-feiseach thar co-sheòrsach, faicinn an sean cho toirt dealbh air suidheachadh grèitheach agus tè mu dheireadh ri toirt dealbh air buidheann dùthchasail no comannach-poileataiceach le a chan eil iad a’ cur fèineachd air.

Faodaidh an facal air uile co-sheòrsach chur iomladh, no ri fir co-sheòrsach a-mhàin, a tha ‘n t-adhbhar a faodaidh fir cho-sheòrsach nas fheàrr a bhith. Tha leasbach a’ cur iolmadh air bean cho-sheòrsach.

Ged chleachd roinn sgrìobhadair mhoich an buadhair “co-sheòrsach” a chur iomladh air brìgh cho-sheòrsach sam bith (mar sgoil nam balach a-mhàin), an-diugh tha an facal a’ ciallachadh sealladh feòlmhor. Tha an facal co-chonaltrach air chleachdadh an-dràsda a thoirt dealbh air aon-gnè brìghean nach eil feòlmhor gu h-àraidh.

Tha faclan lùghdachaile cleachdail; sa’ Bhreatainn, agus sa’ Bheurla, th' ann “fag” no “faggot”, a’ cur iolmadh air fir cho-sheòrsach ann am bitheanas; “poofter”, air chleachdadh sa’ Bhreatainn; neònach, a’ gabhail a-staigh ann am bitheanas neach sam bith nach eil iol-sheòrsach gu glan, ach air ghabhail air ais cho daingneachadh tro mòran cho-sheòrsaich agus sgoilearaich; tha fearas-feiseach is co-sheòrsach faclan cumanta na càinidh am measgair feadh òigearan. Faicibh Càineadh a dh’Ionnsaigh Co-Sheòrsach

Smaoineachadh a ‘s urrainn dhan eugsamhail fhaclan a bhith breisleachail agus air an-tromachadh, nuair tha àraidheachd cudthromach, feumaidh faclan ùra thighinn a-steach do cleachdadh, gu h-àraidh nuair th’ann daoine nach cuir fèineachd cho co-sheòrsach. Tha neo-iol-sheòrsach feuchainn eile aig co-dheasachd a bheil a’ buannachd sgaoileadh.
[deasaich]

Tha roinn de rannsachair a-steach dhan togalach comannach a' ghaoil cho-sheòrsaich is feòlmhorachd air a chomhairleachadh a bhitheadh an bun-smuain de co-sheòrsachd nas fheàrr air tuigsinn cho co-sheòrsachdan. Comharraich iad a bheil dàimhean co-sheòrsach air a bhith agus mair a bhith air thogail ann am caochladh de dòighean eusamhaile tro comannan eugsamhaile. Tha na caochlaidhean air dhèanamh tro luchd-corpeòlas Stephen O. Murray a-steach do trì seòrsa:

Tha tuairmsean na buadhaich nuaidh de co-sheòrsachd ag atharrachadh gu cudthromach. Tha iad co-fhillte tro comharrachaidhean neo-ionanna no eadhon dà-sheaghach de co-sheòrsachd, agus tro atharrachaidhean thairis àm agus a-rèir do suidheachadh. Tha tuairmsean ann an dùthaichean Siarach a' cur an òrdugh bho 1% ri 10%.

Gu h-eachdraidheil, ge-tà, ann an àitean far an bha dàimhean co-sheòrsach aonaichte 'san dualchas, den t-seòrsa cho a' Ghrèig seann, cuidean na Melanesia, an Linn an Ath-bheòthachaidh 'san Fhlorence, agus Sèapan ro-nuadh, bha dàimhean-ghaoil an sàs ann an trom chuid as motha na t-sluaigh fir.

Faicibh Corpeòlasail seòrsachadh de co-sheòrsachd.

Tha mòran rannsachaidhean, as ainmeile an Modh Feòlmhor 'San Fhireannach Daonna (1948) agus an Modh Feòlmhor Sa' Bhoireannach Dhaonna (1953) le Alfred Kinsey air a lorgadh a-mach a bheil eòlasan no mothachaidhean co-sheòrsach air a bhith aig a' chuid as motha nam daoine agus mar sin tha iad 'nan dà-mhiannaich. Bha beag-chuid de daoine a-mhàin air lorgadh (5-10%) a bhith gu glan iol-sheòrsach no co-sheòrsach. Air an làimh eile, tha beagcuid eadhon nas lugha de daoine lorgadh a tha air a ghabhail aig eòlasan feòlmhora ionanna leis na dà seòrsa, comharrachadh meidh tàlaidh no àrainn. Tha rannsachaidhean eile air a chomhairleachadh a chuir na h-iomraidhean am meud an tricead de dà-mhiannachd agus co-sheòrsachd anns na sluaighean daonna.  Ge-tà, tha a smuain na h-àrainne na feòlmhorachd a' mealtainn gabhail ri leathann fhathast an-diugh agus tha i an co-bhoinn ri lorgaidhean 'san rìoghachd dhaonna agus an rìoghachd bheathach cho math ri rannsachaidhean bith-eòlasach nam caochlaidhean cruthach na h-eanchainne eadar sin a' buntainn ri suidheachaidhean gnèitheach eugsamhaile. Connsaich mòran dhaoine a bheil na mùthan eadar na h-aideachaidhean coitcheann is dìomhair timcheall suidheachaidhean gnèitheach seach ri beachdan comannach àicheanach timcheall cliathadh co-sheòrsach.

Tha rannsachadh eòlasail a' maireann a-steach do tuairmsean eugsamhaile timcheall na cùisean a bheir èirigh do suidheachadh gnèitheach no modh. Tha seo a' gabhail a-staigh mus breith cùisean brogadail agus sìolachadh.  Airson cùisean comannach de roghainn, faicibh ion-oibrichteachd gu h-ìosal.

Tha connsachadh cudthromach a' maireann thar mar a tha 'cur suidheachaidhean gnèitheach dhuine roimh timcheall to sìolachadh an aghaidh brodagail cùisean.  Tha còmhradh nas lugha 'maireann air co-dhiù tha 'n suidheachadh sin faiceallach.  Mar sin, dham beachdan air ghabhail a-staigh gu leathann na h-àrainn-feòlmhorachd Kinsey, aonaich a' chuid as motha a bheil beag-chuidean a-mhàin gu fìor co-sheòrsach no iol-sheòrsach agus a bheil a' chuid as motha dà-mhiannach.  An prìomh-beachd a bheil air chumail an ceartair a bheil gun amhail ur suidheachadh gnèitheach àraid chan urrainn dha atharraichte a bhith agus iad a bheil buaidh aig air a bhith nas cubhaidhe dà-mhiannach. 

Tha co-sheòrsachd mì-laghail ann an cuid de dhùthchannan: nam measg a' Ghaimbia.




#Article 241: The Dark Crystal (1218 words)


Tha The Dark Crystal (An Criostal Dorcha) 'na fhilm dealbhachd le Jim Henson a nochd ann an 1982.  Mar a' chuid as motha dhen obair aig Henson, tha na caractaran 'nan luchd-brèige, ach cha nochd na caractaran bho Muppet Show leis an do bhuannaich e cliù (ged tha cuid dhe na cleasaichean-ghutha air an cleachdadh). Tha dealbhadh nan caractaran is creutairean le Brian Froud.  Sgrìobhadh an sgeulachd le David Odell, a dh'obair le Henson mar sgrìobhadair-buidhne air The Muppet Show.  
Rinneadh ceòl an fhilm le Trevor Jones. 
 
Tha am film seo a' dèanamh oidhirp ri nàdar a' mhaith is an uilc a rannsachadh.

Bha The Dark Crystal air a dhèanamh 'san linn eadar Air bheothachadh gu dualchasach filmean-feirt agus filmean deireannach air dhèanamh le coimpiutair-sìolaichte dòighean. Tha a h-uile creutair 'nan luchd-brèige, agus chan eil gin dhiubh air a chruthachadh à daoine no gin creutair eile an Talmhainn.

Gu h-àrsaideach, bha cànan fhuadain fhèin aig aon sìol, na Skeksis.  Chleachdadh fo-thiotalan Beurla airson co-chainnt nan Skeksis, ach bha seo air a leigeil seachad an dèidh sgrùdadh far an deachd grunnan luchd-amhairc a bhuaireadh leis na fo-thiotalan. Fhathast, ged-tà, chithear am brìgh àrsaideach ann an seallaidhean roghnaichte air am fuasgladh na DVD ùr.

Tha an film a' tachairt air planaid le trì griain.

Mìle bliadhna mus an tòiseachd an fhilm, sgàin an Dorcha Chriostal, a' call aon bothaich, a' cur dealachadh air na luchd diadhaidhe ainmichte Urskek a-steach dhan luchd caomha, crotach, seilcheile air chantainn ri Draoidhean (no urRu, 'san leabhar àsaideach agus dreachadh), agus na dà-cas luchd feitheideile, garga, air chantainn ri Skeksis.  Dh'fhuadaich na Skeksis na Draoidhean às a' chaisteal far an dh'fhuirich an criostal briste agus an uair sin thòisich riaghailt de dh'uamhainn terror thairis an saoghal.  Bha am fearg air steòrnadh gu h-àraidh a chum na Sìthicheach Gailfling seach do fàisneachd a gheall an aisigeadh a' chriostail agus deireadh dham chumhachd nam Skeksis.  Leugh an fàisneachd, air lorgadh a-rithist ann am baile beag seann nam Gailfling, mar seo:

Tha Jen a' creidsinn gur e an Gailfling deireannach.  Nuair a chaidh a phàrantan a mharbhadh leis na Garthim, creutairean coltach ri partain a chaidh an cruthachadh leis na Skeksis, tha e ann am gleann fialaidh air ag àrachadh leis na Draoidhean.  Tha urSu, an Draoidh a dh'àraich e, a' bàsachadh, agus tha e Jen air a ghairm do a thaobh, nochdadh a bheil e air chur a shlànachadh an criostal roimhe tro lorgadh an bothaich aig an beachd-ionad Aughra.  Tha an t-àrd-rìgh nan Skeksis bàsachadh rè na h-ùine seo a bheil an draoidh 'bàsachadh seach tha iad 'nam cuid na neach cheudna.  Ann an còmhrag-dithis thairis na leantainne, air chantainn ri Haakskeekah, tha an Seòmradair, SkekSil, air fhuarachadh às a' chaisteal ann am broineagan.

Tha Jen Aughra air ruigheachd, boireannach beag, molach, corcar, meallach de seòrsa neo-aithnichte, agus, tha e, an dèidh do feadh an ama, an criostal fìor air lorgadh le cluiche ceòl air a chuisle-chiùil, a tha e do air sheirm.  Feumaidh e an bothaich air ais dham chriostal a chur rè ùine dham Mhòr-Aonadh, nuair bidh na trì grian air ghabhail taobh le a chèile.  Tha Garthim air ruigheachd a ghlacadh no mharbhadh Jen, a tha air a theicheadh cho tha Aughra ri prìosanach air a ghabhail.

Rè na h-ùine seo, tha na Draoidhean a' cluinntinn a ghairm a' chriostal, agus tha iad an turas air ais dham chaisteal air thòiseachadh.

Ri taobh na h-aibhne, tha Jen air chlisgeadh le peata cruinn, cùthail air chantainn ri Fizzgig, agus tha e an sealbhadair Fhizzgig air choinneachadh, Kira, rìbhinn na Gelfling nach do chuir e an umhail a beatha 'riamh. An dèidh do cùrsa air chantainn ri smuain-codachadh, codachadh nam cuimhne, tha Kira 'g aontachadh le Jen 'na thòrachd air rèiteachadh.  Tha iad air oidhche leis na Luchd-spàlaig bolgach (air chantainn ri Podling cuideachd) air a fhuireach, na luchd a dh'àrdaich Kira an dèidh dham Gharthim a pàrantan mharbhadh. Tha iad gam mealtainn fhèin leis an teaghlach 's càirdean Kira... ach tha iad air thoirt ionnsaigh leis na Garthim ann, a th' a' glacadh na Podlingean eagalach.  Tha Jen, Kira, is Fizzgig air theicheadh, ach tha na Garthim mòran luchd-spàlaig air a ghlacadh. Ann am bacadh is eu-dòchas, faireachdainn an robh e a choire, tha Jen an bothaich a' chriostail air falbh air a thilgeadh. Tha Kira inntinn aig fois air chur nach robh càil aige 'dhèanamh leis.

Dùsgadh 'san ath-mhadainn, tha iad aig na tobhtan a' bhaile mhòir nam Gailfling air gan lorgadh fhèin, far a bheil Jen an fàisneachd air leughadh is an bothaich air ais air fhaighinn.  Tha Jen agus Kira 'g aghaidheachadh leis an nàireach SkekSil, a tha tairgse gam cuideachdadh air a thoirt, ach tha iad air ga dhiùltadh seach an milleadh nam Gailfling leis na Skeksis.  Fiosrach dhen brìgh na tòrachd Jen, tha Kira roinn a càirdean air a ghairm. Marcachadh air Leòmainn-ruith molach, fada-casach, tha na Gailflingean an caisteal a' chriostail gu luath air ruigheachd... dìreach air àm a shealladh na Garthim a thug ionnsaigh am baile Kira. Tha Kira, air leantainn le Jen, a thoirt ionnsaigh na Garthim air mharcachadh agus a fheuchainn a shaoradh na Luchd-spàlaig fhad 's tha na Leòmainn-ruith na Garthim air shabaid, gam buaireadh às an oidhirp shàbhalaidh.

Tha na Gailflingean a shàbhaileadh na Luchd-spàlaig air fhàilligeadh, a' lorgadh a bheil na Garthim, a tha na Leòmainn-ruith air ghabhail air, gam cuarachadh aig an bile de sgoltadh domhainn, sgorach a bheil a' cuartachadh an caisteal. Sguabadh Jen is Fizzgig a-steach do a gàirdeanan, tha Kira dhen chreag... nochdadh a bheil an cumhachd ag itealachd aig Gailflingean boireannach (ged, seach an sgàineadh a' chriostail, tha iad comasach a-mhàin air a gluasad gu ciùin). Aig an bonn an sgoltaidh, tha Jen agus Kira air gan lorgadh fhèin aig na fiaclan na Skreesh, doras neo-thèarainte dham chaisteal.  Ach tha SkekSil leòtha 'rithist air a choinneachadh, a' gabhail Kira cho prìosanaiche an dèidh do Jen adhlac beò ann an tuiteam na broinn.

Airson glacadh Kira, tha SkekSil air thoirt air ais a shuidheachadh ri Seòmradair.  Tha Gelfling a dhìth air na Skeksis a dhèanamh am brìgh sìor, deoch a bheir an òige Skekung, an Maighstir-Garthim agus am ceann-feadhna, air ais dha, tro sìolachadh an brìgh-bheatha Kira.  Ach gairmidh i do na bheathaichean prìosnaichte 'san seòmar-obrach, a brisidh saor agus bheir ionnsaigh SkekTek, an eòlaiche Skeksis, ga mharbhadh. A-rithist, seach an ceangal eadar na Skeksis agus na Draoidhean, bàsaich urTih, an Draoidh ceangailte dha, aig an t-àm ceudna.  Tha Kira air theicheadh, agus tha an ceangal eadar i is Jen dha 'n cumhachd a theicheadh an tuiteam na broinn air a thoirt.

'San seòmar far a bheil an criostal air chumail, tha Jen air dham chriostal air ga leum fhèin, ach a' call an bothaich.  Tilgidh Kira e air ais dha, ach tha i air mharbhadh le Skesis. Cho coinnich na trì grian, sàth Jen an bothaich a-steach dham chriostal, spealgadh na Garthim (a bha cruthaichte gu h-àrsaideach leis na Skeksis, agus mar sin chan eil gu fìor luchd beò) agus aonachadh 'rithist na Draoidhean agus Skeksis a-steach do an ion-cholainneadh UrSkek.  Till aon dhiubh Kira ri beatha, and tha iad an raon maireann air a fhàgail seach tha 'n criostal a bhith air slànachadh agus tha 'n Criostal-Fìrinne, agus tha 'n saoghail air a bhith slànachadh leis.




#Article 242: Yossi &amp; Jagger (242 words)


Tha Yossi  Jagger (Eabhra: יוסי וג'אגר) na film 2002 Israelach air sheòladh le Eytan Fox, mu dà saighdeir, Yossi agus Lior (a bheil ainmichte Jagger, seach tha 'n tarraingeachd neach-iomraiteach aige) a bheil ann an gaol agus a bheil aig a' chrìoch Israel is Lebanon a tha a' feuchainn a lorgadh cuid shìth agus solas às a' ghnàth-chùrsa lathail chogaidh 'nan suirghe somalta. Chan eil iad a' creidsinn gu h-àraidh anns na h-adhbharan a bheil iad ann, mar sin a' meudachadh na draghan.

Tha ùidh nas motha na beagan aig ban-shaighdear, Yaeli, air Lior, ged chan eil fhios aige air. Tha i a' leigeil seach Ofir, saighdear eile, air Lior. Tha Ofir ann am gaol le Yaeli agus tha e gu faoin air fheuchainn ag ràdh thuice nach eil ùidh àraidh aig Lior oirre (Theireadh Lior an càil sin ceudna gu soilleir ri Ofir nas fhadalaiche 'san fhilm).

Tha 'n còrnaileir ann a' stiùireadh ionnsaigh sa' mheadhan-oidhche, a bheil Yossi a' fuathachadh seach an làn-ghealach, and agus seach tha 'n t-eagal aige air an sàbhailteachd Lior. Gu brònach, tha Lior ciùrrte gu bàsmhor air an oidhche uamhasach, bàsachadh 's na gàirdeanan a leannain, a bheil urrach a-mhàin an uair sin a rèiteachadh a ghaol air.

Aig a' chuirm-ollanachd aig an taigh nam pàrant Lior, their Yaeli a' bhlos Lior, ach chan urrainn dhi 'n t-òran b' fheàrr leis ainmeachadh— a 's urrainn do Yossi.

Faicibh cuideachd: An Clàr nam Filmean Timcheall Co-Sheòrsachd




#Article 243: Leasbach dhatha-bhilean (215 words)


'S e leasbach (gu dualchasach) bheanail a th' ann an leasbach dhaith-bhilean. 'S e facal de truaill-chainnte a nochd 'san deichead 1990. 'S urrainn dhi ri leasbach beanail sam bith air chleachdadh a bhith, ach 's e mar as trice glèidhte ri mnathan beanaile gu bheil air tharraing ri mnathan beanaile eile, seach càirdeas de Feachdaire agus gruagach.

'Sna filmean Ameireaganach, tha leasbaichean riochdaichte gu tric a-rèir ris an dlùth-chlòdh na leasbaich dhatha-bhilean, a bhith nas sàbhailte gu sluagh-iùlach agus a bhith nas tarraingiche gu miann ri fir-choimhid. Riochdaichidh an lìn an bocsa-deilbh (telebhisean), An Facal L gu lèir nam prìomh-charactaran leasbach mar seo.

'S urrainn dhi cuideachd a ciallachadh neach nach eil gu fìor 'nan leasbach ach gabhaidh air a bhith, air mòran adhbharan mar siùrsachd. 'S urrainn dham dh'fhacal air boireannaich dhà-mhiannach air chleachdadh a bhith.

Air uairibh, tha air chur fèineachd nan leasbach dhatha-bhilean air mnathan an sàs leis a' chomann cluiche shuidheachaidhean na h-Aristasia. Cuiridh Aristasianaich umpa fhèin nòsan beanail an aodaich, gu tric a' cuimhneachadh na deicheadan de 1920-1950, agus suidhichidh iad fhèin ri fìrinn eile far a tha na dà seòrsa tè-bhàn agus tè-chiar. Th' an comann na h-Aristasian air chur an cèill air a bhith cho chan eil cho mòran feachdaire agus gruagach ri gruagach agus nas gruagaiche.

 




#Article 244: Co-ghnèitheachd (1259 words)


Faodaidh co-sheòrsachd no co-ghnèitheachd a chur ri: 

'S àbhaist do co-sheòrsachd leis a' chomhair-mhiannachd agus dà-mhiannachd choimeas. Seallaibh suidheachadh-miann.

Codaich luchd-corpeòlas co-sheòrsachd a-steach do seòrsa, gam chomharrachadh às a chèile, seach bhiodh cuid dhiubh sochairichte thar luchd eile ann am comann dearbha aig ùine dhearbha.

Mar tha ann iomasgladh eugsamhaile eachdraidheil, bith-eòlasach, agus intinn-comannach ri gnè is seòrsa, chan eil ann ainm no dealbh-chunntas a freagairidh uile neach. Faicibh na còmhraidhean air gnè is seòrsa aig gnè agus Co-Sheòrsachd agus thairis-sheòrsachd.

Dh’eadar-theangaich an facal Beurla homosexual (co-sheòrsach), a bhith cothlamadh na ro-leasachain Grèigach homo- comharrachadh “ceudna” agus an freumh Laideannach sex- comharrachadh “gnè”. Mar sin: cothlamadh de 'co-' agus 'seòrsa'.

Tha an chiad nochdadh àitheanta an fhacail co-sheòrsach ann am clò-bhualadh air a lorgadh ann am bileag Ghearmailtis sgrìobhta tron Ungaireach Karl-Maria Kertbeny, air fhoillseachadh gun ainm ann an 1869.

Faodaidh an facal air uile co-sheòrsach chur iomradh, no ri fir cho-sheòrsach a-mhàin, a tha ‘n t-adhbhar a faodaidh fir cho-sheòrsach nas fheàrr a bhith. Tha leasbach a’ cur iormadh air bean cho-sheòrsach.

Ged chleachd roinn sgrìobhadaire mhoich an buadhair co-sheòrsach a chur iomradh air brìgh cho-sheòrsach sam bith (mar sgoil nam balach a-màin), an-diugh tha an facal a’ ciallachadh sealladh miannach. Tha an facal co-chonaltrach air chleachdadh an-dràsda a thoirt dealbh air aon-gnè brìghean nach eil miannach gu h-àraidh.

Tha faclan lùghdachaile cleachdail; sa’ Bhreatainn, agus sa’ Bheurla, th’ann rìomhach, A' stiùireadh/dràibheadh air a cheart, air a bhus eile, gille-tòine, no neònach, a’ cur iomradh air fir cho-sheòrsach ann am bitheanas; lasdaire, air chleachdadh sa’ Bhreatainn; neònach, a’ gabhail a-staigh ann am bitheanas neach sam bith nach eil iol-sheòrsach gu glan, ach air ghabhail air ais cho daingeachadh tro mòran cho-sheòrsaich agus sgoilearaich; tha fearas-feise, gille-tòine, is rìomhach faclan cumanta na càinidh am measgair feadh òigearan; agus tha gàradh, caile-bhalach, no bean-fhireann a' toirt iomhladh air leasbaich. Seallaibh Gràin na co-sheòrsachd

Smaoineachadh a ‘s urrainn dhan eugsamhail fhaclan a bhith breisleachail agus air an-tromachadh, nuair tha àraidheachd cudthromach, feumaidh faclan ùra thighinn a-steach do cleachdadh, gu h-àraidh nuair th’ann daoine nach cuir fèineachd cho co-sheòrsach. Tha neo-iol-sheòrsach oidhirp eile aig co-dheasachd a bheil a’ buannachd sgaoileadh.

Tha roinn de rannsachair a-steach dhan togalach comannach a' ghaoil cho-sheòrsaich is feòlmhorachd air a chomhairleachadh a bhitheadh an bun-smuain de co-sheòrsachd nas fheàrr air tuigsinn cho co-sheòrsachdan. Comharraichidh iad a bheil dàimean co-sheòrsach air a bhith agus mair a bhith cruthaichte ann am caochladh de dòighean eusamhaile tro comannan eugsamhaile. Tha na caochlaidhean air dhèanamh tro luchd-corpeòlas Stephen O. Murray a-steach do trì seòrsa:

Tha tuairmsean na buadhaich nuaidh de co-sheòrsachd ag atharrachadh gu cudthromach. Tha iad co-fhillte tro comharrachaidhean neo-ionanna no eadhon dà-sheaghach de co-sheòrsachd, agus tro atharrachaidhean thairis àm agus a-rèir do suidheachadh. Tha tuairmsean ann an dùthaichean Siarach a' cur an òrdugh bho 1% ri 10%.

Gu h-eachdraidheil, ge-tà, ann an àitean far an bha dàimean co-sheòrsach aoncihte 'san dualchas, den t-seòrsa cho a' Ghrèig seann, cuidean na Melanesia, an Linn an Ath-bheòthachaidh 'san Fhlorence, agus Sèapan ro-nuadh, bha dàimean-ghaoil an sàs ann an trom chuid as motha na t-sluaigh fir.

Tha mòran rannsachaidhean, as ainmeile an Modh-Miann 'San Fhireannach Daonna (1948) agus an Modh-Miann Sa' Bhoireannach Dhaonna (1953) le Alfred Kinsey air a lorgadh a-mach a bheil eòlasan no mothachaidhean co-sheòrsach air a bhith aig a' chuid as motha nam daoine agus mar sin tha iad 'nan dà-mhiannaich. Bha beagchuid de daoine a-mhàin air lorgadh (5-10%) a bhith gu glan comhair-mhiannach no co-sheòrsach. Air an làimh eile, tha beagcuid eadhon nas lugha de daoine lorgadh a tha air a ghabhail aig eòlasan feòlmhora ionanna leis na dà seòrsa, comharrachadh meidh tàlaidh no àrainn. Tha rannsachaidhean eile air a chomhairleachadh a chuir na h-iomraidhean am meud an tricead de dà-mhiannachd agus co-sheòrsachd anns na sluaighean daonna. Ge-tà, tha a smuain na h-àrainne na feòlmhorachd a' mealtainn gabhail ri leathann fhathast an-diugh agus tha i an co-bhoinn ri lorgaidhean 'san rìoghachd dhaonna agus an rìoghachd-bheathaich cho math ri rannsachaidhean bith-eòlasach nam caochlaidhean cruthach na h-eachainne eadar sin a' buntainn ri suidheachaidhean-miann eugsamhaile. Connsaich mòran dhaoine a bheil na mùthan eadar na h-aideachaidhean coitcheanna is dìomhair timcheall suidheachaidhean-miann seach ri beachdan comannach àicheanach timcheall cliathadh co-sheòrsach.

Tha rannsachadh eòlasail a' maireann a-steach do tuairmsean eugsamhaile timcheall na cùisean a bheir èirigh do suidheachadh-miann no modh. Tha seo a' gabhail a-staigh mus breith cùisean brogadail agus sìolachadh. Airson cùisean comannach de roghainn, seallaibh ion-oibrichteachd gu h-ìosal.

Tha connsachadh cudthromach a' maireann thar mar a tha 'cur suidheachaidhean-miann dhuine roimh timcheall to sìolachadh an aghaidh brodagail cùisean. Tha còmhradh nas lugha 'maireann air co-dhiù tha 'n suidheachadh sin faiceallach. Mar sin, dham bheachdan air ghabhail a-staigh gu leathann na h-àrainn-miann Kinsey, aonaich a' chuid as motha a bheil beagcodaichean a-mhàin gu fìor co-sheòrsach no comhair-mhiannach agus a bheil a' chuid as motha dà-mhiannach. An prìomh-beachd a bheil air chumail an ceartair a bheil gun amhail ur suidheachadh-miann àraid chan urrainn dha atharraichte a bhith agus iad a bheil buaidh aig air a bhith nas cubhaidhe dà-mhiannach. 

Tha fios aig a' chuid as motha mhòr nan oibriche sa' chungaidh-leighis agus na h-eòlasan, cho math ris na h-eagrachaidhean LCDT, a bheil suidheachadh-miann nàdarra, an sàs agus neo-chaochlaideach, agus a bheil e neo-chomasach a dh'atharrachadh co-sheòrsachd a-steach do comhair-mhiannachd, no cùlaibh air beulaibh. Tha iad a' leanntainn air gun stiùiridh na cungaidhean nàdarra sa' chuis as motha nam cuir an dùsgadh feòlmhor an fhireannaich ri boireannaich (agus cùlaibh air beulaibh), nuair sa' chor na beag-chodach LCDT, tha 'n dùsgadh miannach air stiùireadh a dh'ionnsaigh na luchd an t-seòrsa cheudna.

A chuideachadh 'n connsachadh seo, bheir iad iomradh air na mòran chunntasan às eadar luchd iol-sheòrsach agus luchd le LCDT fèineachd a bheil ag ràdh a lorg iad an suidheachadh aig aois òg (gu tric mus aois-leannanachd). Sa' chor nan òganach neònach, bheir iomadh dhiubh iomradh air ciad chlaoidh le freagair dhan tuigsinn seo. Tha an n-aithrisean co-chòrdail leis na dòighean tomhais nochdadh a bheil òganaich le LCDT fèineachd iomadaidh uairean nas coltaiche na h-òganaich neo-LCDT a dhèanamh oidhirp aig fèin-mharbhadh.

Tha roinn nan rannsachaidhean eòlach a' comhairleachadh a bheil an co-chuir na h-eanchainne bhoghaigich nam fear rìomhach coltach dhan eanchainn nam bean comhair-mhiannach agus eugsamhail às am mac-samhlaidhean fireannta comhair-mhiannach. Tha rannsachaidhean eile mar an Màirt 2000 Breedlove (Àlaichgaol) faide na corraig iomradh  agus an rannsachadh an t-Iuchar 2000 Oilthigh den Texas na freagaire claisniche an t-eòlais-nearbh  a' comhairleachadh a bheil fad leasbaich a' foillseachadh comharrachaidhean meadhanach eadar fir is mnàthan comhair-mhiannach, fàsaidh fir rìomhach sàr-fireannta. Tha roinn nan rannsachair air lorgadh gum ma gabhaidh aon de dhà leth-aon fèineachd rìomhach no leasbach, bidh an cothrom den leth-aon a' gabhail fèineachd ri co-sheòrsach àrdaichte ri 50%, ged tha na meòmhrachaidhean nan leth-aon nan rannsachair eile air lorgadh ceudadan glè neo-ionann.

Tha oidhirpean a dh'atharrachadh suidheachadh-miann (àitheanta ri leigheasan-atharrachaidh agus an-dràsda beachdaichte 'mhàin aig luchd LCDT-ainichte, gu brònach) fo dhìteadh air bhith le eagrachaidhean lìonmhora dreuchdaile 'san raon-eòlais air cruthachadh dubhachas - air uairibh cruthachadh fèin-mharbhadh - agus a bhith luach truagh. 'San 2001 dh'fhoillsich Dr. Raibeart Spitzer, àrd-ollamh an leighis-inntinn aig Oilthigh Columbia rannsachadh comharrachadh a bheil ìre fàilligidhe 'san àrainn 99.98% aig leigheas-slànachadh. Gu dearbh, b' an eagrachadh as motha leigheas-slànachadh, ministreachd ainmichte Tirall a-mach Eadar-nàiseanta, tòisichte le dà fir gun robh 'nam co-sheòsaich a chrìochnaich suas a' fàgail a' mhinistreachd iomadaidh bhliadhnaichean nas fhadalaiche, ga càineadh, agus maireann ri càraid cho-sheòsach fhèin. Leig an Comann Eòlais-inntinn dhen Ameireaga seachad fuasgladh 'san 1997 nochdadh na leasaichean gun robh air ghabhail a-steach na comainn seo leigheasan-atharrachaidh den t-seòrsa a bhith leantainn dòighean neo-mhodhail agus neo-shlàinteil.




#Article 245: Sappho (663 words)


Bha Sappho (Grèigis Attach: Σαπφώ, Grèigis Aeolach: Ψάπφω, Sapphô) 'na bàrd Seann Ghrèigeach, às a' bhaile mòr den Eressos air an t-eilean na Lesbos, a bha 'na mheadhan-dualchais 'san linn 7mh BC. Bha i air bhreith àmeigin eadar 630 BC is 612 BC. Tha e air chreidsinn gun robh i beag is dorcha.

Bha Sappho, nighean Scamander agus Cleïs, pòsda (tha cluich-àbhachd Attic ag ràdh ri ceannaiche beairteach, ach tha sin teagmhach) agus bha nighean aice, cuideachd ainmichte Cleïs. Dh'fhàs i glè lùthmhor fad a beatha air a bàrdachd—cho mòran ri a thog an baile mòr den Syracuse ìomhaigh a chur onoir oirre nuair thadhail i. Bha a teaghlach ealamh gu sluagh-iùlach, a rinn Sappho a shiubhal mòran. Bha i comharraichte fad a beatha cho a' bhan-mhaighstir-sgoile sheòrsa sgoil-chrìochnachaidh Grèigeach do caileagan. As dualtaiche, bha a h-oileanaich 'na cùisean a bàrdachd.

Bha i 'na bàrd-ealaidhe a leasaich a rannachd àraidh, àitheanta mar rannachd Shappach, agus bha i urramach air stiùireadh gluasad ealanta air falbh às a' chlasaigeach cuspairean nan dia, dham chuspairean nam faireachdainn pearsanta daonna. Thug geur-dhàn iomradh oirre 'san Anthologia Palatina, air chur às leth ri Plato, cho an deicheamh Cheòlradh.

Sgrìobh Sappho gu h-àraidh dàna-ghaoil, aiste a tha mìreannan a' maireann, ach aon dàn iomlan, Fragment 1, Laoidh do Aphrodite. Bha àrd-chliù anns an t-saoghal sean aice, seach tha mìreannan a-mhàin a h-obrach a' maireann, chaill an saoghal ionmhas luachmhor 'na h-obrach.

Roinn a dàna-ghaoil air sheòladh ri mnathan. Tha 'n facal leasbach fhèin bunaichte às an ainm an eilein den Lesbos às a thàinig i. ('S e an bun a th' innte a co-fhacal nas neònaiche sapphach, bunaichte às a h-ainm.)

Seach an cuspair co-sheòrsach—agus seach an feòlmhorachd soilleir aice—bha a h-obrach coirichte leis a' Chrìostail eaglais, mar a tha 'n prìomh-adhbhar, gu teagmhach, nach eil a' chuid as motha dhi air mhaireann, seach cothlamadh de dèanamh dearmad air cha dèanamh amhlaidh, agus ga milleadh gu beòthail.

Fhad 's ar tràth tha 'n cuspair seo àitheanta gu math, anns na seann linntean 'gus Na Linntean Meadhanach, bha i nas iomraitiche air (a-rèir ri fionnsgeul) ga tilgeadh fhèin de creag seach gaol neo-dhìolta air seòladair ainmichte Phaon. Tha 'n sgeul seo a' cur làithean air Ovid agus Lucian 'san An Seann Ròimh agus chan eil còmhdach Crìosdail gu cinnteach. Chan eil ionnrain chòmhragaile timcheall ìomhaighean cudthromach ann an eachdraidh neo-àbhaisteach. (Tha ionnran àraidh gun robh cèile air smaoineachadh dhi ainmichte Cercglas den Andros, facal air am fhacal Bod, às a' Bhaile nam Fear). Cho fada ri tha eachdraidh fo chùram, thàinig Sappho às teaghlach uasal, bha triùir bràthair aice, phòs i 's thug i breith ri co-dhiù aon nighean, bha fuathaichte dhan Syracuse air adhbharan poileataigeach, thill sa' bhliadhna 581 BC, agus mharbh aig aois shean.

Sgrìobh an gliocair Maximus às an Tyrus (dara leth na dara linn. AD), gun robh Sappho beag agus dubh agus gun robh a càirdeis do a ban-càirdean coimeas dham chàirdeis sin Shocrates:

Dh'ainmich Plato Sappho an Deicheamh Ceòlradh agus an Ceòlradh bàsmhor.

Sgrìobh Aelianus Claudius ann Eachdraidh Rèitichte (Ποικίλη ιστορία) a dh'ainmich Plato Sappho glic. 
 
Chliùthaich am bàrd grèigeach Odysseas Elytis (linn 20mh AD às Lesbos) i ann an a Mhikra Epsilon: .. chan eil neach dhen t-seòrsa, eadar mothachail agus curanta, air nochdadh le beatha. Rìbhinn bheag chiar, a dhearbh a bhith urrach gu comhad le ceannsachadh ròs, ciallachadh tonn no beul-binn, agus ràdh 'tha gaol 'am dhut', a lìonadh 'n cruinne le mothachadh.

Sgrìobh Horace 'na Ealaidhean a bheil na eadhlaidhean Shappho còir air cliùthachadh naomh. 

Sgrìobh Mòrair Byron na loidhnean leantail uimpe 'na Childe Harold: 

Sgrìobh Teàrlach Baudelaire mu Sappho 'na leabhar na bàrdachd Na Blàthan an t-Uilc (Les Fleurs du Mal).

Rinn Ùisdean Laing eadar-theangachaidhean sgoinneil de cheithir dàin le Sappho (Fiabhras-gaoil na Ban-fhighich Òig; Maighdean gun Iarraidh; Maighdean air a Trèigsinn; agus Ar Màthair, an Oidhche ; . Seo a' chiad dhiubh :

(Às Gu Tìr Mo Luaidh le Ùisdean Laing, air a chur a-mach le Pàipear-Naidheachd Steòrnabhaigh, 1964.)




#Article 246: The Fellowship of the Ring (leabhar) (566 words)


'S e The Fellowship of the Ring a' chiad leabhar ann an sreath nan trì leabhraichean an ur-sgeulachd mòr An Tighearna nam Fàinnean. Tha e roinnte a-steach do dà leabhair, Leabhar I agus II. Bha e foillsichte gu h-àrsaideach air an t-Iuchar 29, 1954 'san Rìoghachd Aonaichte.

Tha a' chiad sgeul a' cur an t-àrd-urlar suas air a' chunnart, a' leantainn Frodo Baggins cho tha tha e a' teicheadh às a dhachaigh 'san t-Sìorrachd a theicheadh na searbhantan an Dorcha Tighearna Sauron. Tha Sauron a' rùrach an Aon Fàinne a ceadaichidh e a riaghailt a' Mheadhan-thalmhainn. Tha 'n fhàinne seo le Frodo air shealbhadh air bhith, a bheil ga lorgadh fhèin gu h-aineòlach sa' mheadhan spàirn air ceannsalachd an t-saoghail.

A' gabhail an aire air a' comhairle an Draoidh Gandalf, tha Frodo a dhachaigh air fhàgail, a' ghabhail an fhàinne leis. Tha e a' cur dòchas ann a ruigidh e Rivendell, far a bith e sàbhailte às Sauron, is far an urrainn do na luchd nas glice na e roghnachadh mar a bu chòir iad mum fhàinne dhèanamh.

'Na thuras, tha Frodo co-cheumnaichte le trì caraid Hobbit, Pippin, Merry, agus Sam. Bhon tòiseachd, tha iad fuadaichte leis na Dorcha Marcaichean, na Tannasgan-Fàinne a bheil a' riarachadh Sauron. Teicheadh seo gu gann agus cunnartan eile 'gus coinneachadh caractearan eile ùidheil air an t-slighe (mar Tom Bombadil), ràinig iad ri-ùine Bree, far a choinnich iad Ceumadair, caraid eile Ghandalf a leanadh iad an còrr na t-slighe dhan Rivendell, tro tuilleadh cruadlan.

Tha Leabhar II a' cur an clàr an fuireach Fhrodo aig Rivendell, far a tha innleachd air dhèanamh ri mhilleadh an Fhàinne sa' Mhordor. Chuireadh Frodo air adhart le ochd companach: dà Daoine, Aragorn agus Boromir, mac an t-Stiùbhard na tìre a' Ghondoir; prionnsa nan Sìthiche, Legolas; caraid sean Fhrodo agus draoidh cumhachdach, Gandalf; Gimli an Troich; agus na trì companach àrsaideach Fhrodo. Bha na Naoi Siubhalaiche seo roghnaichte a chomharrachadh uile sìol saor na Meadhan-thalmhainn agus mar cothrom dhan Naoi Marcach. Bha iad co-cheumaichte le Bill an Siristeach, a fhuair Ceumadair is na Hobbiton sa' Bhree cho each-pasgain (seallaibh An Comann na Fàinne). Tha an oidhirp a dhol thairis nam Ceothach Bheinn air chur casg air leis an sneachda, mar sin feumaidh iad slighe fo na beinntean ghabhail tron Mhoria, rìoghachd sheann nan Troich, an-dràsda lìonta le Orcan agus bèistean olca eile, far a tha Gandalf a-steach dhan dubhaigeann air thuiteam an dèidh do sabaid le Balrog. Chaitheadh na ochd luchd a' Chomainn a' maireann àm sa' Chala-Sìthiche den Lothlórien, far an gheibheadh iad tiodhlacan a dhearbhadh ann am mòran choran a bhith feumail nas fhaidalacihe 'san tòrachd. Tha iad Lothlórien air fhàgail tron abhainn, ach tha Frodo a' tòiseachadh a thuisinn a bheil an Fàinne 'cur brìgh gamhlasach air roinn nam ball na buidheann. Tha 'n leabhar seo a' crìochnachadh nuair tha Frodo is Sam a' falbh gun fhiosda dham Mhordor agus tha 'n comann na Fàinne 'cur mu sgaoil.

Air chùl na cùisean a tachairidh dham Ghiùlanair na Fàinne is an Comann, tòisichidh 'n leughadair a mhothachadh, th'ann mothachadh an Dàin a' falach, agus 'san deireadh, bidh e co-chuibhreach nam brìgh sìolaichte leis an nàdarr na maith fhèin, a neo-nì an t-Olc. Thuirt Frodo na tràille na Fàinne, Gollum, 'S bochd nach do shàth Bilbo an biast ghràineil, nuair bha roghainn aige! agus tha 'n fhreagair Ghandalf

Seallaibh cuideachd:  air fios air an fhilm.




#Article 247: Opra (836 words)


Tha Opra seòrsa ealaine air dhèanamh às gnìomh cluicheachd na h-àrd-urlair air chur ri ceòl.

Tha 'n dràma air nochdadh 'cleachdadh na dùilean coltach chluich, mar sealladh, culaidhean choimheach, agus cleasaidheachd. Ge tà, tha na faclan an t-opra, no an leabhran, air sheinn an àite air bhruidhinn. Tha na seinneadairean co-cheumaichte le ceòlchruinne rangachadh às ceòlchruinne beag nan ealaidh ri foileann-ciùil iomlan.

Tha Opra air thighinn às mòran sheòrsachan an ealaine. Co-dhiù na faclan no an ceòl àrd tha 'n cuspair chonnsachaidh air bhith o chionn an linn 17mh agus nas tràithe sa' chor nan uile obrach ghuthach. Tha na ealdhainean lèirsinneach, mar dealbhadh le peant, an gnìomh a chruthachadh an sealladh air an t-àrd-ùrlar, a tha beachdaichte cuid chudthromach an ghnìomh. Fa dheòidh, tha dannsadh cuid tric an gnìomh an opra, gu h-àraidh 'san Fhraing.

Tha seinneadairean agus na dleasnasan a cluichidh iad air sheòrsachadh a-rèir ris an raon am guthan. Atharraichidh an seòrsachaidhean sheinneadair àraidh gu trom thairis a bheatha/beatha, gu h-ainneamh ruigheachd ìre a' ghutha gus an treas deichead, agus air uairibh cha gus an meadhan-aois. Tha fir-seinn air sheòrsachadh ri fear-seinn prò, fear-seinn prò trom, fear-seinn trom, fear-seinn cruaidh agus fear-seinn cruaidh is àrd. Tha mnathan-seinn air sheòrsachadh ri bean-seinn dubhair, bean-seinn leth-àrd agus bean-seinn àirde. Tha fo-seòrsachaidhean aig gach nan seòrsachadh seo, mar bean-seinn àirde liriceach, bean-seinn àirde luais, bean-seinn guanaig, bean-seinn àirde sàthadh, 'gus bean-seinn àirde cumhachdach, a tha comannaichte leis a' ghuth sheinneadair le na dleasnasan nas iomchaidhe dhan soindath is càileachd a' ghutha agus a sheòrsa, no inneach. Tha 'n co-rian Gearmailteach den Fach co-rian cunbhalach gu h-àraidh nan seòrsachadh.

Tha co-chòrdalachd de dà seòrsa na seinne aig opra dualchasach: aithris, an còmhradh agus na h-earrain seòladh a' ghnìomhaidh air sheinn ann an dòigh neo-cheòlach a bheil comharradh an t-opra, agus fonn, fad a fuirichidh 'n gluasad an ghnìomhaidh gu tric, leis a' cheòl a' fàs nas binne sa comharradh agus tha 'n seinneadair a' toirt iomradh air aon cuspair no drùidhleig air. Earrain ghoiride no leth-cheòlach a' tachairt sa' mheadhan de mar a th' air mhodh eile aithris air thoirt iomradh air cuideachd ri arioso; 'san linn 19mh nas fhadalaiche, sgrios iomadh cumadairean-ciùil a-mach mòran den sònrachadh eadar aithris is fonn, sgrìobhadh opra 'bheil air nochdadh gu beagnaich ann an dòigh shiùbhlach feadh gach àite. Tha h-uile seòrsa na seinne 'san opra co-cheumnaichte ri innealan-ciùil, ged gus an linn 18mh nas fhadalaiche ann am bitheantas, agus leantail ri gu nas fadalaiche eadhon ann an roinn nan roinn, bha aithris co-cheumnaichte leis an roinn leanailteach (cruitchorda 'gus beus-fhidheall no torm-fheadhan) 'mhàin. Fad an t-ùine nuair chleachd cumadairean-ciùil gu tric eadar dòighean na t-aithris co-cheumnachadh 'san opra ceudna, bha 'n àbhaist na leantaileach a-mhàin air thoirt iomradh air ri aithris secco (searg), fad bha fonn co-cheumaichte leis an fhoireann-ciùil air thoirt iomradh ri accompagnato no stromentato. 

Cleachdaidh roinn nam gnè an t-opra còmhradh cuideachdaichte no neo-cuideachaichte leis an fhoireann-ciùil an àite dhen aithris. Tha 'n còmhradh den t-seòrsa cuideachd an comharradh riatanach fhaoncleas, 'na chiall na linn 19mh. Dh'fhàs faoin-chleas den t-seòrs' ann am cuid às an dòigh a bheil a' nochdadh 'san linn 16mh air thòiseachadh de sgrìobhadh ceòl-teagmhaiseach ri cleasan an t-àrd-ùrlair, an dàrna cuid na cleasan a' maireann a-cheana no socraichte 'cheana. Bidh 's dòcha 'n t-eisimpleir as aidichte den t-seòrsa dhan roinn leughadairean as motha 'n ceòl dhan Aisling Oidhche Leth an t-Samhraidh le Mendelssohn; tha 'n obrach seo ach beag gu cinnteach gnìomhaichte as trice an t-seòrsa ann am brìgh air leth bho a cleas co-cheumnachadh, agus th' ath-sgrìobhte air bhith air ach beag uile cothlamadh a' chiùil-caidreimh cruth-inntinneach, cho math ris a' chòmhlan-ciùil na ceòlcuirme. Tha 'n lag-ceòlainn a' toirt iomladh air an ghnìomhadh a' chleasa san fhaoin-chleas na linn 19mh a' maireann an-diugh 'san dualchas sa' cheòl fhilmean, agus is urrainn do filmean mhothachaidh coimeasgachadh ceòl cudthromach a bhith meòmhraichte na h-oighrean dìreach nam faoin-chleas. 'S mathaid 's urrainn do ceòl den t-seòrsa bhith eadhon, ann am ciall, meòmhraichte eadar na h-oighrean is na coimhlichean nam mòr opra. 

Tha 'n facal opera 'ciallachadh gu soirbh obrachan 'san Laideann, an iolra de opus, comhairleachadh a bheil e 'cur còmhla na h-ealainean is seinn co-cheòlach, briathrachas, agus dannsa ann an sealladh gnìomhaichte. Tha 'n obrach nas muiche 'bhith meòmhraichte opra 'nar ciall an fhacail air chleachdadh 'n-dràsda 'cur là air mu 1597. 'S i Dafne, (a-nis caillte) sgrìobhte le Jacopo Peri fon brosnachadh gu mòr bhuidheann daonnairean litearra às an Fhlorence a chruinnich ris a' Chamerata. Gu cuthdromach, bha Dafne oidhirp a dhùsgadh na dualchasach Chluichean Grèigeach, cuid an dùsgaidh nas leathainne an t-àrsaidh comharradh na Linn an Ath-bheòthachadh. Sa' chor seo, dh'fhairich daoine a' Chamerata cinnteach gun robh na cuidean co-cheòl nam Grèigeach chluich air sheinn gu h-àrsaideach, agus eadhon math dh'fhaodte an sgrìobhadh iomlan nan uile riochd; bha opra mar sin air thuigsinn ri dòigh de dùsgadh an suidheachdadh seo. Tha obrach nas fhadalaiche le Peri, Euridice, a' cur là air 1600, an ciad cheòl opra air mhaireann beò dhan àm seo. 




#Article 248: Taibhse an Opra (858 words)


Tha Taibhse an Opra 'na ùirsgeul le Gaston Leroux, brosnaichte le Trilby le George du Maurier. Foillsichte sa' bhliadhna 1910, agus eadar-theangaichte a-steach dham Bheurla sa' bhliadhna 1911, tha e air bhith air fhreagarrachadh mòran amannan a-steach do film agus riochdachaidhean an àrd-ùrlair.

Tha 'n sgeul seo mu neach dìomhair a bheil uamhann air an Taigh-Opra Pharis air chur air a' bhuannachd neo-fhiosrach sheinneadair òg a bheil gaol aige air.

'S e ùirsgeil dubhach a th' ann an Taibhse an Opra- a' cur còmhla suirghe, uamhann, dìomhaireachd agus slaonasadh.

Anns an ùirsgeul àsaideach 1910 Leroux, tha 'n suidheachadh sa' Pharis 'san 19mh linn aig an Opera Garnier, togalach shòghail, mhòrail a bheil air thogail thairis na locha mhòir fon talamh. Tha na h-oibrichean ag ràdh a bheil an taigh-opra tallacihte le tannasg dìomhair a bheil caochladh sgiorraidhean air dhèanamh. Tha Taibhse an Opra (le fantôme de l'Opéra) a' cur dubh-chìs air na dà grèidheir ga phàigheadh fichead francan mìle sa' mhìos agus a chaomhnadh air bothan uaigneach air cuirmean-ciùil.

Rè na h-ùine seo, tha 'n prìomh-ban-seinn òg Christine Daaeacute; (air chreidsinn a bhith brosnaichte agus stiùirichte le Aingeal na Ciùil air smaoineachadh air chur le a h-athair) follaiseachd ghrad air thoirt gu buil air àrd-ùrlar an t-opra nuair tha i an prìomh-ban-seinn, Carlotta, air chur nì an àite, a robh cuideigin a dhìth oirre ga cur nì an àite dà uair seach galar neònach. Tha Christine na cridhean na luchd-èisdeachd air bhuannachd, a' gabhail a-staigh an cridh' an leannain a h-òige, Biocas Raoul de Chagny.

Eudmhor le a chàirdeas le Raoul, tha 'n Taibhse i air thoirt cuireadh ga thadhal sìos 'na saoghal fon àitreabh. Ghabh Christine a-staigh a chuireadh, agus sìos anns na h-uamhan, tha i 'g ionnsachadh a bheil a h-aingeil gu fìor 'na neach-ealantachd chiùil mì-mhaiseil a feumaidh sgàil air aghaidh a chur a fhalach a gràinead. Ràn i ann an uamhann aig an sealladh aghaidh fhìor; feargach is nàireach, ghlas an Taibhse i 'na dhachaigh, 'g aontachadh ga saoradh a-mhàin an dèidh dhi geall dhèanamh a thilleadh thuige le a toil fhèin.

Tha Christine reubta eadar a gaol air Raoul, an Biocas òg grinn agus a geasachd leis a' cheòl àlainn gu dorcha an Taibhse. Nuair a tha i 'tuigsinn a bheil a h-aingeal cuideachd 'na Thaibhse an t-Opra a bheil an urra ris na sioraidhean is marbhaidhean, tha i 'gus Raoul a phòsadh an uaigneas air shocrachadh air agus a ruith air falbh às a' Pharis -- agus an ruigheachd an Taibhse.

Lorg an Phantom a-mach an n-oidhirp agus fad an gnìomh Christine ri Marguerite anns an Fhaust le Gounod, ghoid e i às an àrd-ùrlar. Sìos 'san dachaigh an Taibhse, tachairidh 'n t-aghaidheachadh deireannach eadar an Taibhse, Christine agus Raoul.

Bha 'n Taibhse air bhreith ri Erik ann am baile beag dlùth ri Rouen, an mac àrd-chlachair. Ruith e air falbh aig aois òig às an taigh athair, far a robh a gràinead cuspair uamhann ri a phàrantan. Rè h-ùine, thadhail e na fèillean, far a bha e ann am foillseachadh-culaidhean-fhanaid air fhoillseachadh ris a' mharbhan beò. Shiubhail e mun cuairt an Eòrpa agus an Àisia leis na Dubh-shiùbhlaich. An-siud, fhuair e ealain lùth-chleasach is cheòlach agus gheuraich e ealantachd mhì-fhallain. Dh'fhàs e cuideachd staoireadair eòlach.

Ri ùine, dh'fhàs e ri marbhadair a' chùirt agus innleadairn pearsanta dhan Rìgh an Phersia agus thog e dha sophisticated glacan dèantach agus tionnsgalan-cràidhe (mar an Punjab Lasso). An dèidh do rè na h-ùine, bha 'n t-eagal air an Rìgh a bheil cus fhios aig Erik agus shocraich e air a' cur an dara thaobh dhe. Ach bha Erik cumhachd a theicheadh, ri ùine dèanamh a shlighe air air dham Fhraing.

Chleachd Erik ealain na h-ailtearachd agus bhuannaich e còrdadh ri aon den ailtirean Pharis' Palais Garnier Taigh-Opra. Fon Taigh-Opra, tha loch fuadain air chruthachadh fad a thogail a' cleachadh ochd taosgair uisgeach, seach draghan leis a' chòmhnard-uisge an làir a mhair èirigh. Gun neach sam bith ga thoirt an aire, thog Erik cuairtean chadhan air na còmhnardan nas ìsle. Seachad air an loch fon-talamh, thog e garadh dha fhèin, far b' urrainn dha fhuireach, air dìon às an sluagh.

A bharrachd a bhith 'n innleachaiche agus innleadair iongantach, bha Erik cuideachd neach-ealantachd chiùil, agus thòisich e a thadhal an Taigh-Opra a dh'èisdeachd dhan oprachan agus a bhuntainn ris a' chiall dhona nam grèidhear. Seach cha b' urrainn dha aghaidh nochdadh dhan sluagh, ghabh e an dòigh tannaisg, a' cleachdadh aineart air chor a chur dubh-chlìs air na grèidhearan agus ga nasgadh ri a thoil. Ghabh e fàth air na saobh-chràbhaidhean nam oibriche agus a fhios mun cuairt na slighean rùnach na togalaich, a' lùthaigeadh cothrom ri uile cuid na togalaich gun a' bith air thoirt an aire. Chuir e uamhann air na daoine siud a dhiùlt a iarraidhean agus mharbh e daoine eadhon ri rabhaidhean. Ge tà, riaraich e gu caomh na daoine gun robh dìleas dha 'gus a ghèill do òrdachaidhean (mar Madame Giry (A' Bh. Giry)).

Tòisichidh an sgeul an t-ùirsgeòil nuair tha nighean Christine Daaé a' chòisir an t-Opra air aonachadh agus tha Erik, an Taibhse, ann am gaol leatha air thuiteam.




#Article 249: Dàibhead agus Iaineatan (1590 words)


Bha Dàibhead agus Iaineatan 'nan dealbhan laochail na Rìoghachd na h-Israel, cò-leis càirdeas dlùth a bha clàraichte gu fàbharach 'san leabhraichean an Sean Thiomnadh Shamuel. Th'ann connsachadh am measg sgoilearan na diadhachd cò-dhiù bha 'n càirdeas seo glan, gràdhach ach glan, no feòlmhor.

Tha Dàibhead 'na òganach brèagha, ruiteach agus an mac as òige Jesse, air bheirsinn roimh Saul, an rìgh na h-Israel, air marbhadh an laoch garg nam Philistine, Goliath, le clach is bann a-mhàin. Bha Dàibhead roimh làimh
arm-ghille ainmichte air bhith le Saul, a robh gaol aig air aig ciad shealladh, agus bha a chruit air chluich roimh Saul air chor a cronachan spiorad olc a chuir an Tighearna a chlaoidheadh an rìgh, ().

Tha Iaineatan, an mac as sine Shaul agus ceann-airm na h-airm, fo gheasaibh le Dàibhead gu h-ealamh air am ciad choinneamh, Agus thàinig e a dhol seachad, nuair bha e Dàibhead deireadh air dhèanamh de bruidhinn ri Saul, gun robh an t-anam Iaineatain air fhighe leis an t-anam Dhàibheid, agus ghaolaich Iaineatan e mar a anam fhìn.
(). An là ceudna, rinn Iaineatan agus Dàibhead rèiteachadh, seach ghaolaich e e mar a anam fhìn (). Nochdadh Iaineatan fhèin rùisgte roimh Dàibhead, a' toirt tairgse dha a earraidhean iùnntasach, codachadh leis uile shealbhachaidhean saoghalta, Agus rùisg Iaineatan fhèin den trusgan gun robh uime, is thug e ri Dàibhead, agus a earraidhean, eadhon do a chlaidheamh, is do a bhogha-saighde, is do a bhriosaid. ().

Ghabh an tuath na h-Israel Dàibhead a-staigh gu fosgailte agus sheinn de a chliùthan, cho mòran a tharraing an t-eud Shaul (). Dh'fheuch Saul gu tric a mharbhadh Dàibhead, ach tha àmannan iomaidhe diom-buaidheach, agus dh'fhàs an cliù Dhàibheid a-mhàin le gach oidhirp (). A fhaighinn rèidh ann an Dàibhead, roghnaich Saul a thoirt tairgse dha nighean ann am pòsadh, sireadh ceud ro-chraiceann nàmhaidein an àite dubhairidh - a' cur dòchas ann a bidh Dàibhead air mharbhadh a feuchainn. Ge-tà, thill Dàibhead le duais de dhà ceud ro-chraiceann agus feumaidh an rìgh a chuid a' chùmhnaint a chrìochnachadh.

An dèidh do de aon dhen oidhirpean-mhort Shaul ionnsachadh, thug Iaineatan rabhadh do Dàibhead a fhalach seach ghabh e tlachd mòr air Dàibhead (). Bha Dàibhead air sparradh a theicheadh tuilleadh dhen oidhirpean Shaul (). Ann am momaid a lorg iad fhèin aonarach le a chèile, thuirt Dàibhead ri Iaineatan, Tha fhios fìos aig d'athair a tha mi maitheas 'nad shùilan air lorgadh. ().

rinn Iaineatan rèiteachadh leis an taigh Dàibhead, ag ràdh, 'Iarradh an TIGHEARNA eadhon e aig an làmh nan nàmhaid Dhàibhead.' Is rinn Iaineatan Dàibhead a thoirt facal a-rithist, seach bha gaol aige air: seach ghaolaich e e mar a ghaolaich e anam fhìn” (,).

Aontaich Dàibhead a fhalach, gu b'urrainn do Iaineatan athair aghaidheachadh 'gus dèan cinnteach co-dhiù b' e sabhailte air Dàibhead a fhuireach (). Ach lorg Iaineatan a-mach gun robh Saul feargach is eudmhor fhathast a dh'ionnsaigh Dàibhead; choirich Saul Iaineatan air a dhlùths ri Dàibhead: 'N uair sin bha 'n fearg Shaul laiste 'n aghaidh Iaineatan, agus thuirt e thuige, Thus mac na mnà fiara 'gus ceannairciche, nach eil fhios 'am a roghnaich thu an mac Jesse [Dàibhead] ri do bhuaireas fhìn, agus dham bhuaireas na lomnochd do mhàthair ().

Bha Iaineatan cho brònach nach b'urrainn dha air làithean ithe (). Chaidh e ri Dàibhead aig àite-falaich a labhairt ag innseadh a bheil e neo-thèarainte dha 'gus feumaidh e fhàgail. Dh'èirich Dàibhead suas às àite mu dheas, agus thuit air aghaidh dhan làr, 's rinn ùmhrachd fhèin trì àm: is phòg iad a chèile, is caoin leis a chèile, gu chaidh Dàibhead thairis air. Is thuirt Iaineatan ri Dàibhead, Rach ann an sìth, a mheud ri thug sinn facal a chèile 'san ainm an TIGHEARNA, ag ràdh, bitheadh an TIGHEARNA eadar thu is mi, is eadar mo ghineal is do ghineal gu sìorraidh. Agus dh'èirich e suas is falbh: agus chaidh Iaineatan a-steach dham bhaile mòr. ().

Mhaireadh Saul a leantainn Dàibhead (); dh'ùraich Dàibhead agus Iaineatan an rèiteachadh còmhla (); agus, ri ùine, rinn Saul agus Dàibhead rèidh (). Nuair bha Iaineatan air mharbhadh air a' Bheinn Gilboa leis na Philistinean (), chaoin Dàibhead a bhàs ag ràdh, Tha mi pianach dhut, a bhràthair Iaineatan: glè chiatach a tha thu dhomh air bhith: bha do ghaol dhomh iongantach, a' toirt bàrr air a' ghaol nam mnàthan. ().

Tha roinn sgoilearan a' mìneachadh an gaol eadar Dàibhead is Iaineatan ri nas dlùithe na càirdeas. Tha an ciallachadh seo a' sealltainn na ceanglaichean a chodaich na fir suirghe, dearmadach co-dhiù bha 'n càirdeas iomlanaichte gu corporra no cha robh. 'S e soilleir gun robh cùram mòr aig Iaineatan agus Dàibhead mu a chèile ann an dòigh gun robh gu cinnteach nas làidire, nas caoimhe 'gus nas dlùithe na càirdeas plàtonach.

Tha an càirdeas eadar na dà fir air labhairt ris na faclan ceudna 'gus cudthrom mar càirdeas gaolach co-sheòrsach as loving 'san Sean Tiomnadh. Nuair tha iad leòtha fhèin, tha Dàibhead air chur dòchas ann a tha e 'san sùilean Iaineatain maitheas air lorgadh. O cheann gu cheann nan earran, dhaingnich Dàibhead agus Iaineatan is dhaingnich a-rithist gu co-chòrdail am gaol is aonradh ri a chèile. Tha Iaineatan deònach a dhèanamh brath air athair, a theaghlach, a shaoibhreas, agus a dhualchais air Dàibhead.

Neartaich an rèiteachadh eadar na dà fir ciallachadh suirgheil am càirdeas an àite ciallachadh poileataiceach no plàtonach am càirdeas. Aig am ciad choinneamh, rùisg Iaineatan fhèin roimh an t-òganach, a' toirt dha aodach, a' maireann rùiste roimhe. Nuair rinn iad an rèiteachadh an toiseach, gu dlùth 'n dèidh dham chiad choinneamh, tha 'n t-adhbhar air chumail ri  gu soilleir do bhrìgh ghaolaich Iaineatan [Dàibhead] mar anam fhìn. (). Gach àm dhaingnich iad an rèiteachadh, tha gaol an fìreannachadh 'mhàin air thoirt dhuinn. Cuideachd, bu chòir dha air choimhead a bhith gun robh na rèiteachaidhean is na leabhairtean gaolach air dhèanamh gu dìomhair, an àite gu coitcheann mar thachaireadh ceangal poileataiceach.

Chan eil an fìrinn a thug Dàibhead iomradh air Iaineatan ri bràthair comharrachadh ri càirdeas plàtonach gu deatamach. Bha bràthair air chleachdadh gu tric cho facal ghaoil shuirgheil, eadhon fheòlmhor, ann an comainn mheadhan-thìreach. Mar eisimpleir, tha bràthair air chleachdadh a chomharrachadh càirdeis chiana cho-sheòrsach 'san Satyricon (eg. 9, 10, 11, 13, 24, 25, 79, 80, 91, 97, 101, 127, 130, 133), sa' bhàrdachd aig Catullus (Poem No. 100) agus Martial (ie. 2.4, 7.24, 10.65), agus 'san Apuleius' Metamorphoses (8.7). Às a' mheadhan na mìle-bliadhna dhara B.C.E. ... dh'fhàs e cumanta air cumantaich [ann am cuidean na Mara Meadhanaiche] a chantainn ri am mnathan piuthar nuair cha robh iad càirdeach [1]. Air mìneachadh, faicibh Rèiteachaidhean Co-Sheòrsach 'san Eòrpa Ro-Nuadh le John Boswell (pgs. 67-71) agus an Ollamh-Feallsanachd Abaltan (OF.A) Co-Sheòrsachd agus an Fear Ròmanach: Rannsachadh 'san Togalach Dualchasach na Gnèitheach(pg. 319) aig Craig Williams de Yale Oilthigh.

Ged bha Dàibhead pòsta, dh'altaich Dàibhead fhìn eadar-dhealachadh eadar a chàirdeas le Iaineatan agus na ceanglaichean a chodaich e le mnathan. Thuirt e gu soilleir, air cluintinn den bàs Iaineatan, an robh a ghaol air Iaineatan nas motha na ceangal sam bith an robh aige le mnathan. A bhàrr air sin, cha do chuir dòighean comanntach bacadh air suirghean adhaltrach feòlmhora co-sheòrsach 'san Seann Lagan Meadhanach. An Dàn Mòr aig Gilgamesh, a bheil a' dèanamh roi-sgrìobh air na Leabhraichean Shamuel, dealbhadh càirdeas co-sheòrsach feòlmhor gu suaicheanta coltach eadar Gilgamesh agus Enkidu.

[1] M. K. Hopkins. (1983) Bràthair-Peathar Pòsaidh 'san Eiphit Ròmanach. Rannsachaidhean Coimeasach sa' Chomann agus Eachdraigh. 22 (duilleag. 311)

Ged chan eil feòlmhorachd idir air dhealbhadh gu soilleir, tha mòran dhem briathrachas na miann-gràdhachd a' Bhìobaill air righeadh le bogachaidhean-brìgh. Bheir earrainn iomadach sanas ri càirdeas dlùth, corporra eadar na dà fir: am cur aodach de Iaineatain, a ghabhail tlachd mòr le Dàibhead, agus am pògadh mus am fàgail. Rinn Saul casaid air Iaineatan mu breileach na lomnochd a mhàthair le Dàibhead; Tha 'n lomnochd nam pàrant neach 'n h-iomradh feòlmhor cumanta a' Bhìobaill (e.g. ;
,; ; ; ; etc.).

Tha roinn sgoilearan (beagchuid làidir) a' cur às leth fiar-shanas leis an lùbadh trì àm Dàibhead roimh Iaineatan agus an dol thairis air a-leanas Dàibhead. Tha seo comhailichte air bhith a bheil seo comarrachadh ri feòlmhorachd-bheòil agus cur-a-mach. Ciallaichidh tionaidhean nas glèidhtiche gu comannach dol thairis air ri cumail ceannas thairis fhèin - fàiligidh cuidean eile, mar am Beò Bìoball a thoirt iomradh air a' phògadh gu h-iomlan, ag ràdh an àite gun rug iad air làimh air, ged chan eil sin air thoirt iomradh air àite sam bith sa' Bhìoball. Gu dearbh, tha 'n facal Eabhra, gadal air dol thairis air eadar-theangaichte aig àitean ri iomradh ri meud, no meudachd. Tha a' bheagchuid làidir a' comharileachadh a bheil seo a' comharrachadh gu dh'fhàs Dàibhead mòr ('s e sin, gu bha seasamh-buid aig Dàibhead).

'S urrainn dham chiallachadh feòlmhor co-sheòrsach bhith air lorgadh ann an litreachas. Mar eisimpleir, tha Gu dearbh tha mi 'cuimhneachadh a chluinntinn a ghaolaich aon fear fear eile gu mòr. Ghabh Iaineatan mùirn air Dàibhead, ghaolaich Achilles Patroclus. aig an sgeul neo-ainmichte A' Bheatha Eadbhaird II, mu chuairt 1326 AD.  Rinn an  dràmadaiche Oscar Wilde guth air an t-eisimpleir Dhàibheid agus Iaineatain 'na dhìon timcheall càirdeis pàisd'-mhiannach.

Ann an Ealain Ath-bheòthachadh, ghabh an dealbh Dhàibheid àithne àraidh cho-sheòrsach fheòlmhor, mar 's urrainn do air fhaicinn a bhith 'san ìomaigh mhòr le Michelangelo, ann an Dàibhead le Donatello. Ann an mòran obraichean eile, mar na dealbhaireachdan le Caravaggio, tha Dàibhead riochdaichte cho òganach cothachadh Goliath cò-leis a cheann a tha 'n dealbh-fhèin an t-ealantaire, labhairt aimhriochdach tàlaidh fheòlmhoir cho-sheòrsaich an t-ealantaire.




#Article 250: Maurice (1059 words)


Tha Maurice 'na ùirsgeul le E. M. Forster.  Sgeul a' ghaoil cho-sheòrsaich 'san linn 20mh Sasann, leanaidh e Maurice Hall às a làithean sgoile, tro oilthigh agus thall.   Bha e sgrìobhte às 1913 air adhart.  Ged bh'e air nochdadh ri càirdean roghnaichte, mar Christopher Isherwood, bha e foillsichte sa' bhliadhna 1971 an dèidh dham bhàs Fhorster.

Tha 'n t-ùirsgeul sònraichte air àm le toirt dealbh air gaol co-sheòrsach ann an dòigh suirgheil iomlanachadh, ach èibhinn cuideachd.  Chuir Forster an aghaidh foillseachadh seach beachdan comannach is laghaile 'dh'ionnsaigh co-sheòrsachd mdash; leugh sgrìobag air an làmh-sgrìobhainn: Foillsicheil, ach airidh air?.  Ge tà, leis an àm a bhàs e bha beachdan is lagh Breatannach air atharrachadh.  Tha aon rud a bheil a' cur Maurice air leth às sgeulachd rìomhach nuadh an gnìomhadh prìomh-shamhlail agus na trì prìomh-caractar, a bheil comharrachadh
buidhnean eugsamhaile 'gus na dealbhan nam fireanntas eugsamhaile.

Bha 'n t-ùirsgeul air dhèanamh a-steach do film Maurice (1987) le Riochdachaidhean Merchant Ivory agus Filmean Chaolais Ceithireamh: air stiùireadh le James Ivory agus sgrìobhte le Ivory agus Kit Hesketh-Harvey, riochdaichte le Ismail Merchant, leis an eòlas-film le Pierre Lhomme. Nochd James Wilby ri Maurice, Hugh Grant ri Clive agus Rupert Graves ri Alec.  Ghabh an sgioba-cluiche cobharach a-staigh Denholm Elliott ri Dr Barry, Simon Callow ri Mgr. Ducie, Billie Whitelaw ri A' Bh. Hall agus Ben Kingsley ri Lasker-Jones.

Tha Maurice air choinneachadh 'chiad aig aois 14 nuair tha còmhradh mu gnè 'gus feòlmhorachd eadar e is a neach-teagaisg, Mgr. Ducie, a' tachairt dìreach mus thèid e a dh'ionnsaigh do a sgoil choitcheann.  Chuiridh seo an gleus dham chòrr an t-ùirsgeòil, seach tha Maurice a' faireachdainn air leth, air ghluasad às an dearbhadh an inbhich mu pòsadh bean ris a' cheann-chrìche ann am beatha. A bhàrr, gabhaidh a dhìmeas domainn air a bhuidheann (meadhanach) fhèin bonn an-seo, seach tha e 'faicinn nach eil an comas aig a neach-teagaisg a fhaicinn thall an àbhaisteachd comannach ri gu dè air chùl i.

Nuair thèid Maurice a-steach dhan oilthigh, nì e càirdean a dh'aithghearr le Clive Durham, a nì e eòlach air na seann Ghrèigeach sgrìobhaidhean timcheall gaol co-sheòrsach (àitheanta 'san ùirsgeul ris an Droch-bheart nam Grèigeach. Air dhà bliadhna, bidh suirghe coisrigte, ma geamnaidh anabarrach, aca, a bheil aca ri falaichte chumail bho h-uile duine 'bheil iad eòlach air everyone. 'S e soilleir a bheil Maurice a' cur dòchas air tuilleadh 'thighinn bho an dàimh mhothaicheil a-mhàin, ach fàsaidh e soilleir gu mall a bheil Clive gu beagnaich ceangailte gu comhad dham bheachd chomann timcheall mar a tha ceart is ceàrr. Tha Clive a' sònrachadh ri phòsadh, a dh'aindeoin a chan dh'fhàg an sgrìobhadh Fhorster teagamh a crìochaichidh a phòsadh le beatha-feòlmhorachd neo-aoibhneach gu mòr.

Air leigeil sìos agus ciùrrte leis an falbh a charaid, rannsaichidh Maurice comhairleachadh an leigheis-inntinn ann an sealladh air chur an gnìomh le Forster le mire, a' foillseachadh gu neo-iochdmhor a-rithist na crìochan nam mothachadh 'gus an dìth a' chòmhnaidh a' chomainn, cho riochd-samhlaichte le Dr Barry, nach urrainn do eadhon an suidheachadh 's an bròn Mhaurice thuigsinn.

Fàsaidh Maurice nas sine, fàgaidh 'n t-oilthigh gun a' gabhail a ìre, gabhaidh ris na dòighean is an t-aodach an duine-uasal, agus gheibh obair mhath gets ri tocadair. 'Na àm a chòrr, tha e cuideachadh ri stiùireadh lann lùth-chleas dhòrnachaidh mhisein Chrìosdail air gillean a' bhuidhne-obraich 'san Ear Chrìoch.
Thig na mì-chrìochnaichte fhadachdan a' mhothachaidh Mhaurice nas dlùithe a bhith rèidh nuair bidh e air thoirt cuireadh a fhuireach aig Penge aig an dachaigh nan Durham. An-siud, an toiseach cha bheir e e an aire, tha 'n peithire òg, Alec Scudder (air chantainn Scudder air earrain mhòra an leabhair, a chur cudthrom air an caochladh le aois is buidheann eadhon nas motha), Maurice air thoirt an aire gu math. Tha e air fhaicinn 'san leabhar aig tràthan saora nas goiride gun sgur, mar  cuartachadh a chreach gun fhiosda, gus aon oidhche cleachdaidh 'n gille àradh gu soirbh a dhìreadh dhan seòmar-leaba Mhaurice, freagairt a' ghairm Mhaurice nach do dh'fhreagair neach sam bith eile.
An dèidh do am ciad oidhche còmhla, thèid Alec an cabhaig agus feuchaidh a thoirt dubh-chìs ri Maurice, ach ann an sealladh drùidhteach le Maurice aig an Taigh-gleidhidh Breatannach 'san Lunnainn tionnaidhidh e mu cuairt gu h-iomlan, an dèidh do bheir Maurice ainm ri Scudder nuair bidh e faighnichte do ainm. Daingichidh 'n t-easaontas nam caochladh nam buidheann an bann-còrdaidh eadar na dà fir gun dàil.

An dèidh do h-oidhch' eile de leannanachd bidh e soilleir a bheil bileag aig Alec air turas dhan dh'Argentina le a theaghlach, nach thill e às. An dèidh do ciad miothlachd agus acaid, gèillidh Maurice, sochrachadh air co-dhiù a ràdh slàn leat ri Alec. Tha e air ghabhail air ais nuair tha e 'faicinn nach eil Alec an-siud. Ann an cabhag, ruithidh e dham Phenge, far an choinnich na dà leannain mus aig an taigh-bàta, agus gu dearbh bidh na leannanan aonaichte 'rithist an-siud agus mairidh sona fad an làithibh. 

Tadhailidh Maurice aon àm deireannach le Clive, do dùnadh air am càirdeas, is a' toirt dealbh de àm ri teachd le Alec. Tha 'n dìth chòmhnaidh Chlive aig cluinntinn mar a tha air thigh'nn an follais eadar Maurice agus Alec ga fhàgail gun cainnt agus murrach a thuigsinn.

Tha 11 bliadhna aig Maurice aig an tòiseachd an fhilm, an àite 14.   Tha 'n film a' fàgail a-mach ach beag nam còmhradh feallsanachail an t-ùirsgeòil, agus mòran fhon gnìomhaidhean mar an gaol Mhaurice air an gille-sgoile, Dickie.  Leudaichidh e 'n caractar Wildeach Mhòrair Risley agus a bhraigheachd air mì-bheusachd (chan eil e prìosanaichte 'san ùirsgeul), air chor a fhoillseachadh na cunnartan a dh'aghaidhich co-sheòrsaich Eideardach agus ag ullachadh cleas an ghnìomhaidh a nì which Clive faireachdainn a feumaidh e Maurice dhiùltadh.

Tha samhalachas àraidh co-sheòrsach feòlmhor aig an t-àite na dàlach deireannaiche eadar Maurice agus Alec nuair when seen in the movie; tha 'n taigh-bàta fuadain-Ealasaideach a' toirt iomradh air an gluasad nan Ealain  Ceàird gun robh cho comannachte le Eideard Carpenter (bhrosnaich tadhal le E.M. Forster ri Carpenter agus a rùinean Deòrsa Merrill an sgrìobhadh de Maurice), agus cuideachd dhan Sasann Ealasaideach Christopher Marlowe (tha h-uile dhiubh nach eil gaolachadh tombaca 'gus gillean 'nan àmadain) agus William Shakespeare nan Duanag. 'San ùirsgeul, riaraichidh 'n gorm choille agus an oidhche ris an àite an tèarmainn, agus tha 'n taigh-bàta air thoirt iomradh air a-mhàin.




#Article 251: Lèineag is sgiort (231 words)


Tha sgiort ball-aodaich bhean, air chruthachadh mar pìoban no bidean a bheil dèanta a chrochadh às a' bhalg-meadhain a phealladh na casan. Eu-coltach drathas, chan eil sgiorta air leth. Tha lèineag (cuideachd casag mhòr, gùn) ball-aodaich socraichte de sgiorta le aodach-cuim ceangailte no le aodach-cuim feagairt, a' toirt a' bhrìgh de ball-aodaich aon-mìr. 

Ais as soirbhe, 's thèid do sgiorta brat made dèanta de aon mìr aodaich (sarong, pareo), ach th' a' mhòr-chuid nan sgiort ceartaichte dham chorp aig a' bhalg-meadhain agus nas iomlaine fodha, leis an iomlanachd air chur an aithne tro of gathan, fighean, clàran, agus dòighean eile an fhuaigheil. Tha sgiortan agus lèineagan nuadh dèanta gu h-àabhaisteach às aodachan aotrom ri leth-trom, mar dainim, snàth-clòimhe, no poplain. Tha lèinean air chur fo sgiortan agus lèineagan dèanta às aodachan finealta leantainn a thoirt comas dhan aodach a chrochadh nas fheàrr. 

'S urrainn dhan lìn-fàitheim nan sgiort agus lèineagan a bhirh cho h-àrd ris an sliasaid uarach no cho iosal ris an làr, earbsadh às na saobh-smuainean nam modh agus a' bheusachd no a' chiall air leth an neach anns an aodach. 

Chuir roinn nam mnàthan na buidhne-àirde Nan Linntean Meadhanach umpa fhèin lèineagan gun robh as motha na 3 meatair 'san tarsannan aig a' bhonn. Aig a' chrìoch eile, bha na sgiortan beaga an deicheid den 1960 'na ballan-aodaich ghanna a faodaidh an fon-aodach chòmhdachadh cha mhòr nuair suidheachadh.




#Article 252: Maighdeann-ròin (172 words)


Tha na maighdeannan-ròin (Beurla: selkies silkies no selchies) 'nan creutairean uirsgeulach san eòlas-uirsgeul na h-Èireann agus na h-Alba a 's urrainn dhaibh chruth-atharrachadh o ròin ann am mac an duine. Thòisich an fionnsgeul gu soilleir ann an Arcaibh, far a tha selkie gu soirbh am facal Arcach air ròn.

Tha maighdeannan-ròin urrach a dh'fhàs daoine le cur air imrich am bèin-ròin, agus 's urrainn dhaibh ris an dealbh ròin thilleadh le cur am bèin air ais umpa. Am bitheantas tha sgeulan timcheall maighdeannan-ròn 'na sgeulan brònach suirghe: tuitidh duine agus maighdeann-ròin ann an gaol, ach an dèidh ùine fàsaidh a' mhaighdeann-ròin neo-fhoisneach, a' socrachadh ri thilleadh dhan mhuir. Uaireannan cha bhi fhios aig duine a bheil a leannan 'na maighdeann-ròin, agus dùisgidh gan lorgadh air falbh. Uairean eile falaichidh an duine an bian na maighdinn-ròin, mar sin gam bocadh an tilleadh dhan riochd ròin. 

Tha The Great Silkie of Sule Skerry 'na òran tradaiseanta ainmeil à Arcaibh mu mhaighdeann-ròin agus tha iad an teis-mheadhan an fhilm The Secret of Roan Inish cuideachd.




#Article 253: Aillse (102 words)


'S e aillse galar a dh'fhàsas sa chorp. Is urrainn a dh’aillse a bhith àiteigin san corp - san fhuil (bànachadh-fala), na clachan, craiceann, cìochan, stamag, beul 7c. Anns an latha a tha ann, gabhaidh i a leigheas ma mhothaicheadh dhi tràth gu leòr, gu h-àraidh le réidio-theiripe, ceimeo-theiripe no le oparèisean. Mar eisimpleir le aillse na guthlaige, mur eil réidio-theiripe no ceimeo-theiripe ag obrachadh, faodaidh na dotairean a' ghuthlag a chur a-mach.

Sa chumantas, chan urrainn do dh'aillse a bhith ga h-aiseag, seach trì seòrsachan: aillse drùiseil conail, galar tùmoir aodainn aig diabhlan Tasmanach, agus seòrsa de dh'aillse aig a' bhreallaich.




#Article 254: Ealasaid Báthory (1512 words)


Ealasaid Báthory (Magyar: Erzsébet Báthory, Slobhacais: Alzbeta Bátoriová-Nádašdy, Nyírbátor 7 an Lùnasdal, 1560 - Csejte] 21 an Lùnasdal, 1614), no a’ Bhaintighearna Fhuileach na Čachtice. Bha i ’na ban-iarla agus rugadh i ceithir fichead bliadhna ‘s ceithir as dèidh bàs Vlad III Dracula, cò bha ‘na neach-cinnidh cèin, agus b’ ise a’ bhan-mharbhaiche as maslaiche ann an eachdraidh an t-Ungair is Slobhaca. 

Bha nas motha a beatha inbheach air chosgadh aig An Caisteal na Čachtice, far an chuir i mòran bhanòglaich fo cràdh (tha 650 maighdeann an àireamh air ghairm mar as trice) agus mharbh i na maighdeannan an dèidh seachdainean a' chràidh. Sa’ bhliadhna 1610, bha i air phrìosanachadh ann am braighneachd uaighneach, far am bhàsaich i. Bha a luchd-comainn air chur gu bàs. Cha robh dhearbhadh a-riamh coire.

Th’ann seann-sgeulan eugsamhaile mun cuairt a beatha, gabhail a-staigh ‘n smuain a dh’òl i no shnàmh i san fhuil na ban-shearbhantan òga, agus tha iad air chreideamh à roinn gun robh iad an tòiseachadh na neach-òil na fala fionn-sgeulan eugsamhaile, an sgeul Dhracula, agus an labhairt nam mnàthan-òil na fala gu drùiseach sàdach, gu h-àraidh.

Thàinig na sinnsearan Ealasaid (an cinneadh nan Hun Gutkeled) dhan Ungaireach Rìoghachd às an Lochlann sa’ mheadhan na chiad linn deug. Chum iad cumhachd thar mar a tha A' Phòlainn, An Ungair, An t-Slòbhac, agus Romàinia. Dh’èirich an clann nan Hun Gutkeled, gabhail dreuchd na 
h-àirde dhàimheach aig an moch linn 13mh agus ghabh os làimh an t-ainm Báthory (a rèir ri oighreachd aca Báthor [an-diugh Nyírbátor] ciallachadh calma) sa’ bhliadhna 1279. Ruig am cumhachd binnean sa’ mheadhan na linn 16mh, bha gu bhith marbh sa’ bhliadhna 1658, agus bhàsaich iad air falbh ann an 1680 (le an bàs na mnaoi Sheòrais Rákóczi II).

Bha a pàrantan à dhà geugan nan teaghlaich Báthory, ‘s e an bràthair-màthar Ealasaid a bh’ann an rìgh Polach, Steafan Báthory.

Bha i air bhreith ann an Nyírbátor ‘san Ungaire là ‘n-diugh air Lùnasdal 7? 1560 agus bhàsaich i air Lùnasdal 21, 1614 ann am Čachtice ‘san Slovakia là ‘n-diugh.

Rinn i a h-òige aig an Caisteal Ecsed; chan eil fhios aig tuairisgeulan ‘san ùine seo. Bha Ealasaid 'na pàisde glè thuigseach; dh’fhàs i fileanta ‘san Ungairis, sa’ Ghearmailtis, agus ‘san Laideann aig àm nuair motha nan uaislean neo-ionnsaichte. 

Aig an aois 11, bha i suidhichte a bhith phòsta ris an laoch uasal is buadhach Ferenc Nádasdy agus dh’imich i a-steach dham Caisteal Sárvár, far an dh’fhàs i ribleach le tuathannach. Thug Ealasaid breith gu nighinn, Anastasia, agus bha a' chaileag air thoirt air falbh, le airgead-thost air thoirt gu neach sam bith a bheil fios aig air ri seachneach masladh. 

Ann an 1575, phòs i Nádasdy ‘san Vranov, agus dh’fhàs e, ann an 1578, an Prìomh-Ceannard nan Ungaireach ceatharn ‘nam cogadh an aghaidh na Turcaich. Bh’e àitheanta ri fear glè treun, ach bha e glè bhrùideil cuideachd. Bha ‘n t-eagal aig na Turcaich air agus dh’ainmich iad an Gaisgeach Dubh na h-Ungaire.

Bha ‘n tiodhlac-bainnse Nádasdy do Ealasaid a dhachaigh, an Caisteal Čachtice (suidhichte anns na Carpaitneach Bheinntean ‘san là an-diugh Siarach Slòbhaigia dlùth ri Trencin- an uair sin cuid na Rìoghachd na t-Ungaire) còmhla leis caisteal Čachtice agus le seachd bailean beaga deug dlùth. Bha an caisteal air chuairteachadh le baile beag na tuathannaich agus tìrean àiteachaile roithleacha, neadaichte am measg air feadh nan cnocan. Sa' bhliadhna 1602, cheannaich an fear Ealasaid an caisteal gu deimhinnte às àrd-rìgh Rudolf II, mar sin a dh’fhàs e earras an teaghlaich Nádasdy. A chionn 's gun do chùm na sabaidean leis na Turcaich a cèile trang, dh’fhàs Ealasaid a' bhaintighearna a' chaisteil. 

A chionn 's gun robh Nádasdy air falbh aig na cogaidhean, cha thug Ealasaid breith ri leanaban rè dheicheid. Thug Ealasaid breith ri nighean, Anna, an 1585, a' chiad an còig leanaban; bhiodh Katalin (Càitrìona), Anndras, Orsolya, agus Pàl a' leantainn gus an 1598. Bhàsaich Anndras is Orsolya aig aois òg. 

Bhàsaich a fear-cèile 'san 1604, ach th'ann dà aithris a bhàis; aon chuid air a' bhlàr no aig an làimh strìopaich sa’ Bhucharest, cò dhiùlt e a phàigheadh.

'S e neo-aithnichte nuair dh’fhàs i a' cur nigheanan òga an cràdh, ach bha i a' dèanamh sin air cinnteach às 1585 ri 1610. Bha fios aig a cèile ‘gus a càirdean air a nàdar no-thruacanta, ach cha d'rinn iad càil ga stàdadh. Bha i a’ cur am feabhas gu buan a dòighean a' chràidh agus bha a brùidealachd àrdachadh. Bha gràin mòr aig na daoine a' fuireach mun cuairt a caisteal oirre gun do dh’fhàg i an caisteal le dìonadair armaichte. Chuir i beagan rìbhinnean fo cràdh cuideachd aig a codaichean ‘san Sárvár, Vienna, agus Keresztúr. Bha rìbhinnean-tuatha Slòbhacach dhùthchaile gu h-àrsaideach glacte 's air chur fo cràdh, ach nas fhadalaiche mharbh i cuideachd nigheanan na t-uaisle nas ìsle, gun robh air chur dham chaistealan le am pàrantan ri ionnsachadh dòighean uasal, do bhrìgh moch ‘san linn 17mh, dh’iarr pàrantan na h-inbhe làidire gu tric a bhitheadh an nigheanan foghlaimte anns na caidreamhach loinnean. Nuair dh’fhàs e àitheanta
anns na cuairteachaidhean mar a bha i (is dòcha) dèanamh, bh’aice ri chur a cuidichean a-mach a bheirsinn nigheannan à raointean an cèin. Is nuair sgaoil amharas tron rìoghachd na t-Ungaire, bh’aig a cuidichean a ghoid nigheannan air falbh air chor gam faighinn. 

Ach bha e a-mhàin an dèidh do rinn an sagart sgìre na Čachtice agus eadhon manaich às an (beagan dlùth) Vienna mòran chasaidean leis an roinn marasglach ‘san Vienna mun cuairt sgalan às a' chaisteal a chuir an t-àrdrìgh (nuadh), Matthias II, air leth ri Seòras Thurzo, morair na h-Ungaire, a rannsachadh na casaidean. Bhris Thurzo is fhir a-steach dham Čhachtice sa’ mhadainn air Dùbhlachd 29mh, 1610 agus (a-rèir ris na fionnsgeulan) lorg iad Ealasaid a-mach ‘san ghnìomh an lochda aig a' chaisteal sa’ Čhachtice, a' cur a h-ìobairteachan gu cràdh. Bha Ealasaid agus a ceithir cuidichean air chur as leth le cràdh sàdach agus marbhadh mòr. Bha Ealasaid seulaichte a-steach do cùil a caisteal gun deuchainn agus bhàsaich i ann air Lùnasdal 21, 1614.

Bha bàrrachd air 300 daoine air cheasnachadh mus a bàs eadar 1611 agus 1614. A dh’aindeoin an t-àrdrìgh tighinn eatorra àmannan iomadaidh, cha do thachair deuchainn rèidh agus mhair a’ chùis iomlan dùinte. ‘S mathaid bha an t-adhbhar nach do dh’iarr Iarla Thurzo deuchainn a dh’ionnsaigh air neach na t-àrd uaislean (leis an robh e mhasladh aig an uair sin). A bhàrr, bha Gabriel Báthory, mac-bràthar Ealasaid, ‘na àrd-ceann na Transalbhàine agus cha do dh’iarr Thurzo a thuiteam a-steach do buaireas le Transalbhàine. Agus mu dheireadh thall, bha na maoinean aig Thurzo dlùth ris na codaichean Ealasaid agus bha ùidh aig Thurzo air a cuidean.

Tha buin sgoilearach a' toirt iomradh air an comasachd làidir gun robh i air dhìteadh gu ceàrr leis na nàmhaidean sluagh-iùlach an teaghlaich, gu mòr do bhrìgh shealbhaich an teaghlach Báthory raointean na tìre ‘gus bha iad saoibhir. Tha na bileagan eachdraigheil gu bheil maireann a’ nochdadh dìth rannsachadh, dearbhach fa làr, agus binnean gun robh air chumadh ann am còmhlan teann, sluagh-iùlach. Tha cuid nam casaid as cleasaiche ga h-ionnsaigh, sin na Sàtanachd agus òl fuil, air chreidsinn gun robh na casaidean seo breugan no beul-oideas gun do dh’fhàs mun cuairt neach gràinte. Tha cuideigin tagradh gun robh na fionnsgeulan na luchd-òl-fhala dol thar fìrinn na cuideachaidh lèigheil dheirbh ullaichte dhan tuathannaich; ‘san linn sin, bha e glè annasach gun robh cùram aig bean-uasal air an t-slàinte ‘na searbhantan, agus b’àbhaist do na luchd-comhachd lèigheile croilige chleachdadh air mòran bhliadhnaichean. Tha nuadh luchd-leamhainn nan fionnsgeul na luchd-òl fhala gu bheil air lùib ri a beatha a bhàrrachd neo-fhiosrach air no sònrachadh ri leigeil bileagan eachdraigheil agus litrichean seachad gun mhilleadh ‘s mathaid na dràmadach sgeulan a bheil glè chleasach a chaochladh.

B’urrainn do adhbharan ginteile bhith air a saobhadh, do bhrìgh bha mòran ‘na sinnsearan anns na teaghlaichean a h-athair agus a màthair ‘nan luchd glè gharg (mar an t-àrd-ceann na Transalbhàine, Sigismund Báthory, a mheal a mharbhadh a luchd-cumadh). Tha fionnsgeulan, co-dhiù, ag ràdh gun robh i ‘marbhadh na maighdeanan air chor ri nighe ‘nam fuil agus, mar sin, a fhuireach òg sìor-bheò no ri leasachadh a snuadh. Air a neo, tha e air chreidsinn gun robh an teaghlach Báthory dlùth-sìolaichte agus gum b’ urrainn do seo chuideachadh ri toirt gu buil na iomadh h-aimhreitean inntinneile gun robh àitheanta 'bhith aig an teaghlach.

Bu chòir dha air thuigsinn a bhith, ge-tà, gun robh bèistealachd glè bhitheanta 'n uair sin. Bha daoine glacte fo amharas de ciontan agus uaireannan eadhon luchd-fianais air chur gu cràdh ri an n-aisdeachaidhean, agus bha peanasachadh nam bochd no nan nàmhaid phoileataicich bàs gu tric.	

Bha na luchd-comainn Ealasaid Dorottya Szentes (àitheanta ri Dorka), János Ujváry (àitheanta ri Ficzkó), Ilona Jó (no Helena Jó) agus Katarína Benická. Mach o Katarína, a ghabh compàirt anns a' chràdh airson mhaoidhidh às na mnathan eile, bha uile dhiubh air chur gu bàs (air losgadh beò) aig Bytča air an Fhaoilleach 7mh, 1611.

Bha an n-aideachaidhean agus dearbhadh an aghaidh Báthory air fhaighinn fo cur an cràdh le Thurzo.




#Article 255: Faighean (247 words)


Tha 'n faighean (cuideachd duille, geobag no truiteach ) 'na fheadan a' leantainn às a' mhachlag dhan taobh a-mach a' chuirp 'san t-sineach bhoireannach, no dhan raon caolanach, fualach agus dham ghineadan 'san eòin bhoireannaich agus roinn snàigeanan bhoireannaich. Tha faighean aig biastagan agus creutairean eile gun chnàimh-droma, agus tha 'n faighean a' chuid togalach-uidhe an fheadain nan uighean.

Air na h-adhbharan na bothaige, 's urrainn do faighean co-chur sam bith a bhith a bheil a' riarachadh ri faighean, mar an faighean a' chuisle. Tha eisimpleir eile 'n faighean snàthainneanach mun fèithean-lùthaidh.

Tha 'n faighean 'na fhearan lùbach lùthmhor mu 100 mm fada 'gus 25 mm sa' chroislin a bheil a' ceangal a' phit a-muigh dham mhuineal na machlaig a-staigh. Ma tha a bhean a' seasamh dìreach, tomhaidh na pìoba an fhaighein ri rathad suas-far cùl, cruthachadh ceàrn beagan nas motha na 90 puingean leis a' mhachlag. Tha 'n beul an fhaighein aig an crìoch chùl na pite, air chùl an beul an fhualaire. Tha 'n ròmag thairis an fhaighean. Tha 'n leth a-staigh an fhaighein bàn-dhearg mar is trice, mar na sgannan ronnach 'san leth a-staigh nan sineach.

(Sa' bhruidhinn cumanta, tha 'n facal faighean air chleachdadh gu mì-choltach a thoirt iomradh air a' phit no dham chrobhall bhoireannach am bitheantas; a' bruidhinn gu cruaidh, tha 'n faighean togalach àraid 'san leth a-staigh agus tha a' phit a-mach a-mhàin. A' cantainn ris a' phit an faighean dlùth an dàimh a chantainn ris a' bheul an sgòrnan.)




#Article 256: Caochlaidhean eadar Gàidhlig agus Gaeilge (363 words)


Tha Gàidhlig coltach ri Gàidhlig na h-Èireann, ged nach eil dualchainntean so-thuigseach gu aontachail.
'S e 'n dualchainnt as dlùithe a tha air bhruidhinn 'san Dùn nan Gall, cho dealbhaichte leis a' chiallairt Ciamar a tha thu/sibh?

'San dualchainnt an Leòdhais ge-tà, tha Dè mar a tha thu? air chleachdadh gu cumanta. Tha h-uile den dealbhan seo a' còdachadh an cruthachadh na dualchainnte Dòraiche a' Beurla Gallda, Fit like? no gu litireil, Dè mar a tha thu?, dòigh-labhairt air dh'èisdeachd gu cumanta 'm measg mòran dhaoine nan linnean nas sine nuair eadar-theangachadh gu dìreach às a' Ghàidhlig.

Ge-tà, th' ann beagan caochlaidhean cudthromach. 'S e an caochladh as soilleire a' cheart-sgrìobhaidh a bheil an stràc, no fada, sgrìobhte ri stràc mhall sa' Ghàidhlig, an àite na stràc gheur na Gàidhlig na h-Èireann; air an adhbhar seo tha 'n facal air fàilte sa' Ghàidhlig na h-Èireann fáilte. Cuideachd, tha an rang-gabhail àicheil sa Ghàidhlig cha (chan eil = is not) de bhrìgh gu bheil ní (níl = is not, a contraction of ní fhuil) sa' Ghàidhlig na h-Èireann chumanta, as illustrated by the sentence I have no money (tha cha 'gus chan fhuil dealbhan dligheach Èireannach 'sam Ulaidh, ge-tà):

Tha a aig roinn nam faclan sa' Ghàidhlig na h-Èireann ach th' ann u sa' Ghàidhlig an àite, mar eisimpleir an facal Béarla sa' Ghàidhlig na h-Èireann 'gus Beurla sa' Ghàidhlig. Tha seo seach ri leasachadh litreachaidh agus toirt gu bun-tomhas a thachair 'san Èirinn fo nan eun-fhiosachdan na riaghailt na h-Èireann fad an linn 20mh.

'S e 'n caochladh ceart-chainnteach as soilleire eadar na Gàidhlig agus Gàidhlig na h-Èireann, 'bheil anns a' chiad chànan iarmadan a-mhàin a' maireann srònachaidh, comharrachadh 'bheil dhà prìomh-mhùthaidhean aig Gàidhlig na h-Èireann, ris an aon aig Gàidhlig. Am bitheantas, b' urrainn do neach ràdh a bheil a' chainnt na Gàidhlig beagan nas soirbh na cainnte aig Gàidhlig na h-Èireann,, fad th' a fuaimneachadh nas dorra, rudeigin a bheil buaidh aig air litreachadh.

Cuiribh fios a bheil na connragan sèimhichte, a 's urrainn do sàmhach a bhith, glugan Eigeach, no gnìomhaidh a fhadachadh fuaimreag, sgrìobhte sa' Ghàidhlig ach tha iad fa là anns na faclan co-fhreagarrach na Gaeilge nuair sàmhach.




#Article 257: Loreena McKennitt (383 words)


Tha Loreena McKennitt, C.M., (rugadh 17 an Gearran 1957) 'na seinneadair, clàrsair, agus neach-piàna Canèidianach.

Bidh i a' cluich ciùil le buaidh Ceilteach agus nuadh-linne a tha gu tric air choimeas ri Enya, ach air shuidheachadh barrachd anns a' cheòl dualchasach a' cleachdadh obraichean dhen t-seòrsa ris A' Bhean-uasal na t-Sealaid le Alfred Lord Tennyson agus An Fear an Rathaid-Mòr le Alfred Noyes cho deuchainnean ri ciallachadh.

Rugadh McKennitt ann am Morden, Manitoba de teàrnadh Eireannach dùthchasach agus Albannach ri pàrantan Seoc agus Irene McKennitt.

Ghluais McKennitt gu Ath na Sràide, Ontario ann an 1981, far a bheil i a' fuireach fhathast, agus dh'fhuasgail a ciad clàr-chiùil, Elemental (Bunabhasach), ann an 1985. Thòisich i a chruinneachadh aire chruinneil le fuaslaidhean a leanas a h-obair fèin-dèanta, 'gabhail a-staigh To Drive the Cold Winter Away (A Stiùireadh an Geamhradh Fuar Air Falbh) (1987), Parallel Dreams (Aislingean Air Ruith) (1989), The Visit (An Tadhal) (1991), The Mask and Mirror (An Sgàil is Sgàthan) (1994), A Winter Garden (Gàradh Gheamhraidh) (1995) agus The Book of Secrets (An Leabhar nan Rùnan) (1997). Tha h-uil' a h-obair air fhuasgladh fo a bileag fhèin, Quinlan Road (Rathad Chaoindealbháin).

'San Iuchar 2004, rinn Riaghladair Ceann-airm Adrienne Clarkson i ball an Òrduigh-Chanada, an t-urram as cliùitiche an t-sìobhaltaich sa' Chanada.

Bhuail bròn sa' bhliadhna 1998 nuair bhàth an suirgheach McKennitt, Ronald Rees agus dhà daoin' eile ann an sgiorradh-bàta. Bha i meathaichte gu domhainn leis a' bhròn, agus bhunaicheadh i an Maoin Cuimhneachan Cook-Rees sa' bhliadhna cheudna, agus dh'fhuasgaileadh i clàr-chiùil de dhà gnìomhaidhean ainmichte Live in Paris and Toronto (Sa' Pharis agus Toronto), far bha uile den toraidhean air thoirt tabhartas dham mhaoin. O chionn an uair sin gu Dùbhlachd 2004, chan eil McKennitt clàran-chiùil ùra air fhuasgladh 'gus tha i bho àm gu àm air ghnìomhadh.

Fadalach sa' bhliadhna 2004, tha na dòchasan a luchd-dealasach de tigh'nn am follais eile fad-air-iarradh air fhleòdradh nas àirde le cuirm-chiùil ainneamh air a' Bhun Yehudi Menuhin air Dùbhlachd 7mh, 2004, aig an Cirque Royal Bhrussels agus a bheil a' toirt fios air an làrach-lìn Quinlan Road timcheall dùsgadh-inntinn air stuth nuadh. Tha McKennitt a' bruidh'nn mu about research 'san Tuirc agus 'san Ghrèig, cho math ris an Siona 'gus Mongolia. Tha i a' bruidhinn gu h-àraid mun obair sìor de togail an ath-chlàr.




#Article 258: Hildesheim (169 words)


Is e baile-mòr ann an Niedersachsen a tha ann an Hildesheim. 'S e aon de na bailtean as sine ann an Niedersachsen.  Tha e cliùiteach air sgàth 's gu bheil dà Làrach Dhualchas na Cruinne ann. 

Tha Hildesheim suidhichte mu 30 km san iar-deas Hànobhar  agus mu 20 km san earra-thuath Salzgitter. Tha an abhainn Innerste  a' ruith tron bhaile agus tha na Giesener Berge (Beanntain Ghiesen) faisg air.
'S e seo na co-chomharran aige: 52° 9′ 0″ Tuath agus  9° 57′ 0″ Iar. 

Ann ann 2008  bha 103.288 duine a' fuireach anns a' bhaile fhèin. 

Tha Hildesheim a' gabhail a-steach 10 sgìrean:  

Thòisich am baile timcheall air 800 mar sgìr'-easbaig a chaidh a chur air bhonn le Tearlach Mòr. Thoghadh a' chiad cathair-eaglais an seo ann an 872 a chaidh a leudachadh ann an 1000. Tha Hildesheim aon de na bailtean as sine ann an Niedersachsen, mar sin tha mòran  seann togalaichean eachdraidheil rim faicinn an-diugh. Tha dà eaglaisean dìonta leis an  UNESCO mar Làrach Dhualchas na Cruinne.




#Article 259: Neach-seinn àirde (378 words)


Sa' cheòl, tha bean-seinn àirde 'na ghuth-seinne as àirde. Tha soprano (no neach-guth-àirde, no òranaiche-àirde) 'na seinneadair le guth rangachadh an ìre mhath às an C meadhanach dhan A, trì-deugamh os cionn an C meadhanach (os cionn a' bhinn-uchdach). Ann am co-cheòl le ceithir-cuid modh chòisirich, gabhaidh 'n t-òranaiche-àirde a' chuid as àirde, 'gus gabhaidh am bitheantas am binneas.

Tha bean-seinn àirde 'comharrachadh am bitheantas ri ban-sheinneadair na rainge ghuthaich as àirde 'gus ri a guth. Tha fir-seinn (a chan eil guthan air atharrachadh) àitheanta 'n dàrna cuid cho gillean-seinn-àirde no ri luchd-binneas ann an eaglasan Sasannach. Cleachdaidh roinn nam fir-seinn inbheach, air chantainn ri fir-seinn àirde spothaidh, dòigh sònraichte gun an cleachdadh guth àrd fuadain air chor a sheinn an rangachadh seo.

Gu h-eachdraigheil, cha robh mnàthan ceadaichte a sheinn 'san Eaglas, mar sin bha na dleasnasan nan òranaichean-àirde air thoirt ri balaich, agus nas fhadalaiche dhan fir-seinn-spothaidh, gun robh 'nam fir gun robh am guthlagan an sàs ann am cor ro-òigeach tron seòl an spothaidh.

Agus nas cumanta, tha guth àirde a 's an guth as àirde bhuidheann nan innealan-ciùil choltaich.

Am bitheantas, cluichidh òranaichean-àirde a' bhan-ghaisgeach anns na h-oprachan: cluichidh bean-seinn guanaig dleasnasan cluiche-àbhachd; bidh aig ri bean-seinn àirde luais, cleasach no ealaidheil, ceòl glè dhoirbh le mòran leuman a-steach dhan rèim nas àirde sheinn sing; cluichidh bean-seinn àirde liriceach na rìbhinnean mhaotha; cluichidh bean-seinn àirde sàthadh, bean-seinn àirde cumhachdach (gabhail a-staigh Bean-seinn àirde luais cleasach) agus Bean-seinn àirde Wagner na mnàthan fad-fhulangach nan oprachan.

Ann an opra, tha 'n caractar agus an soindath a' ghutha nam mnàthan-seinn àirde air sheòrsachadh gu tric a-rèir dham co-rian Gearmailtis na Fach. Tha na h-eisimpleirean nan dleasnasan bhean-seinn àirde:

Tha dà seòrsa na neach-seinn àirde gaolach gu h-àriadh dham Fhrangaich an Dugazon agus an Falcon, a bheil seòrsachan a' ghutha eadarrach eadar an neach-seinn àirde agus an neach-seinn leth-àrd: tha Dugazon 'na guth-gogaid nas doirche, tha Falcon 'na guth àirde cumhachdach nas doirche.

Tha luchd-seinn àirde iomraiteach air dhèanamh luchd-dealasach an t-opra 'dhealachadh 'steach do buidhnean a' cur an aghaidh, a' cumail suas aon seineadair thar eile. Bha a' chomhstrì eadar na uchd-dealasach àraide Mharia Callas agus Renata Tebaldi, fo eisimpleir, aon dhen chomhstrì as ainmeile (no maslaiche) nan uile oprachan, a dh'aindeoin an càirdeas nan dà seinneadair.




#Article 260: Gràdh (360 words)


Tha mòran bhrìghean aig gràdh (a tha ainmichte gaol, cuideachd. Tha gaol nas dlùithe na gràdh). Gu h-àbhaisteach, tha e a' ciallachadh spèis, dìlseachd air cuideigin no rudeigin. Seach a bhuinteanas mòr timcheall eòlas-inntinn, 's e gaol a th'ann am cùis chumanta ann an ealain; tha sgeul-ghaoil aig a' chuid as motha nam film an-diugh is th' a' chuid as motha a' chiùil-dùthchais timcheall gràdh.

'S urrainn do daoine ghràdhachadh peataichean, pàrantan, càirdean, leannanan, neach sam bith. Mar theireadh abairtean, Chan eil fhios aig gaol air crìochan., Chan urrainn do gaol air lorgadh bhith far nach eil e a' buntainn, is chan urrainn dha fhalach far a bheil e a' buntainn. Gu dearbh: 's urrainn do fireannach is boireannach a chèile, no dhà fireannaich no dhà boireannaich no gu dè eile; ma tha e ceadaichte a-staigh, buadhaichidh e thar rud sam bith.

Th'ann mòran dhealbhan a' ghràidh cho th'ann mòran sheòrsachan de leannanan. Tha gràdh air lorgadh 'san uile dualchaisean nan daonnach agus an seòrs' a' ghràidh a bheil a' maireann 'san dualchaisean eugsamhaile seo a' riochdachadh beachdan eugsamhaile timcheall mar a tha gràdh, a' cleachdadh an comharrachadh uileach de mar a tha gràdh gu fìor, doirbh a shocrachadh. Seallaibh barail gun dearbhadh Sapir-Whorf.

Th'ann mòran sheòrsachan a' ghràidh: an gràdh air anam no inntinn, gràdh air laghan agus eagrachaidhean, gràdh air corp, gràdh air nàdarr, gràdh air biadh, gràdh air airgead, gràdh air ionnsachadh, gràdh air cumhachd, gràdh air alladh, gràdh air an meas à daoine eile, agus mar sin air adhart. Lorgaidh daoine eugsamhaile seòrsachan eugsamhaile a' ghràidh nas cudthromaiche, is nas fheàrr, na daoin' eile. Tha gràdh beachdail, agus th'ann mòran cheistean uime.

Chan urrainn do gràdh mhaireann gun gràin, seach mar sin cha bhi càil aige a bhith coltaichte ri. Mura mhaireadh gràin, mar sin cha mhaireadh gràdh an dàrna cuid seach cha bhitheadh neach sam bith fiosrach mu mothachadh den t-seòrsa; feumaidh comhair bhith aig rudeigin a mhaireann gu fìor, ann am corp no ann an inntinn.

Tha dualchasan eugsamhaile gràdh air dhiadhachadh, gu h-àraidh anns na dealbhan an fhireannaich is a' bhoireanaich. Th'an-seo clàr nan dia is ban-diathan a' ghaoil anns na h-eòlas-uirsgeul eugsamhaile.




#Article 261: Secret Garden (344 words)


'S e dìsead Eireannach-Lochlannach a th'ann an Secret Garden (Gàradh Rùnach) a bheil a' cluich Ceòl nua-innealach, air thuigsinn cuideachd le roinn ri ceòl Nua-clasaigeach.

Tha e a' cur cudthrom air an fhidhleir Eireannach, Fionnuala Sherry, agus an cumadair-ciùil/neach-piana, Rolf Løvland. Tha Secret Garden bàrrachd na 3 clàran-ciùil muillean air reic agus bhuannaich iad sa' Ràiteachas Eurovision nan Òrain 'san 1995, leis an dèanamh-ciùil Nocturne (Ceòl-oidhche). B'e 'n ciad àm is aon a bheil dèanamh-ciùil innealach an Ràiteachas Eurovision nan Òrain air bhuanneachadh.

Lean am buaidh aig an Eurovision a' bhuaidh am ciad clàr-ciùil Songs from a Secret Garden (Òrain às Gàradh Rùnach). Reic e muillean amhlaidhean mun saoghal, a' fàs platinum 'san Lochlann agus sa' Chòiria, òr 'san Èireann, Hong Kong agus Nua Sealann agus a' fuireach dhà bliadhna anns na cairtean-iùil a' Chlàir-sanais Nua-linn 'san 1996 agus 1997. Chuimsich Bairbre Streisand Heartstrings (Faireachdainn-chridhe) às a' chlàr-ciùil seo ris an òran I've Dreamed Of You (Bhruadair Mi Dhìot) air a clàr-ciùil Gaol Mar Ar Gaol. Chleachd i cuideachd Faireachdainn-chridhe 'na pòsadh ri Seumas Brolin. 

Lean an clàr-ciùil White Stones (Clachan Bàna) 'san 1997 cuideachd dèanamh na prìomh-deich air na cairtean-iùil a' Chlàir-sanais Nua-linn. Dawn of a New Century (Mochthràth Linn Nuadh) 'san 1999, Dreamcatcher (Giùlanair-aislinge) 'san 2001 agus mheal Once In a Red Moon (Aon Uair Ann am Gealach Dheirg) buaidh mun saoghal cuideachd gabhail a-staigh ruigheachd na prìomh-deich air a' Chlàir-sanais. 

Chlàr Josh Groban an t-òran You Raise Me Up (Dh'àrdaich Thu Mi Suas) air a Nas dlùithe na bliadhna 2003 agus bha e fuasgailte ris a' chlàr-ciùil bhig. Ràinig an clàr-ciùil an bàrr na Billboard 200 agus ràinig an t-òran an bàrr nam cairtean-iùil inbheach co-aimsireach. Sheinn e aig a' Chuach Bharraichte XXXVIII ri ùmhlachd ris an sgioba na NASA a bhàsaich 'san Tubaist na Spàlaig-Fhànais Cholumbia.

Secret Garden has released a special Secretgarden - Best Of album for its tour of Australia and New Zealand in 2004. It reached the top of the Australian New Age charts and the ARIA top 50 album charts.

Na clàran-ciùil Ghàradh Rùnach (gu h-eachdraidheach):




#Article 262: Eithne (511 words)


Canar Enya rithe mar is trice sa Bheurla. Rugadh i 17mh dhen Chèitean 1961 ann an Gaoth Dobhair 's thugadh Eithne Ní Bhraonáin oirre (Enya Brennan sa Bheurla mar is trice), 's e 'n aon-neach-ciùil reic as fheàrr Èireann a th' innte. Ri còmhlan-ciùil, 's e trì daoine a th' ann Eithne gu fìor: nì 's gnìomhaichidh Eithne fhèin an ceòl; Nicky Ó Riain, a cruthaichidh na clàran-ciùil; agus Roma Bean uí Riain, a sgrìobhaidh na liricean, gu tric ann an iomadach cànanan. 'S e dlùthachadh fogharach a th' ann Enya air mar a tha Eithne fuaimnichte 'na Gaeilge dhùchasach.

Bha Eithne air bhreith sa' Ghaoth Dobhair, an t-siorrachd Dùn nan Gall, Èirinn an 1961 aig teaghlach ceòlmhor. Bha a sean-pàrantan ann am còmhlan-ciùil a shiubhail agus chluich o cheann gu ceann Èireann, bha a h-athair 'na cheann-feadhna a' chòmhlain-chiùil Sliabh Fothaidh mus fosgladh taigh-seinnse, agus chluich a màthair ann am còmhlan-ciùil dannsa agus theagaisg ceòl nas fhadalaiche aig an sgoil ioma-chuimseach Ghaoith Dobhair. Tha ceithir bràithrean is ceithir peathraichean aig Eithne, chruthaich iomadaidh dhiubh an còmhlan-ciùil An Clann As Dobhair 'san 1968 (dh'ath-ainmich iad an còmhlan-ciùil Clannad 'san deichead 1970).

'San 1980, dh'aonaich Eithne Clannad, le a piuthar Máire, agus a bràithrean Pól, agus Ciarán agus a h-uncailean leth-aona Noel agus Padraig Ó Dubhagáin. Chluich Eithne an bòrd-iuchrach agus dh'ullaich seinn cùl-taic air am clàran-ciùil Cran Ull (1980) agus Fuaim (1982). 'San 1982 (gu dlùth mus dh'fhàs Clannad iomraiteach air Theme From Harry's Game), dh'fhàg an riochdaire 'gus grèidhear Nicky Ó Riain Clannad agus dh'aonaich Eithne e a thòiseachadh a dreuchd fhèin.

Tha mòran nan òran Eithne air sheinn gu h-iomlan sa' Ghaeilge no Laideann, le eile 'cumail fhathast-ainmichte measgte leis a' Bheurla no Beurla leatha fhèin. Tha Roma Ryan liricean air sgrìobhadh sa' Chuimris, Gaeilge, Laideann, Spàinntis, agus eadhon cànanan cruthaichte le J. R. R. Tolkien.

Tha Eithne òrain air ghnìomhachadh co-cheangailte ris An Tighearna nam Fàinnean le J. R. R. Tolkien, gabhail a-staigh Lothlórien na bliadhna 1991 agus May It Be (Guma bhios) 2001, (air sheinn sa' Bheurla 'gus Quenya) agus Aníron ('san Sindarin)—na dà òrain dheireannach a' nochdadh air a on the soundtrack of film An Tighearna nam Fàinnean: An Comann na Fàinne le Peadar Jackson. Bha Guma bhios ainmichte air Duais a' Mhùir-ollamh ris an Òran as Fheàrr aig na Deasan-ghnàth 2002, ach cha do bhuannaich e.

Tha Eithne iomadaidh gnìomhachaidhean beò air thoirt, air iomadaidh seallaidhean telebhisean, cùisean agus deasan-ghnàth, ach chan eil i cuirm-chiùil fhathast air dhèanamh. Tha i air ràdh, ged, a bu mhath leatha ga dèanamh lathaeigin, agus tha i ga smaoineachadh a bhitheadh dùbhlan mòr 's dòcha.

'S e mì-thuigsinn chumanta a chlàraich Eithne 'n t-òran Adiemus. 'Se ceàrr, seach b'e clàraichte le còmhlan-ciùil an t-ainme cheudna. 'S e 'n t-òran seo roinnte gu tric tro h-obrachan-lìn pàirteachadh nam còmhlahaidhean leis an fhios mearachdach seo. Gu coltach, tha clàran-ciùil le Loreena McKennitt, Sissel Kyrkjebø, Máire Ní Bhraonáin (a piuthar) air chur fèineachd le mearachd air bhith ri clàran-ciùil Eithne (gu h-àraidh na clàran-ciùil a chlàraich Sissel dham cheòl Eithneil dhan Titanic).




#Article 263: Dà-Spioraideach (490 words)


Tha Dà-Spioraideach 'na facal air treas seòrsaich (mar eisimpleir, bean maireann ri fear) a bheil am measg mòran, mur eil sa' chuid as motha, nam cinneadh Ameireaganach Dùthchasach. 'S àbhaisd dhi a' bhith a' toirt iomradh air spiorad fireannta agus spiorad boireanta 'maireann sa' chorp cheudna. 'S i air chleachdadh le Ameireaganaich Dhùthchasach co-sheòrsach, leasbach, dà-mhiannach, thairis-sheòrsach, agus eadar-sheòrsach a thoirt dealbh orra fhèin. There are also native terms for these individuals in the various sa' chànanan eugsamhaile nan Ameireaganach Dùthchasach.

Tha 'n facal sean berdache (às an Fhraingis bardache, às an Spàinntis bardaxa no bardaje/bardaja, às an Eadailtis bardasso no berdasia, às an Arabais bardaj, às an Persiais bardaj no barah ciallachadh gille air chumail, no fear-strìopach) 'na fhacal gnèitheach air chleachdadh gu h-àraid le luchd-corpeòlas agus diùltaidh Ameireaganach Dùthchasach an facal gu tric seach tha iad ga thuigsinn ri mì-dhòigheil agus cronail. Tha e gu leathann air chur nì an àite le Dà-Spioraideach.

Tha na luchd seo air sealladh gu tric ri le dà spioraid a' lìonadh aon corp.  Tha an aodach gu h-àbhaisteach 'nam measgachadh an t-aodaich fireannich dhualchasaich agus boireanich dhualchasaich.  Tha na dleasnasan sònraichte an t-seòrsa 's a' chomainn 'nam cinnidhean.  Mar eisimpleir, am measg na Lakota bh'ann deas-ghnàth fad an Dannsa na Grèine gun robh rìomhaichte 'mhàin le Dà-Spioraideach a' chinnidhe sin. (Seallaibh winkte(uingte))

Gnìomhaichidh Dà-Spioraideach dreuchdan comannach àraidh 'nam co-chuideachdan. Tha roinn dhiubh 'nan luchd-comhairle fad tha roinn de eile 'nan ollamh-leighis no sagartan. Rannsaichidh iad na h-ealain gabhail a-staigh innseadh sgeulan, taigh-cluiche, draoidheachd, suainealachadh, slànachadh, cungaidh-leighis, staoir, seinn, ceòl agus dannsa.

Tha 'n facal berdache, ged chan eil coitcheann, as trice air chleachdadh le luchd-corpeòlas an-dràsda a chiallachadh fireannach dualchasach thairis-sheòrsach gnìomhadh dreuchd cudthromach ('s dòcha, aach cha daonnan, spioradail 'na gnàths) ann am comann sam bith às na society from Ameireaganaich Dùthchasach (leis an thairis bacadh ciallachail) ris na Sibeirich ris na Innsean a' Chuain Shèimh.

Tha roinn nan eisimpleirean Dà-Spioraidich 'san eachdraigh 'gabhail a-staigh na h-aithrisean le Buadhaichean Spàinneach a chunnaic Dà-Spioraideach(ich) ann an uile baile ach beag a dh'inntrig iad 'san Ameireaga Meadhanach agus a mharbh iad an uair sin. B'àbhaist dhan Hopithich a bhith a' cumail deas-gnàth far a chuir Dà-Spioraideach fireann 16 bliadhna aois na h-aodaich na Ban-Dè an t-Arbhair uime fhèin. An uair sin, ghnìomhaich uile den fir drùis-tòine leis an neach seo air chor a bheirsinn torraicheas dham bhàrr an t-arbhair air a' bhliadhna. A leanas, bha cuirm mhòr air chumail 'san urram an t-òganaich.

Th'ann iomraidhean timcheall Dà-Spioraidich a' cumail neirt làidire draoidheachd. Ann an aon aithris, thòisich saighdearan a' dèanamh ruaig à cinneadh còmhstritheach a thoirt ionnsaigh còmhlan nam ban-solaraiche nuair chunnaic iad gun robh aon nam mnàthan, a' bhean nach do ruith air falbh, 'na Dà-Spioraideach. Stad iad an ionnsaigh agus theich an dèidh do chuir an Dà-Spioraideach bacadh orra le bata, rèiteachadh a bidh cumhachd mòr aig an Dà-Spioraideach nach bi iad urrach a cheannsachadh.

[ * = as cuthromaiche ]




#Article 264: Brìghde (331 words)


Ann an eòlas ùr-sgeulachd na h-Èireann, bha Brìghde no Brighid (A' Bhean (Làidir is) Inbheach) 'na nighean an Daghdha (agus mar sin aon den Tuatha Dè Danann) agus a' bhean Bhreis nam Fomóiri. Bha dà phiuthair aice air an robh Brighid cuideachd, agus th' air smaoineachadh Ban-dia Thrì-fillte Ceilteach ceannsgalach.

Tha coltas gu bheil an t-ainm seo stèidhichte air an an fhacal Tùs-Ceiltis *Brigantījā a tha a' ciallachadh [spiorad] Inbheach Boireannta (q.v.   ).
Leantainn laghan-fuaime air ghabhail ri soilleachadh atharrachadh-fuaime eagarach thar-leantach fuaimneachadh 'san tùs-cànanachas Ceilteach (q.v.    ), tha 'n dealbh Ròmanach-Breatannach an t-ainm Tùs-Ceiltis dualach air bhith *Brigantia.

Ghabh a-staigh roinn a h-ainmean: 

Le Tuireann, bha i 'na màthair Chreidhne, Luchtaine agus Ghoibniu.

Shealbhaich Brìghde meas-ghort ubhail 'san Saoghal-Spioraid; shiubhail seilleanan an-siud a fhaighinn neachdar draoidheil. Bha 'n meas-ghort seo comannaichte leis an Avalon. Faodaidh a' Bhean an Locha 'san Fionnsgeulachd Artaireach bunaichte air Brìghde bhith.

Bha Brìghde 'na ban-dia na Lasrach Naoimhe na Cille Daraich agus 'na ban-dia-taic dhan Draoidhean. Bha i 'na ban-dia de h-uile rud beachdaichte 'bhith nam meudachdan àrda dàimheach mar teine àrd-èirigh, Gàidhealtachd, dùin-cnuic agus raontan mullach; agus de gnìomhaidhean agus cuir air thuigsinn ri àrdaichte gu h-inntinneil, mar gliocas, mòralachd, iomlanachd, tuigse àrd, deas-labhairt bàrdach, fear-ceàirdeachd, cumhachd an t-slànachaidh, fios nan draoidh agus ealain sa' chogadh. Tha 'n samhail Ceilteach na Minerva Ròmanach agus an Athena Grèigeach a' nochdadh 'bhith aice (Leabhar mòr-eòlais Breatannach: Creideamh Ceilteach), ban-diathan le dreuchdan glè choltach agus riochd-samhlachadh gu faicsinneach a' bhun-smuain a' 'choir àrdaichte', co-dhiù corporra no inntinneil.

An dèidh dham Chrìosdaidheachadh nam Ceiltich, bha Brìghde air smaoineachadh 'bhith 'na muime Ìosa agus air chantainn ri gu tric Naomh Brìghde, an nighean an draoidh, Dùghall MacGilleDhuinn. Cuiridh roinn nam bun an ceann gun robh Brìghde 'na h-Easbaig Caitligeach à Èirinn.

Air an Ghearran 1mh, bha Brìghde air mholadh aig an Imbolc, nuair thug i an t-Earrach dhan tìr. 'S e cuideachd a là cuirme (tha urram air chur oirre leis Caitligich, Fallainich na h-Ear, agus roinn Crìosdaidhean eile).




#Article 265: Aonghus (403 words)


'San Eòlas-ur-sgeulachd na h-Eirinn, bha Aengus (Áengus, Óengus, Angus) àitheanta cuideachd ri Aonghus Òg , Mac ind Óg no Mac Óg 'na bhall nan Tuatha Dè Danann agus is mathaid 'na dhia a' ghaoil, òige 'gus maise. Tha e air ràdh gun robh ceithir eòin samhlachadh pògan itealachadh mu a cheann.  Bha an Deagh-Dia agus Boann 'na phàrantan.  Tha e air ràdh a mhair e aig a' Bhrú na Bóinne ri taobh na h-aibhne Bhòinn.

Bha suirghe aig an Deagh-Dia le Boann, a' bhean Nechtain. Air chor a fhalach an suirghe, rinn an Deagh-Dia an ghrian seas sàmhach air naoi mìos; therefore, bha Aonghus air thorrachadh, air thoirt gu ìre 'gus air bhreith ann an aon là. Bha Elcmar 'na oid'-altrum.

Nuair thàinig e gu inbhe dh'arbhartaich Aonghus an Deadh-Dia a dhachaigh, an Brú na Bóinne. Ràinig e 'n dèidh do phàirtich an Deagh-Dia a thìr am measg a chlann, agus cha robh ann càil fàgail ri Aonghus, mar sin dh'fhaighnich Aonghus athair nam b'fhaodainn e sa' Bhrú mhaireann air là 'gus oidhche, 'gus dh'aontaich an Deagh-Dia. Seach chan eil an alt neo-chinnteach aig Gaeilge 'gus Gàidhlig, b'urrainn do là 'gus oidhche chiallachadh aon là 'gus aon oidhche no là 'gus oidhche, a còmhdaichidh h-uil' àm, agus mar sin ghabh Aonghus sealbh na Brú gu buan.

Thuit Aonghus ann am gaol le rìbhinn a chunnaic e 'na aislingean.  Rannsaich a mhàthair, Boann, Eireann fad bliadhna iomlan.  An nuair sin rinn athair, an Deagh-Dia, an rud ceudna.  Fa dheòidh, lorg Rìgh Bodb Dearg na Mumhaine i 'n dèidh do bliadhna.

Chaidh Aonghus dhan loch a' Bheòil na Nathrach Sgiathach agus lorg 150 rìbhinnean cuibhrichte ann am càraidean.  Lorg e a rìbhinn, Caer.  Air an t-Samhain 1mh, dh'atharraicheadh Caer agus na rìbhinnean eile 'steach do eala fad aon bliadhna.  Bha Aonghus air innseadh a b'fhaodainn e Caer phòsadh ma b'urrainn dha oirre cho eala chur fèineachd.  Shoirbhich Aonghus.  Dh'ath-dhealbh e fhèin a-steach do eala 'gus dh'itealaich iad air falbh, seinn ceòl àlainn a chuir uil' a luchd-èisdeachd ri cadal do trì là 'gus oidhche.

Bha Aonghus 'na oid'-altrum agus dìonadair Dhiarmuid Ua Duibhne nam Fianna.

'S dòcha tha Aonghus ceangailte dhan dia sean Ceilteach Maponos agus a mhac-samhail Cuimreach, Mabon ap Modron.

Ainmean eile: Aonghus Og, Aonghus mac Oc, Oengus mac Oc

Bha Aonghus 'na ainm coiteanta Ghàidhlig na h-Èireann agus Ghàidhlig na h-Alba, air bhreith le caochladh de luchd eachdraidheil is seann-sgeulach, gabhail a-staigh:




#Article 266: Tuatha Dé Danann (242 words)


Tha an aiste seo timcheall sluagh ur-sgeulach na h-Èireann. Seallaibh Achaeans dhan Danaanan Grèigeach Hòmerach.

Bha na Tuatha Dé Danann (sluagh na ban-dè Danu) nam còig comann nam muinntir na h-Èireann a-rèir dualchas Lebor Gabála Érenn (Leabhar nan Ionnsaighean). Tha iad air smaoineachadh a chomharradh na diathan nan Èireannach Goidelic; tha an deasaichean Crìosdaile iad do rìghean eachdraidheile 'gus gaisgich air lughdachadh, ach tha an sgàil seo gu tric gu leòr air sgriosadh.

Tha clàr leantainn bunaichte air na sinnsireachdan air thoirt le Seathrún Céitinn agus ann an Lebor Gabála Érenn, agus na iomraidhean sa' Chath Maige Tuireadh. Chan eil soilleir co-dhiù mar a tha na caochladh Elathathan agus Delbáethan nan dà ìomhaigh agus tha aon ainm orra neo tha faoinsgeul eadar-dhealaichte sloinntearachd an aon ìomhaighe. 

                                          Nemed
                                            |
                                     Iarbonel Faidh
                                            |
                                        Beothach
                                            |
                                         Iobáth
                                            |
                                          Enna
                                            | 
                                         Tabarn
                                            |
                                           Tat
        ____________________________________|__________________________________
        |                                                                     |
      Allai                                                                 Indai
        |                                           __________________________|__________________________

      Orda                                         Nét                                               Elatha
        |                       ____________________|______________________________________________     |

     Etarlám                 Esar Brec                           Delbáeth                        Dot  Bres

        |            ___________|___________        _________________|______________________      |

     (Elcmar)       Cu Cethen Cian Miach Airmed   Dagda    Fiacha    Delbáeth   Ogma     Allód  Ethniu
    (Nechtan)        |          |                   |                    |       |       (Ler)
   _____|____        |          |      _____________|____________        |       |         |

 Etarlám Nemain  Bec-Felmas   Lugh Cermait Aonghus Bodb Midir Brìghde  Boann  Delbáeth  Manannan mac Lir

 Ernmas            Abean  MacCuill MacCecht MacGréine   Fiachna Brian Iuchar Iucharba Danu Goibniu Credne Luchta Ollam
   |__________________                                                                                             |

  Ériu  =  Badb      |                                                                                            Aoi
 Banba  = Macha      |
 Fódla = Mórrígan = Anu

Tha buill eile nan Tuatha Dè Danann gabhail a-staigh:




#Article 267: Àine (207 words)


'San Eòlas-ur-sgeulachd na h-Eirinn, bh' Áine (cuideachd Aillen) 'na ban-dia a' ghaoil, an toraidh, a' chruidh agus na gealaich is a' ghrian.  Bha i 'na nighean Egobail, agus 'na piuthar Aillen agus/no Fennen.  Ann an roinn nan seòrsa na h-ùr-sgeulachd, tha i 'na bean Gerold Iarla; ann an seòrsachan eile, 'n àite 'bhith pòsda, dh'èignich e i, agus b'fhaodainn e air mharbhadh leatha bhith a leanas; ann an seòrsachan eile fhathast na h-ùr-sgeulachd, tha i 'na bean Mhanannain mac Lir, aon nan Tuatha Dè Danann.  Bha 'n cuirm na h-Oidhche Leth an t-Samhraidh air chumail 'na h-urram.  'San Sìorrachd na Luimnich, bha i 'na banrigh nan sìthiche.  Tha i air uairibh samhlaichte ri Danu.

Às an fhacal na Gaeilge ain, tha 'n t-ainm seo a' nochdadh 'bhith bunaichte às an Tùs-Ceilteach *Agnā. Tha 'n t-ainm ciallachadh an smuain de deàrrsadh dian, a b' urrainn ainm eile 'bhith air bhith do Rosmerta agus a mìnichidh na ceanglaichean dèanta gu tric le Aoibhell (q.v.   ). 
Tha 'n dealbh Ròimheach-Breatannach an t-ainme Tùs-Ceilteach seo coltach a bheil *Agna air bhith (q.v.    ).

Ma tha 'n beachd-smuain ceart a bheil Àine gu dearbh riochd-samhlachadh de ‘leus deàlrach’, ceadaichidh sin neach a dhealbhadh ionannachdan le luchd dhen t-seòrsa ri Rosmerta agus Aoibhell.




#Article 268: Manannan mac Lir (367 words)


'San Eòlas ur-sgeulachd na h-Èireann, bha Manannan mac Lir 'na dhia na mara 'gus na h-aimsire. Tha e mar as trice air ghabhail a-staigh ri aon nan Tuatha Dè Danann, ged b' e air uairibh air smaoineachadh ri nas sine na iad.

Bha 'n t-ainm air thoirt dha Orbsen no Oirbsen. Tha 'n t-ainm Manannan bunaichte às an ainm nas moiche dhan Eilean Mhanainn, agus bha 'n mac Lir athair-ainmeach riochd-bhriatharach agus chomharraich mac na Mara (Ler): th' athair air thoirt anns na sinnsireachdan mocha ri Allód. Chan eil e càirdeach dham charactar Lir na sgeulachd ainmeile nam Clann Lir.

Bha a bhean Fand. Riaghail e thairis na Innsean Naomha cho math ri Mag Mell, an Fodhasaoghal.

Bha mòran rudan draoidheile aig Manannan. Thug e gu Cormac mac Airt a chuach draoidheil na fìrinne; bha long aige nach robh siùil a dhìth air ainmichte An Sguabair nan Tuinn; shealbhaich e brat-falaich a thug dha do-fhaicsinneachd, clogaid caoireach, agus claidheamh ainmichte Freagairiche nach rachadh iomrall a sgiath. Shealbhaich e cuideachd each ainmichte Enbarr na Muinge Ruithliche a b' urrainn do thar uisge shiubhal cho furasta ris an tìr.

Dh'fhàg Manannan a bhean, Fand, agus ghabh i gaol air Cù Chulainn. Seach cha b' urrainn do duine bàsmhor agus sìthiche (bha Fand 'na Ban-righ nan Sìthiche) mhaireann còmhla gun milleadh 'n sìthiche, sgrios Manannan am cuimhne de a chèile.

Dh'àraich e dhà leanaban-altraim:

Dh'fhàisnich e cuideachd ri Bran, 'san Taisdeal Bhran, a bhitheadh laoch àrd air theàrnadh as, Mongan mac Fiachna.

'San Eilean Mhanainn, bha Manannan mac Lir air chantainn ri Mannan. Air Oidhche Leth an t-Samhraidh, chuir na luchd an tairgse feur gorm ri Mannan-beg-mac-y-Leir agus rinn ùrnaigh ri beannachdan 'san seòladaireachd agus iasgach. B' e air chreidsinn a bhith 'na dhraoidh a b' urrainn do cabhlach meallach dhèanamh às sligean pheasair air chor a mheatachadh ionnsaighich chomasach.

Thagair dualchasan nan Linntean Meadhanach gun robh ann meud nam caractar eachdraidheil àitheanta ri Manannan, a mhair aig amannan eugsamhaile. Bha aon dhiubh measraichte 'na phrionnsa Èireannach air bhith ainmichte Orbsenius a bha caithreamach air a chomasan aig seòladh an Cuan na h-Èireann ri ceannaiche.

Tha a mhac-samhail Cuimreach 'na Manawyddan ap Llyr.

Ainmean eile: Barinthus, Manannan, Manawydan, Mannan (Gaelg)




#Article 269: Deirdre (354 words)


Tha Deirdre, no Derdriu, 'na bana-ghaisgeach air thoiseach truagh 'san Eòlas ùr-sgeulachd na h-Èireann.  Tha a sgeulachd cuid na Cuairt na h-Uladh.

Bha Deirdre 'na nighean Fhedlimid mac Daill. Nuair bha i air bhreith, dh'fhàisnich Cathbad an draoidh a bhitheadh i fìor-àlainn, ach bheireadh i na bàsan nam gaisgeach ainmeile na h-Uladh. Shocraich Conchobhar, rìgh na h-Uladh, ga h-àrach i ann an dealachadh, 'gus ga pòsadh nuair bha i aig aois chuimseach. Ge-tà, dh'fhàs Deirdre 'steach do rìbhinn àlainn, ged aonarach, agus choinnich i, ghabh gaol mòr air, agus ruith air falbh le Naoise, laoch, sealgair, is seinneadair òg brèagha, com-pàirtichte le a bhràithrean, Ardan agus Ainle. Theich iad dhan dh'Alba, ach ge be air bith càite thàinig iad dh'fheuchadh 'n rìgh dùthchail a mharbhadh Naoise 'gus a bhràithrean is mar sin gabh Deirdre. Ri ùine thàinig iad gu stad aig eilean cian, far lorg na fir Chonchobhair iad.

Chuir e Fearghus mac Róich dhaibh le fios de seòladh sàbhailte dhachaigh. Bha Deirdre mì-earbsach dhiubh agus dh'fheuch i a thoirt rabhadh Naoise 'gus a bhràithrean, ach cha do chreid iad i agus chaidh i leotha gu h-aindeonach. Air an tilleadh dhan dh'Eamhain Mhacha bha Fearghas air thoirt ionnsaigh agus thug Conchobhar àithne a mharbhadh Naoise 'gus a bhràithrean 's mar sin b' urrainn dha Deirdre phòsadh, ma le spàirn. Bha Fergus air a shàrachadh leis a' bhrath seo a ghealladh, 'gus chaidh e 'steach do fògradh sa' Chonnacht, agus chog e 'n aghaidh an Ulaidh airson Ailill agus Medb 'san Táin Bó Cúailnge. 

Fearg air chur air leis a' ghràin Dheirdre ga ionnsaigh agus a bròn, chuir Conchobhar an tairgse ri Eóghan mac Durthacht, an fear a mharbh Naoise, a ghabh i fad ùine. Thug i ùthachd dhi fhèin le leigeil taic ri bho a carbad agus buaileadh a ceann an aghaidh clach.  Ann an seòrsachan nas fadalaiche na sgeulachd, bhàsaich i de bròn.

Tha dà chluich ann a tha stèidhichte air sgeulachd Dheirdre: Deirdre le William Butler Yeats (1907) agus J.M. Synge's Deirdre nam Bròn (1910).

Bha 'n LÉ Deirdre (P20), long 'san Dleasnas Luingeasach na h-Èireann (a-nis dì-bharantaichte), ainmichte 'n dèidh dhi.




#Article 270: The Two Towers (leabhar) (738 words)


'Se The Two Towers (Gàidhlig: An Dà Thùr)  an darna leabhar san t-sreath Tighearna nam Fàinnean le J. R. R. Tolkien. 'S e seo an leabhar an dèidh Fellowship of the Ring agus ro Return of the King.

Chruthaich Tolkien an t-ainm fo spàirn an là inbhidh agus chuir an cèill nas fhadalaiche mì-bhuidheachas leis. Ann an litrichean agus aon dealbh smaoinich e iomadaidh buidhnean nan turaidean, gabhail a-staigh Minas Tirith agus an Barad-dûr, agus eadhon a' chomasachd de fàgail an cuspair dà-sheaghach. Ge-tà, shocraich e ri ùine air Orthanc agus Minas Morgul agus sgrìobh fios dham bhrìgh seo a nochdaidh aig an deireadh na codach as motha nan leabhraichean den Comann na Fàinne. Rinn e cuideachd dealbh deireannach dham bhrat nochdadh na turaidean seo, ach shocraich an foillsichear cha 'chleachadh air chor a shàbhail airgead air na cosgais-cinneasachaidh.

Gu fuasgail, b' urrainn do càraid sam bith bho buidheann de còig turaid 'n t-ainm fhreagairt: Cirith Ungol, Orthanc, Minas Tirith, Barad-dur, agus Minas Morgul. 

Do bhrìgh bha An Dà Thùr breithnichte ris a' chuid mheadhanach na h-oibre nas fhaide, tha a toglach air leth bhon toglach sin na h-ur-sgeulachd gnàthaiche. Tòisichidh 's crìochaichidh e gu grad, gun dèanamh eòlach air na caractaran, mìneachaidhean de prìomh-mìrean an ghnìomhaidh no deireadh sàsachail. Tha ciad roinn leanntainn na slighean sgapte de iomadaidh charactaran cudthromach às An Comann na Fàinne, ach cha dh'innis càil de a phrìomh-charactar, air an cuiridh a dàn earbsa mhòr ann an, toirt comas dhan leughadair a phàirteachadh 'san fheitheamh agus mì-chinnte nam caractar fhèin. Tha 'n aithris na darna codach tilleadh dhan tòrachd a' ghaisgich a mhilleadh 'n t-olc a bheil a' bagradh 'n saoghal. Fad innisidh a' chiad chuid timcheall blàr mòr, tha na mòran nan spàirn sa' dharna chuid 'san leth a-staigh.

Theich Hàbadan Merry agus Pippin às na Orcan a ghlac iad agus coinnich ri famhairean craobhaile àitheanta ri Entan. Cumaidh na neach-dìona sin na coille dhaibh fhèin mar as trice, ach tha iad air ghluasad a chur an aghaidh an bagradh air thoirt seachad air na craobhan leis an draoidh Saruman.

Coinnichidh Aragorn, Gimli an Dwarf agus Legolas an Sìthiche, rannsachadh Merry agus Pippin, an caraid draoidh, Gandalf, a chreid iad a bhàsaich 's na tochailtean Mhoria. Their e dhaibh de a thuiteam a-steach dham ghlòm, a bhlàr dham bhàs leis a' Bhalrog agus ath-dhùsgadh. Marcaichidh na ceathrar dhan dh'Edoras a thoirt a chreidsinn do Rìgh Théoden a bheil a mhuinntir an cunnart. Siubhailidh iad dhan daingneach dìonadach, Doimhne na Failme, far cuiridh iad an aghaidh na h-Orcan agus Daoine air chur le Saruman, mus a' dol dhan daingneach Sharuman 'san Isengard.

An-siud, ath-aonaichidh iad le Merry 's Pippin agus lorgaidh Orthanc cuaitichte le Entan. An dèidh do toirt cothrom ri Saruman a ghabhail aithreachas, tilgidh Gandalf a-mach an t-eagair nan Draoidh. Thilg Gríma Wormtongue rudeigin à uinneag aig Gandalf agus na daoine leis. Bidh e air lorgadh 'mach a bhith aon den palantíri. Murrach a chur an aghaidh ioghnadh, seallaidh Pippin a-steach dha agus bidh coinneachadh le Sauron aige. Gabhaidh Gandalf an Pippin eagalach 's boilisgeach dham Mhinas Tirith a dheasachadh air a' chogadh dlùthachadh.

Lorg Frodo agus Sam Gollum gan leantainn cho bha iad a' feuchainn a ruidheachd A' Bheinn Dàin a mhilleadh 'n An Aon Fàinne. Tha Gollum a' cur dòchas air gabhail an Fàinne air ais. Tha Sam ga fhuathachadh 's mhì-earbsadh, ach tha Frodo a' cur truas air. Gheall Gollum gan leantainn ri inntreadh rùnach dhan Mhordor agus fad ùine 'nochdadh 'bhtih 'na charaid fìor. Ri ùine, ge tà, leanaidh e a-steach dham fhaiche Shìolob, bèist mhòr mar dàmhan-allaidh, a sàraichidh a lotadh puineanta air Frodo, ach cuiridh Sam ruaig oirre, ga lotach mus biadhaichidh i. Buailte le bròn, fo gheilt a bheil Frodo marbh, sònraichidh Sam a chrìochnaichidh 'n Tòrachd fhèin, gabhail an Fàinne. Ach nuair chì e Orcan gabhail an corp Fhrodo, leanaidh e iad agus ionnsaichidh nach eil Frodo marbh ach às aithne 'gus a-nis am ciomach. Feargach aca, leanaidh Sam iad do am caisteal.

Bha roinn nan cùisean de Na Dà Turaid air dhealbhadh 'san fhilm An Tighearna nam Fàinnean 1978 le Ralph Bakshi agus  2002 le Peadar Jackson. Dh'fhàg dà film na sgeulachdan co-shìnte an leabhair sa' bhàidh de cumadh eachdraidheach. Nochdaidh 'n ciad ceann-puist bhon leabhar gu fìor aig an deireadh An Tighearna nam Fàinnean: An Comann na Fàinne le Jackson. Nochdaidh cùisean nas fhadalaiche de Na Dà Turaid 'san  le Jackson.




#Article 271: Naoise (252 words)


'San Eòlas ùr-sgeulachd na h-Èireann, bha Naoise (no Noisiu) 'na mhac-peathar Rìgh Conchobhar na h-Uladh, agus mac Usnach (no Uisliu), sa' Chuairt na h-Uladh.

Nuair bha Deirdre air bhreith, dh'fhàisnich Cathbad an draoidh a bhitheadh i àlainn, ach bheireadh i na bàsan nam gaisgeach ainmeile na h-Uladh.  Shocraich Conchobhar ga h-àrach ann an dealachadh, agus nuair bha i aig aois dhòigheil, phòsadh e i.  Ge-tà, dh'fhàs Deirdre 'steach do rìbhinn àlainn, ged aonarach, agus choinnich i, ghabh gaol mòr air, agus ruith air falbh le Naoise, laoch, sealgair, is seinneadair òg brèagha, com-pàirtichte le a bhràithrean, Àrdan agus Ainle. 

Mus a coinneachadh le Naoise:

Theich iad a dh'Alba, ach ge be air bith càite thàinig iad dh'fheuchadh 'n rìgh dùthchail a mharbhadh Naoise 'gus a bhràithrean is mar sin gabh Deirdre. Ri ùine thàinig iad gu stad aig eilean cian, far lorg na fir Chonchobhair iad. Chuir Conchobhar Fearghus mac Róich dhaibh le fios de seòladh sàbhailte dhachaigh. Bha Deirdre mì-earbsach dhiubh agus dh'fheuch i a thoirt rabhadh Naoise 'gus a bhràithrean, ach cha do chreid iad i agus chaidh i leotha gu h-aindeonach. Air an tilleadh dhan dh'Eamhain Mhacha bha Fearghus air thoirt ionnsaigh agus thug Conchobhar àithne a mharbhadh Naoise 'gus a bhràithrean 's mar sin b' urrainn dha Deirdre phòsadh, ma le spàirn. Bha Fergus air a shàrachadh leis a' bhrath seo a ghealladh, 'gus chaidh e 'steach do fògradh sa' Chonnacht. Thug Deirdre ùthachd dhi fhèin, no, ann an seòrsachan nas fadalaiche na sgeulachd, bhàsaich i de bròn.




#Article 272: Hobbit (1112 words)


Tha Hàbadan (no Hobbit(ean)) 'nan sìol às an domhan Mheadhan-thalmhainn cruthaichte le J. R. R. Tolkien. Nochdaidh Meadhan-thalmhainn a' chiad 'san leabhar The Hobbit. Cluichidh iad cuideachd prìomh-dhreuchd 'san Tighearna nam Fàinnean. 	 
	 

Tha eadar dà ri ceithir troighean a dh'àirde anns na Hàbadan, an àirde chumanta 'bhith 3 troighean 's leth, le cluasan socach beagan agus casan mòra molach le buinn leathrachaile, do bhrìgh le cha cur brògan mu am casan. Tha iad an dèidh air beatha sìtheil, gun deuchainn le tuathanachas, ithe, 'gus àm le càirdean. Maireann rudeigin nas fhaide na daoine daonna, 's thèid do Hàbadan suas do 130 bliadhna air uairibh mhaireann (le 100 bliadhna cumanta). Tha 'n aois ri thighinn gu inbhe do Hàbad òg 33, an àite 21 bliadhna ri daoine daonna. Mar sin bhiodh Hàbad le 50 bliadhna aois meadhan-aosda 'mhàin. 'S toil le Hàbadan ag òl leann aig taighean-leanna, cha eu-coltach na muinntir na dùthcha na Sasainn, a bha 'n dùsgadh-inntinn Tholkien. 'S urrainn dhuinn ain cuideachd fhaicinn 'san ainm a roghnaich Tolkien dham chuid a' Mheadhain-thalmhainn far a dh'fhuirich na Hàbadan: tha An t-Sìorrachd coltach gu soilleir dhan ainmean nan sìorrachdan Sasainn (e.g., Lancashire, Shropshire). 	 
	 

Tha Hàbadan càirdeach ri Daoine gu follaiseach, agus tha iad comharraichte ri meanglan an t-sìol sin. Tha am bun eagarra neo-aithnichte, ach leis an Treas Linn mhoch bha iad a' fuireach 'san Srathan an Anduin 'san Rhobhainion. 	 

Tha Hàbadan cuideachd air chantainn ri Luchd-leth ('san Sindarin, perian aonar agus periannath iomarra) seach an àirde bheag. Ge-tà, tha 'n facal beagan cronail ri Hàbadan, seach dhaibh fhèin chan eil iad 'leth' de rud sam bith, agus cha chleachd iad an facal a thoirt iomradh orra fhèin gu dearbh. Tha 'n bunachas Tholkien air 'Hàbad' ùidheil cuideachd: cruthaichte gu soilleir gun ro-bhath, bhiodh nàdarra dha ga cheangal dhan ro-leasachan na Gearmailtise hob ciallachadh beag (e.g. hobgoblin (bòcan)). Ge-tà, tha 'n ro-leasachan seo a' cur là air an 13mh Linn  a-mhàin, ro-fhadalach leis na h-inbhean Tholkien, 's mar sin rinn e bunachas eile, às an Sean-Bheurla hol-bytla, còmhnaiche-tuill. 	 
Nuair nas fhadalaiche thòisich e ag obrachadh air na cuideachdan nam cànanan nas fhaide, bha Hàbad a bhith bunaichte às an Rohirris (gu fìor Sean-Bheurla - a bheil Rohirris co-shìnte ri 'san domhan Tholkien) Holbytlan (toglaichean-tuill). 'San Westron àrsaideach, bha 'n t-ainm Kuduk (Hàbad), bunaichte às an Rohirris àrsaideach kûd-dûkan (còmhnaiche-tuill). 	 
	 
A-rèir ri Tolkien, bha am facal hàbad an ciad bunabhas de An Hàbad a chruthaich e. Ri neach-teagaisg de oilthigh, mar a chaidh an sgeul, b' e 'san obair de cheartachadh aithisgean nuair thòisich e sgrìobadh air mìr phàipeir, Ann an toll 'san talamh dh'fhuirich ann Hàbad, agus chinn an lìonmhorachd nan sgeulan às sin. 'S e math a thoirt fa-near, ge-tà, gun robh an smuain nan creutair beag fuireach ann an tuill dèanta eòlach air Tolkien le aon a oileanaich ann an sgeul a sgrìobh e. 	  
	 

 
Ged anns An Hàbad 's e toirt iomradh air Gandalf a bha 'n urra ri mòran òganaich 's chaileagan ciùine 'dol de 'steach dham Ghorm ri deuchainnean saobha chan eil ban-hàbadan air nochdadh anns na sgeulan Tholkien dèanamh sin; ge-tà th'ann ban-Hàbadan 'na obrachan, mar an Lobelia Sackville-Baggins chumhachdach. 	 
	 

Gu h-eachdraidheil, tha na Hàbadan àitheanta ri 'san Ghleann na h-Anduin air bhunachadh, eadar Mirkwood agus na Beinntean a' Cheò. A-rèir ris An Tighearna nam Fàinnean, tha iad na tuairisgeulan na sinnsireachd air chall timcheall mar a tha iad co-cheangailte ris a' chòrr a' chinne-daonna. Aig an uair seo, bh'ann trì cinne-Hàbad, le nàdaran eugsmhaile. Bha na Harfùtaich as cumanta agus ach beag ceudna dhan Hàbadan mar bha iad air thoirt dealbh air anns An Tighearna nam Fàinnean. Bha dàimh air uisge, bàtaichean is snàmh aig na Stùraich; bha na Fallohidich 'nan daoine dàna. (Bh' eadar nan dòighean seo nas ainnimhe ann an làithnean nas fhadalaiche.) Fad suidhichte 'san Ghleann na h-aibhne na h-Anduin dh'fhuirich na Hàbadan dlùth ris na dh'Éothéod, na sinnsearan nan Rohirrim, agus stiùir sin ri beagan cur fios gu eatorra. Cho buil tha mòran nam facal sean agus ainmean 'san Hàbadais 'nan sruth-fhclan nam facal 'san Rohirric, cho mòran ri a b' urrainn do cuideigin eadhon gun teagasg cànanach an caraid thuigsinn (sgrìobhadh Merridh nas fhadalaiche leabhar iomlan coisrigte dham chàirdeas, Ainmean Seana nan Ainmean-Àite 'san Sìorrachd). 	 
	 
Àmeigin dlùth dhan tòiseachadh na Treas Linn, ghabh iad orra fhèin, air adhbharan neo-aithnichte, ach 's dòcha gabhail a-staigh an cumhachd Mhordor, an obair dhain de dol thairis nam Beinntean a' Cheò. Ge-tà, dh'fhuirich roinn nan Stùraich an dèidh, 'gus 's e na luchd seo a thigeadh Gollum mòran bliadhnachan nas fhadalaiche. Ghabh na Hàbadan slighean eugsamhaile 'nan turas dhan Iar, ach re ùine thàinig iad ri tìr eadar an Abhainn Bharanduin (a dh'ath-ainmich iad Branndaidh-fìon) agus na Cnocan na h-Aimsire. An-siud bhunaich iad mòran tuineachaidhean, agus thòisich eadar na cinnean-Hàbad fhàs doilleir. 	 
	 
Mun cuairt an bliadhna 1600 na Treas Linn, shocraich dithis bràthair Fhallohideach, a-rithist air adhbharan neo-aithnichte, a dhol thairis na h-Aibhne Bharanduin agus àitich air an taobh eile. Lean meudan mòra nan Hàbad iad, agus a' chuid as motha an talamh sean air dhìobradh. Mhair Bridh agus beagan bailean cuairteachadh 'mhàin gus an deireadh na Treas Linn. Tha 'n tìr nuadh a bhunaich iad air a' bruach na h-Iar na h-Aibhne Bharanduin air chantainn ris an t-Sìorrachd. 	 
	 
Faodainn dealbh-dùthcha na t-Sìorrachd agus na tìrean aig an Eriador air lorgadh. 	 
	 
Gu h-àrsaideach, thug na Hàbadan na t-Sìorrachd facal air strìochdadh ainmeach dhan Rìghean deireannach na h-Arnor, an dìth 'g aideachadh an tighearnas, a' greasad am gillean-gnothaich, agus a chumail na drochaidean 's na rathaidean ann an leasachad 'mhàin. Fad an sabaid deireannach an aghaidh Angmar aig a' Bhlàr na Fornost, thagair na Hàbadan a chuir iad buidheann de saigheadairean a chuideachadh ach chan eil seo clàraichte àite sam bith eile. An dèidh dham bhlàr an rìoghachd na h-Arnor millte, agus 'san neo-làthaireachd an rìgh thagh na Hàbadan Morair na t-Sìorrachd bho am measg am ceann-cinnidh fhèin. 	 
	 
B' e 'n ciad Morair na t-Sìorrachd a th'ann Bucca na Marrise, a bhunaich an teaghlach nan Seanboc. Ge-tà, nas fhadalaiche chaidh 'n teaghlach Seanboc thairis an Abhainn Bharanduin a chruthaich an tìr air leth, an Tìr a' Bhoic, agus dh'atharraich an t-ainm an teaghlaich dham Bhranndaidhboc càirdeil. Dh'fhàs an àrd-athair an Maighstir na Tìre a' Bhoic. Leis an fhalbh nan Seanboc/Branndaidhboc, bha teaghlach ùr air roghnachadh a ghabhail an àite ri Morair, an teaghlach nan Tùc (Gu dearbh, bha Pippin Tùc 'na mhac a' Mhorair agus dh'fhàsadh e Morair fhèin nas fhadalaiche). Bha 'n Morair an urra ris a' Chòmhradh 'gus Cruinneachadh, am measg rudan eile, ach cho dh'fhuirich na Hàbadan na t-Sìorrachd beathannan ciùine, neo-thachartach bha 'n oifig a' Mhorair air fhaicinn cho rudeigin de riaghailt. 	
 




#Article 273: Gaisgeach (246 words)


Ann an ur-sgeulan, 's e gaisgeach a th'ann fear no bean (an tè mu dheireadh air chantainn ri ban-ghaisgeach gu tric), gu dualchasach an laoch de sgeul, seann-sgeul no sàga, a bheil comasan no càileachd nas motha na neach cumanta aig, a nì e/i comasach a ghnìomhadh euchdeigin fìor-iongantach, luachmhor (euchd gaisgeil) a fàsaidh e/i iomraiteach air. Chan eil na comasan seo air uairibh a' chuirp a-mhàin ach cuideachd na h-inntinn. Tha gaisgich air chur an aghaidh gu coltach le slaoightearan.

Fàsaidh neach gaisgeach gu gnàthach le gnìomhadh euchd fìor-iongantach agus ionmholta. Tha euchdan dualchasach marbhadh uile-bhèistean is sàbhail luchd à bàs cinnteach. Crìochnaichidh gaisgeach mar as trice na sònrachaidhean de mar a th' air smaoineachadh math 'gus miadhail 'san dualchas àrsaideach. Ge-tà, 'san litreachas, gu h-àraidh 'san bròn-sgeul, faodainn gaoidean gàbhaidhe aig a' ghaisgeach a bhith a leanaidh do a mh(h)illeadh, mar Hamlet.

Air uairibh b'fhaodainn neach fìor inbhe gu leòr bhuinig a fhàs gaisgeach anns na h-inntinnean nan daoine. Tha seo mar as trice air mholadh le cinneas luath de ur-sgeulachdan timcheall an duin' ainmichte, a' cur às leth gu tric dha/dhi comasan thall na comasan de daoine bàsmhora gnàthach.

Cuiridh roinn nan luchd-aithris chomannach a-mach an dìth air gaisgich ann an àmannan de mì-thoileachas comannach no fèin-mì-chinnt nàiseanta, faicinn dìth air samhailean-dreuchd beusach, gu h-àraidh air na h-òganaich. B'fhaodainn dèanamh ur-sgeulachd den t-seòrsa nas fheàrr 'san àm a dh'aom: faodainn gluasadan làithreach gaisgich agus an adhradh-ghaisgich bhreisleachadh leis an dualchas na h-iomraiteachd a-mhàin.




#Article 274: Sìthiche (365 words)


'S e sìdhiche/sìthiche, sìdh no duine-sìdhe, creutair bho sgeulan agus eòlas-ur-sgeulachd.  'S urrainn do sìthiche dealbh sam bith fhaighinn le comas sònraichte ainmichte draoidheachd agus 's urrainn  dhaibh dealbh a' chuirp atharrachadh no àrdachadh a fhalach gnèthean sìtheile às na sùilean nan duine bàsmhor.  Tha 'n facal seo bunaichte às an ainm an t-àite far a bheil iad air smaoineachadh  a fhuireach: Sídhe, agus tha na Sìdhichean air uairibh air chantainn ris na daoine-sìdh. Tha 'n ur-sgeulachd gu soilleir piceanta thairis mòran nan dualchas is beul-aithris eugsamhail. Tha mòran ainmean 's dealbhan aca.

Tha mòran iomraidhean aig na muinntir Cheilteach air sìthichean 'nan ur-sgeulachdan is seann-sgeulan, agus tha mòran dhealbhan eugsamhail air chur air an nàdar. Tha iad àitheanta cuideachd ris 'na muinntir bheaga', ach 's urrainn do seo thoirt dealbh air luprachánan, bòcanan, menehune, agus creutairan ur-sgeulach eile, ged chan eil uile sìthichean beag. 'San Eireann, bha na sìthichean air chantainn ris na Sídhe, agus 'san Alba, na Daoine-Sìdh, Sìthichean, no mòran ainmean eugsamhail.

Cha robh an àirde nan sìthiche daonnan cho seasmhach ri 's e air chumail an-diugh. Gu dualchasach, bha 'n àirde dhaonna aig sìthichean gu tric.

Bha aon creideamh seasmhach mun Breatannaich gun robh na daoine-sìdh fann an aghaidh iarann fuar, leantainn ri mòran nan saobh-chràbhaidhean co cheangailte ri iarann a bheil air mhaireann, roinn dhiubh a bheil a' maireann an-diugh (mar eisimpleir, a' cur cruadha air ur doras).

Thug an creideamh sin còmhnadh do roinn nan eachdraichean is luchd-aithris an t-eòlais-ur-sgeulachd a bheachdachadh gu bheil na sìthichean gu fìor bunaichte à beul-aithris nam muinntir a chòmhnaich an t-eilean na Breatainn Mhòir mus ràinig na Ceiltich. Bhiodh na muinntir seo armaichte a-mhàin le umha, 'gus às a seo bhiodh iarann an leas cinneach nam Ceilteach air bhith.

Sa' chreideamh co-aimsireil, tha sìthichean gu tric comharraichte ri bunasach caoimhneasach 'nam beus; chan eil seo, ge-tà, a' cumail fìor leis na mòran fhoillseachaidhean eachdraidheil. Mar eisimpleir, bha 'n creideamh ann am clann Tàcharan, far bhiodh na sìthichean a' goid air falbh duine-cloinne bàsmhor agus chuireadh le aon de am pàisde fhèin, bitheanta anns na linnean meadhan-aoiseach; tha 'n t-ùrlar seo 'nochdadh sa' mhith-òrain Tòmas an Duanaire agus Tam Lin, am measg òrain eile.




#Article 275: Coinneach I na h-Alba (326 words)


'S e rìgh Albannach a bha ann an Coinneach I na h-Alba (no Coinneach Cruaidh MacAilpein no An Ferbasach).

Phòs seanair Choinnich, Eoch (air a neo Achaius ann an Laideann), bana-phrionnsa Chruithneach den ainm Unguia – nighean Rìgh nan Cruithneach Unguis. Mar seo bha ceangal aig Alpean agus a mhac, Coinneach, ri teaghlach rìoghail nan Cruithneach.
 
Ged a bha càirdeas eadar Rìgh nan Sgaothaich (air a neo Gàidheal neo Scoti san Laideann) agus Rìghrean nan Cruithneach, cha robh a mhòr-shluagh Cruithneach no na h-uaislean aca deònach an leigeil a-steach mar tighearna. Nuair a chaidh na Lochlannaich is na Cruithnich a chogadh an aghaidh a-chèile, chaisg Coinneach a làmh an àite a dhol a chuideachadh nan Cruithneach – seo ged a bha fios aige gum biodh dùil aig na Lochlannaich cumhachd fhaighinn air dùthaich nan Gàidheal (ris an canar Dail Riata) an dèidh dhaibh sgrios a dhèanamh air arm agus uaislean nan Cruithneach.

Thuit Rìgh nan Cruithneach – Uen – agus a bhràthair Bran a chogadh na Lochlannach agus còmhla riutha bha mòr-bhàs ann am measg nan uaislean is tighearnan Cruithneach eile.

Sheas Coinneach a-steach do dhùthaich nam Cruithneach cho luatha sa b' urrainn dha oir bha dùil aige a ghlèidheadh mar pàirt den rìoghachd aige fhèin.

Bha neach eile ann, de’n ainm Ured, a ghlac an t-slat rìoghail. Chan eil fhios an robh Ured agus Coinneach fàisg air a-chèile mar a bha an rìgh aosd Cruithneach agus mac Alpein ach ma bha (agus chan eil cinnt sam bith gun robh càirdeas eadar an dithis) cha robh iad ro mheasail air a chèile.

Mar a thachair, thagh na h-uaislean Cruithneach a bha air fhàgail MacAilpein agus chaidh an cumhachd rìoghail a spìonadh a làmh Ured agus a thoirt do Choinneach sa bhliadhna 843.

Agus 's ann mar seo a thàinig an dà rìoghachd – Dail Riada agus Pictavia mar a chanar ann an Laideann – ri chèile agus thòisich eachdraidh ar dùthcha fhèin, Alba.

Rìghrean na h-Alba




#Article 276: Dail Riata (372 words)


B' e seann rìoghachd Gàidhealach a bha ann an Dail Riata (gu tric Dalriada neo Dalriata sa Bheurla). Chaidh a stèidheachadh air an aon talamh ri siorrachd Earra-Ghaidheal an latha an diugh. Chaidh aonadh a chur air bonn eadar an dùthaich seo agus rìoghachd nan Cruithneach den ainm Pictavia fo Coinneach mac Ailpein, Rìgh nan Gàidheal, anns a' bhliadhna 843.

Anns an an ceathramh linn tha na seanachaidh agus luchd eachdraidh an dùil gun d'thànaig dream mhòr de dhaoine Ceilteach gu taobh an iar na h-Alba bho rìoghachd ann an ceann a tuath Èirinn den ainm Dail Riata. 'S iad na Gàidheil a bha seo agus 's iad a stèidhich rìoghachd Dail Riata ann an Earra-Ghaidheal agus ,an ceann còir air ceithir linn eile, a sheas le na Cruithnich fo aon rìgh airson an dùthaich ùr den ainm Alba a bhonn-shuidhicheadh.

Tha e coltach gun dàinig na h-Albannaich a dh'Alba ann an trì buidhnean bheag fo thriùir cheann-feadhna. 'S e Fearghas, Latharna agus Aonghas a bh' air na trì cheannardan ud agus ghabh iad sealbh air Ceann Tìre, Latharna agus Eilean Ìle leis an luchd-leanmhuinn aca.
Cha robh cus trioblaid a' feitheamh dhaibh oir bha beag shluaigh a' fuireach air taobh siar na h-Alba aig an àm ud agus tha sinn an dùil gun robh na Cruithnich dòchasach cuideachadh fhaighinn bho na h-Albannaich an aghaidh na naimhdean aca gu deas.
Chaidh Fearghas a chrùnadh ‘na Ard-Rìgh agus bha an dithis eile, Latharna agus Aonghas, nan àrd-rìghrean thairis air an fhearann air an do ghabh iad sealbh.

Bha na h-Albannaich a' cumail gu creideamh Chrìosd man àm a ghluais iad a dh'Alba agus an Naomh Pàdraig air an Impireachd ann an Èirinn. 'S ann bho rìghrean Dhail Riada a dh'fhàs Eilean Idhe gu bhith na chridhe airson an creideamh agus eaglais Chrìosdaidh ann an taobh a tuath Breatainn. Bha è ainmeil airson na manaich aige mar Naomh Calum Cille agus bhiodh rìghrean bho iomadach dùthaich air an tìodhlaiceadh ann. Bha an eilean gu math ainmeil airson foghlam, na sgrìobhaidhean sgoileireal agus an ealan aig Abaid Idhe.

'S e Coinneach mac Ailpein an Rìgh mu dheireadh aig Dail Riada oir chaidh an Rìoghachd ùr Alba a stèidheachadh ann an 843 leis fhèin mar Rìgh.




#Article 277: Raibeart I na h-Alba (437 words)


B' e Rìgh na h-Alba a bha ann an Raibeart Brus (11 an t-Iuchar 1274 – 7 an t-Ògmhios 1329).

Mac le Raibeart Brus agus Marsaili, baintighearna Carraig, thàining am Brusach òg gu bhith na Iarla Carraig anns an 9 an t-Sultain 1291. ‘S e ban-uasal Gàidhealach a bha na mhàthair agus fear dhe na Normanaich Frangach a bha na athair. Bha am Brus òg fileanta ann an iomadach cànan: fhuair e Gàidhlig bho a mhàthair, Frangais bho athair, agus b' urrainn dha Beurla agus Laideann a bhruidhinn cuideachd.

Ghabh am Brusach pàirt anns an ar-a-mach an aghaidh ceannas nan Sasannach sa bhliadhna 1297, ach bha e am measg nan uaislean a strìochd do dh'Eideard I ann an Irbhinn. And dèidh do dh'Uilleam Uallas Blàr na h-Eaglaise Brice a chall ri arm Eideird I ann an 1298, sheas am Brusach agus John Comyn (bho 1299 cuide ri William Lamberton, Easbaig Cill Rìmhinn) mar fhir-dìona na h-Alba. Cha robh an dithis mòr aig a chèile, ge-tà, oir bha Comyn a' toirt taic do John Balliol a fhuair crùn rìoghail na h-Alba ann an 1292, nuair a bha seanair Raibeirt na fharpaiseach a bu chudromaiche eile, agus leig am Brusach dheth a dhreuchd ann an 1300.

Bha ceangal air Brus agus Comyn ge-tà, oir bha iad an dà chuid airson Alba neo-eisimeileach fhaighinn a-rithist. Ach nuair a choinnich iad anns an eaglais Dhùn Phris ann am 1306, tha e coltach gun do dh'èirich connspaid eadar an dithis agus chaidh Comyn a mhuirt leis a' Bhrusach. Thug Robert Wishart, easbaig Ghlaschu, easbaloid dha (ged a rinn a' phàpa ascaoin-eaglais air Brus na b' fhadalaiche), agus an dèidh dhaibh cabhag a dhèanamh gu Sgàin chaidh am Brusach a chrùnadh san 25 am Màrt 1306.

Chaidh e a chogadh ris na Sasannaich ach chaill e aig Blàr Meithinnidh ri arm fo stiùir Aymer de Valence, Iarla Pembroke. An dèidh sin bha aige ri teicheadh ri eilean Rathlin ach, anns an Fhaoilleach 1307, thill e gu Siorrachd Inbhir Àir agus thòisich e ris na Sasannaich a shabaid.

Chaidh Èideard I le arm a dh'Alba ach chaochail e faisg air Cathair Luail san 11 an t-Iuchar 1307. Cha robh a mhac, Eideard II, idir cho làidir ri athair agus gu slaodach ath-bhuidhinn am Brusach, a' chuid a bu mhotha na dùthcha. An toiseach rinn e a' chùis air fir-thaic Comyn (gu h-àraidh ann am Bàideanach), agus an dèidh sin bha e a' cleachdadh ceatharnach-cogaidh airson sin a dhèanamh, a' dèanamh sgrios air na caistealan a ghabh e. B' e na fir-chuidich a bu chudromaiche aige Eideard Brus, a bhràthair, Seumas Dùghlas agus Thomas Randolph.




#Article 278: Fitheach (438 words)


Tha am fitheach (Laideann: Corvus corax) na eun làidir agus garg. 

'S e is àite-còmhnaidh dhan fhitheach àrd-mhonadh, far am bheil pailteas de sprèidh ga chumail suas. 

Coltach ris an iolair tha am fitheach a' tighinn beò air eòin bheaga, air uain, agus, feadh a' gheamhraidh, air cairbh bheathaichean a tha a' faotainn bàis le plàigh, le fuachd, no le gort.

'S e an t-sùil a' chiad nì air am bheil am fitheach a' toirt ionnsaigh nuair a tha e ag iarraidh cobhartaich; agus tha e gu minig a' dalladh chaorach le a sgiathan, agus an sin a' spìonadh a-mach an sùilean, agus gam marbhadh.

Cha dèan am fitheach feum sam bith de chnàimh lom, agus uime sin is e an cnàimh air am faigh e a' bheag no a mhòr de chriomadh air am bi gaol aige. Tha mòran ann a tha a' cumail a-mach gum bheil gaol aca air muinntir nuair nach eil aca orra ach gaol an fhithich air a' chnàimh. Tha mòran de nàdar feòlmhor, truaillidh an fhithich anns a' mhuinntir seo. Chan eil e doirbh do dhuine glic, geur-chùiseach, dealachadh a chur eatorra seo agus a' mhuinntir anns am bheil nàdar glan, uasal a' chalmain.

Is anabarrach comharraichte mar a chruinnicheas na fithich as gach àird a dh' ionnsaidh na closnaich mun gann a gheibh an t-ainmhidh bàs. Bha na seann daoine ann am beachd gun robh fiosachd aca. Air a' cheart dhòigh thèid na daoine a tha salach, truaillidh nan nàdar a dh'ionnsaidh an àite anns am faigh iad am miannan truaillidh a shàsachadh. Mar a chì sùil gheur an fhithich a chlosnach 's e ag itealaich seachad anns na speuran, chì an duine truaillidh mar an ceudna an nì a tha truaillidh.

Tha am fitheach neo-ghlan, salach 's mar a tha e gu nàdarra, miadhail gu leòr air a àlach fhèin. Ach mar a tha am facal ag ràdh, cha tugadh e sùil a' bheathaich mhairbh do a isean fhèin. Is minic a bha daoine an aghaidh blasad air an t-sùil nuair a chuirte ceann na caorach fan comhair air a' bhòrd, an dèidh dha bhith air a ghlanadh 's air a dheasachadh gu math 's gu ro mhath, agus an àm a bhith a' moladh cho math 's a tha an t-sùil ri a h-ithe, theirte, Cha tugadh am fitheach don isean i.

Tha e coltach gur e am fitheach eun cho tràth air a' bhliadhna 's a nì a nead 's a th' anns an ealtainn. Is e a nàdar seo a dhèanamh, agus fhad 's a bhios am fitheach beò bidh e air a riaghladh le a nàdar.




#Article 279: Alasdair III na h-Alba (334 words)


B' e Alasdair III (4 an t-Sultain 1241–19 am Màrt 1286) na Rìgh na h-Alba eadar 1249 is 1286. B' e rìgh làidir a bh' ann an Alasdair agus bha àm air an cathrach-rìoghal mar bu trice glè sìtheil. Aig an àm seo bha buaidh làidir Ceilteach ann an Alba fhathast agus ceangal ri Sasainn oir bha nighean rìgh Shasainn – Èideard I – am bana-phrionnsa Mairead, aig Alasdair mar bhean.

'Se rìgh cho cumhachdach 'sa lorgadh tu aig àm no àite sam bith ann an eachdraidh a bh' ann an Èideard I. Bha e mur tha air ionnsaigh a thoirt air Èirinn agus a' Chuimrigh leis a Chuimrigh a nis mar aon de na roinnean aig Sasainn. Thoisich cùisean a fàs nas miosa an deidh do bean agus mic Alasdair bàsachadh ann an tìde ghoirid. Bha seo a fàgail Rìgh na h-Alba as aonais mac a leanadh e agus e dà fhichead sa còig bliadhna a dh'aois.

Dh'ionnsaigh e an t-Eilean Sgitheanach ann an 1262 is shabaid a fheachdan ri feachdan Nirribhidh faisg air an Leargaidh Ghallda ann an 1264. Chaochail Rìgh Nirribhidh, Haakon, ann am Baile na h-Eaglaise sa gheamhradh is dh'aontaich a mhac, Rìgh Magnus, ri Alasdair, anns a' Chùmhnant Pheairt, gun deach na h-Eileanan Siar is Eilean Mhanainn nam pàirtean na h-Alba.

Phòs e a rithist aig Abaid Jedburgh ri nighean òg brèagha den ainm Yolande de Dreux. Air an dara latha deug den Mhàirt 1286 bhàsaich Rìgh Alasdair. Bha e air tilleadh bho Caisteal Dhùn Èideann gu Ceann Gronna far an robh a mhnaoi. Ged a bha na h-uaislean is thriathan a bha còmhla ris aig iarraidh air fuireach gu fàsadh an aimsir nas fheàrr sa mhaidinn chan èisdeadh e rubha. Chaill e a chompanaich san dorchadas agus an ath mhaidinn lorg iad a chorp aig bonn bearraidh. Dh'fhàg seo Alba gun rìgh agus rinn Èideard a h-uile oidhirp smachd fhaighinn air Alba agus is ann mar seo a thoisich linn de chreach agus sabaid eadar an dà rìoghachd.




#Article 280: Fergus Mòr Mac Earca (264 words)


B' e Fergus Mòr Mac Earca no Fergus Mór mac Eirc ( ? - c.501) a' chiad rìgh Dail Riata an Alba.

Bidh feadhainn a' toirt an tiotal Athair na h-Alba dha agus gu mearachdach a' bruidhinn mu dheidhinn mar a' chiad Rìgh aig Alba an àite Cináed mac Ailpín (Coinneach mac Ailpin).

Anns an darna leth dhen 5mh linn, b' e Rìgh Dal Riata an Èirinn a bh' ann. Ghluais e a dh' Alba c.500 agus stèidhich e Dail Riata an Alba.

Tha tòrr connspaid ann mu rìoghachadh oir chan eil mòran fhios air fhàgail againn bhon linn anns an robh e beò. Ann an sgrìobhaidhean nan Ceithir Mhaistir, thathar ag ràdh gur e mac Muredach mac Eogan mac Niall Noigíallach, Àrd Rìgh na h-Èirinn, a bh' ann. Ach, tha an t-ainm aige a' seaghaicheadh gur e mac Erc, Rìgh Dál Riata a bh' ann ach b 'urrainn gur e Erc an aon duine ri Muredach. Bha a bhràthair, Muircheartach, a bha na Àrd Rìgh na h-Èirinn eadar 504 is 527.

Bha e aig ceann ionnsaigh gu Alba a thoirt taic don sheanair aige, Aonghas Muircheartach Loarn - rìgh Dail Riata - a bha fo smachd nan Cruithneach. Rinn Fearghas agus a còignear bhràithrean a chùis air na Cruithnich agus mar sin bhuannaich iad saorsachd Dhail Riata. Bhàsaich an rìgh goirid an dèidh sin agus chaidh Fearghas a thaghadh mar an rìgh ùr. Tha fionnsgeul ann gur e Fearghas a thug an Lia-Fàil gu Alba bho Èirinn .

Chaochail e c.501 agus b' e a mhac, Domangart, rìgh Dail Riata as a dhèidh.




#Article 281: C.B. Cridhe Mheadhan-Lodainn (127 words)


'S e sgioba ball-coise a th' ann an Cridhe Mheadhan-Lodainn no Hearts mar a chanas riutha nas trice. Bidh iad a' cluich aig raon-cluiche Tynecastle.

Anns an seusan a b' fhearr a bh' aca airson bliadhnachan, 2005/2006, bhuannaich iad Cupa na h-Alba an aghaidh Gretna agus ghlèidh iad an dara àite anns an SPL air thoiseach air Rangers - a' chiad turas a tha sgioba air crìochnachadh eadar an Old Firm airson barrachd air deich bliadhna - agus mar sin tha cothrom aca cluich anns an Champions League, no Cupa na Roinn-Eòrpa, an aghaidh na sgiobannan is ainmeil agus cumhachdach anns an t-saoghal.

Buadhaiche Alba : 1895, 1897, 1958, 1960 

Cupa na h-Alba : 1891, 1896, 1901, 1906, 

Cupa Lìog na h-Alba : 1955, 1959, 1960, 1963




#Article 282: Ian Wright (114 words)


'S e cluicheadair Ball-coise is craoladair a tha ann an Ian Wright.  Chluich e airson Crystal Palace agus Arsenal, far a bheil cliù aige mar an duine a fhuair an àireamh de thadhail as motha a-riamh ann an eachdraidh Arsenal..  Nochd e airson Celtic ann an 1999-2000 nuair a bha e na bhodach.  Tha na Ceiltich den bheachd gur e fear de na cluicheadairean gun fheum a chluich airson an sgioba a-riamh.

Bidh e a-nis a' nochdadh air prògraman sgriosail air an eadar-lìn, no a' leigeil air gur Sasainn a th' anns an sgioba ball-coise a bha a-riamh a' coiseachd na mòintich.

Tha e na oide ris a' chluicheadair òg aig Chelsea, Shaun Wright-Phillips.




#Article 283: Lunnainn (197 words)


'S e Lunnainn am prìomh-bhaile na Rìoghachd Aonaichte agus Sasainn. Tha e suidhichte anns an ear-dheas de Shasainn air an Abhainn Thames agus tha daoine air a bhith fuireach ann airson corr air dà mhìle bliadhna le mu 7 millean 'sa bhaile fhèin an diugh agus mu 6 millean eile mu chuairt air. 'S e Lunnainn aon de na bailtean is motha agus is ainmeil 'san t-saoghal. 'S e prìomh-bhaile ionmhasail na Roinn-Eòrpa (agus am baile as motha anns an AE) a th' ann agus thèid iomadach cànan, dualchas, dream agus buidheann creideamh a lorg ann.

Tha iomadh taighean-tasgaidh ainmeil ann an Lunnainn: An Taigh-tasgaidh Breatunnach, Taigh-tasgaidh Eachdraidh Nàdurrach, Taigh-tasgaidh Victoria agus Albert, Taigh-tasgaidh Chogaidh an Ìompaireachd agus barrachd.

Stèidhich na Ròmanaich baile den ainm Londinium air an Abhainn Thames mun 50mh bliadhna. An dèidh do na Ròmanaich Breatainn fhàgail bha am baile falamh airson ùine. Mun 9mh Linn thoisich daoine a tilleadh agus dh'fhàs e gus an e am baile is motha ann an Sasainn ach cha robh e na phrìomh-bhaile ron an 12na linn. Bha an dùthaich gu mòr an sàs gnothach tràilleachd thar a' Chuain Shiar eadar an 16mh Linn agus an 19mh Linn.




#Article 284: Caerdydd (107 words)


'S e Caerdydd ('sa Chuimris agus Cardiff 'sa Bheurla) na phrìomh-bhaile agus am baile as motha a th' anns a' Chuimrigh. Tha e suidhichte air an còrsa deas a' Chuimrigh. 'S e baile beag a bh' ann ron an 19mh linn nuair a dh'fhàs e cudthromach le tighean dèanadachd agus leis am baile air a chleachdadh mar phort mhòr airson gual. Fhuair Caerdydd inbhe mar chathair-bhaile ann an 1905 agus chaidh a dhèanamh na phrìomh-bhaile a' Chuimrigh ann an 1955. Anns a' bhliadhna 2001 's e 305,340 an t-àireamh sluagh aig Caerdydd agus tha seo ga fhàgail mar an 16mh baile is motha anns an Rìoghachd Aonaichte.




#Article 285: Robbie Williams (1155 words)


Tha Robert (Robbie) Peter Williams (13 an Gearran, 1974) na sheinneadair Shasannach.

Rugadh e ann am Burslem, Stoke-on-Trent, Siorrachd Stafford.

Thòisich Robbie ann an saoghal a' phop leis a' chòmhlan-ciùil, Take That a bha ga stiùireadh leis an t-seinneadair/bàrd Gary Barlow. Chaidh an còmhlan-ciùil a stèidheachadh ann an 1991 agus bha iad gu math soirbheachail, a' ruigsinn àireamh a h-Aon ochd tursan. Chruthaich an soirbheachas cothroman do chòmhlan-ciùil choltach ri Boyzone agus 911. Ge-tà, thathar a' ràdh nach d' fhuair Robbie air adhart le buill eile a' chòmhlain-chiùil air sgàth a fheartan bhleigeardach, agus bha e an còmhnaidh a' strì leis na buill agus leis an rianachd. Dh'fhàg e Take That ann an 1995. Faicibh Dealachadh Take That.

As dèidh dhà Take That fhàgail, anns a' bhad thòisich Williams ga bhogadh fhèin ann an dòigh-beatha Ròc is Roll còmhla ris a' chòmhlan-ciùil Oasis. Lean seo ri strì gu math poblach le drogaichean agus deoch làidir. Chuir e air mòran cuideam agus bhiodh e tric a' nochdadh mar bhùrach, gun bhearradh is gun nighe. As dèidh dhà agus Oasis a dhol a-mach air a chèile gu math poblach, thug Noel Gallagher That Fat Dancer from Take That air. 

Cha robh meadhanan ciùil na RA den bheachd gum biodh an Williams mì-mhodhail seo soirbheachail mar neach-ciùil. Bhathar an dùil gum biodh buill eile bho Take That na bu shoirbheachail, gu h-àraidh Gary Barlow agus gu h-ìre Mark Owen.

Ann an 1996, bha Williams deiseil airson a dhreuchd mar sheinneadair leis fhéin a thòiseachadh gu ceart. Mar a' chiad chlàr aige, chuir e a-mach Freedom, seann òran le George Michael anns an Lùnastal. As dèidh greis ann an clionaig deoch-làidir, chaidh Freedom a leantainn le Old Before I Die. Ràinig an dà chlàr àireamh a Dhà air cairtean na RA. Lean seo gu foillseachadh a chiad chlàr, Life Thru A Lens, nas anmoiche ann an 1997.

Bha Freedom agus Old Before I Die air Life Thru A Lens - ach bhathar dhen bheachd gun robh e na bhriseadh-dùil agus cha do shoirbhich an ath dhà chlàr idir; b' iadsan Lazy Days agus South of the Border.

An t-òran mu dheireadh a chaidh a chur a-mach bhon chlàr aig àm na Nollaig 1997, bha Angels na òran gaoil, agus thog e Life Thru A Lens gu àireamh a h-Aon air na cairtean, (28 seachdainean as dèidh dhà a sgaoileadh). Tha cliù aige mar an t-òran a shabhail dreuchd Williams, agus tha e fhathast gu math taitneach gu mòran an-diugh.

Dh'fhàs Williams ainmeil gu math luath anns an Rìoghachd Aonaichte le mòran chlàran eile a' dol a-steach dhan Phrìomh Deich, ach cha robh buaidh mhòr aige anns na Stàitean Aonaichte. Bha Millennium, stèidhichte air criomag bhon òran James Bond You Only Live Twice, na àireamh a h-Aon anns an RA an an 1998 ach cha d' ràinig e ach àireamh 72 sna Stàitean.

Lean an dàrna clàr I've Been Expecting You air an dàigh James Bond is chaidh e gu àireamh a h-Aon anns an Dàmhair 1998. Ann an 1999, dh'obraich e le Tom Jones air a chlàr Reload. 

Bha òran soirbheachail eile aige ann an 2000 le Rock DJ, ach b' e am bhideo don òran a ghoid na ceann-naidheachdan. Anns a' bhideo, bha Robbie a' nochdadh aig roller disco nuair a rùisg e dheth aodach agus an uairsin a chraiceann, a fheòil fhèin buill-bhodhaig, gam biadhadh dha na dannsairean boireannach gus nach robh ach cnàmhach a' dannsa. Bha mòran connspaid ann a thaobh a' bhideo is chaidh a thoirmeasg ann an iomadh dùthaich.

As dèidh an treasamh clàr shoirbheachail Sing When You're Winning ann an 2000, chaidh soirbheachadh Robbie a dhearbhadh ann an 2001 nuair a ràinig e àireamh a h-Aon aig àm na Nollaig còmhla ris a' bhana-chleasaiche Astràilianach, Nicole Kidman, a' seinn an t-seann òran le Frank and Nancy Sinatra, Something Stupid.

Nochd Something Stupid air a' chlàr Swing When You're Winning, far an do sheinn Robbie iomadach òrain chlasaigeach mar Ain't That A Kick In The Head agus Mack The Knife. Nochd an ath-chlàradh den òran le Bobby Darin, Beyond the Sea ann am Finding Nemo ann an 2003.

Ann an 2002, sguir Robbie dheth sgrìobhadh còmhla ri a chom-pairteach-sgrìobhaidh, Guy Chambers. Ach, thàinig iad còmhla a-rithist sia miosan as dèidh sin airson Escapology, a chaidh a sgaoileadh anmoch ann an 2002. Bha clàr eile aige, Feel, gu math soirbheachail san Roinn Eòrpa, 's e a' dol còmhla ri bhideo spaideil far an do nochd Darryl Hannah. 

Chaidh an ath bhideo de Come Undone, a ghearradh gu mòr le MTV air sgàth 's gun do sheall e Robbie a' dèanamh an oba-noga le dà bhoireannach phìosail. Cuideachd, bha mòran bhiastagan is daolagan anns a' bhideo. Aig an àm seo, dhealaich Robbie is Chambers gu oifigeil.

Ann an 2002, chaidh Robbie a thaghadh mar fear dhe a' cheud Breatannaich as fhearr leis a' BhBC ach chaidh a thaghadh mar fear dhe na Breatannaich as miosa le Channel 4 ann an 2003. 

Chaidh eachdraidh-beatha oifigeil a sgrìobhadh le Chris Heath, Feel, agus chaidh fhoillseachadh ann an 2004. Dh'innis e mu na tachartasan a thàinig gu bàrr leis an Live Summer Tour 2003, far an do chluich Williams air beulaibh barrachd is millean duine thairis air trì làithean ann an Lùnastal ann an Knebworth Park ann an Hertfordshire, le 3.5 millean a bharrachd ga choimhead beò air telebhisean agus air an eadar-lìon. Ro Knebworth, anns an Dùbhlachd 2003, rinn Williams tour de Astràilia agus an Sealainn Nuadh còmhla ri Duran Duran.

On a dhealaich e bho Chambers, tha Robbie air fheuchainn gus a luchd-càinidh àicheadh. Leis a' chom-paitreach-sgrìobhaidh ur, Stephen Duffy, tha Robbie air iomadh òran eile a sgrìobhadh, a' toirt a-steach an àireamh a h-Aon, Radio,

Nochd 'Radio' air na Greatest Hits aige anns an Dàmhair 2004. Nochd Williams aig Live 8 ann an Lunnainn far an robh e na rionnag air an latha. Sheall e cho math 's a tha e mar sheinneadair agus a chomas le uimhir de dhaoine, gu h-àraidh nuair nach robh fios aig mòran air na faclan do Feel.

Chuir Williams a-mach clàr ùr anns an Dàmhair 2005 air a bheil 'Intensive Care', a' beachdachadh air meadhan aois agus na trioblaidean is dùbhlain a tha na lùib, chaidh e gu h-àireamh a h-aon agus bha blas reggae air mòran dhe na h-òrain.

Tha Robbie singilte an-dràsta, 's e a' fuireach ann an Los Angeles, California. Chan eil daoine sam bith an sin ga aithneachadh. Tha mòran beachdachadh a' dol ann am meadhanan na Breatainne mu dheidhinn a ghnèitheachd mì-shoilleir agus a bheatha-gaoil. Tha Robbie air ìomhaigh mar gaoladair spaideil a bhrosnachadh agus tha mòran sgeulachdan ann a' bruidhinn air a chomasan ann an leabaidh. Bidh e tric a' taghadh bhoireannaich bhon luchd-èisteachd aig na cuirmean aige, agus a' toirt pòg (leis an teanga) dhaibh.

Ach bidh na sgeulachdan seo a' nochdadh gu math tric nuair a bhios clàr ùr aige ri reic.

 




#Article 286: A' Bheurla Ghallda (235 words)


'S e cànan Tiùtonach a th' anns a' Bheurla Ghallda no Albais (anns a chainnt fhèin: Scots san latha an-diugh agus Inglis gu h-eachdraidheil) a tha air a bhruidhinn air a' Ghalldachd is ann an Arcaibh agus Sealtainn ann an Alba, agus ann an Ulaidh an Èirinn. 

'S e a' Bheurla Ghallda an cànan a bh' aca ann an Lodainn (agus an t-seann rìoghachd Shasannach Northumbria, anns an robh Lodainn mus d' fhuair na Gàidheil smachd oirre) agus 's e a chur às den Ghàidhlig air Galldachd na h-Alba. Aig aon àm, bha a' Bheurla Ghallda ga cleachdadh mar prìomh-chànan Alba: 's i bhiodh air a cleachdadh mar cànan oifigeil na Rìghrean agus am Pàrlamaid. An dèidh do dh'Alba aonachadh le Sasainn ann an 1707 ge-tà, chaidh crìonadh a dheanamh oirre, agus tha Beurla air a h-aite a ghabhail mar prìomh-chànan na h-Alba. Tha tòrr bàrdachd ainmeil air a sgrìobhadh sa chànan agus 's e Raibeart Burns am bàrd as ainmeile a rinn obair innte.

'S e 'Inglis' a bh' aig na Goill air an cànan an toiseach, ach mun 15mh-16mh linn thoisich iad a gabhail 'Scottis' air, ged is e seo an t-ainm a bh' aca air Gàidhlig aig an àm. 'S e 'Erse' no 'Irish' a ghabh iad air Gàidhlig na h-Alba na àite.

Tha feadhainn ann an saoghal na Gàidhlig a chleachdas an nuadh-fhacal connspaideach 'Albais' mar ainm air a' Bheurla Gallda.




#Article 287: Frida Kahlo (946 words)


Bha Frida Kahlo (6 an t-Iuchar, 1907–13 an t-Iuchar, 1954) 'na peantair is na dealbhadair Meagsaganach an dualchais dhùthchasaich a dùthaich ann an dòigh a' cur còmhla fìorachas agus samhlachas, neach-taic làidir na Comannachd, agus a bhean-phòsta na lì-dhealbhadair de dealbhan-balla agus de ciùbachd na Meagsago, Diego Rivera. 

Bha Kahlo comharraichte air a fiamh neo-ghnàthach, gabhail a-staigh cudthrom air a malaichean (aon-mala) agus feusag-bheòil ghann nach do ghabh i de (ged ann an fìrinn, cha robh feusag-bheòil aice agus bha a malaichean air leth; leasaich i a-mhàin sgeadachaidhean 'na fèin-dealbhanr), agus a roghainn de aodach dealbhta gu rìomhach, air tharraing às aodach dualchasach na Meagsago.

Rugadh Kahlo Magdalena Carmen Frieda Kahlo y Calderón 'san taigh aig a pàrantan sa' Choyoacán, a bha 'n uair sin 'na bhaile beag air iomall a' Bhaile-mhòr Mheagsago. 
Bha a h-athair 'na dealbhadair agus dealbhaiche de cùl Gearmailteach-Ungaireach, a thòisich a theaghlach às an Oradea, Romània. Bha a màthair, Matilde Calderón y Gonzalez, de sinnsearachd Spàinneach agus Ameireaganach-Dùthchasach. Dh'fhulaing Frida deannal le critheanachadh aig sia bliadhna, a rinn a cas deas a' nochdadh mòran as caoile na 'n cas eile. Fhathast, leis a' mhèinn bhrais a chum i tro a beatha, cheannsaich i a ciorram. 

Fhuair i leòntan troman ann an sgiorradh-trafaige uamhasach 'san 1925; bhuail troilidh am bus a bha Kahlo a' marcachd; fhuair i smior-colbh briste, cnàimh-an-ugha briste, aisnean briste, ìochdar briste na bronna, aon brisidhean deug ri a cas deas, cas brùite 's air chur à àite a, gualan air chur à àite, bha slat iarainn tro a broinn air a shàthadh, a' sàthadh a machlag. Do bhrìgh nan leòntan ri a h-ìochdar na bronna 's a machlag, cha b' urrainn dhi pàisdean a bhreith, fìrinn a ghabh dhi àm fada a ghabhail ri. Rinn a toil ri mhaireann i comasach a mhaireann a leòntan agus ag ath-bhuannachadh a cumhachd ri choiseachd, ach bhiodh ath-thuiseachaidhean de acaid anabarrach aic' a leamhaicheadh i fad a beatha. An dèidh dhan sgiorradh, thionndaidh Kahlo a h-aire bho dreuchd an leigheis ri dealbhadaireachd. A' tarrang bho a mothachaidhean pearsanta, th' a h-obair gu tric oillteil 'nan riochdachadh rùisgte na h-acaid agus na beathannan garga nam mnathan. Tha caogad-còig a ceud dealbhan 's ceathrad-trì 'nam fèin-dealbhan a bheil coimeasgachadh samhlaireachd pearsanta iomlan le iomraidhean soilleir (agus tric oillteil). Bha i air stiùireadh cuideachd le dualchas dùthchasail na Meagsago, seallaidhean a riochdaich i le dathan soilleire, le cumasg an fhìorachais agus an t-samhlaireachd.

Mheall a dealbhan an aire an neach-ealain Diego Rivera, a phòs i nas fhadalaiche, dhealaich à, agus phòs a-rithist. 'S air ràdh a bhuail Rivera ann am braisean na feirge Kahlo. Cha bu mhath leis a' mhàthair Fhrida Diego 's chan i ris a' phòsadh ris A' Phòsadh eadar ailbhean agus calman, iomradh ri am meudan; nuair phòs iad an ciad àm, b'e 42, thar 6 throigh (1.83 m) a dh'fhaide, agus 22 clach (136 kg); b'i 22, 5'3, agus 7 clach. Thuirt Kahlo aon uair, Dh'fhulaing mi dhà sgiorradh troma 'nam bheatha. Bha aon nuair bhuail an troilidh mi... 's e Diego a th' anns an sgiorradh eile.

Bh' am pòsadh doineannach, gu h-àraidh air an fhàinne Dhiego ri gnothaichean-drùise a-mach am pòsadh agus an nàdaran loisgeach, agus bha mòran dàimhean drùise a-mach am pòsadh aig araon dhiubh (bha Frida air bhàinidh nuair lorg i gun robh coinneachadh-drùise aig Diego le a piuthar, Cristina Kahlo). Cha do dh'fhalaich Frida an fhìrinn a bha i dà-mhiannach bho Diego; dh'fhulaing Diego a dàimhean le mnathan nas fheàrr na a dàimhean le fir, a rinn e fìor-eudmhor. Bhris an càraid am pòsadh, ach phòs iad a chèile 'rithist sa' bhliadhna 1940, ged cha robh an aontachadh nas lugha na garbh.

Neach-leanmhainn dìleas Comannach, ma dh'fhaodte bha suirghe aig Kahlo le Leon Trotsky, a bh' air mharbhadh le foill aig a dhachaigh sa' Bhaile-mhòr Mheagsago le luchd-ionaid Stalin 'san 1940. Uaireigin an dèidh dham bhàs Throtsky, chaidh Frida 'n aghaidh a caraid sean agus thug suas air an Aonadh Sòibhiat fo Stalin. Bhruidhinn i mu dheidhinn Mao gu soirbheasach, ainmichte 'n t-Sìne An Dòchas Sòisealach Nuadh. Bh' a dhachaigh maisichte le ealain sòisealach, a' gabhail a-stach dealbhan de Marx, Engels, Stalin, agus Mao.

Ged bha 'n obair Kahlo seòrsaichte air uairibh ri os-fhìreach agus dh'fhoillsich i iomadh amannan leis na luchd-os-fhìreachas Eòrpach, chonnsaich i an t-ainm. A ro-oidhirpich le cuspairean boireannach agus an saor-chridheachd a bhrùth i a-mach le, rinn e i rudeigin de samhail na beanalachd 'sna deicheadan deireannach na linn 20mh.

Bhàsaich Kahlo air 13 an t-Iuchar, 1954, de tachdadh sgamhach. Tha a luaithre air chur ann am bior-phoit ro-Cholumbianach a bheil air fhoillseachadh 'na taigh sean La Casa Azul sa' Choyoacán, an taigh a bhith air thionndadh 'steach do taigh-gleidhidh a' cumail roinn a h-obrachan.

Sgaoil film aithriseach, Frida Kahlo anns a' Ghearmailt ann an 1882.
'San 1984 dh'fhuasgail an stiùireadair Paul Le Duc am film Frida, naturaleza viva, le Ofelia Medina nochdadh cho Frida Kahlo. 
'San 2002, dh'fhuasgail Miramax dealbh-ghluasaid ainmichte Frida, le Salma Hayek nochdadh sa' phrìomh-dleasnas.

B' ainmeil Kahlo air a coltas neònach, a' gabhail a-staigh a malaichean oscarach (aon-mala) agus stais ghann a cha do chuir i air imrich.

A dh'aindeoin a beatha a' phèin 's an fhulangais, bha Frida Kahlo 'na bean beòthail, fosgarra a bha a cainnt làitheil lìonta le gràisgealachd. Bha i 'na caile-bhalach 'na h-òige 's ghiùlain i a dèine feadh a beatha. Dh'òl i deoch làidir mar bha i 'na h-uisge, bha i 'na bean-an-taighe de hò-ro-gheallaidhean far a sheinn i òrain drabasta 's dh'aithris i abhcaidean drabasta co-ionnan ri a h-aoighean.

Sgrìobh Michael Marra an t-òran Frida Kahlo's Visit to the Taybridge Bar ('Chuairt Frida Kahlo air an Tay Bridge Bar'). 




#Article 288: Na Goill (155 words)


Is docha gu bheil thu a' lorg gall

Tha diofar ciallan aig am facal no an t-ainm Gall aig ìre atharraichte de dh'eachdraidh. Tha e an còmhnaidh air a chleachdadh ri neach, air a no le sluagh 'Goill', nach eil Gàidhealach. Aig aon àm 's e gall an t-ainm a bh' aig na Gàidheil ri na Lochlannaich agus mar sin 's e Innse Gall a th' againn fhathast air na h-Eileanan an Iar oir b' àbhaist gun robh iad uile fo smachd an t-sluagh ud fiù 's ged a bhitheadh Innse Gaidheal nas fìor mar ainm san latha an diugh. Anns na linntean an dèidh do na Gàidheil cumhachd fhaighinn air na Lochlannaich an Alba thoisich Gall bhith air a chleachdadh airson na h-Albannaich a bhitheadh a bruidhinn an t-seòrsa Beurla ris an canar A' Bheurla Ghallda agus 's e a' Ghalldachd a bha againn air am pàirt de dh'Alba far an lorgadh tu iad.




#Article 289: C.B. Celtic (289 words)


Is docha gu bheil thu a coimhead airson Ceilteach

'S e Celtic aon de na sgioban ball-coise is motha anns an t-saoghal agus, còmhla ri Rangers, 'siad an dà sgioba is motha ann am Breatainn. Chaidh Celtic a stèidheachadh anns a' bhliadhna 1888 fo mannach ris an canar Bràthair Wilfrid airson airgid a chosnadh a dh'aodach cleachdadh airson an t-sluagh bochd ann an Glaschu a chuideachadh. Tha còmhstri mòr, ainmeil eadar Celtic agus Rangers agus tha gu leòr den bheachd nach eil geama nas motha no nas fiadhaich 'san t-saoghal na an geama eatarra, an 'Old Firm derby'.

Tha Celtic ainmeil airson Cupa na Roinn Eòrpa a bhuannachadh ann an 1967. 'S iad a chiad sgioba bhon an Rìoghachd Aonaichte, agus gu dearbh a chiad sgioba ann an taobh a tuath na Roinn Eòrpa, a bhuannaich an cupa. Ruig iad an geama deireannach a-rithist ann an 1971 ach chaill iad 2-1 an aghaidh Feyenoord, sgioba bhon an Òlaind. Bhon an uairsin thànaig iad faisg air grèim fhaighinn air a chupa UEFA ann an 2003 ach chaill iad ri F.C. Porto 3-2 anns an geama deireannach.

Cupa na h-Eòrpa (1): 1967. 

Buadhaiche Alba (42): 1893, 1894, 1896, 1898, 1905, 1906, 1907, 1908, 1909, 1910, 1914, 1915, 1922, 1926, 1936, 1938, 1954, 1966, 1967, 1968, 1969, 1970, 1971, 1972, 1973, 1974, 1977, 1979, 1981, 1982, 1986, 1988, 1998, 2001, 2002, 2004, 2006, 2007, 2008.

Cupa na h-Alba (34): 1892, 1899, 1900, 1904, 1907, 1908, 1911, 1912, 1914, 1923, 1925, 1927, 1931, 1933, 1937, 1951, 1954, 1965, 1967, 1969, 1971, 1972, 1974, 1975, 1977, 1980, 1985, 1988, 1989, 1995, 2001, 2004, 2005, 2007. 

Cupa Lìog na h-Alba (14): 1957, 1958, 1966, 1967, 1968, 1969, 1970, 1975, 1983, 1998, 2000, 2001, 2006, 2009.




#Article 290: Ì Chaluim Chille (305 words)


'S e Ì, neo Idhe, fear den Innse Gall. Tha Ì ann an Earra-Ghaidheal ann an Alba. A-rèir cunntas-sluaigh 2011 bha 177 duine a' fuireach anns an eilean agus mar sin dh'fhàs àireamh muinntir an eilein bho 125 duine anns a' bhliadhna 2001. 

Anns a' bhliadhna 563 thàinig bàta gu tìr Eilean Idhe. Am Broinn an currach bha imrich à Èirinn - manaich a bh' annta agus nam measg bha duine a bhiodh cho cudthromoch ann an eachdraidh na Breatainn ri neach sam bith a bha bèo sna meadhan aoisean. 'S e an eaglais a thòisich Calum Cille, ris an can a chuid mhòr do luchd-eachdraidheal an eaglais Ceilteach, a dh'iompaich taobh tuath Breatainn gu creideamh Chrìosd. Am measg nam manachainnean mòra ainmeil a bha stèidhichte fo eaglais Chaluim Chille bha leithid Lindisfarne an tuath Sasainn agus Dharù is Dhoire ann an Eirinn.
B' e I fhèin am prìomh eaglais aig na Cruithnich. Bha ceanglaichean mòra eadar na mannaich ann an I agus an teaghlach cùmhachdach o Eirinn, Clann Ui Nèill. Chan ann a mhàinn ri na dùthchannan Ceilteach a bha cùmhachd Eaglais Chaluim Chille ach cuideachd ri gall mar na Lochlannaich (an dèidh dhaibh gabhal ri Crìosd) agus na Sasannaich. Tha rìghrean bhon Nirribhidh agus Sasainn air an tioghlaigeadh air an eilean cuide ri iomadach rìgh bho Dàl Riada, Eirinn, Alba agus eile.

Tha Iona, ainm Beurla an eilein, a' tighinn bho leughadh ceàrr air Ioua, a tha a' ciallachadh, 's dòcha, eilean nan craobh iubhair. Bhon a tha ainm an eilein sa Ghàidhlig, Ì, cho goirid, théid a shìneadh mar as trice gu Ì Chaluim Chille no gu Eilean Idhe ('s e tuiseal ginideach a tha ann an Idhe).
Canar Idheach ri cuideigin à bhuinneas don eilean, agus canar cuideachd Ì nam ban bòidheach ris an eilean. (Fiosrachadh bho Iain Mac an Tàilleir)




#Article 291: Douglas Haig (168 words)


Bha Douglas Haig (Gàidhlig: Dùbhghlas Haig/MacCaig) na oileanach aig Oilthigh Ath nan Damh agus an Acadamaidh Rìohghail Armailteach ann an Sandhurst.

Ghabh e pàirt ann an Cogadh nam Boer ann an Afraga a Deas mar oifigeir-eachraidh. Bha e na cheannaird-airm airson Feachd Eiginn Bhreatainn (BEF) a' bha deiseil gus gluasad gu tìr-mòr a Roinn Eòrpa agus seasamh an aghaidh ionnsaigh Ghearmailteach. Aig toiseach a chogadh, anns an Lùnasdal 1914, bha e na leas-cheannard airson am BEF le Sir Iain French mar ceannard tarsainn air an airm gu leir.

Anns an Dùbhlachd 1915 chaidh ceannardas an t-airm slàn a thoirt dha. Stiùir e na h-ionnsaighean Breatannach aig na Blàran anns an Somme agus Passchendaele ann an 1916 agus 1917. 

Bha sgrios agus bàs mòr aig gach àite le àireamh uabhasach de shaighdearan Breatannach air an càll agus chuir mòran an còire airson am bàs air Haig oir nach robh e a' tuigsinn a chùmhachd ann an teicneolas ùr co-cheangailte ri armachd mar gunnaichean so-loisgidh agus tancaichean.

An Cogadh Mòr




#Article 292: Gàidheal (1198 words)


Is iad na Gàidheil (sluagh Ceilteach) a bhios a' bruidhinn Gàidhlig no cànanan Gàidhealach eile. Tha ceithir dùthchannan san latha an-diugh aig a bheil eachdraidh a tha co-cheangailte gu mòr leis na Gàidheil. Is iad: Alba, Éirinn (an dà thaobh) agus Eilean Mhanainn. Tha Alba is Èirinn a Tuath (6/32 siorrachdan Éireannach) fo'n Rìoghachd Aonaichte (le sgaoileadh-cumhachd, o chionn na 1990s); Eilean Mhanainn fo smachd Bhreatainn (ach le pàrlamaid aca fhèin, agus air taobh a muigh an Rìoghachd Aonaichte), agus Poblachd na h-Éireann (26/32 siorrachdan Éireannach) na stàit neo-eisimeileach.

Ged nach eil mòran sam bith a' bruidhinn na Gàidhlig tuilleadh ann an gin de na dùthchannan a tha air an ainmeachadh gu h-àrd, b' àbhaist gur i am prìomh chànan aig a' mhòr-shluagh agus aig na rìghrean còmhla ri na h-uaislean eile.

Is ann fo Ghàidheil a bha Alba stèidhichte nuair a ghabh Coinneach mac Ailpin, Rìgh Dail Riata - an t-seann rìoghachd a bh' aig a' chiad Ghàidheil ann an Alba, grèim air slat rìoghail nan Cruithnich agus mar seo bha aonachadh eadar an dà dhùthaich. 'S ann tro a mhàthair, ban-phrionnsa Cruithneach, a bha cothrom aig Coinneach a shuidhe air an Cathair-rìoghail aig Pictavia agus bha gu leòr pòsadh agus càirdeas eadar na Gàidheil agus na Cruithnich. Mar seo an dèidh do Ghàidheil cumhachd fhaighinn, thoisich a' Ghàidhlig buaidh a dhèanamh air cànan nan Cruithneach, agus ged nach robh uibhir a Ghàidheil ann an Alba ri Cruithneach (tha dùil gun robh corr is naoi Cruithneach airson a h-uile Gàidheal) am broinn corr is ceud/dà cheud bliadhna, cha robh càil ach cuimhne de chànain nan Cruithneach air fhàgail. 'Se Gàidhlig am prìomh cànan ann am Breatainn a tuath a' nis.

Is ann à Èirinn a' dh'imrich na Gàidheil a' dh'Alba agus 's e Gàidhlig an cànan a bh' air a bhruidhinn air feadh an t-eilean ud. Dh'atharraich seo an dèidh an naoidheamh linn nuair a thoisich sgrios nan Lochlannach agus le ionnsaigh fhiadhaich ghabh iad cumhachd tarsainn air pàirtean mòra den eilean - mar eisimpleir, an Dubh Linn air a neo 'san latha an diugh 'Dublin' sa Bheurla (is Divlyn sa Ghàidhlig Mhanainn) agus Baile Átha Cliath 'sa Ghàidhlig na h-Èireann no na h-Alba.

Chan ann a-mhàin an Èirinn a lorgadh tu Gall bhon Lochlainn a' dèanamh creach agus sgrios ach cuideachd an Alba, Mhanainn (far an do ghabh iad grèim air an cathair-rìoghail) agus gu mòr ann an Sasainn far an do dh'ionnsaigh iad bho rìgh Cnut air a no Canute 'san aona linn deug agus cheannsaich iad an dùthaich.
Ann an Alba chaidh na h-Eileanan Siar agus a' mhòrchuid den taobh Iar den dùthaich a ghlèidheadh fo cumhachd nan Lochlannaich - 'sann mar seo a' tha an t-ainm 'Innse Gall againn air na h-eilean 'san latha an diugh ged is e 'Innse Gàidheal' a bhiodh nas fìrinneach.

Chan ann gu tighean Somhairle, an gaisgeach ainmeil ud a thoisich Rìoghachd nan Eilean agus a' dh'fhàg iomadach teaghlach cumhachdach mar Clann MhicDhòmhnaill mar a ' Shìol a fhuair na Gàidheil buaidh agus cumhachd air na Gall anns na meadhan aoisean.

Mun àm seo thoisich Gàidhlig a call talamh ann an taobh a deas agus oirthir Alba. Chan eil cinnt ann carson a thoisich seo ach tha e coltach gun robh barrachd air aon adhbhair ann - nam measg am bàs mòr a bh' anns an taobh a' deas de dh'Alba tro na cogaidhean a sheas iomadach bliadhna an aghaidh Sasainn agus an t-imreachadh a' rinn gall - Sasannaich mar is tric - tuath a dh'Alba. Ghluais uaislean Normannach bhon Fhraing a-steach cuideachd agus còmhla riutha thàinig saighdear agus luchd-leanmhainn eile a dùthchannan mar an Òlaind agus a' Ghearmailt.

Mu dheireadh dh'fhàs taobh a deas Alba a bharrachd air an iar-dheas - Gall-Gàidhealabh, cho làn Goill is gur e an Galldachd an t-ainm a bh' air agus a' Ghàidhealtachd a bh' air taobh tuath, iar-thuath agus na h-eileanan siar.

Mun t-àm an t-Ath-Leasachadh anns an siathamh linn deug, cha robh ach còir air leth de sluagh Alba aig an robh a' Ghàidhlig agus bha Albannaich Gall gu mòr a tionndadh an aghaidh na Gàidheil. 'S ann aig an àm seo a rinn iad oidhirp atharrachadh an t-ainm aig a' Ghàidhlig bho 'Scottis', no 'Scottish' gu 'Irish' no 'Erse' agus an cànan aca fhèin, a' Bheurla Ghallda, gu 'Scots'.

Anns a' bhliadhna 1493 chrìochnaich Tighearnas nan Eilean agus, seach nach robh cumhachd no riaghaltas Gàidhealach ri lorg, thoisich àm 'nuair a' bha sabaid is goid cumanta 'sa Ghàidhealtachd. Chanar 'Linn nan Creach' ris an t-àm seo agus tha a' mhòrchuid de sheann bhàrdachd Gàidhlig o' na bliadhnaichean seo.

Le na linntean a leanas tha nas lugha agus nas lugha Albannaich a' bruidhinn a' Ghàidhlig agus tha a Ghàidhealtachd a fàs nas lugha cuideachd. Aig an aon àm tha Beurla a dèanamh ionnsaigh mòr an aghaidh a' Ghàidhlig ann an Èirinn an deidh do na h-uaislean imrich gu tìr mòr an Roinn-Eòrpa le feagal bho na Sasannaich (Chanair Flight of the Earls' ris an seo anns a' Bheurla) .

Thug seo cothrom do Shasainn, a' bha air cumhachd fhaighinn an Èirinn o' chionn linntean, sluagh mhòr de Ghoille a' ghluasad - mar is àbhaist bhon Galldachd gu Èirinn agus Uladh gu h-àraid. Bhris seo an Gàidhealtachd Mòr a bh' ann fo taobh an iar-dheas de Èirinn gu ear-thuath de dh'Alba agus bhon àm  is tha barrachd agus barrachd atharraichean a' nochdadh ann an Gàidhlig an dà dùthaich gu, mu dheireadh, bha dà (trì le Mhanann) chànain atharraichte ann.

An deidh call Blàr Chuil Lodair chaidh sgrios agus muirt mùr a' dhèanamh tron Gàidhealtachd fo Duke a' Chumberland. Stèidhich an riaghaltas laghan an aghaidh aodach, ceòl agus dualchas eile nan Gàidheal. Bha feum aig clann na h-uaislean a' dhol gu sgoiltean Beurla 'sa Ghalldachd an dèidh achd foghlam agus le achd foghlam nàiseanta chaidh cuir às do sgoiltean Gàidhlig agus dh'fheumadh a h-uile leanabh dhol gu sgoil a bha cleachdadh a' Bheurla.

'San ficheadamh linn tha a' Ghàidheal agus a' Ghàidhealtachd air fàs nas gann agus nas lugha nas luath na aig àm sam bith an eachdraidh. Bha mu 280,000 Gàidheal an Alba aig toiseach an linn agus a-nis tha fo 60,000. Ged a' tha an cànan air tòiseachadh taic fhaighinn fo pàrlamaid Bhreatainn agus Alba le sgoiltean a teagaisg 'sa chànan chan eil fios an dèid a sàbhaladh.

Ann an Èirinn chaidh taic làidir a thoirt dhan chànan fon Poblachd agus is e am prìomh cànan aig an riaghaltas is tha mòran foghlam air a' thoirt seachad sa chànan ach tha e fhathast a crìonadh le mu 70,000 neach a' bhios ga chleachdadh mar prìomh cànan (ged a chanas mu 1.5 millean gu bheil iad fileanta gu ìre mhath no uabhasach math.)

Ann am Manainn bhàsaich a' Ghàidhlig thùsach le Ned Maddrell ann an 1974 ach tha feadhainn a' tha air ionnsachadh agus a' bhios ga bruidhinn rin clann.

Ann an Aimearaga a Tuath, chan eil ach mu 1,000 Gàidheil air fhàgail den sluagh a dh'imrich - uile ann an Ceap Breatainn an Alba Nuadh. Tha a' mhòrchuid den luchd seo gu math aosd ach tha ruid beag foghlam tro mheadhan a' Ghàidhlig ann le colaistean Gàidhlig agus sgoiltean samhraidh.




#Article 293: Seumas VI na h-Alba is Seumas I Shasainn (285 words)


B' e Rìgh na h-Alba bho 24 an Iuchar 1567 gu 27 Mairt 1625 agus Rìgh Sasainn bho 24 am Màrt 1603 a bha ann an Seumas VI Alba agus I Shasainn. Rugadh e 19 an t-Ògmhios 1566 ann an Caisteal Dhùn Èideann, Alba, a' chiad-gin mic dha mhàthair, a' Bhan-rìgh Màiri.

Fhuair e seilbh air crùn Alba, mas fhìor, is gun e ach bliadhna a dh'aois, nuair a rinneadh cùl-mhutaireachd le cuid de dh'àrd-uaislean Alba agus chaidh a mhàthair a chuir an greim leotha (aig a cheann thall, chaidh a toirt seachad dha na Sasannaich).

Na òige, bha làn chumhachd aig iomadach tànaistear a ghabh stiùir na dùthcha. Ach aig aois 17, chuir Seumas roimhe gun rìoghaicheadh e fhèin, agus fhuair e cuidhteas na tànaistearan.

B'e Seumas VI a' chiad rìgh a-riamh a shuidh air rìgh-chathair Alba agus Sasainn còmhla; shealbhaich e crùn Shasainn ann an 1603 nuair a chaochail a' bhànrigh Ealasaid I, co-ogha a mhàthar, gun sliochd. 'S e Aonadh nan Crùintean a chanar ri seo. Nuair a shealbhaich e an coron Sasannach, dh'fhàg e Alba is cha do thill. Bha e cuideachd na Rìgh Èireann.

Fhuair Seumas oideachadh math na òige, agus bha e fhèin na sgoilear ainmichte. Fo làimh-riaghaidh, lean na làithean geal dhen litreachas Beurla, comharraichte le ùghdaran mar William Shakespeare, John Donne is Francis Bacon. Chaidh am frith-ainm an t-amadan as glice a th' anns a' Chrìosdaidheachd a bhuileachadh air.

Fo riaghladh, chaidh a' chiad thuineachadh Sasannach ann an Ameireaga a Tuath a stèidheachadh - Baile Sheumais no  (1607).

Nuair a shiubhail e, shealbhaich a mhac a bu shine a mhair beò, Teàrlach, oir bha a chiad-ghin mic, am Prionnsa Eanraig, air caochladh gun e ach aois ochd-deug.




#Article 294: Seumas V Alba (161 words)


Bha Seumas V na Rìgh na h-Alba eadar 1513, nuair nach robh e ach aon bliadhna a dh'aois is chaochail athair sa' Bhlàr Flodden, is 1542. Rìoghail tànaistearan an àite Sheumais gu ruige 1528.
Chuir e am Pròstanach Patrick Hamilton gu bàs ann an 1528. Phòs e Madeleine de Valois, nighean Rìgh na Frainge, ann an 1537 ach chaochail i as dèidh sia mìosan, is phòs e Marie de Guise ann an 1538.
Lunn Eanraig VIII air Alba ann an 1542 is chaill Alba am Blàr Solway Moss. Chaochail Seumas ann an Lùchairt Falkland san Dùbhlachd 1542.

Tha cuid a' cumail a-mach gur e athair Sheumais, Seumas IV an rìgh mu dheireadh na h-Albann a bha fileanta sa Ghàidhlig. Tha fios againn gun robh Gàidhlig aige bho fhianais Pedro Ayala, an tosgair Spàinnteach - uime sin, ’s e Seumas am fear mu dheireadh air a bheil cinnt againne, ged a tha cuid eile ag ràdh gun do bhruidhinn Seumas V i.




#Article 295: An Herald (245 words)


Is è aon de na pàipearan-naidheachd Beurla as sine anns an t-saoghal. Chaidh am pàipear fhoillseachadh an toiseach ann an 1783 leis an t-ainm Glasgow Advertiser. B’ e Iain Mennons a’ chiad deasaiche.

Chaidh ainm atharrachadh gu Herald and Advertiser ann an 1802, agus an déidh sin gu Glasgow Herald ann an 1805. Chaidh e làitheil ann an 1859. Ghluais am pàipear do thogalach Theàrlaich Rennie Mac an Tòisich air Sràid Mitchell ann an 1868. ’Se an Taigh-solais a tha san togalach sin a-nis, an t-Ionad Albannach airson Ailtearachd, Dealbhadh agus am Baile.

Cheannaich Sir Eòghann Friseal am pàipear ann an 1964 agus an sin, ghabh Tiny Rowland seilbh air ann an 1979 le Lonrho PLC.

Ghluais am pàipear do oifigean ùra air Sràid Albion ann an 1980. Bha iad air an dhealbhadh coltach ris an togalach Black Lubyanka aig an Daily Express ann an Lunnainn.

Dh’atharraich Eòghann Friseal ainm a’ phàipear gu The Herald anns a’ Ghearran 1992. Cheannaich na manaidsearan (leis an ainm Caledonian Newspapers) e anns a’ Chéitean 1992. Cheannaich Scottish Television e an sin ann an 1996, agus dh’ atharraich an t-ainm acasan gu Scottish Media Group an déidh dhaibh seilbh fhaighinn air a’ phàipear.

Chaidh dreach a’ phàipear ùrachadh anns a’ Chéitean 1998 agus chaidh pàipear peathar Dòmhnaich, an Sunday Herald, a stéidheachadh ann an 1999.

Tha barrachd leughadairean aige na aig broadsheet nàiseanta sam bith eile ann an Albainn. ‘Se Marcas Dùghlas-Home an deasaiche an-dràsta, mac-bràthar Sir Alasdair Dùghlas-Home.




#Article 296: Clì Gàidhlig (170 words)


B’ e Clì Gàidhlig (a bha air ainmeachadh Comann an Luchd-Ionnsachaidh o thùs ann an 1984) buidheann a tha a' brosnachadh na Gàidhlig a-measg luchd-ionnsachaidh.

Bha iad a' cumail chùrsaichean còmhnaidh tron Alba agus a' foillseachadh an ràitheachan dà-chànanach Cothrom.

B’ e Domhnall Iain Mac an t-Saoir an stiùiriche a bh’ aca fad iomadh bliadhna.

Aig coinneimh shònraichte den bhallrachd air 2016-11-14 chaidh co-dhùnadh a dhèanamh an comunn a dhùnadh sìos, seach nach robh dòigh ann cumail a’ dol an déidh don chomunn maoineachadh bho Bhòrd na Gàidhlig a chall.

Clì Gàidhlig, Seòmraichean 1-4, Taigh Rèile na Gàidhealtachd, Sràid na h-Acadamaidh, Inbhir Nis IV1 1LE, Alba
Fòn/Facs: +44 (0) 1463 226710
Post-dealain: cli@cli.org.uk

Cathraiche: Pam Talbot
Iar-chathraiche: Ridseard MacBhàtair
Buill: Aonghas MacNeacail, Seumas Whannel, Eòin Lincoln, Eilidh Ros, Fionnlagh Hickey, Gillian Cockwill

Stiùiriche: Domhnall Iain Mac an t-Saoir
Rianaire Oifis: Màiri C NicIll'innein
Manaidsear Chùrsaichean: Seonag NicAnndrais
Rianaire Ùlpan: Mechthild Ghreumach
Deasaiche Chothrom: Ruairidh MacIlleathain
Aithris CD: Ceiteag NicGriogair, Domhnall MacGhilleathain, Ellen Jack
Clàradh CD: 
Clò-bhualadh: J Thompson Colour Printers




#Article 297: Johann Sebastian Bach (158 words)


'S e cumadair-ciùil Gearmailteach a bh' ann an Johann Sebastian Bach. Rugadh e ann an Eisenach air am 21mh latha den Mhàrt, 1685, ann an teaghlach làn luchd-ciùil. Sgrìobh e a chuid mhòr den cheòl aige airson na h-eaglaise ach chan eil sgeul air mòran dhiubh. A bharrachd air sin sgrìobh e ceòl airson na h-ionnsramaidean fìdheall, beus-fhìdheall, organ, cruit-chòrda agus clabhchòrd. Airson orcastra, mar eisimpleir, tha e na ùghdar de na sia concerti ainmeil Brandenburg. Phòs è dà thuras agus bha mu fhichead chlann aige - le feadhainn aca nan neach-ciùil cuideachd. Bhàsaich e air an 28mh latha den t-Iuchar 1750 ann an Leipzig. Ged a bhàsaich e mun cuairt air dà cheud 'sa caogad bliadhna tha an ceòl aige cho cumhachdach agus coiteanta 'san latha an-diugh 'sa bha e a-riamh. Cha robh e ro ainmeil nuair a bha e beò ach 's e aon de na ùghdaran ciùil as iomraiteach san t-saoghal a th' ann a-nis.




#Article 298: Ludwig van Beethoven (182 words)


'S e neach-ciùil Gearmailteach a bh' ann an Ludwig van Beethoven. Chaidh a bhreith ann an 1770 ann am Bonn agus ann an 1792 ghluais e gu Vienna far an do dh'fhuirich e fad a bheatha. Bhàsaich e air an 26mh den Mhart, 1827. Sgrìobh e ceòl 'clasaiceach' airson a' phiàna agus orcastra. 'S e na pìosan as ainmeil a th' aige na 5mh agus 9mh siomphonaidhean, agus pìosan airson a' phiàna 'Für Elise' agus an t-sonata 'Moonlight'. Tha a mhòr chuid den bheachd gur è aon de na ceòladairean mòra ann an eachdraidh a th' ann. Nuair a bha e òg b' e cluicheadair piàna ealanta a bh' ann agus bha e coitcheanta le na h-uaislean agus daoine cumhachdach ann an Vienna.

Anns a' bhliadhna 1801 thòisich e an claisneachd aige a chaill agus dh'fhàs e na bu mhiosa gus, mu dheireadh, bha e bodhar ann an 1817. Ged nach b' urrainn dha pàirt a ghabhail ann an coinneamhan-ciùil tuilleadh bha e fhathast a' sgrìobhadh ceòl agus 's ann anns na bliadhnaichean seo a dh'ùghdar e na pìosan as ainmeil aige.




#Article 299: Wolfgang Amadeus Mozart (241 words)


Bha Wolfgang Amadeus Mozart (27 am Faoilleach 1756 – 5 an Dùbhlachd 1791) ’na cho-ghleusaiche sa linn chlasaigeach, às an Ostair. Sgrìobh e barrachd air 600 pìosan obrach agus tha fèill mhòr air an obair aige fhathast. Bha e pòsta agus mhair dithis mhac dha beò. Chaochail e nuair a bha e 35 bliadhna a dh'aois agus tha miotas air a bhàs an-diugh. Tha an ceòl aig Mozart gu math ainmeil agus buadhmhor.

Rugadh Mozart ann an Getreidegasse 9, Salzburg, san Ostair a rèir ainm na dùthcha sa là an-diugh. B' e Leopold agus Anna Maria Perti Mozart a phàrantan. Bha piuthar na bu shine aige, Maria Anna (1751-1829), Nannerl a far-ainm. Bhaisteadh Mozart ann an Cathair-eaglais an Naoimh Rupert an là as dèidh a bhreith. B’ e Johannes Chrysostomus Wolfgangus Theophilus Mozart an t-ainm slàn a bh' air.

Bha athair à Augsburg. B' e Kapellmeister (maighstir-ciùil) ann an orcastra-cùirt a bh' ann airson Àrd-easbaig Salzburg. B' e co-ghleusaiche  agus tidsear a bh' annsan cuideachd.

Thòisich a phiuthar air a’ phiàno ionnsachadh nuair a bha i 7, agus bha Mozart 3 bliadhna a dh'aois aig an àm. Choimhead Mozart air na leasanan. Thuirt a phiuthar:

Tha na pìosan sin ann an Nannerl Notenbuch (leabhar-nòta aig Nannerl).

Nuair a dh’aithnich a athair comas a mhic, sguir e fhèin air ceòl a sgrìobhadh. B’ e Leopold an aon tidsear a bh’ aig Mozart. Theagaisg e ceòl, cànain, agus cuspairean sgoilearach eile dhan chloinn.

  




#Article 300: Cristoforo Colombo (131 words)


'Se fear-malairt bhon Eadailt a bh' ann an Cristoforo Colombo no mar is àbhaist 'sa Bheurla Christopher Columbus. Rugadh e anns a' bhliadhna 1451 agus bhàsaich è air am 20mh den Chèitean 1506. Tha e ainmeil airson Aimearaga a lorg ged a tha fhios againn a-nis nach e a chiad fhear bhon Roinn Eòrpa a lorg e ; mar eisimpleir tha e coltach gun do ruig buidhean Lochlannaich agus ron a sin buidheann manaich bho Èirinn agus Alba Aimearaga a Tuath mu mìle bliadhna roimhe. Sheòl Columbus tarsainn air an Cuan Siar agus e an dòchas slighe nas goirid a lorg gu na h-Innseachan agus dùil aige òr agus spìosraich thoirt air ais dhan Rìgh agus am Bànrigh san Spàinn. Lorg e Ameireaga far an robh dùil aige muir a lorg.




#Article 301: Marco Polo (100 words)


'Se fear-malairt Eadailteach agus riochdaire dioplòmasach à Venezia a bh' ann am Marco Polo. (15 an t-Sultain 1254 - 8 am Faoilleach 1324). Chaidh e air cuairt ainmeil gu Sìona aig àm Impireachd mòr nam Mongol. 'S ann is coireach ri na sgeul annasach aige a dh'fhàs Marco Polo ainmeil air feadh na Roinn Eòrpa oir cha robh mòran fhios aig daoine mun oirthir aig an t-àm ud.

Tha feadhainn a sgoilearan ann a tha smuaintean gun deach Marco Polo gu Sìona ach nach deach e chun a h-uile àite air a bheil e a' sgrìobhadh anns an leabhar aige.




#Article 302: Archimedes (157 words)


B' e feallsanach Greugach agus neach-matamataig gu math cumhachdach a bha ann an Archimedes. Rugadh agus thogadh e ann an Sisilidh.

'S e am beachd as ainmeile aige gum b' urrainn e an t-saoghal a ghluasad nam biodh luamhan fada gu leòr agus àite daingeann airson seasaidh aige.
Bha smuain ainmeil eile aige an dèidh don rìgh innse dha gun robh dùil aige gun robh fear a' goid airgead air agus nach e òr slàn a bha anns an crùn aige. Chleachd Archimedes gluasad bùrn ri cuideam an òr a mheasadh airson sealltainn gun robh airgead air a mheasgachadh leis an òr ged a bha an rìgh air pàigheadh airson òr na aonar. Às dèidh dha smaoineachadh air an dòigh airson seo a shealltainn, leum Archimedes a-mach às an amar aige agus ruith e tron bhaile ag èigheach 'Eureka (εὕρηκα)!'

Tha Archimedes cuideachd ainmeil airson tòiseachadh am bun-rannsachadh staitistearachd agus inneal uisgeachaidh ris an canar 'Sgriubha Archimedeis.'




#Article 303: Galileo Galilei (282 words)


'S e reuladair agus neach-smaoin ainmeil a bh' ann an Galileo (Pisa, 15 an Gearran 1564–Firenze, 8 am Faoilleach 1642). Thog e prosbaig agus gloinn-amhairc gus am b' urrainn dha coimhead ri na rionnagan agus planaidean eile. Is e a chiad duine a lorg ceithir de na gealaich aig Iupatair agus smaoinich e air toir de na laghan ann an nàdar-feallsanachd. Bha e cuideachd ball dhen Accademia dei Lincei, a' chiad comann saidheansail.

Seach gun robh Galileo den beachd gur e a' ghrian a bha na meadhan an Slighe Chloinn Uisnich an àite an t-saoghal chuir an eaglais Caitligeach e an sàs agus bha iad a maoidheadh a mharbhadh. Gheall e gun do dh'atharraich e creideamhan ach dìreach airson a bheatha a shàbhaladh. Chùm an eaglais e fo smachd agus anns an taigh aige airson a chòir den beatha aige.

Ged 's a tha Galileo comharraichte an latha an diugh airson a h-obair an feallsanachd-nàdurra, bha e cuideachd, mar a bha an cuid bu mhòr de Ollamhan Caitligeach na linn, na h-Ollamh-Dhiadhaidh. Thog e, an lùib a chuid rannsachaidh an saidheans-nàdurra, ceist cudthromach mu deidhinn an càirdeas eadar firinn spioradail agus firinn an saoghal nàdurra. B' anns a cheist seo An e gu bheil fìrinnean spioradail agus nàdurra neo-eisimeileach: fìrinnean spioradail a bhuannachd do saoghal spioradail a-mhàin agus fìrinnean nàdurra a bhuannachd do an duil nàdurra a-mhàin neo An e gu bheil fìrinnean spioradail agus fìrinnean nàdurra còmhla na roinnean de an aon firinn? Tha an ceist seo na h-aobhar connspaid aig cuid eadhan dhan latha an diugh. Thàinig Galileo fhèin ris a cho-dhùnadh gu robh fìrinnean spioradail agus nàdurra co-cheangailte o chionn 's nach urrainn do firinn cuir an aghaidh firinn. 




#Article 304: Isaac Newton (161 words)


'Se neach-feallsanachd nàdar agus matamataigear a bh’ anns an ridire Isaac Newton (4 am Faoilleach, 1643–31 am Màrt, 1727.) Tha e gu math ainmeil airson an obair aige air laghan co-cheangailte ri eòlas-fradhairc, tarraing na talmhainn agus calculas.

Rugadh e 25 Dùbhlachd 1642 anns a' Mhìosachan Iulianach ann an Lincolnshire is thogadh e aig àm a' Chogaidh Sìobhalta Shasainn. An dèidh don Ath-stéidheachadh Theàrlaich II chaidh e na oileanach aig Oilthigh Chambridge ann an 1662. Dh'obair e air eòlas-fradhairc agus reul-eòlas dhachaigh ann an Woolsthorpe agus an oilthigh ga dhùnadh air sgàth na plàighe duibhe. Thill e a Chambridge mar bhall Colaiste na Trianaide is chaidh e na àrd-ollamh ann an 1669. Dh'fhoillsich e am Principia ann an 1687.

Chaidh a thaghadh a riochdaich Oilthigh Chambridge ann am Pàrlamaid ann an 1689 an dèidh don Ar-a-mach Glòrmhor is a-rithist ann an 1701. Chaidh e na Mhaighstear an Taigh-cùinnidh Rìoghail ann an 1699 is na cheann-suidhe a' Chomainn Rìoghail ann an 1703.




#Article 305: Charles Darwin (261 words)


 

B' e neach bith-eòlas a bh' ann an Charles Darwin (12 an Gearran 1809–19 an Giblean, 1882). Tha e ainmeil airson cuir air adhart am beachd ris an canar 'Mean-fhàs'. Tha an smuain seo ag ràdh gun robh aon sinnsear aig a h-uile beathach agus fàs-bheairt a tha beò san latha an diugh. Bheachdaich e gur ann tro taghadh nàdarra no a bhiodh atharraichean a' tighinn air creutairean.

Rugadh e ann an Shrewsbury is bha e na sgoilear aig an sgoil an siud. Bha e na oileanach aig Oilthigh Dhùn Èideann eadar 1825 is 1827 is an sin aig Oilthigh Chambridge.
Rinn e turas fad fad timcheall air Aimearaga a Deas is a' Chuain Shèimh a' Chuain Innseanach air a' Bheagle eadar 1831 is 1836.
'S ann anns am bliadhna 1838 a chrìochnaich Darwin am beachd aige ach tha luchd-eachdraidh den bheachd gun robh feagail air a chuir a-mach oir gun robh e a foillseachadh ceistean mu creideamh diadhachd. Mar sin cha deach an leabhar aige, On the Origin of Species by Means of Natural Selection, or, The Preservation of Favoured Races in the Struggle for Life a sgaoileadh gu 1859 agus an uair sin 'sann seach gun cuala e gun robh fear eile, Alfred Russel Wallace, air an aon beachd a ruighinn agus bha e faisg air a chuir a-mach. Chuir Darwin an leabhar aigesan a-mach an toiseach.
Chaochail e ann an 1882.

B' e Odón de Buen y del Cos a thug na sgrìobh Darwin mu Mhean-fhàs a-steach dhan Spàinn, ged a fhuair e dubh chàineadh on Eaglais Chaitligeach.




#Article 306: Albert Einstein (393 words)


'S e neach nàdar-fheallsanachd agus saidheans a bh'ann an Albert Einstein (Ulm, 14 am Màrt, 1879 - Princeton, 18 an Giblean 1955). Tha mòran den beachd gur e an duine is ealanta a bh' anns an 20mh linn agus ann an 1921 bhuannaich e an Duais Nobel ann am Fiosaigs airson a sheirbheisean do fhiosaigs teòirigeach.

Tha Einstein gu math ainmeil airson na beachdan aige mu solas, stuth, tarraing na talmhainn, fànas agus tìde a chuidich luchd-saidheans na rudan seo a thuigse na b' fheàrr. 'Se an teòirig na dàimheachd sònraichte agus an teòirig na dàimheachd coitcheann a tha aca air na beachdan seo.

Bha Einstein air a bhreith ann an Ulm, Rìoghachd Württemberg 'sa Ghearmailt. 'S e Iùdhaich a bh' anns an teaghlach aige ach cha robh iad a cumail ris gu làidir agus chaidh Albert gu sgoil Caitligeach. Chan è oileanach uabhasach math a bh' ann agus bha gu leòr den bheachd gun robh e neo-thoinisgeil. Aon latha chaidh combaiste iùil-tharraingeach a thoirt dha agus fhuair e ùidh mòr ann an feuchainn ri tuigse ciamar a bhiathadh cumhachd do-fhaicsinneach a toirt air an dealg gluasad agus mar sin thoisich e ag ionnsachadh matamataigs agus saidheans.

Nuair a dh'fhàs e nas aosda chaidh e don sgoil anns an Eilbheis. An dèidh dha ceumnachadh fhuair e obair ann an oifis. Fhad 's a bha e ag obair an sin sgrìobh e na pàipearan is cudthromaiche aige a dhèanadh ainmeil mar neach-saidheans mòr. Fhuair e dotaireachd ann an 1905.

Ron toiseach a' Chiad Cogadh t-Saoghal ghluais e air ais dhan Ghearmailt agus fhuair e obair mar ceannard sgoil. Dh'fhuirich e ann am Berlin gun tàinig na Nàsaich gu cumhachd anns an riaghaltas nàiseanta. Bha na Nàsaich a' dèanamh casaid air Einstein agus ag ràdh gun robh e a feuchainn ri 'Jewish Physics' a dhèanamh agus bha luchd-saidheans Gearmailteach a' feuchainn ri na beachdan aige a bhreugnachadh. Ghluais e gu na Stàitean Aonaichte.

Troimh an Dàra Cogadh t-Saoghal b' e Einstein aon de na daoine a bha comhairliche gum bu chòir do na Stàitean Aonaichte boma atamach a dhèanamh mus b' urrainn do na Gearmailtich. Anns a' bhliadhna 1952 dh'fhaighnich pàrlamaid Israel dha a bhith na cheann-suidhe ach dhiùlt e.

Bha e pòsta aig Mileva Marić eadar 1903 is 1919 agus Elsa Löwenthal eadar 1919 is 1936.

Dh'ainmicheadh an eileamaid einsteinium air ann an 1955.




#Article 307: Leonardo da Vinci (224 words)


B' e neach-ealain agus riochdaire dioplòmasach às An Eadailt a bha ann an Leonardo da Vinci (IPA: leoˈnardo da ˈvintʃi, ainm slàn: Leonardo di ser Piero da Vinci, Firenze, 15 an Giblean, 1452–Amboise, 2 an Cèitean 1519). Bha e cuideachd na pheantair, dealbhadair, agus innleadair. 'S iad dà de na dealbhan is ainmeil aige am 'Mona Lisa' agus 'The Last Supper.' Thòisich da Vinci dòigh ùr airson peantadh an àite cleachdadh an dòigh àbhaisteach.

Rugadh e faisg air Vinci is dh'obair e ann am bùth-obrach Andrea Verrocchio ann am Florence nuair a bha e òg.
Ro 1472 bha e air a dol san Compagnia di San Luca, bràithreachas luchd-ealain ann am Florence ach dh'imrich e do Mhilan ann an 1483. Pheant e Vergine delle Rocce is an Diathad mu Dheireadh an siud.

Dh'fhuirich e a-rithist ann am Florence, far an do pheant e am Mona Lisa, eadar 1499, nuair an do lunn an t-Arm Frangach air Milan, is 1508. 
Ann an 1517, as dèidh trì bliadhnaichean anns an Ròimh, dh'imrich e gu abaid ann an Amboise, far an do dh'obair e mar phrìomh pheantair is einnseanair do Rìgh na Frainge, is mhair e gus do chaochail e.

Thig 12 dealbhan-tarraing do Thaigh-tasgaidh Kelvingrove ann an Glaschu ann an 2019 o chruinneachadh a' Bhànrigh, is thig 80 dealbhan-tarraing do Lùchairt an Ròid san Samhain 2019.




#Article 308: Adam Smith (295 words)


B' e feallsanach Albannach a bh' ann an Adam Smith, (neo Àdhamh Mac a' Ghobhainn, 1723 - 17 an t-Iuchar 1790).

Rugadh agus thogadh e ann an Cair Chaladain ann am Fìobha agus bha e na oileanach aig Oilthigh Ghlaschu fo Francis Hutcheson.
Dh'ionnsaich e aig Oilthigh Oxford eadar 1740 agus 1746 agus thoir e òraidean poblach ann an Dùn Èideann mus deach e na ollamh loidig aig Oilthigh Ghlaschu ann an 1751.
Bha esan h-Ollamh de Feallsanachd Moralta aig Oilthigh Ghlaschu bho 1752 gu 1763. Bha ùidh mòr aige ann an nàdar an duine - carson a bhitheadh daoine a' faireachdainn gu bheil feadhainn de rudan dona, no olc, agus feadhainn eile math. Bha e a' smaointinn gun robh co-thruas gu math cudthromach ann an lagh nam beus. Sgrìobh e leabhar don ainm The Theory of Moral Sentiments a chaidh air foillseachadh ann an 1759. 

Eadar 1763 agus 1766 bha e na taoitear do Dhiùc òg Bhuccleugh, air cuairt mòr na h-Eòrpa. Is beag an teagamh nach do stèidhich e sgoil-eaconomais ann an 1776 nuair a fhoillsich e a mhòr-thràchdas air Saoibhreas nan Nàisean - Mar sin, 's e 'The Father of Modern Economics' a bhios daoine a' cantainn ris. 

Bu chòir dhuinn aithneachadh co-dhiù gu robh An Inquiry into the Nature and Causes of the Wealth of Nations no dìreach Wealth of Nations stèidhichte air ceist moralta. Anns an leabhar chuir esan an ceist, 'Dé is urrainn do dhuine a dhèanamh a tha as fheàrr airson na dùthcha aige?' Thàinig e dhan cho-dhùnadh: Nan dèanadh a h-uile duine an rud a b' fheàrr dhaibh fhèin gun dèanadh an dùthaich nas fheàrr. 'S e seo an modh smaoineachaidh ris an canar Libearalach. 

Bha ceangail eadar Smith agus feallsanaiche Albannach ainmeil eile mar David Hume.




#Article 309: Oilthigh Ghlaschu (Iomain) (678 words)


Tha Sgioba Iomain Oilthigh Ghlaschu ag àrdachadh camanachd, an spòrs traidiseanta, Gàidhealach a-measg nan oileanach aig Oilthigh Ghlaschu. 

Pàirc na Solais, Ionad Spòrs Gart Sguaib, Rathad Chnoc Màiri, Glaschu

Tha lèintean òir, briogais-ghoirid dhubh, stocainnean òir is dubh nan dathan-cluiche Oilthigh Ghlaschu. 

Tha Oilthigh Ghlaschu air piseach mòr a thoirt don gheama thar na bliadhnaichean.  Tha cluicheadairean ùra air a bhith gan trèanadh agus tha cluicheadairean stèidhichte air am leasachadh nan sgilean.  Nuair a dh'fhàgas iad an Oilthigh, bidh iad a’ cuideachadh gus an geama a neartachadh air an taobh rianachd. Aig an toiseach, tha dithis ann aig a bheil fìor eòlas air a h-uile rud a bhuineas do spòrs nan Gaidheal, Iain U. Caimbeul, Ceann Suidhe Chomunn na Camanachd bho 1982 gu 1985 agus Ùisdean D. Macilleannain, fear-naidheachd is craoladair. Fhuair an dithis aca ‘Guirm’ bhon Oilthigh nuair a bha iad a’ cluich. 

Chaidh Sgioba Iomain Oilthigh Ghlaschu a stèidheachadh ann an 1901. ‘S e Aonghas MacBhiocair, Murchadh MacCoinnich agus Murchadh MacRàth a bh’ ann na trì stèidheadairean, agus ‘s e Aonghas a’ bh’ anns a’ chiad sgiobair.

Anns na 50an, bha da sgioba aig an Oilthigh ach o chionn fhada tha e air fhàs nas dorra oileanaich a lorg le eòlas air iomain agus tha an sgioba a-nis a’ cumail aon sgioba fireannach agus cuideachd, bidh iad a’ feuchainn ri sgioba a chumail do bhoireannaich.

Anmoch sna 50an agus tràth sna 60an, bha linn air leth shoirbheachail aig an Sgioba, a’ gleidheadh Lìog a Deas ann an 1959-60 agus Cuach Littlejohn ann an 59-60, 60-61 agus 61-62.  Thànaig cuid dhe na cluicheadairean seo  còmhla a-rithist nuair a chaidh Glaschu Ceilbhinn a stèidheachadh.  Chaidh a’ chuairt dheireannach de Chuach Chataibh a ruigsinn airson a’ chiad turas ann an 1981 agus chaidh Còrn Sgeaboist a bhuannachadh iomadach tursan.

Mar sgioba oilthigh, tha an Sgioba air a ruith leis na cluicheadairean fhèin le taic-airgid bho Comunn Spòrs Oilthigh Ghlaschu, na bhios a’ liubhairt giùlain gu geamannan air falbh bho àm gu àm.  Gun teagamh, tha feum air eudmhorachd air a’ phàirc is far na pàirce, is uaireannan thèid seo a mothachadh le bhith a’ toirt seachad na duaise cliùitiche, ‘Gorm’ Oilthigh, ach nas trice thèid a mhothachadh le pinnt! 

A-measg na caractaran as cudromaiche anns na bliadhnaichean a dh’fhalbh, tha Jack Asher ann.  Fhuair Jack ‘Gorm’ agus bha cliù mhòr aig mar rèitear.  Bha e na phàirt den sgioba soirbheachail sna  50an agus tha e a-nis na cheann-suidhe onarach.  Bha a mhac, Gordon, na chluicheadair chòmhnard don sgioba anns na 90an.

Feumar mòran moladh airson an sgioba a chumail beò sna 80s a dhol gu Doire Barton, a sheall mòran iomairt is eudmhorachd gu riaghailteach.  Thug Friseal Gordain Iomain Oilthigh an àrd aig an àm seo cuideachd agus chaidh a chuid shaothair mhiorbhaileach aithneachadh le ‘Gorm’.

Bha na h-oidhirpean aig Daibhidh Bell is Daniel Donn, bho Gleann Urchardan is Ceann a’ Ghiuthsaich fa leth, glè chudthromach ann a bhith a’ toirt comas dhan sgioba a dhol suas gu Lìog a Dha agus gus Cuach Littlejohn a ghleidheadh trì tursan.  Fhuair an dithis aca ‘Guirm’.

Tha an sgioba air buaidh fhaighinn ann Lìog a Deas 2 agus Cuach Littlejohn, a’ faighinn a-steach dhan chuairt dheireannach ceithir tursan ann an sreath bho 2001-2004, ga bhuannachadh da thuras.  Feumar luaidh shònraichte a thoirt air oidhirpean nan Sgitheanach, Aonghas Liddon agus Keith MacCoinnich agus cuideachd air fear à Obar Dheathain, Daibhidh C Moore, a thoisich iomain aig an Oilthigh agus as deidh da bhliadhna a bha na sgiobair nuair a bhuannaich an sgioba Lìog a Deas 2 gun gheama a chaill ann an 2002-03. Choisinn iad an tiotal mar Club a’ Mhios aon turas.  Bidh Oilthigh Ghlaschu a-nis a’ gabhail pàirt ann an Lìog nan Oileanach agus Cuach Littlejohn. 

Ann an 2004-05, chrìoch iad an seisean anns an treas àite ann an Lìog nan Oileanach agus chaidh an cur a-mach bhon Littlejohn san Iar-chuairt Deireannach le RGU as dèidh ‘pheanasan’.   Bha Craig Ros na sgiobair ann an 2004-05, ach a-nis 's e Gilleasbuig MacDhòmhnaill a th' ann, ogha a' bhàird ainmeil Somhairle MacGill-Eain.




#Article 310: Calum Dòmhnallach (112 words)


Is e ball den chòmhlan Runrig a tha ann an Calum Dòmhnallach. Rugadh e ann an Uibhist a Tuath air 12 an t-Samhain 1953). Bha e fhèin agus a bhràthair Ruaraidh anns a' chòmhlan bho thùs, agus iadsan a' sgrìobhadh a' mhòrchuid de na h-òrain. Bidh Calum a' cluich dhrumaichean anns a' chòmhlan agus a' seinn aig amannan.

Chaidh iad a dh'Àrd-sgoil Phort Rìgh far an do thachair iad ri Donaidh Rothach.

Ann an 2012 dh'fhoillsich Calum agus Ruaraidh clàr leotha fhèin leis an ainm The Band from Rockall air a bheil 12 òrain, 4 dhiubh sa Ghàidhlig.

Choisinn Calum agus Ruaraidh Duais nan Sàr-Ghàidheal bho Shabhal Mòr Ostaig sa bhliadhna 2015.




#Article 311: Donaidh Rothach (163 words)


Tha Donnie Rothach  ’na sheinneadair a b’ àbhaist a bhith seinn còmhla ri Runrig. Rugadh e ann an Ùige, anns an Eilean Sgitheanach air an dàrna latha den Lùnastal 1953.  Thogadh e lena phàrantan ann am Port Rìgh, ach chuir e seachad ùine cuideachd air croit a sheanar ’s sheanmhar ann an Ùige.  Bha e a’ seinn bho aois gu math òg, agus ’s ann ann an Àrd Sgoil Phort Rìgh a thachair e ri Calum agus Ruairidh Dòmhnallach, a bha air còmhlan ùr a stèidheachadh – Runrig – agus, mar a chanas iad, ’s e eachdraidh a th’ ann an còrr. (Faic, mar eisimpleir, Going Home – the Runrig Story, le Tom Morton.) Dh’fhàg Donaidh Runrig ann an 1997 gus seasamh airson a’ Phàrtaidh Làbaraich ann an taghadh coitcheann Westminster, ach chaill e do Teàrlach Ceanadach bho na LibDems. Bha e na Reactar Oilthigh Dhùn Èideann eadar 1991 is 1994. Tha e ’na stiùiriche leasachaidh agus nan ealan aig Sabhal Mòr Ostaig.




#Article 312: Hòmair (118 words)


ʼS e Hòmair (Greugais: Όμηρος, Beurla: Homer) am bàrd Greugach a sgrìobh na dàin mhòra Iliáda agus Odýsseia. Chan eil mòran fiosrachaidh againn mʼ a dheidhinn - no fiù ʼs an robh an duine ann idir, oir tha feadhainn den bheachd gur e buidheann de dhaoine a sgrìobh na dàin sin. Tha feadhainn eile den bheachd gur e boireannach a bhʼ ann. A rèir seann-sgeul ʼs e bàrd dall a bhʼ ann a bha a' fuireach ann an Ionia. Thathar aʼ creidsinn gun robh e beò mu 800 R.Ch.

Dh'eadar-theangaich Iain MacIllEathain à Ratharsair eadar-theangachadh an Odusseia gu Gàidhlig nuair a leig e a dhreuchd dheth ann an 1966. Dh'fhoillsich Gairm e, mar Odusseia Homair, ann an 1976.




#Article 313: Sgoil Eòlas an Oirthir agus Afraga (244 words)


Bha Sgoil Eòlas an Oirthir agus Afraga (Beurla:School of Oriental and African Studies (SOAS)) stèidhichte ann an 1916 mar Sgoil Eòlas an Oirthir, le Afraga air a chuir ris an ainm anns na 1930an. 'S e prìomh amas na colaiste foghlam agus trèanadh a thoirt do luchd-riaghlaidh Breatannach a bhitheadh a' fàgail airson obair riaghlaidh air feadh an Impireachd. Bhon àm ud tha a' ghnè aig SOAS air atharrachadh agus is e a-nis am prìomh ionad air an t-saoghal airson eòlas agus foghlam mun Oirthir agus Afraga.

Mar colaiste ann an Oilthigh Lunnainn, bidh SOAS a' teagaisg Lagh, Saidheans Sòisealta, Ealain agus Cànain le cuideam air an Oirthir agus Afraga anns gach cuspair.

'S e leabharlann SOAS an ionad-ghoireasan aig Breatainn gu lèir airson an Oirthir agus Afraga agus am fear as motha de sheòrsa anns an Roinn Eòrpa.

Tha an sgoil air fàs gu mòr anns na bliadhnachan mu dheireadh; bho mu 1,000 oileanach ann an 1970 gu barrachd air 3,000 san latha an-diugh - le mu leth aca nan iar-cheumnaichean.

Tha dà ealain-lann air an stèidheachadh aig a' cholaiste cuideachd: Am Percival David Foundation of Chinese Art agus am Brunei Gallery.

A rèir an Times Higher Education Supplement bha e na 52mh oilthigh anns an Rìoghachd Aonaichte ann an 2016.

'S urrainnear seann oileanaich a lorg ann an iomadach ìre agus suidheachadh cumhachdach ann am foghlam, lagh, dioplòmasaidh, naidheachdas, riaghaltas, ionadan eadar-nàiseanta, buidhnean neo-riaghaltasach (NGOan), bancaireachd, dualchas, ealain, na meadhanan agus oilthighean.




#Article 314: Cleopatra (126 words)


B' e Ban-righ bhon Èipheit a bh' ann an Cleopatra. B' e Cleopatra an t-ainm a bhitheadh aig a h-uile Ban-Rìgh anns an teaghlach Siol Ptolemy agus b' e an tè seo, Cleopatra VII, an tè a bu ainmeile.

Bha Cleopatra VII Philopator (Cathair Alastair, 70 R.C - Ibidem, 30 R.C) na ban-righ agus na phàraoh mu dheireadh a bh' aig an Èipheit. Rinn i a' chùis air na bràthairean aice airson suidhe air an rìgh-chathair an dèidh dhi Iulius Caesar a phòsadh agus bha mac aice leis ged nach robh am pòsadh eatarra laghail anns an Ròimh. An dèidh muirt Caesar bha i pòsta aig Marcus Antonius. An dèidh dhan an rìoghachd aice tuiteam fo smachd luchd eile chuir i às dhi fhèin le asp.




#Article 315: Liotuàinia (107 words)


 
Is e dùthaich ann an Roinn-Eòrpa a Tuath a tha ann an Liotuàinia.. Cleachdar ainmean eile cuideachd, m.e.:

Tha crìochan aice leis an Laitbhe anns an taobh a thuath, leis a' Bhealaruis anns an taobh an earra-dheas, agus leis a' Phòlainn agus le Kaliningrad Oblast (pàirt den Ruis) anns an taobh deas. Tha am Muir Baltach anns an taobh an iar-thuath. Tha Vilnius na phrìomh-bhaile. Bha i a' chiad stàit a dh'fhàg an t-Aonadh Sobhiat (1991). Chaidh i a-steach dhan Aonadh-Eòrpach ann an 2004.

Tha ball-basgaid am measg nan spòrs as cudromaiche do na Liotuàinianaich. Am measg nan cluicheadairean as ainmeile tha Arvydas Sabonis neo Sarunas Jasikevicius.




#Article 316: Vincent van Gogh (153 words)


B' e peantair às na Tìrean Ìsle a bh' ann an Vincent Willem van Gogh (IPA: , Zundert, 30 am Màrt 1853–Auvers-sur-Oise, 29 an t-Iuchar 1890). An dèidh dha feuchainn, agus dèanamh glè dhona, seòrsa air leth obair rinn e an àird inntinn a làmh a chuir ri ealain agus lì-dhealbhadh agus mar sin ghluais e gu Paris còmhla ri a bhràthair, Theo, a bha ag obair a reic dealbhan agus a thug toir cuideachadh agus taic do Vincent.

An deidh greiseag ghluais e gu baile den ainm Arles còmhla ri lì-dhealbhadair eile, Paul Gauguin. Bha an dithis aca ag argamaid gu tric agus gu mòr agus mu dheireadh gheàrr Vincent cuid a' chluais aige dheth.
Dh'fhàs na trioblaidean aig van Gogh cho dona agus gun deach a chuir gu taigh-chaoich far an do chuir e fhàs dha fhèin an deidh dà latha. Bhàsaich Paul Gauguin dreis ghoirid an dèidh sin le bròn.




#Article 317: Tony Blair (163 words)


'S e Prìomh-mhinistear an Rìoghachd Aonaichte agus riochdaire dioplòmasach a bh' ann an Tony Blair. B' e ceannard a' phàrtaidh Làbarach a bh' ann agus tha e air na cheannard oir bho 1994 agus mar phrìomhaire Breatainn bho 1997 nuair a chuir na Làbaraich na Tòraidhean a-mach a cumhachd anns an taghaidh pàrlamaid.

Mar cheannard a' phàrtaidh Làbarach tha e air trì taghaidhean coitcheann a bhuannachadh: ann an 1997 an aghaidh John Major, 2001 an aghaidh William Hague agus 2005 an aghaidh Michael Howard.
Shoidhnich e Aonta DihAoine na Ceusta ann an 1998 còmhla ri Bertie Ahern is b' ann nuair a bha e na phrìomhaire an deach cumhachd a thiomnachadh do dh'Alba is a' Chuimrigh.
Leig e a dhreuchd, agus an seat aige, Sedgefield, suas, ann an 2007.

Chaidh foghlam aig Fettes College ann an Dùn Èideann agus Oilthigh Oxford an Sasainn. Mus do ghabh e ri poileataigs bha dreuchd aige mar fear lagha. Tha e pòsta agus tha ceathrar cloinne aige.




#Article 318: Elfriede Jelinek (125 words)


'S e boireann-dhlighiche, sgrìobhadair dealbh-chluich agus nobhalan às an Ostair a tha ann an Elfriede Jelinek (IPA: ɛlˈfʀiːdə ˈjɛlinɛk). Rugadh i ann am baile beag ann an Steiermark ris an canar Mürzzuschlag ann an 1946. Bha i sgoilear aig an Conservatoire Baile Vienna far a dh'ionnsaich i piàno is organ. Dh'fhoillsich i a' chiad nobhail aice, wir sind lockvögel, baby! (Tha sinn culaidhean-tàlaidh, baby!) ann an 1970. 'S e a nobhail as ainmeile a tha ann an Die Klavierspielerin (An Cluicheadair Piàno), a rinn Michael Haneke na fhiolm le Isabelle Huppert. Nuair a bha i òg, rinn Hans Asperger obair oirre.

Bhuannaich i an Duais Nobel ann an Litreachas anns a' bhliadhna 2004. S' e an deicheamh tè a choisinn an duais seo a th'innte.




#Article 319: Fiadh (180 words)


Sònraichte gu teann, tha fiadh 'na shineach ath-chagnach air buntainn ris an teaghlach Cervidae. Tha àireamh-shluaigh nam beathaichean fìor-eugsamhail, bho teaghlaichean càirdeach 'san co-eagar Artiodactyla, gu tric ainmichte fèidh cuideachd. 

A' cur earbs' air an ghnè, tha fèidh fhearannach ainmichte daimh no daimh-fèidh, agus tha fèidh bhoireannach ainmichte earbaichean, èildean, aighean no bà. Tha fèidh òga ainmichte laoigh-fèidh no mangan. 

Trì aois coin, aois eich
Trì aois eich, aois duine
Trì aois duine, aois fèidh
Trì aois fèidh, aois fìrein
Trì aois fìrein, aois craoibh dharaich.

Ruigidh cuid den fhèidh aois mhòr, eadhon 120 - 140 bliadhna a dh' aois.

Tha làn dearbhadh aig sealgairean an fhèidh air Gàidhealtachd na h-Alba, gun robh cuid dhiubh ann am frith Ghlinne-garadh a bha 80 bliadhna agus còrr. Fhuaireadh damh ann an 1826 agus bha comharra-cluaise air a bhuineadh do fhorsair ainmeil, Eòghann mac Iain Òig a chaochail ceud gu leth bliadhna ron àm sin. Bha aon agh geal a bha ann am fàsach Loch Trèig fad chuimhne trì linntean dhaoine. Bha i cho furachail, seòlta 's nach d' fhuaireadh riamh urchair oirre.




#Article 320: Rathad-iarainn (718 words)


Is e siostam-ghiùlain a tha anns an rathad-iarainn neo rathad nan gad a tha stèidhichte air rathad sònraichte a bhitheas a' breith agus a' steòrnadh carbadan a tha uidheamaichte dha. 

Is e cruth an rathaid, dà ghad iarainn, co-shìnte agus teannaichte sìos air bunachar freagarrach.

Bithidh na carbadan rathad-iarainn uidheamaichte le cuibhlichean bilte. Tionndaidh dà chuibhle air aiseal cumanta, Tha barr nan riomb leatha agus rèidh agus bithidh bile mun chuairt gach cuibhle air a slios a-staigh. 

Mar sin faodaidh do na carbadan a ruith air bàrr an rathaid gun a bhith tuiteam dheth.

Aig a' charr as simplidh chan eil dith ach air rathad singilte goirid agus carbad a-mhàin. Bha cuid de na h-ionadan-bhradain air an Abhainn Tatha a' cleachdadh rathadan-iarainn mar seo eisg a ghiùlain suas dhan rathad-dubh eadar Peairt is Dùn Deagh sìos ris na 1990an.

Chaidh turachadh air rathaidean nan gad ann an Sasuinn mun bhliadhna 1604. Is ann as fiodh a rinneadh na gadan do na rathadaibh nan gad bu tràithe agus b' e cumhachd eich a tharruinn na uaganain a chaidh orra. Chaidh toiseach air cleachdadh gadan iarainn bho meadhan an 18mh linn, agus bho toiseach an 19mh linn chuireadh carbadan-smùide an gnìomh. Ré na 1820'n rinn Nicholas Wood an rannsachadh a dhearbh bun-saidheans an rathaid-iarainn, agus an luib sin, eadar 1825 agus 1840, chaidh leasachadh ana-mhòr air an teicneolas. A roimhe 1850, leigeadh na cnàimhean de branndairean nàiseanta agus eadar-nàiseanta air feadh Eòrpa.

Tha an sgrìobhadh eachdraidheil bu sine mu rathad nan gad a' nochdadh ann an cùise laghail Sasunnach a chaidh air èisdeachd an 1604. B' e cnap na cùise gu robh fear seilbh mhèinne-guail air cuir tylting rails thairis air fearann (a bha an seilbh fear eile) eadar beul a mhèinn agus laimrig air Abhainn na Sebheirn ann an Siorramachd Nottinghaim.

Mun bhliadhna 1609 fhuair fear à Siorramachd Nottinghaim dom b' ainm Beaumont taic air mèinn-ghuail air Bruaiche na Tyne an Ear-thuath Shasainn, thug e leis iomadh innlean nach robh aithnichte ann an Ear-thuath Shasainn aig an àm - nam measg Snìomhairean Talmhainn agus coincheap rathad nan gad. Thug muinntir Ear-thuath Shasainn ri na h-innlean seo, bu sònraichte rathaidean nan gad agus chaidh leasachadh nan raointean-ghuail mu Caisteal Nuadh air Taidhne air adhart gu luatha. Thogadh ficheadan de rathaidean nan Gad eadar beul-meinnibh agus laimrigibh aibhne. Bha rathaidean nan gad, neo rathaidean-uagain mar a chaidh orra, cho dlùth cheangailte ri leasachadh na sgìre gun deach iad fo far-ainm Newcastle Road roimhe deireadh an 17mh linn. 

Cha robh an cuid bu mhòr de na rathaidean-uagain seo nas fhada na ceithir neo còig cheud meatair agus gu robh iad a' claonadh gu ìre mhòr bho bheulmheinn chun laimrig, is ann mar sin a bhiodh carbadan làn nan ruithe leis a' bhruaich fo cumhachd tarruinn talmhainn agus chuireadh eich ri feum a tharruinn na carbadan aotrom air ais ris a' mhèinn.

Chaidh leasachadh air an teicneolas mean air mhean- bho meadhan an 18mh linn chuireadh cinn iarainn air na gadaibh fhiodh agus ro dheireadh an linn rinneadh gadan-ruithe as iarainn leaghta. Thàinig cuibhlichean iarainn a-steach as deidh 1750 agus ro deireadh an linn rinneadh an siud 's an seo bòrd-claoin fèin-obrachaidh.

Is ann an 1722 a chaidh togail air a' chiad rathad-uagain an Alba, eadar Tranent agus Cockenzie air Raon ghuail a Lodaidh, agus is ann an 1754 a chaidh fhosgail air a chiad rathad-uagain an Èirinn, eadar an slochd ghuail aig Drum Glas an Contae Tir Éoghainn agus canal leth-mhìle air falbh.
Thuraich an t-inneal smùid róthadachd aig Seumas Bhatt ann an 1784, inneal stèidhichte a bha seo a chleachd smùid bho goilear fa-leth aig bruthaich gu math ìosal. Taobh a-steach deich bliadhna thoisich an Córnach Risteard Trevithick a thogail innealan “paisgte” air an robh an goilear na bunachar don inneal fhèin agus a chleachd “smùid làidir” aig bruthaicheas suas ri 40 punnd air an òirleach cheàrnag ( 2.5 ailean). Thog Trevethick inneal smùid fèin-ghluasad cho tràth ri 1801 agus ann an 1804 rinn e inneal a ruitheadh air gadan airson fear a sheilbh obraichean iarainn agus rathad trama aig Pen-y-Darren an Cymru a Deas. Dhearbh an inneal a thog Trevethick gum b' urrainn do inneal stotha a tharruinn cuid uagain na sguain, ach cha deach an cleachdadh an aite nan each a bha nan modh tarruinn àbhaisteach aig an am.




#Article 321: Trèana (182 words)


Bidh trèanaichean a' siubhal air rathaidean-iarainn. Is e sreath de charbadan a tha ann an trèana.

Tha am facal trèana stèidhichte air facal Beurla air sreath. B' iad eich a bha a' tarraing nan carbadan air na ciad rathaidean-iarainn. Ged nach b' urrainn do dh'each ach tunna a chuideam a tharraing ann an carbad air rathad-cloiche, thairngneadh e ceithir no còig tunna a chuideam air rathad-iarainn rèidh. Mar sin shlaodadh e trì no ceithir carbadan ann an sreath.

Tha seo soilleir bhon Achd Phàrlamaid a cheadaich togail an rathaid-iarainn eadar an Ruadh Ghleann is Glaschu ann an 1826. Shònraich an Achd nach fhaodadh each ach trì carbadan ann an sreath a tharraing far am biodh an rathad-iarainn a' dol tarsainn air an rathad àbhaisteach air an t-slighe gu Cidhe a Deas a' Bhroomielaw.

Bho mu 1830 chuireadh innealan-smùide an gnìomh gus na trèanaichean a tharraing. Air sgàth seo thòisich trèanaichean air falbh mòran na bu luaithe. An-diugh air feadh an t-saoghail tha innealan-smùide air a dhol a-mach às an fhasan agus is e cumhachd an dealain no einnseanan Diesel a thairngneas trèanaichean.




#Article 322: Teàrlach Mòr (223 words)


B' e Teàrlach Mòr (742 no 747 - 28mh Faoilleach, 814, Charlemagne san Fhraingis, Karl der Große sa Ghearmailtis, Karel de Grote san Duitsis agus Carolus Magnus sa Laidinn) Rìgh nan seann Ghearmailteach ris an canar na Fraingich agus an duine a stèidhich Ìmpireachd Naomh na Ròimhe.

B' e am mac as sine aig Rìgh Pippin Òg (cuideachd air ainmeachadh ' Pippin Goirid '). Nuair a bhàsaich Pippin, chaidh an rìoghachd aige a phàirticheadh ann an dà leth eadar a mhic - Teàrlach agus a bhràthair Carloman. Bhàsaich Carloman air an còigeamh latha den Dàmhair 771, mar sin a' fàgail Teàrlach Mòr mar cheannard na rìoghachd Fraingich aonaichte. Bha Teàrlach Mòr a' cogadh airson a' mhòr-chuid de bhliadhnaichean a rìoghachd - leis a' chlaidheamh ainmeil aige 'Joyeuse' na làimh. An dèidh trithead bliadhna de chogadh agus ochd blàran deug, cheannsaich e na Sagsonaidh - amas a bh' aig Ìmpire Augustus den Ìmpireachd Ròmanach ach nach robh na chumhachd a dhèanamh. An dèidh dha smachd fhaighinn air talamh no sgìre, dh'iompaich e na daoine chun a' chreideimh Chrìosdaidh. Stèidhich e Magdeburg ann an 805 agus ionad riaghlaidh ann an Worms cuideachd.

An ceann na 8mh linne thagh rìgh Teàrlach Mòr Aachen airson an rath a b' fheàrr aige.
Thog e cill, Pfalzkapelle, a tha na pàirt den àrd-eaglais Aachener Dom an-diugh, agus pàlas impireil.




#Article 323: Seumas IV Alba (345 words)


Ghairmeadh Rìgh Alba dheth Seumas IV nuair a chaidh athair, Seumas III, a mharbhadh le cuilbheirt às dèidh Bhlàr Allt nan Seileach, 11 an t-Ògmhios 1488. Bha Seumas, mas fhìor, aig ceann nan reubaltach a rinn ar-a-mach an aghaidh athar, ged nach robh e ach na ghille òg san àm. A-riamh bhon uair sin gu latha a bhàis, chaith Seumas IV crios-iarrainn trom mu chneas, mar nàdar de aithreachas.

Is fhada bho bha eachdraichean dhen bharail gur h-e a bu chomasaiche dhe na rìghrean Stiùbhartach, agus shoirbhich le Alba fo riaghladh. Stèidhich e oilthigh leighis ann an Obar Dheathain, agus bhrosnaich e malairteachd is na h-ealain; bha e fhèin ionnsaichte is iomadach cànan aige, Gàidhlig nam measg. 

Tha cuid a' cumail a-mach gun robh Seumas IV na Rìgh Alba mu dheireadh a bha fileanta sa Ghàidhlig. Tha fios againn gun robh Gàidhlig aige bhon fhianais a dh'fhàgadh le fear Pedro Ayala, an tosgair Spàinnteach - uime sin, 's e Seumas am fear mu dheireadh air a bheil fios le cinnt againn, ged a tha cuid eile ag ràdh gun do bhruidhinn Seumas V i. Ach Gàidhlig ann no às, 's e Seumas IV a chuir às do Thighearnas nan Eilean ann an 1493; bha an tighearnas air fàs ro chumhachdach, chun na h-ìre far an do chuir e an rìgh fhèin gu dùbhlan.

Bha e a' mhiannachadh gum biodh sìth eadar Alba is Sasainn; air an dòigh sin phòs e Mairead Tudor, nighean Eanraig VII, ann an 1503 - thuirte pòsadh a' chluarain san ròs ris a' phòsadh seo.

Ach bhris cogadh a-mach a-rithist eadar an dà dhùthaich, agus chaidh Seumas IV a mharbhadh a' sabaid aig ceann airm, latha Blàr Flodden (9 an t-Sultain 1513), batail mòr an ceann a tuath Shasainn an aghaidh nan Sasannach. Bha e mar amas aige cuideachadh a thoirt do na Fraingich, oir bha cogadh ann eadar an Fhraing agus Sasainn aig an àm.

Dh'fhàgadh a mhac Seumas V na rìgh, ged nach robh e ach bliadhna a dh'aois. Dh'fhosgail seo an doras gu amannan glè dhoirbh airson Alba.




#Article 324: Pròiseact nan Ealan (183 words)


Stèidhichte ann an 1987, ’s e companaidh earranta neo-phrothaideach (àireamh companaidh: SCO166105) agus buidheann carthannais clàraichte (àireamh carthannais: SCO24912) a tha ann am PNE. Tha PNE a' fastadh 5 luchd-obrach làn-ùine aig an àm seo, a tha a' faighinn taic airson pròiseactan sònraichte bho luchd-obrach neo-cheangailte agus saor-thoileach ma bhios feum aca air.

Tha am buidheann air a stiùireadh le bòrd stiùiridh air a bheil uallach airson co-dhùnaidhean aig ìre àrd a dhèanamh agus stiùireadh iomlan na buidhne a riaghladh. ’S e amas PNE gur e am buidheann ro-innleachdach airson leasachadh nan ealan Ghàidhlig agus gum bi e dìoghrasach mu bhith ag adhartachadh cho cudromach ’s a tha cànan agus cultar na Gàidhlig ann an Alba ùr, beòthail agus misneachail.

Tha iad stèidhichte ann an Steòrnabhagh an Eilean Leòdhais, agus ged a tha a' mhòr-chuid raon-dleastanais aca stèidhichte an Alba, tha an obair gu tric gan toirt nas fhaide air falbh gu dùthchannan eile san Roinn Eòrpa, Canada agus na Stàitean Aonaichte. Tha iomairtean PNE air iomadh duais a chosnadh thar nan 10 bliadhna mu dheireadh.

Am measg nam pròiseactan soirbheachail aca, tha:




#Article 325: Steòrnabhagh (219 words)


Tha mu 8000 neach nan còmhnaidh an Steòrnabhagh, prìomh-bhaile nan Eileanan Siar o chionn 1974, agus a h-aon baile a tha nas motha na bhaile-fearainn an Innse Gall. Tha na prìomh oifisean aig Comhairle nan Eilean Siar suidhichte anns an White House. Bha am Mòd Nàiseanta Rìoghail anns a' bhaile fhèin ann an 2001, 2005 is 2016. 'S e Sgoil MhicNeacail an àrd-sgoil ann an Steòrnabhagh. 

Ged a tha a' Ghàidhlig coitcheann (Tha a' Ghàidhlig aig corr agus 60% de muinntir Leòdhais), tha am baile fhèin làn Ghall agus mar sin 's e Beurla am prìomh chànan a th' air a chleachdadh agus 's e Steòrnabhagh aon de na h-àitean 'sna h-eilean far a bheil na clàran-seòlaidh air an sgrìobhadh gu h-àraid 'sa Bheurla seach 'sa Ghàidhlig.

Chaidh am Mòd Nàiseanta a chumail ann an Steòrnabhagh/Na h-Eileanan Siar anns na bliadhnaichean 1979, 1989, 2001, 2005, 2011 agus 2016.

'S e port-mara airson aiseig a tha ann. An sin tha seirbheis aiseagan a' ruith gu Ulapul air a' mhòr-thìr le Caledonian Mac a' Bhriuthainn. Tha dà aiseig air an rathad, aon airson neach-siubhail agus agus fear eile airson lòd. Tha port-adhair aige, Port Adhair Steòrnabhagh a tha suidhichte mu 2 mhìle air falbh bhon bhaile fhèin, faisg air Mealabost. Tha itealan a' dol gu Inbhir Nis agus Glaschu gach latha.




#Article 326: Camanachd Inbhir Aora (308 words)


'S e club iomain a th' ann an Camanachd Inbhir Aora. Is iad na far-ainmean Beurla: an taobh Royal Burgh agus na 'Aray Boys'.

Tha an club stèidhichte ann an Inbhir Aora, Earra-Ghàidheal agus Bhòid, Alba. Cluichidh iad ann an lèintean dubha is buidhe agus briogaisean ghoirid dubha is buidhe. Cluichidh iad aig an raon-cluiche Winterton Park.

Tha dà sgioba fir aca. Bidh sgioba a' cluich anns an Roinn Nàiseanta. Tha sgioba glèidhte ann cuideachd a bhios a' cluich ann an Sgìre a Deas Marine Harvest 2.

Stèidhicheadh an club ann an 1877. Thòisich iad a' cluich aig Winterton Park a tha buntainn ri Diùc Earra-Ghàidheal ann an 1878.
Ach aig deireadh an seusan 1936, dh'fheumadh iad stad nuair a chaidh an club toirmeasg bho farpaisean fad ochd bliadhnaichean.

As dèidh an Dàrna Cogaidh, dh'aonaich an club le An Fhùirneis (Furnace) fon ainm ùr Taobh Loch Fìne (Loch Fyne-side). 

B' e an t-seusan 2000-2001 an t-seusan as soirbheachail dhaibh. Bhuannaich iad na duaisean Cupa Lìg an Roinn Nàiseanta, Cupa a' Chomainn Cheiltich Ghlaschu, Cupa a' Bhaile Mhòir agus an Cupa MhicAmhlaigh. Fhuair iad duaisean cuideachd airson Sgioba na Bliadhna, Còidse na Bliadhna agus Cluicheadair na Bliadhna.

Ràinig iad Cuairt-dheireannach Cupa na Camanachd ann an 2002 ach chaill iad 3-2 an aghaidh Ceann a' Ghiuthsaich. Ann an 2004 an aghaidh An Gearasdan, ged-tà, bhuannaich iad 1-0.

Chluich iad ann am Prìomh-roinn Scottish Hydro gu 2015. 

Ann an 1903, chluich Inbhir Aora anns an cuairt dheireannach Cupa na Camanachd an aghaidh Ceann a' Ghiuthsaich. Chluicheadh an geama ann am Peairt agus 's e sgòr co-ionann a bha ann aig deireadh a' gheama. Gus an geama a chluich a-rithist, chuir Comann na Camanachd air dòigh e ach, an turas sin, ann an Inbhir Nis. Dhiùlt Inbhir Aora siubhal an t-astar siud agus thug an Comann an duais gu Ceann a' Ghiuthsaich.




#Article 327: Contra-danns Albannach (536 words)


Is e a tha ann an contra-danns modh dannsaidh stèidhichte air seata fada 's a bhitheas sreath nam fir a' dannsadh an aghaidh (Laideann: contra) ri sreath na mnà. Taobh a-steach am pàtran seo, dannsaidh cupalan le chèile agus bithidh gach cupal (fear is boireann)a dannsadh ri na cupalaibh eile a tha a' gabhail pàirt 's an seata. Bithidh gach dannsa fa-leth dèanta a gluasadan sònraichte. Anns a' chuid bu mhòr de na dannsaichean, is e an cupal aig ceann na seata a dhannsas turas le na dannsairean eile mus a bith iad a' ruigsinn bun na seata agus tòiseachaidh an dannsa a-rithis le cupal ur gan treòrachadh. Thèid roinneadh eadar na dannsaichean a rèir an seòrsa ciùil as freagarrach dhaibh: Port Singilte (6/8), Ruidhil (4/4) agus Srath Spè (4/4).

Aig toiseach gach dannsa seasaidh na cupalan nan loidhneachan shìos an talla, Is e ceann an seata an ceann as fhaisg air a' chòmhlan-ciùil, agus a choimhead a nuas (bhon chòmhlan-chiùil) bithidh na fir nan loidhne air an taobh deas agus na caileagan nan loidhne air an taobh clì. Gach dannsair a chuir aghaidh ris a chèile/a cèile agus (ma bhitheas an talla mòr gu leòr ri uimhir nan dannsairean) astar mu deidhinn 2 metre eadar na boireann agus na daoine. 
Cleachdaidh an cuid bu mhòr de na dannsaichean Albannach 4 cupal ris an seata, ged nach bi ach triùir cupal nan dannsadh aig uair sam bith. Mar sin bithidh a' chiad cupal a' dannsadh turas leis an 2na agus an 3s cupal, a' crìochnachadh 's an 2na ionad. Dannsaidh iad turas eile ( dara thuras) mus am bithidh iad nan sleimhinn ri bun na seata.
Mur eil daoine gu leòr ann a dhèanamh seataichean slàn, uaireannan bith seata ghoirid dèanta a trì cupal gach dannsair na dannsadh fad an t-siubhail. Anns an Dùn Deagh agus Machair Aonghais thèid cleachdadh air seata nan seachd cupal airson a h-aon adhbhar.

Bithidh gach dannsa fa-leth dèanta a gluasadan 8 ceum ri gach gluasad, ceum ri gach slat ciùil. Mar eisimpleir: Ruidhle(8 ceum ), cearcall (4ceum dhan deas, 4 ceuman air ais), Poussette (2 chupal a’ dannsadh seachad air a chèile an 8 cheum ri gabhail ionad a chèile). Reul  (4 duine a’ dannsadh mun chuairt agus na làmhan deas an greim (4 ceuman) agus air ais, le na làmhan clì (4 ceuman)).

Faodaidh gu bheil ball-coise spòrs nàiseanta na h-Albainn ach chan eil contra-danns' fada ga chùlaibh, agus air feadh Alba cha mhòr nach eil talla-bhaile as aonais clas a chruinnicheas oidhche 's a seachdain a dhèanamh (neo ionnsachadh) dannsaichean 's a mhodh. Bithidh gach clas ionadail a' cumail dannsa 2 neo 3 turus 's a bhliadhna. Mar is tric aig na tachartasan seo, bithidh 18 dannsaichean eadar dhealaichte air a' phrògram agus bithidh 2 bhreic- 1d airson strùpag 'us ceapairean agus 2na airson roiteag is sile. Is e prìomh riaghailt nach danns thu leis a h-aon partner ach triop neo dha air feadh an oidhche, dara riaghailt nach diùlt thu danns' mur eil cuideigin eil air iarraidh an danns 'ud leat nas tràithe agus an treas riaghailt - ma thuiteas tu nach laighe thu air an ùrlar ach feumaidh tu èirigh cum ort ri deireadh na danns.




#Article 328: Ulapul (354 words)


'S e port ann an Alba a tuath a tha ann an Ulapul. Tha an t-aiseag a’ dol eadar Ulapul agus Steòrnabhagh ann an Leòdhas. 

Tha e na bhaile Iasgaidh anns a' sgìre Ghlinne Bhraoine (Loch Bhraoin), Ros an Iar. Bha mu 1,500 duine a' fuireach ann ann an 1988.

Stèidhichte leis a' Bhritish Fisheries Society ann an 1789, seasaidh am baile air cladach-thogta a tha mu 8m as cionn àrd na mara. Leigeadh na sraidean a mach an cruth A' Bhranndair bho thùs, ged a chaidh iomadh bliadhna seachad mus an robh taigh air gach lot.

Anns an latha an diugh, bithidh an t-aiseag eadar Eilean Leòdhais agus an Tìr Mòr a' seòladh bho Ulapul gu Steòrnabhagh. Is e an laimhrig a tha na fìor cridhe dhan bhaile, agus air barrachd ionad an aiseag tha laimhrig-iasgaidh le acfhuinn-deoigh, thogta 's na 80'n nuair bha Ulapul na phort air leth chudthromach ann an malairt nan klondyker. Tha Àrd Sgoile nan sia bliadhna stèidhichte 's a' bhaile agus tha aonad Gàidhlig aig a' bhun-sgoile. Tha an nobhail Na Klondykers stèidhichte ann an Ulapul. Bha Ulapul ainmeil airson na luing mòra Sovietach a thadhail air. Bha Pravda  air reic ann an Ulapul aig aon àm. 

Tha Ulapul ainmeil airson an Ceilidh Place stèidhichte leis an actar Raibeart Urchardan (Robert Urquhart), nach maireann. A-rèir an t-Urchardan bha Ulapul riamh baile nan coigreach: - Baile Gallta stèidhichte an sgìre a bha air leth Gàidhealach. Gu deireadh na 1980'n bha seo foillsichte le Parlamaid nan Penguin- buidheann nam bodaich a bhiodh a' cruinneachadh gach madainn aig ceann Sraid na Laimhrig agus a bhiodh a' comharrachadh le chèile as Gàidhlig na sgìre.

Anns an latha an diugh tha ministeir sgìreil de Eaglais na h-Alba stèidhichte an Ulapul, ach mus an deach stèidhicheadh air a bhaile, b' e Clachan aig Ceann Loch Bhraoin (mar a bhiodh daoine an dùil!), bun-eaglais a' pharaiste. Aig àm an Ath-leasachaidh mharbhadh an sagairt mu dheireadh an siorrachd Rois An Sagart Ruadh, le saighead, faisg air Clachan.

Tha meadhan a' bhaile eadar Market Street agus Shore Street na raoin-ghlèidhteachais. Tha sin a' gabhail a' phuirt-mara cuideachd.




#Article 329: Ain-Riaghailteachd (105 words)


Tha an t-ainm Ain-riaghailteachd sa Ghàidhlig (cuideachd, 'anargachd' neo anarcachas) gu math coltach ris an fhacal Greugais  (às aonais archonan (riaghladair/riaghailt)), agus co-ionann ri Anarchism (Beurla). Chan eil i a' ciallachadh mì-òrdugh ach 's e feallsanachd poilitigeach a tha innte a tha, ann an spiorad, a' nochdadh air feadh eachdraidh. Chaidh a cruthachadh mar shiostam ar-a-mach (aig an aon àm ri Marxachas) san 19mh linn an aghaidh ùghdarrasan, mì-cheartais is mì-chothromachd agus airson comainn far a bheil cumhachd aig na daoine fhèin. 

Mikhail Bakunin (1814 – 1876) neach-smaoin ain-riaghailteach, a shabaid an aghaidh Marx a thaobh stàitean, cumhachd, agus cothromachd ann an comann an luchd-obrach.
 




#Article 330: Falt ruadh (893 words)


Tha ruadh dath an fhuilt a' ruith bho dubh-ruadh ri ruadh-bhuidhe neo bàn-ruadh.

'S gruag ruadh air lorgadh as cumanta aig na crìochan an iar 's an ear na Roinne-Eòrpa nuadh. Ged tha gruag ruadh 'san t-àireamh-shluaigh nan daoine daonna comannaichte le luchd air theàrnadh bho na 'Ceiltich' (Albannaich 's na h-Èireannaich, 's urrainn do dubh-ruadh no gruag lì-ruadh ann an sluaighean Caucasach eil' air lorgadh a bhith. Th' an ionnsaigh nam Galatach na bliadhna 275 BC air chrìochnachadh le àireamh-shluaigh nan daoine ruadh 'san t-àireamh-shluaigh na Tuirce nuadh, cho math ri roinn nan daoine ruadh 'san Ioràn, mar a' mhuinntir Pàistiùn.
  
Tha sùilean gorma seach sùilean uaine aig a' chuid as motha nan daoine ruadh, 's air shealbhachadh an gine nam breac-mhìnidh bho na tuathan Ceilteach nan eileanan Bhreatainn. Tha gruag ruadh air lorgadh cuideachd ann an àiteannan cèin às na crìochan na roinne-Eòrpa, mar Seapan.

Tha an roinn as motha nan daoine ruadha de dùthaich sam bith 'san saoghal aig Alba, le gruag ruadh aig 13% an àireimh-shluaigh. Tha 40% nas fhaide nan Albannaich a' giùlain an gine na malairte, MC1R, a thig gu crìoch cho gruag ruadh. Bha clàraichte na Cruithnich, muinntir gun do shuidhich sgrìobhadairean na Linne Sìor-bhrìgheil na Mara Meadhanach san Tìr Chailleannach (Alba), le gruag ruadh aca. Tha an roinn dara as motha nan daoine ruadha nàdarra 'san saoghal aig Èireann, a' ruigheachd 10% nan luchd-àiteachaidh, ged 's e mì-thuigsinn gun robh ruadh a' chuid as motha nan Ceiltich; tha gruag dhorcha aig a' chuid as motha nan Èireannaich is nan Albannaich.  Bha àitheanta ri am gruag ruadh na h-ionnsaighich Lochlannach, a bhunaich nas anmoiche Baile Àtha Cliath . . Bha mòran daoine ruadha aig na Normanaich cuideachd.

'S e bean ruadh a bh' ann Ban-rìghinn Ealasaid I Shasainn, agus bha nòsail gruag ruadh fad na linne Ealasaid air Sasainn. Bha seo a' chùis cuideachd fad na riaghailte Òilibhear Cromail.

Ann an roinn nan dùthchannan Mohamadanach mar Pacastan, tha air chleachdadh heanna air gruag liathadh a thoirt fiamh ruadh soilleir dhi. 

Ach cho math ri a gaisge 's a maise, tha cuideachd gruag ruadh 'na cùis na fanaide. Mar eisimpleir, air a' Bhreatainn Mhòr agus Èireann, tha air uairibh an facal suarach ginger minger (grànndachd ruaidhe, eadar-theangaichte gu garbh) air chleachdadh a thoirt dealbh air daoine ruadha. Tha earranta gu ìre bhig ri Èireann, An Rìoghachd Aonaichte, agus Astràilia an cleachdadh suarach an fhacail ginger (ruadh) agus 's e neo-aithnichte am bitheantas air Aimeireaga a Tuath.

Tha gingerphobia (oillt-ruaidhe) air a dhèanamh aoir air àireamh nan gnìomhachaidhean an cian-fhuaime. Nochd an cleasaiche Breatannach Catherine Tate air sgeig maireannach air eadar-sgeul na The Catherine Tate Show nuair a bha i bruthte a lorgadh sòlas air daoine ruadha; bha air chleachdadh an cleachdadh suarach an fhacail ginger (ruadh), agus lethbhreith co-cheangailte, a thoirt dealbh air cuspair mun cuairt na cinneadachd agus claon-bhàigh air an eadar-sgeul Ginger Kids an South Park; agus dh'fhoillsich an cluich-àbhachd Bo' Selecta! aithriseach aoireil a ghabh a-staigh dealbh-magaidh an t-seinneadaire ruaidh Mick Hucknall de Simply Red, a' foillseachadh sealladh far a chuir luchd-iomraiteach (air chluiche leotha fhèin) dath ruadh air am gruag air là agus chaidh iad mun bheatha làitheil a' faighinn tàmailtean à daoine. 

Air an làmh eile, th'ann roinn nan luchd gum beir dealbh orra fhèin cho redophiles (ruaidhe-mhiannaich). 'S toil leotha gu mòr daoine ruadha agus 's iad air tharrang gu drùiseach ri daoine ruadha. Mar le àraidh-mhiannachd sam bith, tha ann ìre caochaile ri gum cùm ruaidhe-mhiannach fosgarra am miann. Cuiridh roinn nan daoine leis a' ghruag ruaidh a-mhàin air a tarrang coimheach mothachail, tha nas dìoghrasaiche roinn eile, agus cumaidh iad air a' sgapadh an aire a-mhàin air daoine ruadha nàdarra do bhrìgh creididh iad gum bi coltasan corporra sònraichte air iarraidh aca, mar a' bhreac-sheunain, no craiceann geal nach ciaraich bhon ghrian. 'S tric a' chùis gun ciaraich no bànaich gruag ruadh gu h-amharcach fad an fhàis aosta nan daoine, a' fàs donn no bàn, agus stiùiridh roinn a cheangal gruag ruadh le ògalachd an iongantas seo, feart gu bheil am bitheantas air smaoineachadh a bhith coltas ion-mhiannaichte, gu h-àraidh am measg nam mnathan.

Dh'fhoillsich mòran lì-dhealbhadairean geasachd leis a' ghruag ruadh. Thàinig an ainm an datha titian à Titian, a lì-dhealbh gu tric mnathan ruadha.  Gabhaidh a-staigh lì-dhealbhadairean eile ainmeil air an daoine ruadha na Bràithreachas nan Ro-Raphaelich , Edmund Leighton, Modigliani , Gustav Klimt  agus Sandro Botticelli, an dealbh ainmeil, Breith Bheunais, a thae a' comharradh a' bhan-dia ùr-sgeulach, Bheunas, le gruag ruadh.

Gabhaidh a-staigh daoine ruadha ainmeile D.H. Lawrence, Woody Allen, Julianne Moore agus Ron Howard.

'S falt ruadh air lorgadh as cumanta aig na crìochan an iar 's an ear na roinne-Eòrpa nuadh. Ged tha falt ruadh 'san t-àireamh-shluaigh nan daoine daonna comannaichte le luchd air theàrnadh bho na 'Ceiltich' (Albannaich 's na h-Èireannaich), 's urrainn do dubh-ruadh no falt lì-ruadh ann an sluaighean Caucasach eil' air lorgadh a bhith. Th' an ionnsaigh nan Galatach na bliadhna 275 BC air chrìochnachadh le àireamh-shluaigh nan daoine ruadh 'san t-àireamh-shluaigh na Tuirce nuadh, cho math ri roinn nan daoine ruadh 'san Ioràn. 

Tha sùilean gorma seach sùilean uaine aig a' chuid as motha nan daoine ruadh, 's air shealbhachadh an gine nam breac-mhìnidh bho na tuathan Ceilteach nan eileanan Bhreatainn. Tha falt ruadh air lorgadh cuideachd ann an àiteannan cèin às na crìochan na roinne-Eòrpa, mar Seapan.




#Article 331: A' Chuimrigh (1378 words)


 
Chaidh a' Chuimrigh (Cuimris:
Cymru, Gàidhlig na h-Éireann An Bhreatain Bheag), ainmeachadh as dèidh cainnt nan Cuimreach (Cymraeg), prìomh chainnt nam Breatannach mus tàinig na Sasannaich an aghaidh nam Breatannach nuair a bha an Impireachd na Ròimhe air tarrainn as.

Sa chiad àite, chaidh an t-ainm “Cymry” a chleachdadh airson an dà chuid na dùthcha agus nan daoine a bha a’ fuireach innte. Chaidh an t-ainm a chleachdadh airson a’ chiad turas, cho fad ’s a tha fios, ann an bàrdachd le Cadwallon ap Cadfan, a chaidh a sgrìobhadh san t-seachdamh linn, tha e coltach. Tha am facal a' tighinn bhon fhacal Bhreatannach combrogos (iolra combrogi) a tha a’ ciallachadh duine às an aon dùthaich. Chaidh an litreachadh “Cymru” a chleachdadh airson na dùthcha bhon siathamh linn deug air adhart. Thèid am facal “Cymry” a chleachdadh fhathast airson sluagh na dùthcha.

Seo liosta na bailtean as motha anns a’ Chuimrigh:

Thàinig Iulius Caesar gu Breatainn ann an Lùnasdal 55 RC, ach cha do shoirbhich na Ròmanaich Breatainn a thoirt fo smachd airson còrr is ceud bliadhna an dèidh sin. Aig an am ud bha treubhan Ceilteach na Cuimrigh caran coltach ris na nàbaidhean aca ann an ceann a deas Bhreatainn a thaobh a’ chultair aca. Bha treubh na h-Ordovices a’ fuireach ann an ceann a tuath na Cuimrigh aig an am, agus na Silures ann an ceann a deas. 

Thog na Ròmanaich sreath dhaingneach air feadh ceann a deas na Cuimrigh cho fada ri Carmarthen (Maridunum). Tha fianais ann gun deach iad na b’ fhaide cuideachd agus gun do ràinig iad Èirinn. Bha iad trang ann an ceann a tuath na dùthcha cuideachd. A rèir faoin-sgeul Chuimreach phòs Macsen Wledig neo Magnus Maximus, fear de dh'impirean mu deireadh na Ròimhe, Helen, nighean thaoisich Chuimrich Segontium (Caernarfon an-diugh). 

Cha do shoirbhich na h-Anglo-Sacsonaich a’ Chuimrigh a chur fo smachd, ged a bhris iad an ceangal a bha eadar an dùthaich agus an tìr mu thuath a bha fo smachd nam Breatannach fhathast an dèidh blàr Chester ann an 615 CE. ‘S ann air sàilleabh neart armailteach nan rìgh Breatannach a bha sin, ach cuideachd air sgàth cruth na tìre. Thog Offa, rìgh Mhercia, gàrradh mòr à talamh fad a’ chrìche eadar an rìoghachd aigesan agus a’ Chuimrigh. Tha pàirtean dhe Ghàrradh Offa, neo Offa’s Dyke ri fhaicinn an-diugh fhèin. 

Cha do stad a’ Chuimrigh a bhith na dhùthaich Chrìosdaidh an dèidh na treubhan Sacsonach greim fhaighinn air Sasainn. Chaidh Naomh Daibhidh air eilthireachd chun na Ròimhe san t-siathamh linn, agus bha e na easbaig sa Chuimrigh fada mus tàinig Austin airson righ Kent iompachadh gu Crìostalachd agus sgìre easbaig Chanterbury a chur air bhonn. Ach cha do rinn na Cuimrich oidhirp mhòr Sasainn iompachadh gu Crìostalachd, 's dòcha air sàilleabh an nàimhdeis eadar an dà dhùthaich. Bha rìghrean Cuimreach mar Rhodri Mawr agus Llywelyn ap Gruffydd làidir agus seòlta gu leòr neo-eisimeileachd na dùthcha a dhìon. 

Aig deireadh nan 1060an, thàinig na Normanaich chun na Cuimrigh agus dh’atharraich poilitigs na dùthcha. Chuir iad tigheanas nan crìochan air bhonn eadar a’ Chuimrigh agus Sasainn. Beag air bheag ghabh iad grèim air a’ Chuimrigh air fad, cha mhòr, ach shoirbhich le Gruffydd ap Cynan agus Owain Gwynedd sin a sheachnadh. Shoirbhich le Llywelyn Fawr (Llywelyn Mòr) bunait Cuimrigh aonaichte a leigeil. Chaidh an ogha aige, Llywelyn ap Gruffydd a ghairm mar Phrionnsa na Cuimrigh ach lean rìghrean Shasainn orra ionnsaigh a thoirt air a’ Chuimrigh fad na h-ùine sin. 

Chaidh Llywelyn ap Gruffydd, (Llywelyn the Last), prionnsa neo-eisimeil mu dheireadh na Cuimrigh, a mharbhadh ann an cath fàisg air Cilmeri sa bhliadhna 1282 agus ghabh rìgh Eideard I Shasainn grèim air an dùthaich. Thog Eideard sreath chaistealan mòra gus na Cuimrich a chumail fo smachd. ‘S iad Rhuddlan, Conwy, Caernarfon, Beaumarais agus Harlech an fheadhainn as ainmeile dhiubh. 

Thachair grunnan ar-a-mach an aghaidh riaghaltas nan Sasannach bho dheireadh an 13 gus deireadh an 15 linn, le Madog ap Llywelyn (1294-96) agus Llywelyn Bren (1316) mar eisimpleir, agus bha dùil gun tilleadh Owain Lawgoch anns na bliadhnachan 1370 gus an dùthaich a shaoradh. Rinn Owain Glyndwr ar-a-mach ann an 1400 agus chaidh a ghairm mar Phrionnsa na Cuimrigh, ach thàinig an t-ar-a-mach seo gu crìoch beag air bheag, fhad ’s a stèidhich rìgh Shasainn Ùghdarras san dùthaich a-rithist. 

Airson pàirt mhòr dhen 15 linn chaidh a’ Chuimrigh a tharraing a-steach ann an cogaidhean nan ròsan, anns an do shabaid na Lancastrians agus na Yorkists a chèile airson smachd a ghabhail air Sasainn. Ach a dh’aindheoin cho cugallach ‘s bha an dùthaich, bha fèill mhòr air bardachd Chuimreach, agus uaislean na dùthcha a’ cur taic ris na bàird. B’ e fear dhiubh seo Eanraig Tudor, mac Owain Tudur a fear dhe shliochd Ednyfed Fychain, a bha na oifigeach de chuid Llywelyn ap Gruffydd. Thàinig e gu tìr ann an Sìorrachd Pembrokeshire còmhla ri arm Fhrangach. Chuir grunnan Chuimreach taic ris agus rinn e a’ chùis air Risteard III Shasainn air an 22 Lùnastal 1485 aig Blàr Bhosworth. 

Chaidh rudan am feabhas anns a’ Chuimrigh. Chuireadh às do na h-achdan peanasach a chuir rìgh Shasainn air na Cuimrich aig tòiseachd na linne sin. Fo riaghladh Eanraig VIII, a mhac, chaidh Achd an Aonaidh a thoirt seachad. Stèidhidh seo an aon siostaim laghail anns a’ Chuimrigh ‘s bha ann an Sasainn, ach thoirmisg i cleachdadh na Cuimris ann am beatha phoblach na dùthcha, ged nach robh ach a’ chànain sin aig mòrchuid an t-sluaigh aig an àm. Mun aon am, dh’atharraich a’ Chuimrigh bho dhùthaich Chaitligeach gu dùthaich Phròstanach am broinn ginealaich neo dhà. 

Thachair ath-bheòthachadh litreachais agus chaidh am Bìoball a eadar-theangachadh gu Cuimris ann am 1588 ach beag air bheag ghabh na h-uaislean ris a’ Bheurla agus dh’fhàs sgaradh eadarra agus an còrr dhen t-sluagh. B’ e thoradh air sin fàs nam buidheannan diadhaidh neo-cho-fhreagairteach nan 17 agus nan 18 linntean. 

Dh’fhàs a’ Chuimrigh a bhith na dhùthaich tionnsgalach agus ro dheireadh na h-ochdamh linn deug bha bhailtean mòra tionnsgalach, cuaraidhean agus mèinnean guail pailt ann an grunnan sgìrean. Bha sluagh na dùthcha a’ sìor-fhàs litreachail agus chaidh grunnan phàipearan naidheachd Cuimris a chur air bhonn. Thòisich iomairtean an aghaidh inbhe Eaglais Easbaigach na Cuimrigh mar eaglais stèidhichte agus airson fèin-riaghladh dhan Chuimrigh. ‘S ann air sàilleabh sin a bha iomairt Cymru Fydd làidir air deireadh na 19 linn. 

Bha eachdraidh na Cuimrigh caochlaideach san 20 linn. Ach, a dh’aindheoin a’ Chogaidh Mhòir, gainne mòir nan 1930, an dàrna chogadh agus lagachadh na Cànain anns na 1970an agus na 1980an, tha Seanadh Nàiseanta aig an dùthaich a-nis agus tha dùil gu bheil cor na Cànain nas dòchasaiche na smaoineachadh daoine o chionn ginealach air ais, ged nach eil ach 18% dhen t-sluagh ga bruidhinn.

Chaidh an Seanadh Nàiseanta a stèidheachadh ann an 1998 agus thèid na buill a thaghadh le sluagh na dùthcha. ‘S e Prionnsa na Cuimrigh an tiotal as àbhaist an Rìgh neo a’ Bhànrigh a thoirt air a mhac as sine (ged nach bi sin a’ tachairt daonnan), ach chan eil am Prionnsa a’ fuireach anns a’ Chuimrigh neo a’ gabhail pàirt ann an riaghladh na dùthcha. ‘S e am Prionnsa Teàrlach ciad Phrionnsa Sasannach na Cuimrigh aig a bheil a’ Chuimris, gu ìre co-dhiù.

Chaidh sreath dhe 13 siorrachdan a cruthachadh anns a’ Chuimrigh an dèidh Achd an Aonaidh ann an 1536: Anglesey, Brecknock, Caernarfonshire, Cardiganshire, Carmarthenshire, Denbighshire, Flintshire, Glamorgan, Meirioneth, Montgomeryshire, Pembrokeshire, Radnorshire agus Monmouthshire. ‘S iad sin siorrachdan eachdraidheal na Cuimrigh. Chaidh riaghaladh ionadail ath-leasachadh ann an 1974 agus stèidhadh ochd siorrachdan ùra nan àite: Clwyd, Dyfed, Gwent, Gwynedd, Powys, Meadhan Glamorgan, Glamorgan a-deas agus Glamorgan an-iar. Ann an 1996 chaidh 22 ùghdarrasan ionadail aonadach a chruthachadh. Tha ainmean nan seann sìorrachdan aig feadainn dhiugh, agus ainmean nan Sìorrachdan ùra aig feadhainn eile, ged a tha na crìochan eadar-dhealaichte uaireanan. Tha ùghdarrasan aonadach aig feadhainn dhe na bailtean mòra a-nis, mar Cardiff, Swansea agus Wrexham. 

Tha trì Pàircean Nàiseanta anns a' Chuimrigh, 's iad sin Pàirc Nàiseanta nam Brecon Beacons, Pàirc Nàiseanta Oirthir Phembrokeshire agus Pàirc Nàiseanta Eryri. Chaidh caistealan Beaumarais, Harlech, Caernarfon agus Caisteal Conwy ainmeachadh mar làraichean Oighreachd an t-Saoghail le UNESCO ann an 1986, agus sgìre tionnsgalach Bhlaenavon sa bhliadhna 2000.

Tha pàirt dhen alt seo air eadar-theangachadh bhon duilleig Chuimris seo air Wikipedia: 




#Article 332: Gailfling (568 words)


Tha na Gelfling 'nan luchd a' coltachadh sìthichean a lìon an saoghal ùirsgeulach de Tra le am sluagh, 'san film 1982 Jim Henson, An Criostal Dorcha.  

'S e na luchd-tàrsainn a-mhàin a th' ann an Jen agus Kira de marbhadh am muinntir sìorraichte leis na Skeksis, bèistean olca, garga mar fangan, air an sìol. 'S urrainn do Gailflingean nam beathaichean 's nan lusan a bhruidhinn 's air suath ann an corporra 's urrainn dhaibh smuaintean, cuimhne, 'gus mothachaidhean a chodachadh ann am cùrs' air chantainn ri suain-measgachadh (dreamfasting). Ron Mhìle-Bliadhna Dorcha (an linn bhon uair a sgàin an Criostal ri nuair bha e air thoirt air ais) b' urrainn do Gailflingean boireannach do astaran mòra 'sgiathadh le cleachdadh sgiathan tarrang air ais mar sgiathan dealain-dhè. Ach fad na Mìle-Bliadhna Dorcha, bh' am comas a sgiathach cuibhrichte ri gluasad gu ciùin 's/no bacadh tuiteam (rudeigin a lorg Sein gu h-obann, nuair b' fheudar dha 's do Gire a leum de creag a theicheadh bho sgaoth nam Garthim). Bha Sein agus Gire innealach le crìochnachadh an fàisneachd a thug an Criostal air ais ri a chor nàdarra.

Tha an ealain agus am ceòl dà nan toilean mòra na Gelfling. Tha araon dhiubh ri ìre mòr air a fhàs, agus tha air a lorgadh uidheam na ciùil a' dol air ais gu bhith ris an fìor-thòiseachadh na h-eachdraidhe na Gelfling. Bha dèanta leis a' Ghelfling a' chuid as motha na cloiche snaidhte sa' Chaisteal Mhòr nan Skeksis fad an rìochachaidh nan Skeksis gus nochd an Sgiùrsadh de 529 na ciallan fìora nan biastan na nathrach.

Ged bha glè leasaichte ealain agus ceòl chan eil ann faireachdainnean na còmhstri air a bhith am measg na Gelfling mar th' ann le daoine daonna, glè mhòran an aghaidh; bha e còrdadh ris na luchd-ealain 's na ceòladairean na Gelfling a' teagasg am ceàirdean agus bha e còrdadh barrachd riutha nuair thigeadh aon an sgoilearan am follais a bhith glè chomasach aig a' cheàird.

Bha a' chuid as motha am ceòl cuibhrichte ri beul-aithris; mar sin, 'sna sgiùrsaidhean mòra air ghiùlain an aghaidh na Gelfling leis na Skeksis, bha caillte gu bràth mòran na ciùil seo. Bha clàraichte a-mhàin beagan òrain ann an dealbh sgrìobhte; mhair roinn nan mìrean seo an losgadh agus milleadh Àrd-Sgoil na Ciùil.

Th' ann mòran ìrean an rèiteachaidh, a' caochladh 'san dèine agus faide nam buaidhean. Tha tron seòladh an suain-measgachaidh aon ìre. 'S urrainn do seo dèanta eadar dà luchd na Gelfling no eadar Gelfling is Luchd-Spàlaig a bhith. Aomaidh an ìre seo ag àrdachadh gu sealach an fiorachadh anamanta nan cunnraichean, socrachadh ceangail inntinneil eatorra gum beagaicheadh beag air beag thar an ama mur eil air fhaighinn ìre nas doimhne an rèiteachaidh.

Thig a' bhuil an ìre as làidire an rèiteachaidh de fear/bean gum mair o cheann gu ceann ann am beò iomlan (Ged tha seo mar a tachairidh mun cuairt 90% an ama, tachairidh rèiteachaidhean bean/bean agus rèiteachaidhean fear/fear agus tha iad co-ionann 'san dèine agus buaidhean ris na rèiteachaidhean comhair-mhiannach.) Tachairidh an suidheachadh seo, air amannan ainneamh, air a' chiad tachartas an suain-measgachaidh, mar thachair e le Jen agus Kira. 'S urrainn do na ceanglaichean anamanta air chruthachadh bhith dian agus buan agus bidh iad làthaireil air mòran ìrean an gnìomhachais. Tha seasmhach ìre làidir an leughaidh-inntinnte mar as trice agus, fad nan suidhean feòlmhor as dèine, tachairidh aontachadh dlùth air fìrinn nan inntinnean an càraide.




#Article 333: Leòmann-ruith (238 words)


Tha na Leòmainn-ruith 'nan sìol bheathaichean a tha a' còmhnaidh sna coilltean san film sgeul-guaineis Jim Henson, An Criostal Dorcha. A-rèir ri  Càirdean Kira, bha na Leòmainn-ruith 'nan nàimhdean garga nan saighdearan Garthim. Chan eil cho cumhachdach ris na Garthim, dhìol iad le luaths agus tuigse. 

Barragach 'nan dath, calg gann, fad-chasach, agus cluasan sùbailte, tha na beathaichean seo air challachadh gu furasta 'gus leigidh iad fhèin a bhith fo cheannsal dhan toil a' mharcaiche, deas a ruith aig luaths thar creideas. Tha na Leòmainn-ruith gu coitcheann socrach le am gnàths, ach tha faobhar gaisgeil aca 's tha iad deas a shabaid ma èirichidh an feum, am casan a' cur bualaichean làidire, spealgadh ri an nàimhdean. 'S e na sgiathan as fheàrr leotha a tha 'nan nàimhdean Garthim fuathaichte 'gus 's e an àigh as fheàrr leotha a th' anns a' sgriosadh nam Garthim.

Tha teanga fada mar an teanga bhiastaig aig na leòmainn-cèim (mar a th' air chleachdadh cuideachd ri gath) gun leig às nuair sabaididh iad when. Ged nì iad rùchd iosal mar as trice, nì iad sgal àrd ann am blàr.

B' e dà leòmainn-ruith a ghiùlain Jen agus Kira dham chaisteal nan Skeksis (agus chuir am beathannan an cunnart a thoirt aire bho sgaoth de Garthim a leigeil Jen agus Kira a shàbhaladh lìon làn de luchd-spàlaig gun robh glacte gu nuadh bhon bhaile beag Kira) a leigeil na Gailflingean a chrìochnachadh an fàisneachd.




#Article 334: Nollaig (104 words)


'S e fèill Chrìostaidh a tha ann an Nollaig, air a’ chòigeamh latha fichead den Dùbhlachd gus ceann-bliadhna Chrìosd a ghlèidheadh. A-nis, se fèis den calpachas far a bheil na bùthan a’ dol air sanas mòr gus an reic àireamh as motha na bliadhna sa chaidh. Tha Bodach Nollaige aig ceann na calpachas seo.

Ann an Èirinn tha an Nollaig bheag a’ ciallachadh 6 am Faoilleach, ach ann an Albainn faodaidh e ciallachadh 1 am Faoilleach no is dòcha cuideachd 6 am Faoilleach.

Bidh Bodach na Nollaig a' dèanamh ceilidh air clann an t-Saoghail (na fir aig a bheil pàrantan beartach), a' sgaoileadh thìodhlaicean.




#Article 335: Blàr Chùil Lodair (1182 words)


Chaidh Blàr Chùil Lodair a chur air 16 an Giblean 1746. 

Blàr a thachair anns a' bhliadhna 1746 eadar an arm Seumasach fon phrionnsa Teàrlach Èideard Stiùbhairt (an t-Agarach Òg) agus an t-arm le Righ Deòrsa, no le taigh Rìoghail Hanobhair (ris an canar arm nan dìlseach), fo Dhiùc Cumberland, mac a b' òige an rìgh. Bha Gàidheil air gach taobh ach 'siad a bh' anns a' chuid a bu motha dhen arm Seumasach; agus eadar 1/3 gu 2/3 dhen arm Dìlseach cuideachd. Chaidh an latha air na Seumasaich ged a rinn iad sabaid treun agus lean sin gu droch dhìol air na Gàidheil, air feadh na Gàidhealtachd.

Tha Cùil Lodair air mòinteach Dhruim Athaisidh, mu thrì mìle an ear air baile Inbhir Nis. B' e seo am blàr mu dheireadh a chaidh a chur air talamh Bhreatainn.

Bha am Prionnsa Teàrlach Eideard Stiùbhairt (no am Prionnsa Bòidheach, mar a chanadh an fheadhainn a bha ga leantainn) a' feuchainn ri crùn a shinnsirean fhaighinn air ais.
 
Bha Teàrlach a' smaoineachadh gur esan an t-oighre dligheach agus gur ann aigesan a bu chòir dhan chrùn a bhith 's chan ann aig duine de theaghlach Hanòbhair. 

Bha na daoine ris an canar na Seumasaich dhen aon bheachd. Is ann air sgàth sin a thachair gach ceannairc eadar 1715 agus 1745.

Is ann ann am muinntir na h-Alba agus gu h-àraidh anns na Gàidheil a bha Teàrlach a' cur earbsa. Dh'fhàg e an Fhraing ann am bàta cogaidh agus nuair a ràinig e Alba, 's ann ann an Èirisgeigh a thàinig e air tìr an toiseach.

An dèidh sin ràinig e Loch nan Uamh eadar Mùideart agus Àrasaig. Nuair a dh'èirich cuid dhe na cinn-fheadhna Gàidhealach còmhla ris, rinn e a shlighe gu deas gus an do ràinig e Derby.

Cha b' urrainn dha a dhol na b' fhaide na sin agus thàinig air tilleadh gu tuath gus an do ràinig e Inbhir Nis.

Bha Diùc Uilleam ga leantainn fad na h-ùine agus choinnich an t-Arm Dearg agus arm nan Seumasach ri chèile air raon Chùil Lodair, mu astar chòig mìle bho Inbhir Nis.

Cha robh a dhol às aig an dà arm a-nis ach a dhol a shabaid. Bha na Seumasaich sgìth agus glè lag air sgàth cion-bidhe agus cion-cadail.

Cha robh ach mu chòig mìle saighdear ann an arm nan Seumasach. Bha mu naoi mìle saighdear a bha cleachdte ri sabaid aig Diùc Cumberland.

Nan robh Teàrlach air arm gu lèir a chruinneachadh bhiodh co-dhiù uimhir de shaighdearan aige 's a bh' aig an Diùc.

Ach nuair a ràinig na Gàidheil Inbhir Nis, chaidh feadhainn aca air feadh na dùthcha a dh'iarraidh bidhe agus a dh'fhaicinn an teaghlaichean. Cuideachd, chaidh feadhainn aca a chur tuath, gu Siorramachd Rois is Gallaibh, a shabaid ri feachdan an riaghaltais a bha an-sin fo smachd a' Mhorair Loudoun. Mar sin, bha arm a' phrionnsa air a lagachadh.

Ach chuir Teàrlach roimhe a dhol an aghaidh an Airm Dheirg leis na bha aige de shaighdearan, fiù 's ged a chuir na h-oifigearan aige an aghaidh a dhol a shabaid bho nach robh an t-arm ann an cor math. Ach cha ghabhadh Teàrlach rin cuid comhairle.

Bha iadsan a' smaoineachadh (agus bha iad ceart) nach robh mòinteach Chùil Lodair freagarrach dha na Gàidheil agus thuirt iad gum biodh e na b' fheàrr teiche na b' fhaide gu tuath far am faigheadh iad talamh agus cothrom sabaid ris an robh na Gàidheil cleachdte.

Chomhairlich iad dha dàil a chur anns a' bhlàr, ach chan èisteadh Teàrlach riutha.

Chaidh na cinnidhean Gàidhealach a chuir an òrdugh mar a leanas:

Bha an eachdraidh (am beagan a bh' ann dhiubh) air cùlaibh nan sreathan. Bha am Morair Seòras Moireach air ceann na ciad sreatha agus Diùc Pheairt air ceann na dara sreatha.

Cha deach urram na làimhe deise a thoirt do Chloinn Dòmhnaill, mar a b' àbhaist bho àm Blàr Allt a' Bhonnaich (1314) agus ghabh iad gu dona e. Sheas iad gun an claidheamhan a tharraing.

Tha seanchaidhean ag ràdh gun tuirt Fear na Ceapaich, an uair a chunnaic e na Dòmhnallaich a' fàgail an raoin, A Dhia nan gràs, an do thrèig clann mo chinnidh mi?

An uair a bha an dà arm a' tighinn faisg air a chèile, thàinig fras gharbh clachan-meallain bhon ear-thuath dìreach an aodainn nan Gàidheal, agus ged a dh'fheuch iad ri taobh an fhuaraidh fhaighinn air an arm dhearg, cha do rinn iad a' chùis air an sin.

Thòisich am blàr air gach taobh le fras pheileirean bho na gunnachan mòra. Sgrog na Gàidheil am bonaidean mar a b' àbhaist agus ruith iad an aghaidh nan saighdearan dearga.

Ach rinn gunnachan arm Rìgh Deòrsa milleadh uabhasach. Sheall na Gàidheil cho treun 's a bha iad le biodag is claidheamh.

Cha do mhair am blàr ach mu thrì chairteal na h-uarach. Fhuair an t-arm dearg a' bhuaidh agus theich arm a' Phrionnsa, a h-uile fear a' dèanamh air a shon fhèin.

Bha Teàrlach na fhògarrach; thàinig gach dòchas a bh' aige gu neoni.

Cha deach fhaighinn a-mach le cinnt a-riamh an àireamh a chaidh a mharbhadh air raon Chùil Lodair.

Tha daoine fiosrach a' dèanamh a-mach gun do chaill na Gàidheil, eadar na bha air an droch leòn agus na bha marbh, mu dhà cheud deug (1200) agus nach do chaill an t-arm dearg ach mu thrì ceud gu leth (350).Ann an dùthaich nam mòrbheann
Tha uabhas is caoidh!
Luchd nam boineid 's nam breacan
Chan fhaicear a-chaoidh;
Na fir ùra bu trèine,
Nach gèilleadh 's iad beò,
Air monadh Chùil Lodair,
Gun phlosg is gun deò.Bha na rinn an t-arm dearg an dèidh a' bhlàir anabarrach brùideil. Chaidh rudan uabhasach a dhèanamh le òrdugh Diùc Uilleim. Air sgàth sin, thug na h-Albannaich am Feòladair air mar fhar-ainm, agus bu mhath an airidh.

Is iomadh Gàidheal gaisgeil a bha na laighe leòinte an dèidh a' bhlàir a chaill a bheatha le brùidealachd nan Sasannach. Gheibh sinn cunntas air an seo bho eachdraidh na h-Alba agus gu deimhinne tha e sgreataidh ri leughadh.

An uair a bha an laoch ainmeil ud, Iain Ruadh Stiùbhart fo chàrn, rinn e òran tiamhaidh air latha Chùil Lodair, agus 's e seo a thuirt e mu Dhiùc Uilleam:'S gum bi Uilleam mac Dheòrs';
Mar chraoibh gun duilleach fo leòn,
Gun fhreumh, gun mheangan, gun mheòran gèige.
Gu ma lom bhios a leac,
Gun bhean, gun bhràthair, gun mhac,
Gun fhuaim clàrsaich, gun lasair chèire.Tha luchd-eachdraidh ag ràdh gun deach am mallachd seo a choileanadh mus do bhàsaich e.

Chaidh iomadh blàr a chur ann an Alba a bha na b' fhuiltiche na Blàr Chùil Lodair, ach cha deach gin a chur a-riamh, mura b' e Blàr Allt a' Bhonnaich (1314) ris an robh uiread an urra. 

Bha am Prionnsa bochd a-nis fon choill, agus air a ruagadh air feadh an àite. Chaidh deich mìle fichead punnd Sasannach a ghealltainn do dhuine sam bith a bhrathadh e, ach bha na Gàidheil cho dìleas dha agus cha do bhrath duine e. Chan eil eisimpleir air dìlseachd coltach ri seo ann an eachdraidh an t-saoghail.




#Article 336: Niall Iain Dòmhnallach (133 words)


'S e DJ a th' ann an Niall Iain Dòmhnallach air prògram rèidio ròc Gàidhlig, Rapal. 'S ann an Obar Dheathain a rugadh e ann an 1974 ach chuir e seachd a' chuid bu mhotha dhe a bheatha a' fuireach ann an Inbhir Nis, mus d’fhuair e obair air an rèidio. Thòisich e sna meadhanan ag obair air prògram Aileag ann an Steòrnabhagh ann an 1998. Ann an 2006, chaidh e an sàs ann an ullachadh a’ phrògram TBh., Rapal 360.

Anns a' Chèitein 2007, chaidh gairm a-mach bho Phoileas a' Chinn Thuath ga lorg.  Chunnacas Niall Iain an turas mu dheireadh aig 2230 air 17mh den Chèitein ann an Steòrnabhagh ach bha aithris air fhaicinn air aiseag Eilean Leòdhais air an ath mhadainn. Fhuair iad esan air ais aig toiseach an Ògmhios.




#Article 337: Tè-bhuairidh (127 words)


Tha an tè-bhuairidh, A' Bhean Bhàsmhor, no an leòdag, 'na gnàth-charactair. 'S e ban-shlaoightear a th' innte mar as trice, cleachdadh an cumhachd na drùise a ghlacadh an gaisgeach agus gu tric ga bheirsinn ri milleadh. Nuair tha i air nochdadh, chan urrainn dhi sàsaichte a bhith gu feòlmhor. Ged tha i mar as trice air nochdadh ri slaoightear, th' an tè-bhuairidh cuideachd àitheanta a bhith 'na h-anagaisgeach ann an roinn nan sgeulan agus air uairibh eadhon bana-ghaisgeach aithreachail. Gu coitcheann an-dràsda, th' an prìomh-choltas air fhaicinn ri caractar gum tèid gun sgur thar an lìn eadar math is olc.

Mar as trice, tha tè-bhuairidh air chluiche le cumhachdach guth leth-àrd. Gu tric, tha i 'na coimeas no nàmhaid na rìbhinne soineannta no na rìbhinne fo claoidh.




#Article 338: Dùn Dèagh (790 words)


'S e cathair-bhaile ann an Alba a tha ann an Dùn Dèagh no Dùn Dè (Beurla: Dundee).
Suidhichte air cladach tuath Linne Tatha air taobh sear na h-Alba, dh'fhàs Dùn Dèagh gu mòr rè an 19mh cheud, nuair a fhuair e prìomhachas mar baile-mhuilinn a rinn bathair (gu sònraichte ròpan is buill) an diut. Chrìon an malairt seo gu h-obann anns na 1960an nuair a cheannsaich snathan-olachd na margaidean airson a leithid.

'S ann gu h-àraidh bho a shuidheachadh a tha Dùn Dèagh a' faighinn a' chuid as motha de a bhòidhchead. Tha e sìnte a-mach fad ochd mìle air taobh a tuath Beul na Tatha agus tha e an taice ri tulaichean Fhìobh dhan taobh deas, agus a' faighinn fasgaidh dhan taobh tuath bho bhruthaichean gorma nan Sìdhbheann. Mu a choinneamh, tha uisgeachan na h-aibhne mòire, a' sgaoileadh a-mach gu farsaing. 

A' tòiseachadh aig Dùn Dèagh, tha drochaid rèile na Tàtha a' ceangal Siorrachd Aonghais ri Siorrachd Fhìobh. Chaidh a fosgladh sa bhliadhna 1887, agus le dà mhìle is trì fichead slat 's a trì, b' i seo aon de na drochaidean a b' fhaide air an t-saoghal aig aon àm. 

Gu taobh an ear Bruach Tatha (no Aiseag Bhrothaig), tha mìltean de ghainmhich bhàin agus bhon a dh'fhàgas e oir an uisge, tha Dùn Dèagh ag èirigh uidh air n-uidh gu ruige mullach an Lath, cnoc cruinn fradharcach, 572 troigh os cionn na mara, a cheannaicheadh leis a' bhaile ann an 1878.

Tha maise nàdarra air a buileachadh air a' bhaile agus uile gu lèir, eadar an Lath agus mòran phàircean eile, tha 1682 acair a bhuineas do Chomhairle a' Bhaile. Tha na h-acraichean sin air an cur saor 's an asgaidh an tairgse luchd-cuairt 's muinntir a' bhaile. 'S i Pàirce Champerdown sa bheil 1035 acair as motha agus as brèagha de na pàircean sin uile.

Chan eil Dùn Dèagh a' tagradh urraim airson greadhnachas nan togalach aige, ach tha corra thogalach agus àite ann is fhiach coimhead air.

Tha trì eaglaisean mòra a' bhaile an teis meadhan gharranan brèagha, air chumadh croise agus fon aon mhullach, a dhà dhiubh a chaidh a thogail mu mheadhan na naoidheimh linn deug, agus an tè eile, Eaglais an t-Seann Stìopaill, a thogadh ann an 1788. Tha an t-Seann Stìopaill mu 160 troigh an àirde air a dhèanamh air ballachan garbha a tha ochd troighean air leud aig am bonn. Tha e air aithris gun deach a dhealbh gu bhith na earran de eaglais a chaidh a stèidheachadh ann an 1190, ach tha daoine fiosrach ag ràdh nach eil an togalach seo mòran nas tràithe na an 15mh linn. Tha seann chlachan snaighte ann an aon de na seòmraichean 's tha gad ghlag brèagha san turaid.

Thug Seumas Caird £100,000 don bhaile ann an 1914 airson Talla Baile agus Seòmraichean Comhairle a thogail. Air 10 Iuchar, leag Rìgh Seòras V agus Bànrigh Màiri clachan-stèidhte an Talla. Thug a' Bhan-uasal Marryat, piuthar Sheumais Chaird, £75,000 don bhaile airson an obair a chrìochnachadh. Dh'fhosgladh an Talla le Prionnsa na Cuimrigh ann an 1923. 

'S e talla mòr, greadhnach a th' ann, agus cumaidh e 3,300 dhaoine. Tha an t-àrd-ùrlar air a dhealbh airson 75 de orcastra agus còisir anns am bi 300 guth. Tha an t-òrgan an cùl an àrd-ùrlair, agus tha e air aithris gur e seo òrgan as brèagha san Rìoghachd. Air an aon ùrlar ris an Talla mhòr, tha Talla Mharryat, 's e sgiamhach le ballachan sgàthain. Cumaidh e 550.

Bidh an EIS a' cumail coinneamh choitcheann bhliadhnail san Ògmhios an seo gach darnacha bliadhna.

Am meadhan a' bhaile, tha an seann àite-adhlaic ris an canar an Howff, facal Albannach a tha a' ciallachadh 'àite-coinneachaidh'. Fhuair e an t-ainm ri linn 's gur h-ann an siud a bhiodh luchd-ceàirde a' bhaile a' coinneachadh gus an do thogadh Talla nan Ceàirdean ann an 1778.

Tha an t-àite-adhlaic ainmeil do bhrìgh 's gu bheil e a' toirt bàrr air gach cladh eile an Alba, (ach a-mhàin Cladh nam Manach Glasa an Dùn Èideann) ann an lìonmhorachd agus annasachd nan clachan-cuimhne. Thug Bànrigh Màiri an t-àit'-adhlaic mar thìodhlac do Dhùn Dèagh ann an 1567, agus airson 300 bliadhna, b' e prìomh-chladh a' bhaile. Rinneadh an t-adhlaiceadh mu dheireadh ann nuair a thìodhlaiceadh Seòras MacDhonnachaidh, Ball Pàrlamaid airson Dhùn Dèagh, a chaochail ann an 1878.

'S ann ann an Dùn Dèagh a tha fear de na Comainn Ghàidhealach as sine an Alba. Stèidhicheadh Comann Gàidhealach Dhùn Dèagh sa bhliadhna 1818. Tha Comann Gàidhealach a' dol fhathast ann am Bruach Tatha, agus 's ann a bhios Còisir Gàidhlig Dhùn Dèagh a' farpaiseach anns na Mòdan.

Chaidh am Mòd Nàiseanta a chumail ann an Dùn Dèagh anns na bliadhnaichean 1902, 1913, 1937, 1959, agus 1974.




#Article 339: Boireannach (110 words)


Tha boireannach 'na gnè fhàs-beairt, no cuid fhàs-beairt, gum cruthaich ughan. Th' an ugh air a shònrachadh cho a' ghamait as motha ann an riaghailt-ginidh iol-ghamait, cho fad 's a bhios a' ghamait nas lugha, mar as trice nas gluasadaiche (cealla-sìl) air a chruthachadh leis an fhireannach. Chan urrainn do boireannach a gineadh gu feòlmhor gun cothrom ris na gamaitean fhireannaich. 'S urrainn do roinn nam fàs-beairtean a ghineadh gu feòlmhor agus gu gun-mhiannach 

Tha ♀ (Unicode: U+2640) na shamhladh cumanta air chleachdadh a dh'fhoillseachadh a' ghnè bhoireannach, cuairt le crois bheag fodha. Tha an samhladh seo a' coltachadh a' phlanaid Àine agus 's i riochd maisichte den làmh-sgàthan Àine.




#Article 340: Rapunsail (965 words)


Tha Rapunsail 'na h-ùirsgeul sa' chruinneachadh cruinn leis na Bràithrean Grimm, agus air fhoillseachadh a' chiad àm sa' bhliadhna 1812 cho cuid de Ùirsgeulan nam Bràithrean Grimm.

Dh'fhuirich càraid gun clann ri taobh de gàradh ballach a bhuin ri ban-draoidh. Bha a' bhean air turas mu dheireadh thall is ghabh i sealladh roinn de luibh, air chantainn ri Rapunsail, a' fàs sa' ghàradh is dh'iarr i i ris a' bhàrr a' bhàis. Fad dà oidhche, dh'ealaidh a fear a-steach dham ghàradh a chruinneachadh roinn na luibhe dhi, ach air an treas oidhche, nuair bha e a' dìreadh am balla a thilleadh dhachaigh, nochd a' bhan-draoidh is thagair i e de goid. Ghuidh e ri ìochd, ag ràdh gun robh a bhean air turas is ag iarraidh an luibh, is dh'aontaich a' bhean shean a thoirt dha roinn na luibh, air a' chumha gun gheibheadh i am bìodag nuair rugadh i. Èiginneach, dh'aontaich am fear; rugadh bìodag; nochd a' bhan-draoidh 's ghabh i a' bhìodag air falbh. Dh'ainmich i i Rapunsail. Nuair ràinig Rapunsail dà bliadhna dheug a dh'aois, ghlais a' bhan-draoidh i air falbh ann an turaid domhan sa' choille, a' falach an doras. Nuair chaidh a' bhan-draoidh a thadhal Rapunsail, sheas i fon uinneig aig a' bhàrr na tùraide is ghairm suas dhi: 

Aig a' cluinntinn na faclan seo, shuaineadh Rapunsail a gruag fhada mun cuairt na cromaig a shuidh ri taobh na h-uinneige, 's leigeadh i i tuiteam sìos ris a' bhan-draoidh, a dhìricheadh suas ri Rapunsail.

Aon là mharcaich prionnsa tron choille 's chuala e Rapunsail a' seinn bhon turaid. Fo gheasaibh le a ghuth speurach, leis an aonranachd dhen t-seòrsa anna, chaidh e a lorgadh an rìbhinn 's lorg e an turaid, ach cha robh ann doras a' dol a-staigh. Thill e gu tric, a' cluinntinn rithe seinn, is aon là chunnaic e a' bhan-draoidh a' tadhal, mar sin ag ionnsachadh ciamar a ruigheachd Rapunsail. Nuair dh'fhàg a' bhan-draoidh, ghairm e ri Rapunsail a' leigeil a gruag sìos, is dhìrich e suas, chuir e eòlas oirre, 's fa dheòidh dh'iarr e ga pòsadh 's chòrd rithe.

Còmhla dhealbh iad dòigh dhi a theicheadh bhon turaid: thigeadh e 'san fheasgair (mar sin a' seachnach a' bhan-draoidh a thadhal fad an là), is beirsinn sìoda dhi, a dh'fhigheadh Rapunsail beag air bheag a-steach do àradh. Ach mus bh' an àradh iomlan, nochd Rapunsail a càirdeas leis a' phrionnsa gu gòrach, nuair (ann an tiotan de neo-chuimhne) dh'fhaighnich i a' bhan-draoidh aon là carson a bha nas fhurasta a tharrang an prionnsa suas an àite i. 'San sgeul tùsail nam Bràithrean Grimm, dh'fhoillsich Rapunsail a suirghe leis a' phrionnsa 'nuair thuirt i (gu neo-chiontach) ri a muime gun robh a casag mhòr a' fàs nas teanna mun cuairt a meadhan. Feargach, gheàrr a' bhan-draoidh goirid a' ghruag dhualach Rapunsail 's dhìobair i i dhan fhàsach a shaothrachadh rithe fhèin. 

Nuair ghairm an prionnsa 'n oidhche sin, leig a' bhan-draoidh na dualan sìos a tharrang e suas. Ri a oillt lorg e fhèin ag amharc a' bhan-draoidh an àite Rapunsail, nach robh àite sam bith air lorgadh a bhith. Feargach, thuirt a' bhan-draoidh gu fanaideach dha nach chitheadh e Rapunsail a-chaoidh a-rithist, leum e bhon turaid 'na eu-dòchas, agus rinn na drisean fodha e dall. 

Fad na h-ùine fada, chaidh e air seachran tron fhàsach, gus an chuala e mu dheireadh thall aon là an guth Rapunsail a' seinn agus lorg e i. Nuair thuit iad a-steach dham ghàirdeanan a chèile, dh'aisig a deòir a lèirsinn, is stiùir i ri a rìoghachd, far an dh'fhuirich iad sona fad an làithean.

Cho leis na leughaidhean eile ann an beul-aithris, tha mòran chiallan comasach. 

Ag ithe biadh os-nàdarrach, 's tric gum cuir sin neach ann am cumhachd os-nàdarrach (coltaichibh Persephone agus an gràn-ubhal, an sgeul timcheall Circe, agus mòran ùirsgeulan Ceilteach), agus ann an iomlaid air cho mòran rapunsail a dh'iarr a bhean, lorg an fear fhèin an dàn a thoirt an leanabh suas, nuair rugadh i. Nuair thàinig a' bhean ris a' cheann-aimsir, nochd a' bhan-draoidh agus ghabh i a' bhìodag air falbh, ga h-ainmeachadh Rapunsail.

Chinn Rapunsail a-steach do duine-cloinne àlainn, a' chaileag nas maisiche 'san sgeul seo sònraichte, agus fhuair i a h-àrach ann an iomallachas sòghail ach dìonach, dùinte 'san dòigh nam boireannaich uasal na Roinn-Eòrpa anns Na Linntean Meadhanach agus 'san Linn an Ath-bheòthachaidh. Cha robh olc gu fìor a' bhan-draoidh, cho mòr ri h-uabhasach seann-nòsach. Chreid i, mar creididh mòran dhaoine fhathast, gur urrainn do na deagh-bheartan na h-òigheachd air chur còmhla le neo-chiontachd gu lèir aineolach a bhith. (Coltaich Prospero agus a nighean Miranda anns An Doineann le Shakespeare) Nuair ràinig Rapunsail dà bliadhna dheug a dh'aois, (agus mar sin aig an tiotan na aoise-leannanachd) bha i glaste aig a' bhàrr de turaid aonranach domhan sa' choille, a mhuime a' dùnadh den dorais.

Mhair Rapunsail a chinntinn a-steach do bean òg an dèidh dhùin a' bhan-draoidh i air falbh 'san turaid. Th' an sgeul a' tighinn thairis cho rabhadh ri pàrantan nach urrainn dhaibh am clann gu bràth cumail agus feumaidh iad asda leigeil uaireigin. 

An ath-bhualadh Rapunsail aig an fhaicinn a' phrionnsa- cha robh e eu-coltach mar aithris Mhiranda: Oh brave new world! that has such people in it! (A shaoghail ùr treun! Gu bheil muinntir dhen t-seòrsa aige!)

'Sna dualchasan far an gheàrr mnathan am gruag nuair pòsaidh iad, bha gruag fhada 'na samhladh na h-òigheachd. 'San ùirsgeul Bhean-uasal Godiva, tha a' ghruag fhada Ghodiva 'na samhladh a geamnachd. Mar sin, ghabh a' bhan-draoidh deamhais agus gheàrr i na cleachdagan Rapunsail. Gu h-ùidheil, 'san sgeul tùsail nan Bràithrean Grimm, cha robh an càirdeas Rapunsail leis a' phrionnsa air lorgadh a-mach tro a bruadar de a leannan, ach an àite tron fhìrinn a dh'fhàs i leatrom leis a' phrionnsa.




#Article 341: Danu (336 words)


'San Eòlas-ur-sgeulachd na h-Èireann, bha Danu no Dana 'na màthair ban-dia na Tuatha Dè Danann (sluagh na ban-dia Danu), ged nach eil mòran clàraichte uimpe cho caractar. Th' a mac-samhladh Cuimreach Dôn.

Bunaichte air an dearbhadh nan ainmean-àite, mar an abhainn Danùb (Laideann: Danuvius), 's dòcha bh' adhradh aice feadh gach àite na cruinne-cè Ceilteach. Gu dearbh, leis an làthair bhan-dia ainmichte Danu 'san Eòlas-ur-sgeulachd na h-Innseachan, comannaichte le uisge 's màthair de freumh-cinnidh nan Asuraich ainmichte na Danaibhich, faodaidh seo bun glè shean Ìnnd-Eòrpach dham bhan-dia seo.

'San eòlas nam Ceiltich na h-Èireann, tha Danu na h-àrd-mhàthair ban-dia. tha i air nochdadh, mar as trice, le gruag fada dubh, sùilean cho gorm ri smàrag, craiceann geal is tuaran grinne. Comannaichte le sìthiche, bha i 'na neach a chruthaich na dealbhan dhan dh'ionnsaigh na h-Èireann. Tha a mac Deagh-Dhia air smaoineachadh an t-àrd-athair nan diathan na h-Èireann. Ged tha a caractar caillte air a bhith thar nan linntean gabhaidh i fhathast toiseachd ann an mòran cuairtean Ceilteach Uiceanach ùra.

Tha am briathrachas a' chànain Thùs-Ceilteach air chur còmhla le Oilthigh na Cuimrigh a' moladh gu bheil an t-ainm coltach a bhith bunaichte gu deireannach bhon bun Tùs-Ceilteach *Danoā. Tha an facal Tùs-Ceilteach seo a' ciallachadh an eòlas-ciallachais de ‘Toirt,’ ‘Fialaidh’ agus ‘Sruthadh.’ Tha an ciall sin soilleir ciallachail Ollamh John Koch air a stiùireadh aig an Oilthigh na Cuimrigh Ionad ri Cuimris Adhartach  Rannsachaidhean Ceilteach a mholadh gur faod an nàdar tùsail a' dhè seo air a bhith 'na riochd-samhlachadh de 'Pailteas Taosgach'. Ma tha ceart an beachd-smuain seo, bheireadh sin cunntas air na comainn a' dhè le foirfeachd màithreil, an torachas an t-saoghail is le aibhneachan a faodaidh a h-uisge taosgach air fhaicinn air a bhith cho nochdadh a làthair. Co-ionnan, bheireadh seo iomradh nach eil i ceudna ri Anann, ach a th' a' beirsinn samhail nas motha ris an Ops Romanach, an Rhea Ghrèigeach is an Cybele Anatoileach, gu lèir a tha 'nam ban-diathan a' samhlachadh pailteas.

Tha Danú na chòmhlan-ciùil às an Èirinn.




#Article 342: Bean nan gillean-tòine (107 words)


Am measg nam comann co-ghnèitheach, tha bean nan gillean-tòine 'na bean a tha 'còrdadh rithe am buidheann is an càirdeas de luchd bhon chomann neo-comhair-mhainnach, agus gu h-àraidh an càirdeas de fir cho-sheòrsach. Mar as trice, tha i comhair-mhiannach, ach b'urrainn dhi leasbach no dà-ghnèitheach a bhith cuideachd; 's e a' chuid as cudthromaiche gum bi i càirdeil le fir cho-sheòrsach is cha bhi aice ri mu rudan mar sàrachadh drùiseach a ghabhail iomagain. 

'S urrainn dhan fhacal 'na bheum a bhith, ach 's urrainn dha bràiste na pròise 'bhith cuideachd, a' crochadh air cò a chleachdas e; am measg dhiubh fhèin, 's e mear is dlùth.




#Article 343: La Llorona (1303 words)


A-rèir ri beul-aithris, tha La Llorona (IPA: /la joˈɾona/ - là-eò-RÒ-nà ('San Argentina:IPA: /la ʒoˈɾona/ - là-deò-RÒ-nà), Spàinntis ris A' Bhean Chaoineadh), air uairibh air chantainn ris A' Bhean sa' Gheal no A' Bhean Chaoineadh 'na taibhse bhean a' caoineadh a clann marbh, a th' am nochaidhean air uairibh air chumail a mhanadh bàs. Th' ann mòran atharrachaidhean 'sna sgeulan air La Llorona, a tha còrdte sa' Mheagsago, Na Stàitean Aonaichte (gu h-àraidh 'sna comannan mòra nam Meagsaganach-Aimearaganach), agus ri farsaingeachd an còrr nan Aimearagan.

Tha mòran atharrachaidhean beò air a' bhun La Llorona. Bheir roinn dhiubh dealbh air rìbhinn àlainn sa' Mheagsago no Meagsago-Nuadh, a phòs no gun robh air mhealladh le fear dùthchail, a rug i iomadaidh daoine-cloinne leis.  Tha ' bhean air uairibh air thoirt ainm-baistidh; th' air uairibh Sofia, Laura, Linda, agus María air chleachadh. Fàgaidh an fear i, air uairibh ri bean eile, air uairibh ri adhbharan na h-oibre, 's air uairibh a-mhàin a bhith air falbh à La Llorona 's a clann. Co-dhiù, roghnaichidh La Llorona a mharbhadh a clann, gu ìre daonnan le bàthadh, an dàrna cuid gan sàbhaladh bho beatha na bochdainne, ga saoradh fhèin a lorgadh fear eile, no air dìoghaltas an aghaidh an athair às an làthair/air chall. 

Atharraichidh na sgeulan gu mòr air na h-iomadaidh adhbharan gum beir iad ris a' mhàthair is an t-athair dham mharbhadh. Th' an innse còrdte ann an Las Cruces, Meagsago-Nuadh ag ràdh a bhàth La Llorona a clann 'san Rio Grande nuair cha b'urrainn dhi iad taic riutha toirt. Air oidhcheannan le làn-ghealach, their an sgeul, bidh La Llorona air chluinntinn dlùth dhan abhainn, a' caoineadh.

'San Texas mu dheas, ge-tà, th'an sgeul air La Llorona 'na sgeul gruagach àlainn a tharraing an aire a' mhic fhear beairteach ged 's i fhèin glè-bhochd. Phòs na leannanan gun fhiosda agus chuir taigheadas suas; bheir iad iomadaidh daoine-cloinne. Gu truagh, thàinig là nuair chuir an t-athair an òganaich an cèill a chuir e air dealbh pòsadh air a mhac ri bean òig 'nam buidheann (ann an roinn nan aithrisean, bha La Llorona 'na gruagach Aimearagach-Dùthchasach na tuatha agus dh'fhàg a fear i ri bean-uasal Spàinneach). Thuirt an t-òganach gun robh aige ri ga fàgail 's cha chitheadh e i a-rithist. Chaill i a ciall le fearg agus a cridhe briste, agus ghabh i a clann do abhainn far a bhàth i iad a chur gamhlas air a fear. Nuair lorg a fear a-mach, chaidh e 's iomadaidh nan luchd-dùthcha ga lorgadh, ach mharbh i fhèin mus ghlacadh iad i. Chaidh i dhan Nèamh 's chuir i aghaidh ris a' bhràth Dè. Dh'fhaighnich Dia i, Càit' a bheil do chlann? a dh'fhreagair i ris, Chan eil fios agam. Dh'fhaighnich Dia i trì uair 's dh'fhreagair i leis an fhreagairt cheudna. An uair sin, mhallaich Dia i a choiseachd air an Talamh a rannsachadh a clann. A-rèir ris an sgeul seo, 's e glic a sheachnach La Llorona, seach tha i àitheanta ri bhàthadh neach sam bith a' dol seachad a chur nì an àite a clann mharbh.

Fa seach, dìreach an dèidh bhàth i a clann, thuig La Llorona mar a bha i air a dhèanamh agus, claoidhte le bròn agus coire, ruith i ri taobh na h-aibhne a' feuchainn a lorgadh a clann, ach cha do lorg i iad a-riamh, agus bhàsaich no chaidh i à sealladh 'na rannsachadh dhiubh.

Ann an aithris eile, tha La Llorona 'na rìbhinn neo-chiontach co-èignichte 'steach do pòsadh-cabhaig leis an athair a pàisde; sa' chor seo, 's e an athair La Llorona no a cèile gum marbh na daoine-cloinne. Dh'fheuch La Llorona a chasgadh na marbhaidhean ach bhàsaich i 'na h-oidhirp.  

Th' aithris eile an sgeil air La Llorona air ràdh sa' Mheagsago. A-rèir ris an innse seo, dh'fhuirich i 'san Tequila, Jalisco.  Chaidh i a chluinntinn a rath, agus bha i air ràdh gun robh i a bhàsachadh, agus a clann cuideachd. Air an oidhche cheudna, fad am cadal, bhuail doineann mhòr am baile, a' dèanamh an abhainn a chur thairis a bhruach. Bh' an taigh air sguabadh air falbh leis an dìle, a' marbhadh gu lèir a clann. Chaidh La Llorona air turas a lorgadh a clann, a' leantainn an abhainn, ach bhàsaich i gun gam faicinn a-chaoidh a-rithist.

Ann am bitheanas, dh'fhàs La Llorona seòrsa de bean-shìdh. Coisichidh a spiorad iomluasgach	thall thairis 'san oidhche, a' caoineadh ¡O hijos mios! no ¡Ay mis hijos! (O mo chlann!). Tha comharraichte ri bàs na luchd mì-shealbhach gu leòr ga cluinntinn no ga faicinn. Air uairibh tha lèineag gheal uimpe; aig uairean eile, le lèineag dhubh uimpe. Tha i a' caoineadh, agus ann an roinn nan sgeulan th' a sùilean 'nan lagan falamha. Sealgaidh an La Llorona na Meagsago-Nuadh 'san dèidh nan daoine-cloinne; their roinn gum bàth i iad 'san abhainn.

Faodaidh an sgeul atharrachadh bunaichte air an suidheachadh nan sgeulaichean. Mar eisimpleir, leis an sgeul air innseadh ann am baile an taoibh na mara gun abhainn faodaidh na daoine-cloinne 'san rod a bàthadh. Sa' California mu Dheas cathaireach tha na h-aibhneachan gu tric air lìnigeadh le cruadhtan air a bhith agus air thionndadh a-steach do amaran de casg-dìle, agus anns na barriothan dùthchail faodaidh La Llorona air thoirt dealbh air a bhith cho a' siubhal an làr nan amaran no na sràidean agus rathaidean mòra tharta.

'S e an coltas as dìriche an sgeil La Llorona a th'ann Medea às a' Ghrèig, a bhàth a clann mar an ceudna an dèidh a dìobairt le Jason. 'S dòcha stiùir beul-aithris dùthchail nan Astaigean an seann-sgeul; 's e air ràdh a nochd bhan-dia Cihuacoatl no Coatlicue gu goirid ron ionnsaigh air Meagsago le Hernán Cortés, a' caoineadh a clann chaillte, fàisneachd an tuiteim na rìoghachd nan Astaigean.  

Air uairibh, th' an fèineachd de La Malinche a chur air La Llorona, a' bhean Aimearaganach-Dùthchasach a dh'obraich cho an eadar-theangaiche Chortés agus (mar smaoinichidh roinn na muinntire) a thrèig Measgsago ris na conquistadoran Spàinneach. Ann an ùirsgeul air La Malinche, dh'fhàs i an rùnag Chortés agus rug i duine-cloinne (mur eil iomadaidh dhiubh) dha, a-mhàin a bhith air dìobairt nuair dh'fhàg e a phòsadh bean-uasal na Spàinne.

Bha màthraichean na Meagsago Tìrichte aig an iochd (no an dìth an iochd) nam Conquistadoran; bha na Spàinnich fo iongnadh leis a' mhaise nan daoine-cloinne Amereaganach-Dùthchasach 's tric a ghlacadh na Spàinnich daoine-cloinne dùthchasach a chunnaic iad cho brèagha gu h-àraidh agus dh'àraichadh iad cho am clann fhèin. Cha robh mòran de roghainn aig mòran mhàthraichean Amereaganach-Dùthchasach truagha ach a mharbhadh an daoine-cloinne fhèin a chasg na Spàinnich bho gam gabhail. B'urrainn do La Llorona 'na màthair dhen t-seòrs' a bhith gu furasta.

Mheudaich beul-aithris bhon Roinn Eòrpa nas leathainne dhan seann-sgeul cuideachd. Bha sgeulan nam mnathan-shìdh agus ban-spioradan eile a ghabh am caoineadh manadh a' bhàis an sgeul air a stiùireadh, agus thàth an ceangail La Llorona le linneachan agus aibhneachan ri chèile ri suirean-uisge mar na Nix, Lorelei, na Maighdeanan-mhara agus na Mealùisine. Tha làn le cur fo gheasaibh le mnàthan ann an lèineagan geala eòlas-taibhse Eòrpach, mnàthan a th' an spioradan iomluasgach a' rannsachadh dìoghaltas air eucoireigin a dh'fhulaing iad no a tha mallaichte ri beatha an eadar-sholais ath-fhuireach a' chùis thruagh am beathannan. Th'ann cuideachd ionnanachdan leis a' Mharbhadh nan Luchd-neo-chiontachd Bìoballach, a th' an Soisgeul Mhata a' samhlachadh ri Raicheal a' caoineadh ri a clann, agus cha bhitheadh i air shocair.

Bha a' bhana-mhortair Susan Smith, a bhàth a clann ann an lochan South Carolina, samhlaichte ann an aithrisean-naidheachd ri La Llorona.

'San dualchas Malaysianach, th'ann seann-sgeul air taibhse bhean ann an fallaing gheal àitheanta ri Pontianak, a bhàsaich ann an tinneas-cloinne agus thill a chur luchd eile fo gheasaibh. Their seann-sgeulan a tha i a' rannsachadh dìoghaltas. Bidh sgeulan coltach air a' chreutair sin air lorgadh ann an roinn nan seann-sgeulan Indonesia.




#Article 344: Rob Ruadh MacGriogair (437 words)


Bha Raibeart Ruadh MacGriogair, (7 am Màrt 1671–28 an Dùbhlachd, 1734), no Rob Ruadh mar a bu trice a theirte ris, na dhuine ro chliùteach ann an Alba aig toiseach na h-ochdamh linn deug. Aig amannan bha e na fhear-gnothaich speiseanta, ach aig amannan eile 's e fear-togail-creich a bh' ann, agus chuir e seachad mòran dheth bheatha fo chàrn.

Rugadh Rob Ruadh ann an Gleann-Gaoil, aig ceann Locha Ceiterein, mar a gheibhear a-mach ann an Clàr nam Baistidhean Sgìre Bhochanan. B' iad Dòmhnall MacGregor agus Mairead Chaimbeul a phàrantan. Phòs e Màiri Eilidh NicGriogair à Comar, a rugadh aig an fhearann Lànaidh, An t-Iomaire Riabhach. Phòs iad ann an Gleann Aircleid san Fhaoilteach 1693. Rugadh ceathrar mhac dhaibh: Seumas Mòr, Rànall, Coll, agus Raibeart, neo Rob òg mar a b' fheàrr a dh'aithneachadh e.

Bha Raibeart na Sheumasach bhon bhroinn, agus thathar ag ràdh gun robh e an làthair aig Cath Raon Ruairidh, 1689; gu deimhinne bha e fhèin agus a dhaoine an sàs ann am Blàr Ghleann Sheile, 1719. Ach chaill e Blàr Sliabh an t-Siorraim, 1715 ged a mhiannaich e bhith ann.

Bha e na chreachadair na Gàidhealtachd àitheanta ris an Robin Hood na h-Alba. Gu h-ainmeil na neach-malairt na cruidh, dh'fhàs e mèirleach-chruidh a reic dìon a nàbaidhean an aghaidh mèirlich eile. Nuair dh'fhàillig a' mhalairt-dìona, bha Raib Ruadh fo chasaid de mealltachd agus bha e air a chur an chèile cho neach-cùirn. An dèidh sin rinn Seumas Greumach, a' chiad Dhiùc a' Mhonaidh Roise, a phrìomh-neach-fiach, grèim air a tìrean, chog Raib Ruadh leis an diùc gus an 1722, nuair bha Raib Ruadh co-èignichte a ghèilleadh. Nas fhadalaiche air chur am prìosan, bha e air mhathadh mu dheireadh thall ann an 1727. Bhàsaich e aig an taigh aig Inbhir Lòch Làirig Beag, Both Chuidir, air Dùbhlachd 28mh 1734. 

Bha an dùsgadh-inntinn dhan uirsgeul Raib Ruadh le Walter Scott an t-seann-sgeul air Raibeart Ruadh MacGriogair. Tha freagarrachaidhean a sgeul air ràdh air a bhith ann am filmichean, nas comharraichte Raib Ruadh, le Liam Neeson 'san dreuchd na h-ainme. 

Th' An Taigh an Glinn-Gaoil air an tràigh Locha Ceiterein a' cur là air ais dhan 18mh linn le fosglan air chur là air ri 1707, agus tha e togta air an làrach an bothain na cloiche na 17mh linne far a rugadh Raib Ruadh air smaoineachadh. O chionn an 1930an bh' an togalach Seòrsa B-clàraichte 'sna làmhan de ùghdarrasan-uisge leantainneach air a bhith, ach bha fèineachd air chur air cho barrachd ri riatanasan agus air chur suas ri reic-tairgse ann An t-Samhain 2004 a dh'aindeoin cur an aghaidh às a' Phàrtaidh Nàiseanta na h-Alba.




#Article 345: Bean-shìdh (271 words)


Tha bean-shìdh no bean shìth 'na creutair 'san beul-aithris na h-Éireann, am facal a bhith bunaichte bhon t-Seann-Ghàidhlig ben síde, Gaeilge bean sídhe no bean sí (bean agus sìdhe a bhith 'nan tuiseal ginideach). Tha na sìdh bunaichte bho diathan Ghàidhealach ro-Chrìosdaidheach. 

Nuair bhàsaich buill nan comann mòr nan Gàidheal (Clann uí Gráda, Clann uí Néill, Clann uí Bríain, Clann uí Conchobhar, agus Clann Caomhánach), sheinneadh bean-shìdh caoineadh dualchasach an dèidh dham bhàs. Gu dualchasach, bha bean-shìdh mhòr aig roinn nan teaghlaichean mòra nan Gàidheil comannaichte riutha, a dhèanadh teachd an làthair a sheinn an caoineadh seo an dèidh bàs 'san teaghlach. Innsidh na sgeulan mar a faodaidh (nuair bhàsaich ball an teaghlaich fada air falbh) an teachd an làthair no, ann an roinn nan sgeulan, an fuaim na mnà-sìdhe a' chiad for am bàis a bhith.

Nuair bha na beul-aithrise eadar-theangaichte a-steach dhan Bheurla, bha sònrachadh eadar na mnathan-shìdh agus na sìthichean eile air chur an aithne nach eil a' nochdadh a mhaireann 'sna sgeulan tùsaile 'nan dealbhan (Gaeilge no Gàidhlig) tùsaile. Gu coltach, dh'fhàs an caoineadh an tìodhlacaidh ràn brònach le a th' am bàs air chur an cèill. 'Sna sgeulan seo, thàinig a' cluinntinn an caoineadh na mnà-shìdh a chur air manadh air bàs 'san teaghlach agus comharraichidh a' faicinn a' bhean-shìdh an bàs neach fhèin.

Tha lèineagan geala gu tric mu mnathan-sìdhe agus tha gruag fhada bhàn aca gu tric, mar a sguabaidh iad le cìr an airgid, mion-fhiosrachadh a chuir an sgoilear, Patricia Lysaght, às leth ri breisleach le ur-sgeulachdan dùthchaile nam maighdeann-mhara. Riochdaich sgeulan eile iad ann an lèineagan uaine no dubh le bratan-falaich liath.




#Article 346: Ìomaigh rìomhach (132 words)


Tha ìomaigh rìomhach (àitheanta cuideachd ri Ìomaighean co-sheòrsach no Ìomaighean co-mhiannach, bhon fhacal na Beurla gay icon) 'nan neach-iomaiteach le luchd-leanmhainn fad an farsaing bhon LCDT chomann, gu h-àraidh
na luchd le ùidhean làidire ann am malairt na ciùil, cluiche, 'gus dannsadh. Agus th'ann an facal ìomaigh leasbach a riochdachadh luchd-iomaiteach toigh ris an leasbach chomann. Gu tric, gabh ìomaighean rìomhach a-staigh cleasaichean-film comasach (gu h-àraidh na luchd a bhàsaich fo cuir truagha), prìomh-ban-chleasaichean, cleasaichean (fireann is boireann) de cluichean-ciùil (gu h-àraidh na luchd le guthan comasach, làn le mothachadh agus/no beathannan pearsanta truagha), seinneadairean-cloiche le liut air aodach, còmhlain-ciùil ghillean faicsinneach, agus ealantairean 's còmhlain gnè-lùbadh.

Ghabhadh clàr glè ghoirid nan eisimpleirean nas motha-còrdte de ìomaigean rìomhach a-staigh Liberace, Elton John, Cher, Madonna, Kylie Minogue, Judy Garland, agus a' Mhuinntir Bhaile.




#Article 347: Aristotelis (367 words)


'S e Aristotélīs (Greugais: Ἀριστοτέλης, Beurla: Aristotle; beò 384 RC, Stagira, Masadoinia, A' Ghrèig – 7 am Màrt 322 RC, Chalicis, Euboea, a' Ghrèig), còmhla ri Platon, aon de na feallsanaichean as cudthromaiche ann an dòighean smaoineachadh Siarach. Tha e coltach gun do sgrìobh e mu 150 leabhraichean mu feallsanach ged a tha tòrr dhiu air an call.

'S e dotair do Rìgh Amyntas de Maseadonia a bh' ann an athair Aristotélīs. Bho aois ochd deug gu trichead 'sa seachd dh'fhuirich è an Àithne mar oileanach fon fheallsanaiche ainmeil Plato. 

Tha air a ràdh gur e na trì feallsanaiche is mòr a bh' anns a' Ghrèig anns na sean aoisean Aristotélīs, Plato agus Socrates. 'S e maighstear Plato a bh' ann an Socrates agus 's e maighstear Aristotélīs a bh' ann am Plato. 'S e na trì feallsanaiche seo a chuir feallsanachd a' Ghrèig air dòigh is gur e an toiseach dhan an oileanachd ris an canar Feallsanaiche Siarach 'san latha an diugh. Theagaisg Aristotélīs Alasdair Uaibhreach ( Alexander the Great ) a cheannsaich an Ear Mheadhanach gu lèir. 

Bha a chuid mhòr de smuaintean Phlato mu fhios bho na ciad-fàthan an còmhnaidh mì-chinnteach agus nach b' urrainn do dhuine sam bith fios fìrinneach fhaighean ach bho thionndadh air falbh bho'n neach a thionndas air falbh bhon t-saoghal. 

Bha diofar bheachdan aig Aristotélīs. Bha esan a' smaoineachadh gu robh fios bho na ciad-fàthan nas cudthromaiche. 'S e na beachdan seo a chaidh an cleachdadh an dèidh linntean anns an dòigh smuaintean ris an canar an Scientific Method 'sa Bheurla. 'S e a chuid mhòr de th' againn a thuirt Aristotélīs 'san latha an diugh nòtaichean a dh'fhàg è bho toirt òraid. 'S e feadhainn de na sgrìobhaidhean as ainmeile aige a tha againn fhathast Physics,Metaphysics.(Nicomachean) Ethics, Politics,De Anima agus Poetics.

Chan eil mòran fios againn mu eachdraidh obair Aristotélīs bho'n àm a bhàsaich è chun a Chiad Linn RC. Tha seann-sgeul ag ràdh gun deach na leabhraichean agus sgrìobhaidhean aig Aristotélīs fhàgail dha Theophrastus. 'S e Theophrastus am maighsear a lean Aristotélīs agus dh'fhalaich e na sgrìobh e airson dèanamh cinnteach nach dèidheadh an goid na an sgrios. Cha deach an lorg chun a' bhliadhna 70 RC.




#Article 348: Siùrsachd (1077 words)


Tha siùrsachd, no strìopachas, 'na reic de frithealadh na drùise, mar feis na beòil no cleamhnas. 'S e siùrsach/strìopach a th' ann an duine a' reic frithealadh na drùise, seòrsa de obraiche-drùise. Ann an cleachdadh nas coitchinne an facail, bidh neach sam bith a' reic a fhrithealadh/frithealadh ri ceann-fàth a th' air smaoineachadh a bhith neo-airidh air fhaicinn ri ga dhèanamh/dèanamh strìopach fhèin. 'San RA, 's e siùrsach a th' ann an neach sam bith, gun ceadaich a chorp/corp a bhith air chleachdadh ri adhbharan draosta ann am malairt ri dìoladh. 

Ged tha strìopaichean agus an luchd-dèilige a' riochdachadh uile seòrsa is uile suidheachadh-miann, 's e fireannaich a th' anns a' chuid as motha nan luchd-dèilige. Tha strìopachas air dhiùltadh leis a' chuid as motha nam creideamhan cho mì-chiatach no/agus peacach, agus tha strìopaichean air smaoineachadh a bhith nàireach no daoine de inbhe ìosal sa' chuid as motha nam comainn; ann an roinn nan dualchasan, th' am luchd-dèilige gu tric air choimhead sìos air cuideachd ach tha iad air fhulang ri ìre nas motha na an t-siùrsach.

'San strìopachas sràide, aslaichidh an strìopach luchd-ceannachd fad a fuireach aig oisnean nan sràidean no coiseachd ri taobh na sràide, mar as trice le aodach gann, brosnachadh uime/uimpe. Gu tric tha an strìopach (gu cumanta air chantainn ri luid, reipseach, or sràideag gam comharrachadh bho h-obraichean-drùise eile) a' nochdadh a cumail a sròn 'na ghnothach/gnothach fhèin is fuirichidh e/i dhan neach-ceannachd a thòiseachadh cur fios thuige/thuice.
Ann an cuid no gu h-iomlan air an adhbhar an cleamhnais. Tha an obrachadh dèanta sa' chàr an neach-ceannsachd no ann am caol-shràid dhlùth no ann an seòmar air mhàl(gabhaidh seòmraichean màl leis an uair làn no leth-uair màl taighean-òsda gum beir frithealadh ri strìopaichean).

'S e turasachd, ann an cuid no gu h-iomlan air an adhbhar an cleamhnais, mar as trice le strìopaichean, a tha turasachd-drùise. 'S e cinn-siubhail na turasachd-drùise a tha dùthchannan bochda cinn-siubhail, far a brùthaidh bochdainn daoine a-steach do strìopachas. Tha na dùthchannan seo eisimpleirean: Thailand, Vietnam, Meagsago, Philippines, Cuba agus A' Bhreasail. Tha Cambodia ceann-siubhail suaicheanta air a fhàs ri pàisde-mhiannaich agus tha Argentina an-dràsda dachaigh ri sluagh cudthromach nan slaightearan, a th' ann imrich air a dhol dhan tairbhe an peuso shaoir agus an cothrom air a' ghabhail-brath na drùise gum beir an bathar-iùlachd air ìsleachadh Argentina dhaibh.

Cleachdaidh roinn nan pàisde-mhiannaich turasachd-drùise a dh'fhaighinn rathad ri cleamhnas le daoine-cloinne nach eil ri fhaighinn 'san dùthaich an eòlas. Eagraichidh na turasaichean-drùise fhèin air roinn nan làraich-lìn far a nì iad spaglainn air am buaidhean, codaichidh dealbhan an ìobairtich, bruidhinnidh comhairle air cleamhnas le fir, mnathan agus daoine-cloinne ann an dùthchannan cèine aig a' mheas as fheàrr agus ciamar a sheachnadh lorgadh a-mach aig an taigh agus thall thairis. Ged tha a' chuid as motha nan dùthchannan le gnìomhachas mòr na turasachd-drùise ag obrachadh a lughdachadh no casgadh turasachd-drùise, tha na turasaichean-drùise rèidh air a thoirt a chur air adhart am cùis. Tha bailtean mar Angeles 'sna Pilippinean agus Pattaya 'san Thailand air thoirt thairis gu bhith gu h-iomlan ri Goill gun tèid ann a cheannach sochair-drùise, araon laghail agus mì-laghail.

Gu nuadh, tha iomadh dùthaich an Siar laghan air a reachdachadh le ruigheachd ri dùthchannan eile a pheanasachadh luchd-dùthcha gun, cho turasaichean-drùise, pàirtich ann an cleamhnas le òganaich ann an dùthchannan eile. Tha na laghan seo gu h-ainneamh air thoirt gu buil do bhrìgh thèid an droch-ghnìomh neo-fhoillsichte.   

Tha strìopach gu tric na h-ìobairtich de cionnt ainneartach.  Gabhaidh ciontaichean a-staigh luchd-dèilige ainnteartach, strìopairean, agus maoir-sìthe truaillte. 'S e targaidean na lean-mharbhaichean a th' anns na strìopaichean (gu h-àraidh na luchd an sàs ann an strìopachas sràide), oir chì iad strìopaichean ri targaidean furasta, no cleachdaidh iad an neul cràbhach agus comannach co-ceangailte ri strìopaichean cho bonn air a' mharbhadh. A bhith 'nam slaoightearan fhèin, chan eil strìopaichean cho coltach na na luchd-laghail a bhith air rannsachadh leis na maoir-sìthe nuair thèid iad às an t-sealladh, gan dèanamh ìobairtich a' bhruid de lean-mharbhaichean. Leis a' ghnàths na h-oibre, thèid strìopaichean leis na luchd-dèilige gu dìomhair (a sheachnadh dragh às na maoir-sìthe) ri h-àiteachan far an nach cuir neach casg orra, mar sin gan dèanamh glè sho-leònte ri fir cunnartach. Rinn Robert Pickton, fear na Canada a dh'fhuirich dlùth ri Vancouver, naidheachd an dèidh dhan lorgadh nam cuirp de iomadaidh strìopaichean a bha ollanaichte air a tuathanas. An-dràsda 's e fon casaid nam mort de fichead mnaoi 's a seachd bhon raon Vancouver.

Chan eil e ceadaichte an gnothach seo a shireadh ann an corra dhùthaich.

Do bhrìgh tha a' chuid as motha nan strìopaichean 'nam mnathan, tha strìopachas 'na cùis chudthromach 'sna smuaintean 's luchd-dèanadais na boireann-dhligheachas. Chruinnich luchd-beanalachd a chunnaic obraichean-drùise cho co-mhnathan airidh air còraichean is saoradh na miann le obraichean-drùise fhèin a chruthachadh na h-eagrachaidhean mocha na gluasad nan obraichean-drùise mar an Buidheann Strìopaichean Astràilia. Dh'fhàs na buidhnean seo a-steach dhan ghluasad nan obraichean-drùise an-dràsda.

Sa' bhuidhnean eile, thagair ùghdaran mar Andrea Dworkin, a bha 'na strìopach fhèin, 'san deichead 1980 gu bheil drùis mhalairteach 'na h-èigneachadh air thoirt gu buil le bochdainn (agus gu tric ainneart fosgailte le drùisirean). Diùltadh luchd-tairgse an smuain gum bi siùrsachd air leasachadh. Bha air stiùireadh leis a' bheachd seo an lagh 1999 na t-Suaine toirmisgeadh an ceannsach (ach chan eil an reic) na drùise. 'San t-Suain o chionn an leasachadh nan laghan, tha obraichean-drùise a-steach do ìre iomrallach air chur air a bhith, air brùthadh a-mach air na sràidean, air a fhàs obraichean nan falbhan a' leantainn an gluasad de bàtaichean, slighean-siubhail mar na trèanaichean, agus àiteannan eile far a coinnichidh iad an luchd-dèilige. Do bhrìgh an mì-laghaileachd nan luchd-dèilige 'san Suain, thèid roinn nan luchd-dèilige thar na crìche ri dùthchannan dlùtha a rannsachadh obraichean-drùise, agus tha seo 'san Suain na prìsean sìos air a bhrùthadh.

Tha Sheila Jeffreys, neach-oilthigheach allail aig an Oillthigh na Melbourne 'san Astràilia, a' tagradh gun fulaing obraichean-drùise bho co-fhiosrachd meallta agus air an fhìrinn sin feumaidh obraichean-drùise a' bruidhinn de fiosrachadh math sam bith ann an obair-drùise air mhì-chreidsinn a bhith. 'S cur an aghaidh seo ri a tairgse 'na leabhar an deicheid 1990 'Droch-Chreideamh Leasbach' a tha a' tagradh gum bu chòir do h-uile bean air chreidsinn a bhith. Bhuilich Jeffreys ri sgàineadh sìos ùr agus an dèanamh lochdach de h-uile taigh-strìopachais 'san stàid Astràilianach de Tasmàinia agus tha i a' cur taic ris a' bhuidheann na h-imriche an aghaidh obraichean-drùise, Ionnsaigh Meas, àitheanta am measg nan obraichean-drùise cho Ionnsaigh Mhì-mheas.




#Article 349: Dòmhnall II na h-Alba (334 words)


B' e Rìgh Alba eadar 889 is 900 a bh' ann Dhòmhnaill II na h-Alba. (Domnall mac Causantín). Bha e na mhac Rìgh Còiseam I agus na cho-ogha ri Eochaid agus Còiseam II a lean e mar Rìgh.

Ghabh Dòmhnall grèim air cathair-rìgh na h-Alba bho Giric, a bha a riaghladh le Eochaid, a bha air bràthair-athar Dhòmhnaill a mharbhadh. Le bàs Giric chaidh Eochaid fhuadachadh bhon dùthaich agus mar sin fhuair Dòmhnall grèim air an rìoghachd.

'Sann fo Dòmhnall II a chaidh Rìoghachd Srath-Chluaidh a chuir fo cheannsail le nan Gaidheil agus mar seo gu ìre a stèidheachadh Rìoghachd Alba; leis fhèin air ainmeachadh ann an eachdraidh bhliadhnail Ulaidh mar Rì Alban seach dìreach Rex Pictorum mar a chaidh na rìghrean roimhe ainmeachadh. Bha an t-àm riaghladh aige ann nuair a thoisich na Lochlannaich a ceannsachadh an Alba a' Deas eadar Alba agus na dùthchannan Sasannach le greim a ghabhail air an talamh an aite dìreach goid bho na daoine airson a chiad turas. Bha na Lochlannaich mur tha air Alba a' Tuath a fhaighean fo smachd.

'Se Rìgh Dòmhnall II a chiad duine a chaidh ainmeachadh mar Rìgh na h-Alba (no Rì Alban san Sean Gàidhlig ) leis a bhàs anns a bhliadhna 900. Roimhe, 'se Rìgh nan Cruithnich no Rìgh na Fhortreann. Gu tric tha daoine a coimhead ris an atharrachadh seo mar aoibhe airson breith Rìoghachd Alba ach chan eil moran a thachair ann an àm Dòmhnall a toirt cuideam don bheachd is. Bha far-ainm aige, dásachtach, le ciall ruideigin coltach ri 'Gloic' anns an sean chànan. Tha feadhainn dem beachd gu bheil seo is coireach ri cho mì-stòlda 'sa bha an rìoghachadh aige le ùine air a chuir seachad a cogadh an aghaidh na Lochlannaich. Tha beachd eile ann gun d'fhuair e an t-ainm seo trobh cuir sìos air an eaglais no tro cìsean robh àrd. Chan eil cinnte ann ach tha am fan-ainm seo dha dhèanamh le mì-choltach mar stèidheadair Alba.

Air a tharraing, agus eadar-theangachadh, bho :




#Article 350: Eabhra (103 words)


'S e Eabhra prìomh-chànan nan Iùdhaich agus Iosrael. Bha an cànan air a bhruidhinn leis na seann-Iùdhaich ann an Iosrael ro agus aig àm a Bhìoball. Nuair a chuir na Baibealonaich (Babylonians) fhas do dh'Iosraidheal agus chuir iad smachd air na Iùdhaich mar thràillean, thòisich na Iùdhaich air Aramais a bhruidhinn agus cha robh Eabhra air a chleachdadh ach mar chànan co-cheangailte ri creideamh. Le breith dùthaich ùr Iosrael an 1948, rinn cuid de na Iùdhaich aonta an cànan ath-bheòthachadh mar am prìomh-chànan aca gus am b' urrainn dhaibh uile aon cainnt a chleachdadh. Tha e a-nis aig mu 6 millean mar prìomh-theanga.




#Article 351: MacBheatha na h-Alba (561 words)


B' e MacBheatha mac Fhionnlaigh (Beurla: Macbeth, 1005–1057) Àrd Rìgh na h-Alba bho'n 14 den Lùnastal 1040 chun an 15 den Lùnastal 1057. Tha 'Mac Bethad' ann an Sean Ghaeilge a ciallachadh 'Mac a Bheatha' le ciall ruideigin coltach ri 'Fear a Choisrig.'

'Se mac Fionnlagh (Findláech mac Ruaidrí), Rìgh Moireibh, a bh' ann an MacBheatha agus 'se Rìgh Maol Chaluim II an seanair aige. Oir gun phòs Fionnlagh nighean Mhaoil Chaluim (Dabhdha no gu tric 'sa Laideann 'Dovda') thionndaidh a theaghlach fhèin na aghaidh agus mu dheireadh mharbh na mhic-bhràthair aige; Gilla Coemhgáin agus Maol Chaluim.

Bhàsaich Maol Chalum ann an 1029 agus sheas Gilla Coemgáin mar Rìgh as a dheidh. Bhàsaich easan eadar 1031 agus 1032 a' sabaid an aghaidh Àrd Rìgh Maol Chaluim II. An deidh seo lean MacBheatha a cho-ogha mar Rìgh Mhoireibh agus phòs e banntrach Gilla Coemgáin, a Bhana-phrionnsa Gruoch, agus i fhèin na ogha Àrd Rìgh Coinneach III. Bha mac aig Gruoch bhon a chiad duine aice, Lulach, agus sheas MacBheatha mar leas-athair ris.

Tha an Asgair Shasannach ag innis dhuinn gur e MacBheatha aon de trì rìghrean Albannach a ghèill ri cumhachd Cnud Mhòr ( gu tric Cnut no Canute), Rìgh nan Lochlannaich agus Rìgh Shasainn, an Danmhairg agus an Nirribhidh, anns a bhliadhna 1031.

Aig an àm seo cha robh riaghaltas cumhachdach no aonta ceart ann an Alba eadar na h-Uaislean agus Rìghrean. 'Se 'Mormaer' an t-ainm a bh' air na Rìghrean beag fo'n Àrd Rìgh.

Bha Maol-Chaluim II airson an ogha aige, Donnchadh, mac a nighean Beathag (Bethoc), a bha air pòsadh Crinan, Mormhaor agus Aba Dùn Chailleann, seasamh mar Àrd Rìgh as a dheidh. Tha e coltach gu robh seo is coireach gur e Beathag an nighean a b' fhearr leis air a no airson adhbhar poiliticeach.

Mus do bhàsaich e rinn Maol Chaluim II oidhirp neach sam bith a bha air thoiseach air Donnchadh mar tàinistear a mharbhadh. Cha d'fhuair gin air falbh ach Lulach - aig an t-àm na leanabh òg agus le feadhainn ag ràdh (gu fìrinneach) gun robh e na ghloic. Chuidich dìon MacBheatha agus chuidich an inbhe aige fhèin mar an duine aig ogha sean Rìgh agus a mac an dleas aigesan ris an rìgh-chathair. Le bàs Maol-Calum air an 25 den t-Samhain, 1034, ghabh Donnchadh àite mar Àrd Rìgh.

Airson fiadhachadh an aghaidh Donnchadh thoisich MacBheatha càirdeas le Thorfinn, Iarla Arcaibh, co-ogha ris fhèin agus Donnchadh agus ogha Maol-Chaluim II tron an nighean as òige aige. Chaidh an dithis aca a chogadh an aghaidh Donnchadh agus bhàsaich e am blàr faisg air Eilginn air an 14 den Lùnastal, 1040.

'Se Rìgh làidir a bh' ann an MacBheatha agus e a riaghladh tarsainn air Rìoghachd sheasmhach gu leòr airson dha mìosan a chuir seachad a dhol gu taisgealachd san Ròimh. Sgrìobh e laghan ùr airson Alba agus 'se àm piseach a bh' ann.

An 1054 thoisich Maol-Chaluim Chean-Mhòr, mac Donnchadh, ag iomairt airson greim fhaighean air an rìgh-chathair le cuideachadh bho Siward, Iarla Northumbria, le smachd fhaighean air taobh a deas Alba. Bhàsaich MacBheatha a' sabaid saighdearan Maol-Chaluim aig blàr faisg air Lann Fhìonain agus an deidh sin chaidh an rìgh-chathair gu Lulach san Lùnastal, 1057.

Tha MacBheatha air a thìodhlaiceadh air Eilean Ì, an eilean tradaiseanta airson uaighean na Àrd-rìghrean aig nan Gàidheil agus nan Cruithnich agus an t-eilean is coisrigte anns an dùthaich.




#Article 352: Seac MacConaill (390 words)


'S e neach poileataigs a tha ann an Seac MacConaill (Beurla: Jack McConnell). Rugadh e 30 an t-Ògmhios, 1960 ann an Irbhinn, taobh a tuath Siorrachd Àir.

B' e ceann a' Phàrtaidh Làbarach Albannach a th' ann agus b' e Prìomh-Mhinistear na h-Alba a bh' ann mus do bhuannaich Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba an taghadh ann an 2007.

Ged a chaidh a bhreith an Irbhinn chuir e seachad òigridh air tuathanas chaora air Eilean Arainn. Aig aois sia-deug ghabh e pàirt ri Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba ach cha do dh'fhuirich e ann robh fhada. An deidh dhol gu Àrd Sgoil Arainn chaidh e rannsachadh foghlam aig Oilthigh Sruighlea far an robh e na cheannard tarsainn air a' Chomann Oileanach. A ceumnachadh ann an 1983 thoisich e ag obair mar maighstir a' teagasg eòlas-àireamh ann an Alamhagh, Siorrachd Chlach Mhanainn agus chum e an obair seo fhad 's a bha e na chomhairliche. 

Ghabh e dreuchd mar Rùnaire am Pàrtaidh Làbarach ann an 1992. Rinn e adhartas mòr le mar a dh'obair e mu an taghaidh an 1997 nuair a bhuannaich na Làbaraich gu mòr. Bho 1999 sheas e mar Ball-Pàrlamaid anns a' chiad thaghadh airson Pàrlamaid na h-Alba ann an Tobar na Màthar agus Wishaw Thug Dòmhnall Mac an Deòir, a' chiad Prìomh Ministear na h-Alba, obair dha mar Rùnaire Ionmhasail. Le bàs Dewar an 2000 sheas MacDhòmhnaill an aghaidh Eanraig MacGillÌosa anns an taghaidh airson ceannard ùr am Pàrtaidh agus Prìomh-Mhinistear ùr Alba ach chaill e. Na àite dh'obair e mar Rùnaire Foghlam, an Roinn-Eòrpa agus Cùisean a-Muigh fo MhacGillÌosa. An dèidh do MacGillÌosa a dhreuchd fhàgail an dèidh sgannal ghabh MacConaill àite mar am Prìomh-Mhinistear as aonais co-fharpais sam bith. Chaidh e na bhall Taigh nam Morairean ann an 2011 agus tha an tiotal Am Morair MacConaill à Gleann Sgoradail aige.

Thug e seachad Òraid an t-Sabhail ann an 2004.

Tha a h-uile teansa ann gur e MacDhòmhnaill a bh' air a theaghlach bho thùs a chionn 's gur e Arainneach a th' ann is a chionn 's gum biodh ur-dhubhadh ann an Gàidhlig Arainn a dhèanadh fuaimneachadh MacConaill de MhacDhòmhnaill.  Ach chan eil fios no cinnte againn mu dheidhinn sin, agus is e “Seac MacConaill” an t-ainm Gàidhlig a bh' air aig a' Phàrlamaid, agus anns na meadhanan Gàidhlig gu léir nuair a bha e ’na Phrìomh-mhinistear. 




#Article 353: Eanraig MacGillÌosa (158 words)


'S e neach poileataigs agus an dara prìomh-mhinistear a bh' aig Pàrlamaid na h-Alba, an dèidh Dhòmhnaill Mhic an Deòir, a tha ann an Eanraig MacGillÌosa (Beurla: Henry McLeish).

Rugadh e 15 an t-Ògmhios 1948) ann am Fìobha agus thogadh e ann am Meadhchill. Chluich e ball-coise airson Leeds United agus Fìobha an Ear nuair a bha e òg mus do robh e na oileanach ann an Oilthigh Heriot-Watt.

Chaidh e na BhP airson Fìobh Meadhanach ann an 1987 agus BPA airson Fìobh Meadhanach ann an 1999. Bha e san dreuchd mar phrìomh-mhinistear na h-Alba bho 2000 chun an 8mh den t-Samhain 2001. Dh'fhàg e a' phàrlamaid nuair a thàinig e am follais gun robh e a' faighinn airgead tro bhith a leigeil pàirt den oifis roinn-taghaidh aige air mhàl gun cead no gun a bhith ag innse mu dheidhinn mar a bu chòir.

Bha e na chathraiche Coimisean Prìosanan na h-Alba a thug cunntas ann an 2008.




#Article 354: Dearc-luachrach (dà-bheathach) (109 words)


'Se dearc-luachrach biast bheag a tha càirdeal ri loisgean. Tha iad beò ann an dùthaich bhlàth agus cuiridh iad a chuid mhòr den tìde aca seachad ann am bùrn. Theid an lorg ann an America a Tuath, an Roinn-Eorpa agus Àisia a tuath.

Bith am mathair a cuir uighean agus gan fhàgail. Nuair a tha na Dearc-Luachrach òg bi iad a fàgail an t-uisge airson bliadhna agus a tilleadh airson an larbha a chuir agus an dèidh sin bi iad a fuireach 'san uisge airson a choir dem beatha. Tha na Dearc-Luachrach bu math nimheil agus 'se dathan soilleir a th'aca air an cracan mar sanas do bheathaich eile.




#Article 355: Èirinn a Tuath (264 words)


'S e Èirinn a Tuath  (Gàidhlig na h-Èireann: Tuaisceart Éireann; Beurla: Northern Ireland; Ullans: Norlin Airlann) roinn den Rìoghachd Aonaichte. Tha Beul-Feirste aice mar prìomh-bhaile agus tha 1,837,938 neach a' fuireach innte. Tha ceithir chànain: Gàidhlig na h-Èireann, Ullans (Beurla Ghallda Ulaidh) agus Beurla air aithneachadh anns an sgìre.

Bidh feadhainn ag eigheachd Còigeamh Uladh air ach chan eil ach mu dà-threas den sgìre ud (agus 86% dhen àireamh-shluaigh) fo chùmhachd riaghaltas Èirinn a Tuath. Tha strì mòr air a bhith anns an dùthaich eadar na daoine a tha a' fuireach ann o chaidh thaobh a deas Èirinn a phàirteachadh bhon Rìoghachd Aonaichte ann an 1922, gu h-àraidh an dèidh deireadh na 1960an nuair a thòisich na troubles mar a chanas daoine ris an strì anns a' Bheurla. Tha an sluagh-aonachdach, (Unionists), leis a chuid mhòr a' leantainn an creideamh Pròsdanach, agus sinnsearachd Gallda Albannach aca, airson Èirinn a Tuath a chumail mar pàirt den Rìoghachd Aonaichte. Tha na nàiseantaich, no gu tric Poblachdaich, a tha gu mòr nan Caitligich airson aonachadh le Poblachd na h-Èireann agus mar sin Eilean Eirinn aonachadh fo aon riaghaltas Eirinneach, taobh a-muigh den RA. 'On Good Friday Agreement air Dihaoine, an 10mh latha den Giblean 1998, tha an sìth air cumail mar is àbhaist ged a bhios fhathast connspaid ann aig àmanan agus mort ach s' ann glè ainneamh a bhios tachartasan mar seo ann san latha an diugh. Tha an achd seo cuideachd ga dhèanamh laghal airson sluagh Èirinn a Tuath taghadh eadar an Rìoghachd Aonaichte agus Poblachd na h-Èireann airson dè'n dùthaich a b' fheàrr leotha.




#Article 356: An Fhraing (242 words)


 
'S e dùthaich anns an Roinn-Eòrpa a tha anns an Fhraing - gu h-oifigeil Poblachd na Frainge -  neo uaireannan A' Fhraing.

'S e Paris am prìomh-baile aice - aon de na bailtean as ainmeile agus as cudromaiche air an t-Saoghal agus am baile as motha anns an Roinn-Eòrpa as dèidh Lunnainn. 'S i Frangais cànan nam Frangach, ach tha cànanan eile air am bruidhinn anns an dùthaich cuideachd - mar eisimpleir teanga le càirdeas ris a' Ghàidhlig, am Breatannais (neo Breton ann am Frangais). A bharrachd air sin, tha na cànanan a leanas air an cleachdadh ann an sgìrean eile den Fhraing: Basgais, Catalanais, Corsicanais, Gearmailtis, Fleamais, Ocseadanais (Occitan) agus Alsaisean (Alsatian). Tha Walon na mion-chànan san àird an ear-thuath na dùthcha. 

Tha crìochan aig an Fhraing leis a' Bheilg, Lucsamburg, a' Ghearmailt, an Eilbheis, an Eadailt, Monaco, Andòra agus an Spàinn. Tha an Fhraing na ball cudromach den Aonadh Eorpach agus is i tè de na dùthchannan as motha a tha ann. 'S e an creideamh Caitligeach an creideamh as motha anns an Fhraing. 'S e ball-coise an spòrs as measaile, ach tha rugbaidh glè chudromach cuideachd.

Tha départements d'outre-mer (An Fhraing Thar Lear) aice cuideachd:

Bha an dùthaich gu mòr an sàs an gnothach tràilleachd thar a' Chuain Shiar eadar an 16mh linn agus an 19mh linn, ged a chuireadh às do thràilleachd taobh a-staigh na dùthcha fhèin ann an 1315.

Seo liosta na bailtean as motha na Frainge:




#Article 357: Èirinn (142 words)


'S e eilean mòr a tha ann an Èirinn (doighean eile an t-ainm a' sgrìobhadh: Eirinn; Éirinn) neo Èire air taobh siar na Roinn Eòrpa. Tha e mu 280 mìle a dh'fhaid agus 160 mìle leathainn agus is ì an treas eilean is motha 'san Roinn-Eòrpa. 'S e Éire an t-ainm a th' air an t-eilean ann an Gàidhlig na h-Éireann. Tha dà dhùthaich, no riaghaltas, ann an Èirinn:

'S e Baile Átha Cliath prìomh-bhaile na Poblachd, agus 's e Béal Feirste prìomh-bhaile Èirinn a Tuath. Tha mu 5,800,000 neach a' fuireach air an eilean le mu 4.1 millean ann am Poblachd na h-Èireann le 1.5 millean dhan a sin anns a' Bhaile Àtha Chliath agus mu 1.7 millean ann an Èirinn a Tuath le mu 0.6 millean a' fuireach ann am Béal Feirste.

Seo liosta na bailtean as motha na h-Èireann:




#Article 358: Mohammed (1126 words)


Muhammad (Arabais: محمد‎ muḥammad); rugadh mu 570, bhàsaich air 8 an t-Ògmhios 632). 

Tha pailteas de sgrìobhaidhean agus ràdhan againn a tha dèiligeadh le beatha Muhammad. Nam measg ’s e an fhear is ainmeil eachdraidh-beatha a chaidh a chruthachadh anns an 8mh linn le sgoileir den ainm Ibn Ishaq. 

Rugadh Muhammad timcheall air a’ bhliadhna 570 AC gu treubh Arabach den ainm Quraysh ann an taobh a deas sgìre Hijaz. ’S e teaghlach uasal a bh' annta agus mu chòig ginealach ro Muhammad fhuair iad smachd air baile Mhecca agus, fon shinn-seanair aige, chaidh an àite a stèidheachadh mar aon de na prìomh bhailtean airson malairt anns an Ear-Mheadhan le càirdeas ri Impireachd an Roimh còrdaidhean le na dùthchannan eile mun cuairt – Impireachd Phearsia agus na Rìoghachdan ann an Yemen agus an Itiop. Agus ’s ann mar seo a chaidh an coimhearsnachd ris am buineadh Muhammad, le marsantachd fìor aig a chridhe, a chuir air dòigh. 

Ged a rugadh e ann an 570 AC cha do ghabh e dreuchd mar fhàidh gu 610 nuair a bha e mu 40 bliadhna a dh’aois. Anns na bliadhnachan ron a sin cha robh beatha annasach aige idir. Bhàsaich athair mus deach a bhreith agus bhàsaich a mhàthair nuair a 's e pàistean a bh' ann fhathast. Mar sin chuir e seachad a òigridh a’ fuireach le bràthair-athar, duine den ainm Abu Talib. Nuair a ràinig e 25 fhuair e obair a’ coimhead an dèidh carabhan le banntrach beartach agus an dèidh greis phòs iad.

Ged is e pàganachd an seòrsa creideimh a bu chumanta ann an Arabia aig an àm a bha seo, bha gu leòr, gu h-àraidh ann an taobh a tuath na sgìre, a chumadh ris an creideamh Chrìosdaidh anns a' chruth Nestorian no Monophysite. Gu dearbh, ’s ann mar àite aon-diathach a chaidh Mecca a stèidheachadh ged a bha e air tilleadh gu creideamh pàganach mun àm a rugadh Muhammad.

Bhiodh Muhammad a cuir seachad aon mìos sa bhliadhna seachad air Beinn Hira’ – cleachdadh pàganach a bha cumanta aig an àm. Aon oidhche agus e a cadal air a' bheinn chunnaic e an aingeal Gabriel, a dh’èigh ris “Ath-innse!” (recite!)

Anns na bliadhnachan a lean se Gabriel a bhiodh a toirt na ràdhan a chruthaicheadh an Quran agus an creideamh Muslamach do Mhuhammad. Ach, aig an àm, bha seo a cuir dragh mòr air agus airson greis bha eagal air gun ro e air a chiall a chall agus gun ro diabhail a choireigin ga phianadh. Ach, mu dheireadh, ghabh e ris an dreuchd. Chuir e seachad an ath deich, còig deug bliadhna a fuireach ann am Mecca a toirt seachad ràdhan ùr agus a teagaisg na bha a creideamh.

An toiseach cha robh duine a’ leantainn Muhammad ach a theaghlach fhèin agus fad timcheall air trì bliadhna cha robh ann ach rud prìobhaideach, pearsanta. Ach an dèidh greis chaidh cantainn ris a chreideamh a sgaoileadh a-measg an t-sluaigh mhòir. Cha robh seo a’ cuir dragh air na pàganaich ann am Mecca an toiseach (agus 's iad a mhòrchuid anns am baile fhathast) agus iad ag ràdh nach robh adhbhar sam bith ann nach fhaodadh duine creideamh a thaghadh dha fhèin mar a thogradh e. Ged a chaidh a chàineadh rud beag cha robh cus trioblaid aig Muhammad gus an do thòisich e a magadh nan diathan pàganach a bhuineadh ris a’ choimhearsnachd fhèin. Bhris an càirdeas sìos a bh' ann eadar na diofar threubhan agus theich buidhean de na Muslamaich gus an Itiop ach dh’fhuirich Muhammad fhèin ann am Mecca agus e sàbhailte air cùlaibh cumhachd bràthair athar – Abu Talib. Ach chaochail Abu Talib agus bha aig Muhammad coimhead airson taic an àiteigin eile. Chuir e greis seachad a’ siubhail bho àite gu àite a’ sireadh taice bho dhiofar threubhan ach cha deach leis gus an do choinnich e ri buidhean bho bhaile Medina. Chuir e cuireadh thuca suidhe leis. Dh’fhoillsich e a chreideamh aige agus ghabh iad ris – bha seann choimhearsnachd Iùdhach stèidhichte ann am Medina agus mar sin, ged is e pàganaich a bh' annta, bha na Arabaich a bhuineadh ris an àite nas eòlaiche, agus mar sin nas fosgailte, do ràdhan 
aon-diathach den t-seòrsa a bha Muhammad a’ teagaisg. Dh’iarr iad air a thighinn dhachaidh còmhla riutha agus iad ag ràdh:

Agus an dèidh dhaibh cùmhnant a dhèanamh dh’òrdaich Muhammad air an luchd-leantainn aige gluasad bho Mecca gu Medina. ‘S e an “Hijra” an t-ainm a th' aig na Muslamaich air a’ chuairt seo agus tha an mìosachan Muslamaich a’ tòiseachadh bho bhliadhna an Hijra – 622 AC.

Stèidhichte ann am Medina mar ceannard chuir Muhammad air dhòigh riaghailtean sòisealach, poilitigeach agus laghail a chaidh a chruinneachadh mar rud ris an canar a-nis “Cùmhnant Mhedina”. Tha an aithisg seo a foillseachadh gu bheil coimhearsnachd de dhaoine ann a tha a leantainn Muhammad – se an “umma” an ainm aca. Tha e cuideachd a cuir air adhart inbhe Muhammad mar am prìomh cumhachd anns an coimhearsnachd agus gum beachdadh esan (agus troimhe, Dia) air argamaid no comh-strì sam bith a-measg nan daoine. Cha do ghabh a h-uile duine ris an cùmhnant ùr. Dh’agallaidh Muhammad na Iùdhaich anns an sgìre agus chaidh an càirdeas eatarra a shàrachadh le feadhainn de na treubhan air an tilgeil a mach as am baile. Chrìochnaich an sabaid nuair a chuir Muhammad a h-uile fìrinneach ann an treubh Iùdhach den ainm Banu Qurayza (Clann Qurayza) gu bàs agus rinn e tràillean de na boireannaich agus clann aca. An dèidh seo cha ro àite ann an coimhearsnachd ùr Mhuhammad airson nan Iùdhaich. 

'S e am prìomh chur-seachd de àm Muhammad ann am Medina cogadh. Thairis air ochd bliadhna bha cogadh ann eadar Medina, le Muhammad os a chionn, agus baile Mhecca a bha air eilthireach a dhèanamh dhe. Mu dheireadh rinn Muhammad a chùis agus fhuair e smachd air a' bhaile anns an do rugadh agus thogadh e. Anns an ùine seo chan ann a-mhàin an aghaidh Mecca a bha e a' sabaid; fhuair e buaidh air iomadach threubh eile – Iùdhach agus Arabach. A-rèir eachdraidh an t-saoghail air fad 's e an rud as cudromaiche a thachair anns an àm a tha seo gun do thionndaidh Muhammad a shùil gu tuath, seachad air crìochan Arabia. Bha e an dòchas ionnsaigh a dhèanamh air Impireachd an Roimh ach bhàsaich e mus d’fhuair e an cothrom, agus e a fàgail 9 mnathan agus aon choileabach air a chùlaibh. Ach, mu ginealach an dèidh dha caochladh bha an luchd-leantainn aige air cuir às don an Impireachd aosmhor aig Persia agus smachd fhaighinn air a chuid mhòr do dh'Impireachd an Ròimh agus 's ann mar seo a chaidh an Ear-mheadhanach air a bheil sinn eòlach an diugh a chruthachadh.




#Article 359: Maighstir (labhair ri) (192 words)


Tha maighstir, no a dhealbh goirid Mgr. (no Mgr), 'na ainm comannach air chleachdadh ri fear. 

Co-dhiù 's fear pòsta no gun pòsadh, cha chomharraich an facal Mgr.; do bhrìgh de sin tha mòran beanalaich a' creidsinn nach bu chòir dhan dh'ainm bhean a comharrachadh a h-inbhe an pòsaidh a bharrachd. Air an adhbhar seo, tha Bean(-uasal) air fhaicinn ri mac-shamhladh ri Mgr., agus gu h-àraidh 'san nòs na malairt, le ainmean mar Bean(-uasal), Madame, Signora, Señora, no Frau, ris a' mhac-shamhaladh bhoireannaich dìreach an ainme air chleachdadh ri fir; tha an t-ainm ri mnàthan gun pòsadh 'na lùghdachan: Maighdeann(-uasal), Mademoiselle, Signorina, Señorita, no Fräulein. Air an adhbhar seo, tha cleachdadh air a ghluasad a dh'ionnsaigh a cleachdadh an t-ainm an pòsaidh cho an t-ainm de h-uile bean ann an nòs dreuchdail.

Sa' Bheurla, gu h-ùidheil, bha Ms. air a thagradh cho mac-shamhladh ri Mr., gu h-àraidh 'san nòs na malairt. Cha do chomharraich an inbhe an pòsaidh an t-ainm boireannach tùsail, Mistress, agus cha robh dèanta sònrachadh gus an teachd an ainme lùghdachan Miss ri bean gun pòsadh 'san Linn Victoria. Anas dèidh sin dh'fhàs Mrs. an t-ainm ri bean phòsta.




#Article 360: Martin Luther King, Jr. (108 words)


Bha Martin Luther King, Jr. (Atlanta, 15 am Faoilleach 1929–Memphis 4 an Giblean 1968) na mhinistear bathais agus neach-poileataigs Ameireaganach a bh' anns an ceannard as ainmeile de chòmhstri nan còraichean sìobhalta Ameireaganach. Bhuannaich King an Duais Nobel airson Sìthe mus chaidh a mharbhadh. Ann an 1977, as deidh dha a bhàsachadh, fhuair King Bonn Saorsa a' Chinn-suidhe bho Jimmy Carter. Airson obrach co-ionnanachd sluaigh adhartachadh is an aghaidh fòirneart is brùidealachd, tha King ga fhaicinn mar martair le iomadh dhuine mun timcheall an t-Saoghail. Chaidh Latha Mhartin Luther King a stèidheachadh mar shaor-latha anns na Stàitean Aonaichte na chuimhne 'S e deagh eiseimpleir iomairteachd na rinn e.




#Article 361: Port Rìgh (152 words)


'S e Port Rìgh prìomh-bhaile an Eilein Sgitheanaich. Anns a´ bhliadhna 1950 bha 1500 neach a' fuireach ann, ach dh'fhàs am baile na bu motha tro na bliadhnaichean agus ann an 2005 bha 2500 neach ann. Baile seirbhis agus baile margaid a tha ann. 

Tha am baile suidhichte air taobh sear an eilein agus air taobh siar Loch Phort Rìgh, loch mara a tha gu math fàsaichte. Is e Ceàrnag Shomhairle sàr mheadhan a' bhaile, far a bheil Taigh-cùirt an t-Siorraim, Ionad Phoilis agus clach-chuimhne do muinntir na sgìre a thuit anns an da chogadh mhòr.

Cha mhòr nach eil sia eaglaisean Crìosdaidh 's a' bhaile bheag seo: Eaglais na h-Alba, Eaglais Shaor na h-Alba, Eaglais Shaor Chlèireach na h-Alba, Eaglais Easbaigeach (na h-Alba), Associated Presbyterian Church agus Eaglais Chaitligeach (Cille Mhoire). A dhʼaindeoin sin tha nas lugha na 'n dara leth de mhuinntir na sgìre a' frithealadh nan eaglaisean gach Dòmhnach.




#Article 362: An t-Òban (191 words)


Tha An t-Òban na bhaile agus na cheann-ùidhe turasachd air a bheil fèill mhòr air an Iar-Ghaidhealtachd. 'S e An t-Òban am prìomh-bhaile airson Lathurnach, agus tha e suidhichte ann an taobh a tuath Comhairle Earra-Ghàidheal agus Bhòid. Tha a' Ghàidhlig aig deich sa cheud duine anns a' bhaile is cha do rugadh dà sa cheud den dhaoine seo ann an Alba. 'S e port cudromach a th' ann leis an dà chuid bàtaichean-èisg agus na h-aiseagan aig Caledonian Mac a' Bhriuthainn a' siubhal ris na h-eileanan bhuaithe. Canaidh muinntir an Òbain gur e am prìomh-bhaile neo-oifigeil na h-iar-Ghaidhealtachd ach cha ghabhadh muinntir a' Ghearasdain ris an sin.

Tha baile an Òbain, 's e sin am bàgh (òb) beag, air a shuidheachadh air bàigh aig ceann a deas An Linne Lathurna, mu choinneamh Cearrara agus ann an amharc eilean mòr Mhuile. 'S e am baile as motha a th' ann eadar Baile Eilidh is an Gearasdan.

Chaidh am Mòd Nàiseanta a chumail san Òban anns na bliadhnaichean 1892 (b’ e siud a’ chiad Mòd riamh), 1893, 1894, 1898, 1906, 1920, 1926, 1934, 1953, 1962, 1970, 1978, 1992, 2003, 2009 agus 2015.




#Article 363: Fèisean nan Gàidheal (558 words)


Ged a tha iomadh ciall aig an fhacal 'fèis', don a mhòr-chuid de dhaoine an-diugh tha e co-ionnan ri iomairt nam Fèisean, buidheann de dh'fhèisean-teagaisg air feadh Alba far am bi daoine, is gu h-àraid daoine òga, ag ionnsachadh agus a' taisbeanadh nan ealan Gàidhlig. 

Tha fèisean a' toirt cothrom do dhaoine a thighinn còmhla airson an sgilean ann an seinn, dannsa, dràma agus ceòl traidiseanta a leasachadh. Tha an teagasg beòthail agus spòrsail, ach proifeasanta agus eifeachdach. 'Se fèis-seachdain bhliadhnail am prìomh thachartas aig a' mhòr-chuid de na fèisean, ach tha àireamh nam fèisean a tha a' tabhann phrògraman de chlasaichean leanntainneach fad na bliadhna airson seirbhisean a chumail suas a' sìor-dhol am meud. 

Chaidh a' chiad fhèis a chur air bhog nuair a thòisich buidheann de phàrantan ann am Barraigh a' gabhail dragh gun robh dualchas an eilein a' dol bàs is nach robh an cuid chloinne ag ionnsachadh ceòl traidiseanta anns an sgoil. Mar dhòigh gus an suidheachadh seo a leasachadh chaidh a' chiad Fhèis Bharraigh a chumail anns an Eilean ann an 1981. 

Nuair a chualas cho mòr is a shoirbhich le Fèis Bharraigh, thòisich coimhearsnachdan air feadh Alba a' cur nam fèisean aca fhèin air dòigh. Bha Fèis Bharraigh 21 bliadhna a dh'aois ann an 2002, agus 22 bliadhna bho 'rugadh' i, tha còrr is 35 fèisean ann, gach tè dhiubh ga ruith leis a' choimhearsnachd agus air a dealbhadh gus feumalachdan na sgìre a fhrithealadh. Tha a' mhòr-chuid de dh'Fhèisean fhathast gan ruith le comataidean saor-thoileach. 

Tha na sgilean a tha gan teagasg aig Fèisean air am meas mar phàirt air leth cudthromach de dh'fhoghlam neo-fhoirmeil dhaoine òga, agus lorgar dearbhadh air a-seo anns an ìre de thaic a tha pàrantan is saor-thoilich deònach a thoirt seachad. Nas cudthromaiche air fad, tha e cuideachd ga mheas gu luachmhor leis na com-pàirtichean òga iad fhèin. Aig ìre nàiseanta, tha na fèisean gam meas le tòrr mar tè de na h-iomairtean-ealain as luachmhor a th'ann do dh'òigridh an Alba. 

Bithidh còrr is 3,500 dhaoine òga gach bliadhna a' gabhail pàirt anns na 37 Fèisean; tha 4 dhiubh seo gan cumail tro mheadhan na Gàidhlig. Tha còrr is 450 dreuchdan-teagaisg gan tabhann le Fèisean – 132 dhaoine – àireamh a tha, an cois luchd-obrach Fèisean nan Gàidheal agus Fèis Rois, co-ionnan ri 24.8 obraichean làn-tìde. 

Tha na 37 Fèisean nam buill de dh'Fhèisean nan Gàidheal, agus tha Bòrd-stiùiridh Fhèisean nan Gàidheal air a thaghadh às a' bhallrachd, leis a' bhallrachd. Bithidh na Fèisean a' tighinn còmhla aig Co-labhairt Bhliadhnail Fèisean nan Gàidheal, agus tro chuirmean-ciùil nàiseanta an-dràsda is a-rithist. Tha fiosrachadh ga sgaoileadh tron chuairt-litir Faileas.

Mar a tha iomairt na Fèisean air soirbheachadh agus mar a tha na bliadhnaichean air a dhol seachad tha atharraichean eile air a thighinn, ’nam measg Fèis Alba, a chuireadh air bhog ann an 1999 mar fhèis nàiseanta do chom-pàirtichean adhartach ’nan deugan agus ’nam ficheadan, agus Blas a chuireadh air bhog ann an 2005.

Tha fèisean nan samhla air sàr-obair anns na h-ealain do dh'òigridh agus neartachadh sgilean coimhearsnachd, agus tha iad a' tabhann àireamh nach beag de dh'obraichean, agus luach-airgid. Tha dealas airson cànan is cultur na Gàidhlig aig cridhe na h-iomairt agus bithidh Fèisean nan Gàidheal agus na fèisean a' strì an-còmhnaidh airson cothrom a leudachadh airson Gàidhlig a chleachdadh agus a bhrosnachadh anns na fèisean.




#Article 364: Dante Alighieri (171 words)


'S e bàrd Eadailteach agus feallsanach a bh' ann an Dante Alighieri (Firenze, 29 an Cèitean, 1265 - Ravenna, 14 an t-Sultain, 1321).
Sgrìobh è La Divina Commedia, no 'sa Ghàidhlig An Cleas-Chluiche Nèamhaidh, agus is e seo am pìos sgrìobhadh is ainmeil aige.

Rugadh e ann am Florence agus bha e an sàs ann am beatha culturach is catharra a' bhaile mus do dh'fhuadaich na h-ùghdarrasan e ann an 1302. Dh'fhuirich e ann an grunn bailtean san Eadailt, leithid Verona is dh'imrich e do Ravenna ann an 1319, far an do choilean e am Paradiso is chaochail ann an 1321. 
'S e am pàirt dhe a bhàrdachd air a bheil a chuid mhòr eòlach a chiad treas dheth - na 34 duanag aig an toiseach - ris an canar Inferno no Ifrinn a tha a dèiligeadh le Ifrinn mar a chì Dante e. 'S e aon de na ràdhan is ainmeil anns a' Cleas-Chluiche Lasciate ogne speranza, voi ch'intrate no Leig às ur dòchas, neach sam bi dh'inntreadh an seo.




#Article 365: Juventus (167 words)


'S e sgioba ball-coise Eadailteach bho Torino a tha ann an Juventus. 'S e Juventus am facal Laideann airson Ògalachd. 'S e Juventus an sgioba is buadhaicheal ann an eachdraidh ball-coise Eadailteach agus 's iad aon de na sgiobannan is motha agus beartach anns an t-saoghal. Chaidh Juventus a stèidheachadh ann an 1897. Tha iad suidhichte ann an Turin agus 's e la Vecchia Signora, no an Sean Bhoireannach, am far-ainm aig an sgioba.

'S ann an Serie B a tha Juventus a cluich an-dràsta (seusan 2006/2007) ged a chrìochnaich iad anns a chiad àite ann an Serie A an-uiridh - chaidh an cuir sìos oir bha iad (còmhla ri Fiorentina, Lazio, A.C. Milan ) ciontach de choirbteachd.

Tha an sgioba air buaidh a dhèanamh air Serie A 31 turas agus an Coppa Italia 10 thurais. Tha Juventus air barrachd gheamannan a bhuannachadh na sgioba sam bi eile Eadailteach. Ann an Co-fharpaisean Eòrpach tha iad air trì Cupanan UEFA agus dà Chupa na Roinn Eòrpa a bhuannachadh.




#Article 366: Franz Kafka (172 words)


Rugadh Franz Kafka (IPA: ˈfʁants ˈkafka) (Pràg, 3 an t-Iuchar 1883 – Kierling, 3 an t-Ògmhios 1924) ann an teaghlach Iùdhach a' bruidhinn na Gearmailtise ann am Pràg, anns a' phàirt den Ìmpireachd Ostaireach-Ungaireach far a bheil a-nis am Poblachd Seiceach. 'S e fear de na sgrìobhadairean as cliùitiche agus suaicheantaiche den 20mh linn a tha ann. 

Cha deach mòran de na sgrìobhaidhean aige fhoillseachadh aig àm a bheatha. Dh'fhàg e na sgrìobhaidhean aige nach do chrìochnaich e aig Max Brod is dh'òrdaich e do Bhrod gun losgadh e iad, ach nuair a theich Brod à Pràg ann an 1939, ghabh e na sgrìobhaidhean le Kafka leis do Phalastain, dh'fhoillsich e iad agus dh'fhàs Kafka nach maireann ainmeil. Am measg nan sgrìobhaidhean as ainmeile leis tha Der Process (An Deuchainn), Die Verwandlung (An t-Atharrachadh) agus Das Schloss (An Caisteal).

Rinn Edwin Muir, an sgrìobhadair Albannach, agus a bhean, Willa Muir, na ciad eadar-theangachaidhean de dh'obair aig Kafka gu Beurla, a gabhail a-steach Der Prozess (mar The Trial) agus Die Verwandlung (mar Metamorphosis).




#Article 367: Cuimris (113 words)


'S e Cuimris cànan nan Cuimrich. Cymraeg 'sa chànan fhèin. Bhruidhinnear i anns a' Chuimrigh agus ann an Chubut anns An Argantain. 'S e cànan Breatannach, Ceilteach a th' ann agus gu h-eachdraidheil bha i air a bruidhinn air feadh eilean Breatainn Mòr, chan ann a-mhàin sa Chuimrigh. Tha mu 500,000 neach a bhruidhneas an cànan air fhàgail - timcheall air 20% den t-sluagh Cuimreach gu lèir.

Canar gur e Llyfr Du Caerfyrddin (Beurla: The Black Book of Carmarthen) an làmh-sgrìobhainn as sine a chaidh a sgrìobhadh gu tur ann an Cuimris.
Tha an leabhar seo agus cuid de na seann tùsan Chuimreach eile  rim faicinn ann an Leabharlann Nàiseanta na Cuimrigh an-diugh.




#Article 368: Oilthigh Lunnainn (119 words)


'Se Oilthigh Lunnainn co-nasgadh de dh'oilthighean agus ionadan. 'Se Oilthigh Lunnainn am fear is motha anns an Rìoghachd Aonaichte agus tha i am measg na h-oilthighean is motha agus is ainmeil anns an t-saoghal. Tha 18 colaiste agus 13 ionad a dèanamh an àrd an oilthigh agus nam measg tha feadhainn de na sgoiltean is ainmeil agus is fheàrr anns an t-saoghal. Tha mu 115,000-150,000 oileanach a faighean a foghlam leis an oilthigh no tro ionad co-cheangailte ris ann an dùthaich eile. Chuir Guðni Thorlacius Jóhannesson - ceann-suidhe Innise Tìle -  bliadhnaichean ag obair an seo.

Feadhainn de na sgoiltean is ainmeil anns an Oilthigh:

Bi Donnchadh MacGillIosa (ùghdar Gaidhealach) a teagasg anns an Ionad Foghlam aig Oilthigh Lunnainn.




#Article 369: Donnchadh MacGillÌosa (100 words)


'S e ùghdar a tha ann an Donnchadh MacGillÌosa (Beurla: Duncan Gillies). Rugadh e ann an Nis, Leòdhas ann an 1941. Bha e na oileanach aig Oilthigh Obar Dheathain. Tha e a-nis ag obair ann an Lunnainn. Tha Mgr MacGillÌosa air sgrìobhadh leabhar ghoirid de eadar-theangachaidhean bho Shakespeare, Seachd Luinneagan le Shakespeare, agus sgeulachdan eile anns an leabhar Thall 's A-Bhos. Sgrìobh e cuideachd nobhail airson chloinne Disathairn agus leabhar ann an sreath Ùr-Sgeul Tocasaid 'Ain Tuirc.

Bha a chruinneachadh sgeulachdan goirid Màiri Dhall agus Sgeulachdan Eile air an gearr-liosta Leabhar Albannach As Fheàrr 2013 aig Comann Crann na h-Alba.




#Article 370: Tighearna (224 words)


Tha Tighearna (àitheanta cuideachd cho Triath, Morair, no Duine-uasal) 'na fhear gu bheil cumhachd agus comas aig. Bidh ciallan air leth aige an crochadh ris a' bhrìgh a chleachdadh. 

Ann am brìgh cràbhach, 's e ainm a th' anns An Tighearna a' toirt iomradh air Dia, agus gu h-àraidh leis na Creideamhan Abrahamach (Iùdhachd, Ioslamachd, agus Crìosdaidheachd). 'Sa chreideamh pàganach an Wicca, th' ann dà diathan, aon fireannach agus aon boireannach; tha an Dia air thoirt iomradh air An Tighearna agus tha a' Bhan-dia air thoirt iomradh air A' Bhaintighearna. 

Tha an facal-freumhachd an fhacail tighearna bhon tiarna na Gaeilge, bhon fhacal na Gaeilge shean tigerne, sa' Chuimris teyrn, sa' Chuimris shean -tigern, sa' Chòrnais teern, 'sna Bhreatannais shean tigernus: *tegerno-s, tegernio-s, an fiamh teg de tigh, an dealbh sean de taigh; faodaidh an t-adhartas de tighearna agus baintighearna bho an fear an taighe agus a' bhean an fhir an taighe dhan chiall de bean-uasal dealbhaichte air a bhith leis an atharrachadh gun tig ri cànan; dh'èirich fear an taighe agus bean an taighe ri duine-uasal agus bean-uasal, agus tha na ciallan seana à cleachdadh a-nis. 

Ann an roinn nan dualchas na Roinne-Eòrpa, bidh an facal co-ionnan air chleachdadh ri ainm cumanta de labhairt ri, ionnanach ri Maighstir (air uairibh air fhaicinn ri Mgr) (Fraingis Monsieur, Spàinnis Señor, Eadailtis Signore, Gearmailtis Herr, Pòlainnis Pan)




#Article 371: Albannach (142 words)


'S e neach a bhuineas do dh'Alba a tha ann an Albannach, fear no tè a tha beò ann an neo aig a bheil ceangal ri Alba.

Chan eil cinnt cò às a thàining am facal Laideann Scoti no Scotti a tha e fhèin freumh an fhacail Scots agus Scottish. Tha cuid mar Charles Oman a' cumail a-mach gun dàining e o scuit (air a ghearradh) mar ainm air spùinneadairean., feadhainn eile mar Aonghas MacCoinnich gur e sgaothaich an t-ainm a bh' aig na Gaidheal a dh'fhàg Èirinn 's  a dh'fhuirich air an taobh siar na h-Alba agus a stèidhich Rìoghachd Dail Riata  's a-rèir coltais thathar a' cumail a-mach gur e am facal Greugais skotos (σκότος) a tha seo 's a tha a' ciallachadh dorchadas. Ge-tà, chan eil a' chuid as motha dhen luchd-eòlais a' dol leis na teoirigean annasach seo.  




#Article 372: Gàidhealtachd na h-Alba (129 words)


'S i a' Ghàidhealtachd sgìre no coimhearsnachd sam bith far a bheil a' Ghàidhlig air a cleachdadh mar phrìomh chànain. Gu h-eachdraidheil bha a' Ghàidhealtachd a' gabhail a-steach beanntan is glinn Siorrachdan Obar Dheathain, Peairt, Sruighlea bho thuath air Abhainn Chluaidh gu ruige na h-eileanan uile far oirthir an iar na dùthcha, ach an dèidh dhan Ghàidhlig  crìonadh san 20mh linn chan eil ceangal cho mòr aig an ainm sin ris a' chànan tuilleadh. Chan eil 'Gàidhealtachd' an t-àite sam bith tuilleadh ach na h-Eileanan an Iar agus ceàrnaidhean dhen Eilein Sgitheanaich far a bheil Gàidhlig fhathast aig a chuid as motha den t-sluaigh. Gu h-eachdraidheil - ro chrìonadh na Gàidhlig agus sgaoileadh na Beurla - bhruidhneadh daoine mun a' chuid a bu mhotha de dh'Alba mar a' Ghàidhealtachd.




#Article 373: Sealtainn (114 words)


'S e eileanan eadar ceann a tuath na h-Alba agus Nirribhidh a tha ann an Sealtainn. 'S e Liùrabhaig prìomh-bhaile Shealtainn agus 's e Comhairle Shealtainn a tha a dèiligeadh rithe. 'S e na h-eileanan as cudromaiche a tha anns a' mhòr-thìr, Yell, Unst, Fair Isle agus Fetlar.

'S e sgìre Phàrlamaid na h-Alba a tha ann an Sealtainn fhèin ach 's e pàirt de dh'Arcaibh agus Sealtainn a tha airson Westminster.

Tha borgan ann am Mousa agus ann an Clickimin faisg air Liùrabhaig.

Cha robh Sealtainn ann an Alba roimhe 1471, agus cha robh a' Ghàidhlig ann, ged a bha na Cruithnich an siud. 'S e fear de na siorrachdan traidiseanta na h-Alba.




#Article 374: Leòdhas (438 words)


Tha Leòdhas no Eilean Leòdhais na phàirt de Innse Gall. 'S e Leòdhas an t-eilean as motha anns na h-Eileanan Siar: 1,770 cilemeatair ceàrnach. 'S e Steòrnabhagh an aon bhaile air an eilean le barrachd na 5,000 daoine a' fuireach ann. Tha Leòdhas na phàirt dhen eilean ceudna mar na Hearadh.

Tha cuid dhen bheachd gu bheil an t-ainm, Leòdhas, a' tighinn às an t-Seann Lochlannais, agus gu bheil e a’ ciallachadh Ljoðahús (taigh-ciùil). Tha far-ainm aig Leòdhas, Eilean an Fhraoich a tha ri chleachdadh ann an co-theacsa cultarachd agus ann am bàrdachd ach tha sin a' buntainn ri Leòdhas agus Na Hearadh.

Tha Am Bac, Nis, Na Lochan, An Rubha, Ùig, A' Phàirc, Càrlabhagh, agus Steòrnabhagh ’nan sgìrean ann an Leòdhais. Tha ceithir parraistean ann: Barabhas, Na Lochan, Steòrnabhagh, agus Ùig.

Seo feadhainn de na h-eileanan beaga a tha faisg air Leòdhas: 

Tha e coltach gun robh mac-an-duine a' fuireach ann an Leòdhas o chionn 8,000 bliadhna, oir chaidh rudan a lorg ann an riasg a tha a' ciallachadh gun deach coillteach a losgadh, gus am bi cluaintean ann airson fèidh. Tha fianais àrc-eòlach as sine a' tighinn bho 3,000 ro Chrìosta (5 000 bliadhna air ais). Aig an àm seo, thòisich daoine a bhith a' stèidheachadh thuathanasan maireannach. Chaidh taighean a thog na daoine seo a lorg air feadh nan Eilean Siar, gu sònraichte aig Dail Mhòr, Càrlabhaigh. Chaidh na Tursachan Chalanais, agus àiteachan eile mar seo, a thogail aig an àm seo cuideachd. 

Mu 500 RC, thòisich Linn an Iarainn anns an eilean. Dh'fhàs na togalaichean na bu mhotha, agus thòisich daoine a' togail bhruighean, mar eisimpleir Dùn Chàrlabhaigh. Nuair a thàinig na Scotti (mar a chanadh ri na Gàidheal aig an àm seo), thog iad Gàidhlig dha Leòdhas. Anns an 6mh linn agus rè na linntean às dèidh sin, bha Crìostaidheachd air a sgaoileadh tro na h-eileanan. 

Anns an 9mh Linn, thòisich na Lochlannaich a’ tuineachadh ann an Leòdhas. Phòs iad muinntir an àite agus dh’iompachadh iad gu Crìostaidheachd. Aig an àm seo, bha Leòdhas ’na phàirt de Rìoghachd Eilein Mhanainn agus nan Eilean, agus gu h-oifigeil, ’na phàirt de Rìoghachd Nirribhidh. 
'S ann aig an àm sin a chruthaicheadh Fir-thàileisg Leòdhais a chaidh a lorg ann an Ùig ann an 1831. Tha buaidh nan Lochlannach gu sònraichte follaiseach anns na h-ainmean-àite: mar eisimpleir Pabail no Nis. Anns an 13mh Linn, fhuair Rìoghachd na h-Alba Leòdhas agus na h-Eileanan Siar air fad, oir chaidh Cùmhnant Pheairt aontachadh ann an 1266 agus phàidh rìgh na h-Alba, Alasdair III, èirig do rìgh Nirribhidh, gus am biodh na h-Eileanan Siar agus Eilean Mhanainn fo smachd na h-Alba.




#Article 375: Slèite (142 words)


'S e Slèite fear de na còig rubhan mòra a tha a' dèanamh còmhla an t-Eilean Sgitheanach.

Thàinig an t-ainm Sléite neo Sléibhte bhon fhacal Seann Lochlannais sléttr, a tha a’ ciallachadh: rèidh, sèimh.  An déidh 1981 dh' atharraich an t-ainm gu Slèite. 

Seo cuid de na bailtean agus seann bhailtean ann an Sléite: 

Tha a’ cholaiste Ghàidhlig, Sabhal Mòr Ostaig ann an Slèite.

Tha mòran lochan ann an Slèite. 'S Loch nan Uamh am fear as motha a th' ann, tha e cho  mòr ri 26.7 ha (66 acair).  Tha e suidhichte ann am meadhan Slèite, faisg air Loch Dhùghaill (20.8 ha (51.4 acair)), an treasamh loch as motha ann an rubha seo.  Deas air an dà loch tha Loch a' Ghlinne ann agus le fharsaingeachd de 26.6 ha (65.7 acair) tha e dìreach beagan nas lugha na Loch nan Uamh. 




#Article 376: Sgeama na Gàidhlig (105 words)


'S e seo Sgeama de chùrsaichean tro mheadhan na Gàidhlig aig Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean, a' dol suas gu ìre ceum BA le urram, thairis air ceithir bliadhnaichean. Thòisich an Sgeuma sa bhliadhna 1998. Tha dà cholaiste pàirteach ann.  Tha Sabhal Mòr Ostaig a' tabhainn nan ceithir bliadhnaichean gu léir, agus tha Colaiste a' Chaisteil a' tabhainn a' chiad trì bliadhna. Bha Colaiste Inbhir Nis an sàs anns an Sguma an toiseach, a' tabhainn na ciad bliadhna a-mhàin, agus sguir iad sa bhliadhna 2006.  Bho thoiseach na Sgeuma gu ruige na bliadhna 2012-13, tha 958 de dh'oileanaich air cùrsa a dhèanamh tron Sgeuma.




#Article 377: Sgìre a Deas (117 words)


'S e an Sgìre a Deas a tha air aon den dà roinn de sgiobaidhean iomain ann an Alba. Air sgàth 's gu bheil cruinn-eòlas na Gaidhealtachd duilich a thaobh siubhal gu luath is gu furasta, airson adhbharan eachdraidheil chaidh an dùthaich a roinn ann an dà roinn airson co-fharpaisean, leis na sgiobaidhean bhon dà roinn a' coinneachadh a-mhàin anns na cuairtean deireannach de cho-fharpaisean cuaich. Tha Sgìre a Deas a' sìneadh bho Baile a' Chaolais, a' toirt a-steach Latharna is Earra-Ghàidheal agus a' Ghalltachd.  Tha e cuideachd a' toirt a-steach sgiobaidhean bho thaobh a-muigh na h-Alba mar Camanachd Lunnainn agus Na Highlanders.

A-nis, tha Prìomh-lìg Nàiseanta ann do Iomain ach fodha seo tha lìgean roinneil ann.




#Article 378: Coireall còsagail (178 words)


Tha an coireall còsagail 'na sheòrsa de fuaim co-fhogharach, air chleachdadh ann an roinn nam cànanan air bhruidhinn (mar Ruiseis, Spàinntis, Armenianais, agus Pòlainnis). Tha an t-samhladh 'san Aibidil Eadar-nàiseanta Fogharach a tha riochdachadh fiaclach, còsagail, agus coireallan for-chòsagail, agus tha r na shamhadh samhail X-SAMPA. 'S e gu mì-riaghailteach air chantainn ris an ruis luasganach. 

Feartan an coirill chòsagail:

Chan eil coireall còsagail aig a' chuid as motha nan dual-chainntean na Beurla, leis an obadh an dual-chainnt Albannach. Tha doirbh an fuaim sònraichte seo a chruthachadh airson daoine nach eil e aig sa' chànan am màthar. 

'S cumanta coirill chòsagaile anns na Cànanan Uralach, agus sa' mhòrchuid nan Cànanan Slàbhach is nan Cànanan Ròimheach mar Spàinnis (sgrìobhta cho rr, no r aig an tòiseachadh fhacail), Catalanais, Ocsiteanais, Romàinis, agus Eadailtis. Tha e air lorgadh anns na blasan na Gearmailtise agus na Fraingis. Ann an roinn nam cànanan (mar Seicis, Slòbhacais and Croatais), 's urrainn dhan choireall chòsagail lideachail: . Cuideachd, chuir J. R. R. Tolkien roimh gum bitheadh an coireall còsagail aig a Chànanan nan sìthiche cumte.




#Article 379: Gruag bhàn (1434 words)


'S e dath na gruaige a tha bàn (àitheanta cuideachd cho fionn). Tha gruag bhàn/gruag fhionn air lorgadh ann an roinn sinich sònraichte, comharraichte le inbhean ìseal an datha dorcha eu-mealainin agus inbhean nas àirde an datha bàn phæomelainin, am bitheantas le gruag ruadh. Bhon ghruag as duirche ris a' ghruag as bàine, sgaoilidh na dathan air leth na gruaige bàine timcheall 2% an t-sluaigh an t-saoghail.

Earbaidh an buil an datha resultant air cuir air leth, ach bidh dath-eigin de buidhe, a' dol bho glè bhàn air chruthachadh le sgaoileadh gann an datha, ris na dathan bàn-ruadh sùbh-làir de bàn no dathan òr-dhonn, an dath mu dheireadh le barrachd eu-mealainin. Tha a' ghruag as caoile aig daoine bàna, fad tha a' ghruag as sturraile aig daoine ruadha. Tha gruag bhàn air lorgadh ann an daoine daonna agus seòrsaichean sònraichte de còin agus cait, am measg nan seòrsaichean sineach.

'S urrainn do gruag bhàn tachairt gu nàdarra ann an uile daoine daonna, ach aig ìrean ìsle dhen t-seòrsa nach i glè shoilleir 'san roinn nas motha nan sluagh. Ann an roinnean Eòrpach, tachraidh gruag bhàn cho tric gur tric i comannaichte cho stil àraid na Roinn-Eòrpa, ach 's i àraid a-mhàin ann an a bhith cho cumanta.

Tha ceist le seasmhachd bho chian air a bhith Carson a thàinig na h-Eòrpaich mu Thuath gu crìch a chruthachadh gruag bhàn (agus caochladh leathann na dath nan sùilean) cho nuadh gu co-shamhladh 's gu luath 'san ùine an tighinn gu crìch na daonnachd? Nan robh na h-atharrachaidhean air a thachairt leis na seòlaidhean an tighinn gu crìch, bhiodh iad timcheall 850,000 bliadhna air a ghabhail. Ach, imeachd bhon Afraga, ràinig daoine daonna ùra an Roinn-Eòrpa a-mhàin bliadhna 35,000-40,000 bliadhna o chionn .

Tha gruag dhorcha, craiceann dorcha, agus sùilean dorcha nan ola-grèine an nàdair. Rinn freagarrach ri an àrainneachd a' mhuinntir gun do dh'fhàs anns na h-àiteachan nas teotha, nas grianaiche na cruinne le dorchachadh an dath an taobh a-muigh. Tha bàn-dhearg na deàrnan agus an taobh a-staigh nam beul nan Afraganaich dhubha do bhrìgh beanaidh an t-soillse ris na h-àiteachan sin gu h-ainneamh. Fulaingidh gruag bhàn, sùilean gorma, agus craiceann geal dochann na grèine gun an dìon seo. Tha craiceann geal aig apaichean agus beathaichean fodha am bian do bhrìgh caisgidh am bian an t-soillse dhochainneach, mar sin cha bhi aig a' chraiceann ri dèanamh. Fàsaidh fiamhan bàna, a' gabhail a-staigh gruag bhàn, anns na h-àiteachan far a chan eil mòran shoillse ann, mar air an Roinn-Eòrpa a Tuath agus air Lochlainn, far a tha an speur neulach fad a' chuid as motha an ama. An-siud, chan eil dìon às a' ghrian a dhìth air. Tha seòrsaichean geala nan èisg na h-uaimhe agus nam biastagan na h-uaimhe ann an saoghal gur dorcha gu h-iomlan, agus mar sin, chan eil an dìon an datha dhuirche a dhìth orra. Tha slògh Arctach, mar na h-easgamo, ciar 'nam comharradh fad nam mìlean bliadhna do bhrìgh an lùbadh na grèine air an deigh, cruthachadh deàrrsadh gun dorchaich an craiceann nan easgamo, agus deàrrsadh air an uisge gun cruthaich gu tric doille 'sna h-iasgairean.

Dh'fhoillich Peter Frost, neach-corpeòlais na Canada, fodh sgiath-dìon na Oilthigh Anndra, rannsachadh sa' Mhàirt 2006 bhon iris Evolution and Human Behavior gu bheil ag ràdh gun tàinig gruag bhàn gu bith glè luath aig an deireadh na Linne na h-Eighe leis an dòigh na taghaidh gnèithich. A-rèir ris an rannsachadh, dh'fhàs gruag bhàn agus sùilean gorma mnathan na Roinn-Eòrpa mu Thuath aig an deireadh na Linne na h-Eighe gan dèanamh comharraichte am measg am còmhstrithich aig àm de còmhstri garg ri fireannaich ainneimhe. Tha an rannsachadh a' tagairt gun do bhunaich gruag bhàn san àite na Roinn-Eòrpa do bhrìgh de gainne am bìth 10,000-11,000 bliadhna o chionn. Cha mhòr gun do thàinig bho treudan iom-shiubhlach nam mammotan, fèidh mòra an t-sneachda, damhan mòra molach, agus eich am beathachadh a-mhàin san Roinn-Eòrpa mu Thuath agus dh'iarr gam lorgadh sgrìoban na seilge fada, spàirneile gun do mharbh mòran fhireannaich, treòrachadh ri ruith àrd nam mnathan maireann ri fir. Bha nas tarraingiche mnathan bàna ri am cèilean agus mar sin bh' ann brùthadh mean-fhàsach gun do h-àrdaich an àireamh nan daoine bàna.

A-rèir ris na sgrìobhaidhean an leabhair The History and Geography of Human Genes (An Eachdraidh agus an Eòlas-Cruinne nam Ginntinneachd-Dhaonna) (1994), dh'fhàs gruag bhàn buadhaichte air an Roinn-Eòrpa mu dheidhinn 3000 BC, 'san raon a tha àitheanta ri Liotuainia an-dràsda, am measg nan tìrichean Tùs-Ind-Eòrpach air ruighinn gu nuadh (tha Liotuainia fhathast 'na dùthaich leis an àireamh as àirde sa' cheud nan daoine bàna); tha e air smaoineachadh gun do sgaoil an stil gu luath tro taghadh gnèitheach a-steach do Lochlann nuair a bha an raon sin suidhichte oir smaoinich fir gun robh tarraingeach mnathan bàna. 

Tha coltach gruag bhàn ris na daoine na Roinn-Eòrpa mu Thuath, gu sònraichte le Lochlann; tha gruag glè bhàn air uairibh air chantainn ri bàn na Lochlainn. Ach tha doilleirichte na meudan fìora is an ìre na gruaige bhàn nàdarra air a bhith leis an àireamh nan daoine gum gealaich am gruag. Tha an àireamh as àirde sa' cheud nam fireannach agus boireannach gum cleachd stuth-duileolachd a atharrachadh an dath nàdarra am gruag ri 'Bàn na Lochlainn' aig an t-Suain, an dùthaich as motha is as sluaghaiche nan dùthchannan na Lochlainn. Tha air lorgadh troimh na Roinn-Eòrpa gruag bhàn (ged ann an roinnean nas lugha) agus 's i fiù is làthaireil san Ear Mheadhanach agus Aisia mu Thuath, ged 's i fìor-ainneamh an-siud, ach am measg nam Paistun na h-Afghanistan agus Pakistan. 'S urrainn do gruag buidhe-dhonn a bhith aig Astràilianaich Dhùthchasach, gu sònraichte air na h-àiteachan Ear-mheadhanach a' mhòr-thìr.  Mar as trice, tha comannaichte gu ginteil le dath nas finne nan sùilean (gorm, uaine, agus bàn-dhonn) agus dath fionn (air uairibh breac-bhallach) an craicinn gruag bhàn anns na h-Eòrpaich.

'S e cuideachd gnàthach air gruag a fhàs dorcha tro leanabachd. Tha leanaban Caucasach mar as trice air a bhreith leis an sop as lugha na gruaige bàine, agus an uair sin fad an leanabachd thèid iad a dh'fhàs gruag an datha gu bheil iad ro-rùnaichte gu ginteil a dh'fhàs. Gealaichidh soillse làidir gruag de dath sam bith cuideachd, ri ìrean caochladh.

Tha beachdail ri ìre-eigin an dealachadh eadar gruag bhàn agus dhonn. Ghabh an sònrachadh de Carleton Coon de 'bàineachd' a-staigh gruag le raon ann an dath bho buidhe-dhonn ri bàn-liath no òrail. Rinn meas air gruag bhàn ann an sluaghan Eòrpach Dùthchasach  a rannsachadh nan rannsachaidhean corp-meadrach anns na roinn leantail (mur eil air ràdh, gabhaidh a-staigh 'buidhe-dhonn' ri dath na gruaige bàine na h-àireamhan seo -- tha daonnan cuid nas lugha daoine bàna fìora):

 
Smaoinich daoine dorcha gu h-eachdraidh gun robh ùidheil gruag bhàn, agus dh'iarr iad gu tric ga h-atharrais. B' e àbhaisteach do na mnathan dorcha (agus leis na strìopaichean as àirde na h-inbhe) na Ròimhe a cheannach gruaig-brèige dèanta as a' ghruag bhàin, ruaidh, agus dhorcha nam cinnidhean Gearmailteach is Ceilteach agus Grèigich a choinnich an saoidheachd bho àm gu àm. Ann an Dualchas an Iar, tha cumanta an gealachadh na gruaige, gu sònraichte am measg nam mnathan. 

Ge-tà, feumaidh e air thoirt fa-near a bhith gum iarraidh gruag nas duirche air uairibh na daoine bàna. Lorgaidh dualchasan air leth mun na cruinne gu tric aon seòrsa na gruaige a bhith as tarraingiche.

Tha a' ciallachadh roinn an rannsachaidh gun dùisg gruag bhàn, a bhith coltach de$pàisdean òga, faireachdainnean na spèise agus an dìona ann an luchd eile nach eu-coltach mar pàrant. Faodaidh an ceangail seo an ceann-fàth an dlùth-chlòdh cumanta an Iar de luchd bàna (is gu sònraichte, mnathan bàna) cho neo-thuigseach a bhith (mar an caractar ùr-sgeulach Chrissy Snow, bean bhàn ghòrach dlùth-chlòdhach). Bha Marilyn Monroe (a rugadh bàn ged chiar a ghruag) agus Jean Harlow (a bha bàn-ghlas gu nàdarra) dà ìomhaigh miann ainmeile nan Stàidean Aonaichte na linne 20mh a chuidich a dhèanamh an dealbh seo coiteanta, aithnichte ris an Toirm-shlige Bhàn agus the An Toirm-shlige Bhàn Tùsail, fa leth. Riochdaich araon dhiubh gu tric na mnathan bàna gòrach prìomh-shamhlach 'nam filmean, fhathast b' àitheanta iad gu dìomhair cho mnathan tuigseach. Tha Jean Harlow gu tric air chreidsinn cho a' chiad duine gun rinn e iomchaidh ann an dualchas an Iar air mnathan cumanta a ghealachadh gu breugach am gruag gun a bhith air beachdachadh cho strìopaichean. 

San linn moch 20mh, bha air uairibh gruag bhàn comannaichte le Sìol Maighstir Airianach, air chur air adhart le Luchd-Lochlannachd mar Madison Grant agus Alfred Rosenberg, ged bha (agus tha fhathast) nas cumanta am measg nan Airianaich gruag dhonn no dhubh na gruag bhàn.




#Article 380: Gruag chiar (146 words)


Tha gruag dhonn (nas leathainne ghruag chiar/gruag dhorcha) comharraichte le inbhean glè àrd an datha chiar eu-mealainin agus inbhean nas ìsle an datha bhàin phaeo-mealainin. Tha e nas sturrail na gruag bhàn ach chan eil cho sturrail na gruag ruadh.

Chan dh'aontaich roinn nan daoine air co-dhiù tha gruag bàn-dhonn no gruag dhubh freagarrach ri gruag donn, ged tha bitheanta an facal air chleachdadh a ghabhail a-staigh raon leathann nan dathan na gruaige nach bàn agus nach ruadh. Tha bàn-dhonn air chleachdadh air uairibh air daoine le gruag de dath nas bàine de donn. Cuideachd, faodaidh dath na gruaige bhàin air fhaicinn a bhith mar a tha air fhaicinn cho bàn-dhonn ann an aon àite eile. 

Am measg na muinntire na Roinn-Eòrpa, tha comannaichte le sùilean donna agus craiceann ciar ghruag dhorcha, ach 's urrainn do sùilean liatha, uaine, no gorma aig daoine donn/dubh a bhith.




#Article 381: Kira (183 words)


Tha Kira 'na gaisgeach 'san fhilm-ghuaineis 1982 Jim Henson, An Criostal Dorcha.

Mhai Kira beò an t-àr a muinntir, a' Ghailfling, le a màthair ga falach anns a' chorp fhalamh chraoibh. An dèidh a dèanamh fianais dham bhàs a màthair le Garthim, bha air lorgadh nas anmoiche 's air àrach Kira leis na Luchd-spàlaig, a ghabh rithe mar an nighean fhèin. Comannaichte le a peata, Fizzgig, 's tric a sheachrain Kira tro na bogaichean agus coilltean mu a bhaile beag, ionnsachadh na dòighean agus cainnt nam beathaichean 's nam lusan. Bha e aon là gun do chuir Fizzgig clisgeadh air Jen, a bha a' seachradh tron choille, fo teagamh le a theachdaireachd agus leis a' phristeal rùnach gun robh a shealbhadh an uair sin. Ghabh Kira agus Jen, tro suain-measgachadh, a chèile mar càirdean gu luath, agus dh'aonaicheadh Kira Jen air a Thòrachd a shlànachadh an Criostal agus cur air ais a' bheothalachd an saoghal.

B' e Kira a ghairm na Leòmainn-cèim a ghiùlain iad dhan Chaisteal an Criostail.

Tha fada is bàn a gruag, mòr a sùilean, agus tha bàn-dhonn a casag.




#Article 382: Dath nan sùilean (727 words)


Tha Dath nan sùilean 'na comharradh iomabhunach agus 's e suidhichte leis a' mheud agus seòrsa nan dathan gur làthaireil 'san sùil. Tha mòran chlaonaidhean anns na dathan nan sùilean aig daoine daonna. 

Tha sùilean ciara aig a' chuid as motha an t-sluaigh an t-saoghail, le raon bho donn ri gu bhith dubh. Tha cuideachd làthaireil ann am mòran dhaoine sùilean bàn-dhonn, ach ri ìre nas lugha. Tha sùilean donna aig a' chuid as motha nan luchd-àiteachaidh tùsail na h-Afraga, na h-Àisia, agus na h-Aimearaga. Tha sùilean donna cuideachd air lorgadh 'san Roinn-Eòrpa, Mhòr-chuanachd, agus Ameireaga-a-Tuath, ged chan eil iad buadhach iad ris an ìre cheudna ann an sluaghan na Roinn-Eòrpa. Am measg muinntire na Roinn-Eòrpa, tha comannaichte gu tric le gruag chiar agus leis an dath an craicinn dhaonna sùilean donna, ach 's urrainn do sùilean gorma, uaine, no liatha aig daoine donn/dubh a bhith.

Faodaidh sùilean dubha aig daoine le sùilean glè chiar air a bhith nochdadh. Seo glè chumanta ann an daoine le sinnsearachd Afraganach, Àisianach, no Ameireagach Dùthchasach.

Tha sùilean dubh-dhonn aig 95% de na Iapanaich.

Tha coll mar as trice air chleachdadh a thoirt dealbh air sùilean le bunabhasan de sùilean uaine agus sùilean donna, air uairibh a' dol bho uaine air an iomall ri donn aig a' chlach na sùla. Cha bu chòir do seo am breislich a bhith le cearcallan na sùla gun nochd fàinne donn, buidhe, no umhach mun cuairt na cloiche na sùla, mar a' chlach na sùla air nochdadh fodha.

Am measg nan coltasan daonna, tha sùilean gorma nas ainneimhe agus cuingichte ris An Roinn-Eòrpa mar as trice. Tha iad air lorgadh gu sònraichte ann an sluaghan nan sinnsearachdan Eòrpach mu Thuath agus Eòrpach an Ear, agus ri ìre nas lugha, ann an sluaghan na Roinne-Eòrpa mu Dheas, san Ear Mheadhanach, Afraga mu Thuath agus Àisia Mheadhanach. 

Faodaidh sùilean gorma aig Àisianaich mu Dheas a bhith, ach chan cumanta seo, ged 's e nas cumainte am measg nam Pathanaich agus Pairsisich sa' Phagastàn, Gujarat, Rajasthan, ann an Kashmir agus Punjab. Tha an ceudad as àirde nan daoine le sùilean gorma aig Suòmaidh agus Lochlann. Tha air a bhreith le sùilean gorma mòran leanaban Caucasach, ged fàsaidh an sùilean nas duirche no atharraichidh an dath. Tha suidhichte an dath nan sùilean leanabain a-staigh ann am beagan de làithean ri beagan de seachdainnean, ged mairidh an dath nan sùilean de roinn nan daoine a dh'atharrachadh air àireamh de bliadhnaichean.

Sa' mheadhan na 20mh linne an dèidh an tòiseachadh nam filmean an datha, bha sùilean gorma air chreidsinn a bhith glè mhiadhail airson ag iarraidh a bhith cleasaicean de Hollywood. Dh'fhàs seo nas lugha na fìor a dh'ionnsaigh an leth deireannach na linne sin.

'S e malairt (tric nas soilleire) nan sùilean gorma a th'anns na sùilean liatha. Tha beò iolar leathann nan dathan liatha, bho gu bhith geal (bàan-liath) ri dorcha. Tha an dath-sùla seo gu tric air a lorg ann am  Suòmaidh, san t-Suain, san Èirinn, sna Stàitean Baltach, san Ruis Eòrpach agus san Úcráin. 

Tha air fhaicinn gu cumanta mun cuairt na cloiche na sùla fàinne bhuidhe, bhuidhe-shoilleir, no umhach.

Tha sùilean uaine nas ainneimhe na sùilean donna, gorma, is liatha, agus tha iad air lorgadh as trice ann an daoine nan sinnsearachdan Ceilteach, Gearmailteach, agus Slòbhach. Tha an ceudad as àirde nan sùilean uaine na sluagh sam bith aig Ungairich, dlùth ri 20%.

Tha sùilean na h-òmaraich air lorgadh nas trice ann am beathaichean a-mach na roinne dhaonna. Tha iad air lorgadh gu sònraichte ann an Ear Mheadhanach, Afraga mu Tuath, Fhraing Mheadhanach, Croàisia, t-Sèirb agus a’ Ghrèig.

Ann am beathaichean (a' gabhail a-staigh daoine daonna) a tha an gealachd aig, faodaidh na cearcallan nan sùilean dearg nochdadh do bhrìgh de dìth nan dathan mdash; gabhaidh an cearcall na sùla an dath na fala. Bheir buaidh air na dathan nan sùilean na ginean cumanta dhan ghealachd, agus th' ann tuilleadh ginean ionadaile an datha cuideachd, mar gealachd na sùla.

Nochdaidh gu cumanta buaidh na sùla dheirg ann an dealbhan-camara air ghabhail le boillsgeadh, gu h-àraidh le daoine le sùilean soilleire.

Tha iol-dathachd (àitheanta cuideachd ri iol-dathachd an cearcall-na-sùla) 'na cor na t-sùla nuair bidh aon cearcall na sùla de dath air leth an cearcaill na sùla eile (iol-dathachd iomlan), no nuair tha cuid aon cearcaill de dath air leth às an fhuigheall an cearcaill (iol-dathachd roinnte).




#Article 383: Jen (181 words)


Tha Jen 'na ghaisgeach 'san fhilm-ghuaineis 1982 Jim Henson, An Criostal Dorcha.

A theaghlach agus a mhuinntir air mharbhadh leis na Skeksis, bha Jen air àrach leis na Draoidhean 'nam gleann, a' creidsinn gum b' e an neach-tàrrsainn deireannach na Gelfling a bh'anna. Ach nuair chuir a mhaighstir bàsachadh, urSu, e a-mach air an tòrachd a lorgadh an pristeal an Criostail agus ga shlànachadh, lorgaidh e nach e an neach deireannach na Gelfling. An dèidh a' faighinn am pristeal agus an uair sin neo-chinnteach air a shlighe ùr, tha e air seachradh tron choille is tron bhogach agus tha e air chlisgeadh le Fizzgig, an peata Kira. A' nochdadh bho air cùlaibh dos, bheir Kira leisgeul ri Jen agus, tro suain-measgachadh, nì càirdeas leis agus ionnsaichidh de a thòrachd, ga aonachadh oirre.

Tha e a' giùlain cuisle-chiùil mu a sgòrnan bho na h-urRu, cuimhneachan àitheanta ri firca. Chuidich a' chuisle-chiùil Jen e a lorgadh am pristeal fìor an Criostail Dorcha am measg trì prìseil air leth de criostal.

Tha ciar a ghruag, ciar a thuar, agus a chasag dath na barraig.




#Article 384: An Roinn-Eòrpa (170 words)


Is mòr-thìr an Roinn-Eòrpa, aon de na seachd tìrean mòra, agus e na pàirt Siar de Euràisia. Tha i air a dealachadh bho Àisia le crìoch thraidiseanta a tha air a cumadh leis na Beanntan Uralach 'san Ruis, am Bosphorus 'san Tuirc agus bho Afraga leis a' Mhuir Meadhanach. Tha an an Cuan Siar air taobh an Iar na Roinn-Eòrpa. Tha mu leth-cheud dhùthaich 'san Roinn-Eòrpa.

Anns an Eòlas-sgeulachd na Greug, bha Europa 'na ban-phrionnsa Fhèniseach a bha air a goid air falbh le Zeus, agus e ann an dreach tarbh, 's gun tug e do dh'eilean Chrèat i, far an do rug i Minos. 

Chan eil stàitean na Roinn-Eòrpa ceangailte ri chèile le cruinn-eòlas a-mhàin: dh'fhàs iad gu bhith ceangailte ann eachdraidh cuideachd, a bharrachd air ceanglaichean eile tha ann, m.e.: cultar, gniomhachas, poileataigs, lagha.

Is e seo liosta nan stàitean agus dùthchannan na Roinn-Eòrpa a chleachdar aig na Dùthchannan Aonaichte. Ach tha liostaichean eile ann. Mar sin s' urrainn do na stàitean neo na h-àireamhan a bhith eadar-dhealaichte.




#Article 385: Dath a' chraicinn daonna (132 words)


Tha raon aig an dath a' chraicinn daonna bho gu bhith dubh ri gu bhith gun dath (a' nochdadh glè bhàn-dhearg do bhrìgh na fala sa' chraiceann) ann an daoine air leth. Am bitheantas, bidh craiceann nas duirche aig daoine le sinnsearan às àiteachan grianach na aig daoine le sinnsearan às àiteachan le soillse nas lugha. Ged tha, tha duilich seo leis an fhìrinn gu bheil ann daoine le sinnsearan a thàinig às àiteachan grianach agus às àiteachan nas lugha na grianach; agus faodaidh dathan an craicinn thar an raoin na aig na daoine seo a bhith. Gu cumanta, bidh craiceann nas soilleire beagan na 'n craiceann fhir aig mnathan. Air ìre dualchasach, tha riochd-bhriathran airson freumh-cinnich air a thighinn gu crìch bunaichte air na h-atharrachaidhean anns na dathan an craicinn dhaonna.




#Article 386: Dath na gruaige (237 words)


Tha mòran chaochlaidhean aig duine daonna ann an dath na gruaige agus  dèanamh na gruaige.

Hair color is the result of pigmentation due to the presence of the chemicals of mealainin. An bitheantas, le tuilleadh mealainin, bidh an dath na gruaige nas duirche. 

Am bitheantas, atharraichidh an dath na gruaige nam daoine-cloinne agus nan inbheachan à buidhe bàn ri dubh dìomhair. Tha an sgaoileadh dùthchasach nan dathan air a chaochladh gu h-eachdraidheil leis na h-àiteachan eòlas-cruinneil. Mar eisimpleir, tha dubh-dhonn agus dubh a' buadhachadh air an Ear Mheadhanach, Aimearaga a Tuath, agus Roinn-Eòrpa mu Dheas, agus tha dathan fiù is nas duirche a' tachairt air an Àisia an Ear, Àisia a Deas, cho math ri Afraga sna Criosan agus air Aimearaga Mheadhanach; tha nas cumainte donn nas soilleire air an Roinn-Eòrpa Mheadhanach, bàn/fionn 'san Roinn-Eòrpa, agus ruadh air Èireann agus Breatainn Mhòr.

Gabhaidh ainmean air na dathan na gruaige dhaonna a-staigh:

Atharraichidh daoine an dath na gruaige ri dathan nach tachair gu nàdarra.

Tachraidh atharrachadh gu nàdarra mar as trice nuair fàsaidh daoine nas aosta, mar as trice a' tionndadh am gruag à an dath nàdarra ri liath, agus an uair sin ri geal.

Tha a' ghealachd 'na mì-ghnàthas ginteil nuair chan eil dath air lorgadh 'sna sùilean no sa' ghruag dhaoine-daonna, a' dèanamh bàn-ghorm na sùilean agus geal a' ghruag.

'S urrainn dhan dath na gruaige aig mamaidhean no daoine air ollanachadh atharrachadh thar tràthan mòra.




#Article 387: Mil (196 words)


Tha mil 'na lionn mhilis is bhìtheanach air churthachadh le seilleanan agus le frìdean eile bhon sile nam blàthan.

'S mil nas mìlse na siùcar agus tha buaidhean dreachmhora stuth-duileolach air fuine aig mil. Tha blas sònraichte aig mil gun treòraich roinn nan daoine a bhith nas fheàrr air mil thar siùcar agus milsichean eile. 

Cha mhill mil lionnach. Do bhrìgh a co-chruinneachadh an t-siùcair, marbhaidh i bitheagan le lobhadh-lionna-fala. Cha dh'fhàs beoghail innte beirm nàdarra air sgèith do bhrìgh tha ro-ìseal an stuth na taiseachd. Caochailidh à 14% ri 18% an stuth na taiseachd mil nàdarra, amh. Cho fada ri mairidh an stuth na taiseachd fodha 18%, cha shìolaich ann am mil gu bhith fàs-bheairt sam bith ri meudan cudthromach.

Socraichidh na buinn am blàith na meala an rannsachadh nam poileanan agus nam pòran ann am mil amh (eòlas-meala). Do bhrìgh giùlainidh seilleanan dealanachd shocrach, agus is urrainn dhaibh bloighean eile tarraing, 's urrainn do na dòighean ceudna an eòlais-meala air chleachdadh a bhith ann an rannsachaidhean tìreile raon nam bloighean gath-bheòthalach, duslach, no truailleadh nam bloighean.

Tha poileanachadh buaidh shònraichte nam seilleanan a' cruinneachadh sile a dhèanamh mil, gur brìgheil ris na lusan bòrcadh.




#Article 388: Seoc an Reubainnear (347 words)


Tha Seoc an Reubainnear 'na ainm-brèige air thoirt ri marbhaiche lean-phungach (no marbhaichean) neo-aithnichte anns an àite gu mòr bochdainnichte Whitechapel an Lunnainn anns an darna leth de 1888. Tha an t-ainm air ghabhail à litir ris a' Bhuidheann Meadhanach na Naidheachd le cuideigin a' tagradh a bhith an marbhaiche, foillsichte aig an àm nam marbhaidhean. Ged tha mòran bheachd-smuaintean adhartach air a bhith, chan fhaod sònraichte an fhèineachd Sheoic an Reubainnear a bhith.

Tha na marbhaidhean Reubainnear breisleach iol-fhillte air a dh'fhàs an rannsachaidh fhìr eachdraidh, beachd-smuain na co-mhionnachaidh neo-cheannsaichte, agus beul-aithris theagmhach. Tha an dìth na fèineachd dhearbhte air a' mharbhaiche air a lùdhaigeadh sgrìobhadairean, eachdraichean, agus gu mòr maoir-lorgaidh a leanas — air chantainn ri Eòlaichean-Reubainnear — a thomhas am corragan ri caochladh leathann nan luchd-tagraidh. Bhuilich pàipearan-naidheachd, a tha an cuairteachadh air a dh'àrach fad na linne seo, suaicheantas bitheanta is leanailteach air a' mharbhaiche do bhrìgh na buirbe nam marbhaidhean agus am fàilligeadh nam maoir-sìth a bheirsinn buaidh air glacadh, leis an Reubainnear air uairibh a' teicheadh a lorgadh le mionaidean a-mhàin.

Bha na h-ìobairtich 'nam mnàthan a' cosnadh teachd-a-steach cho strìopaichean mì-riaghailteach. Bha ciontaichte ann an àite follaiseach no leth-fhollaiseach marbhaidhean coltach Reubainnear; bha geàrrte an sgòrnan an ìobairtich, an dèidh a bha buailteach do gearradh balgach 's air uairibh gearraishean eile a' chlosach. Tha cuid mòr a' creidsinn gun robh na h-ìobairtich a' chiad air chor a chur nan tosd. Do bhrìgh an gnàiths nan leòntan air roinn nan ìobairtich air roi-chreidsinn a bhith den Reubainnear, bha air chur air imeachd na buill-bodhaig san leth a-staigh aig roinn nan ìobairtich, tha air chur roimh air a bhith gun robh ìre an ealain na h-oibre-lèighe no lèigheil aig a' mharbhaiche, no 's mathaid bha 'na fheòladair, ged tha ann am connspaid an seagh seo, mar a' chuid as motha nam creideamhan air a' mharbhaiche agus na fìrinnean sa chùis.

Bha na h-ìobairtich 'nam mnathan a choisinn roinn an airgid tro tadhal strìopachas o h-àm gu h-àm agus bha iad gu tric air mhisg is bha a' chiad cheathrar dhiubh gun dachaigh.




#Article 389: Ioslam (269 words)


'S e creideamh a tha ann an Ioslam (Arabais: الإسلام) a thoisich Mohammad.

Anns a' chiad sia linn de dh'eachdraidh Ioslaim, 's e aon de na rudan as mothachail an strì eadar an creideamh ùr ud agus an fheadhainn eile (Crìosdaidheachd agus creideamh Soroaster ann am Peirse) a chaill torr is barrachd talamh ris ann an cogaidhean an dèidh do Mohammad agus an sluagh aige tòiseachadh air ceannairc an aghaidh na dùthchannan mun cuairt. Anns a' bhliadhna 600 bha dà Impireachd mhòr, shean agus chumhachdach gun teagamh air gach taobh den roinn ris an canar an Ear Mheadhanach san latha an-diugh; 

'S e a' chiad tè dhiubh an impireachd Roimh Earrach, ris an canar 'Byzantium' mar is tric, leis a' phrìomh-bhaile Constantinople (Istanbul anns an Tuirc san latha an-diugh). Ged a thuit an Ròimh agus an impireachd anns an Iar fo sgrios na sean Ghearmailtich, no Gotaich, bha am pàirt seo den impireachd ainmeil ud fhathast beò, làidir agus dha-rìribh cha mhòr cho cumhachdach ris an Roimh aig àm sam bith de dh'eachdraidh. Nas fhaide an ear bha Impireachd Phersia, no Iran, ris an canar an Impireachd Sassanid mar is tric. B' e seo dùthaich eile le eachdraidh a cheart cho aosd ris an Roimh agus gu dearbh tha e duilich àm sam bith a lorg an eachdraidh 'nuair nach robh an da impireachd mhòr seo a' cogadh an aghaidh a chèile. Aig an àm seo bha Afraga a Tuath, gu h-àraid an Èipheit, an talamh far a bheil an Tuirc san latha an-diugh, a' Ghrèig, taobh a deas an Eadailt agus oirthir am meadhan ear fo smachd Constantinople.




#Article 390: Al-Ghazali (147 words)


Bha Abu Hāmed Mohammad ibn Mohammad al-Ghazzālī (1058 - 1111) (Arabais: ابو حامد محمد بن محمد الغزالى ), aithnichte mar al-Ghazali, na dhiadhair Ioslamach, fheallsanach, agus fhàidh.

Rugadh e ann an Tabaran, baile ann an sgìre Tus, anns a' mhòr-roinn Khorasan, Iran.

Chaidh a dhèanamh na Mhaighstear de Cholaiste Nizamiyyah an Baghdad 'sa bhliadhna 1091. Mar ceann an coimhearsnachd Muslim, bha e trang a' teagaisg agus a' toirt seachad òraidean air lagh an creideamh agus cuideachd ag argamaid an aghaidh mì-chreideamh. 

An deidh ceithir bliadhna ge-ta dh'fhàs al-Ghazali diombach agus mì-chinnteach mu chreideamh agus mu dheireadh dh'fhàg e Baghdad. Chuir e seachad dà bhliadhna air cuairt tro Shiria agus Ierusalem gu Mecca. Thill e gu Tus agus chuir e seachad a thìde a' sgrìobhadh, a gabhal pàirt ann an gnàthasan Sufi agus a' teagaisg a luchd-leanmhainn gus àm a bhàis. Sgrìobh e ann an Arabais agus Peirsis.




#Article 391: Buaidh an taigh-ghloine (179 words)


Tha an buaidh an taigh-ghloine, air lorgadh a-mach a' chiad le Joseph Fourier ann an 1824, agus air rannsachadh gu h-àireamhail a' chiad le Svante Arrhenius ann an 1896, 'na seòladh gum teasaich àile planaid le. 

Tha buaidhean an taigh-ghloine aig Corg, ribhinn (planaid) agus colainn speurach eile le àileachan (mar Titan), ach air sochar bheir an còrr an ailt seo iomradh air a' chùis na Talmhainn.

Sa' bhruidhinn chumanta, faodaidh an facal buaidh an taigh-ghloine air chleachdadh a bhith a thoirt iomradh a bharrachd air a' bhuaidh an taigh-ghloine nàdarra, a tha a' bhuaidh an taigh-ghloine gun tachair gu nàdarra air Talamh, no air a' bhuaidh àrdaichte (duine-gineach) an taigh-ghloine, gun tig gu crìoch às a' ghnìomhadh nan daoine daonna (seallaibh cuideachd blàthachadh na cruinne). Tha a' chùis shean air ghabhail ri le gu lèir; tha air ghabhail ri a' chùis leis a' chuid as motha nan eòlaichean, ged th' ann cuid chonnspaid (seallaibh beachd na h-eòlaidheachd air an atharrachadh na h-aimsire agus creidsinn nan atharrachaidhean ùra na h-aimsire).

Gheibh an Talamh meud mòr na gathachd na grèine. 




#Article 392: Dòmhnall Mac an Deòir (435 words)


B' e neach-poileataigs na h-Alba a bha ann an Dòmhnall Mac an Deòir (no Dòmhnall Deòireach, Beurla: Donald Dewar). B' esan a' chiad Prìomh Ministear aig Alba.

Rugadh e ann an Glaschu agus chaidh e gu Acadamaidh Glaschu agus an uairsin gu Oilthigh Glaschu. 'S ann aig Oilthigh Glaschu a choinnich e Iain Smith, a bha às déidh sin 'na cheannard aig Pàrtaidh Làbarach na h-Alba, aig comunn deasbaid an oilthigh. 

Bha e na bhall de Phàrtaidh Làbarach na h-Alba agus den Phàrtaidh Làbarach Breatannach bho aois òg. Fhad 's a bha e ag obair ann an Glaschu mar neach-lagha chaidh a thaghadh 'na Bhall-Phàrlamaid airson an roinn-taghaidh Obar Dheathain a Deas, aig aois 28, anns an taghadh coitcheann 1966. Ann an 1970 dh'fhàg a bhean 's màthair an dithis cloinne e airson am fear-lagha Albannach Derry Irvine. Cha do rèitich an dithis fear a-riamh ged a bha iad còmhla anns an aon Chaibineat ann an 1997. Cha do phòs e a-rithist. Cuideachd ann an 1970 chaill e an seat aige anns an taghadh coitcheann 1970.

Thug e greis a mach a poileataigs anns na seachdadan ach thill e ann an 1978 mar Ball-Phàrlamaid ann san fhrith-thaghadh Glaschu Gart Sgadain. Dh'èirich e gu luath troimh na h-ìrean agus ann an 1984 bha e 'na bhall den chaibineat dùbhlanach.

Ann an 1997 nuair a bhuannaich am Pàrtaidh Làbarach an taghadh coitcheann rinn Tony Blair e 'na Rùnaire Stàite na h-Alba. Anns an dreuchd seo b' urrainn dha cumail air leis a' phròiseact a thòisich Iain Smith mus do bhàsaich e - Achd na h-Alba. Thòisich agus bhrosnaich e an tiomnadh chumhachdan agus ann an 1999 thàinig an obair a rinn e gu buil nuair a fhuair Alba a ciad Phàrlamaid airson 300 bliadhna, agus chaidh esan a thaghadh mar Phrìomh Mhinistear. Chaidh e cuideachd a thaghadh mar Bhall Pàrlamaid na h-Alba airson Glaschu Fearann Anna.

An obair mhór a bha e air dèanamh airson a' Phàrlamaid seo fhaighinn, thòisich e a' cur dragh air shlàinte agus bha aige ri obair-lannsa cridhe fhaighinn anns a' Chèitean 2000.

Thug e seachad Òraid an t-Sabhail ann an 2000.

Air 10 an Dàmhair sa bhliadhna sin bha call-fala mòr aige na cheann. Bhàsaich e an ath latha ann an Ospadail Coitcheann an Iar ann an Dùn Èideann.
Bha an tìodhlacadh aige ann an Cathair-eaglais Glaschu agus bha bròn ann nach fhaiceadh sa bhaile roimhe airson neach-poileataigs. Chaidh a chorp a losgadh agus a luaithre a sgapadh aig Ceann Loch Gilb.

Anns a' Chèitean 2002 dh'fhosgail Tony Blair ìomhaigh de Dhòmhnall Mac an Deòir aig ceann Rathaid Bhochanain ann an Glaschu.




#Article 393: Air ais air an Ran Dan (145 words)


'S e cleas-cluich a bha seo a bha air a dhèanamh dha daoine de aois sam bith. 'S e prògram sgeidse a bha ann le cruth coltach ri prògraman nas ainmeil den t-seòrsa seo mar Little Britain. Thàinig a' chiad sreath de phrògraman a-mach air an telebhisean anns na naochadan. As dèidh an sreath seo thighinn gu crìoch, cha robh sreath eile air a dhèanamh gu 2004. Cha robh an dàra sreath seo cho mòr-chòrdte ris a' chiad agus bha gu leor daoine ann den bheachd nach robh e cho eughainn agus gun robh an àbhachdas aig a' phrògram a-nis aosta agus cliched/hackneyed. Ach 's ann san t-sreath seo a nochd feadhainn de na caractaran a' bhiodh is mòr-chòrdte anns an treas sreath a thàinig a-mach ann 2005. 'S e aon de na caractaran seo PC Alasdair Stiùbhairt agus fhuair e sreath phrògram dha fhèin.




#Article 394: Gavrilo Princip (128 words)


B' e Gavrilo Princip (Cirilis: Гаврило Принцип) (25 an t-Iuchar 1894–28 an Giblean 1918) an t-Sèirbeach a mhurt am Prìomh-dhiùc Franz Ferdinand agus a bhean Sòfi, Ban-diùc de Hohenberg, air an 28 den t-Ògmhios 1914. 'S e an gnìomhair seo aon de na rudan a' lean gu an Cogadh Mòr.

Rugadh e ann an Obljaj san taobh an iar Bosnia. Dh'imrich e gu Sarajevo nuair a bha e 13 is don t-Sèirb ceithir bliadhna an dèidh seo. Chaidh e ann am buidheann rèabhlaideach a bha an aghaidh an Ìmpireachd Ostair-Ungaire is rinn iad plana air pearsa cudromach ìmpireil a mharbhadh. Cha deach a chur gu bàs airson muirt o chionn 's gun robh e ro òg, is chaochail e ann am prìosan ann an Theresienstadt ann an 1918.




#Article 395: Lester Bangs (198 words)


B' e Lester Bangs (14 Dùbhlachd 1948, Escondido – 30 Giblean 1982 Eabhraig Nuadh) sgrùdair ciùil Ameireaganach. Bha buaidh mòr aige air sgrùdairean ciùil eile agus cuideachd air ceòl. Bhàsaich e ann an 1982 nuair a thar-thomhas e air drogaichean a bha e a' gabhail airson fuachd.

Thòisich e a' sgrìobhadh nuair a chunnaic e sanas anns a' phàipear ceòl Rolling Stone. B' e a' chiad pìos a sgrìobh e lèirmheas air an clàr Kick Out The Jams leis an MC5. Bha staidhle sgrìobhadh dìreach aige. Bha e tric a' sgrìobhadh ann an dòigh blaomannach, coltach ris an naidheachdan 'Gonzo' aig Hunter S. Thompson.  
Bha e cuideachd dualtach dèanamh oilbheum ris na luchd-agallamh a bha a' bruidhinn ri. Thug an dà rud seo taisbeanas dhan obair aige. Cuideachd rinn seo air obair a chall aig Rolling Stone nuair a chuir an deasaiche Jann Wenner às a dhreuchd e airson a bhith mì-mhodhail ri na luchd-ciùil. Sgrìobh e airson na ràitheachan Rolling Stone, NME, Playboy agus Creem a' measg feadhainn eile.

Tha cuid de dhaoine den bheachd gur e a dh'innlich am briathair 'punc' ann an iomradh ri ceòl.

Chluich Phillip Seymour Hoffman e anns an fhilm Almost Famous.




#Article 396: Phillip Seymour Hoffman (140 words)


'S e cleasaiche às na Stàitean Aonaichte a tha ann am Philip Seymour Hoffman (Fairport, Eabhraig Nuadh 23 an t-Iuchar 1967–New York, 2 an Gearran 2014).
Dh'ionnsaich e dràma aig Sgoil-ealain Tisch is fhuair e a' chiad pìos mothachail aige ann an 1990 a' cluich fear-dìona anns a' phrògram Law  Order (Lagh agus Òrdugh). Dà bhliadhna as deidh sin fhuair e pìos mòr anns am fiolm Scent of a Woman (Fàileadh de Bhoireannach) còmhla ri Al Pacino agus Chris O'Donnell. Ann an 1998 bha pàirt aige anns The Big Lebowski agus ann an 2000 chluich e an sgrùdaire-chiùil Lester Bangs ann an Almost Famous. Fhuair e am pàirt as cliùitiche aige ann an 2005 a' cluich Truman Capote ann an Capote. Bha e air ainmeachadh airson Oscar airson seo.
Chaochail e ann an 2014 as dèidh dòs dhrugaichean ro mhòr.




#Article 397: Gàidheil Òga (159 words)


'S e Gàidheil Òga buidheann neo-eisimeileach a tha a' riochdachadh Ghàidheil Òga bhon t-saoghal air fad. Tha a' bhuidheann a' toirt cothrom do dhaoine òga eadar 16-30 am beachdan mu shuidheachadh na Gàidhlig a thogail gu ìre glè àrd. Tha dùil aig am buidhean a bhith a' strì gus piseach a thoirt air suidheachadh na Gàidhlig is inbhe a' chànain a thogail mar chànan a tha an-diugh cheart cho freagarrach dha daoine òga 's a bha e a-riamh. 

Chaidh a' bhuidheann a stèidheachadh aig cò-labhairt a chaidh a chumail airson Gàidheil òga le Comunn na Gàidhlig anns an Aghaidh Mhòir anns an Lùnasdal 2005. Bhathar a' beachdachadh air suidheachadh na Gàidhlig anns an fharsaingeachd agus bha gach neach a bha an làthair den bheachd gun robh cruaidh fheum air buidheann a bha a' riochdachadh dhaoine le Gàidhlig eadar aois 16-30. Chuir còignear Ghàidheil Òga a bha an làthair romhpa, a' bhuidheann seo a chur air chois gu saor thoileach.




#Article 398: Imre Nagy (327 words)


B' e Imre Nagy (IPA: imrɛ ˈnɒɟ, 7 an t-Ògmhios, 1896, chuir gu bàs ann am Budapest 16 an t-Ògmhios, 1958) Prìomhaire na h-Ungair air dà thuras agus na riochdaire dioplòmasach. 

Bha e ag obair mar ceàrd-glais mus deach e a' shabaid anns a' Chiad Chogadh Mòr. A sin bha e air a thoirt mar phrìosanach ann an 1915 agus thoisich e a bhith na cho-maoineach agus chaidh e a' shabaid anns an Airm Dearg. Troimh na 1930'an agus na 1940'an bha e ag obair airson an Uidheam Teàrainneachd Sobhiat agus leis a seo bha e a' faighinn oifisean anns an riaghaltas.

Stad e ag obair dhaibhsan anns na 1940'an agus thill e chun an Ungair ann an 1944. Ann an sin bha e na Mhinistear airson Àiteachas. Ann an 1953 bha e air a thaghadh mar Prìomhaire na h-Ungaire. Dà bhliadhna as deidh seo ann an 1955 thug feadhainn de na companaich aige air an oifis seo fhàgail seach gun robh e a' fàs robh libearalach. Chleachd e an tìde seo a' mach à oifis a' teagaisg.

Bha e na Phrìomhaire a rithist ann an 1956 troimh taghadh poblach fhad 's a bha an èireachadh ana-Sobhiat ann. Air an 31 den Dàmhair dh'fhoillsich e gun robh an Ungair a' dol a tharraing às bhon Còrdadh Warsaw. Air an 1 den t-Samhainn rinn e iarrtas troimhe an UN gu na cumhachdan mòr mar Breatainn agus na Stàitean Aonaichte ag innse dhaibh mu dheidhinn neo-phàirteachd an Ungair.

Nuair a rinn na Sobhiats ionnsaigh air an Ungair chuir seo stad air an èireachadh agus bha aige, còmhla ri cuid eile a bha ag obair leis, ri dhol chun an ambasaid aig Iugoslàbhia airson tèarmann. Bha e air chuir air làimh air an 22 den t-Samhain agus air thoirt gu Romàinia. Bha e an uairsin air a thoirt air ais chun Ungair. Bha e air a chrochadh agus air a chur gu bàs ann am Budapest anns an t-Òghmios 1958.




#Article 399: Leabhar-eòlais (143 words)


'S e Leabhar-eòlais, Cuairt Leabhar neo Leabhar mòr-eòlais leabhar fa-leth neo leabhar ioma-ròil, a tha lìonta le gearr-aistean mu iomadh cuspairean. Is amas gach cuairt-leabhar a chruinneaich am farsuinneachd de eòlas aig mac an duine. 

Nochd an coinceap de'n Chuairt Leabhar anns an Fhraing, an dà chuid, mar toradh don Soillseadh agus don Chara-Mhuiltean Fhrangach de 1789. Bha feallsanaich coltach ri Voltaire de'n bheachd gu robh freagairtean ri uile ceist aig Mac an Duine ri lorg anns na saidheansan nàdurra, air barrachd bha iadsan a' creidsinn gu robh eòlaich an latha air gabhail greim air nàdur an dùil gu lèir. B' e amas na an Encyclopédie a chaidh an clò ann an 1799, agus a bha maoinichte le Riaghaltas na Frainge a bhith na cuairt-leabhair a sheasadh anns an ionad a bha aig a' Bhìobuill a roimhe sin: Leabhar-Mòr de fhirinn an dùil.




#Article 400: Afraga a Deas (371 words)


 
'S e dùthaich ann an ceann a deas Afraga a th' ann an Afraga a Deas ainm oifigeil: Poblachd Afraga a Deas. Tha mu 45 millean duine a' fuireach anns an dùthaich seo. Tha Afraga a Deas ri taobh Naimibia, Botsuana, Siombabue, Mòsaimbic agus Dùthaich nan Suasaidh. Tha dùthaich bheag air a chuairteachadh le Afraga a Deas, 's e Leasoto a tha oirre. B' e Nelson Mandela an duine as cliùitiche aig Afraga a Deas. Bha e na cheann-suidhe bho 1994 gu 1999.

'S e Johannesburg am baile as motha a th' ann; tha trì prìomh-bhailtean aig Afraga a Deas, agus 's iad Cape Town, Pretoria agus Bloemfontein. A bharrachd air sin, tha iomadach baile eile ann, mar Mbewuleni, Mvezo, Paul Roux agus Qunu.

Tha aon chànan deug ann: Afraganais, Beurla, isiNdebele, Xhosa, Zulu, Swati, Setswana, Sesotho, Sesotho sa Leboa, Tshivenda agus Xitsonga. Ri linn seo, tha ainm oifigeil fa leth aig gach cànan air an dùthaich.

Tha sgaradh mòr ann an eaconomaidh Afraga a Deas eadar coitcheannan a' Chiad Shaoghail agus an Treasamh Saoghail. Tha na roinnean leasaichte den eaconomaidh gu math coltach ris an fheadhainn aig dùthchannan beartach, den leithid an Rìoghachd Aonaichte no Astràilia. Tha a' chuid eile nas dlùithe ris na dùthchannan bochda, mar na h-Innseachan no Pagastàn. 'S e mèinnearachd (airson a' mhòr chuid daoimean agus òr), càraichean agus urrasachd na prìomh gnìomhachasan a th' ann an Afraga a Deas.

'S e an armachd as treasa ann an Ceann a Deas Afraga a tha aig Afraga a Deas. Tha e a' cosg barrachd air Armachd na nàbaidh sam bith aige agus ri linn seo 's e an teicneòlas as adhartaiche a tha anns an roinn aige.
B' àbhaist armachd niùclasach a bhith aig Afraga a Deas ach chaidh an cur à feum ann an 1993.

Tha mòran dhaoine ann an Afraga a Deas a' fulang le HIV agus AIDS. Tha an suidheachadh gu math èiginneach le còrr is fichead às a' cheud anns an t-sluagh a' fulang leatha.

'S e criogaid, rugbaidh agus ball-coise nan spòrsachan as motha ann an Afraga a Deas. Nuair a bha Apartheid ann, bha bacadh air sgioban spòrs à Afraga a Deas.

Tha 11 chànan oifigeil eile aig Afraga a Deas. 




#Article 401: Ìosa Crìosd (324 words)


R. Bethlehem, mu 4 R.C. B. Ierusalem mu 33 A.C.

A-rèir na Crìosdaidhean se Mac Dhè. Slànaighear. Mac an Duine. a tha ann, ach se figear gu math connspaideach a tha ann, gu h-àraid a-measg nan Iùdhach.

'Se Ìosa an Iùdhach bho Nasaret a thòisich an creideamh Crìosdaidh le na thuirt e is na theagaisg e. Tha e cuideachd air ainmeachadh mar Ìosa Crìosd no dìreach Crìosd. Tha an t-ainm Ìosa a tighean bhon ainm Eabhra Yeshua a tha tighean bho Yehovah-shua a ciallachadh Glèidhidh Dia. Tha am facal Crìosd a tighean 'on facal Greugais Khristós (Χριστός) a ciallachadh an neach coisrigeadh. Tha am facal Eabhra Moshiach, no Mesiah 'sa Ghàidhlig agus 'sa Bheurla, a ciallachadh an aon rud ris an Greugais Khristós.

'S ann anns an Tiomnadh Nuadh 'sa Bhìoball a lorgas sinn na sgeulachdan mu Ìosa. Cha do sgrìobh duine mu dheidhinn nuair a bha e beò agus mar sin chan eil sinn cho eòlach air a bheatha 'sa bhitheadh sinn an dòchas.

Tha am Bìoball ag ràdh gun robh Ìosa beò ann an àm Impireachd an Roimh anns an dùthaich far a bheil Israel an diugh. Chaidh a' bhreith fhad 's a bha a mhàthair agus athair a fuireach ann an sabhal seach nach robh rum anns na taighean-òsda. Tha latha Nollaig againn mar latha-saor airson seo a chuimhneachadh.

Nuair a dh'fhàs Ìosa na inbheach thoisich e a siubhal mun dùthaich a teagaisg agus an innis sgeulachdan. Bha e a teagaisg gum bu chòir do dhaoine gaol a thoirt do Dhia agus cuideachadh a thoirt do chèile.

Bha gu leòr ag ràdh gum b' urrainn dha mìorbhail a dhèanamh mar uisge a thionndadh gu fìon, slàinte a thoirt air ais do dhaoine tinn agus fiù beatha thoirt air ais do feadhainn a bhàsaich.

Nuair a dh'fhàs Ìosa ainmeil chaidh e gu Ierusalem. An sin thionndaidh na sagartan cumhachdach Iùdhach na aghaidh agus chaidh a mharbhadh le na Ròmanaich air A' Chrois.




#Article 402: Uicipeid (116 words)


Tha Uicipeid /ˈuçkʲɪpetʲ/ 'na làrach mòr-eòlais ioma-chànanach a tha an asgaidh. Chaidh a thòiseachadh le Jimmy Wales anns a' bhliadhna 2001. Ann an uicipeidean bidh iomadh neach ag obair ri chèile airson leabhar mòr-eòlais a sgrìobhadh ann an iomadh cànan. Tha a h-uile duilleag . Tha Uicipeidean ann an 295 cànanan a-nis. Tha Uicipeidean Bheurla, Cebuano, Shuainis, Ghearmailtis, Dhuitsis, is Fhraingis nan Uicipeidean as motha (air rian àireamh dhuilleagan.) Tha Uicipeidean Bheurla, Ruisis, Sheapanais, Spàinntis, is Fhraingis nan Uicipeidean leis a tha àireamh tadhalt as motha.

Ann an Dùbhlachd 2016, bha na h-uicipeidean ann an còigeamh ràgh na h-uile làrach lìn de àireamh tadhalt air feadh an t-saoghal.

Thòisich Uicipeid na Gàidhlig anns an t-Sultain, 2003.




#Article 403: Meatailt throm (559 words)


'S e modh ciùil a tha ann am meatailt throm (neo meatailt) similear gu ceòl ròc. Dh'èirich an stoidhle seo anns na 1960an/1970an. Dh'fhàs e bhon stoidhle ròc agus blues. Tha am fuaim làidir, reamhar, tomadach gu tric le casadh (Beurla distortion), giotàr aon-neach fada, buille làidir agus faram le liricean agus coilionaidhean ionnsaigheach. 

Mar is trice tha drumaichean, giotàr beus, giotàr ruitheam, prìomh ghiotàr, agus seinneadair ann an còmhlan-meatailt. Tha innealan eile air chleachdadh uaireannan cuideachd.

'S e am prìomh phàirt de ceòl meatailt throm a th' air giotàr dealain agus a leudachadh. Tha am prìomh ghiotàr a' cluich binnean, earrannan innealach, agus giotàr aon-neach. 'S e giotàr feart a th' ann. Mar as tric tha na binnean aige a' cleachdadh pongan singilte no double stops. 

Tha an giotàr ruitheam a' cuir taic ris a' phrìomh giotàr, a' cluich co-cheòl agus ag obair le drumaichean agus giotàr beus air a bhith nan roinn ruitheam. Tha am prìomh phàirt seo a' dol an aghaidh pàirt aig an seinneadair no “frontman”, agus tha e a' cruthachadh teannachadh agus farpais cheòlach. 

Gu h-àbhaisteach tha an guth binn agus gharg cuideachd. Mar eisimpleir tha binneas glan aig am fonn, ach ann an rannan tha guth garg air chleachdadh.

Mar modh ciùil eile, tha ceòl meatailt a' dèiligeadh le cuspairean leathann. Gu tric, tha na cuspairean gu math dorcha agus anns na 70ean agus 80ean bha dragh air daoine airson bha mòran òrain mu dheidhinn olc agus adhradh diabhail. Chan eil e mì-àbhaisteach airson cluicheadairean a chruthachadh connspaideach leis na faclan aca.

As dèidh ùine, thòisich diofar sheòrsa de cheòl meatailt - mar meatailt dubh, meatailt marbh, meatailt gothic agus meatailt cumhachd - agus mar sin a' nochdadh. Tha dà chiall aig meatailt: an ceòl seo gu lèir, neo na còmhlan is tràth, a bha a' cluich an stoidhle nas traidiseanta anns na 70ean. 'S e Black Sabbath, Van Halen agus Judas Priest eisimpleirean de na còmhlan seo.

Ged a bha meatailt uabhasach soirbheachail anns na 70ean agus na 80ean chan eil e cho poblach 's an latha an diugh. Tha tòrr dhan an seo co-cheangailte ris am modhan grunge a dh'fhàs mòr anns na 90ean tràth le còmhlan mar Nirvana agus Pearl Jam. 

Aig an deireadh de na 1990ean, thòisich seòrsa de meatailt air a tha an t-ainm nu metal a dh'fhàs mòr, ach tha daoine ann a tha ag argamaid nach e meatailt ceart a tha seo. Mur e neo nach e, a-nis chan eil an ceòl seo cho shoirbheachail idir.

 

Is tric 's e giotàir a tha cluich am pàirt is motha ann an ceòl meatailt agus tha cluich aon-neach (solos) uabhasach cumanta ann. Is coltach ann an còmhlain meatailt tha dithis neach-giotair (uaireannan triùir), neach-beus agus cluicheadair-druma. Tric tha na buill aig còmhlan meatailt air an gabhail ri mar na daoine is fheàrr air cluich na h-innealan aca anns an t-saoghal. Cluicheadairean giotàir mar Zakk Wylde, Toni Iommi de Black Sabbath agus Eddie Van Halen de Van Halen. Cluicheadairean druma mar John Bonham aig Led Zepellin agus Dave Lombardo de Slayer. Neach-beus mar Steve Harris de Iron Maiden.

Tric tha òrain meatailt air a-rèir an nòs mar a bhith mu dheidhinn cuspairean olc agus mar seo tha feadhainn de chòmhlan a' faighinn tòrr càineadh bho buidheann creideamh. 

Tha meatailt air sgig-aithris anns am fiolm ainmeil This Is Spinal Tap.




#Article 404: Frank Zappa (231 words)


B' e neach-ciùil Aimeireaganach a bha ann an Frank Vincent Zappa (Baltimore, 21 an Dùbhlachd 1940 - 4 an Dùbhlachd 1993). Bha an obair aige uabhasach roghainneach agus rèis an obair aige cuid den na modhan ciùil co-aoiseach mar ròc, jazz, blues, ceòl folk agus ceòl dealain a-measg fheadhainn eile.

Bha a' chiad chlàr aige Freak Out! air fhoillseachadh ann an 1966. Bha seo air a dhèanamh leis a' chòmhlan anns an robh e The Mothers Of Invention. Dh' ainmich Paul McCartney aig na Beatles an clàr seo mar aon de na dhà, còmhla ris an clàr Pet Sounds aig The Beach Boys, aig an robh is motha buaidh air a' chlàr ainmeil aca fhèin Sgt. Pepper's Lonely Hearts Club Band. Gu h-ìoranta ge-tà bha Frank Zappa fhèin uabhasach breitheach dha na Beatles airson dèanamh a chlàr seo. Bha e den bheachd gun robh iad a' toirt brìogh den gluasad psychedelic a bha a' dol air adhart aig an àm airson airgead a dhèanamh. Os cionn seo dh' fhoillsich The Mothers Of Creation clàr den ainm We're Only In It For The Money le cobhair a bha na sgeig-aithris den cobhair ainmeil aig Sgt. Pepper's..... Tarsainn a rèis cùrsa aige dh' fhoillsich e 60 clàr, gus an do bhàsaich e ann an 1993 den aillse. Bha cuide den tìde aige roimh' n uair sin air a bhith ann an obair orcastra.




#Article 405: Sruighlea (267 words)


'S e baile a tha ann an Sruighlea (Beurla: Stirling). Tha e suidhichte ri taobh A' Mhonaidh Ochail ann an Alba mheadhanach. Anns na seann linntean bha Sruighlea na phrìomh-bhaile  Rìoghachd na h-Alba.

Tha Seann Bhaile Sruighlea suidhichte cruinn timcheall air Sràid Bhràghaid (Broad), Sràid Naomh Eòin (St John's) agus Slighe Naomh Mhoire fo mhùran a' Chaisteil. Tha blas agus coltas baile meadhan-aoiseach gan gleidheadh aige fhathast, le sràidean chlachan càsaichte agus pailteas de sheann dachaighean agus aitreabhan eile, is eachdraidh àraidh aig gach aon dhiubh. Tha taighean-bìdh, bùthan cofaidh, gailearaidhean ealain, taighean-tasgaidh agus taigh-cluiche ann cuideachd.

'S e Balla Sruighlea am mùr bhaile as fheàrr a tha a' mairsinn ann an Alba. Chaidh a thogail ann an 1547 mar dhìdean nuair a bha Rìgh Shasainn, Eanraig VIII, ag iarraidh pòsadh a sparradh eadar an leanaban Màiri, banrigh nan Albannach, agus Ìomhair, a mhac. Bha ionnsaighean daonnan gan toirt air Sruighlea, leis gum b' e àite-suidhe na Cùirte Rìoghail a bh' ann.

Tha slighe choisich, air ruith a' bhalla, ainmichte mar an ceum rathaid bailteil as fheàrr san Roinn Eòrpa. Bha i air a dealbhadh timcheall air 1723 agus 1791, agus chithear seallaidhean ceutach bho air a fad agus bhon iomadh suidheachan a tha oirre. 'S i cuairt iomlan a th' anns an t-slighe a ghabhar ruigsinn aig mòran ionadan san t-Seann Bhaile, cho fada ri Guildhall, agus chan eil bacadh mu choinneimh chathraichean-cuibhle no charbadan cloinne.

Rugadh Cathie Craigie, neach-poileataigs Albannach san 14 an Giblean 1954 ann an Sruighlea. 

Chaidh am Mòd Nàiseanta a chumail ann an Sruighlea anns na bliadhnaichean 1909, 1961, 1971 agus 1987.




#Article 406: Meatailt Dhubh (702 words)


'S e seòrsa ceòl meatailt a th' ann am meatailt dhubh, a thòisich anns na 1980an agus 1990an, gu h-àraidh anns an Nirribhidh. Thànaig an ceòl seo bho meatailt bàis, (a thàinig bho meatailt slaic), agus bho dhaoine dhen bheachd nach robh meatailt bàis craicte gu leòr.

Tha an dàrna chuid dhen bheachd gur e an stoidhle ciùil fhèin a nì meatailt dhubh sònraichte agus a' chuid eile dhen bheachd gur e na faclan agus an fheallsanachd a tha sònraichte mu dheidhinn, ge b' e dè an stoidhle ciùil.

Thànaig an t-ainm meatailt dhubh bho black metal ann am Beurla, abairt a nochd air clàr aig Venom, còmhlan Breatannach. Ged a thug Venom an t-ainm air an stoidhle chiùil seo, cha chluicheadh iad an aon seòrsa ceòl ri còmhlanan mar Mayhem agus Immortal mar eisimpleir. Cha robh an seinn aca den seòrsa sgreuchail a chleachdas mòran còmhlanan meatailt dhubh. Bha còmhlanan mar Hellhammer/Celtic Frost, Mercyful Fate agus gu h-àraidh Bathory glè chudthromach ann an toiseach meatailt dhubh.

Thòisich meatailt dhubh le còmhlanan às an Nirribhidh, mar Darkthrone, Satyricon, Mayhem, Emperor, Immortal agus Burzum. Chleachd iad criomagan bho mheatailt chumanta agus bho cheòl clasaigeach, airson seòrsa ceòl a chruthachadh a bha gu math borb ach àlainn aig a' cheart uair, le faclan an aghaidh Crìosdachd, agus cuideachd a-mach air creideamhan Pàganach no Sàtanach gu tric.

Chleachdadh cuid dhe na còmhlanan seo corpse paint: a' peantadh an aodann dubh agus geal gus coltas bàis a riochdachadh. Chleachdadh iad far-ainmean cuideachd, ainmean ceangailte ris na Lochlannaich, neo ri bàs.

Seo cuid dhe na feartan a tha ceangailte ri meatailt dhubh:

Mar a tha air ag ràdh mar tha, bha Venom glè chudthromach gu meatailt dubh, ged nach eil an ceòl aca dìreach an aon rud.

' S e an duine as cudthromach gu meatailt dubh, aig an toiseach, Øystein Aarseth (a bha a' cleachdadh an t-ainm Euronymous). Bha e a' cluich a' ghiotàir airson an còmhlan Mayhem. ' S e Aarseth agus an inner circle - na duine a bha as cudtromach anns an sealladh - a bha as cudthromach ann an meatailt dubh aig an toiseach. Bha iad a' coinneachadh aig an bùth aige, Helvete (ifrinn). Ann an 1993, muirt Varg Vikernes e, a' cur sgian ann barrachd na fichead tursan (ach tha Vikernes fhathast ag ratha nach robh e ach mu còig tursan, agus thuit Aarseth air glainne briste). Fhuair Vikernes 21 bliadhna anns a phrìosan, agus gus an latha an-diugh chan eil e pàirt den sealladh meatailt dubh, a-nis co ceangailte rith còmhlanan Nazi. ' S e 's dòcha air sàilleabh air Vikernes a tha daoine ann a tha a' smaointinn air meatailt dubh mar ceòl neo Nazi, ged gur e dìreach pàirt beag den sealladh a tha còmhlanan mar sin, agus tha a bhor cuid a' cur astar eadar iad fhèin agus smaointinn Nazi.

Aig an toiseach, agus latha an-diugh, bha an sealladh meatailt dubh fada an aghaidh creideamh Chrìosdach, agus ag iarraidh air an Nirribhidh a' dol air ais gu na ciad creideamhan aice. Aig deireadh na 1980an agus toiseach na 1990an, loisg daoine anns an sealladh meatailt dubh air eaglaisean (ann an Nirribhidh, tha mòran eaglaisean air an dèanamh le fiodh). 

Thàinig meatailt dubh suas anns na naidheachdan a-rithist nuair a loisg an seinneadair de Mayhem air e fhèin, a' sealltainn cho ceart 's a bha an t-ainm ciùil aige: Death. Sgrìobh e litir ag ratha gu robh e duilich mu dheidhinn an fhuil, agus thug Aarseth dealbhan den cuirp, a bha air a cleachdadh air aon de na clàran aig Mayhem.

Latha an-diugh, chan eil an ainneart seo pàirt mòr de meatailt dubh, le a bhor cuid de còmhlanan dìreach a' dèanamh an ceòl, agus a stad air na rudan eile a tha ceangailte ris an ceòl. Tha mòran de na còmhlanan a bha ann aig an toiseach fhathast an seo. Cuideachd, tha còmhlanan bho dùthaichean eile nas cudthromach anns an sealladh latha an diugh, gu h-àraid an An t-Suain, Suòmaidh, agus dùthchannan anns an Eòrpa an Ear. Tha barrachd diofar fuaimean anns an ceòl a-nis, le ceòl tradaiseanta, techno, ceòl clasaigeach, agus mòran eile, a nis air a cur còmhladh ris an fuaim tradaiseanta airson meatailt dubh.




#Article 407: Rolling Stone (233 words)


Is e Rolling Stone iris Aimeirigeanach mu dheidhinn ciùil agus cultair poblaich.

Nochdaidh iris ùr gach cola-deug. An-diugh, foillsichear e ann an ochd dùthchannan deug, Sìona, na h-Innseachan agus An Ruis nam measg.

Chaidh a stèidheachadh ann an San Francisco ann an 1967 le Jann Wenner (a tha fhathast na dheasaiche) agus sgrùdaire-ciùil Ralph J. Gleason. An toiseach bha e a' dol còmhla ris agus ag iomradh air a' chultar hippie a bha cumanta den àm. An toiseach bha iad cuideachd a' cur astair eadar iad fhèin agus na beachdan bunasach aig pàipearan eile coltach riutha ach tro na seachdadan bhiodh susbaint aig feadhainn dhe na pìosan aca a' beantainn barrachd ri saoghal poileataigs gu h-àraid tro Hunter Thompson nuair a thòisich e air sgrìobhadh dhaibh. Chuidich an iris tòiseachadh dreuchdan daoine mar Cameron Crowe is Greil Marcus am measg feadhainn eile.

Anns na h-ochdadan bha an iris a' fàs na bu corporra agus bha feadhainn de na sgrìobhadairean aosta a' fàgail agus feadhainn ùra a' gabhal nan àitean aca. Tric a-nis bhiodh e cumanta luchd-cleasaiche fiolm a bhith air a chòmhdach an àite rudan neo daoine co-cheangailte ri ceòl. 

Ann an 2004, airson cumail dè bha iad a' faicinn mar an '50mh cò-là-breith aig roc', chuir iad ri chèile sreath de chlàran mar 'The 500 Greatest Albums of All Time' a' moladh agus ag aithneachadh euchdan eachdraidheil anns an seòrsa ciùil seo.




#Article 408: Meatailt Bàis (366 words)


Thoisich meatailt bàis aig toiseach na 1980an, a' tighinn bho meatailt slaic. Am measg nan comhlanan cudthromach anns an stoighle seo tha Autopsy, Cannibal Corpse, Carcass, Dismember, Death, Deicide, Entombed, Possessed agus Obituary.

Seo liosta de rudan a tha daonnan a' tighinn suas ann an ceol meatailt bàis:

Thàinig meatailt bàis bho meatailt slaic, agus 's e Slayer còmhlan gu math cudromach ann an seo. Bha buaidh mhòr aig an clàr aca Reign in Blood (1986), agus na clàran as deidh sin, air meatailt bàis. 

Ach thòisich an stoidhle rò an sin, ann an 1983, le còmhlanan anns na Stàitean Aonaichte mar Death agus Possessed. 'S e `s docha a chiad eiseimpleir de meatailt bàis a bhith air a chlàradh an clàr Seven Churches aig Possessed, ann an 1985.

Ach tha daoine ann a tha ag ràdh nach robh na ciad còmhlanan seo ach post-thrash, agus gun d'fhuair iad an t-ainm meatailt bàis dìreach air t-saileabh an t-ainm aig Death: cha robh gu leor uair mu dheidhinn an ceòl fhathast.

Tha na daoine seo ag ràdh gun d' thòisich meatailt bàis aig dearadh na 1980an, leis am buadh de punk air ceòl roc gu leithir. Mar eiseamplear, bha Napalm Death an toiseach pairt den seoladh hardcore, agus a'cluich grindcore, ach aig toiseach na 1990an tionndaidh iad go stoidhle uair, a'fagail grindcore agus a mhor cuid den comhlan air falbh.

Thachair mòran diofar rudan gu meatailt bàis anns na 1990an, le iomadh diofar stoidhlean agus còmhlanan. Thòisich meatailt bàis binn anns An t-Suain (gu h-àraid am baile Göteborg), agus cuideachd ann an Nirribhidh agus ann an Suòmaidh. Tha comhlanan mar Arch Enemy, In Flames agus Dismember cudthromach gun stoidhle seo.

Cuideachd bha buaidh aig meatailt bàis air meatailt dìt, le comhlanan mar My Dying Bride agus Paradise Lost a'cleachdadh seinn meatailt bàis uaireanan, agus ceòl nas slaodachd ach caran coltachd, airson a'deanabh doom death.

Tha daoine ag ràdh gur e grindcore dìreach meatailt bàis a tha nas ainneart, ach tha daoine eile ag radh gun robh buaidh na bu mhotha aig hardcore air grindcore, leis am buaidh as mòr air meatailt bàis a bhith meatailt slaic, agus mar sin, gur e seòrsan de ceòl diofairte a th'annad.




#Article 409: Meatailt gotach (315 words)


 

' S e seòrsa de meatailt a th' ann a meatailt gothic. Thoisich an ceòl seo aig toiseach na 1990an ann an Eòrpa, mar stoidhle eile de meatailt dìt. Tha e dioramh ag ratha de tha neo nach eil meatailt gothic: tha daoine ann aig a tha smaoint mionaideach air de tha neo chan e an stoidhle ('s e seo daonnan na daoine a tha air ag èisteachd ri bhon toiseach), ach cuideachd tha daoine ann a tha ag ratha nach eil seo ceart.

Bha beagan a' tachairt le meatailt gothic anns na 1980an, nuair a bha còmhlanan mar Samhain agus Christian Death a' cur ri chèile ròc gothic agus rudan bho meatailt dìm. Cuideachd, bha àileach caran gothic air feadhainn de na claran aig Celtic Frost (ged a bha iad nas cudthromach gu meatailt dubh.

Ach thoisich an ceòl gu lèir aig toiseach na 1990an, le còmhlanan anns an tuatha de Sasainn, a thug an fuaim de a chiad ceòl goth anns na 1980an, agus cur e ri chèile leis an fuaim a tha aig Black Sabbath agus còmhlanan eile meatailt dìt. ' S e an ceòl seo - doom-death - a' chiad ceum gu meatailt gotach. 'S e Paradise Lost, My Dying Bride agus Anathema còmhlanan cudthromach gun stoidhle seo.

Cuideachd, ann an dùthchannan mar Nirribhidh, bha còmhlanan mar Theatre of Tragedy agus Tristania a' toirt rudan bho meatailt dubh gun fuaim aca.

Bha na còmhlanan aig an toiseach den ceol, mar Paradise Lost a' cleachdadh seinneadairean boireann anns an ceòl aca (mar eisimpleir air an clar Gothic aig Paradise Lost, a tha feadhainn a' smaointinn thug an t-ainm gun stoidhle), ach 's e The Gathering, còmhlan às an Òlaind a rinn e an toiseach.

Latha an-diugh, tha meatailt gotach nas soirbheachail anns a' Ghearmailt, an Òlaind, agus Nirribhidh. Cuideachd tha e a' faighinn nas soirbheachail anns na dùthchannan de Eòrpa an ear.




#Article 410: Henrik Larsson (168 words)


'S e Henrik Larsson MBE (b. 20 an t-Sultain, 1971 ann an Helsingborg) cluicheadair ball-coise bhon an t-Suain. Thoisich e air a chluich ball-coise aig aois 17 airson an sgioba Högaborg anns an t-Suain agus an uairsin ghluais e gu Helsingborg IF agus Feyenoord. Ann an 1997 ghluais e gu Celtic bho Feyenoord airson mu £650,000. Chuir e seachad seachd bliadhna ann an Glaschu agus anns an àm sin fhuair e 242 tadhal ann an 315 gèam. Ann an 2004 dh'fhàg e Celtic airson FC Barcelona. Cha robh e a' cluich cho tric an sin ach fhathast fhuair e 12 tadhal ann an 33 gèam agus anns an gèam mu dheireadh aige rinn e an dà thadhal aig Barcelona an aghaidh Arsenal anns an final de Cupa na Roinn-Eòrpa ann am Paris ; a' chiad fhear airson Samuel Eto'o agus an dara fear airson Julian Belletti. Ann an 2006 thill e do Helsingborg IF leis an teaghlach aige airson cluich dhan sgioba leis an robh e mar òganach.




#Article 411: Adolf Butenandt (137 words)


B' e Adolf Friedrich Johann Butenandt (Bremerhaven 24 am Màrt 1903–München 18 am Faoilleach 1995) am bith-cheimigear Gearmailteach a bhuannaich an Duais Nobel ann an Ceimigeachd ann an 1939 còmhla ri Leopold Ružička, airson na h-obrach aca air brodagan gnè, ach dhiùlt an riaghaltas Nàsach e an duais fhaighinn.

Rugadh e ann an Lehe, faisg air Bremerhaven, is dh'ionnsaich e ceimigeachd aig Oilthigh Mharburg is Oilthigh Ghöttingen. 
Sgrìobh e a theusais fo Adolf Windaus aig Göttingen. Chaidh e do Dhanzig ann an 1933 is Dahlem ann an 1936 far an deach e na cheannard Institiud Kaiser Wilhelm airson Bith-cheimigeachd. Rannsaich e ceimigeachd na gintinneachd an siud. Chaidh an t-institiud a ghluasad do Thübingen ann an 1944 is chaidh e na ollamh aig Oilthigh Tübingen. Bha e cuideachd na cheann-suidhe an t-Institiud Max Planck eadar 1960 is 1972.
 




#Article 412: Ronaldinho (1403 words)


'S e cluicheadair ball-coise a th' ann an Ronaldo de Assis Moreira. Rugadh e 21 am Màrt, 1980 ann am Porto Alegre, Braisil. Tha e na chluicheadair ball-coise ris an canar nas trice Ronaldinho Gaúcho, air sgàth gur h-ann às roinn Rio Grande do Sul a tha e; no mar is àbhaist dìreach Ronaldinho.

Tha an t-ainm Ronaldinho (IPA - Brazil: [ʁonɑu'dʒɪɲo]) a' ciallachadh Ronaldo beag ann am Portagailis; chaidh am frith-ainm a bhuileachadh air gus a shònrachadh bhon chluicheadair Braisileach eile, Ronaldo. Tha Ronaldinho air iomadach duais a bhuannachadh, nam measg an tè airson FIFA World Player of the Year (dà thuras), agus chaidh ainmeachadh mar European Footballer of the Year agus mar FIFPro World Player of the Year aon thuras le chèile. Tha a' chuid as motha dheth saoghal na ball-coise dhen bheachd gur h-esan an cluicheadair as fheàrr air an t-saoghal, agus aon de na cluicheadairean a b' fheàrr a bh' ann a-riamh - ged a tha e fhèin a' smaoineachadh gur h-e dearg amaideas a tha seo, is e fhèin air a ràdh gu bheil e dhen bheachd nach e fiù 's an cluicheadair as fheàrr aig FC Barcelona, an sgioba dhan cluich e an-dràsta.

'S i banaltruim a th' ann am màthair Ronaldinho, Migeulina. Bhàsaich athair, João, le greim-cridhe nuair nach robh Ronaldinho ach 8 bliadhna a dh'aois. Bha athair na neach-obrach ann an gàradh togail-luing agus na chluicheadair ball-coise saor-thoileach airson Cruzeiro. Chluich bràthair bu shine Ronaldinho ball-coise proifeiseanta airson Gremio ach chaidh stad a chuir air sin tràth nuair a chaidh a dhroch leòn, agus tha e a-nis ag obair mar mhanaidsear dha bhràthair òg. Tha gille beag aig Ronaldinho, air ainmeachadh João airson a sheanar, a rugadh air an 25 latha den Ghearran 2005 le Janaína Nattielle Viana Mendes.

Na òige leig Ronaldinho fhaicinn dè cho ealanta 'sa bha e le ball le bhith a' cluich futsal agus ball-coise air an tràigh, agus an deidh grèis ghabh e an sàs ann am ball-coise na bu thraidiseanta. Thog e aire dhaoine nuair a bha e 13 bliadhna a dh'aois agus e air 23 tadhal a chur an aghaidh sgioba àraid. Fhuair e tuilleadh cliù le cho math 'sa chluich e san Cupa na Cruinne dhan fheadhainn fo aois 17 san Èiphit an 1997.

Tha ùidh mhòr aige ann an ceòl Braisileach agus is toigh leis seinn is cluich an druma còmhla ri charaidean ann am Barcelona.

Nochd e a' chiad uair a-riamh ann an sgioba nàiseanta Braisil ann an 1999 air an 26 Ògmhios an aghaidh Latbhia. Anns a' chiad gheama aige a bha co-fharpaiseil chuir e tadhal an aghaidh Venezuela anns a' Chopa América 1999 a chaidh a ghlèidheadh le Braisil.

Bha buaidh nach robh beag aig Ronaldinho nuair a bhuannaich Braisil Cupa na Cruinne an Iapan agus Coirea a Deas 'sa bhliadhna 2002. 'S e aon de na tadhail a b' fheàrr sa cho-fharpais am fear a chuir e seachad air David Seaman, fear-glèidhidh Shasainn, anns an treas chuairt deireannach den Chupa. Fhuair e cairt dhearg anns a' gheama ud cuideachd agus mar sin chaill e an ath gheama an aghaidh an Tuirc, ach chluich e an uairsin anns a' chuairt dheireannach an aghaidh a' Ghearmailt, geama a bhuannaich Braisil 2-0.

Air an 29mh latha dhen Ògmhios 2005, bha làmh nach robh beag aige mar chaiptean nuair a bhuannaich Braisil an dara Cup FIFA nan Confederations aca nuair a thug iad buaidh air Argentina 4-1, agus Ronaldinho fhèin a' buannachadh an duais mar Man of the Match. Sa Mhàrt 2004, dh'ainmich Pelé Ronaldinho mar aon de na 125 cluicheadairean as fheàrr ball-coise a tha beò.

'S ann air sgioba nan òganach aig a' chlub Grêmio am baile Porto Alegre a thòisich a bheatha proifeiseanta, fo sgèith a' chòidse Luiz Felipe Scolari, a bhiodh na mhanaidsear air sgioba nàiseanta Bhraisil anns na bliadhnachan a leanadh agus a bha na cheannard nuair a bhuannaich iad Cupa na Cruinne ann an 2002. Fhuair e a chiad gheama airson prìomh sgioba Ghrêmio anns an Cupa Libertadores an 1998, agus cha robh e fada a chomasan airson tadhail agus cluich ealanta a thaisbeanadh.

An 2001, aig deireadh a thìm aig Grêmio, bha iomadach sgioba air feadh an t-saoghail a' cur suim ann an Ronaldinho agus gu h-àraid feadhainn bho Shasainn ach aig a' cheann thall rinn e imrich gu Paris Saint-Germain san Fhraing, 's e a' cur ainm ri cùmhnant a sheasadh còig bliadhna.

An 2001 dh'fhàg Ronaldinho Grêmio agus chuir e aghaidh air ball-coise na Roinn-Eòrpa. Ged a bha iomadach sgioba a' feuchainn ri grèim fhaighinn air, 's e PSG a ghabh e ris. Fhad 's a bha e le PSG bhiodh am manaidsear, Luiz Fernandez, tric a' gearain gun robh Ronaldinho a' cur seachad cus tìde 'sa bhaile air an oidhche, an àite suim a chur ann am ball-coise, agus nach biodh e a' cumail ris na dh'aontaich e de thìde airson nan làithean-saora aige am Braisil.

An dèidh Cupa na Cruinne an 2002, is Ronaldinho air nochdadh dè cho math 'sa chluicheadh e aig ìre eadar-nàiseanta, bha sgiobannan na bu mhotha a' feuchainn ri fhaighinn agus ann an 2003 thuirt e gu robh e airson PSG fhàgail. Lean tòrr còmhstri eadar caochladh sgiobannan 's iad airson grèim fhaighinn air, le tuilleadh is tuilleadh airgid air a thairgse air a shon.

Air an naoidheamh latha deug dhen Iuchar 2003 cheannaich FC Barcelona Ronaldinho airson mu £18,000,000. Bha ceannard Barcelona, Joan Laporta, an toiseach an dùil David Beckham a thoirt dhan sgioba ach dhiùlt an cluicheadair ud iad; b' fheàrr leis gluasad gu Real Madrid, mar sin ghabh iad ri Ronaldinho, air thoiseach air Manchester United a bha airson a shoidhnigeadh cuideachd. A' dol gu Barcelona bha Ronaldinho a' leantainn dòrlach de chluicheadairean ainmeil eile Braisileach mar Evaristo, Romario, Ronaldo agus Rivaldo.

Anns a' chiad seusan aige (2003/4) chrìochnaich Barca anns an dara àite 'san lìog (La Liga). Còmhla ri Samuel Eto'o, Deco, Xavi, Ludovic Giuly agus Henrik Larsson bha e am measg buidheann de chuspairean cumhachdach a bhuannaich La Liga an ath-bhliadhna airson Barcelona. Air 20 Dùbhlachd 2004 chaidh Ronaldinho ainmeachadh mar Cluicheadair Fifa na Bliadhna a b' fheàrr air an t-saoghal, air thoiseach air Thierry Henry (Arsenal) agus Andriy Shevchenko (AC Milan) agus thionndaidh Barca sìos an £60,000,000 a bha Chelsea a' tairgse air a shon.

Air 19 Samhainn chuir e dà thadhal mìorbhaileach a chuidich Barcelona gu buaidh air Real Madrid 3-0 san Santiago Bernabeu, Madrid. An dèidh dha an dàrna thadhal fhaighinn - an treas fear aig an sgioba aige - dh'fhan a' chuid a bu mhotha de luchd-leanmhainn Real Madrid nan seasamh is iad ga mholadh, rud iongantach a leithid nach robh air tachairt bhon a chluich Maradona nan aghaidh, cuideachd airson Barcelona.

An 2005 chaidh Ronaldinho ainmeachadh mar chluicheadair na bliadhna a b' fheàrr san Roinn-Eòrpa agus an cuspairiche as fheàrr ann an Cupa na Roinn-Eòrpa airson a' cho-fharpais ud thar 2004/05. 'S e Ronaldinho an treas Braisileach a tha air an duais airson a' chluicheadair as fheàrr san Roinn-Eòrpa a bhuannachadh. Air 19 Dùbhlachd fhuair e an duais Cluicheadair FIFA na Bliadhna a b' fheàrr air an t-saoghal a-rithist, le 956 comharraidhean - còrr is trì uidhir na fhuair an cluicheadair a bha san dàrna àite, Frank Lampard (306), agus Samuel Eto'o san treas àite (190). Chaidh a thaghadh airson sgioba UEFA 2005 airson an treas bliadhna ann an sreath, agus fhuair e tuilleadh bhòt airson an sgioba ud na cluicheadair sam bith eile a bh' ann le còrr is 1,500,000 neach a' gabhail pàirt san taghadh.

Air an 7mh latha dhen Mhàrt 2006, anns an dàrna geama dhen chuairt sa Chupa Eòrpach san Nou Camp, rinn Ronaldinho agus Barcelona a' chùis air Chelsea, an deidh dhaibh call riutha aig an aon ìre sa cho-fharpais a' bhliadhna roimhe; chaidh tadhal sgileil a chur le Ronaldinho. An lorg sin, thug iad buaidh air AC Milan 1-0 thairis air dà gheama gus àite fhaighinn an aghaidh Arsenal sa chuairt dheireannach am Paris. Anns a' gheama sin rinn iad a' chùis 2-1 an deidh dhaibh a bhith air dheireadh 1-0 airson a' chuid a bu mhotha dhen gheama, le Henrik Larsson a' cur gach tadhal airson Barca - a' chiad uair a bha Arsenal air tadhal a chall ann an còrr is deich geamaichean. San aon bhliadhna bhuannaich Barca La Liga airson an dàrna seusan le buaidh a thug iad air Celta Vigo 1-0.




#Article 413: Ceusair Uilleam II (138 words)


B' e ìmpire Gearmailteach agus Rìgh na Pruise (Gearmailtis: Deutscher Kaiser und König von Preußen)  a bha ann an Ceusair Uilleam II (Friedrich Wilhelm Viktor Albrecht). Rugadh e ann am Berlin 27 am Faoilleach 1859 agus chaochail e ann an Doorn 4 an t-Ògmhios 1941.

Bha e na ogha dhan Bhan-righ Bhictòria aig an Rìoghachd Aonaichte. Chaidh e na ìmpire agus na rìgh ann an 1888 an dèidh do athair, Friedrich III, a bhàsachadh. Chuir e Otto von Bismarck, seannsalair na Gearmailte, às a dhreuchd ann an 1890. Bha mòr-spèis aige do Bhreatainn agus gu h-àraidh do chabhlach Bhreatainn agus 's ann fo esan a chaidh a' Ghearmailt a chogadh anns an Cogadh Mòr. Leig e a chrùn dheth ann an 1918 an dèidh do dh'ar-a-mach anns a' Ghearmailt is chaidh e do Dhoorn anns na Tìrean Ìsle. 




#Article 414: George W. Bush (512 words)


Chaidh George W. Bush (rugadh 6 an t-Iuchar, 1946) a thaghadh mar ceann-suidhe nan Stàitean Aonaichte ann an 2000 agus bhuannaich e an dara thaghadh aige ann an 2004. 'S e Poblachdach a th' ann am Bush agus mus robh e na ceann-suidhe 's e Riaghladair Texas a bh' ann. S' ann bho Midland ann an Texas a bhuineas e agus tha tuathanas aige ann an Crawford faisg air Waco. 'S e ceann-suidhe a bh' ann an athair, George H. W. Bush, cuideachd a sheas eadar 1988 agus 1992. 

Tha George Bush pòsta ri Laura agus tha dà nighean aca a tha nan caignich; Jenna agus Barbara. Chaidh a' bhreith ann an Connecticut agus a dh'fhoghlam mar oileanach aig Oilthigh Yale, oilthigh ainmeil aig a tha deagh-chliù. Gidheadh, cha do ghabh e deagh-chomharran. 

'S e pìleat a bh' ann aig àm Chogadh Bhiet-Nam ach cha do ghabh è pàirt ann. Ann an 1972, chuir feachd an adhair à rèim Bush oir nach do dh'fhreasgair e deuchainn riantanach.

Anns an taghadh airson ceann-suidhe na Stàitean Aonaichte an 2000 bha torr trioblaid aca ann am Florida le no bhòtaichean agus cha robh moran cinnteach co a bha air buannachadh agus cha deach aonadh a ruighean air co a bh' ann airson coir is mìos agus feum aig an Àrd Chùirt sùil a thoirt air cùisean agus taghadh co a bha air buannachadh. Thagh iad stad a chuir air na conntaidhean agus na ath-chunntaidhean agus dh'fhoillsich iad gur è Bush a bha air buaidh fhaighinn agus a bhiodh na Cheann-suidhe. Chaidh pìos mhòr den sluagh ann an Ameireaga an aghaidh an seo agus bha torr feargach mu dheidhinn.

Sheas Bush a-rithist anns an taghadh airson ceann-suidhe ann an 2004, le John Kerry an seanaiche bho Massachusetts a seasamh na aghaidh airson am Pàrtaidh Deamocratach agus bhuannaich è airson an dara àm .

An dèidh na ionnsaighean sgeimhleadh a thachair air an 11 den t-Sultain, ris an canar 9/11, dh'òrdaich Bush ionnsaigh air Afghanistan agus ann an 2003 Ioràc. Chaidh gach dùthaich a chuir fo cheannsail agus greim fhaighinn air prìomhaire na h-Ioràc, Saddam Hussein agus e a-nis air dheuchainn aig cùirt airson droch-gnìomhan aige nuair a bha è an cumhachd. Tha taghaidhean saor aca ann an Ioràc a-nis airson a chiad turas ach tha torr bhlàr is trioblaid a dol fhathast agus feagal ann gum toisich cogadh agus aramach san dùthaich.

Bha a' chuid mhòr den t-saoghal an aghaidh an cogadh ann an Ioràc agus iad a smaoineachadh gur è mearachd a bh' annta gus gun robh e cearr agus fiù olc a dhol a steach don dùthaich mar a chaidh. Tha feadhainn eile, gu h-àraidh luchd leanmhainn Bush, a smaoineachadh gu bheil na cogaidhean an Afghanistan agus Ioràc, mar pàirt den War on Terrorism a dh'fhoillsich Bush an dèidh 9/11, eiseal airson na Stàitean Aonaichte, agus an t-saoghal gu mòr, a chumail saor agus sàbhailte. 'S e aon de na rudan a tha Bush agus Aimeireaga a feuchainn ri dhèanamh le na cogaidhean deamocrasaidh a leasachadh anns na sgìrean, gu h-àraidh an Ear Mheadhanach.




#Article 415: Na Stàitean Aonaichte (566 words)


 
'S e dùthaich ann an Aimearaga a Tuath a tha anns na Stàitean Aonaichte neo ainm oifigeil: na Stàitean Aonaichte Aimeireaga (SAA) (Beurla: United States of America no USA). Tha ì na Poblachd cùmhnantach. Tha crìochan aice sa tuath le Canada agus sa deas le Meagsago. Tha 48 de na stàitean suidhichte eadar an Cuan Siar agus an Cuan Sèimh. Tha Alasca ann an iar-thuath na dùthcha le Canada san àirde an ear agus leis an Ruis san àirde an iar dhith. Tha Hawaii suidhichte anns a’ Chuan Shèimh.

Chaidh na Stàitean a stèidheachadh an ceathramh latha dhen t-Iuchar, 1776, nuair a thòisich ar-a-mach anns a' chiad 13 tìreanan imrich aig Breatainn ann an Ameireaga an aghaidh na Rìoghachd Aonaichte. B' e an Ar-a-mach Ameireaganach an t-ainm air an strì seo agus sheas ì seachd bliadhna gu Còrdadh Pharas ann an 1783 nuair a dh'aithnich Breatainn Mòr gun robh na Stàitean Aonaichte neo-eisimeileach. Ann an 1787, shoidhnig riochdairean às a h-uile tìrean bun-reachd ùr. Tha e na bun-reachd nan Stàitean fhathast san latha an diugh. Bha cogadh eile le Breatann ann an 1812. 

Bhon àm ud tha an dùthaich a' fàs agus sgaoileadh tarsainn air Ameireaga a Tuath gu ìre far a bheil ì a-nis cho mòr is nach eil ach dà dhùthaich anns an t-saoghal nas motha: an Ruis agus Canada. 

Nuair a thàinig daoine geala siar, do fearann na gnàth-mhuinntir Aimeireagach, bha cogaidhean leotha ann an 18 is 19 linn, mar eisimpleir Cogadh Nimíipuu. Dh'èignich an ùghdarras na gnàth-mhuinntire do tèarmannan tùsanach às dèidh seo. Thairis air ùine, fhuair a' ghnàth-mhuinntir coirean a-rithist: saoranachd ann an 1924, flaitheas ann an  1934, agus saorsainnean chatharra gu lèir ann an 1968.

Bha an dùthaich gu mòr an sàs gnothach tràilleachd thar a' Chuain Shiar eadar an 16mh Linn agus an 19mh Linn, gus an do rinn Abraham Lincoln foirgheall saorsa nan tràill am measg a' Chogaidh Chathara Ameireaganaich. Chaidh na daoine dubha a' bhòt agus na saorsainnean chatharra eile a cheadachadh ann an 1870 gu oifigeil, ach cha cho-èignicheadh gus an Iomairt Shaorsainn Chatharra anns na 1950an. Bha leas-breith ann an taigheadas, foghlam, agus obair.

Ann an 1920, fhuair na boireannaich a' bhòt, às dèidh iomairt nan Silent Sentinels. Thog boireannaich fianais a-muigh an taigh cinn-shuidhe (Beurla: White House) corr math 's aon is leth-bhliadhna. Chuir an ùghdarras mòran dhuibh ann an làimh, agus ghiùlain iad droch-ghrèidheadh ann am prìosan, mar eisimpleir biadhadh ri èignicheadh.

Bha nan Stàitean an sàs a' Chogaidh Mhòir agus an Dàrna Chogaidh, airson na Caidreachais an dà àm. Às dèidh an Dàrna Chogaidh, bha iad cudromach anns an stèidheachadh nan Dùthchannan Aonaichte. Aig an aon àm, bha iad an sàs a' Chogaidh Fhuair an aghaidh na h-Aonachd Sobhiatach, anns an Cogadh Bhiet-Nam gu sònraichte. Bha cogaidhean-ionaid eile ann an Aimeireaga a Deas, Meadhan-Ameireaga is dùthchannan eile.

Tha dà phàrtaidh phoileataigeach a-nis, am Pàrtaidh Deamocratach is am Pàrtaidh Poblachdach. Bha Franklin D. Roosevelt, John F. Kennedy, agus Barack Obama nan cinn-shuidhe as ainmeil nan Deamocratach, agus bha Abraham Lincoln, Dwight D. Eisenhower, agus Ronald Reagan nan cinn-shuidhe as ainmeil nam Poblachdach. Bha taghadh ceann-suidhe nan Stàitean Aonaichte ann air 4mh an t-Sultain 2016, a chaidh a bhuannachadh le Donald Trump, dhan Pàrtaidh Poblachdach.

Seo liosta na bailtean as motha na dùthcha:

Tha roinnean agus ranntairean eile aig na Stàitean Aonaichte cuideachd, gu h-àraidh anns a’ Chuan Shèimh agus anns a' Chairibìan, m.e.:




#Article 416: Cànan Oifigeil (109 words)


'S e cànan oifigeil cànan aig a bheil inbhe laghail àraid ann an dùthaich, stàit no tìr sam bith eile. Mar is àbhaist, bidh riaghaltasan ga chleachdadh mar phrìomh chànan buidhnean reachdail an nàisein, ged 's iomadh dhùthaich far am feumar cànanan eile a chleachdadh gus sgrìobhainnean riaghaltais a dhèanamh ann. Ann an cuid de dhùthchannan, tha àite aig an cànan ann an cùmhnant na dùthcha. Tha barrachd air aon chànan aig dùthchannan mar Chanada agus Singeapòr, ach lorgaidh tu dùthaich mar na Stàitean Aonaichte no an Rìoghachd Aonaichte far nach eil cànan oifigeil ann ( ged is e Beurla an cànan oifigeil de facto anns na h-eisimpleirean ud).




#Article 417: Thüringen (464 words)


Is e saor-stàit Ghearmailteach a tha ann an Thüringen. Tha Erfurt ann am meadhan na dùthcha na phrìomh-bhaile. 

Tha Thüringen anns an taobh an ear na Gearmailt. Mu thimcheall tha na stàitean Sagsainn Iosail, Sagsainn-Anhalt, Sagsainn, Bayern agus Hessen

Is iad na bailtean as motha: Erfurt, Gera, Jena agus Weimar. Tha an àireamh shluaigh de na bailtean eile nas lugha na 50.000.

Anns an tuath tha earran bheag de na beanntan Harz. Anns an earra-dheas tha an Thüringer Wald (coille Thuringia), beanntan le tòrr choilltean. Tha slighe fhada chliùiteach an-seo air a bheil “Rennsteig” mar ainm. Is e a’ bheinn as àirde am Großer Beerberg le 982 m. Anns an ear tha an dùthaich rèidh. Is e Thuringia ris an canar „an cridhe ùine na Gearmailt“.

Chan eil lochan mòra ann an Thüringen.

Tha glainne, dèideagan, poitean agus aodaich air an dèanamh agus tha tòrr fhactoraidhean ag obair le fiodh agus meatailt. Tha Jena ainmeil airson inneal-fradhairc. Ann an Eisenach tha factoraidhean Opel agus Bosch.

Tha àiteachas cudthromach cuideachd.
Tha cruithneachd, eòrna agus biatas-siùcar air am plantadh anns an dùthaich rèidh. Anns na gleanntan tha lusan agus measan a’ fàs.

Gus am bliadhna 1920 bha Thüringen ri moinn ann an stàitean eadar-dhealaichte agus air a riaghladh le diùc. An dèidh a’ chiad cogaidh chaidh na stàitean seo a chuir ri chèile gu aon stàit leis a’ phrìomh-bhaile Weimar. Chaidh a’ chiad Poblachd na Gearmailt a stèidheachadh a-mhàin ann am Weimar ann an 1919. Chaidh crìoch a chur air ann an 1933 nuair a thàinig Hitler agus a’ phartaidh Nàsach gu cumhachd. An dèidh an Dàrna Cogadh dh'fhuirich Thüringen anns a’ phàirt Ruiseach agus an uair sin dh'fhàs e na phàirt dhen DDR. Ann 1989 thuit Balla Bherlin agus chaidh a' Ghearmailt aonachadh.

Is e àite-eachdraidheil ann an Thüringen a tha ann am Weimar. Dh’ fhuirich an dithis sgrìobhadairean Gearmailteach as ainmeile, Johann Wolfgang von Goethe agus Friedrich Schiller an-seo fàd bhliadhnachan. Tha na taighean aca nan taighean–tasgaidh an-diugh. Tha an seann bhaile glè bhrèagha agus tha mòran luchd-turais a’ tighinn airson fhaicinn.

Is e àite eile cliùiteach a tha anns a’ Wartburg. Is e caisteal a th’ ann air cnoc àrd faisg air Eisenach. B’ e Màrtainn Lùtair am fear-àiteachaidh a b’ ainmeile. Dh'fhuirich e anns a’ chaisteal bho 1520 gu 1522 fo tèarmunn an riaghladair de Weimar agus dh’eadar-theangaich e am Bìoball an-seo.

Is e àite brèagha a th’ ann an seann bhaile Erfurt leis an eaglais mhòr, togte anns an dàrna linn deug. Chaidh Màrtainn Lùtair don Oilthigh Erfurt.

Rugadh fireannaich agus boireannaich cudthromach ann an Thüringen:
Fireannaich-ciùil: 

Dealbhadairean: 

Bha Carl Zeiss a’ stèidheachadh a’ ghnìomhachas inneal-fradhairc.

Nuair bhitheas sibh ann an Thüringen, bu chòir dhuibh Thüringer Bratwurst fheuchainn. Is isbean blàsda a th’ ann. Agus feuchaibh ri leann dubh „Köstritzer“ òl. 




#Article 418: A' Ghearmailt (106 words)


 
'S e dùthaich anns an Roinn-Eòrpa a tha anns a' Ghearmailt (ainm oifigeil: Poblachd Fheadaraileach na Gearmailt). Tha crìochan aice leis an Danmhairg, gun ear leis a' Phòlainn agus le Poblachd nan Teacach, gu deas leis an Ostaire agus an Eilbheis agus gun iar leis an Fhraing, a' Bheilg agus an Òlaind agus le Lucsamburg. 'S e Berlin am prìomh bhaile na Poblachd.

Tha 16 sgìrean mòra ann ris an canar Bundesländer. Tha cumhachd phoileataigeach aca fèin.

Bha an dùthaich gu mòr an sàs gnothach Tràilleachd thar a' Chuain Shiar eadar an 16mh Linn agus an 19mh Linn.

Seo liosta na bailtean as motha na Gearmailte:




#Article 419: Seachd (191 words)


'S e film Gàidhlig le Simon Miller a tha ann an Seachd, 's esan na stiùiriche airson a chiad uair, stòiridh le Simon Miller agus Joanne Cockwell. Tha a chleasaiche òg Pàdruig Moireasdan ann còmhla ris a' bhàrd is sgrìobhaiche Aonghas Pàdraig Caimbeul. Thoisich filmadh anns a' Ghiblean 2006 timcheall air Am Bioran Do-Ruigsinneach aig mullach an Sgurr Deirg sa Chuiltheann anns an Eilean Sgitheanach, agus chrìochnaich e anns an Ògmhios 2006. Bha prìomh-taisbeanadh an fhilm aig an Celtic Media Festival (anns a' Mhart 2007.

Làn fhìrinn na sgeòil. Tha Aonghas air a bhith air tòir na fìrinn o òige, miann a tha a' teannachadh na inntinn 's na chorp nuair a thuigeas e gu bheil am bàs gu laighe air a sheanar. Tha fios aig Aonghas gu bheil an t-àm dha eòlas a chur air an fhìrinn mu bhàs a phàrantan 's cuideachd mu sgeulachdan a sheanair, sgeulachdan iongantach, eagalach a thug air cuairt tro eachdraidh nan Gaidheal iad. Tha Aonghas 's a sheanair a' gabhail aon chuairt eile còmhla, cuairt a tha gan toirt gu mullach Sgùrr Dearg 's gu fìrinn ris nach robh dùil sam bith.

Ri thighinn…




#Article 420: Buidseachd (120 words)


Tha Buidseachd, ann iomadach brìgh eachdraidheil, cràbhach, agus fionn-sgeulach, 'na cleachdadh nan seòrsaichean cinnteach nan cumhachdan air aithris os-nàdarrach no draoidheile. 'S e buidseach a th' ann duine (air uairibh gu sònraichte boireannach) gum gabh an sàs sa' bhuidseachd.

Tha connsachail an facal buidseachd (agus buidseach) le eachdraidh iol-fhillte. Th' air fhaicinn gu h-eugsamhail buidseachd anns na dualchasan air leth mun chruinne. Air chleachdadh le brìghean fìor-eugsamhaile, agus anns na h-iomraidhean dualchasach fìor-eugsamhaile, gabhaidh i brìghean air leth, agus gu tric breugachadh. 

Tha a cholann sònraichte fhèin aig dualchas nam brìghean a' làimhseachadh le draoidheachd, creideamh, spioradan caoimhneasach agus gamhlasach, agus deas-ghnàth; agus cha lorg na smuaintean seo mac-samhlaidhean soilleire ann an dualchasan eile.

Clàr leis a' cheann-là an foillseachaidh:




#Article 421: Deisciobal (208 words)


Tha an t-ainm deisciobal air fear den dà fhear dheug a lean Ìosa Chrìost an toiseach (neo anns na Creideamhan eile, mar Buddachas). Bha Iùdas Iscariot na dheisciobal Ìosa cuideachd bho thùs; bha e na thasgaidhe (Eòin 12:5-6, 13:29), agus cha robh e gun earbsa gus an reic e Ìosa. Air sgath sin, tha dusan ann, mar a bha dà treubh dheug aig Iosrael.

Bha samhladh traidiseanta aig gach fear-

Nochdar Tadh (Thaddaeus) neo Lebbaeus Thaddaeus air cuid de na liostaichean, ach ann an Soisgeul a-rèir Lùcas (6:16), nochdar “Iùdas mac Seumas”. Sgrìobh Eòin (14.22) air “Iùdas nach e Iùdas Iscariot”.

Tha ainmean fior-Ghreugach aig dithis, Aindreas bràthair Pheadair, agus Philip (Φιλιππός, Phillipos – gràdhaiche-each); tha ainmean Seimeach san fhoirm Greugach aig ceathrar – Pàrtholan (Bar Tholmai), Mata, Tòmas 7 Tadh (Thaddaeus). Dh’atharraich Peadar bho ainm Iùdhach – Siomon (Symeon) ri ainm Greugach “Petros” (Πετρός, clach), neo Peadar.

Sgrìobh Soisgeul Lùcas air trì bana-dheisicobail

Bha smuain aig na Gnostics, a tha air ais anns The Da Vinci Code msa, gur e Moire Magdalen an deisciobal as fheàrr le Ìosa, agus a bharrachd air sin, bha iad pòsda. Tha sin gu math connspaideach, ach tha an aon smuain aig na Mormonaich.

Sgrìobh Soisgeul Lùcas air mion-charactaran a-leantainn, mar deisciobail:




#Article 422: AC (121 words)


Giorrachadh de “As dèidh Chrìost” (AD – “Anno Domini”), air a chleachdadh le bliadhna air a cunntadh bho cheann-bliadhna Ìosa. Aontachaidh fir-eachdraidh a-nis, nan robh Ìosa na dhuine eachdraidheil, is cinnteach nach robh an latha-breith ann an 1 AC, ach eadar 5 RC agus 5 AC. Cha robh 0 AC/RC ann.

Cha toil le cuid siostam ainmeachaidh seo, ged a tha e bunaichte air beatha Chrìost, 's fheàrr leotha “BCE” (Before Common Era - Roimh Linn Cumanta) agus CE “(Common Era - Linn Cumanta). Chan eil iad soilleir dè an ciall a tha aig am facal “cumanta” an seo, neo carson a tha iad a’ cleachdadh siostam Crìosdaidh fhathast..

Tha AC a’ ciallachadh “alternating current” (dealanach) cuideachd, mar ann an AC/DC.




#Article 423: Aiseag (191 words)


'S e ionad a tha ann an aiseag far am bith bàta a' giùlain daoine, càraichean, beathaichean is nithean eile, thairis air abhainn, no cuan cumhang. Chanar “bàta-aiseig” ri bàta sònraichte ri aiseag. Rè na deicheadan deireannach den 20mh linn, chuireadh bàtaichean an gnìomh a thoirt seirbhis do na h-eileanan Albannaich a tha ruith (mar a tha aiseag) eadar dà phort a-mhàin (mar eisimpleir Ulapul agus Steòrnabhagh) cleachdar na facail aiseag agus bàt-aiseig airson na seirbhisean seo cuideachd.

Ann an Alba, air sgath gu bheil ceudan de dh' eileanan ann, agus caolas gu leòr, tha mòran aiseagan ann, m.e. air Sruth na Maoile eadar Alba is Èirinn, eadar na h-Innse Gall, Arcaibh, Sealltainn agus/neo mòr-thir na h-Alba, agus eadar Alba is Na Tìrean Ìsle (Ros Saidhe is Zeebrugge ⁊c. B' àbhaist dha aiseag a dhol eadar Àrd Rosain is Dùghlais an Eilean Mhanainn.

Gheibhear aiseagan ainmeil eadar Sasainn-a-deas agus an Fhraing (neo Breatainn Bheag), Eilean-a-Tuath is Eilean-a-Deas ann an Sealainn Nuadh, eadar Kowloon is Eilean Hong Kong (a chleachd mìltean gach latha), Èirinn is a' Chuimrigh, an Spàinn is Maroco agus thairis abhainn farsaing mar am Mississipi, Volga, Danube agus Yangtse.




#Article 424: Pocanach (111 words)


Tha pocanaich (Beurla: marsupial) nan sìneach aig a bheil poca airson clann a thogail. 'S e an cangaru am pocanach as ainmeile; as dèidh sia seachdainnean, thèid cangaru òg bhon uchd gu poca, airson cìoch a shughadh. Nuair a tha e nas sine, fàgaidh e am poca, ach tillidh e dhan cìoch gu bliadhna a dh’aois.

Thathar 334 seòrsaichean pocanaich, agus 200 a tha tusaich ann an Astrailia, agus na h-eileanan faisg air. Tha cuid ann an Aimearaga-a-deas, agus aon seòrsa, an Opossum Virginianach ann an Aimearaga a-tuath. Tha a' mhorcuid caran slaodach, ach is urrainn do cangaru a dhol cho luath ri 31 mile gach uair (50 cilemeatair gach uair).




#Article 425: Aonadh-ciùird (139 words)


'S e buidheann phoilitigeach de luchd-obrach a tha ann an aonadh-ciùird no aonadh luchd-obrach (Beurla trade union). Tha dà sheòrsa ann, aonaidhean-ciùird 'còmhnard' (horizontal) airson luchd-obrach aig an aon ìre agus aonaidhean-ciùird 'dìreach' (vertical) airson luchd-obrach san gach roinn-obrach.

Tha iad an sàs chòmhraidhean leis na ceannardan air sgàth nan luchd-obrach. Anns an Rìoghachd Aonaichte, tha ceanglaichean làidir eadar aonaidhean-ciùird agus am Pàrtaidh Làbarach. Tha a' mhòr-chuid dhen aonaidhean-ciùird ann an Alba nam buill dhen STUC (Mòr-dhàil nan Aonaidhean-ciùird na h-Alba, Beurla Scottish Trades Union Congress) agus dhiubh sin ann an Sasainn is anns a' Chuimrigh nam buill dhen TUC.

'S e UNISON an t-aonadh-ciùird as motha an dà chuid anns an Rìoghachd Aonaichte agus ann an Alba. Am measg nan aonaidhean eile tha UNITE agus Institiud Foghlam na h-Alba 'S e deagh eiseimpleir iomairteachd a th' ann cuideachd.




#Article 426: Àrc-eòlas (136 words)


Is e àrc-eòlas no àrsaidheachd an roinn sgoilearachd a dhèiligeas le ro-eachdraidh. Is e a tha ann an ro-eachdraidh na linntean a roimhe na h-eachdraidhean sgrìobhta a thàinig a-nìos chun latha an diugh. Fàsaidh na cunntasan nas tana nas fhàda a shùileas an sgoilar-eachdraidh air ais agus ged 's a tha cuid sgrìobhaidhean a dhol air ais ri (3000 RC) chan ann ach mirean de notaichean, ainmean air clachan cuimhne agus an leithid. Mar sin tha torr àrc-eòlais stèidhichte air an rannsachadh (le cladhadh gu faiceallach agus a' tomhais gach feart de) seann làraichean far an robh daoine a' còmhnaidh, neo a' coinneachadh neo a' tìodhlacadh na mairbh o chionn fhada. Mar sin thèid ath-chruthachadh air eachdraidh sòisealta ar sinnsearan tràth. 'S e àrc-eòlaiche a chanar ris an neach a tha an sàs ann an àrc-eòlas.




#Article 427: An t-Ath-Leasachadh (662 words)


 

B’ e an t-Ath-Leasachadh (Laideann: Reformatio) an t-àm nuair a chaidh beachdan agus teagasg nan eaglaisean Pròstanach a stèidheachadh agus iad a' briseadh air falbh bhon an eaglais Chaitligich. Thòisich an gluasad Pròstanach le daoine ag iarraidh atharraichean fhaicinn anns an Eaglais Chaitligich ann an taobh an Iar na Roinn Eòrpa. Thòisich an t-Ath-Leasachadh ann an Sagsainn-Anhalt le Màrtainn Lùtair agus 95 argamaidean a chuir e air adhart ris an eaglais ann an cruth bileag-iarrtais a chaidh a stopadh air doras Eaglais a' Chaisteil ann am Wittenberg aig deireadh an Dàmhair sa bhliadhna 1517.

Aig toiseach den 16mh linn bha Ìompaireachd Naomh Ròmanach nan Gearmailteach briste ann an mòran sgìrean beaga. Bha “Reichfürst” anns gach sgìre, duine uaisle a bha na uachdaran. Bha an t-Ìompaire Teàrlach V a’ crochadh air a’ chumhachd a bha aca. Ach bha Teàrlach V trang anns an Spàinnt, anns an Olaind agus anns an Eadailt cuideachd, agus bha cogadh ann an aghaidh nam Frangach agus nan Tuirceach. 

Aig an aon àm thàinig tòrr atharrachaidhean:

Bha an t-eagal air na daoine àbhaisteach ro na ministearan agus na peanasan aca. Ach aig an aon àm chaidh a’ mhoraltachd anns an eaglais sìos. M. e. B’ urrainn do na h-easbaigean an dreuchd aca a cheannachd, neo fhuair iad i tro dhìleab. Mar sin bha feum aca ri airgead fhaighinn airson an dòigh beatha comhfhurtail a chumail an àite cuideachadh a thoirt do na daoine bochda. Mar sin bha sunnd aig na daoine an aghaidh na h-eaglaise. 

Bha feum aig a’ Phàpa air airgead fhaighinn cuideachd airson àrd-eaglais na Ròimhe ùr a thogail. Mar sin dh’fhàs a’ mhalairt le litrichean-loghadh uabhasach cudthromach: B’ urrainnear litir-loghadh a cheannachd airson mathanas fhaighean airson nam mearachdan a rinneadh. Bha ministearan a’ siubhal air feadh na dùthcha gan reic. Dh’fhàs iad ainmeil tron t-sanas: Ma bhios an t-airgead a’ gliogadaich anns a’ bhocsa, bidh an t-anam a’ leum às a’ phurgadair.

B’ e sin an t-àm far an do sgrìobh Màrtainn Lùtair na 95 argamaidean mar dheasbad diadhaireachd. Seo na bun-bheachdan a bha aige:

Chaidh am foillseachadh tron chlò-bhualadh ùr gu math luath eadar a h-uile duine. O chionn ’s gun robh na daoine deiseil agus deònach airson ath-nuadhachadh, chleachd iad na h-argamaidean Lùtair airson an eaglais fhàgail. Theich mòran mhanachan agus cailleachan dubha às na manachainnean cuideachd. Cha robh na Reichfürsten deònach airgead a phàigheadh don Phàpa tuilleadh. Mar sin chaidh iad uile ri chèile airson eaglais nuadh a stèidheachadh ris an cante Eaglais Phròstanach. Thàinig an t-ainm bhon fhacal Ghearmailteach „Protest“ a tha a’ ciallachadh casaid, gearan. 

Ach bha an t-Ìompaire trang anns a’ chogadh an aghaidh nan Tuirceach. Nuair a chunnaic e, dè bha a’ tachairt anns a' Ghearmailt, bha e ro fhadalach. Bha cogadh ann eadar sgìrean Caitligeach agus sgìrean Pròstanach air feadh na Gearmailt. O chionn ’s gun robh e a’ crochadh na daoine uaisle, thàinig lagh ùr: „wessen Land, dessen Glaube “. B’ e sin a’ ciallachadh: Nan robh creideamh Pròstanach aig an duine uaisle, b’ fheudar a h-uile duine anns an sgìre aige a bhith nan Pròstanaich cuideachd. Ach b’ e sin an t-adhbhar airson „cogadh airson 30 bliadhna“ 100 bliadhna an-dèidh sin.

Gu mì-fhortanach chleachd Thomas Müntzer na beachdan Mhàrtainn Lùtair airson saorsachd a thoirt do na tuathanaich. Rinn iad ùpraid ann an tòrr àiteachan, gus an robh an Bauernkrieg ann (cogadh-tuathanaich 1524-25).

Chleachd daoine eile anns an Roinn Eòrpa na beachdan Lùtair airson eaglaisean ùra a stèidheachadh cuideachd, m.e. Huldrych Zwingli às an Eilbheis (Reformed Churches) neo Calvin às an Fhraing (Calvinism). Chaidh na Anglican Churches a stèidheachadh ann an Sasainn. Bha iad gu math làidir ann an Lublin (a' Phòlainn).

Mu dheireadh thall bha Council of Trent (1546-1563) anns an eaglais Chaitligich, le atharrachaidhean am broinn na h-eaglaise. Ach bha e ro fhadalach. Bhon uair sin bha eaglais Chaitligeach agus eaglais Phròstanach ann. B’ e sin an t-àm, nuair a chaill an eaglais an cumhachd air an luchd-creideamh. Thòisich na stàitean air an eaglais fhàgail.




#Article 428: Abhainn (118 words)


'S i abhainn,sruth uisge a bhitheas na ruith leis na h-aonaich, ann an amar, sìos don mhuir. 'S e fuaran a tha ann an màthair-uisge aibhne. Canar odhar ri sruth aig a bheil loch mar mathair-uisge. 

Canar srath aibhne ris an talamh far am bi uisge a' cruinneachadh. Tha e coltach ri craobh. 'S e druim uisge oir neo crioch srath aibhne. Mar is trice tha e air talamh àrd. Tha tòrr de struthain bheaga a' tiginn ri chèile nan leas-aibhnichean. Canar comar neo inbhir ris an àite far a bheil dà abhainn a' coinneachadh ann an aon ruith. An uair sin tha na aibhnichean beaga a' dol nam prìomh-abhainn a tha a' dol dhan mhuir neo loch.




#Article 429: Adhar (264 words)


'S e na chithear os cionn na talmhainn ma choimheadamaid suas a th' ann an adhar no athar nuair a bhios sinn a-muigh air tìr neo muir. 'S e Druim an t-saoghail a chanar ris an àite dhen adhar a tha dìreach os cionn neach, neo am fìor-mhullach/an inbhe as àirde, soirbheachaidh neo sonais. 'S e nadir a chanar ris an aon àite ach fon neach. Ann an Reul-eòlas, thathar dhen bheachd gur e an aon rud a th' ann an t-adhar agus a h-uile cruinne anns na speuran: 's e bun-bheachd a th' ann agus a' Ghrian, na Reul, na planaidean agus a' Ghealach an lùib. Roinnear ann an sgìrean air a bheil reul-bhad. Ann an sìde-eòlas agus gnàth-shìde, chan eil an t-adhar a' ciallachadh ach an roinn làn ghas nas dùmhaile ann an àile phlanaid.

'S ann à rèididheachd sgaoilteach, air neo eadar-obair solas na grèine leis an àile a thig dath an adhair. Ma bhios an aimsir na turadh, 's e dath liath a chithear san iarmailt, mar as àbhaist, ach nochdaidh speactram dhathan, bho orainds agus dearg aig glasadh an latha agus beul na h-oidhche. 'S ann gorm gu math dorcha 's a tha e fad na h-oidhche. Chithear a' Ghrian tron latha, mur eil sgòthan ann. Chithear a' Ghealach tron oidhche (agus tron latha cuideachd, gu ìre), na rionnagan agus, bhon àm gu àm, corra planaid san adhar. Eadar na tachartasan a chithear an adhar tha na sgòthan, am Bogha-frois, agus dol sìos/suas na grèine. Chithear dealanach nuair a bhios gailleannan ann. 

Genesis 1: “Agus rinn Dia an t-adhar…”




#Article 430: Caora (235 words)


'S e creutair ceithir-chasach a tha anns a' chaora (Ovis aries). Tha casan crodhanach air caoraich, mar a tha air crodh, fèidh, goibhrean agus muic. 

Eadar dròbhan nan tuathanaich mòra, treudan nan club stoc aig na bailtean croitearachd agus na treudan beaga aig croitearan fa-leth, tha iad cumanta air feadh Alba.

Tha daoine air a bhith ri àrach chaorach bho linn a' Bhìobaill. Cumar iad airson caochladh adhbharan: airson clòimh, airson feòil agus (uaireannan) airson bainne. Chanar cìobair ri fear no tè a bhios a' coimhead às dèidh chaorach air ceann a chosnaidh.

Tha iomadh briod chaorach ann. San latha an diugh is iad Caoraich Dubh-cheannach agus Caoraich Mhaola as cumanta air Gàidhealtachd na h-Alba. Tha na dubh-cheannaich nas righinn na na Caoraich Mhaola, agus fanaidh iad beò air monaidhean Alba fad a' gheamhraidh, air an fheurach a-mhàin bidh cuid ag ràdh (ged a chanadh feadhainn eile gur h-e dearg amaideas a tha seo). Tha na caoraich mhaola nas motha agus nas truime, agus gheibh iad prìsean as fheàrr aig fèilltean-reic nan uan a tha gan cumail gach foghar, ach feumaidh iad biathadh geamhraidh; mar sin tha iad nas daora a ruith. Ach tha iad fhathast fìor thapaidh.

'S iad caoraich mhaola a tha rim faicinn san dealbh air an duilleig seo. 'S iad seo Na Caoraich Mhòra bhon tàinig an abairt Bliadhna nan Caora Mhòr, agus a dh'adhbharaich (ann am pàirt) fuadach nan Gàidheal.




#Article 431: Samhain (1625 words)


A rèir coltais, do na Ceiltich a bha a’ fuireach san Roinn-Eòrpa, is gu h-àraid do na Gàidheil, bhiodh a’ bhliadhna roinnte eadar na ceithir ràithean, a thòisicheadh le fèilltean sònraichte, is bha na fèilltean seo dha-rìribh cudromach dhaibh. Bhiodh iad a’ comharrachadh toiseach an Earraich le fèill ris a’ chanadh iad Imbolc, air 1 an Gearran (Là Fhèill Brìghde an dèidh làimh), fèill aig toiseach an t-Samhraidh ainmichte mar Chéadamhan no a-nis Bealltainn, air 1 an Cèitean, Lugnasad air 1 an Lùnastail mar thoiseach an Fhoghair, is Samhain, no deireadh an t-samhraidh (Samrad Fuin san t-Seann Ghàidhlig), aig toiseach a’ mhìos air a bheil an aon ainm. Ge-tà, tha na cinn-là air a bhith a’ gluasad thairis air na linntean.

Mar a bhiodh na làithean a’ tòiseachadh le beul na h-oidhche a rèir nan Seann Gàidheal, bhiodh a’ bhliadhna a’ tòiseachadh  leis a’ gheamhradh, is ’s e àm sònraichte a bha seo.

Chan ann dìreach gur b’ e sin deireadh na buana, is àm na casgairte gus biadh fhaighinn airson a’ gheamhraidh, ach bhathar a’ creidsinn gum biodh dorsan gu saoghal eile air am fosgladh.

A thaobh nan seann fhionn-sgeul pàganach a bh’ aig na Gàidheil, ’s mar a chaidh a sgrìobhadh air Lebor Gabála Érenn san 11mh linn, bha treubhan a’ fanachd mar-thà ann an Èireann nuair a thàinig na Mìle Spàinne no Gàidheil, ’s iad na Tuatha Dé Danann is na Fomoirich, daoine-sìthe leis an robh aca ri sabaid mus d’fhuair iad an eilean. Nuair a bhuannaich na Gàidheil Èirinn, chaidh na sìthichean dhan t-Saoghal Shìos.

Ged-tà, bhiodh am brat eadar an dà Shaoghal a’ fàs tana aig deireadh an t-samhraidh is anns a’ chiad là den t-Samhain bhiodh na sìthichean a’ ruith air feadh an àite, agus na cumhachdan draoidheil air fàs. 

Co-dhiù, ’s cinnteach gur b’ e seo àm na casgairte aig aon àm, mar a tha Là Fèill Mhàrtainn fhathast san latha an-diugh air an 11mh den t-Samhain, is bhiodhte a’ dèanamh gealbhan air an dearbh Oidhche Shamhna suas dhan 20mh Linn ann an Albainn, mar a nithear fhathast an-diugh ann an Èirinn.

Bhiodh an gealbhan, no samhnag dha-rìribh cudromach air Oidhche Shamhna, chan ann dìreach airson na sìthichean is spioradan olca a chumail air falbh, ach airson faighinn a-mach dè a thachradh anns an àm a bha romhpa. Air sgàth ’s gun robh cumhachdan draoidheil aig an àm a bu làidire, bhiodh daoine a’ faighinn a’ chothruim gus tachartasan fhaicinn air na lasraichean, agus bha geamaichean eile leis an aon adhbhar air feadh tìr nan Gàidheal suas dhan 20mh linn. Mar eisimpleir, ann an Albainn, bhiodhte a’ cur dà chnò air an teine, is bhiodh gach cnò a’ riochdachadh balach no caileag. Nam fuiricheadh an dà chnò còmhla, bhiodh an dithis fhathast còmhla taobh a-staigh na bliadhna, ach bhiodh iad a’ dealachadh nan spreadhadh fear dhiubh a-mach às an teine. Agus bhiodh na caileagan òga a’ cur geansaidhean fliucha faisg air an teine gus an tiormachadh, is bhiodh na balaich aig an robh ùidh orra a’ tionndadh nam muilicheannan. 

Bha iomadh geama ann, gu seachd àraid am measg an òigridh, mar eisimpleir, far an cuireadh gealagan-uighe air glainne uisge, gus faicinn ma bha “craobhan” air fàs (deagh chomharra), no far an cuireadh dà mhaide fiodha còmhla, a-rithist a’ riochdachadh dithis, is chitheadh nan robh iad a’ tuiteam còmhla; no “Na Trì Lugaidhean”, far an cuirte trì bobhlaichean fiodha, fear le uisge glan, fear le uisge salach is fear falamh. Bhiodh balach a’ cur làmh ann am bobhla le a shùilean dùinte, is bhiodh e a’ ciallachadh gun ro e gu bhith a’ pòsadh maighdeann nan lorgadh e am bobhla le uisge glan, banntrach nan robh an t-uisge salach, is gum bhiodh e gun phòsadh leis a’ bhobhla fhalamh.

Ach ma tha geama ainmeil air Oidhche Shamhna, fhathast an-diugh, ’s e a bhith a’ feuchainn ri ubhal a ghlacadh bho amar uisge, no crochte le sreang, dìreach leis a’ bheul. A rèir a’ chreideimh, bhiodh a’ chiad neach air ubhal a ghlacadh a’ pòsadh sa bhliadhna, agus chanadh cuid gum biodh am balach no caileag leis an robh iad gu bhith a’ pòsadh a’ nochdadh ann an aisling, nan cuirte an t-ubhal a ghlac iad fon chluasag.

Bha geamaichean eile ann leis am biodh an òigridh a’ cluinntinn no a’ faicinn cò leis am biodh iad a’ pòsadh. Mar eisimpleir, bhiodh caileagan òga a’ feuchainn ri balach fhaicinn air an cùlaibh, fhad ’s a bha iad ann an seòmar dubh dorch, ’s iad mu choinneamh sgàthan le coinnlean nan làmhan. Cuideachd, bhiodh balaich a’ dol gu allt eadar dà bhaile no sgìre gus uisge fhaighinn, seo uisge a bha spèisealta, is chuireadh iad beagan den uisge sin nam beòil nuair a bhiodh iad faisg air doras taighe, is bhiodh iad a’ pòsadh na caileige air a bhiodh a’ chiad ainm a chluinneadh iad. Bhiodh na caileagan a’ dèanamh an aon rud, ach le geal-uighe nam beòil an àite uisge. 

Bha a’ mhòr chuid de na geamaichean co-cheangailte ri fàidheadaireachd, agus gu h-àraid ri fàisneachdan gaol am measg nan daoine òga. Sgrìobh na Ròmanaich mu dheidhinn fhèisean mòra a bhiodh air an cumail timcheall air an teine air an oidhche seo, le biadh is deoch ann am pailteas, mar bu ghnàth dhaibh fhèin ann am Bacchanalia; is bha sin ciallach nuair a bhiodh, mar toradh, ginealach ùr air a bhreith as t-samhradh, an t-àm a bu fhreagarraiche. Mar sin, tha e coltach gun robh an t-àm seo sònraichte don òigridh, is gum biodh an fheadhainn a b’ òige a’ lorg bràmar aig an àm sin, is ’s e cleachd a tha fhathast beò an-diugh ann an dòigh air choireigin. ’S math dh’fhaodte, ma-thà, gun tàinig na “geamaichean gaoil” bho na seann chleachdaidhean feòlmhor a chumadh na pàganaich.

A bharrachd air na geamaichean, bhiodh miasan sònraichte air an ullachadh airson na h-oidhche, mar a bha an fhuarag anns na h-Eileanan (seòrsa brochain min-choirce le uachdair, uisge no bainne) a bhiodh a h-uile duine a’ gabhail bhon aon bhobhla - no buntàta-pronn anns a chuirte fàinne, putan, pònair is pìos clò, a bhiodh a’ ciallachadh bannais, aonarachd, bochdainn 7rl. do na daoine a bhiodh gan lorg, an dearbh rud ris a’ bhairín bhreac ann an Èirinn.

Mar sin, bhiodh am biadh a’ gabhail pàirt chudromach anns an fhèill a tha seo, gu h-àraidh nuair a bhiodh daoine a’ cruinneachadh ri chèile is a’ cèilidh air nàbaidhean tron oidhche, is iad ri dannsa is ri ceòl. 

Air ais dha na sìthichean, a bha mar bu tric buailteach air milleadh, cron is mì-fhortan, bhiodh daoine a’ fàgail biadh taobh a-muigh nan taighean airson an sàthachadh, is bhiodh na daoine a bha a’ creidsinn gun robh seann spioradan an teaghlaich a’ tilleadh dhachaigh air an oidhche sin a’ cur aran-coirce is uisge-beatha faisg air an teine, is luaithreach min sgapte air an làr gus na làrachdan fhaicinn sa mhadainn.

Bhiodh ìobairtean fhathast air an dèanamh sna h-Eileanan suas dhan 19mh Linn, mar eisimpleir, chuireadh lionn no lite air a’ mhuir do “Shony”, Dia na Mara, gus feamainn gu leòr fhaighinn bhuaithe. No, bhiodh iad a’ dèanamh ìomhaigh coin leis a’ bhuain mu dheireadh, is bhiodh iad ga losgadh air an t-samhnaig.  Bha sin a’ toirt taing do spioradan na talmhainn airson bliadhna torrach, is airson dìon fhaighinn bhuapa an aghaidh phlàighean. 

Mar a bha Fèill Bealltainn a’ comharrachadh toiseach na h-obrach air an talamh, bha Samhain a’ comharrachadh deireadh na buana. ’S e àm nan atharrachaidhean a bh’ ann, mar a tha an t-seann abairt ag ràdh “Air Oidhche Shamhna theirear gamhna ris na laoigh”, agus bhiodh an crodh air a roinneadh eadar an fheadhainn airson marbhadh gus feòil fhaighinn airson a’ gheamhraidh, is an fheadhainn a bhiodh iad a’ cumail gus ginealach eile fhaighinn. A thuilleadh air sin, is co-cheangailte ris a’ chreideamh, cha bhiodh daoine ag ithe smeuran às dèidh na h-oidhche sin, oir bhiodh na sìthichean air smugadh orra, mar a chanadh ann an Èirinn, no gun robh na diabhlan air am mùnadh, mar a bhathar a’ creidsinn ann an Sasainn. 

Bha creideamh ann aig daoine nach robh na sìthichean idir càirdeach, is bhiodhte gan seachnadh. Air an adhbhar sin, bhiodh snèipean air am falamhachadh, is air an cleachdadh mar lòchrain, is aodainn eagalach orra, gus na creutairean os-nàdarrach a chumail fada air falbh, ach air sgàth ’s gur e puimceanan a bu chumanta ann an Ameireaga nuair a dh’imrich Gàidheil à Èirinn is à Alba ann, b’ e sin a thòisich iad air cleachdadh, is a chleachdas daoine air feadh an t-saoghail san latha an-diugh, mar fhasan no buaidh às na Stàitean.

Air an aon adhbhar, a bhith a’ cumail nan sìthichean is taibhseachan fada bhon bhaile, bhiodh daoine a’ cur seann aodach, pìosan bèin is aghaidhean-coimhich orra, a’ feuchainn ri a bhith eagalach, gus nach biodh na sìthichean a’ dol faisg orra, sin gighis no “guesing” sa Bheurla, is bhiodh a’ chlann a’ dol mun cuairt bho thaigh gu taigh gus airgead no biadh fhaighinn bho na nàbaidhean an dèidh a bhith a’ seinn rann no dhà dhaibh. Seo cleachdadh a tha a’ tighinn a-nis às na Stàitean ann an dòigh eadar-dhealaichte, a chionn ’s gur e “Trick-or-treat” a bhithear a’ dèanamh mu choinneimh nan doras.
Cuideachd, bhiodh na balaich òga air a’ Ghàidhealtachd a’ dèanamh magadh is bhandalachd aotrom air feadh an àit’, a leithid dùnadh nan similear aig taighean nan nàbaidhean, no a bhith a’ leagail crodh is eich saor a-mach às na stàballan. Gu ìre, bha seo ceadaichte air an oidhche sin.

Chaidh an fhèill seo air a Chrìosdachadh air Tìr-mòr na Roinn Eòrpa sna meadhan-aoisean, far an canar “Toussaint” no “Todos los Santos” oirre, is far am bi cleachdaidhean eadar-dhealaichte air an cumail san latha an-diugh.




#Article 432: Alasdair Mòr (128 words)


B' e Alasdair Mòr (Beurla: Alexander the Great; Greugais: Αλέξανδρος ο Μέγας, Aléxandros ho Mégas; 356 RC–323 RC)) fear de na comandairean as buadhaiche ann an eachdraidh an t-saoghail. Ann an litreachas Zoroastrianach tha an Alasdair mallaichte air, oir tug e buaidh air an Impireachd Phearsach, agus chuir e am prìomh-bhaile Persepolis gu sgrios. 

As dèidh aonaidh eadar bailtean Seann-Ghrèige, fo smachd athair, Phillip II a' Mhakedonía, bhuannaich Alasdair an aghaidh an Impireachd Phearsach, Aisia Bheag, Siria, Phoenicia, Gaza, An Èipheit, far an do stèidhich e Alexandria, Bactria agus Mesopotamia, agus leudaich e an impireachd aige cho fada ri Punjab. Dh'inntrigeadh Alasdair coigrich san arm agus riaghladh aige. 

As dèidh dà bhliadhna dheug de shabaid, chaochail Alasdair, bhon chùis neo-aithnichte, is dòcha mailèiria, am fiabhras-breac neo encephalitis bìorasach.




#Article 433: Àireamhachd (546 words)


 

Ma bheirear àireamh air falbh bho àireamh nas lugha, ’s e àireamh àicheil a tha anns a’ bhuil:

Ann an cunntasachd, thathar a’ dèanamh mìneachadh air àireimh àicheil mar suim air a ghabhail air iasad gu bhith ag ath-dhìoladh.

Tha e soilleir nach eil toirt air falbh a’ cumail ris an Lagh Co-iomlaideach no an Lagh Co-thiomsach. Tha a’ bhuil aice an urra ris òrdugh nan àireamhan:

agus òrdugh an dealachaidh:

Mar sin tha e nas goireasaich a bheachdachadh oirre mar gum biodh i na suimeadh le àireamhan àicheil. Anns an dòigh seo:

Tha cur-ris a’ cumail ris na Laghan Co-thiomsach agus Co-iomlaideach co-dhiù a tha na h-àireamhan dearbh no àicheil.

Agus ’s e geàrr-sgrìobhadh a th’ ann:

Canar toradh ri buil iomadachaidh, agus ma tha 9 air a h-iomadachadh le 4, ’s e iomadair a th’ ann a 4. Chionns gu bheil iomadachadh a’ cumail ris an Lagh Co-iomlaideach agus tha:

chan eil e gu diofar co dhiubh a tha na h-iomadair. Uaireannan thathar ag ràdh factaran ris an dà àireimh a tha air an iomadachadh.
Tha iomadachadh a’ cumail ris an Lagh Co-thiomsach cuideachd:

Agus ’s e co-thionndadh àireimh am bloigh far a bheil an àireamh fhèin na seòrsaiche agus a h-aon na h-àireamhaiche. Mar eisimpleir ’s e co-thionndadh 5 a tha ann an 1/5. Dhèante a h-aon nan iomadaichte àireamh leis a’ cho-thionndadh:

Tha feart cudromach eile aig iomadachadh. Far a bheil iomadair agus suim, faodaidh an t-iomadair a bhith air a sgaoileadh a-measg àireamhan na suime:

Canar Lagh an Sgaoilidh ri seo.

... agus dhèante an duais-roinn nam biodh an roinn-àireamh air a h-iomadachadh leis an roinniche.
Faodaidh àireamh sam bith a bhith na roinniche ach neoni a-mhàin. Tha roinneadh le neoni gun bhrìgh.
Cha chum roinneadh ris na Laghan Co-thiomsach no Co-iomlaideach agus tha e nas goireasaich a bheachdachadh oirre mar iomadachadh le co-thionndaidhean. Mar eisimpleir:

Anns an riochd seo tha feartan iomadachaidh air an glèidheadh.

 
Ma tha àireamh air a h-iomadachadh leatha fhèin, faodar a geàrr-sgrìobhadh mar a leanas:

Tha am for-sgriobta a’ sealltainn na h-uiread de naoidhean a tha air an iomadachadh le chèile mar os cionn. Canar a’ chumhachd ris an fhor-sgriobta seo. Mas a h-aon a’ chumhachd, ’s e an àireamh fhèin a th’ innte:

Tha briathran sònraichte againn ma tha a’ chumhachd co-ionnan ris a dhà no a trì. Canaidh sinn gu bheil an àireamh ceàrnaichte no ciùbaichte fa leth. A-mach air seo canar gu bheil an àireamh (togte) chun na ceathramh/ còigeamh/ ... cumhachd. Canar bonn ris an àireimh a tha togte chun cumhachd.

Tha riaghailt chudromach iomadachaidh a dh’àireamhan leis an aon bhonn:

Tha e soilleir cuideachd:

tha mìneachadh air a dhèanamh air cumhachd àicheil mar a leanas:

Chionns gu bheil:  agus:  agus gum faighear an aon bhuil le bonn sam bith, thathar a’ toirt brìgh don chumhachd neoni. ’S e a h-aon a th’ ann an àireimh sam bith chun na cumhachd neoni.

Tha 23 = 8, agus tha 82 = 8 × 8. Mar sin tha:

agus tha dara riaghailt aig àireamhan leis an aon bhonn. ’S e sin...

Ma tha 22 = 4 canaidh sinn gu bheil 2 na freumh ceàrnagach de 4 agus tha seo air a sgrìobhadh 2 = √4. Anns an aon dòigh, ma tha:

Chionns gu bheil:



#Article 434: Àirigh (127 words)


B’e àirigh bothan air air a’ mhòintich sam biodh daoine a’ fuireach airson greise as t-samhradh. San dòigh seo, gabhaidh achaidhean àrd fois san geamhradh, nuair a tha iad fuar, agus gabhaidh na machraichean fois san t-samhradh.

Ann am bàrdachd Gàidhlig, tha àirighean tric a' samhlachadh saorsa, àbhachdas agus gaol leis mar a bhiodh tuilleadh saorsa aig an òigridh na bhiodh aca aig an taigh. Tha òrain leithid 'Maighdeannan na h-Àirigh' agus 'Am Bothan Àirigh air Bràigh Raithneach' a' cleachdadh na h-ìomhaigh.

air àirigh am Bràigh Raithneach
Ann am bothan an t-sùgraidh

(Am Bothan Àirigh air Bràigh Raithneach)

Seo pìos a sgrìobh an t-Urramach Iain MacRuairidh (a bhàsaich ann an 1907 san Eilean Sgitheanach) a thaobh mar a bha na h-àiridhean ann am meadhan an 19mh Linn:




#Article 435: Altram (150 words)


Tha altram neo nurs (banaltram: boireannach a tha na altram) a’ coimhead as dèidh cuideigin a tha tinn, neo ag eiridneachadh; neo a’ togail clann bho chuideigin eile mar gur ann leat fhèin a tha iad. Bidh banaltraman a' leasachadh phlanaichean cùraim, ag obair còmhla ri lighichean, euslaintich, teaghlach an euslaintich agus buill eile den sgioba, a tha ag amas air làimhseachadh tinneas gus càileachd beatha adhartachadh. Anns na Stàitean Aonaichte agus an Rìoghachd Aonaichte, bidh nursaichean cleachdaidh adhartach, leithid eòlaichean banaltram clionaigeach agus cleachdaichean banaltram, a' lorg duilgheadasan slàinte agus ag òrdachadh cungaidhean agus leigheasan eile, a rèir riaghailtean stàite fa leth. Faodaidh banaltraman cuideachadh a bhith a' co-òrdanachadh cùram euslaintich air a choileanadh le buill eile de sgioba cùram slàinte ioma-chuspaireil leithid leasaichean, dotairean meidigeach agus luchd-daithead. Bidh banaltraman a' toirt seachad cùram an dà chuid gu h-eadar-eisimeileach, mar eisimpleir, le lighichean, agus gu neo-eisimeileach mar phroifeiseantaich altraim.




#Article 436: Gual (572 words)


Is e gual mèinnear cruaidh dubh air a chleachdadh mar chonnadh. Tha gualan pàirt mhòr dhe, ach bithidh tearr, ola agus fiu 's aillnean haidhdreo-ghualachd glaiste ann. 

Lorgar gual an breithean fo bharr na talmhainn. Ann an Alba (agus gu dearbh anns a' choir de Breatainn), is glè bheag de na breathan-ghuail a tha nas motha na 900mm 'san tiughad

Tha iomadh seòrsa gual sònraichte le ainm fa leth, mar eisimpleir, anthracite, gual còcaidh, gual-stoithe 7c. Tha na ainmean seo stèidhichte gu ìre mhòr air na gnìomhan a bha gach seòrsa gual bu fhreagarrach ris, ach tha na feartan de gach gual a' crochadh air a choimheasg cheimidh. 

Is ann an anthracite gual cruaidh a tha mu 95% gualachd, 2-3% haidhdreo-ghualan agus mu 2% uisge. Losgaidh e gu theth le làs ìosail agus as aonais smùid. An lùib na feartan seo b'e anthracite connadh a' roghainn leis a' Chabhlach Rìoghail re an 19mh agus tràth 'san 20mh Linn (mus tàinig ola a bhi na chonnadh àbhaisteach do goillearan luinge).
Bha pailteas de anthracite ann an ceann-a-deas a' Chuimrigh agus aobharaiche am fèille air an son buaidh mhòr don eaconamaidh Cuimreach re an 19mh Linn.

Is ann an gual-còcaidh gual meadhanach làidir le mu 35% de haidhdro-ghualachd na broinne. Dèanar còc as le cuir urchair dheth a-steach air amhainn sònraichte far an tèid a teasachadh as aonais adhair. An lùib an teas, leaghaidh na tearran anns a' bhroinne, thèid iad a sileadh as agus tharrainnear iad dheth bho bun na h-amhainne. Fuasglaidh na haidhdro-ghualanachd as aotrom nan àile neo gas agus tarrainear iadsan dheth a bhith losgta mar truaill neo a bhi cleachdta nan connaidh. Is e còc an stugh a tha air fhàgail as dèidh seo, aotrom le bàrr fhosgailte cha mhòr nach e gualan a-mhàin a tha ann.
Losgaidh e gun smùid idir, le làs ìosail agus cleachdar e an furnaisean-iarrainn: an dà chuid furnaisean-ioslachaidh agus furnaisean-ath-leaghaidh.

B' e gual-stoithe na h-ainm air caochladh gualaibh, sònraichte leis an fhèille a lorg iad sios ri na 1960an (agus eadhon na 1970an)le rathaidean-iarainn agus muilnean a bha na ruith air cumhachd-stoithe, togta anns na goillearan de na h-innlean aca fhèin. Bha an cumhachd seo a' crochadh air a' choisir-dhubh, na daoine a bheathaich teintean nan goillear le sliosaidean.

B' fheudar don ghuail a bhi làidir gu leòr nach rachadh a phronnadh ann am bocsa teine (suas ri 1.2m san leathad agus 3m san fhad air inneal rathad-iarainn) ach b' fheudar dha a bhi so-bhriste ri cnap mu mheud doirn- mus am biodh farsainnead mòr gu leòr air gach pìos gual gun losgadh e luath gu leòr - oir is e luaths an losgaidh a riaghladh cumhachd an inneil.

Thòisich gual mar seòrsa mòine.

Bha eòlas air gual ann an Roinn Eòrpa cho tràth ris an 14mh Linn, ach cha deach a cleachdadh an còcaireachd neo teasachadh taighean mun do dh'fhàs simileirean chumanta. Tha, an co-mheas leis a' smùid a dh'èireas bho fiodh neo mòine agus e na losgadh, smùid ghuail gu math searbh air na sùilean agus tha fàileadh làidir leis.

Is dòcha gun do thòisich meinneireachd gual ann an Alba rè an 17mh Linn. Gun teagamh chaidh a' chiad leasachadh mòr air raon gual an Lodainn tràth anns an 18mh cheud. Is coltach gun chuireadh teicneòlais mèinnearachd bho Northumbria an gnìomh aig an àm. Gun teagamh lean a' chiad rathad nan gad samhail cho-aimsireil de rathadan nan gad ri bruathaich an Tyne.




#Article 437: Almain (171 words)


'S e eileamaid cheimigeach a tha ann an aluiminium, no almain (boir.), no alùmanum,, le samhla Al agus àireamh atamach 13.

'S e meatailt gu math aotrom a tha ann.

Ann an 1807 lorg Humphry Davy gun robh sodium agus potasium ann an alm agus meatailt eile, a dh'ainmich e aluminium.
Ann an 1825 rinn Hans Christian Ørsted aluiminium neo-ghlan. Ann an 1827 rinn Friedrich Wöhler rannsachadh cosail agus rinn e aluiminium fìor-ghlan.

Bha factaraidh aluiminiuim ann am Foithir. Thog am British Aluminium Company taigh dealain-uisge airson aluiminium fhìnicheadh ann an 1896. Aig toiseach thàinig am bauxite, clach-aluiminiuim, à Latharna na h-Èireann air a' Chanàil Chailleanach ach nas fhaide thàinig an clach à Gàna tro an t-Eilean Loisgte. Dhùn am factaraidh ann an 1970. Thog an companaidh a dhàrna factaraidh ann an Ceann Loch Lìobhann eadar 1905 is 1909 is an stèisean cumhachd na stèisean as motha anns an t-saoghal aig an àm sin. Chaidh na ceàrdaichean a dhùnadh ann an 2000.

Cleachdar aluiminium gu tric airson crogain dighe agus foidhle.




#Article 438: An Rìbhinn (planaid) (115 words)


B' e Bhèineas neo Rìbhinn an darna planaid. Is i an rud as dearrsach san speur againne as deidh, an Grian agus an Gealach, agus tha far-ainm aice - a' Mhadainneag. 'S e Bhèineas am planaid as fhaisge dhuinn. Chan eil saideal aice.

Ràinig na Sovietich Bhèineas sa chiad aite, leis na proban Venera. chunnaic iad àile geur is garbh, agus talamh teth. Cha do mhair na proban ach mionaidean. Gu mi-fhortanach, cha bidh daoine a' fuireach ann a dh'aithghearr, agus gun teagamh, chan eil beatha sam bith air an talamh aige.

Bha ceangail làidir eadar Bheineas agus Quetzacoatl, agus chleachd na Comunnaich i, mar seorsa seun, m.e. b' e The Morning Star, pàipear-naidheachd Comunnach.




#Article 439: Ùranas (planaid) (311 words)


Is Ùranas no Urànus (o Οὐρανός Sheann-Ghreugais tro Uranus Laideann) an t-seachdamh planaid on ghrian. Tha an treas rèideas planaideach as motha agus an ceathramh tomad planaideach as motha aige san rian-grèine againn. Tha stuthan Ùranais coltach ri stuthan Neaptuin, ach tha na stuthan ceimigeach aca diofraichte on fheadhainn aig na famhairean gasa nas motha, siud am Bliogh agus Satarn. 'S ann air an adhbhar seo gun cuir na h-eòlaichean fuamhairean deighe air Ùranas agus Neaptun gus an diofar eatorra is na fuamhairean gas a nochdadh. Tha àile Ùranais coltach ri feadhainn a' Bhliogh agus Satairn on a tha a' mhòrchuid dhe 'na hàidhdreaidean is hilium ach tha barrachd deighean aige mar uisge, amòinia agus methan cho math ri lorgan hàidhdrea-charbonan eile. 'S e an t-àile planaideach as fhuaire sa rian-ghrèine a th' ann agus is 49 K (−224.2 °C) an teothachd as lugh agus tha breathan neòil iom-fhillte aige. Thathar dhen bheachd gu bheil an t-uisge pailt sna neòil as ìsle agus methan sna neòil as àirde. Tha a' mhòrchuid dhe mheadhan Ùranais 'na dheighean is clach.

Chan fhaicear Ùranas leis an t-siùil lom ach gu fann. Chaidh a lorg le William Herschel. 'S e planaid uaine/glas a tha ann.

Chaidh na gealaichean ainmicheadh air caractaran anns na h-obraichean William Shakespeare agus Alexander Pope.

Lorg William Herschel Oberon is Titania ann an 1787. Lorg William Lassell Ariel agus Umbriel, agus Lorg Gerard Kuiper a' choigeamh ghealach, Miranda, ann an 1948. Nuair a bha Voyager 2 air chuairt air Ùranas lorg e deich gealaichean eile: Juliet, Puck, Cordelia, Ophelia, Bianca, Desdemona, Portia, Rosalind, Cressida is Belinda. Chaidh gealaichean a bharrachd a lorg le teileasgopan air Thalamh no ann an dealbhan bho Voyager 2: Caliban is Sycorax ann an 1997, Stephano, Prospero agus Setebos ann an 1999, Ferdinand, Francisco agus Trinculo ann an 2001 agus Mab, Cupid is Margaret ann an 2003.




#Article 440: Làithean na seachdain (215 words)


Tha seachd làithean na seachdain ann:

Sa Ghàidhlig, tha am facal aoine mar pairt de na h-ainmean air trì làithean - Diciadain (Di a' chiad Aoine), Diardaoin (Di eadar Aoine) is Dihaoine (Di na h-Aoine). Is ann à cleachdadh na h-eaglaise a tha sin a tighinn. Bha an eaglais an linn Cholm-Chille no, mar a chanar ris, an Eaglais Cheilteach a' cumail aoine air dà latha dhen t-seachdain. Tha am facal aoine a' ciallachadh trasg - latha gum bitheadh daoine (na manaich co-dhiù) a' seachnadh biadh mar comharra aithreachais. Mar a bhitheadh dùil, bha am prìomh aoine a' comharrachadh latha na ceusaidh agus bha a' chiad aoine dà latha roimhe. Tha buaidh na creideamh Chrìosdaidh air canan nan Gaidheal bu soilleir air a' chiad latha na seachdain Didòmhnaich/Là na Sàbaid.

Tha ainmean pàganach air trì làithean eile - Diluain, Dimàirt agus Disathairne, a thàinig à ainmean Laideann. Anns a' Bheurla, tha na h-ainmean gu math pàganach, thig iad uile a freumhan pàganach - Sunday (Latha na Grèine), Monday (Latha na Gealaich, mar Diluain, Lundi sa Fhraingis), Tuesday (latha Tiw, dia pàganach Gearmanach), Wednesday (latha Woden, dia pàganach Gearmanach eile), Thursday (Latha Toir (Thor - tarann), dia pàganach Lochlannach), Friday (Latha Freyja, ban-dia phàganach Lochlannach), agus Saturday (Latha Saturn, dia pàganach Ròmanach, ann an Disathairne cuideachd)




#Article 441: Cathair Luail (105 words)


Tha Cathair Luail (Beurla: Carlisle, Cuimris: Caerliwelydd) na bhaile mòr ann an Sasainn a tuath faisg air a' chrìoch. Bha Border Television stèidhichte an sin mus deach e a sgaoileadh ann an 2009. Tha caisteal mòr ann. 'S e 71,773 àireamh-shluaigh a' bhaile.

Thug Prionnsa Teàrlach Stiùbhart ionnsaidh air Cathair Luail eadar 21 an Dùbhlachd agus 30 an Dùbhlachd 1745, air an t-slighe air ais a dh' Alba gu ruige na Gàidhealtachd. Leig e mu 400 saighdear Seumasach, a' mhòr-chuid dhuibh à Manchester, anns a' chaisteal an seo mar ghearasdan. Chaidh iad a chur gu bàs le feachdan an Riaghaltais trì seachdainean an dèidh làimhe. 




#Article 442: Istanbul (141 words)


'S e baile mòr anns an Tuirc a tha ann an Istanbul. Chan e prìomh-bhaile Turcach a th' ann ('s e sin Ankara), ach am baile as motha na dùthcha. Tha Istanbul gu math annasach, oir tha e anns an Roinn-Eòrpa agus Àisia. Tha e stèidhichte air caolas Bhòsfaras.

Chuairtich Bayezid I Constantinople ann an 1394, ach cha do ghèill am baile dha. Bha Istanbul na phrìomh-bhaile Impireachd nan Otomanach bho 1453 gu ruige 1922 agus rugadh 18 sultan an seo. Thuit am baile gu Mehmed II ann an 1453, is chuir sin crìoch air an Impireachd Bheasantian. Chaidh Pàrtaidh Poblachdach nan Daoine a stèidheachadh an seo le Mustafa Kemal Atatürk ann an 1919.

Tha dà seann ainm aig Istanbul – Byzantium, agus Constantinople. B’ àbhaist dha a bhith na phrìomh-bhaile den Impire Ròmanach an Ear, Impire Byzantinach, agus Impire Otomanach.




#Article 443: Baile a' Chip (142 words)


Tha Baile a' Chipn (Afrikaans: Kaapstad /ˈkɑːpstɑt/; Xhosa: iKapa) na bhaile mòr ainmeil ann an Afraga a Deas, aig an Cape of Good Hope. Tha e na laighe air a' Chuan Siar, agus faisg air a' Chuan Innseanach. 'S e prìomh-bhaile reachdail Afraga a Deas a tha ann am Baile a' Chip. Ach tha dà phrìomh-bhaile eile ann: Bloemfontein (breithneachail) agus Pretoria (riochdachail). Chaidh Hendrik Verwoerd, prìomhair na dùthcha aig an àm,  a chur gu bàs an seo ann an 1966 le Communach à Mòsaimbic air an robh Dimitri Tsafendas. Tha 3,740,026 duine a’ fuireach anns a’ bhaile agus 's e Afraganais a th’ ann a’ chiad chànain aig a’ mhòr-chuid dhe na daoine ann am Baile a' Chip. Tha isiXhosa agus Beurla gu math làidir cuideachd. 'S e am baile as motha na dùthcha a tha ann am Baile a' Chip.




#Article 444: Gealach (245 words)


'S i a' Ghealach (Laideann: Luna) an aon saideal nàdarrach aig an t-Saoghal. 'S ise a' chòigeamh ghealach as motha anns a' Chrios-ghrèine. Tha an t-astar cuibheasach eadar meadhan an t-Saoghail agus meadhan na Gealaich 384,403 cileameatairean (238,857 mìltean), mu 30 uiread trast-thomhas an t-Saoghail. Tha trast-thomhas na Gealaich 3,474 cileameatairean (2,159 mìltean) - beagan a bharrachd air cairteal fhir an t-Saoghail. Tha sin a' dèanamh gu bheil tomhas-lìonaidh na Gealaich faisg air 1/50mh fhir an t-Saoghail. Tha iom-tharraing aig a h-uachdair mu 1/6mh iom-tharraing an t-Saoghail. Tha a' Ghealach a' cuartachadh An Saoghal gu lèir turas ann an 27.3 làithean, agus 's iad na h-atharrachaidhean cuartach ann an cruinneadaireachd siostam an t-Saoghail, na Gealaich 's na Grèine a tha an urra ri na ceumannan-Gealaich a bhios ag ath-thachairt sna h-uile 29.5 làithean.

'S iad iom-tharraing agus na forsaichean meadhan-aomachdail, air an gineadh le cuartachadh na Gealaich 's an t-Saoghail mun timcheall na h-aon aisil, am barycentre, a tha an ìre mhath an urra ri tìde-mhara an t-Saoghail. 'S i a' chumhachd, a tha ga caitheamh ann a bhith a' gineadh an tìde-mhara, a tha gu dìreach an urra ris an lùghdachadh ann an cumhachd chomasach aig reul-chuairt na Gealaich 's an t-Saoghail mun timcheall air a' bharycentre, a tha ag adhbharachadh meudachadh bliadhnail 3.8cm a dh'astar eatorra. Leanaidh A' Ghealach oirre a' gluasad gu socrach air falbh bhon t-Saoghail gus nach bi buil na tìde-mhara eatorra cudthromach tuilleadh. An uairsin, socraichidh reul-chuairt na Gealaich.




#Article 445: Copar (151 words)


'S e eileamaid cheimigeach a tha ann an copar le samhla Cu agus àireamh atamach 29.

'S e meatailt trastach a tha ann. Gheibh e cho-leaghadh le meatailtean eile.

Bha copar aithnichte ann an ro-eachdraidh. Thionnsgaileadh leaghadaireachd ann an Anatòilia mu 7500 RC agus dòighean co-mheatailtean a dhèanamh, mar umha, 4000 bliadhna nas fhaide nuair a thòisich an Linn an Umha.

Tha copar sònraichte leis a' bhacadh iosal a chuireas e air sruthan dhealain agus mar sin theid a' cleachdadh gu mòr a dhèanamh teudan dealanachd. Cleachdar copar gus mar eisimpleir uèir, buinn airgid, agus pìoban-uisge a dhèanamh.

Tha copar na bun mheatailt de na co-mheatailtean cudthromach prais agus umha.
Is e a tha ann an prais co-mheatailt de copar agus sinc, tha na riochdan de copar agus sinc ag aobharachadh feartan eadar-dhealaichte air praisean. Tha 60/40 prais cumanta.
Is e a tha ann an umha co-mheatailt de copar agus staoin.




#Article 446: Umha (102 words)


Se coimheatailt a tha ann an Umha air a dhèanamh le copar agus stàin, le dath buidhe-donn.
Tha e dur agus cha teid meirgeadh air. Mar sin tha beatha fada aige ach chan ann miotailt a tha furasda a dh'obair.

Is meatailt cosgail a tha ann an umha, air sgaths gannad a bhu-mheatailtean. Theid a cleachadh mar sin ann an innleadaireachd airson mirean oibre a tha feumail air a fheartan de durad agus do-mheirgte. Cleachdar e a dheanamh lannan-breith airson drochaidean mora de stailinn agus an tacain a bhitheas a breith cuideaman mora ach nach siubhal gu luath- mar eisimplir an bordan-tionndaidh.




#Article 447: Iarann (214 words)


Is e eileamaid cheimigeach a tha ann an iarann le samhla Fe (Laideann: ferrum) agus àireamh atamach 26.

Is e meatailt trastach bog a tha ann.
Tha ceithir isotòpaichean nàdarra aige, 54Fe (5.8%), 56Fe (91.8%), 57Fe (2.1%) agus 58Fe (0.3%).

Chleachdadh iarann san Èipheit mu thuairmse 3500 RC. Thàinig an t-iarann seo à dreagan.

'S e an cruth as cumanta aig bruthaidhean àbhaisteach a tha ann alpha;-iarann, no ferrit. Cha urrainn do 0.021% de charboin a ruith ann an alpha;-iarann.

Ach eadar 910 ºC is 1394 ºC de theothachd tha iarann a' gabhail na gamma;-iarann, no austenit. Dh'ainmicheadh an cruth seo air William Chandler Roberts-Austen, eòlaiche ann an obair-mheatailt san 19mh linn. 'S urrainn do 2% de charboin a ruith anns an cruth seo. Tha e glè chudromach airson cinneasachadh stàilinn.

Tha clach-iarainn ga theasachadh ann am fùirneis-iarainn.
Tha sin a' cruthachadh iarainn mòlltaichte, mu 4% carbon, a tha brisg agus cruaidh.
Ma tha iarann mòlltaichte ga theasachadh le Fe2O3 (haematit), tha sin a' cruthachadh iarann toinnte, mu 0.08% carbon, ach tha a' mhòr-chuid de chlach-iarainn a' dol na stàilinn.
Cleachdar iarann ann an gnìomhachas na togalach, mar as trice ann an stàilinn, air sgàth 's gu bheil stàilinn nas cruaidhe na iarann fìor-ghlan. Tha am pròiseas Haber a' cleachdadh co-thàthaidhean iarainn mar stuthan-chatailis.




#Article 448: Bermuda (115 words)


'S e dùthaich eileanach anns a’ Chuan Siar a tha ann am Bearmùda neo Bearmiùda (Beurla: Bermuda). Tha i na laighe aig astar 1770 cilemeatair san taobh an ear na Stàitean Aonaichte agus 1350 cilemeatair deas air Halifax , Alba Nuadh. Tha Hamilton na phrìomh-bhaile aice.

'S e Bermuda aon de na British overseas territory as sine a tha ann an. 

Tha an eaconomaidh gu math làidir ann am Bermuda, gu h-àraidh anns an roinn ionmhasail agus ann an roinn na turasachd.

Mar sin dheth bha an Làn-thoradh dùthchail gach pearsa (GDP) am fear as àirde air feadh an t-Saoghail anns a’ bhliadhna 2005.

Tha Bermuda cliùiteach airson na Bermuda shorts agus am Bermuda triangle.




#Article 449: Na Deuchainnean na Buidseachd Salem (564 words)


Thàinig Na Deuchainnean na Buidseachd Salem, a thòisich sa' bhliadhna 1692 (àitheanta cuideachd ris an Sealg na Buidseachd Salem agus an Tachartas na Buidseachd Salem), gu buil ann an àireamh de dìtidhean agus cur gu bàs airson buidseachas sa' Bhaile beag Salem agus sa' Bhaile Salem, Massachusetts. B' e a' bhuil de ùine de cogadh am measg buidhnean agus uamhann na buidseachd Cràbhadaireachd a lean ris na bàsan de fichead daoine (gu mòr boireannach ach fireannah cuideachd) agus am braighdeanas de ficheadan tuilleadh.

Cha mhòr gun robh am Baile beag Salem a' maireann beò 'san ùine a' leantainn do na deuchainnean. Ged a-mhàin sia mìle bhon chòrsair, bh' am tuineachadh am fàsaich, glè mhì-chunbhalach agus a' fuireach air èiginn, air chruinneachadh leis na coillean (mar sin a' cur eagal air an sluagh, do bhrìgh b' urrainn dham choille airm feargach nan Aimearagaich-Thùsanach, mì-earbsach nam Goill seo a ghoid an tìr-dàimh, no eadhon an Diabhal agus a luchd-ionaid). Dh'èirich connsachaidhean geura am measg an t-sluaigh Salem thar na tìre, cuid mòr dhiubh a bha 'nan tuathanaich bochda gun robh air èiginn a' dèanamh gu leòr a mhaireann beò. Do bhrìgh gheall na Cràbhadairean a chruthachadh dia-riaghladh air an tìr nuadh seo, thug braise cràbhach sàrachadh ris a' mheasgadh: thug an faireachdainn gu lèir gun àbhachd bhon sluagh mire (do bhrìgh b' obair agus a' moladh Dia na rudan a-mhàin gum bu ceadaichte). Bha an riaghailt am creideimh an là 'na riaghailt de fulang maireannach agus duais glè mhì-chinnteach; do bhrìgh chreid na Cràbhadairean gun robh suidhichte an dàn dhuine mus a b(h)reith, rannsaich iad gu buan airson sanasan timcheall co-dhiù bhitheadh iad air roghnachadh airson Nèamh no bhith mallaichte ris an Ifreann, ach cha b' urrainn dhan tlachd agus mì-tlachd Dè air leughadh a bhith. Bhrùth na b'fhaide an faireachdainn an creideamh gnèithealach gun do chùm na Cràbhadairean airson mnathan: bu chòir do na mnathan gu h-iomlan fritheilteach ri am fir a bhith (e am measg an t-sluaigh, i aig an taigh; e a' bruidhinn, i ag èisdeachd; e a' searmanachadh, i a' cluinntinn, 's air adhart.), gun robh, le nàdar, bean na b' coltaiche a cheangladh 'san fhrithealadh an Diabhail na bha fear (do bhrìgh cha robh mnathan ceadaichte a bhith 'nan searmanaichean mar sin b' iad na b' coltaiche a chur an làmhan ris an Diabhal), agus, le nàdar, bu mnathan drùiseil. Agus rinn an faireachdainn am baile bheag rùnan glè dhoirbh a chumail agus bh' air ghabhail ri cho fìrinn am bitheantas na beachdan dhaoine (ceart no ceàrr, math no droch) mu dheidhinn an nàbaidhean. Agus an fìrinn gum b' e linn nuair a riaghail an feallsanachd bu chòir do clann air fhaicinn ach ciùin a bhith gu h-àrd; dh'fhulaing daoine-cloinne bho an inbhe aig a' bhun an àradh an comainn. Bha air fhaicinn dèideagan cho faoin agus bha dhì-mhisnich pàrantan cluiche, agus mar sin dh'fhulaing daoine-cloinne à dìth an comais a lorgadh àigh sa' bheatha 's a ghabhail spòrs, ged bha eu-tròcair shònraichte air chàrnadh air caileagan; b' urrainn do balaich a dhol a' sealg, iasgach, rannsachadh a' choille, agus 's tric a dh'fhàs iad foghlainich ri saoir agus gobhan, fad bha caileagan air àrach bho aois bhog a shnìomhadh, a bhrùchd, a fhuaigheal, a fhigheadh, agus am bitheantas a bhith 'nan searbhantan ri am fir-chèile 'gus màthraichean ri am clann. Sheall uile nan teannachaidhean a bhith 'nam cothlamadh airson spreadhadh.




#Article 450: Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba (413 words)


'S e partaidh poileatagach sòisealta deamocratach ann an Alba a tha a’ strì airson neo-eisimeileachd na dùthcha a th' ann am Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba (Beurla: Scottish National Party). Chaidh am pàrtaidh sin a stèidheachadh ann an Dùn Èideann ann an 1934 tro aonadh the Scottish Party agus the National Party of Scotland. Bha Robert Bontine Cunninghame Graham na chiad cheann-suidhe a' phàrtaidh. Bhuannaich iad a' chiad sheat ann an Westminster nuair a thaghadh Robert McIntyre ann am frith-thaghadh Tobar na Màthar ann an 1945. Bhuannaich Winnie Ewing an dàra seat ann an Hamilton ann an 1967.

Tha Nicola Sturgeon na ceannard a’ phàrtaidh agus Stewart Hosie na leas-ceannard.

Le 68 seataichean dhe 129 anns na taghaidhean ann an 2011 chum am Pàrtaidh riaghaltais mòr-chuid. Bha Ailig Salmond na phrìomh-mhinistear gus 2014.

Tha am pàrtaidh na bhall de Caidreachas Saor na Roinn Eòrpa. Tha dithis bhall aca anns A' Bhruiseal, (dhe sianar do dh’ Alba air fad), 56 seataichean dhe 59 do dh’ Alba ann an Lunnainn a bharrachd air 364 comhairlichean (dhe 1,224 ann an Alba). Le sin, tha iad os cionn 12 comhairlean dhe 32 air fad.

Tha caochladh riochdaire a’ Phàrtaidh Québécois air ràdh gu bheil am pàrtaidh aca uabhasach coltach ri Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba. A bharrachd air sin, thathar a’ cur an cèill anns an cuid òraid phoileataigeach nach eil Catalòinia, Alba agus Québec (IPA: kebɛk) cho eadar-dhealaichte. Gu dearbha, chan eil iad air an cuid amasan a choileanadh fhathast ged a bheil iad air a bhith a’ lorg neo-eisimeileachd na dùthchannan aca, 's dòcha air sàilleabh gu bheil frionas ann eadar an taobh deamocratach sòisealta agus an taobh nàiseantach na trì dùthchannan sin. ‘S urrainn dhan Phàrtaidh Québecois agus na Nàiseantaich ann an Alba taghaidhean a bhuannachadh ach, gu ruige seo, chan fhaodadh iad neo-eisimeileachd fhaighinn. Mìnichidh am film Le confort et l'indifférence (Gàidhlig: Comh-fhurtachd agus Suarachas) dhuinn mu dheidhinn an t-suidheachaidh sin leis gu bheil sinn a’ fuireach ann an stàit shochairean  agus ann an co-chomann na luchd-chleachdaidh. ‘S e measgachadh dhe mòran dhaoine eadar-dhealaichte ann an co-bhann a bh' ann Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba nuair a thòisich  e ann an 1934, is iad nan luchd-dealachaidh Albannach ann an dà chuid daoine na làimhe deise is daoine na làimhe chlì. Dh’ fhàsadh am pàrtaidh beag air bheag is iad a’ gabhail smuaintean bho na Làbaraich is bho na Tòraidhean. ‘S e an aon rud a thachair eadar Pàrtaidh Libearalach na Québec agus Aonadh Nàiseanta na Québec.




#Article 451: Éideard Dwelly (273 words)


'S e Éideard Dwelly (2 Gearran 1864, Twickenham–25 Faoilleach 1939) a rinn am faclair a bu chudromaiche sa Ghàidhlig - Faclair Gàidhlig gu Beurla le dealbhan. Chlò-bhuail, cheangail, agus chruinnich e e, agus rinn e na dealbhan cuideachd. Thàinig am faclair a-mach ann 1911. 'S e Sasannach a bha ann bho thùs, ach shiubhail e leis an arm a dh’Alba, far an do chuir e an t-ainm “Eòghann Dòmhnallach” air fhèin. 'S e obair luachmhor a rinn e, ach cha do ghabh e a-riamh an duais a b' fhiach e air a shon.

Nuar a bha Dwelly fhathast san sgoil, thòisich ùidh mhòr a bhith aige ann an Gàidhlig agus ann am pìobaireachd. Ghabh e dha na London Scottish Volunteers, agus mar seo, bha cothrom aige a bhith a' cluiche na pìoba. Ann an 1890s, dh'atharraich e ainm, oir bha Eòghan MacDhòmnaill nas fhreagarraiche airson a' phìobaire. Dh'fhàg e Sasainn agus ghluais e a dh'Alba. Phòs e boireannach aig an robh Gàidhlig, Màiri NicDhùghaill. Aig an àm seo, thòisich e obair air am faclair Gàidhlig ùr. 

Thill an teaghlach a Shasainn a-rithist, agus bha iad a' fuireach ann am Skeete, ann an sgìre Kent, agus ann an Herne Bay.

Tha am faclair a sgrìobh Dwelly ann an clò fhathast. Tha 1034 duilleagan ann agus iomadh dealbh. Tha e soilleir ris an leughadair gur e obair uabhasach mhòr a tha anns an fhaclair a rinn Dwelly. Ann an ro-ràdh an fhaclair sgrìobh Dwelly gun robh e taingeil don Rìgh airson a chuideachadh agus bha e taingeil cuideachd do a bhean. Nuair a bha Am Faclair deiseil, thòisich e obair air sloinneadh, Dwelly's Parish Records.  




#Article 452: Biadh-maidne (100 words)


`S e biadh a thathas a` gabhail tràth air an latha, anns a` mhadainn a th` ann am biadh-maidne/biadh-na-maide neo ciadlomadh (bracaist). Gu tradiseanta, bhathas a` gabhail biadh trom mar fheòil, buntàta agus brochan ann an Eòrpa a Tuath, agus biadh aotrom mar croissants is measan ann an Eòrpa a Deas; ach san latha an-diugh, thathas a` gabhail diofar seorsa bìdh a-rèir toil nan daoine fhèin.

Thathas a` cantainn “bracaist” ri biadh na maidne, `s nochdaidh am facal sin ann an riochdan eile mar “breacaist”. Mar an ceudna, gheibhear tràth madainn cuideachd ged nach eil am briathar sin cho cumanta.




#Article 453: Euro (174 words)


'S e an Euro (samhla: €; còd-bhancaidh: EUR) an t-airgead oifigeil anns na dùthchannan a leanas den Aonadh Eòrpach: 
A' Bheilg, Cìopras, an Eadailt, Eastòinia, Éirinn, an Fhraing, a' Ghearmailt, a' Ghrèig,  an Laitbhe, Liotuàinia, Lucsamburg, Malta, An Ostair, a' Phortagail, an t-Slòbhac, Sloibhinia, an Spàinn, Suòmaidh, na Tìrean Ìsle, Còmhla, 's iad ceàrn an euro (Beurla: Eurozone) mar a chanas feadhainn - agus mar sin tha an Euro air a chleachdadh mar airgead airson barrachd air 300 millean neach anns an Roinn Eòrpa. Ma chunntas sinn àitean le airgead ceangailte ris an Euro tha buaidh aige air còrr is 480 millean neach 'san t-saoghal.

Air 1 am Faoilleach 1999, thòisich an euro mar an t-airgead oifigeil ann an aon dùthaich deug. 

 
Cha d' fhuair muinntir an Roinn Eòrpach na notaichean agus buinn-airgid ged-tà gus 1 am Faoilleach 2002.

Tha gach bonn-airgid a' sealltainn taobh Eòrpach:

Tha an taobh eile aig gach dùthaich a bhith sealltainn dealbh sònraichte aca fhèin.

Gabhas a h-uile bonn-airgid a chleachdadh ann an gach fear de na dùthchannan Euro.




#Article 454: Na Hearadh (287 words)


'S e eilean fada mun iar-thuath air chost an iar Gàidhealtachd na h-Alba a tha anns Na Hearadh. Ged a tha e ceangailte ri Leòdhas, tha e air fhaicinn mar eilean ann fhèin. San t-seann aimsir, bha an t-ainm air a sgrìobhadh Na h-Earadh, ainm a thàinig sìos thugainn bho na seann Lochlannaich. 

Tha cruth na tìre ag atharrachadh bho thuath gu deas anns Na Hearadh.
Tha tuilleadh bheanntan air ceann a tuath Na Hearadh, agus gheibhear a' bheinn as àirde sna h-Eileanan an Iar ann (Cliseam - àirdead 799m).
Tha na rathaidean gu Hùisinis neo Reinigeadal air a' cheann a tuath iongantach is eagalach aig an aon àm, a chionn ‘s gu bheil iad an dà chuid cas agus caol, ach le seallaidhean brèagha is eireachdail.

Tha am baile as motha, an Tairbeart, le port aiseig agus iomadach bùth, air a shuidheachadh far a bheil an t-eilean cha mhòr roinnte le tairbeart chaol - àite far an do tharraing na Lochlannaich bho shean na bataichean aca thairis air isthmus.
An ear air an Tairbeart, tha an t-Eilean Sgalpaigh na Hearadh ceangailte ris na Hearadh le drochaid.
Aig ceann deas an eilein tha Ròghadal ainmeil airson eaglais meadhon-aoiseach, an Eaglais Chliamhain.

San àird an ear, eadar an Tairbeart is Ròghadal, tha rathad air an oirthir air an tug daoine an t-ainm “the Golden Road”, a chionn ‘s gun deach a leithid a dh'airgead a chosg ga thogail.
Tha e a’ ceangal nam bailtean beaga air an oirthir ri chèile.
Ann an ceann a deas na Hearadh chan eil na beanntan cho àrd agus a tha an fheadhainn san taobh tuath, ach tha iomadach tràigh gainmhich, air an comharrachadh le gainmheach brèagha geal, air a' chosta an iar.




#Article 455: Neo-eisimeileachd na h-Alba (140 words)


Chan eil Alba air a bhith neo-eisimeileach bho 1707 nuair a chaidh aonadh air adhart eadar pàrlamaid na h-Alba agus pàrlamaid Shasainn airson stèidheachadh Rìoghachd Bhreatainn Mòr fo Ban-rìgh Anne - am monarc mu dheireadh Stiùbhairteach.

Cha robh taghadh ach aig 3,000 daoine ann an Alba aig an àm, ged a bha muillean daoine ann. 

Thug na Sasannaich £20,000 sa brìbean do poileatagaich na h-Alba airson an Aonadh.

Tha taic airson neo-eiseimleachd air fas is crionadh san 20mh Linn. A-reir An t-Albannach (11/09/2006), thuirt YouGov poll gun robh 44% a' cur taic ri neo-eiseimleachd, 42% an aonadh, agus 15% gun beachd.
Ann an 2014 bha Referendum air Neo-eisimealachd na h-Alba 2014 ann far an d' fhuair am freagairt 'Cha bu chòir' an àireamh a bu mhotha de bhòtaichean.

Tha na pàirtidhean seo a’ strì airson neo-eiseimealachd na h-Alba, agus self-determination:




#Article 456: Ùr-sgeul (428 words)


'S e iomairt-foillseachaidh neo-eisimeileach a th' ann an Ùr-Sgeul, le cuideam air rosg Gàidhlig ùr.  

Chaidh Ùr-Sgeul a chur air bhonn ann an 2003 gus rosg Gàidhlig ùr a bhrosnachadh. 'S e Comhairle nan Leabhraichean a chur air chois an iomairt, le taic-airgid £50k tro Chomhairle nan Ealain (an Writers Factory).  Ann an ùine ghoirid, dh'fhoillsich an iomairt leabhraichean Gàidhlig ùra bho dhiofar sgrìobhadairean agus thug e taic do ath-nuadhachadh an nobhail ann an Gàidhlig san 21mh Linn. 
 

Bhuannaich a' chiad leabhar a nochd anns an sreath, Ath-Aithne le Màrtainn Mac an t-Saoir, duais an Saltire Society  airson 'First Book of the Year', ann an 2003. 

Ann an 2008, chaidh sùil a thoirt air Ùr-Sgeul tro phrògram-telebhisein fon sreath Ealtainn air BBC 2.

Dh'fhoillsich Ùr-Sgeul a' chiad leabhar ficsean Gearmailtis-Gàidhlig (Der Schadel von Damien Hirst), deasaichte le Mìcheal Klevenhaus, aig cur air bhog ann am Bonn, sa Ghearmailt, aig FilmAlba ann an 2009.

Bhuannaich Fionnlagh MacLeòid a' chiad duais litreachais Dhòmhnaill Meek, aig tachartas aig Fèis Leabhraichean Eadar Nàiseanta Dhùn Èideann ann an 2010, airson leabhar Ùr-Sgeul Gormshuil an Righ, a' chiad nobhail aige do dh'inbhich.

Ann an 2011, chaidh Saorsa - cruinneachadh ùr de sgeulachdan goirid le 13 sgrìobhadairean - fhoillseachadh.

Rinn am pàipear-naidheachd The Irish Times sgrùdadh beag air Ùr-Sgeul agus ficsean Gàidhlig ann an 2014.

Tha Ùr-Sgeul a' feuchainn ri dòighean ùra eadar-dhealaichte a chleachdadh gus litreachas Gàidhlig a thoirt gu aire an t-sluaigh. Ann an 2008,  dh'fhoillsich Ùr-sgeul clàr le ceòl ròc agus rosg a' tighinn còmhla, nuair a rinn iad CD le òran bhon chòmhlan-ciùil Na Gathan, fon ainm  Ruigidh Sinn Mars. Bha  tri sgeulachdan bho triùir sgrìobhadairean eadar-dhealaichte: Iain MacIlleathain, Màiri Anna NicDhòmhnaill agus Seonaidh Adams, air an CD seo.  Bha na sgeulachdan air an CD air an toirt bho leabhraichean a chaidh fhoillseachadh le Ùr-Sgeul ann an 2008, le deasachadh sònraichte dhen leabhraichean ann an 2009 (aon leabhar le còmhdach-cruaidh), fon ainm An Claigeann aig Damien Hirst agus Sgeulachdan Eile.  'S iad na sgriobhadairean eile a tha a'  nochdadh sa leabhar: Alasdair Caimbeul (Alasdair a' Bhocsair),      Màiri E. NicLeòid,      Pàdraig MacAoidh,      Mìcheal Klevenhaus, Mona Claudia Striewe,   Alison Lang,  Dòmhnall Iain MacÌomhair,      Cairistìona Stone,      Steafan MacRisnidh,  Màrtainn Mac an t-Saoir,      Iain Cuimeanach,      Màiri NicAmhlaidh Dùn Èideann,      Ishi NicIlleathain,      Maoilios Caimbeul,      Des Scholes,      Charles Tripp,      Màiri Flòraidh Nic a' Phiocair agus      Catrìona Lexy Chaimbeul.

Ann an 2008, chaidh Ùr-Sgeul gu Bòrd na Gàidhlig le iarrtas airson neach-deasachaidh, gus dèiligeadh ris an leasachadh a bha air tighinn ann an rosg.  Cha deach le Ùr-Sgeul agus ann an 2012, chan eil neach-deasachaidh làn-ùine fhathast ann. 

 	




#Article 457: Uiseag (665 words)


Tha uiseag, topag, riabhag neo fosgag Moire (Laideann: Alauda arvensis) na h-eun beag donn a tha ann an òrdagh Passerine eunlaith an adhair. 'S e sin ri ràdh, gum bheil i na h-eun laighe.

Tha an uiseag eadar 16 is 18 cm a dh' fhaid. Tha a bràigh donn breac-bhallach ach a' bànachadh gu ruige a tarra. Tha cìrean gearr neo-gheur air a ceann; gabhaidh a togail agus a leigeil. Tha sgiathan an eòin fhireann nas leathainne na an t-eun boireann. Tha a sgiathan leathann gearr; is geal an oirean cùl agus a h-earball mar an ceudna.

'S tric a chìthear an uiseag ag iadhadh air iteig san adhar os cionn a' mhonaidh ann an Alba. Tha e cuideachd a' gabhail còmhnaidh ann am fearann tuathanachais, ach tha àireamhan an eòin seo air a dhol sìos ann am Breatainn anns na 30 bliadhna a dh' fhalbh ri linn atharrachaidhean ann an dòighean-àiteachaidh. 'S e is adhbhar dha sin, gum bheil an uiseag a' dèanamh a nid air feur sa ghrunnd. Gheibhear uaireannan i a' neadachadh ann an raineach.

Is e ceithir uighean a bhios aig an uiseag mar is trice. Ach uair is uair bidh a' còig aig tè is tè dhiubh. Is e, An Uiseag-Mhuire, a theirear ris an uiseig aig am bi na còig uighean. Gu math tric, bidh fear de na h-uighean anns nach bi eun. Nuair a thig na h-eòin às na h-uighean eile, thèid an t-ugh anns nach robh rùn a chur às an t-sealladh air dhòigh air choireigin; agus theireadh daoine bho shean gur e cur anns an deicheamh a rinn an uiseag air. Tha seo a' nochdadh gu soilleir dhuinn gun robh an uiseag air a meas na h-eun beannaichte aig an àm ud.

Bha an uiseag air a meas na h-eun beannaichte anns na linntean a dh' fhalbh. 'S e an t-adhbhar sònraichte airson an robh meas cho mòr air an uiseag, a chionn 's gun robh i a' tòiseachadh ri gairm anns a' mhadainn Latha Fhèill Brìde. Bha i mar seo ag innse gun robh an t-Earrach air tighinn. Bha na daoine a bh' ann bho chionn trì cheud bliadhna a' fàilteachadh na h-uiseig le briathran cho math agus cho freagarrach 's a b' urrainn dhaibh a chur ann an altaibh a chèile.

Bheir an rann a leanas gnè de bheachd dhuinn air a' mhòr-mheas a bh' aig daoine air an uiseag. Tha dlùth air trì ceud bliadhna bhon a rinneadh an rann seo. Bha e mar chleachdadh aig daoine a bhith ga ghabhail anns a' mhadainn Latha Fhèill Brìde, an uair a chluinneadh iad an uiseag a' gairm. 

Tha 'n uiseag bheusach, bhreac-bhallach, chliùteach,
A' seinn a ciùil dhuinn le deagh ghleus;
A' toirt sgeul an Earraich às ùr dhuinn,
An dèidh ga ciùrradh le fuachd bròin;
A' taisbeanadh maise, agus ùmhlachd
Do'n Triùir a tha 'n àird nan nèamh;
Mar fhianais an aghaidh nan slogh,
'S mar dhearbhadh air glòir nan nèamh.
Tha ribheid a cleibh a' toirt urraim air gach ceòl.
Truailleachd nàdair no gnìomh làmh
Cha chuirear mar thàir air a h-eòin.
Craobh mheangannach, dhosrach
O dhuslach na talmhainn,
Mar sin an duine 's e falbh ann an ceò;
Gun subhailc, neo-bheusach làn truailleachd
Tha 'n duine fo bhuaireadh mar sgleò,
Far nach fuaraich an gaol,
'S am maireann an ceòl - 
Muire nan gràs,
Peadair is Pòl agus Eòin.

Cha chreachadh duine sam bith a thàinig gu gliocas an nead aice airson rud sam bith. Bha feadhainn eadhon a' meas gun robh e na pheacadh nead na h-uiseig a chreachadh. An àm treabhaidh, nan tachradh gum biodh nead na h-uiseig ann an talamh a bha gu bhith air a threabhadh, rachadh am ploc dhen talamh anns am biodh an nead a thogail leis a' chaibe, agus a chur an àite sàbhailte air uachdar an treabhaidh. Nam biodh an uiseag air tòiseachadh ri gur air na h-uighean, chan fhàgadh i bhuaipe idir iad; ach mur bhitheadh, cha rachadh i nan còir tuilleadh.




#Article 458: Uisge (207 words)


Is docha tha thu lorg uisge-adhair

Is e a tha ann an uisge na lionn trid-shoilleir gun dath. Tha e na co-thàthadair de dh'haidridein is de dh'ogsaidean le foirmle cheimigeach H2O.

Theid a reothadh aig 273K (0 °C) agus theid a ghoilleadh aig 373 K (100 °C) fo brùthadh àbhaisteach.

Chan eil cuideam moileciuileachd de uisge ach 18 Da agus tha puing
a' ghoillidh anabarrach ard airson moileacul cho aotrom. Is e brigh don fheart seo de uisge gum bithidh co-taruinn lag eadar moileaculan uisge fa-leth gan cruinneachadh nan sianaran. An luib sin bithidh cuideam moileciulachd eifigeachd de uisge nas fhaisg air 108 Da agus tha teothachd ghoillidh de 373 K na cho-dhearbhadh. Nuair a ghoilleas uisge, theid sgaradh air na moileciulan fa-leth agus tha seo aig adhbharachadh meudachadh mor an toirt an stoith an co-mheas le toirt an uisge, (Theid meudachadh an toirt de mu deidhinn 1400 uraid nuair a rachas iompachadh de uisge ri stoth fo brùthadh abhaisteach). Is e am feart meudachaidh seo a tha na h-adhbhar gu bheil stoth na struthach-iomain eifigeachd airson gne de innealan-teis.

Canar deagh ris an teann-stuth, agus stoth ris an staid ghasach.
Nuair nach eil salann ann, tha cuid de dhualchainntean a' toirt “bùrn” air, le frith-fhacal sàl.




#Article 459: Pàpa (152 words)


'S e am Pàpa neo Pàp (Laideann: papa, Greugais: πάππας, a tha a' ciallachadh athair sa Ghàidhlig) an stoidhle a tha air Easbaig na Ròimhe, agus ceannard den Eaglais Caitligeach. Is aithne don Eaglais Chaitligeach trì rang den mhinistrealachd òirnte, neo sagartachd. 'S iad, diacon, sagart agus easbaig. 'S e easbaig an rang as àirde den sagartachd. 'S e inbhe Easbaig na Roimhe am measg nan easbaigean eile ach a' chiad am measg co- ionnanaich. Tha seo a' leantainn bho thraidisean na h-Eaglaise gun robh Peadar, Abstol (Greugais: ἀπόστολος) a dh'òirn Ìosa Crìosd a fhèin a bhi cìobair do na caoraich (i.e. treòraich an luchd-leanmhainn as dèidh a cheusadh), na chiad Easbaig de Roimhe. Mar sin tha dleastanas Pheadair a' tuiteam air am fear a tha na h-ionad. 'S e an ceannard creideimh as cudromaiche san t-saoghail a tha anns a' Phàpa – tha an àireamh de Chaitligeach nas motha na Ioslam.




#Article 460: Ubhal (199 words)


'S e meas cruinn a tha ann an ubhal. Is urrainn dhaibh a bith uaine neo dearg, agus tha iad air cleachdadh airson pàidhean a dhèanamh. A-rèir dualchas, thug Àdhamh ubhal gu Eubha, ach ann an leabhar Genesis, chan eil ach “meas” a tha air, agus chan eil fianais againne gur e ubhal a bha ann.

Dh'fhàs an t-ubhal-fiadhain, no a' chuairteag anns a' Ghàidhealtachd bho shean. Tha Pliny, an seann sgrìobhaiche Ròmanach, ag ràdh gun robh na craobhan-ubhail ann am Breatainn fìor thorach, agus tha cunntas air cho pailt 's a bha iad ann am Moireibh san treas linn.

Ge be àite san robh na manaich air an suidheachadh, thogadh iad ubhal-ghoirtean, agus chithear fhathast faisg air manachainnean, a tha an-diugh fàs, sean chraobhan a chuireadh leotha - gu h-àraidh ann an Abaid Mhanachainn MhicShimidh.

Tha an ubhal gu tric air ainmeachadh ann an litreachas is bàrdachd iomadh tìre, agus sin gu minig ag aithris air bòidhchead is cruth pearsa.

is samhail mo rùn-sa am measg nan òganach: fo a sgàil mhiannaich mi, agus shuidh mi sìos agus bha a thoradh milis dom bhlas.

Sheinn Donnchadh Bàn mu na cuairteagan a dh'fhàs: mun Ruadh-aisridh, cliùmhor, cuachanach, cuarnar àrd.




#Article 461: Struth (eun) (113 words)


'S e seòrsa eòin mòr a tha ann an struth no oistrig (Laideann Struthio camelus, Beurla: ostrich ; “ostraids”,“oistric” 7c.). 

Bidh iad a’ fuireach an Afraga. Chan urrainn dhaibh falbh air iteag, ach ruithidh iad gu math luath. Chan eil feòil an strutha mar cearc, tha e nas coltaiche ri mart-fheòil.

Tha an struth anns an òrdugh saidheanail Struthioniformes còmhla ri eòin eile nach tèid air sgeith, an kiwi, eumu, rhea, casuaraidh agus am moa nach maireann.

Gheibhear tuathanasan strutha ann an iomadach dùthaich far a bheil ag iarraidh an fheòil, na h-itean agus an craiceann.
Nithear leathar math o craiceann an strutha. Chleachdar itean an srutha airson fasan. Ithidh feòil an srutha.

	




#Article 462: Bonn-a-sia (149 words)


B’ e bonn-a-sia no bonn-a-sè a’ Ghàidhlig a bha air an halfpenny Sasannach.

An t-adhbhar an t-ainm bonn-a-sia a bhith air halfpenny Sasannach, ’s e sin an aon adhbhar gu bheil sgillinn fhathast air penny Sasannach.  Nuair a thuit luach an airgid Albannaich gu tubaisteach air t-sàillibh sgeuma Darlen, agus a thàinig aonadh poileataigeach eadar Alba agus Sasainn ann an 1707, chaidh an an co-mheas eadar airgead Albannach (a chaidh à bith) agus airgead Sasannach a chur aig 12:1.  An t-seann sgillinn Albannach, bha luach penny Sasannach oirre, agus seach gun robh 12 peighinnean ann an sgillinn, an seann bhonn-a-sia Albannach, bha luach halfpenny Sasannach air.

Às déidh decimalisation ann an 1971, nuair a chaidh 100 new pence a chur ann an nòta Sasannach, lean an t-ainm bonn-a-sia air mar Ghàidhlig air a’ ghrìogag bhig ùir half new pence, gus an deach a cur à bith ann an 1984.




#Article 463: Brachadh (147 words)


Tha brachadh na atharrachadh ceimigeach fo bhuaidh stuth mar beirm. Brachar leann is fìon.

Tha brachadh a' gabhail àite nuair a chleachdas cealla siùcar airson lùth ach gun ogsaidean a chleachdadh aig an aon àm.

Tha beirm na stuth a bhios ri brachadh. Bristidh e sìos an glùcos (glucose (C6H12O6)) ann an dà phàirt, ethanol (CH3CH2OH) agus carbon dà-ogsaid (CO2). Tha brachadh ri cleachdadh gus deochan, bith-chonnadh (biofuel) agus aran a chruthachadh. Nas coitchinne, 's ann pròiseas far an dèidear ceallan ann an readhactar a leasachadh gus barrachd cheallan no toraidhean mar alcol no drugaichean a chruthachadh.

Bho Am Fear-Ciùil le Dòmhnall MacEacharna (Dìura):
Cha robh e ach a' deoghal an t-sùigh aisde; agus leis an ubhall a bhi air brachadh, bha tomhas beag de'n t-sùgh sin air tionndadh gu spiorad, no mar their an Chemist, “Alcohol,” agus 's e sin a chuir tuaineal beag 'na cheann.




#Article 464: Breabadair (144 words)


Is docha tha thu lorg snàthad an duine mhairbh

Tha breabadadair na sheòrsa fhìgheadair. Bidh iad ag obair air beart-chlò. Tha am facal a’ tighinn à Breaban (Noord-Brabant) far an robh mòran bhreabadairean ann. Bidh aodach air a chruthachadh nuair a bhios am breabadadair a' cleachdadh shnàithleanan bho gach taobh a' ceangal no a' fighe ri chèile agus an uairsin aodach no aodach fighte. Mar as trice, bidh am fighe ann an cathraichean lìn agus tha dualan fada ann am fighe eatorra. Chaidh trì prìomh sheòrsaichean aodach a chleachdadh ann an Innis Tìle, ach b ’iad sin muncaidhean, swarms agus cnuimhean. Tha an fhighe as sìmplidh monotonous ach an uairsin tha an snàithlean suas is sìos. Aig an àite tionndaidh, tha na trasnagan nan laighe co-shìnte ris an druim. Bhathar a ’cumail aon turas ann an aparanan agus millipedes, ach anns an t-slighe a-mach.




#Article 465: Breac (tinneas) (181 words)


B' e tinneas gabhaltach a bha anns a' bhreac, a chòmhdaicheas na daoine le buill bheaga breac.

B' e seòrsa tùsach de leigheasadh airson na breac a bha ann am variolation, far an deach stuth à bòcan a chur sna daoine. Fhulaing iad buaidhean de bhreac nach robh cho dhroch ri na de bhreac fhèin. Dh'aithnich Edward Jenner ann an 1796 nach do fhulaing daoine a bha air breac nam bò fhulaing buaidhean sam bith is dh'innlich e a' bhanachdach, no a' bhreac bheag. Stèidhich Buidheann Slàinte na Cruinne sgeama a' bhreac a spìonadh à freumhan ann an 1959 agus a-rithist ann an 1967. Chaidh a' bhreac à bith anns an Roinn Eòrpa ann an 1953 agus fad an t-saoghal gu oifigeil ann an 1980. B' e Janet Parker a bha an neach-fulaing a' bhric a chaochail mu dheireadh ann an 1978. Fhuair i le tuiteamas i is i ag obair neach-togail dealbh ann an ospadal ann am Birmingham faisg air buidheann a bha a' rannsachadh a' bhric. Chaochail i 11 Sultain 1978 ach mhair a màthair a fhuair bhuaithe i.




#Article 466: Beinn Nibheis (201 words)


Is i Beinn Nibheis a' bheinn as àirde ann an Alba, aig 1344m (4409tr), agus 's e Beinn Rothaich a th' ann. Tha i suidhichte ann am Monadh Dhruim Uachdair os cionn Glinn Nibheis, faisg air a' Ghearasdan ann an Loch Abar.

Chan eil ciall an ainm soilleir. Tha caochladh fhacal-fhreumhan air moladh, mar nèamh agus nimheil.

Tha a' bheinn ainmeil airson na sìde chunnartach chaochlaideach air a' mhullach aice. Air sgàth seo agus a liuthad streapadair gach bliadhna -- mòran dhiubh gun an eòlas riatanach air beanntan -- bithidh tubaistean mharbhtach a' tachairt gu tric.

Tha slighe don mhullach a' tòiseachadh aig Ionad Nibheis (an ionad-tadhail anns a' ghleann). Chaidh an slighe a thogail ann an 1883 air a' phrìs ₤800, gus pònaidhean a leigeil don reul-lann a bh' air a' mhullach aig an àm.

Tha lochan, Lochan an t-Suidhe, leth-shlighe shuas a' bheinn.

Thatar am beachd gum b' e a' chiad duine a ruith suas a' bheinn gruagaire ionadail, William Swan, ann an 1895. Ruith e bhon t-seann oifis a' phuist anns a' Ghearasdan ann an 2u41m. Bha a' chiad rèis farpaiseach ann an 1899, le 10 co-fharpaisich a' gabhail pàirt. B' e am fear-buannachaidh, an geamair Ùisdean Ceanadach.




#Article 467: Malaig (157 words)


'S e baile  iasgaich cudromach a th' ann am Malaig (uaireannan agus Beurla: Mallaig)  air taobh siar Mòrair, anns na Garbh Chrìochan. Ann an 2011 bha 806 duine a' fuireach an seo.
 
Bho seo tha aiseagan a’ ruith a dh'Armadal anns an  Eilean Sgitheanach, dha na h-Eileanan Muc, Eige, Rùm agus Canaigh, agus a dh'Inbhir Aoidh agus An Tairbeart ann an Cnòideart. Tha aiseag cuideachd a' dol a Bharraigh agus Uibhist a Deas. Tha stèisean-rèile ann am Malaig agus bidh trèanaichean à Glaschu air Rathad Iarainn nan Eilean a' crìochnachadh an seo an dèidh do Mòrar.

Ann an 2001 bha 797 duine a' fuireach an seo, agus bha Gàidhlig aig 8.66% dhiubh

A rèir cunntas sluaigh ann an 2011 bha comas bruidhinn na Gàidhlige aig 102 duine a-mach a 777 neach ann am Malaig aig aois 3 is nas sine. A bharrachd air sin fhuaireadh a-mach gun robh 60 dhiubh a' cleachdadh na Gàidhlige aig an taigh.




#Article 468: Nad Aislingean (145 words)


Anna Ròc: Is ise an seinneadair anns a' chòmhlan. Rugadh agus thogadh i ann an Neiptùin ach tha i a' fuireach anns an Eilean Sgitheanach a-nis. 

Illiqp't: An ceann Illbientological Research Laboratories ann an San Francisco, thachair e ri Anna nuair a bha i air turas dìomhair agus i a' sireadh nam builean troma airson toirt air ais dhan phlanaid aice. 

J-Roc: Cuideachd a' fuireach ann an San Francisco agus e na eòlaiche ann an Rannsachadh Illbientological. Bidh e fhèin agus Illiqp't a' togail nam builean. 

Tim Ceartas: Leth duine, leth inneal, rinn Anna ann an sead a h-athair e nuair a bha i òg agus i ag iarraidh càraid. Nis, bidh Tim a sgrìobhadh nan òran agus a' leigeil an t-srutha chruaidh.

Is iad a' chiad chòmhlan a-riamh a mheasg teacno agus rap ri chèile ann an òrain ùra Gàidhlig.

 aiste anns an Scotsman.




#Article 469: Hip-hop (140 words)


Mar as tric, bidh rapairean a’ cleachdadh an fhacail, hip-hop, nam measg fhèin, an àite rap, nuair a tha iad a’ bruidhinn mu dheidhinn an stoidhle ciùil aca, measgachadh de faclan labhairte agus builean-druma. ‘S e “rap” am facail a chleachdas daoine o thaobh a-muigh an t-saoghail hip-hop, mar as àbhaist.

Cuideachd, bidh na rapairean a’ gabhail orra fhèin, MC (master of ceremonies) ann am Beurla, no FT (fear an taighe) agus BT (bean-an-taigh) ann an Gàidhlig, an àite “rapair.” Canaidh iad sruth ris an rap fhèin, faclan labhairt ann an ruitheam sùbailte, a’ cleachdadh comhardaidh agus bheuman seòlta gus buaidh sònraichte, làidir a chruthachadh.

Chaidh a chiad òran hip-hop Gàidhlig a chraoladh nuair a rinn BT Nina agus FT Ceartas à Club Hip-Hop SMO seisean beò air a’ phrògram, Rapal, air BBC Radio nan Gaidheal, anns an fhoghair, 2005.




#Article 470: Iain Lom (111 words)


B' e Iain Lom (Iain MacDhòmhnaill) (mu 1624 - mu 1710) aon de bhàird as motha na seachdamh linne deug. B' e sloinneadh Iain: Iain mac Dhòmhnaill mhic Iain mhic Dhòmhnaill mhic Iain Àlainn.

Fhuair e an leth-ainm, Iain Lom air sgàth an dara cuid geurachd a theanga no luime aodainn. Bhuin e do Chlann Dòmhnaill. 

Chruthaich e mu 3000 sreath a th' air maireann an diugh, a bheir iomradh air eachdraidh agus poileataics Gaidhealach, mar Mort Ghlinn Comhann agus na Cogaidhean Mhon Rois, agus gu h-àraid blàir nan Gaidheal, mar eisimpleir Là Inbhir Lochaidh. Tha bàrdachd aige anns an Cruinneachadh MhicLathagain.

Tha cainnt a bhàrdachd gu tric nimheil is fuilteach.




#Article 471: Bùth (119 words)


Is e a tha ann am bùth ionad far am bith ceannaiche a reic a bhathair ri luchd cleachdaidh a tha gan iarraidh a shàsaich na feuman aca fhèin. Tuigear gur e neach-malairt a tha anns an ceannaiche. Bithidh esan a' cosnadh a bheòshlaint eadar ceannaich agus reic. Bithidh esan a' ceannaich bathair anns an tomad, aig prìs saor. Bithidh esan a reic gach aonad de bathar aig prìs daor. Their sinn ràth ris an difir eadar cosgais an ceannaich agus prìs an reic.

Is e a tha ann am bathar-bhòrd, bòrd fada a tha sìnte thar an ùrlar, eadar doras a' bheulaibh agus na bathair as luachmhor a tha air an cumail air sgeilpichean aig cùlaibh a' bhùth.
  




#Article 472: Reul-bhad (156 words)


Tha reul-bhad na còmhlan de reultan. Ged a tha iad a’ coimhead mar a tha iad faisg air a chèile bhon planaid againne, mar is trice, chan eil iad faisge air a chèile idir. Is urrainn do reul aig taobh eile den speur againn a bhith nas fhaisge ri reul eile, na reultan a tha nan nàbaidhean san aon reul-bhad.

Tha an dà chuid nan ainmean Gàidhlig agus ainmean a chleachdas anns a' Bheurla, a tha ann an saidheans eadar-nàiseanta (a'chuid as motha a'tighinn bho Greugais, Laidinn, agus Arabais) air an clàrachadh an seo. Chanar crios-nèimhe no grian-chrios riutha cuideachd.

Aquarius - Fear-giùlain Uisge

Aries - An Reithe no An Rùd (Leòdhas)

Cancer - Am Partan no A' Chrùbag

Taurus - An Tarbh (reul-bhad)

Virgo - A' Mhaighdean (reul-bhad) no An Òigh

Hydra - An Nathair-nimhe

Orion - An t-Sealgair Mòr, Rìgh Meangan

Ursa Major - An Crann-Arain, An Long

Ursa Minor - Ceata Cam, Drag-bhod




#Article 473: Laksaa (165 words)


Is baile beag suidhichte air taobh sear Ellan Vannin (Mhanainn) a tha ann an Laksaa. Tha cala bheag aig a' bhaile, a bha uaireigin as-portadh luaidh agus sinc o meinnichean ann an Glen Laksaa. Tha Rathad Iarainn Dealanachd Mhanainneachd a ruith tro a' bhaile, agus is ann an Laksaa a tha bun-steisean Raad-Yiarn Snaiull (Rathad-iarainn Snaiuil) a ruitheas gu mullach Snaiuil, beinn 2,063 troighean 's an aird, agus an aite b'airde air an eilean.
Tha am baile ainmeil airson cuibhle-uisge mòr don ainm An Leadaidh Isabella neo Cuibhle Laksaa. Dhealbh innleadair don ainm Robert Casement an Roth-uisge seo, air an deach togail ann an 1854. Is i an cuibhle-uisge bu mhor 'san t-saoghal a tha anns an Leadaidh Isabella. Cuibhle cul-stealla a tha innte. Tha tras-tomhais de 72 troighibh oirre agus tha a bucaidean 6 troighean anns an leathad. Cuibhle taosgaidh a tha innte, air an robh dleasdanas a thogail uisge as na trannsaichean b'isle de na meinnean ceithreamh mile nas fhada suas a' ghlinne. 




#Article 474: Eòlas-comainn (124 words)


Is e meur de na saidheansan sòisealta a tha ann an eòlas-comainn no sòiseòlas no sòiseo-eòlas. Is e gnìomh do sgoilearan-comainn a thuigsinn ciamar a bhitheas coimhearsnachdan ag obair. Stèidheachadh Eòlas-comainn mu mheadhan an 19mh linn. Thòiseach i mar meur de sgoil-eaconamais, agus tha dlùth-cheangailean aige ri daonn-eòlas agus teòirig poileataigeachd. B' e Auguste Comte a bha anns a' chiad duine a thug an t-ainm sociologie do dh'eòlas seo. Ann an Alba bha Patrick Geddes cudromach aig toiseach am 20mh linn.

Bha Vilfredo Pareto, Karl Marx agus Friedrich Engels a' measg na feallsanaich a stèidhich bun corpus litreachais do eòlas-comainn. Tha e cudthromach ri aithneachadh nach eil ceangal eadar Eòlas-comainn agus an creideamh poilitigeach stèidhichte air teòirig poilteataigeachd de Marx don b' ainm Co-mhaoineas.




#Article 475: Cros-dhàn (118 words)


'S e seòrsa dàn a th' ann an cros-dhàn neo tarsnachan (acrostic) air a dhèanamh air chor is gun dèan a' chiad litir anns gach sreath suas aon fhacal neo barrachd.

Nochd eisimpleir le Màiri Nic Ealair anns A' Ghàidheal leis an tiotal 'Rann-Callainn do'n Ghàidheal'  far a bheil ciad litrichean nan sreath a' dèanamh nam facal, 'An latha chi 's nach fhaic, a Ghaidheil'. Thòisich an dàn leis an t-sreath seo:

An latha chi 's nach fhaic, a Ghaidheil,

Na h-uile la 'measg chairdean baigheil,

Lan do shonas cliùmhor, buadhmhor,

Ag ùrachadh d' oige gu snuadhmhor;

Tional meala as na bruachan —

H-uile 'meas tha 'n gleann 's an cruachan;

A' tighinn le d' mhaileid gu loinneil




#Article 476: Reul (109 words)


Tha reul 'na chruinne mòr dealrach de phlasma, 'ga chumail còmhla le comas iom-tharraing. 'S e a' Ghrian an reul as fhaisge air an Talmhainn.

Chithear reultan eile o uachdar na Talamhainn cuideachd air an oidhche mur eil rudan mar neòil ann agus tha coltas puingean beaga dealrach orra leis an astar a tha eadar sinne 's iadsan. Bhathar a' cruinneachadh nam buidhnean as cudromaiche de reultan ann an reul-bhadan gu eachdraidheil agus thugadh ainmean air an fheadhainn as fhollaisiche.

Bellatrix  Kappa Orionis - Fadag Ard ⁊ Fadag Iosal 

Deneb  Altair - Leisgeag Àrd ⁊ Leisgeag Iosal 

Hercules - Ceilteach (Iorcall)

Polaris - a' Bharr-reult, an Reul-iuil, a' Chailin




#Article 477: Aimearaga a Tuath (125 words)


'S e Aimearaga a Tuath mòr-roinn, aon de seachdnar, agus pàirt na h-Aimearagan. Tha i air a dhealachadh bho Aimearaga a Deas tro tairbeart caol, mu thimcheall Panama is Colombia. Tha an Cuan Siar gu taobh an ear agus an Cuan Sèimh air an taobh-a-siar. A bharrachd, tha an Cuan Argtach mu thuath, le Bàgh Hudson a' dol a-staigh, agus a' Mhuir Charaibeach air an earra-dheas.

Seo taghadh de na dùthchannan ann, airson fir eile, faic Aimearaga Mheadhanach. Tha Meagsago còmhla gu tric.

Seo taghadh den dùthchannan ann, airson liosta gu lèir, faic an Roinn Charaibeach. Tha na h-eileanan Greater Antilles agus na Lesser Antilles nan laighe anns a' Mhuir Chraibeach. Tha dùthchannan air an oirthir a tuath de Aimearaga a Deas còmhla gu tric.




#Article 478: Aimearaga a Deas (159 words)


'S e mòr-roinn a th' ann an Aimearaga a Deas , aon de na seachd mòr-roinnean, agus 's e pàirt de na h-Aimearagan. Tha an Cuan Siar air taobh an ear, agus an Cuan Sèimh air an taobh an iar, agus tha am Muir Caraibeach air an oirthir a tuath. Ged a tha Aimearaga Mheadhanach ann an Aimearaga a Tuath, san fhirinn, gu tric tha e cruinnichte le Aimearaga a Deas air sgàth gu bheil iad ann an Aimearaga Laideannach còmhla. 

'S e Spàinntis a tha aig a' mhòrchuid ann an Aimearaga a Deas, ach tha Braisil a' cleachdadh Portagailis (a tha gu math càirdeil ris), agus gheibhear cànanan eile ann: cànanan Eòrpach mar Beurla, Fraingis is Duitseis, agus mòran cànanan tùsach. Ged a tha an àireamh de chànanan tùsach gu math àrd, chan eil ach dà neo trì aig a bheil mòran luchd-bruidhinn ann fhathast - Quechua (cànan Incach) is Guaranaidh (cànan oifigeil ann am Paraguaidh, agus làidir) 




#Article 479: Himnusz (223 words)


'S e Himnusz an laoidh nàiseanta a tha aig an Ungair.

Isten, áldd meg a magyart

Jó kedvvel, bőséggel,

Nyújts feléje védő kart,

Ha küzd ellenséggel;

Bal sors akit régen tép,

Hozz rá víg esztendőt,

Megbűnhődte már e nép

A múltat s jövendőt!

Őseinket felhozád

Kárpát szent bércére,

Általad nyert szép hazát

Bendegúznak vére.

S merre zúgnak habjai

Tiszának, Dunának,

Árpád hős magzatjai

Felvirágozának.

Értünk Kunság mezein

Ért kalászt lengettél,

Tokaj szőlővesszein

Nektárt csepegtettél.

Zászlónk gyakran plántálád

Vad török sáncára,

S nyögte Mátyás bús hadát

Bécsnek büszke vára.

Hajh, de bűneink miatt

Gyúlt harag kebledben,

S elsújtád villámidat

Dörgő fellegedben,

Most rabló mongol nyilát

Zúgattad felettünk,

Majd töröktől rabigát

Vállainkra vettünk.

Hányszor zengett ajkain

Ozman vad népének

Vert hadunk csonthalmain

Győzedelmi ének!

Hányszor támadt tenfiad

Szép hazám, kebledre,

S lettél magzatod miatt

Magzatod hamvvedre!

Bújt az üldözött, s felé

Kard nyúlt barlangjában,

Szerte nézett s nem lelé

Honját e hazában,

Bércre hág és völgybe száll,

Bú s kétség mellette,

Vérözön lábainál,

S lángtenger fölette.

Vár állott, most kőhalom,

Kedv s öröm röpkedtek,

Halálhörgés, siralom

Zajlik már helyettek.

S ah, szabadság nem virul

A holtnak véréből,

Kínzó rabság könnye hull

Árvák hő szeméből!

Szánd meg Isten a magyart

Kit vészek hányának,

Nyújts feléje védő kart

Tengerén kínjának.

Bal sors akit régen tép,

Hozz rá víg esztendőt,

Megbűnhődte már e nép

A múltat s jövendőt!




#Article 480: Sgoil MhicNeacail (163 words)


'S e àrd-sgoil ann an Steornabhagh a tha ann an Sgoil MhicNeacail.  Tha e a' libhrigeadh foghlam àrd-sgoile eadar AS1 agus AS6 do Leòdhas.  

'S e facal-suaicheantais na sgoile  Sequamur, a' ciallachadh 'Leanamaid'. 

Tha ceithir roinnean, no 'taighean' ann dha na sgoilearan: Addison, Foirbeis, Gibson, MacRath agus Sutharlan. Chaidh an ainmeachadh air seann cheannardan na sgoile.

Chuireadh air bhonn i le airgead bho Alasdair Moireasdan MacNeacail. B' e innleadair a bh' ann aig an robh gnìomhachas ann an Shanghai a' togail long. Nuair a chaochail e, dh'fhàg e airgead na thiomnadh ag ràdh gun robh e an dòchas gun dèan mi feum air chor-eigin do chloinn mo sheann eòlaich. 'S e a rinn a bhràithrean sgoil ùr a thogail ann an Steòrnabhagh. 

Chaidh an Sgoil fhosgladh air 27 Gearran 1873. Bha 105 sgoilear innte.

Gu ruige sin, bha ceithir sgoiltean eile anns a' bhaile: dhà le Sir Seumas MacMhathain, tè le Eaglais na h-Alba agus tè leis an Eaglais Shaoir.

Ceannardan na Sgoile




#Article 481: Coinneach Mac an Tòisich (147 words)


'S e neach-poileataigs à Alba a tha ann an Coinneach Mac an Tòisich BPA (Beurla: Ken Macintosh). Rugadh e san 15 am Faoilleach 1962 ann an Inbhir Nis is dh'ionnsaich e eachdraidh aig Oilthigh Dhùn Èideann. Mus robh e sa Phàrlamaid, bha e na riochdaire telebhisein don BBC.
Bha e na bhall Pàrlamaid na h-Alba airson A' Choille Shear don Phàrtaidh Làbarach gu ruige Taghadh Albannach 2016 nuair a chaill e a sheat agus bha e air thaghadh mar bhall-liosta airson Alba an Iar.
Thaghadh e mar oifigear-riaghlaidh na Phàrlamaid an dèidh don Taghadh Albannach 2016 nuair a leig Tricia Màrabhaig dhith a dreuchd. Ged a tha e na bhall Pàrtaidh Làbarach na h-Alba, mar oifigear-riaghlaidh cha urrainn dha bhòtadh leis a phàrtaidh.

Bha athair, Fearchar Mac an Tòisich nach maireann, cudromach ann am foghlam Gàidhlig is bha e na chathraiche Bùird Urrasairean an t-Sabhail Mòr Ostaig.




#Article 482: NASA (165 words)


'S e NASA (an National Aeronautics and Space Administration — An Rianachas Nàiseanta Adhar-eòlas agus Fànais), a' bhuidheann Ameireaganach le dleasdanas airson a' phrògraim phoblaich fànais agus rannsachadh ro-innleachdail ann an adhar-teicneòlas.

Bha mòran tionnsgnaidhean ainmeil aig NASA, a' gabhail a-staigh a' Phrògram Apollo, a chuir daoine air a' ghealach, an spàl-fànais, am prosbaig-fànais Hubble, agus na tionnsgnaidhean Ares (an soitheach dìridh) agus Orion (an soitheach shiubhail), a leasachas soitheach-fànais ùr an àite an spàl-fhànais a thèid a thaobh ann an 2010.

Tha prìomh-àros NASA ann an Washington, D.C.

Tha 16 ionadan eile aig NASA, air feadh nan Stàitean Aonaichte. Am measg nan ionad fànas, tha Marshall Space Flight Center ann an Alabama, far an tèid rocaidean a thogail; Kennedy Space Center, ann am Florida, an t-ionad deiridh, agus Johnson Space Center ann an Texas, far an tèid na speuradairean a dh'àrachadh.

Bithidh miseanan neo-dhaonna air an riaghlachadh aig an JPL (Jet Propulsion Laboratory), ann am Pasadena, California.

Is iad na h-ionadan rannsachaidh as cudromaiche:




#Article 483: Cruinneadaireachd (545 words)


Tha ceàrn co-chruinnein ann aig trasnadh dà phrìomh-chearcaill. Thèid mìneachadh air a dhèanamh air mar a leanas.

Beachdaich air na dà phrìomh-chearcall PA agus PB a tha a’ trasnadh aig a’ phuing P. Sgrìobh beantanan PS agus PT don dà phrìomh-chearcall fa leth. Tha PT ceart-cheàrnach do radius MP a’ phrìomh-chearcaill PB agus mar a tha e anns an raon PMB ’s ann a tha e co-shìnte ris an radius MB. Mar an ceudna tha PS co-shìnte ri MA. Tha an ceàrn SPT a’ dèanamh mìneachadh air a’ cheàrn co-chruinnein APB eadar na dà phrìomh-chearcall, agus tha seo agus an ceàrn AMB co-ionnan.

Ma tha trì puingean air uachdar cruinne, faodar dà leth a dhèanamh air a’ chruinne ’s gum bi na trì puingean air an aon leth-chruinne. Ma tha na trì puingean seo air an ceangal le arcan phrìomh-chearcall ’s e triantan co-chruinnein a th’ ann. Anns an diagram, tha AB, BC agus CA na trì taobhan den triantan cho-chruinnein ABC. Tha faide arc a’ phrìomh-chearcaill BC:

far a bheil r a’ comharrachadh radius na cruinne, agus na ceàrnan air an tomhas le raidianan. Chionns gu bheil r cunbhalach, tha e uaireannan nas goireasaich faide arc a’ phrìomh-chearcaill a thomhas leis a’ cheàrn a nì e aig meadhan na cruinne. Mas e 60° a tha an ceàrn BMC , ’s e 60° a tha faide arc BC.

Biodh ABC na triantan co-chruinnein, agus biodh A, B agus C nan ceàrn co-chruinnein aig gach gob. 

Faodar a bheachdachadh air an t-saoghal airson adhbhair ghnìomhaich mar gum biodh e co-chruinnein. Tha e a’ cuartachadh mu thrast-thomhas TD far a bheil T aig a’ Phòl a Tuath agus D aig a’ Phòl a Deas. ’S e an crios-meadhain, no meadhan-chearcall na talmhainn, prìomh-chearcall nam pòlaichean seo. 

Tha feum air dara co-chomharra gus àite sam bith a lorg air loidhne an domhan-fhaid. Tha na cearcallan beaga co-phòlarach nas freagarraich agus iadsan co-shìnte ris a’ chrios-meadhain. Tha suidheachadh cearcaill bhig air a sheulachadh gu h-iomlan le faide arc air an domhan-loidhne eadar an cearcall beag agus an crios-mheadhain. Mar eisimpleir, tha puing A air a’ chearcall bheag AB a tha astar AK (no BL) bhon chrios-mheadhain. ’S e seo an ceàrn KMA (no LMB) agus ’s e domhan-leud a theirear ris. Tha domhan-leud air a thomhas bho 0° gu 90° tuath (no deas) air a’ chrios-mheadhain.

Chionns gu bheil radius na talmhainn mu 6,380 km (aig a’ chrios-mheadhain), ’s ann mu thimcheall 100 km a tha astar arc 1°.  Tha puing ceàirn air a roinn na 60 mionaidean agus gach mionaid air a roinn na 60 diog. Nam biodh feum ann ach an dealachadh a dhèanamh eadar mionaidean arc agus mionaidean uarach, theireadh arc-mhionaid agus arc-dhiog ris. ’S ann mu thimcheall 30 m a tha astar arc-dhiog. Thathar a’ lorg àite sam bith air an talamh gu h-eagnaidh, mar eisimpleir:

far a bheil  ′  agus ″  a’ comharrachadh mhionaidean agus dhiogan, agus I, E, T no D a’ comharrachadh iar/ear air Greenwich agus tuath/deas air a’ chrios-mheadhain.

Biodh ABC na triantan co-chruinnein, agus biodh A, B agus C nan ceàrn co-chruinnein aig gach gob an triantain. Biodh a, b agus c nam faide arc mu choinneimh nan ceàrnan A, B agus C fa leth. Gabhar a dhearbhadh gu bheil:

	




#Article 484: Loidig mhatamataigeach (132 words)


Tha loidig mhatamataigeach) 'na fho-chuspair matamataig a bhuineas ri siostaman foirmeil agus mar a tha iad a’ cur rian air bun-bheachdan imfhiosach de chuspairean matamataig, mar tha àlaichean, àireamhan, dearbhaidhean agus giollachd fiosrachaidh. Tha ceithir fo-roinnean ann: teòiridh àlach, teòiridh ath-fhillidh, teòiridh dhearbhaidh agus teòiridh shamhailean.

Thoir an aire nach eil loidig matamataigs a th' ann ach loidig mhatamataigeach. Chan ann ach na roinnean loidig aig a tha tuairisgeul foirmeil matamataigeach.

Aig a bhunait, ’s e loidig Aristotle a th’ ann ged tha cruth ailseabra eas-chruthach air an-diugh. B' e George Boole agus Augustus De Morgan anns an Naoidheamh Linn Deug a chuir am follais dòigh òrdail matamataigeach airson loidig a mheasadh. Thàinig à seo inneal ùr a bha iomchaidh airson bun-bheachdan matamataig a rannsachadh, agus feallsanachd matamataig a shoilleireachadh gu mòr.




#Article 485: Tì (911 words)


Tha tì neo teatha na deoch bhrodach a gheibhear bho bhith a' tarraing duilleagan an luis Camellia sinensis fhèin. Tha na duilleagan teatha air an tiormachadh agus gu tric air an ocsaideachadh ro làimh. Gabhaidh na duilleagan tioram a tarraing no a masgadh ann an uisge, mar as trice, uisge teth no uisge goileach a-rèir dè an gnè theatha a th' ann. Faodaidh eadhon uisge fuar no meadh-bhlàth a chleachdadh ach bheir i ùine gu leòr mus tarraing an teatha.

'S i teatha an deoch as motha a dh' òlar san t-saoghal an dèidh uisge agus 's iomadh seorsa a tha ann le caochladh bhlas is bholaidh a gheibhear air an lus Camellia sinensis a-rèir mar a thèid a ghiollachd. Canar tì mar an ceudna ri deochannan anns nach eil Camellia sinensis ga chleachdadh. Gheibhear tì ùbhlan, tì mheasan, tì eòrna agus mar sin air aghaidh. Òlar teathannan luibheach aig nach eil ceangal sam bith ris an luis Camellia sinensis, ach a tha air an tarraing air lusan àraidh.

'S iad na ceithir seorsaichean de theatha as motha a th' air an òl air feadh an t-saoghail ach tì dhubh, tì uaine, tì oolong agus tì gheal. Gabhaidh na h-uile dhiubh a dhèanamh air an aon gnè de phreas, le diofraichean ann an dòighean giollachd 's àiteachaidh.

Tha am preas seo gach àm uaine. Tha e a' giùlan fras mu mheudachd spiligein peasrach, bho bheil am preas a' fàs. Is ann air an deisear as fheàrr a chinneas iad.

Is ainmig a tha am preas seo, a tha cosmhail ri seòrsa ròide, a' cinntinn nas àirde na dris nan ròs, no mar as motha, sia no seachd troighean air àirde.

Is minig a shuidhichear e na shreathan, mu thuaiream trì no ceithir de throighean bho chèile. Tha an duilleach as motha mu dhà òirleach air fad, agus a h-aon air leud; tha iad a' fàs caol nam barr, mar dhuilleach dris nan ròs.

A rèir seann iris-naidheachd Ghàidhlig, b' iad muinntir Shìona leis a bu mheasail òl na teatha ann an 1894, ach b' iad muinntir Bhreatainn san dara àite aig an àm sin. Aig toiseach a' bhliadhna 1894, bha cuid de fhir-pàrlamaid Bhreatainn airson nach biodh de chìs air an tì idir. Aig an àm sin, bha dà cheud is deich millean punnd (210 000 000) tì air òl am Breatainn gach bliadhna, agus bha ceithir sgillinnean am punnd de chìs oirre. Chailleadh an Riaghaltas trì millean gu leth not Sasannach sa bhliadhna nan toireadh a' chìs sin dhith.

A' Chiad Tional

Tha a’ chiad chuid gan tional sa Mhàrt, nuair nach eil ach beagan duillich air fàs air a’ phreas, agus gun ach latha no dhà a dh' aois. Anns an àm seo, chan eil iad ach beag, uaine, agus maoth ach thathar a’ meas gur e seo gnè as fheàrr, agus le an ro fheabhas, bha iad aig aon àm air an gleidheadh fa chomhair rìghrean agus dhaoine mòra; agus airson sin, theirear Teatha rìoghail rithe ann an Sìona.

Ann an Iapan, tha iad air an trusadh leis an fhaicill as motha, agus cha bheir iad oirre nan làmhan gun làmhan grinne bhi umpa. 

Tha iad a' meas gur ann a tha an dath uaine aig an t-seòrsa Tì seo ag èirigh bhon àm sam buainear an duilleach, cosmhail ri meas an-abaich, a tha mar as trice uaine agus geur sa bhlas.

An Dara Tional

Tha an dara tional air a dhèanamh mu dheireadh a’ Mhàirt: tha na duilleagan san àm seo mòr, gun a bheag de am fàileadh cùbhraidh a chall; ach tha mùthadh eadar an abaichead, cuid air teachd chum an làn chinneis, agus cuid nach eil. Ach tha iad air an tional feadh a chèile, 's a-rithist air an sònrachadh a rèir am buaidhean fa leth; agus na duilleagan as fheàrr air an reic fo ainm an t-seòrsa rìoghail ann an Sìona.

An Treas Tional

Tha an treas tional a' tachairt ann am Mìos meadhanach an t-Samhraidh, nuair a tha na duilleagan air teachd chun an làn mheudachd. 'S e seo an cruinneachadh as tomadaich, ach chan eil an Tì cho math. An dèidh dhaibh na duilleagan a chruinneachadh, tha iad air an toirt do na taighean caoineachaidh, chum an ullachadh fa chomhair feum.

Sìona

Anns an t-seann aimsir ann an Sìona, chaidh na taighean-caoineachaidh a thogail air chosgais na rìoghachd, agus dh'fhaodadh gach neach, aig nach robh cothrom air a dhèanamh aig a thaigh fhèin, a chuid Tì a thoirt do aon de na taighean-caoineachaidh, agus a tiormachadh ann; 's nuair a bha i gu tioram, làn uidheamaichte, bha iad an sin gan cur ann an cisteachan lìnigte le luaidhe thana, agus gan cur air falbh don Roinn-Eòrpa.

Nuair a bha a' chiad tional den Tì thaghta seo air cruinneachadh ann, bhite a' cur fo fhreiceadan làidir i chum an Iompaire, agus rachadh a gleidheadh fa chomhair teaghlach an Ìompaire.

An Roinn-Eòrpa 

Thachair don Tì mar thachair do an tombaca, a' leigeadh ris a’ bhuaidh a th' aig cleachdadh air a chinne-dhaonna. Mu thuaiream trì cheud bliadhna ron àm seo, cha robh aon chuid diubh aig muinntir na h-Eòrpa; ach an-diugh is tearc duine leis nach annsachd an Tì.

'S ann anns a' bhliadhna 1610 a thàinig a' chiad Tì don Roinn-Eòrpa, agus 's iad na Duitsich a thug ann i. Anns a’ bhliadhna 1666 chosg aon phunnd dhi ann an Lunnainn trì puinnd Shasannach, agus mhair i aig an luach sin gu 1707.




#Article 486: Ailseabra (517 words)


Tha co-aontar loidhneach den riochd:

far a bheil a0, a1, a2, ..., an cunbhalach agus tha x1, x 2, ..., xn rim faotainn. Tha e loidhneach chionns gur e co-aontar loidhne dìrich a tha:

agus ’s e loidhne dhìreach ann an spàs n-sheallach a tha:

Tha ailseabra inntrigidh a’ dèiligeadh ri àireamhan – eileamaidean de dh’ àlach àireamh. ’S e ailseabra easchruthach leudachadh nam bun-smuaintean seo do dh’ àlaichean as coitchinne. Le bhith a’ suidheachadh feartan agus riaghailtean a tha a’ buntainn ri àlach eileamaidean sam bith, bithidh iad iomchaidh cuideachd do bheactaran, do mhachlagan, do dh’ iol-teirmich, agus an leithid.

Thathar a’ leudachadh air bun-bheachdan cur-ris agus iomadachaidh gus obrachadh càraideach a dhealbhadh. ’S e seo obrachadh coitcheann air dà eileamaid àlaich a bheireas aon eileamaid den aon àlach. Canar obrachadh dùinte ri seo. Bhiodh an t-obrachadh fosgailte mur eil buil an obrachaidh den aon àlach, ach thathar a’ gabhail ris gu bheil obrachadh càraideach dùinte. ’S e obrachadh càraideach a th’ anns a’ chur-ris agus e a’ dèanamh 8 bho na h-àireamhan 5 agus 3; mar an ceudna ’s e obrachadh càraideach eile a th’ anns an iomadachadh agus e a’ dèanamh 15 bhuapa.

Le obrachadh càraideach, faodaidh bhith ann aon eileamaid den àlach nach atharraich eileamaid eile. Mar eisimpleir, biodh A na àlach agus biodh * na obrachadh càraideach air. Biodh a agus e nam buill den àlach (.i. a, e ∈ A). Ma tha:

às leth gach a às an àlach (.i. ∀ a ∈ A), ’s e an eileamaid ionnanachd a th’ ann an e. ’S e neoni an eileamaid ionnanachd le cur-ris nan àireamhan, agus a h-aon an eileamaid ionnanachd le iomadachadh.

Ma tha eileamaid b ann, aig gach a às an àlach, far a bheil:

agus e na h-eileamaid ionnanachd mar os cionn, ’s e eileamaidean iom-thionndaidh a tha a agus b. ’S e −x an eileamaid iom-thionndaidh aig x anns a’ chur-ris, agus ’s e 1/x anns an iomadachadh.

Faodaidh obrachadh càraideach a’ cumail ris an lagh cho-thiomsach. Mas fìor seo, cha toir òrdugh obrachaidh buaidh air a’ bhuil. ’S e seo gu bheil:

Faodaidh e cumail ris an lagh cho-iomlaideach, far a bheil:

agus cha toir òrdugh nan eileamaidean buaidh air a’ bhuil.

Ma tha an t-obrachadh co-iomlaideach cuideachd, ’s e grùpa aibèalach a th’ ann.

Mar eisimpleir, ’s e grùpa a tha àlach nan slàn-àireamhan fon obrachadh cur-ris. Tha e dùinte chionns gur e slàn-àireamh a tha buil cur-ris, ’s e neoni an eileamaid ionnanachd, ’s e na h-àireamhan àicheil na h-eileamaidean iom-thionndaidh, agus tha cur-ris a’ cumail ris an lagh cho-thiomsach.

Ma tha dà obrachadh càraideach aig grùpa, fear suimidh ( + ) agus fear iomadachaidh ( × ), ’s e fàinne a chanar ris: 

Chan eil e riatanach gum bi eileamaid ionnannachd, no eileamaidean iom-thionndaidh aig an obrachadh iomadachaidh. ’S e sin ri ràdh, ged tha obrachadh iomadachaidh ann chan eil obrachadh roinnidh ann. Tha na slàn-àireamhan nan eisimpleir fàinne far nach eil roinneadh na h-obrachadh càraideach chionns gu bheil i fosgailte.

Gheibhear barrachd fiosrachaidh bho theòiridh ghrùpaichean, bho theòiridh fhàinneachan, agus bho theòiridh raointean.




#Article 487: A' Mhanachainn (157 words)


'S e baile faisg air Inbhir Nis a th' anns a' Mhanachainn. 'S e Beauly an t-ainm Beurla a th' air, ainm a thàinig bho Fhraingis Beau Lieu is a' ciallachadh àite àlainn ann an Gàidhlig.. Canar Am Beul Atha sa Ghàidhlig cuideachd.

Bha manaich a' fuireach ann anns an t-seann aimsir agus 's ann air sgàth sin gur e a' Mhanachainn ainm a' bhaile.

B' e Manachainn Mhic Shimidh an t-ainm làn a bha air a' bhaile, agus thugadh ainm Manachainn nan Lios air cuideachd.

Tha sgioba iomain math, a' Mhanachainn, aig a' bhaile agus tha nàimhdeas blàth eadar a' Mhanachainn agus Lobhat.  Bidh an geama eatarra aig a' Bhliadhn' Ùir a' tarraing faisg air mìle duine.

Tha an fhéis fìdhleireachd Blazin' in Beauly a' gabhail àite sa bhaile gach bliadhna bho na thòisich i ann an 2001.

Tha stèisean rèile aig a' bhaile. Tha meadhan a' bhaile, eadar High Street agus Riverside Road, na raoin-ghlèidhteachais.




#Article 488: Pàrtaidh Sòisealach na h-Alba (205 words)


Tha Pàrtaidh Sòisealach na h-Alba na phàrtaidh poileatagach ann an Alba. Tha PSA a' seasamh airson Alba neo-eisimeileach sòisealach a dhèanamh mar pàirt na shabaid air feadh an t-saoghal an aghaidh calpachais. Tha am pàrtaidh an sàs anns na h-iomairtean ionadail, nàiseanta agus eadar-nàiseanta an aghaidh gabhail-brath agus eu-ceartais.Tha freumhan aig Pàrtaidh Sòisealach na h-Alba air an taobh chlì den seann pàrtaidh Làboraich.

Chaidh am pàrtaidh a stèidheachadh mar toradh dhan cìs-ceanna a chuir an Riaghaltas aig Margaret Thatcher air Alba an 1988. Bha beachd làidir an Alba gun robh mi-cheartas anns an nos-cise seo, o chionn 's gu robh e a' cur eallach nas truime air daoine bochda na air daoine beartach. Chuir mòran daoine an aghaidh agus dhiùlt cuid am pàigheadh ('s a' chiad dol a-mach co-dhiù). Is ann a' Phollokshields an Glaschu a nochd an diùltadh as làidir, fo cheannard Tómas Sheridan a bha fada ri taobh chlì a' phartaidh Làboraich, choisinn e cliù air sgath a làidiread 's an stri shiud, a dh'adhbharaich 's na bliadhnaichean as deidh guth polataigeach (fo bratach a' phartaidh a stèidhich e) ri na daoine as na sgìrean bu mhìosail an Alba.

Airson nan taghaidhean 2016 tha AM PPA na phàirt RISE, caidreachas na làimhe chlì.




#Article 489: Coireall na cìche-shluagain (281 words)


Tha an coireall na cìche-slugain 'na sheòrsa na connraige, air chleachdadh ann an roinn nan cànanan air bhruidhinn. Tha , R beag, an samhla san Aibidil Eadar-nàiseanta Fogharach gu bheil a' comharradh an fuaim seo. Tha R an samhla na X-SAMPA. Tha a' chonnrag seo aon nan roinn gur air chantainn ris an R sgòrnanach. 

Feartan an coirill na cìche-slugain:

Tha ainneamh an coireall na cìche-slugain a-muigh na Roinn-Eòrpa. Tachraidh e ann an roinn nan seòrsaichean an Abchansaise agus ann an Eabhra Aisceanasaidheach. Ann an Lakotais, tha an coireall na cìche-slugain fuaim eugsamhail an suathaidh air labhairt na cìche-slugain, air chleachdadh ro /i/.

Air an Roinn-Eòrpa, tha e a' nochdadh gun do thòisich e 'san Fhraing, à far an sgaoil e ri Gearmailtis choitcheann, a' chuid as motha nan dual-chainntean na Gearmailtise, roinn nan dual-chainntean na h-Òlaindis, roinn nan dual-chainntean Eadailtise a Tuath, agus na dual-chainntean Suainise a Deas agus Nirribhise a Deas. Ann am cuid an àite seo, tha e o chionn air a choisinn suathadh na cìche-slugain fuaim eugsamhail, a tha air ghabhail os làimh gu h-iomlan ann an Olaindis choitcheann agus Danmhairgis. Tachraidh e cuideachd am measg nan luchd-labhairt de cànanan eile, nuair bidh liotachd aig daoine gun nì a' fuaimneachadh an coireall còsagail nas fheàrr doirbh no neo-chomasach (ged tha seo leasaichte gu tric le obair-lèighe bheag no teagasg). 'S dòcha tha Lenin 'na Ruiseanach as ainmeile a chleachdadh an coireall na cìche-slugain.

'S e fìor-ainneamh airson cànanan a chur tuilleadh na aon coireall taobh ri taobh. Ge tà, cuiridh fileantaich nas sine na nan dual-chainntean an Ear Ocsiteanaise an coireall na cìche-slugain agus an coireall còsagail taobh ri taobh, mar eisimpleir ann an  slàn agus  darach.




#Article 490: An Ruis (127 words)


 
'S e an dùthaich as motha san t-saoghal a tha san Ruis  neo Ruisia  
(Beurla Russia (Ruisia); Ruiseis: Росси́я, eadar-litreachadh: Rossiya neo Rossija). 'S e An Caidreachas Ruiseanach gu h-oifigeil (Ruiseis: Росси́йская Федера́ция, eadar-litreachadh Rossiyskaya Federatsiya no Rossijskaja Federacija).

'B e Aonadh Sobhiat an seann ainm a bha air an dùthaich ro 1991. 

'S e Ruisis an cànan oifigeil, a bhruidhneas san dùthaich air fad. Cleachdar an Aibidil Cirilleach. Ach tha 27 cànanan oifigeil eile ann, tha sin a' crochadh air an roinn far a bheilear. 

Tha an cuid as motha na dùthcha na laighe ann an Àisia, ach tha pàirt ann, a tha ceangailte leis an Roinn-Eòrpa.

Tha mòran aibhnichean ann an Ruis. Tha lochan mòra ann cuideachd:

Seo liosta nam bailtean as motha na Ruise:




#Article 491: Brosnachadh Bhruis (563 words)


'S e fear de na laoidhean nàiseanta na h-Alba a tha ann am Brosnachadh Bhruis (Scots Wha Hae). Sgrìobh Raibeart Burns e anns a' bhliadhna 1793. 'S e An t-Urramach Aonghas Mac an t-Saoir a chuir a' Ghàidhlig seo air a' Bheurla Ghallta.

Threun', le Uallas, dh’fhuiling creuchd!Nis iarraibh bàs am blàr nam beum, 'S le Bruis chaidh dàn’ gu àr nan euchd! No buaidh gu treun san strì! 

Seo latha chruais—an uair tha làth’ir! Feuch feachd fo ’n cruaidh air cluan an àir! A teachd le ’n uaill gu buaireas blàir! A dhèanamh tràillean dhibh! 

Có thig do’n strì neo-dhìleas, claon? 
Có dhèanadh uaigh ach cluan an raoin? 
Có strìochdadh sìos gu dìblidh faoin 
Air cùl nan claon-fhear clì? 

Có 'n càs an rìgh, a rìogh’chd ‘sa reachd, 
Bheir beum nan geur-lann treun an gleachd, 
Gu buaidh am blàr, no bàs ‘na bheachd, 
An gaisgeach leanadh mi 

Ar truaighe 's teinn, ar n-ainneirt chruaidh, 
'S ar sliochd an sàs nan tràillibh truagh’; 
O’ r cuislibh tràight’ air sgàth ar sluaigh, 
Thig saorsa bhuan le sìth 

Biodh uaibhrich sleucht’ fo ’r beuma bàis; 
Fear ainneirt dh’eug ‘nuair ghèillead nàmh, 
Tha saorsa fhéin am beum ur làmh 
'Nis buaidh no bàs san strì.

Nochd tionndadh Gàidhlig eile air an òran seo anns a' chiad iris de Mac-Talla; Cèitean 28, 1892; agus 's ann a thog iadsan e bhon Chasket ged a bha e gun ainm. Tha e air ainmeachadh anns an iris seo de Mhac-Talla, gun deach tionndadh Gàidhlig eile dheth a dhèanamh le An t-Urramach A. MacGillEathain Sinclair.

Ann An Gàidhlig

Albannaich a chaill ur fuil
Fo'n laoch Uallas is fo Bhrus,
Fàilt' do shuain ur bàis an-diugh,
No do bhuidhinn strì.
Feuch an latha, seo an uair,
Faicibh gnùis a bhlàir fo ghruaim,
Feachd righ Èideard teachd le uaill,
'S geimhlean cruaidhe dhuinn.

Cò bhiodh iudasach sa chath,
Cò 'n uaigh gealtair a bhiodh taisgt',
Cò a bhiodh na thraill fo smachd,
Teich gu grad 's na till.
Co as leth tir aird an fhraoich,
Thàirneas claidheamh treun na saors',
Le 'n fhearr bas na gèill' do h-aon,
Thig do'n raon leam fhèin.

Le gach truaighe fuaight' ri' daors',
Le cuing thruaillidh cloinn ar gaoil,
Dòirteamaid ar fuil na taom,
Ach sàr shaor bidh sinn. 
Sgriosaibh na Sr-foirnidh dhan,
Tuitidh aintighearna 's gach nàmh,
Anns gach beum tha saors' an aigh,
Buaidh no bas biodh leinn!

Tionndadh eile air a nochd ann am , Iuchar 16, 1892. Rinneadh le fear no tè à Àrasaig e ann an 1892.

(Eadar-theangaichte o 'n Bheurla.)

'S tric fo Bhrus bha 'n cogadh cruaidh,
Fàilte dhuibh gu fois na h-uaigh,
No gu buaidh is sìth.

Seo an latha—an uair seo tha,
Feuch fo'n cruaidh a-nuas mar sgail,
Feachd na h-uaill fo Ionbhar dan,
Dhèanamh thràillean dinn.

Cò na shlaightear, feallta, fuar?
Cò na ghealtair dh'iarradh uaigh?
Cò na thraill fo shail luchd-fuath?
Clis bi bhuam fhir-chlith.

Co as leth a Thìr, sa Coir
Thàirneas stàillinn chruaidh na dhorn?
Buaidh an aird, no bas le glòir!
Lean a dheòin do Righ.

Air ar bruid fo shluagh neo-chaomh,
Air bhur n' al an sas san daors,
Tràighidh sinn ar fuil 's an raon,
Bheir sinn saors' d' ar linn.

Sìos na coimhich bhorb gur bas!
'Streath gun iochd - gach ceann thig bhàin,
Saorsa thig an lorg gach stràic.
Buaidh no- bas ma'n till.

S. A.
Arasaig, 1892.




#Article 492: Inbhir Pheofharain (2070 words)


Bho Linn Deigh mu dheireadh suas gu mu 500ÀC, bha an làrach far a bheil Inbhir Pheofharain air a shuidheachadh na pàirt dhe bhoglach làn-mara. Thàinig an abhainn Pheofharain gu crìoch far a bheil Srath Pheofharain air a shuidheachadh agus bha Inbhir Pheofharain fon uisge bhon Tulach air an taobh tuath gu Baile a' Ghlasaich air an taobh deas agus bho Millnain, trì mìle air falbh bho Inbhir Pheofharain, air an taobh an iar dha Linne Crombaigh air an taobh an ear.

An dèidh 500ÀC, thòisich an làrach a thiormachadh agus thòisich na Cruithnich bho Bhaile a' Ghlasaich agus an sluagh bhon Tulach a' fuireach air. Chuir iad an t-ainm Inverfheoran air a’ bhaile neo Inverferan mar a chleachd an Eaglais. Bha ainm eile air a' bhaile cuideachd agus 's e Baile Chàil a bh' ann, air sgàth 's gun robh tòrr phòran a' cuairteachadh a' bhaile. Tha fianais fhathast anns an Eaglais Parraist gun robh na Cruithnich a' fuireach ann an Inbhir Pheofharain far a bheil Clach Chruithneach dhen 1d chlas ann.

Bhon an 6mh linn bha Inbhir Pheofharain fo smachd na Maormores a bha coltach ri Rìghrean na h-Alba. Tha dà Mhaormores uabhasach ainmeil fhathast ’s e sin Finlaec agus a mhac MacBheatha. Chan eil fianais aig duine sam bith nan rugadh MacBheatha ann an Inbhir Pheofharain, ach tha fianais aig luchd-eachdraidh gun robh Finlaec a’ fuireach anns a’ bhaile nuair a rugadh MacBheatha. Cuideachd tha fianais gun robh MacBheatha a’ fuireach ann an Inbhir Pheofharain nuair a bha e òg agus mus robh e na Rìgh air Alba.

An dèidh nam Maormores thug na Gàidheil smachd air Inbhir Pheofharain nuair a thàinig iad gu Alba bho Èirinn. Aig an àm sin b' e Inbhir Pheofharain an t-àite a b' fhaide anns an taobh tuath a bha fo smachd nan Gàidheal, agus na h-àiteachan eile anns an taobh tuath fo smachd nan Lochlannach. Bha tòrr sabaid aig Inbhir Pheofharain air sgàth ’s gun robh e uabhasach math mar àite airson faighinn tron a’ Ghàidhealtachd; cuideachd, thug na Lochlannaich ionnsaigh air Inbhir Pheofharain gu tric. Mu 1030, thàinig na Lochlannaich gu Inbhir Pheofharain a’ leantainn Thorfinn; bha blàr beag ann: ’s e am “Battle of Torfness” a bh’ ann. Bhuannaich Thorfinn agus an armailt aige agus chuir e Inbhir Pheofharain, a chaisteil agus an talamh fo smachd. Bha am baile fo smachd Thorfinn airson an ath 37 bliadhna. Nuair a thug e smachd air a’ bhaile thòisich e seòrsa cùirt neo þing mar a chanas iad ann an Lochlannais agus chaidh an t-ainm Inbhir Pheofharain gu þingvollr a tha a’ ciallachadh “achadh na cùirte” ann an Lochlannais agus chaidh seo gu Dingwall. Mu 1200 thug rìghrean na h-Alba smachd maireannach air a' bhaile.

Ann an 1226 chaidh Inbhir Pheofharain na Bhorgh Rìoghail agus thug an Rìgh cead dhan bhaile malairt a dhèanamh tron t-saoghal. Tro na Cogaidhean Albannach bha Inbhir Pheofharain fo smachd Èideird I à Shasainn, ach bhuannaich Iarla Rois smachd air a’ bhaile airson Raibeart Bruis. A-rithist ann an 1314, thug Iarla Rois cuideachadh do Raibeart Bruis aig Blàr Allt a' Bhonnaich. Airson a’ chuideachaidh sin, thug Raibeart Brus Inbhir Pheofharain, a chaisteal agus an talamh dha Iarla Rois. Ann an 1411 dh’fheuch Aonghas, Tighearna nan Eilean, smachd a ghabhail air Inbhir Pheofharain air sgàth ’s gun robh e a’ feuchainn an tiotal Iarla Rois a ghabhail ach cha robh e soirbheachail. Co-dhiù, ann an 1438 chaidh Alexander, Tighearna nan Eilean, na Iarla Rois agus thòisich e a’ fuireach anns a’ bhaile. An dèidh Alexander thàinig a mhac an ath Iarla Rois ach cha robh e cho shoirbheachail air sgàth ’s gun do dh’fheuch e co-chòrdadh a dhèanamh le Rìgh Shasainn, Èideard IV, gus Crùn na h-Alba a ghabhail. Chuala Rìgh Seumas III na h-Alba mu dheidhinn seo agus thug e smachd air Inbhir Pheofharain agus air a h-uile rud a bh’ aig Iarla Rois. An dèidh sin ‘s e an dàrna mac aig an Rìgh a bha na Iarla Rois. Dh’fhàg an crùn Inbhir Pheofharain mu 1600 agus chaidh an caisteil na thobhta. Bha e ga chleachdadh mar dhoca suas gu 1817 nuair a sgrios e.

Ghluais an Riaghaltas ann an Inbhir Pheofharain gu Dùn Èideann agus dh’fhàg iad am baile leatha fhèin. Ann an 1707 ghluais an Riaghaltas a-rithist gu Lunnainn agus thug iad aon bhòt anns a’ phàrlamaid eadar na còig buirgh anns an taobh tuath, 's e Inbhir Pheofharain, Baile Dhubhthaich, Inbhir Ùige, Inbhir Theòrsa agus Baile na h-Eaglais a th’ annta. Anns an taghadh airson an riochdaire seo, bha Inbhir Pheofharain ainmeil airson airgead a ghabhail gus an bhòt aca atharrachadh. Ann an 1730 chleachd a’ chomhairle ann an Inbhir Pheofharain an t-airgead seo airson Talla a’ bhaile a thogail, agus ann an 1774 chleachd iad an t-airgead seo a-rithist gus an tur gleoc a chur air Talla a’ bhaile. Bha an gleoc an seo suas gu 1906 nuair a chaidh gleoc ùr a chur na àite. Chan eil seo ach aon dhe àireamh bheag dhe ghleocaichean mar seo a tha fhathast ag obair ann an Alba agus tha e 100 bliadhna a dh’aois a’ bhliadhna seo.

Roimh 1707 bha tòrr smachd air an t-siorrachd aig Clann Choinnich air sgàth ’s gun robh iad càirdeil ris a’ crùn. Ann an 1745 thug Iarla Chrombaigh neo Probhaist Inbhir Pheofharain Clann Choinnich gu Cùl Lodair a chuideachadh a' Phrionnsa ach cha bhuannaich iad am blàr. An-dèidh Cùl Lodair bha a’ chùirt anns a’ bhaile gu math cudromach airson cumail ris an dòigh ùir. Thàinig tòrr luchd-lagha gu Inbhir Pheofharain air sgàth 's gun robh a’ chùirt gu math trang agus bha tòrr airgid ri fhaighinn.

Eadar an ochdamh linn deug agus an naoidheamh linn deug thòisich a' tuathanachas ag atharrachadh agus bha tuathanachas malairteach na bu chumanta agus thàinig tòrr airgid gu Inbhir Pheofharain. Anns an naoidheamh linn deug chaidh rathaidean ùr a thogail le Thomas Telford agus bha Inbhir Pheofharain gu math trang. Thug an Rìgh an tiotal Baile Siorrachd air a’ bhaile ann an 1843.

Bha coinneamh aig a’ chomhairle ann an 1884 mu dheidhinn ionad margaidh a thogail agus chaidh a' chiad fèill-reic a chumail aig a’ mhart air an 5mh là dhen Lùnastal 1884. Ann an 1890 thàinig an rathad-iarainn dhan bhaile còmhla ris an ionad margaidh ur, agus ann an 1891 thòisich an ionad margaidh a' cumail fèill-reic gach seachdain.

Bha am mart fo smachd buidhnean diofraichte thairis air na bliadhnaichean ach ann an 1992 chaidh iad na aon chompanaidh, Dingwall Auction Mart Ltd, ach ann an 1995 chaidh sin na Dingwall  UA Partnership Ltd agus dhùin UA am mart aca ann an Inbhir Nis. Ann an 2000 chaidh UA a cheannach le Dingwall Auction Mart Ltd, agus ann an 2002 chaidh iad nan Dingwall  Highland Marts Ltd. Ann an 2003 dhùin iad am mart agus ghluais iad gu làrach ùr aig Humberston Farm air an taobh deas a’ bhaile agus thog Tesco bùth ùr air an t-seann làrach i.

Aig toiseach naoidheamh linn deug bha conaltradh le bailtean eile air feadh na Gàidhealtachd glè dhoirbh. Leasaich conaltradh nuair a thog Thomas Telford na rathaidean a’ dol gu Inbhir Pheofharain ach bha e fhathast glè dhoirbh airson bàtaichean bathair fhaighinn gu Inbhir Pheofharain. B’ àbhaist dhaibh stad aig Crombaigh agus chaidh am bathair a chur air bàtaichean mòr agus chaidh iad dhan tràigh aig Inbhir Pheofharain. An uair sin chaidh am bathair a chur gu Inbhir Pheofharain le carbadan. Rinn Thomas Telford, Henry Davidson agus Alexander MacKenzie na planaichean airson an clais-uisge agus dh’obraich iad air Clais-uisge na h-Alba cuideachd. Thòisich iad ga thogail anns a’ Ghiblean ochd ceud deug ‘s a sia deug agus bha iad deiseil ann am Mart ochd ceud deug ‘s seachd deug. Ach cha do dh’èist na clachairean ri Telford nuair a thuirt e gum biodh an clais-uisge làn le eabar ma bha an abhainn Pheofharain a’ dol troimhpe. Bha e ceart agus lìon an clais-uisge le eabar as dèidh ùine ghoirid, cha robh airgead gu leòr aig a’ chomhairle airson an clais-uisge a chumail agus chaidh a dùnadh ann an ochd ceud deug ‘s a ceathrad. Tha i ann fhathast an-diugh ach chan eil i ag obair.

Rugadh Eachann MacDhòmhnaill air an tritheamh là deug dhen Ghiblean ann an 1853 aig Rootfield, croit athar ann am Maol Buidhe faisg air Inbhir Pheofharain. Thogadh e an sin cuideachd ach dh’fhàs e sgìth dhen obair air a’ chroit agus chaidh e a dh’Inbhir Nis airson obair a fhaighinn.

Thòisich e ag obair leis an Royal Clan  Tartan Warehouse agus ghabh e a-mach ballrachd ann an companaidh marsantach, pàirt dhe na Highland Rifle Volunteers. Ann an 1870 ghabh e a-mach ballrachd san Naochadamh Gòrdan Gàidhealach 's a dhà agus chaidh e gu na h-Innseachan, Afghanastàn, Afraga a dheas agus an Sudàn na h-Èiphite agus chaidh e na Mhàidsear. Ann an 1900 chaidh e na Mhàidsear-seanalair nuair a chaidh e gu Afraga a dheas agus ann an 1901 thug an Rìgh an tiotal Mhàidsear-seanalair Sir Eachainn MacDhòmhnaill air.

Chaidh e gu Ceylon ann an 1902 ach cha robh na h-oifigearan eile a bha e còmhla ris toilichte gun robh iad ag obair còmhla ri mac croiteir agus ann an 1903, a rèir cuid luchd-eachdraidh chuir iad pìos anns a’ phàipear-naidheachd ag ràdh gun robh e co-ghnèitheach agus b’ toil leis companaidh le balach beag. Seo pìos dhen sgeulachd sin : -“Dearest Mab, Do you really mean to say that, besides your-self three ladies (all up country ones, too) were the only ones who went to see our new General arrive?... Then, dear, you know we heard a whispered rumour that he does not like ladies, and possibly may have been pleasently surprised when he had dropped on a spicy little Isle where ladies are far and few between.”—Times of Ceylon 1903.Chaidh an sgeulachd seo tro Ìompaireachd Bhreatannach agus bha tòrr dhaoine ag ràdh gun robh Eachainn co-ghnèitheach. Thàinig e air ais gu Breatainn airson cuideachadh a fhaighinn bhon Rìgh, ach cha robh an Rìgh deònach a’ toirt cuideachadh dha agus chuir e Eachainn air ais gu Ceylon far an robh e a’ dol gu bhith “court-martialled”. Air an t-slighe air ais, chaidh e gu Paras agus dhùisg e aon là agus chaidh e sìos an staidhre airson bracaist a fhaighinn. Leugh e am pàipear-naidheachd agus chunnaic e pìos ag ràdh gun robh e co-ghnèitheach agus a’ bruidhinn mu dheidhinn na sgeulachd. An dèidh dha an sgeulachd leughadh, chaidh e air ais suas an staidhre gu a sheòmar agus chuir e peilear tro a cheann.

Chan eil fianais aig luchd-eachdraidh fhathast a chanas a bheil an sgeulachd seo fìor neo an e dìreach sgeulachd a chuir na h-oifigearan a-mach air sgàth gun robh iad mì-thoilichte a bhith ag obair còmhla ri mac croiteir. Ach tha fianais ann gun robh e pòsta agus bha clann aige.

Eadar 1904 agus 1907 chaidh an Hector MacDonald Monument a thogail air Cnoc Mhìcheil ann an Inbhir Pheofharain.

Chaidh am Mòd Nàiseanta Rìoghail a chumail anns a’ bhaile ann an 1905, 1931 agus 1991.

An-diugh tha Inbhir Pheofharain uabhasach trang agus beòthail. Tha an Sràid Àrd air cumail airson coisiche agus tha sgeama Shop Mobility ag obair anns a’ bhaile airson daoine ciorramach. Bidh an Sràid Àrd dùinte gach mìos air sgàth 's gum bidh Mart na Tuathanaich ann. ‘S urrainn dhaibh glasraich, measan, flùraichean, feòil, aran, iasg, lusan agus seudan a cheannach bho luchd-dèanaimh ionadail. Cuideachd tha Car boot sale ga chumail gach Disathairne aig an t-ionad-margaidh ùr aig Humberston Farm.

Tha leabharlann ann agus tha seo ri taobh an Ionaid Choimhearsnachd agus an Ionad Gàidhlig. Cuideachd tha Sgoil St. Clemants, sgoil sònraichte airson daoine le ciorram, ann.

Tha Ionad Spòrs ann faisg air an Àrd-sgoil a tha mu choinneamh na Bun-sgoil. Tha lon snàmh mòr, talla geama beag airson ball-coise, ealainean còmhraige, badmantan agus tòrr eile. An-dràsta tha iad a’ togail Àrd-sgoil ùr agus bidh seo deiseil ann am bliadhna neo dha. 

Tha pàirc na cloinne neo Pàirc Pheofharain air cùlaibh an Tesco ùr le pàirc airson cloinn nas òige agus pàirc eile airson cloinn nas sine, cùirtean Tennis, linne bàta agus bùth ann cuideachd. Tha làrach airson teantaichean neo carabhanaichean faisg air Pàirc Bhioctòria, an dachaigh aig Siorrachd Rois agus far a bheil an Àrd-sgoil Ball Coise suidhichte agus tha achadh “astroturf” ball-coise ann cuideachd airson na coimhearsnachd.

Tha meadhan a' bhaile, eadar Church Street agus High Street na raoin-ghlèidhteachais.




#Article 493: Radio nan Gàidheal (128 words)


'S e stèisean-rèidio a tha ann an Radio nan Gàidheal.

Chaidh a' chiad phrògram Gàidhlig (seirbhis adhraidh) a chraobh-sgaoileadh air an rèidio anns an Dùbhlachd 1923.  Ach bha bliadhnaichean mhòra ann gus an d'fhuair na Gàidheal seirbheis rèidio a bha an ìre mhath nàiseanta agus cunbhalach.

Tha na cinn-là gu lèir ann an eachdraidh na seirbhis ri leughadh ann an loidhne-tìm a BhBC agus chan eil adhbhar ann an cuir sìos ann an seo. Chì thu an fhiosrachaidh aig .

An-diugh, bho stiùireadh Ceannard na Roinn na Gàidhlig Mairead Màiri Moireach, tha RnG a' craoladh bho 0730 gu 2300 gach là Diluain gu Dihaoine, ach a-mhàin beàrn bheag eadar meadhan-là agus 2f.

Seo sùil air cuid dhe na prògraman a tha rin cluinntinn air BBC Radio nan Gaidheal.




#Article 494: Coinneach MacÌomhair (140 words)


Tha Coinneach MacÌomhair na chraoladair sa Ghàidhlig. Bha e na dheasaiche a' Ghasaet Steornabhaigh agus tha e a' fuireach faisg air a' Bhac ann an Eilean Leòdhais.

Tha Prògram Choinnich ri chluinntinn air BBC Radio nan Gaidheal bho Dhiluain gu Dihaoine, eadar 9m agus 10m.  Tha ath-chraoladh den phrògram a' dol a-mach aig 9f den aon là.

Tha am prògram ann an cruth iris mar as trice, le Coinneach a' togail cuspair (gu math tric, cuspair a th' anns na naidheachdan)  agus aoidhean/eòlaichean aige airson deasbad a thogail co-cheangailte ris.  

Aig amannan ge-tà tha Coinneach 's an sgioba a' falbh a-mach às an stiùidio airson prògram sònraichte a chlàradh air an dùthaich am badeigin.

Tha làrach-lìn aig Prògram Choinnich far a bheil cothrom dealbhan de thachartasan sònraichte fhaicinn, beagan fiosrachaidh mun phrògram a leughadh, agus goireas Èist a-rithist a chleachdadh.




#Article 495: One Flew Over The Cuckoo's Nest (113 words)


Tha One Flew Over The Cuckoo's Nest na nobhail le Ken Kesey a bha air fhoillseachadh ann an 1962. Tha e suidhichte ann an ionad slàinte-inntinne ann an Aimearaga. Tha e ag innse sgeulachd a' phrìomh charactair, Randall P. McMurphy, fhad 's a tha e anns ann ionad agus a' sealltainn na buaidh a th' aige air na h-euslaintich eile anns an ionad. Tha an sgeulachd air a h-innse tro shùilean caractair eile, Chief Bromden.

Bha fiolm air a stèidheachadh air an leabhar ann an 1975, air a stiùireadh le Milos Forman agus le Jack Nicholson a' cluich Randall P. McMurphy. Shoirbhich gu mòr leis an fhiolm agus bhuannaich e còig Duaisean 'Oscar'.




#Article 496: Bànrigh Ealasaid II (298 words)


'S i Ealasaid II (Ealasaid Alexandra Màiri; breith 21 an Giblean, 1926) Bànrigh an Rìoghachd Aonaichte agus iomadach dhùthcha eile mun cuairt an t-saoghal ris an canar na Riaghaltan Co-Fhlaitheas; mar eisimpleir Canada.

Gu lèir, tha i na monarc tarsainn air Antigua agus Barbuda, Astràilia, Na h-Eileanan Bhathama, Barbados, Belize, Canada, Grenada, Iaimeuca, Sealainn Nuadh, Papua Gini-Nuadh, Naomh Crìstean agus Nibheis , Naomh Lùisia, Naomh Bhionsant agus Eileanan Greanadach, Na h-Eileanan Sholaimh, Tuvalu is an Rìoghachd Aonaichte, am Breatainn Mòr agus Èirinn a Tuath.

Chaidh a h-athair, Seòras VI, a chrùnadh an deidh do a bhràthair, Eideard VIII, leigeil an cathair rìoghail seachad ann an 1936. 

Riaghail Seòras VI gu 1952 agus, an deidh do bhàsachadh (an 6mh den Gearran), chaidh a chrùn gu an nighean is sine aige; Ealasaid. Chaidh a crùnadh mar banrigh air 2 an t-Ògmhios 1953. 'S e an duine aice, a phòs i ann an 1947, am Prionnsa Philip, Diùc Dhùn Èideann agus 's ann 'on a' Ghrèig a tha e. Tha ceithir chlann aca leis am Prionnsa Teàrlach is sine. Tha dà mhac eile aca, Anndra agus Èideard, agus aon nighean, Anna.

'S i a' chiad leanabh a bh' aig Prionnsa Albert, Diùc York agus a bhean, Ealasaid. 'S e a h-athair an dàrna mac aig Rìgh Seòras V agus a' Bhanrigh Màiri. Rugadh i aig 2.40 sa mhadainn (GMT) air 21 dhan Ghiblean 1926 aig taigh a seanair: 17 Sràid Bruton, Mayfair, Lunnainn.

Bha aon phiuthar aice, Mairead, a bha ceithir bliadhna nas òige na i.

Thachair Ealasaid ri Prionnsa Philip ann an 1934. 

Phòs iad air 20 dhan t-Samhain 1947 ann an Westminster Abbey. Fhuair iad thairis air 2,500 prèasantan bho air feadh an t-saoghal.

Rugadh Prionnsa Teàrlach air 14 dhan t-Samhain 1948, agus a Bhana-phrionnsa Anna ann an 1950.




#Article 497: Abraham Darby (223 words)


B' e maighstir-iarrainn Shasunnach a bh' ann an Abraham Darby I (14 an Giblean 1678 - 8 am Màrt 1717).

Rugadh esan ann an Dudley, an Siorramachd Worcester far an robh athair na ghobha-ghlasan. B' e Cuaigearan a bha ann an teaghlaich. Dh'ionnsaich e a cheàrd e fhèin, fo shaor-mhuilinn ann am Birmingham roimhe 1699 nuair a phòs e.

Thog e fhèin is a' bhean ri Bristol, far an robh e an sàs ann an obair umha. Ghluais e bho obair umha ri iarann tilgte.
Fhuair e taic de obraichean iarrainn aig Coal Brook Dale ri taobh Abhainn na Severn an 1708, far an d' rinn e poitean agus coireachan a mach à iarann tilgte. Cha robh e fada 's na h-obraichean sin mus an do thoisich e a lorg connadh nas fheàrr (agus nas shaora) na gual-fhiodha a theasachadh na fùirneisean iarainn aige.

Lorg e gu robh gual-fhiodha freagarrach (an 1709) agus o chionn 's gu robh gual tòrr nas pailte na fiodh, dh'adhbharaich leaghadh le gual lughdachadh an pris iarrainn nuair a thoisich dòighean eile a bhi ga cleachdadh iarrann a leaghadh. Dh'adhbharaich lughdachadh a' phrìs meudachadh an fhèille airson bathair iarrainn, agus cuir seo spionnadh air leasachadh eaconomachd air feadh Breatainn. Dh'eug e an 1717, ann am Madley, Shropshire. Chaidh a thìodhlachadh anns an cladh nan Cuaigear ann am Broseley. 




#Article 498: Cuaigearan (188 words)


Tha na Cuaigearan nam buill de ghluasadan creideimh air a tha, gu lèir, Comann Cràbhach nan Caraid (Beurla: Quakers no Religious Society of Friends). Tha a' chuid as motha dhiubh gan fhaicinn fhèin mar Chrìosdaidhean; ge-tà, tha iomadh diofair eadar buidhnean sònraichte air sgàth diadhachd agus adhraidh, oir tha iad a' creidsinn ann an solas a-staigh aig gach ball seach ann an creudan suidhichte. San fharsaingeachd, tha iad nan sìochantairean, tha iad airson sìmplidheachd agus co-ionnannachd, agus an aghaidh innse bhreugan. Tha prionnsabalan aig coimhearsneachdan sònraichte air an cruthachadh ann an Leabhar Smachd (Beurla: Book of Discipline). Tha na leabhraichean seo air an atharrachadh bho àm gu àm agus tha caochladh ainm oifigeil eile aca, m.e. Faith and Practice (Creideamh agus Cleachdadh) no Quaker Faith and Practice.

Chaidh an stèidheachadh aig meadhan 17mh linn ann an Sasainn le George Fox. An-diugh, tha coimhearsneachdan nan Cuaigearan as motha anns a' Cheinia (mu 134,000), anns na Stàitean Aonaichte (mu 87,000) agus ann an Guatamala (mu 21,000). Ann an 2010, bha 14,315 Cuaigearan clàraichte anns an Rìoghachd Aonaichte, 720 dhiubh ann an Alba. Tha Sìochantas gu math cudromach dha na Cuaigearan.




#Article 499: Tomhais-fhearainn (114 words)


Cha dèanar cairte-dhealbh eagnaidh as aonais tomhais eagnaidh de'n fhearainn a tha an cairte-dhealbh ri riochdachadh. Tha seo soilleir nuair a choimheadas sinne air cairtean-dhealbh dèanta 's na meadhan aoisean, far a bheil cruth nan eileanan agus eadhan tìrean-mòra gu math eadar-dhealaichte bho na cairtean-dhealbh a chaidh air cruthachadh nas anamoch, bho meadhan an ochdamh linn dheug (18mh linn) gu deireadh an fhicheadamh linn. Tha na dealbhan sadail a tha againn an diugh a' dearbhadh cho eagnaidh a dh'fhàs tomhais-fhearainn rè an 19mh linn agus tha na cairtean dealbh on linn sin a' dearbhadh dhuinn gu robh innealan tomhais gu math eagnaidh air cuir an gnìomh leis na luchd thomhais 's an linn sin.




#Article 500: Obar Dheathain (676 words)


'S e baile mòr ann an Alba a Tuath a tha ann an Obar Dheathain (Beurla: Aberdeen; Beurla Ghallda: Aiberdeen). 'S e an treasa baile as motha ann an Alba, an dèidh Glaschu agus Dùn Èideann. Tha am baile-mòr ainmeil airson ola ann an Cuan a Tuath (The Oil Capital of Europe) agus clach-ghràin (The Granite city). Ged nach eilear a' gabhail ris an-diugh, bhathar a' smaoineachadh gur e Abar-Rèidh Abhainn a bu chiall dha Obar Dheathain san t-seann chànan.

Tha Obar Dheathain na laighe eadar dà abhainn, Uisge Dè agus Abhainn Dheathain. Thòisich am baile mòr mar dà bhaile, Seann Obar Dheathain (Old Aberdeen) agus Obar Dheathain Ùr (New Aberdeen). Bha Obar Dheathain Aosta ann an Tuath, aig Abhainn Dheathain agus bha Obar Dheathain Ùr, baile iasgach, aig beul-aibhne Uisge Dhè.

Ann an 1396, bha an sluagh 3,000. Ann an 2001, bha sluagh a' Chomhairle Cathair Obar Dheathain 212,125; ach bha 184,788 duine a' fuireach anns a' bhaile fhèin.

 
Tha riaghaltas Obar Dheathain leis an Comhairle Baile Obar Dheathain. Tha 43 comhairleach ann agus 13 uàrdan. Tha stiùir gnothach Comhairle le Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba. Ann an 2007, bha 15 Libearalaich Dheamocratach, 13 SNP, 10 Làbaraich, 4 Tòraidhean agus aon comhairleach eile ann.
 
Tha trì roinnean-phàrlamaid ann an Obar Dheathain airson Pàrlamaid na h-Alba agus Taigh nan Cumantan cuideachd. Ann am Pàrlamaid na h-Alba: Obar Dheathain a Deas agus Ceann Chàrdainn, Obar Dheathain Meadhain agus Obar Dheathain Oir Dheathain.

Ann an Taigh nan Cumantan, tha na roinnean-phàrlamaid riochdaichte le Obar Dheathain a Deas, Obar Dheathain a Tuath agus Gòrdan.

Tha dà oilthigh ann: Oilthigh Obar Dheathain, stèidhichte ann an 1495 agus oilthigh ùr, Oilthigh Robert Gordon, stèidhichte ann an 1992. Tha campas aig Scotland's Rural College faisg air Obar Dheathain, agus trì campasan aig North East Scotland College ann an Obar Dheathain fhèin.

Tha 12 àrd-sgoilean agus 54 bun-sgoilean ann an Obar Dheathain. Bha Aberdeen Grammar School stèidheichte ann an 1257. Gabhaidh Fòghlam tro Mheadhan na Gàidhlig ann an Bun-sgoil Gilcomstoun agus Àrd-sgoil Hazelhead.

Tha Obar Dheathain na dhachaigh gu dà pàipearan-naidheachd gach là, Press and Journal agus pàipear-naidheachd san feasgar, Evening Express.

Tha stiùidio beag BBC Scotland ann an Obar Dheathain agus prìomh-oifis STV North (mu thràth Grampian Television) suidhichte ann an Tullos. Tha trì stèisean-rèidio suidhichte anns  a' bhaile, Northsound 1, Northsound 2 agus Original 106. Tha dà phrògram nan naidheachdan suidhichte ann an Obar Dheathain, North Tonight air STV north agus Good Morning Scotland air BBC Radio Scotland airson naidheachdan ionadail.

 
Tha Port Adhair Obar Dheathain ann an tuath a' bhaile, a tha a' ceangail Alba a Tuath le Sasainn, Èirinn agus Eòrpa. Tha port-heileacoptair aig a' port-adhair a tha a' ceangail na mòr-thìr le beartan-òla ann an Cuan a Tuath. Tha e aon de na puirt-heileacoptair as trainge air feadh an t-Saoghail.

Tha seirbheisean trèana bho Obar Dheathain gu Inbhir Nis, Sràid na Ban-righ ann anGlaschu, Dùn Èideann, Inbhir Uraidh agus Sasainn. 'S e port-mara airson aiseagan a tha ann. An sin tha seirbheis aiseagan a' ruith gu Lèiruig air Sealtainn agus Baile na h-Eaglais air Àrcaibh le Northlink.

Tha sia mòr rathaidean ann an Obar Dheathain, tha A90 am prìomh rathad anns a' baile a tha a' ruith  bho thuath gu deas, a' ceangail Obar Dheathain le Dùn Èideann, Dùn Dèagh, Peairt agus Breichin anns a deas agus Ealain, Ceann Phàdraig agus a' Bhruaich anns a tuath. Tha an A96 a' ceangail Obar Dheathain gu Eilginn, Inbhir Nis agus an iar-thuath. 'S e an A93 am prìomh rathad a tha a' ruith chun an iar, gu Bràigh Mhàrr agus Am Monadh Ruadh. Tha A92, a' dol gu deas, a' ceangail am baile le Monadh Rois agus Obar Bhrothaig.

Tha bus seirbheisean ag obrachadh le First Group airson na seirbheisean anns a' bhaile fhèin agus le Stagecoach airson seirbheisean air feadh na dùthcha. Tha seirbheisean ann gu Glaschu, Dùn Èideann, Inbhir Nis agus Sasainn cuideachd. Tha First Group suidhichte ann an Obar Dheathain.

Chaidh am Mòd Nàiseanta a chumail ann an Obar Dheathain anns na bliadhnaichean 1946, 1955, 1964 agus 1976.




#Article 501: Oilthigh Dhùn Èideann (107 words)


S' e Oilthigh Dhùn Èideann an t-oilthigh as motha ann an Dùn Èideann agus an dara fear as motha ann an Alba. Chaidh a stèidheachadh ann an 1592. Tha e air a mhothachadh gu h-eadar-nàiseanta airson an teagaisg agus an rannsachaidh anns am bi e an sas. B' e Oilthigh Dhùn Èideann an ceathramh oilthigh a chaidh a stèidheachadh ann an Alba, agus mar sin tha e na phàirt de sheann oilthighean na h-Alba. Tha an t-oilthigh am measg nan feadhna as treasa agus as ainmeile anns an t-saoghal agus tha e an-dràsta an lùib nan 25 gràinnean-mullaich de dh'oilthighean.

 

Daoine le ceangal ri Oilthigh Dhùn Èideann:




#Article 502: Taigh Mhàrtainn (346 words)


Chleachd cuid de Ghàidheil na sgìrean t-ainm Hwiterne (Taigh Geal) sa Beurla agus Futarne anns a' Ghàidhlig. Nochd a' Ghàidhlig ann an ceann a deas na h-Alba anns an 7mh Linn agus bha an cànan fhathast làidir ann an Siorrachd Bhaile na h-Ùige fhèin anns an 18mh Linn. Thathar dhen bheachd gur ann à hvit (geal) a tha an t-ainm sa Bheurla. Bheireadh sin Ros Geal dhuinn sa Ghàidhlig an latha an-diugh. Tha an t-ainm ann an Laideann a' measgachadh a' Ghàidhlig taigh (casa) agus a' Beurla hvit (candida).

Chaidh an t-àite seo a chlàradh le Ptolemy mar Leukopibia. Chaidh an t-ainm ùr a chlàradh airson a' chiad turas mar St. Martin's Kirk of Quitherne ann an 1497. Chuir Naomh Ninian bliadhnaichean seachad a' searmonachadh an seo Bha e na Bhorgh Rìoghail le dleastanasan riaghlaidh eadar 1855 agus 1930, nuair a chuireadh às dhan t-siostam. Ràinig an rèile dhan bhaile ann an 1875, a thug piseach mòr air malairt san sgìre.

'S ann gu Comhairle Choimhearsnachd Bhuirgh Rìoghail Whithorn a bhuineas Whithorn, a ghabhas a-steach an sgìre mu timcheall a' bhaile. Tha 961 duine a' fuireach san sgìre air fad. Tha 14 comhairlichean coimhearsnachd a' riochdachadh na sgìre agus thathar a' cumail coinneamhan na Comhairle gach mìos ann Talla Choimhearsnachd na Machrach a Deas, ann am Whithorn. Tha e a' buntainn dhan uàrd-taghaidh 03 (Meadhan Ghall-Ghàidhealaibh) airson Comhairle na Roinne.

'S ann ann an sgìre mòran nas blàithe (Cuibheasachd bhliadhnail: 8.3 °C) agus mòran nas fhliche (Cuibheasachd bhliadhnail: 1082mm) an coimeas ris an còrr dhen dùthaich 's a tha Whithorn. Tha sileadh uabhasach trom ann, fiù 's fad na mìosan nas tioraim, leis nach eil e idir fad air falbh bhon mhuir air an àirde an iar na h-Alba. 'S e àite Cfb ann an sgèile Köppen-Geiger a th' ann am Whithorn. Chan eil an t-sneachd idir pailt an seo. Tha diofar mhòr eadar am mìos as fhliche agus am mìos as tioraim: 59mm eadar an Giblean (dìreach 62mm) agus an Dàmhair/an t-Samhain (121mm). Fad  na bliadhna, bidh an teothachd ann am fiaradh mheadhanach: 11.8 °C.




#Article 503: An Talamh (planaid) (135 words)


'S e planaid a tha anns an Talamh, a' Chruinne no an t-Saoghal, air a bheil sinn a' fuireach. Tha aon ghealach aige agus 's e treas ball de rian na grèine.

Tha na cuain (sa bheil sàl) a' cuibhrigeadh mu deidhinn 70% de barr na talmhainn. 'S e tìr (talamh tioram) a tha anns an 30% eile. Tha aille a' cuairteachadh na talmhainn. Canar an adhar ris an àile seo.

Tha an talamh a' cuairteachadh na grèine aig astar 93,000,000 mìltean (1.6 km = 1 mìle). Canaidh sinn bliadhna ris an ùine a tha i a' gearradh gach cuairt.

Air barrachd an sin bithidh an talamh còmhnaidh na tionndadh mu deidhinn aiseal a ruitheas tro meadhan a tomaid. Is e an tionndadh seo, a bhitheas a' toirt 24 uairean a dh'adhbharaicheas latha agus oidhche




#Article 504: Meas (182 words)


Bidh meas a' fàs air luibhean agus craobhan. Cleachdar mar biadh, agus airson gineadh.

THa seanfhaclan ann a dh'innseas mar a bheir a' ghaoth buaidh air measan. Mar eisimpleir:

Nuair a bhios meas seargta, canar meas air crannadh ris.

Ma gheibhear gaoth bhon ear as t-earrach, bidh na craobhan a' cur a-mach an duillich. Ach, seargaidh a' ghaoth an ear an duilleach òg, maoth nas luaithe agus nas motha na gaoth sam bith eile. Nuair a thèid a' chiad duilleach air ais le seargadh na gaoith an ear, ged a dh'fhaodas cuid mhath de mheas cinntinn air na craobhan 's air na preasan, cha bhi am meas mar is trice ach meanbh.
 
Cha chuir a' ghaoth a tuath ge-tà na measan air an ais mar a nì a' ghaoth an ear, ged a bhiodh i a' sèideadh gu math tric fad a' gheamhraidh 's an earraich. 

Bidh a' chraobh-mheas nas toraiche na b' àbhaist dhi nuair a bhios an geamhradh fuar, reòidhte, do bhrìgh nach leig am fuachd 's an reothadh leatha a duilleach a chur a-mach ro thràth air a' bhliadhna.




#Article 505: Aimearaga-Laideannach (100 words)


Tha Aimearaga-Laideannach (América Latina) a' ciallachadh na àiteachan sna h-Aimearagan far a bheil Spàinntis neo Portagailis gam bruidhinn. Gu cumanta, tha na dùthchanan seo ann an Aimearaga a Deas, agus Aimearaga Mheadhanach, bho ceann-a-tuath Meagsago gu Patagonia.

Chan e roinn cruinne-eòlaisail a th'ann an Aimearaga-Laideannach, ach sgìrean cultarail-poiliteagach. Le sin, tha e air sgaoileadh tro Aimearaga a Deas, Aimearaga Mheadhanach, Aimearaga a Tuath agus air feadh na Mara Chairibianach. A bharrachd air sin, bha spàinntis ga bhruidhinn ann an cuid dhe na stàitean ann an àird an iar agus mu dheas anns na Stàitean Aonaichte gu ruige an 19mh linn.




#Article 506: Guido da Arezzo (116 words)


B' e neach-ciùil agus teòirigiche ciùil às an Eadailt a bha ann an Guido de Arezzo (neo Guido Aretinus, Guido da Arezzo, Guido Monaco) (991/992–1033). Tha e air fhor mar an innleadair de pongas ciùil ùr-nòsach a chaidh an àite pongas neumach; b' e an teacsa aige, am Micrologus an dara tràchdas a bha sgaoilte is farsaing anns na meadhan aoisean, as deidh an sgrìobhadh aig Boethius.

Rugadh e ann an, neo faisg air, Arezzo is chaidh e sna Beinidictich nuair a bha e òg. Air sgàth a chliù ann an ceòl thadhal e Pàpa Beinidict VII anns an Ròimh agus nas fhaide Pàpa Iain XIX. Chaochail e mar abaid ann an Avellano faisg air Arezzo.




#Article 507: Linn Giùdain (119 words)


Bha Balla Antonine balla àrsaidh Ròmanach a' ruith eadar Linne Chluaidh agus Linn Giùdain.

Chlàraich Francis Diack an t-ainm Linn Giùdain ann an Siorrachd Pheairt san 20mh Linn.  Is dòcha gum biodh Linne na bu chirte na Linn ann an dòigh, oir bha e ’na chleachdadh cànanach ann an Siorrachd Pheairt a bhith a’ fàgail na lide mu dheireadh dheth, ach tha eisimpleirean eile ann de Linn seach Linne ann an ainmean àite.  Faodaidh gu bheil Giùdain càirdeach ri Gododdyn, an treubh Bhreatanach a bha ann an Labhdaidh mus tàinig na Scotti agus na h-Angli.  An fhianais a th’ ann don ainm Linne Foirthe, tha e fiù’s nas tana na an fhianais a th’ ann don ainm Linn Giùdain.




#Article 508: An t-Sròn Reamhar (406 words)


A rèir eòlaichean fhreumh-fhaclachd, tha e coltach gur ann à sròn agus reamhar anns  a' Ghàidhlig fhèin a tha an t-ainm, leis gu bheil e ann an tairbeart nàdarra ri taobh nan Rannaibh. Nochd a' Ghàidhlig ann an ceann a deas na h-Alba anns an 7mh Linn, mòran bhliadhna an dèidh Chuimris, agus bha an cànan fhathast làidir ann an Siorrachd Bhaile na h-Ùige fhèin anns an 18mh Linn. A dh' aindeoin sin, tha cuid dhen beachd gur ann à seann chuimris a tha e, leis gu robh an cànan làidir air an àirde an iar-dheas na h-Alba an dèidh nan Ròmanach. Tha cruth na tìre agus fuaimneachadh an ainm sa sgìre a' gabhail ris an teòiridh Ghàidhealach.

Chaidh baile a chlàradh faisg air Loch Rìoghaine le Ptolemy, ris an canadh Rerigonium, a tha a' ciallachadh Àite an Righ. Thathar dhen bheachd gur e An t-Sròn Reamhar neo Machair an Sgithich a bh' ann. 'B e port-mara airson aiseig a tha ann. An sin bha seirbheis aiseagan a' ruith gu Beul-Feirste le Stena Line le seirbheisean gluasadach gu Machair an Sgithich ann an 2011. Bha e na Bhorgh Rìoghail le dleastanasan riaghlaidh eadar 1855 agus 1930, nuair a chuireadh às dhan t-siostam.

'S ann gu Comhairle Choimhearsnachd na Sròine Reamhaire fhèin a bhuineas a' mhòr-chuid dhen t-Sròn Reamhair. Tha 6,418 duine a' fuireach san sgìre air fad. Tha 14 comhairlichean coimhearsnachd a' riochdachadh na sgìre. A bharrachd air sin, tha pìos eile sa bhaile na phàirt Uachdar Marc Iùbhair agus Belmont, le 10 comhairlichean a' riochdachadh sgìre far a bheil 2,340 a' fuireach ann. Thathar a' cumail coinneamhan na comhairle gach mìos. Tha e a' buntainn dhan uàrd-taghaidh 01 (An t-Sròn Reamhar agus na Rannaibh) airson Comhairle na Roinne.

'S ann ann an sgìre mòran nas blàithe (Cuibheasachd bhliadhnail: 8.6 °C) agus mòran nas fhliche (Cuibheasachd bhliadhnail: 1087mm) an coimeas ris an còrr dhen dùthaich 's a tha An t-Sròn Reamhar. Tha sileadh trom ann, fiù 's fad na mìosan nas tioraim, leis nach eil e idir fad air falbh bhon mhuir air an àirde an iar na h-Alba. 'S e àite Cfb ann an sgèile Köppen-Geiger a th' anns An t-Sròin Reamhair. Chan eil an t-sneachd idir pailt an seo. Tha diofar mhòr eadar am mìos as fhliche agus am mìos as tioraim: 57mm eadar an Cèitean (dìreach 62mm) agus an Dàmhair (119mm). Fad  na bliadhna, bidh an teothachd ann am fiaradh mheadhanach: 11.4 °C.

 




#Article 509: Dùn Phris (256 words)


A rèir eòlaichean fhreumh-fhaclachd, tha e coltach gur ann à Caer/Dùn agus ainm na treubh Frisianach neo Preas ann an seann Chuimris neo Gàidhlig a th' ann an t-ainm. 'S ann gu math pailt a tha ainmean-àite ann an Cuimris ann an ceann a deas na h-Alba. Nochd a' Ghàidhlig ann an ceann a deas na h-Alba anns an 7mh Linn agus bha an cànan fhathast làidir ann an Siorrachd Dhùn Phrìs fhèin anns an 14mh Linn. A dh'aindeoin sin, tha cuid eile dhen bheachd gur ann à Gàidhlig Druim neo Dronn a th'ann ainm an àite seo.A bharrachd air sin, tha cruth na tìre a' toirt cuideam dhan dà theòiridh seo, o chionn 's gu bheil dùn agus druim ann.

Tha sgrìobhainn bhon 18mh linne, ga chumail air ball an taigh-sheinnse Hole in the Wa' ann am meadhan a' bhaile, gur e Druim Phrìs an t-ainm a bha air a' bhaile o shean. Tha an t-ainm ga sgrìobhadh Drumfries, mar druim (facal cruinn-eòlaiche). A bharrachd air sin, tha Ospadal Rìoghail a' Cheàrna ga thogail dìreach air barr druim, ri taobh na h-aibhne Nid. Chaochail Raibeart Burns an seo ann an 1796. Chuir Prionnsa Teàrlach Stiùbhart seachad na h-oidhche ann an Dùn Phrìs air Disathairne 21 an Dùbhlachd 1745, air an t-slighe air ais a dh'Alba gu ruige na Gàidhealtachd. Chuireadh càin dhe £2,000 agus 1,000 paidhir bhròg air a' bhaile, a chaidh a phàigheadh an ath latha. Bha e na Bhorgh Rìoghail le dleastanasan riaghlaidh eadar 1855 agus 1957, nuair a chuireadh às dhan t-siostam.




#Article 510: Lisbon (109 words)


'S e prìomh-bhaile na Portagail a th' ann an Lisboa (IPA: liʒ'boɐ) neo Lisbon. 'S e am baile as motha den dùthaich, suidhichte far oirthir an iar-dheas na h-Eòrpa aig a' Chuan Siar. Tha e na laighe air bruach na h-aibhne Tejo, far a bheil am port-mara as cudromaiche anns a' Phortagail, aig 56m os cionn ìre na mara, 274km air falbh bho Phorto agus 176km bho Choimbra. Tha dà mhillean neach a' fuireach ann. Tha mòran chladaichean àlainn faisg air meadhan a' bhaile. Chaochail am bàrd Luís Vaz de Camões an seo ann an 1580.

Rugadh Naomh Antaine an Padua ann an Lisbon san 15 an Lùnasdal 1195.




#Article 511: Sìdhe (497 words)


Tha Sìdhe (AEF , Gaeilge nuadh: sí; Gàidhlig: sìth) 'na facal na Gaeilge 's na Gàidhlig a' cur iomradh air na tolman an talmhainn gun robh air smaoineachadh a bhith dachaigh ri sluagh os-nàdarra co-cheangailte ris na sìthichean nan dualchas eile, 'gus nas anmoiche ris na luchd-àiteachaidh seo fhèin. Tha na Sìthichean (no Sìth) air chreidsinn gu h-eugsamhail a bhith na sinnsearan, na spioradan an nàdair, no na ban-diathan 's na diathan fhèin.

Chì mòran daoine na Sìthichean cho tionndaidhean nas anmoiche, litreachaile an Tuatha Dè Danann. Ann an beul-aithris agus cleachdadh, tha gu tric na Sìthichean air dhèanamh ciùin le tiodhlacan, agus tha cùram air ghabhail a sheachnadh a' cur fearg orra.  Tha iad air bhruidhinn air gu tric le bogachaidhean-brìgh mar Na Nàbaidhean Matha, An Sluagh Maiseach, Na h-Uaislean, no gu soirbh An Sluagh, 'san dòchas gun smaoinicheadh daoine daonna dhiubh cho caomh, bhitheadh iad na b' dualaiche a bhith caomh. 

'S e bean nan Sìdhe a tha a' bhrìgh an facail bean-shìdh, ge-tà sa' Bheurla tha an facal air thighinn dham bhrìgh shònraichte mnà os-nàdarra na h-Èirinn gum cuir an cèill bàs tighinn le am caoineadh. 'S e a' Bhean Nighe a th' a samhail 'san eòlas-ur-sgeulachd na h-Alba - a' bhean a tha air fhaicinn a' nighe an t-aodach no armachd f(h)uileach an duine a tha an dàn ri bàs. Tha ainmean cumanta leannan sìdh; an cat sìdh; agus an cù sìdh.  Tha an sluagh sìdh air uairibh air nochdadh ann am beul-aithris Èireannach agus Albannach cho spioradan air sgèithe nàdair mì-thlachdmhor, agus 's dòcha na mairbh mallaichte, olc, no luaimneach. 

Tha air uairibh na Sìthichean air fhaicinn cho luchd-dìona garga an àiteachan-còmhnaidh - co-dhiù gum bi e cnoc shìdh, fàinne shìdh, craobh shònraichte (gu tric sgitheach), no 's mathaid loch no coille shònraichte.  Tha an Cruinne Eile Ceilteach air fhaicinn cho nas dlùithe ris na h-amannan nam beul an là 's na h-oidhche, mar sin 'seo àm sònraichte dhan sluagh Sìdhe, cho tha roinn nam fèilltean mar an Oidhche Shamhna agus an Fhèill Eòin. Am bitheantas, 's an dealbh air thoirt nan duine Sìdh annasach àlainn, ged 's urrainn dhaibh oillteil a bhith.

Bheir roinn nan freumhan dealbh air na Sìdhe cho an fuigheall na Tuatha Dè Danann), a dh'fhàg Èirinn a dh'fhuireach sa' Chruinne eile an dèidh an ruaig leis na Mileseanaich. A-rèir ris an Lebor Gabála Érenn, bha an Tuatha Dé Danann (cuideachd na Daoine Sìdhe), air ghabhail air ann am blàr leis na mic bhàsmhora Mhíl Espáine. Cho cuid nan rèiteachdan na ruaige, dh'aontaich an Tuatha Dé Danann a dh'fhuireach fon talamh anns na síde (aonar síd), na cnocan no tolman a tha a' comharradh an tìr na h-Èireann. Bha gach ceannard nam cinnidhean na Tuatha De Dannan air thoirt aon tolm. Na b' anmoiche, oir snìomha na brìghe, dh'fhàs araon na tolman agus na luchd os-nàdarra àitheanta ris an fhacal cheudna: síd, 's an uair sin fad an atharrachaidh na cànain tro na linntean, sídhe, sìth agus sí.




#Article 512: An t-Impireachd Bheasantian (403 words)


'S e An t-Impireachd Bheasantian (ainm Greugach: Βασιλεία τῶν Ρωμαίων - Basileia tōn Romaiōn), gu tric dìreach Beasantian no 'sa Bheurla Byzantium, an t-ainm a tha againn mar is àbhaist (bhon an 19mh linn) air Impireachd Earrach an Ròimh anns an t-Aois Mheadhanach. Tha an Impireachd sònraichte agus air leth bho Impireachd an Ròimh (ann an taobh a Siar na Roinn Eòrpa) oir bha e air a shocrachadh air Constantinople agus 's e Greugais, seach sean Laideann, an cànan a bha na h-uaislean, an riaghaltas agus a mhòr-chuid den t-sluagh a cleachdadh. Ged a tha an Impireachd seo leantainneach, a-rèir riaghaltas agus stèidheachadh co-dhiù, ri Impireachd an Ròimh ann an taobh siar a Roinn Eòrpa bi daoine a dèanamh eadar-dhealachadh eadarra mar is tric oir gu bheil iad atharraichte ann an iomadh dhoimh a-rèir aois, cànan agus dualchas. Chaidh ainmeachadh mar Impireachd nan Greugaich airson a chuid mhòr de bheatha anns an Roinn Eòrpa mar is coireach ri cho cumhachdach 'sa bha an t-sluagh agus dualchas Greugach ann.

Chan eil co-aonta ann mu cuin a thòisich an aois Bheasantian. Bi feadhainn ga cheangail ri riaghail an t-Impire Diocletian (284-305), a chruthaich iomadach atharrachan anns an riaghaltas agus 'sann mar seo a chaidh Impireachd an Ròimh a ghearradh ann an dà leth; pars Orientis (an leth Earrach) agus pars Occidentis (an leth Siarach). Tha feadhainn den bheachd gur e Constantine I a chiad Impire Beasantian. Bi feadhainn a cuir toiseach an Impireachd sònraichte ann an riaghail Theodosius I (379-395) agus le buaidh Chrìosdaidheachd tarsainn air an Creideamh Romanach, air a neo a leantainn a bhàs ann an 395 leis an dealachadh den Impireachd. Tha buidhean eile ann a bhios ga cheangail ri 476 oir gur ann 'sam bliadhn' ud a leig an Impire mu dheireadh san Iar, Romulus Augustus, às a dhreuchd agus mar sin a fàgail an cumhachd ìmpireil le Impire an Ear a-mhàin. Tha aon beachd eile ann gur e ath-chruthachadh an Impireachd ann an aois Heraclius (mu 620) nuair a fhuair Greugais inbhe mar cànan oifigeil agus a chuid mhòr chogadh agus strì ris an robh an Impireachd ceangailte a gabhail àite 'san Ear. Gun diofar de am beachd a ghabhas neach, chaidh an atharrachadh air adhart beag air bheag agus an 330, nuair a stèidhich Constantine prìomh-bhaile ùr airson an impireachd na ainm fhèin - Constantinople, bha cumhachd an cànan agus cultar Greugach a sgaoileadh (Hellenization 'sa Bheurla) mu tha.




#Article 513: Rathad-iarainn na Gàidhealtachd (119 words)


Chruthachadh an Rathad Iarainn na Gàidhealtachd (Beurla: Highland Railway Company) ann an 1865 nuair a thàinig buidheann de rathaidibh-iarruinn fa-leth còmhla. Mhair Rathad-iarainn na Gàidhealtachd na chompanaidh rathad-iaruinn neo-eisimileach sios ri 1923 nuair a chaidh e gu bhi na constituent company de'n London Midland and Scottish Railway (LMSR) aig Cruinneachadh nan Rathad-Iaruinn.

Fhosgladh a' chiad earran de Rathad-iarainn na Gaidhealtachd eadar Inbhir Nis agus Inbhir Narann ann an 1855. An 1857 ceangailear Inbhir Nis ri Lunainn, le rathad Obar Dheathain. Dh'fhosgladh slighe nas direach tro Farrais, thar mointich Dhabha agus thar Dhruim Uachdair ann an 1863. Bliadhna roimhe seo dh'fhosgladh an rathad-iarainn Ross-shire gu Inbhir Ghòrdain. Rugadh Port an t-Sroin ann an 1870 agus Inbhir Theòrsa ann an 1873.




#Article 514: Caledonian Railway (139 words)


Bha an Rathad Iarrainn Caledonian An Calaidh, na rathad-iarrainn  as motha na h-Albann gu ruige 1923 nuair a chaidh e mar constituent company do an London Midland and Scottish Railway. 101 miltean 's an fhad, shine bun-loidhne a' Chalaidh bho Carlisle (far an do cheangail e ris an Rathad-iarrainn London and North Western) ri Ionad Meadhanach a Ghlaschu. Bha fìor bhranndair nan rathad-iarainn an sheilbh a' chompanaidh seo, a choisinn a' chuid bu mhòr den tuarasdail aice de ghiùlan guail bho mèinnean air feadh Srath Meadhanach na h-Alba. A dh'aindeoin sin, bha a phrìomh ghobhal aig Tobar na Màthar, far an do dhealaich a rathad gu Obar Dheathain. Thogta fo ainm The Scottish Central Railway, fhosgladh an meur seo a chaidh tro Sruighlea, Pheairt, Farfar agus Ceann Abair gu Sròn na h-Aibhne agus Obar Dheathain cho tràth ri 1848.




#Article 515: Comhairle Lodainn an Iar (112 words)


'S e comhairle ionadail a tha ann an Comhairle Lodainn an Iar a tha a' dèiligeadh ri Lodainn an Iar.

Chruthaich an Achd Riaghaltais Ionadail (Alba) 1973 siostam ùr de chomhairlean agus Roinn Lodainn le ceithir comhairlean sgìreil, Baile Dhùn Èideann, Lodainn an Ear, Lodainn Mheadhanach agus Lodainn an Iar. Sgaoileadh na comhairlean roinneil ann an 1995 agus fhuair Comhairle Lodainn an Iar na h-uallaichean aice.

Tha naoi uàrdan ann an Lodainn an Iar: Armadal is An Druim Dubh, Bathgate,, Broxburn, Uphall is Winchburgh, Baile Dhunlèibhe an Ear is Caladar an Ear, Fauldhouse is Srath Bhrìch, Gleann Iucha, Baile Dhunlèibhe a Tuath, Baile Dhunlèibhe a Deas, agus An t-Allt Bàn is Blackburn.




#Article 516: Comhairle na Gàidhealtachd (166 words)


Airson an roinn traidiseanta faic: Gàidhealteachd

'S e  a’ chomhairle as motha de na 32 comhairlean na h-Alba a tha ann an Comhairle na Gàidhealtachd. Tha an cuid as motha dhith suidhichte air tìr mhòr na h-Alba far an robh na siorrachdan traidiseanta Gallaibh, Cromba Inbhir Nis, Inbhir Narann, Siorrachd Rois Cataibh agus am pàirt san iar-thuath Earra-Ghàidheal. Tha a' chomhairle a' gabhail a-steach cuid de  na h-Eileanan a-staigh cuideachd. Tha Comhairle Mhoireach, Comhairle Pheairt is Cheann Rois, Comhairle Shiorrachd Obar Dheathain agus Earra-Ghaidheal agus Bòd timcheall oirre.

'S e Inbhir Nis prìomh-bhaile ionadail na chomhairle. Tha 80 ball air a' chomhairle. 

Comhairlichean an dèidh dha na taghaidhean ionadail 2017:

Tha Comhairle na Gàidhealtachd cho mòr ri 30.659 cileameatair cèarnagach agus bha 213.590 duine a’ fuireach an seo anns a’ bhliadhna 2005. Tha mu 12,000 luchd labhairt na Gàidhlig air fhagail anns an sgìre seo.

Buidseat bliadhnail (an duil 2007-2008) £518M. Luchd-obrach 10,800.
Buidseat bliadhnail airson gach ceann sluaigh: £ 2409. Riochd Buidseat bliadhnail: Luchd-Obrach £48,000:1




#Article 517: Comhairle nan Eilean Siar (146 words)


'S e comhairle ionadail a tha ann an Comhairle nan Eilean Siar a tha a' dèiligeadh leis na h-Eileanan Siar.

Chaidh Comhairle nan Eilean a chruthachadh ann an 1975 leis an Achd Riaghaltais Ionadail (Alba) 1973 as dèidh ath-òrdachadh air riaghladh ionadail agus nàiseanta a bha a' toirt na h-Eileanan an Iar gu lèir fon aon riaghladh. Fon an t-seann structair anns na h-eileanan bha naoi comhairlean ionadail le cumhachdan eadar-dhealaichte sna h-eileanan. B' iad Siorrachd Inbhir Nis agus na comhairlean sgìreil a bha a' stiùireadh ghnothaichean anns na Hearadh, Uibhist a Tuath, Beinn na Faoghla, Uibhist a Deas, agus am Barraigh. Bha Siorrachd Rois is Chrombaidh, Comhairle Sgìreil Leòdhais agus Comhairle Baile Steòrnabhaigh a' riochdachadh chùisean ann an Leòdhas. Ri linn na bha ri dhèanamh bha 1974 mar bhliadhna uallachaidh airson an dreach ùr a bha seo a thoirt gu bith.

Na taghaidhean ionadail 2017:




#Article 518: Comhairle Earra-Ghàidheal agus Bhòid (176 words)


'S e aon de na 32 comhairlean na h-Alba a tha ann an Comhairle Earra-Ghàidheal agus Bhòid (Beurla: Argyll and Bute Council).

Tha Comhairle na Gàidhealtachd, Comhairle Pheairt is Cheann Rois, Comhairle Shruighlea agus Comhairle Dhùn Bhreatainn an Iar timcheall oirre. Tha Loch Laomainn air àird an ear dhith.

'S e Ceann Loch Gilb prìomh-bhaile ionadail na chomhairle.

Bha a’ chuid as motha de Chomhairle Earra-Ghàidheal agus Bhòid a’ buntainn don t-siorrachd traidiseanta Earra-Ghàidheal seach leth-eilean A' Mhorbhairne a tha aig Comhairle na Gàidhealtachd an-diugh. Tha e a’ gabhail a-steach an Eilean Bhòid cuideachd a bha aig Siorrachd Bhòid agus am pàirt iarach den t-Siorrachd Dhùn Bhreatainn.

Is ionann crìochan na Chomhairle agus crìochan na sgìre Phàrlamaid Westminster.

Tha 11 uàrdan aig a' Chomhairle: Comhghall, Dùn Omhain, Baile Eilidh agus Laomainn a Deas, Baile Eilidh Meadhain, Eilean Bhòid, Ceann Tìre agus na h-Eileanan, Laomainn a Tuath, Earra-Ghàidheal Meadhain, An t-Òban a Tuath agus Latharna, An t-Òban a Deas agus na h-Eileanan agus Ceann Tìre a Deas, agus 36 comhairlichean.
An dèidh dha na taghaidhean ionadail 2017:




#Article 519: Comhairle Shruighlea (139 words)


'S e aon de na 32 comhairlean na h-Alba a tha ann an Comhairle Shruighlea (Beurla: Stirling Council).

Tha Earra-Ghaidheal agus Bòd, Comhairle Chlach Mhanainn, Comhairle Dhùn Bhreatainn an Ear, Comhairle na Eaglaise Brice, Comhairle Shiorrachd Lannraig a Tuath, Comhairle Pheairt is Cheann Rois is Comhairle Dhùn Bhreatainn an Iar timcheall oirre.

'S e Sruighlea prìomh-bhaile ionadail na chomhairle.

Tha Comhairle Shruighlea cho mòr ri 2,187 cilemeatair ceàrnagach. Ann an 2007 bha timcheall air 88,200 duine a' fuireach an seo. 
Ach tha nas motha na 60 % de na daoine a’ fuireach ann an iar-dheas na comhairle, anns na bailtean Sruighlea, Dùn Bhlàthain, Drochaid Ailein is Bannockburn.

Bha a’ chuid as motha den Chomhairle Shruighlea a’ buntainn don t-siorrachd traidiseanta Shruighlea seach An Eaglais Bhreac. Tha e a' gabhail a-steach am pàirt san iar-dheas den seann Shiorrachd Pheairt cuideachd.




#Article 520: Comhairle Siorrachd Àir an Ear (125 words)


'S e aon de na 32 comhairlean ann an Alba a tha ann an Comhairle Siorrachd Àir an Ear (Beurla: East Ayrshire). Tha a' chomhairle cho mòr ri 1262 cileameatair cèarnagach agus bha 119,400 duine a’ fuireach an seo anns a’ bhliadhna 2005.

Tha Comhairle Siorrachd Àir a Tuath, Comhairle Siorrachd Rinn Friù an Ear, Comhairle Siorrachd Lannraig a Deas, Comhairle Siorrachd Àir a Deas agus  Comhairle Dhùn Phris is Ghall-Ghàidhealaibh timcheall oirre. Bha a' chuid as motha den Chomhairle Siorrachd Àir an Ear
a' buntainn don t-siorrachd traidiseanta Siorrachd Inbhir Àir a bha a' gabhail a-steach Comhairle Siorrachd Àir a Deas agus pàirt den Chomhairle Siorrachd Àir a Tuath cuideachd.

'S e Cille Mheàrnaig prìomh-bhaile ionadail na chomhairle agus am baile as motha cuideachd.




#Article 521: Comhairle Siorrachd Àir a Tuath (119 words)


'S e aon de na 32 comhairlean na h-Alba a tha ann an Comhairle Siorrachd Àir a Tuath (Beurla: North Ayrshire Council).

Tha an cuid as motha dhith air tìr-mòr na h-Alba far an robh an t-siorrachd traidiseanta Inbhir Àir. Tha a' chomhairle a' gabhail a-steach cuideachd an t-eilean Arainn a bha aig Siorrachd Bhòid agus cuid de na h-eileanan ann an Linne Chluaidh, m. e.: Cumaradh Mòr agus Cumaradh Beag.

Tha Comhairle Siorrachd Rinn Friù, Comhairle Siorrachd Àir a Deas agus Comhairle Siorrachd Àir an Ear timcheall oirre.

Tha Comhairle Siorrachd Àir a Tuath cho mòr ri 885 cileameatair ceàrnagach agus bha 135830 duine a’ fuireach an seo ann an 2005.

'S e Irbhinn prìomh-bhaile ionadail na chomhairle.




#Article 522: Warszawa (234 words)


Tha Warszawa (IPA: /varˈʃava/, Beurla: Warsaw, Gearmailtis: Warschau, Liotuànais: Varšuva, Latbhais: Varšava, Fraingis: Varsovie) na phrìomh-bhaile den Phòlainn. Anns a' bhliadhna 2014 bha 1,726,581 duine a' fuireach ann. Tha Warszawa 155km air falbh bho Lublin, 118km bho Łódź, 252km bho Kraków agus 280km bho Gdańsk.

Chaidh an Còrdadh Càirdeis, Co-obrachaidh agus Cuideachaidh a-rèir a Chèile a chur air dòigh an seo air 14 an Cèitean 1955.

B' e Warszawa a' chiad bhaile a bhuail na Nazi le bomaichean anns an Darna Cogadh. Thug iad ionnsaigh air a' bhaile air 1 an t-Sultain 1939. Fad mios, bha sèist air a' bhaile. Aig a' cheann thall air 1 an Damhair, choisich na Nasi a-staigh dhan bhaile. Thug na Nasi na rudan luachmhor on Chaisteal Rìoghail mar dealbhan agus mhill iad an Caisteal.

Le Warszawa fo smachd, thòisich na Nazi ag obair air 'an trioblaid Iudhach'. Chruthaich iad sgìrean dhen bhaile a bhiodh mar phrìosan mòr dha na h-Iudhaich, na ghetto. B' e a' ghetto Warszawa am fear as motha. Eadar 22 an t-Iuchar agus 3 an Damhair 1942, ghluaiseadh 300,000 daoine bhon ghetto gu campaichean bhàis, mar an tric na campaichean ann Majdanek agus Treblinka. Ann an 1943, bha ar-a-mach anns a' ghetto ach chuir na Nazi às e air 16 an Cèitean 1943.

Air 1 an Lùnastal 1944, thòisich ar-a-mach ann an Warszawa air fad an aghaidh na Nazi. Mhair an ar-a-mach seo 63 làithean.




#Article 523: Stockholm (105 words)


'S e prìomh-bhaile Suaineach a tha ann an Stockholm (IPA: stɔkːɔlm). Tha nas motha na aon muileann duine a' fuireach anns a' bhaile fhèin agus timcheall air a' bhaile. Tha Stockholm suidhichte 513km air falbh bho Malmö, 484km bho Helsingborg, 396km bho Ghöteborg agus 61km bho Uppsala. Tha Rìgh na Suaine a' fuireachd an-seo.

Tha e coltach gur ann à dà fhacal ann an Suainis: stäk (slat/cabair) agus holmr (eilean) a tha an t-ainm. Bheireadh sin Eilean an t-Slait dhuinn sa Ghàidhlig an latha an-diugh.

Chaidh an còmhlan-ciùil ABBA (Agnetha Fältskog, Björn Ulvaeus, Benny Andersson agus Anni-Frid Lyngstad) a stèidheachadh an seo ann an 1972.




#Article 524: Cogadh Fuar (129 words)


Thachair an Cogadh Fuar eadar 1945 agus 1991. Ach cha robh e mar chogadh sam bith eile air sgàth nach do thachair na feachdan na dà dhùcha ri chèile. Tha an t-abairt 'cogadh fuar' ann mar mhìneachadh air an t-strì eadar na na Stàitean Aonaichte agus an t-Aonachd Sovietach thar na ceathrad sa còig bliadhnaichean a lean deireadh an Dàrna Cogadh air sgàth nach robh càirdeas eadar an dà dhùthaich. Ged nach e cogadh fior a th' ann, bha iomadh cathan ann, m.e. ann an Vietnam, Suez is Coirea, agus bha reis niuclasach a' dol an airde. Agus thar na bliadhnaichean a' chogaidh fhuair, bha cunnart ann gun bhriseadh a-mach cogadh teth agus gun dh' fhàsadh an cogadh seo gu ìre niùicleasach. Gu fòrtanach ge-tà cha do thachair seo.




#Article 525: Ptolomaidh (142 words)


'S e neach cruinne-eòlach ainmeil den linn clasaigeachd a tha ann an Claudius Ptolemaeus an t-Alesandriach: (Greugais: ).
 
Chailleadh a h-obraichean nuair a bha tìr mòr na h-Eòrpa na linn an dorchadas. Chaidh ath-lorg air a sgriobhaidhean mu thimcheall 1409 AC, agus rè an tri-fichead bliadhna as dèidh sin rinneadh caochladh lethbhreacan (làimh-sgriobhta) dhaibh.

Stèidhich chiad leabhar Ptolomaidh, am bun-phrionsabal de cruinn-eòlas chun latha an diugh: Daingneachadh de puingean air barr na talmhainn, agus dearbhadh de Ear-astar agus Domhan-leud le reul-sgrudadh, cho fad 'us an gabhadh sin a dèanamh.

Chan eil teagamh nach do bhròsnaich na sgriobhaidhaidhean de Ptolomaidh ath-leasachadh de cruinn-eòlais rè an 15mh Linn. Bha cairtean-dheilbh an luib na sgriobhaidhean seo agus rinneadh lethbhreacan dhaibh còmhla. Cho trath ri 1479 bha cuid de na leth-bhreacan a nochdadh Tabulae Novae (Claran nan Reul) ùr, a chuir taic ri na cairtean-dhealbh Ptolomachd.




#Article 526: Na h-Eileanan Fàro (159 words)


 
Tha na h-Eileanan Fàro neo Eileanan Fàro neo na h-Eileanan Fàrach (Fàrothais: Føroyar a' ciallachadh 'Eilean na caorach', Danmhairgis: Færøerne)) sa Chuan Siar-a-tuath, eadar Sealtainn, Nirribhidh agus Innis Tìle. 'S e Tórshavn am prìomh-bhaile aice. 

Tha iad air a bhith neo-eisimeileach bhon Danmhairg bho 1948. Tha sluagh dha 48,000 air na h-Eileanan Fàrach agus chan eil iad nam pàirt den Aonadh Eòrpach. Tha iad a' cleachdadh króna Fàrach (an aon rud ri krone na Danmhairge) airson airgid agus a' bruidhinn Fàrothais.

Tha ceithir a mach a còig daoine a' fuireach ann an Tórshavn ach tha ceanglaichean math aca ris na h-eileanan Fàro eile, le tuinealan-rathaid a dhol fon mhuir eadar feadhainn de na h-eileanan agus seirbhis heileacoptair a tha a' ruith trì làithean anns an t-seachdain.

Bidh i gu tric sgòthach, ceòthach agus gaothach.

Cha chleachdar ach 2.14% den fhearann airson àiteachais. Thèid a' mhòrchuid a chleachdadh airson chaorach. Fàsar buntàta, snèip agus currain agus gheibhear bainne bhon chrò.




#Article 527: Goilf (132 words)


Se geama air a chluich le bata cam, a tha ann an goilf, a tha coltach ri caman, a bhuineas ri Alba, leis an amas ball a chur ann an toll aig astar leis an àireamh as lugha de phocan.

Thàinig an geama gu buil ann an Alba, gu h-araidh ann an Cill Rìmhinn. Chaidh a' chiad cluba goilf a stèidheachadh ann an Dùn Èideann ann an 1744 is iad, na Gentlemen Golfers of Edinburgh, a' cluiche goilf ann an Lìte. B' ann an 1744 a bha a' chiad fèill-chluich goilf is b' e John Rattray a' bhuannaich e. Air bunait nan 13 riaghailtean aig an tùrnamant sin chaidh na geama a stèidheachadh.

Tachraidh an fharpais seo gach bliadhna. Ann an 2013, bha luach duais nam fireannach £3,000,000. 

Na Fireannaich

Na Boireannaich




#Article 528: Bàrd Mhealaboist (235 words)


Bàrd Mhealaboist (15 an Gearran 1901 - 7 an t-Samhain 1982).  B' e Murchadh MacPhàrlain an t-ainm ceart aige agus ’s e bàrd foillsichte bh' ann. Bhiodh e cuideachd a' strì airson na Gàidhlig.

Rugadh agus thogadh e ann am Mealabost, Eilean Leòdhais. Shiubhal e gu Aimearaga a Tuath anns na ficheadan agus thug deannan bhliadhna ann am Manitoba, àite bu bheag air, agus b' e siud tùs an òrain ainmeil 'S fhada leam an oidhche gheamhraidh.  Rinn e seirbheis armaichte anns an Dàrna Cogadh bho 1942 gu 1945, agus an sin phill e a Leòdhas, 's rinn tàmh ann gu deireadh a bheatha. Anns na seachdadan chaidh a' bhàrdachd aige a chleachdadh anns na h-òrain aig na h-Òganaich, agus chuir an Gasaet Steòrnabhaigh a-mach comh-chruinneachadh de 'bhàrdachd An Toinneamh Dìomhair an 1973, agus an dhèidh sud bha a' bhàrdachd aige a' faighinn nas motha luchd-èisdeachd agus bhrosnaich e grunn chòmhlain-chiùil mar eisimpleir Runrig agus Capercaillie. Dh'fhoillsicheadh , an t-òran as ainmeile aige, ann an iris Gairm ann an 1975. Chur Comunn Gàidhealach Steòrnabhagh a-mach leabhar agus reacordadh-teipe Dàin Mhurchaidh a ghlèidh deannan de 'òrain air an seinn leis fhéin ann an 1986.

Bha e an aghaidh an campa NATO aig port-adhair Steòrnabhagh a dhèanamh nas motha. Is esan cuspair a' phrògram Murchadh MacPhàrlain; Bàrd Mhealaboist a choisinn duais Fèis na TBh is nam film Ceilteach airson aithriseachd ealain a b' fheàrr ann an 2001. 




#Article 529: Meidheadair (190 words)


'S e inneal a thomhaiseas cudthrom a tha ann am meidheadair. Chanar meidheachadh ris an gnìomh seo.

Tha dà phrìomh roinnean de meidheadair: 

Is fheudar dhuinn aithneachadh an difir eadar cudthrom agus cuideam. Is e a tha ann an cuideam an uimhir de stugh a tha ann an corp*. Is e a tha ann an cudthrom am forsasios a tha cuideam, fo buaidh tarruinn-talmhuinn ag aobharachadh.

Bithidh tarruinn-talmhuinn ag aobharachadh ath-luathasachadh de corp sam bith a tha fo a bhuaidh. Aobhrachaidh Tarruinn-talmhuinn Ath-Luathasachadh a tha baoltachd ri 9.81 metre/diog gach diog, (= 9.81 m/s/s = 9.81 m/s² = 9.81ms⁻²)

Anns an Système international d'unités 
is e An Ciologram (kg) a tha na h-aonad de cuideam agus is e an Newton (N) a tha na h-aonad de forsa. Is àbhaist do buithtean a chleachd an cilogram mar aonad thomhais- a bhi pongail, 'is e forsa-chilograim a tha anns an chudthrom seo a tha co-ionnan ri 9.81 N.

A mhineachadh seo, tha beagan Ailseabra feumail.
A reir an dàrna lagh aig Newton:

Mar sin: 

Airson Cuideam de 1 kg:

Cudthrom = 1 kg X 9.81 ms⁻² = 9.81 N = 9.81 kg.ms⁻².




#Article 530: Baralachas (218 words)


Ann am matamataig, ’s e baralachas a tha gach ràdh matamataigeach aig nach eil (fhathast) dearbhadh foirmeil fo riaghailtean  rianais mhatamataigich, ged tha creideas ann gur fìrinn e. Nam biodh dearbhadh foirmeil aige, ’s e teoirim (cùis-dhearbhte) a bhiodh ann agus faodaidh a chur gu feum gus ràdhan eile a dhearbhadh. Ach anns an eadar-àm, fhad ’s nach eil dearbhadh foirmeil ann, faodaidh feum a dhèanamh dheth mar gum biodh e fìor, ged is baralach an obair a tha stèidhichte air. Mas “dearbhadh” co-dhùnadh na h-obrach seo ’s e dearbhadh air chùmhnant a th’ ann, agus nochdaidh am baralachas ann an liost beachd-bharailean an teoirim. Nuair sin bidh iomairt mhòr ann gus am baralachas fhèin a dhearbhadh oir thèid an co-dhùnadh a leagail mur eil e fìor.

Uaireannan thathar ag ràdh beachd-bharail ri baralachas den t-seòrsa ach gu bhith pongail tha baralachas agus beachd-bharail eadar-dhealaichte. 

Is docha gu bheil am baralachas as ainmeil am fear ris an canar an teoirim mu dheireadh le Fhermat. Thagair Fermat gu robh dearbhadh glic aige ach cha d’fhuaradh e riamh às dèidh a bhàs an 1665. Mar sin cha b’ e teoirim idir a bh’ ann ach baralachas gus an do dhearbh Andrew Wiles an 1995 e, ged a bha iomadh oidhirp le matamataichean fad na trì cheud bhliadhna chun a seo.




#Article 531: Geoimeatras (420 words)


Tha geoimeatras (no cè-mheas, no tlachd-tomhais) a’ dèiligeadh ri feartan agus dàimhean phuingean, loidhnichean, chumaidhean, chruthan, uachdaran, agus an samhlachas aca ann an spàs ioma-sheallach. B’ e tè den dà roinn àrsaidh matamataig (b’ e àireamhachd an tè eile) ach an-diugh tha na bun-bheachdan geoimeatrach air an leudachadh gu mòr agus e a’ dèanamh feum de shiùil calcalais agus ailseabra easchruthach. Chan eil e furasta a-nis an ceangail aithneachadh eadar cuid de na roinnean geoimeatrais nodha agus an geoimeatras clasaigeach.

Bha geoimeatras clasaigeach air a cheangal ri aon sheòl-tomhais (loidhne), ri dà sheòl-tomhais (raon), agus ri trì siùil-thomhais (mar a tha an saoghal mun cuairt), ach an-diugh tha matamataichean a’ dèanamh feum de gheoimeatrasan ioma-sheallach. Tha spàs ioma-sheallach feumail cuideachd ann an eòlas-nàdair airson bun-bheachdan casta a chur an cèill. Mar eisimpleir, ’s e tìm a tha an ceathramh seòl-tomhais anns an teòiridh sònraichte dàimhealachd Einstein, agus tha feum air deich agus air aon-deug siùil-thomhais ann an teòiridh shreangan agus ann an m-theòiridh fa leth.

B’ e Eoclaid matamataiche Grèigeach a rugadh mu thuaiream 325 RC agus a chaidh bàs mu thuaiream 265 RC. Chuir e am follais còig posdalaidean air a tha geoimeatras chlasaigich 
stèidhichte:

Uaireannan tha a’ chòigeamh posdalaid seo ainmichte a’ phosdalaid cho-shìnte. Ann am briathran eile tha i ag ràdh nam biodh loidhne ann agus puing P air leth, cha bhiodh ach aon 
loidhne ann tro P a tha co-shìnte. Agus ’s e seo a tha a’ dèanamh dealachaidh eadar geoimeatras Eoclaideach agus geoimeatras neo-Eoclaideach, oir tha geoimeatrasean anns nach eil seo fìor. Chan eil loidhnichean co-shìnte idir ann an geoimeatras eileapsach (m.e. cruinneadaireachd), agus tha uimhir gun crìoch de loidhnichean co-shìnte ann an geoimeatras hipearbolach.

Chan eil geoimeatras Eoclaideach air a cheangal ri dà no trì siùil-thomhais. Faodaidh uimhir sam bith de shiùil-thomhais a bhith ann.

Anns a' chiad dol-a-mach, b'e geoimeatras fàinneachan ailseabrach a bh'ann – gu h-àraidh fàinne nan iol-teirmeach – ach tha e nis air a leudachadh gu fàinneachan co-iomlaideach sam bith (teòiridh sgeamaichean), agus tha oidhirpean ann a leudachadh gu fàinneachan euco-iomlaideach cuideachd.

a’ drùdhadh fo atharrachadh rèidh riochd no meud crutha. Mar eisimpleir, ged nach eil cearcall agus ceàrnag an aon chumadh, tha am feart aig an dà dhiubh gu bheil iad a’ roinn an raoin anns an dà phàirt: an raon a-staigh agus an raon a-muigh. Agus tha seo a’ chuis nam fàsadh a’ cheàrnag no nan atharraicheadh i gu bhith na cearcall. ’S ann anns an seagh seo a tha ceàrnag agus cearcall hoimèamorphach (tha co-ionnanachd toipeòlasach aca).




#Article 532: Drochaid (585 words)


Is e a tha ann an drochaid, structar a bheir rathad, frith-rathad, rathad-iarainn neo slighe eile thar beàrn. Mar is tric bithidh am beàrn seo eadar dà bhruaich aibhne, ach tha iad a' dol thairis na locha, gleanntan, rathaidean eile ⁊c.

Is iad na trì prìomh cruthan drochaide:

Tha an dealbh air an taobh deas a' sealltainn drochaid don chruth shailteachd fon rathad mòr A9 faisg air Dail Chuanaidh. Freagairidh drochaidean sailteach gu math ri làraich far a b' fheudar do bheàrn na drochaid a bhi meadhanach mòr an co-mheas leis an aird eadar an slighe thar na drochaid agus an amar fodha. Chithear gu bheil suil na drochaid ceàrnag, agus mar sin gu bheil làn aird na drochaid ri fhaotainn air feadh a' bheàirn eadar an dà laimrig.

Nuair a thèid eallach air drochaid sailtheachd, thèid cromadh air na sailibh. Nuair a bhitheas seo a' tachairt thèid forsaichean dlùthaidh air snàithlean uachdar nan sàil ach thèid forsaichean sìnidh air na snàithlean ìochdarach. Mar sin, is fheudar do stuth nan sàil a bhi comasach a dhiùlt an dà seòrsa fhorsa: tarrainn agus brùthadh.

Freagairidh stàilinn ri sailibh, oir tha e làidir fo shìneadh agus fo dlùthadh. Cha freagair clachaireachd neo, cruadhtan-bàn (coincreit-bàn). Tha sailean cruadhtain aig an drochaid anns an dealbh. Is cruadhtan ath-neartaichte a tha annta, a ciallachadh gu bheil slatan stàilinn anns a' chruadhtain a thoirt làidiread an aghaidh sìneadh ris. Chanar stuth co-mheasgaichte ri cruadhtan ath-neartaichte agus stuthan innlichidh eile cruthaichte a dà shusbaint eadar-dhealaichte.

Tha an dealbh air an taobh clì a' sealltainn drochaid bogha, a ghiùlaineas an rathad mòr A87 thar Alt a' Ghlarsair air an Eilean Sgitheanach. Is cruth làidir de drochaid a tha ann am bogha, oir bithidh eallach air mun na drochaid, a putadh mun chuairt fainne a' bhogha agus mar sin a' dlùthadh na clachan fath leth ri chèile. Tha clachaireachd làidir an aghaidh dlùthadh, ach chan eil i ach lag mu choinneamh sìneadh. Mar sin cha freagair clachaireachd ri cruth drochaid saileachd.

Is e an duilgheadas le drochaidean bogha gu bheil feum aig cruth na drochaid air aird, agus bithidh an aird a tha dith a rèir am beàrn eadar an dà laimrig.

Is e cruth drochaid a tha stèidhichte air slabhraidh neo ball sìnte eadar an dà cheann drochaide a tha ann an drochaid croichte. Anns an nòs innlichte de drochaid croichte, tha dà phrìomh slabhraidh (drochaidean togta rè 1800-1850) neo dà phrìomh bhall (drochaidean dealbhta as dèidh 1870) air an crochadh eadar dà thùr, fear suidhichte aig gach ceann na drochaide. Tha uachdar na drochaid a ruithe air mun cliathach aotrom a tha croichte (le slatan/ròpan crochaidh) bhon dà phrìomh bhall. Freagraidh drochaidean den seòrsa seo ri ceuman eadar 30m agus 2000m, ged nach robh na slabhraidhean iarainn-obraichte a chaidh air cleachdadh anns na drochaidean croichte bu tràithe freagarrach ri fad torr nas motha na 150m.

Chaidh leasachadh air cruth nan drochaidean croichte aig toiseach an 19mh linn bho drochaidean croichte tùsanaich a chaidh air cleachdadh an Aimearaga a Deas agus 's an Himalaya fad linntean mus an tàinig daoine Eòrpaich do na tìrean siud. Anns a' chruth thùsanaich, cleachdar trì ballan, co-shìnte, ball fa-leth air a bhitheas na luchd cleachdaidh a' coisich, agus da ròpa-laimhe, mu meatair nas arda na agus mu 300mm ri gach taobh dhen bhall-coise. Ceanglar ròpan goirid ris an chanar stuthan, eadar am ball-coise agus an dà ropa-làimhe, gach meatair neo dha air fad na drochaide. Tha seo a cruthachadh sructar tensiachd (sìnte), a tha saor agus aotrom.




#Article 533: An Eadailt (168 words)


 
'S e dùthaich mhòr a tha anns an Eadailt air taobh-a-deas na Roinn-Eòrpa. 'S e tairbeart neo rubha mòr a tha ann, suidhichte anns a’ Mhuir Meadhanach, le cuid de eileanan còmhla, m.e.:Sicily agus Sardinia. 'S e An Roimh am prìomh-bhaile aice agus 's e Eadailtis an cànan aca. Tha na crìochan aice ann an ceann a tuath na dùthcha leis an Fhraing, an Eilbheis, an Ostair agus an t-Slòbhain. Tha na dùthchannan San Marino agus Cathair na Bhatacain suidhichte air an taobh a-staigh anns an Eadailt. Tha am Fàsach Accona suidhichte anns an Toscana faisg air Asciano. Tha Sgioba nàiseanta rugbaidh na h-Eadailt fear den sgiobaichean mòra aig rugbaidh.

Seo lista na bailtean as motha na h-Eadalite:

Is e Oilthigh Bhologna am fear as aosmhor air feadh an t-Saoghal a tha a’ toirt ceum do na h-oileanaich.

Chaidh an t-Oilthigh Phadua a stèidheachadh anns a' bhliadhna 1222 (Università degli Studi di Padova anns an Eadailtis). Tha e suidhichte anns a’ bhaile Padova ann an earra-thuath na h-Eadailte.




#Article 534: Barraigh (199 words)


'S e eilean deasaich nan Innse Gall a tha ann am Barraigh neo Eilean Bharraigh. Tha ainm an eilein a' ceilearadh misionaraidh Èireannach dom b' ainm Fionn-Barr. A rèir traidisean, thàinig Fionn Barr gu h-Alba le Calum Cille. Is e eilean beag a tha ann, mu seachd mìle o cheann gu cheann.

Tha cala math aig Bàgh a' Chaisteil air taobh deas an eilein, far a bheil lamraig le alt-aiseig. Tha am bàgh ainmichte airson Caisteal Chiosmuil, seann chathair MhicNèill. 

Seòlaidh bàta-aiseig dhan Òban, 3 uiread 's seachdain rè a' gheamhraidh.

Is e àireamh-sluagh an eilein 1174 ceann daoine, an cuid as motha dhaibh nan Caitligich. Tha 761 nan luchd-labhairt na Gàidhlig (62%) a' fuireach anns an eilean.

Rinn Compton Mackenzie am film Whisky Galore ann am Barraigh. Chaidh a thìodhlacadh ann an Eòlaigearraidh.

Thòisich fèis ann am Barraigh ann an 1981, Fèis Bharraigh. Bha am fèis cho soirbheachail 's gun deach fèisean eile a chur air dòigh air feadh Alba.

Thòisich rèis ris an canar am 'Barrathon' ann an 2000. 'S e an t-astar leth-mharathon a' dol timcheall an eilein. 

Chaidh bratach Bharraigh, crois geal air uaine, aithneachadh leis a' Morair Lìomhainn, an Rìgh Seanchaidh ann an 2017.




#Article 535: Siostam foirmeil (171 words)


Anns an rianas ’s e siostam foirmeil a th' ann far a bheil cànan foirmeil agus àlach riaghailtean airson foirmlean deagh-dhèanta a thoirt bho fhoirmlean deagh-dhèanta eile. 

Tha aibidil agus gràmar aig a' chànan fhoirmeil. 'S e àlach chomharran a tha anns an aibidil agus àlach riaghailtean airson foirmle a thogail a tha anns a' ghràmar. Thathar ag ràdh gu bheil foirmle deagh-dhèanta ma tha i sgrìobhte le comharran a' chànain agus air a cur ri chèile a-rèir a' ghràmair.

'S ann le siostaman foirmeil a tha dearbhaidhean matamataigeach air an dèanamh. Tha aicseaman aig bun siostam foirmeil. Tha iad air an sgrìobhadh mar foirmlean deagh-dhèanta agus tha foirmlean deagh-dhèanta eile air an toirt bhuapa. Leanaidh an argamaid ceum air cheum mar seo gus an ruigear co-dhùnadh. Is dligheach an co-dhùnadh seo mas dligheach gach ceum na h-argamaid agus 's ann mar seo a tha an co-dhùnadh dearbhte. Uaireannan, bidh co-dhùnadh feumail do iomadh dearbhadh eile no gheibh e lèirsinn sònraichte do mhatamataig. Nuair sin 's e teoirim a theirear ris.




#Article 536: Caochladair (176 words)


Ann am matamataig, 's e uiread neo-aithnichte, agus le comas atharrachadh, a th' ann an caochladair. Ann an coimpiutaireachd, 's e àite a th’ ann far am faod àireamh air a chumail. Ann am fiosaig agus ann an innleadaireachd, ’s e luach a th’ ann a dh’atharraicheas rè deuchainn, no bho eisimpleir gu eisimpleir, no fhad ’s a tha siostam ag obrachadh.

Tha iomsgaradh air a dhèanamh eadar caochladair agus cunbhal. ’S e uiread a tha aithnichte agus neo-caochlaideach a th' ann an cunbhal. Tha iomsgaradh air a dhèanamh cuideachd eadar caochladair agus paramadair, ged faodaidh nì a tha na chaochladair anns an dàrna suidheachadh a bhith na pharamadair ann an suidheachadh eile.

Anns an staitistearachd gnìomhaichte, ’s e factar a tha tomhasach no feart duine no siostaim a th’ ann an caochladair (.i. rud a dh’fhaodas atharrachadh bho àm gu àm no bho dhuine gu duine). Anns an staitistearachd matamataigeach tha brìgh teicneòlach aig caochladair thuairmeach. 'S e seo foincsean a mhapas bho raon na coltachd gu raon tomhasach sam bith (me. raon nam fìor-àireamhan).




#Article 537: Uibhist a Tuath (297 words)


Tha Uibhist a Tuath anns na h-Eileanan Siar ann an Alba. A-rèir cunntas-sluaigh 2001 tha sluagh de 1254 a' fuireach ann anns an àbhaist. Tha 887 dhiubh (61%) nan luchd-labhairt na Gàidhlig. Tha an t-eilean ceangailte ri Beinn na Faoghla le cabhsairean tro Eilean Ghriomasaigh agus ri Beàrnaraigh agus ris a' Bhaile Shear le cabhsairean eile. Tha an t-eilean gu math rèidh, ach a-mhàin an ear-dheas, agus tha pailteas mhòintichean, chnoc agus lochan ann. Tha còrr is dàrna leth an eilein fo uisge. Tha measgachadh de shàl agus fìor-uisge ann an cuid de na lochan agus tha seo a' tabhann àrainneachd àraid iom-fhillte do dh'eòin is creutairean eile.

'S e Uibhist a Tuath an deicheamh eilean as motha ann an Alba agus an treas eilean deug as motha ann am Breatainn (a' fàgail às Èirinn). Tha an t-eilean 117 mìle cheàrnagach ann am meud, beagan nas lugha na Uibhist a Deas.

'S e Loch nam Madadh am baile as motha air an eilean, port-iasgaich le taigh-tasgaidh, ionad-ealain agus 'Both nam Faileas' - 'camera obscura' ann am bothan-cloiche. Tha bàtaichean Caledonian Mhic a' Bhriuthainn a' seòladh à Loch nam Madadh gu Ùig anns an Eilean Sgitheanach, agus à Beàrnaraigh gun t-Òb anns na Hearadh. Tha oifis-phuist agus cafaidh anns an ionad-ealain, Taigh Chearsabhagh. Tha an Uist Outdoor Centre cuideachd faisg air làimh. 

A-measg bhailtean eile an eilein tha Càirinis, Port nan Long, Scolpaig, Cladach Chirceboist, Taigh a' Ghearraidh, Hogha a' Ghearraidh, Ceann a' Bhàigh agus Solas.

Tha grunn thoglaichean agus structaran àrsaidh ann an Uibhist a Tuath, nam measg Barpa Langais (càrn-tiodhlaigidh seòmarach), Poball Fhinn (cearcall thursachan) agus Teampall na Trianaid.

Tha an t-eilean cuideachd cliùiteach airson na th' ann de dh'eòin. Gheibhear ràcan-an-fheòir, sùlairean, gealagan-buachair agus sgrabairean ann. Tha raon-glèidhteachas aig an RSPB ann am Baile Raghnaill.




#Article 538: Tri Yann (158 words)


'S e còmhlan-ciùil bho Naoned/Nantes anns a' Bhreatainn Bheag 'san Fhraing a tha ann an Tri Yann (Breatannais airson Trì Iain). Bidh iad a' cluich ceòl ceilteach le ceangal làidir ri dualchas na sgìre.

Thòisich am buidhean ann an 1971 le Jean Chocun, Jean-Paul Corbineau agus Jean-Louis Jossic - agus tha iad uile ann fhathast - agus 's ann is coireach ris a seo a thagh iad an t-ainm Tri Yann an Naoned ('S e Yann am Breatannais airson Jean).

'S iad am buidhean ceilteach is ainmeile anns an Fhraing agus aon de na còmhlan-ciùil is aosd ann an ceòl Breatannais agus iad air fuireach ri chèile bho an ath-bheòthachadh ann an ceòl traidiseanta na 1970an.

Am measg na h-òrain is ainmeile aca tha La Jument de Michao (j'entends le loup, le renard et la belette no 'sa Ghàidhlig : Cluinnidh mi am madadh-allaidh, an t-sionnach agus an easag) agus Les Prisons de Nantes (Ann am prìosan Nantes).




#Article 539: Àlach (840 words)


Ann am matamataig, ’s e buidheann no seata nithean sam bith a th’ ann an àlach. Mar eisimpleir, tha na ceithir dathan: dearg, buidhe, uaine agus gorm, nam buill de dh’ àlach nan dathan uile. Ged tha bun-bheachd nan àlach simplidh, ’s e fear de na smaoineasan bunaiteach ann am matamataig nar latha an-diugh. ’S e teòiridh àlach sgoilearachd feartan nan àlach, agus tha cuid mhath de mhatamataig stèidhichte air.

Mar a leanas tha geàrr-chunntas bunasach de na theirear teòiridh àlach sìmplidh. Gheibh cus fiosrachadh air smaointean nas pongaile bho theòiridh àlach aicseamach.

Tha na buill de dh’ àlach matamataigeach uile eadar-dhealaichte. Chan fhaod ach aon bhall den t-seòrsa a bhith ann an àlach. Anns an t-seagh seo tha diofar eadar àlach matamataigeach agus cleachdadh an fhacail sa chainnt chumanta làitheil. 

Chan eil òrdugh aig buill an àlaich. Mar eisimpleir, biodh A na àlach anns a bheil na ceithir àireamhan 2, 4, 6 agus 8. ’S urrainnear òrdugh na h-aibidil a chur riutha, no òrdugh àireamhail, no òrdugh sam bith eile ach chan eil òrdugh ann mar thà.

Glèidhidh obrachaidhean àlach na buadhan seo.

Thathar a’ toirt iomraidh air àlaichean an iomadh dòigh. Mar eisimpleir, le faclan:

Faodaidh nithean eugsamhail a bhith ann an àlach agus ’s e an cleachdadh liosta dhiubh a dhèanamh eadar camagan bachlach. Mar eisimpleir:

Faodaidh dà iomradh a bhith air an aon àlach. Mar eisimpleir, mar os cionn tha A agus C co-ionnan chionns gu bheil na buill de A nam buill de C cuideachd, agus tha gach ball de C na bhall de A. ’S ann an seo a tha seagh “co-ionnanachd” nan àlach, agus seagh comharra “=” nuair a sgrìobh sinn A = C. Mar an ceudna, tha B = D. 

Chan eil òrdugh aig na buill agus chan eil e gu diofar co dhiù a sgrìobhar:

Chan ann ach aon de gach seòrsa ge b’ e air bith dè cho tric ’s a tha ball ainmichte anns an liosta. Ma tha:

Chan eil ach trì dathan ann, agus tha E = D = B.

Ma tha an liosta fada, agus pàtran nam ball follaiseach, ’s urrainnear beàrn ( ... ) a chur ann. Mar eisimpleir tha a’ chiad chaogad àireamh chothromach dhearbh:

Anns an dòigh cheudna, tha àlach nan àireamhan nàdarra corra:

Uaireannan tha foirmle feumail. Mar eisimpleir, ma tha F na àlach den chiad fhichead àireamhan a tha ceithir nas lugha na slàn-àireamh cheàrnaichte, ’s urrainnear a sgrìobhadh:

Thathar a’ leughadh a’ chòilein (:) “far a bheil”, agus an iomraidh gu lèir: “Tha F na àlach àireamh den riochd nsup2; − 4, far a bheil n na shlàn-àireamh agus tha n san raon bho 0 gu 19”.

Thathar a’ comharrachadh ball no eileamaid àlaich le ∈, bho litir na Grèigis ε a’ riochdachadh “eileamaid de”. Mur eil rudeigin na bhall thathar a’ comharrachadh le ∉. Mar eisimpleirean:

Ma tha àlach a’ gabhail a-steach eileamaid, tha seo air a chomharrachadh le ∋, agus mur eil leis a’ chomharra ∌ (me. D ∋ dearg, D ∌ uaine). Tha na comharran seo air an leughadh “a tha gabhail a-steach” no “anns a bheil an eileamaid” agus “anns nach eil an eileamaid”.

Mur eil ball no eileamaid sam bith anns an àlach, ’s e an t-àlach bàn a th’ ann agus tha an comharra sònraichte  air.

Ma tha gach ball den àlach A na bhall den àlach B cuideachd, ’s e fo-àlach B a th’ anns an A. Tha seo air a sgrìobhadh A ⊆ B. Ma tha A ⊆ B agus B ⊆ A, ’s ann a tha A = B. Ma tha A na fho-àlach B agus tha eileamaidean anns a’ B nach eil anns an A, tha A na fho-àlach fìor de B. Tha seo air a sgrìobhadh A ⊂ B, no mar A ⊊ B airson a shoilleireachadh nach eil A agus B co-ionnan. Mar eisimpleir:

Tha gach àlach na fho-àlach fhèin, A ⊆ A, agus tha an t-àlach bàn na fho-àlach de gach àlach,  ⊆ A. Mur eil A na fho-àlach B, thèid a sgrìobhadh A ⊈ B, no A ⊄ B.

Ma tha A na fho-àlach B, ’s e for-àlach A a th’ anns a’ B. ’S urrainnear a’ sgrìobhadh B ⊇ A. Faodaidh na comharran eile air an cur air ais cuideachd (.i. ⊃ ⊅ ⊉ ⊋).

Tha e soilleir gu bheil:

Ma tha A ⋂ B = ∅, tha na h-àlaichean neo-thàthach. Tha e soilleir gu bheil:

Anns a’ chumantas, tha e nas feumaile bheachdachadh air àlach leis na h-eileamaidean nach eil anns an àlach A, can, ach gu bheil ann an àlach eile B, can. ’S e co-phàirt dàimheach na h-A anns a’ B a tha seo, no an diofar eadar an t-àlach B agus an t-àlach A. Tha an diofar seo air a sgrìobhadh: B – A. Tha e soilleir gu bheil:

Tha grunnan àlaich a tha cudromach ann am matamataig agus tha ainmean sònraichte aca. Is iad seo:

Tha P ⊂ N ⊂ Z ⊂ Q ⊂ R ⊂ C.

Q, R agus C.




#Article 540: Ally McCoist (123 words)


'S e cluicheadair ball-coise a bh' ann an Alistair Ally Murdoch McCoist MBE (breith 24 den t-Sultain, 1962 ann am Bellshill). Chluich e mar cuspairiche, no striker, agus chuir e seachad a chuid mhòr thìde a cluich airson Rangers agus tha tòrr dhaoine den bheachd gur e aon de na cuspairean is fheàrr ann an eachdraidh Rangers, agus ball-coise Albannach air fad, a bh' ann. Cluich e cuideachd airson Alba 61 turas agus fhuair e 17 tadhal do dhùthaich. Aig an àm seo tha e ag obair mar leas-mhanaidsear aig Rangers fo Walter Smith. Chaidh e fhèin na mhanaidsear a' chluba ann an 2012 ach leig e a dhreuchd suas ann an 2014.

Chaidh e na Bhall Òrd Ìmpireachd Bhreatainn ann an 1984.




#Article 541: Alasdair MacGriogair (165 words)


B'e ministear agus sgrìobhadair a bh' ann an Urramach Alasdair MacGriogair (1806-1881).

Rugadh an t-Urramach Alasdair MacGriogair anns a’ bhliadhna 1806 an Gleann Gharthain, ri taobh Uisge Dé, an Siorrachd Obar Dheathain far an robh athair 'na mhinisteir. Ghluais athair gu sgìre Chill Mhoire an Tròndairnis anns an eilean Sgitheanach agus an dèidh àireamh bhliadhnachan, shuidhicheadh Alasdair MacGriogair gu bhi 'na cho-aoghaire d’a athair. Dh’fhan e an sgìre Chill Mhoire gus a bhliadhna 1850, an uair a chaidh a ghairm do eaglais Ghàidhlig Dhùn Èidinn. Trì bliadhna an déidh sin, chaidh e do Inbhir Nis, far an do chaochail e anns a’ bhliadhna 1881. 

Sgrìobh e àireamh mhòr phàipearan air iomadh stèidh anns a’ Chuairtear, am Fear-tathaich nam Beann, agus anns a’ Ghaidheal, cuid diubh fon ainm Sgiathanach, is cuid eile fon ainm Alasdair Ruadh. 

Ann am beachd Watson: 'Bha buaidh shònraichte aig an duine fhoghlaimte urramach seo air nochdadh an cainnt shoilleir bhrìoghmhor nithean àrda agus cudthromach nach gabh mìneachadh gu furasda sa Ghàidhlig.'




#Article 542: Aithbhreac inghean Coirceadail (120 words)


B' e bana-bhàrd a bha ann an Aithbhreac inghean Coirceadail, no mar a chuireadh sinne oirre anns an latha an-diugh Aithbhreac Nic Chorcadail. Cha tàinig ach aon dàn a rinn ise a-nuas thugainn: am marbhrann  A phaidrín do dhùisg mo dhéar, a tha air a ghlèidheadh ann an Leabhar Deadhan Lios Mòir agus anns a bheil i a' caoidh a fir, Niall Óg (mac Thorcuil) MacNéill Ghiogha, a bha na chonstabal aig Caisteal Suibhne ann an Cnapadal às leth MacDhòmhnaill nan Eilean, agus a dh'eug, a rèir coltais, uaireigin eadar 1455 agus 1472. Is dòcha gur e seo an dàn as tràithe a rinneadh (ann an Alba no ann an Èirinn) le bana-bhàrd air a bheil ainm cinnteach is ceann-là.




#Article 543: Fiosaig (426 words)


'S e fiosag (no feallsanachd-nàdarra, no eòlas-nàdair) an saidheans nàdarrach a tha a' ceasnachadh
riaghailtean bunaiteach an nàdair. Tha e a' rannsachadh co-phàirtean bunaiteach an nàdair agus nan eadar-obraichean orra. Tha e a' dèiligeadh ris na feartan agus ri giùlan stutha is lùiths ann am fànas is ann an tìde. Tha e a' dèiligeadh ri daineamaig fànais is tìde cuideachd. 
Bheirear iomradh air nàdar-fheallsanachd gu tric mar saidheans an nàdair neo-bheathail, an coimeas ri bith-eòlas, saidheans an nàdair bheathail.

Tha iomadh roinnean anns an saidheans seo. Tha feallsanaich-nàdurra air a bhi ri rannsachadh leantainneach bhon 17mh linn, nuair a rinn Isaac Newton cuid obair bunaiteach air feartan (no buaidhean) de solas. 

Tha aonadan-thomhais riatanach ri deuchainnean saidheansail. Is Système international d'unités neo SI an siostam-thomhais caighdeanachd de eòlas-nàdair anns an latha an diugh. Tha 
e stèidhichte air seachd bun-aonadan. Tha gach bun-aonad na h-aonad thomhais do bun-fheairt. Gabhar le àbhaisteas, gu bheil gach bun-fheart ann an seòlad neo-eisimeileachd fa-leth.
Is iad na bun-fheartan: fàd, màs, tìm, teasad, srùth-dhealaineachd, àireamh agus soillearad.
Is iad na bun-aonadan: meatair, cileagram, diog, Ceilbhin, Ampere, mòl, agus candela. Tha ainmean agus comharraidhean nan aonad aontaichte aig ìre eadar-nàiseanta, ach le àbhaisteas sgrìobhair ainmean nan aonad an aithisgean agus pàipearan a rèir na caighdeanan litrichidh daingnichte ri cànan an aithisg.

Is i seo an roinn de eòlas-nàdair a dhèiligeas le buaidhean de solas. Rinneadh an rannsachadh bunaiteach air an sgoil seo le am feallsanach ainmeil Sasunnach Sir Isaac Newton (1642–1727) rè an 17mh linn. 

Dh'fhoillsich Newton tràctas-mòr Opticks air a' chùise seo anns a bhliadhna 1706 (Dearbh). Anns an tràctas sin chaidh ainmeachadh air agus mìneachadh de cuid math de dlighean optaig, bu sònraichte dlighean ath-tilgidh (le sgàthanan) agus dlighean ath-sgaraidh (le lionsan). 

Cha robh nàdair de sholas cinnteach ri linn Newtoin. Bha cuid feallsanaich den bheachd gur e sruth de meanbh-chnapan a bha ann an gath-solais agus cuid den bheachd gu robh solas a' siubhal na tuinn. Tha fios againn anns an latha an diugh gu bheil nàdair de sruth de meanbh-chnapan (fotonan) agus gu bheil nàdair de tuinn ann an gath sholuis.

Seo an roinn de eòlas-nàdair a dhèiligeas le cnapan stuth fo bhuaidh cumhachdan-eiginn (no forsaichean). Tha co-gluasadan clasaigeach stèidhichte air trì dlighean a chaidh air ainmeachadh le Isaac Newton, mar àlach chanar Na dlighean co-ghluasad Newtoin dhaibh.

Ball de liosta àireamhaichte:

Tha cosmeòlas a' toirt cunntas air nàdar a' chruinne-cè air fad agus air meudachdan mòra. Tha teòirig coitcheann na dàimheachd cudromach ann. Ann an 1931 mhol Georges Lemaître gun do thòisich an cruinne-cè ann am Brag Mòr.




#Article 544: Notre Dame de Paris (106 words)


'S e Notre Dame de Paris (Fraingis: Ar Baintighearna na Paris) eaglais mhòr ann am Paris coisrigte ri Moire. Chanadh am bitheantas Notre Dame rithe le muinntir an àite agus sa Bheurla.

'S e cathair-eaglais Gotach a th' ann, suidhichte air an Île de la Cité, eilean ann an abhainn Seine ann am Paris, An Fhraing. Ged gur e ceann-siubhail mòr na turasachd a tha i, tha i air a cleachdadh fhathast mar Eaglais Chaitligeach agus 's e cathair clàr àrd-easbaig Paris a th' innte. Thathar gu tric ag ràdh gur e  Notre Dame de Paris tè de na h-eisimpleirean as fheàrr de ailtireachd Frangach Gotach.




#Article 545: Rubha Robhanais (101 words)


Tha Rubha Robhanais (am Buta Leòdhasach) ann an Sgìre Nis agus 's e an t-àite as fhaide gu tuath ann an Eilean Leòdhais. Tha taigh-solais air a bhith ann o na 1860an; chaidh a dhealbh le Daibhidh Stevenson. Tha stèisean diofarail GPS air cnoc eile faisg air làimh.

Tha bàgh seasgair air a bheil Stoth air an rathad gu ruige an taigh-solais. Tha feannagan rim faicinn air taobh eile an rathaid. Tha toll mòr cruinn anns na creagan gun iar air an taigh-sholais air a bheilear a' toirt An t-Suil. Gheibhear an sealladh as fheàrr air an seo a machair Thàboist.




#Article 546: Machair (115 words)


Tha am facal Gàidhlig machair a' ciallachadh fadhlainn ìseal thorrach air costa Èirinn no Alba agus gu sònraichte anns na h-Eileanan Siar. Tha dà sheòrsa machair ann:

Tha machraichean de gach seòrsa nan seann tràighean a tha a-nis nas àirde na tràighean an latha an-diugh as dèidh do dh'ìre na mara tuiteam.

Tha luchd-eigeòlais agus glèidhteachais air tòrr rannsachaidh a dhèanamh air machraichean air sgàth nan siostaman sònraichte eigeòlach aca. Tha dìtheanan neo-àbhaisteach, leithid a' chailleach fhuar, agus eòin leithid ràcan-an-fheòir, beignein-baintighearna, gillean-feadaig agus gobhlain-mhara rim faighinn orra. 

Tha bleith-talmhainn na cunnart do mhachraichean. Tha seo air adhbharachadh le èirigh na mara agus mar a thathar a' cleachdadh thràighean faisg air làimh mar ghoireas cur-seachad.




#Article 547: Tiriodh (624 words)


Tha eilean Thiriodh anns na h-Eileanan a-staigh, don iar-dheas air Eilean Cholla. Tha e suidhichte ann an Roinn Comhairle Earra-Ghaidheal agus Bhòid. 'S e eilean ìosal, torrach a th' ann agus a bharrachd air turasachd 's e croitearachd am beòshlaint as motha aig muinntir an eilein. Fhad 's a bha 770 duine a' fuireach ann an Tiriodh anns a' bhliadhna 2001, a rèir cunntas-sluaigh cha robh ach 653 duine a' fuireach anns an eilean ann an 2011. Tha tòrr luchd-labhairt na Gàidhlig ann an Tiriodh (38.3% a-rèir Cunntas-sluaigh 2011), ceudachd àrd airson nan Eileanan a-Staigh.

'S e Sgairinis prìomh-bhaile Thiriodh. Bidh bataichean-aiseig a' seòladh a Sgairinis gu ruige Àirigh nan Gobhar air Colla agus an t-Òban air tìr-mòr Alba. Tha cuideachd port-adhair beag faisg air a' bhaile. A-measg bailtean eile an eilein tha Haoidhnis agus Sanndaig, le taighean-tasgaidh beaga 'san dà chuid.

Tha Tiriodh cliùiteach air sgath an Dùin Mhòir, borg bhon chiad linn RC ann am Bhalla, Clach a' Choire, clach snaidhte àrsaidh agus airson eòin rubha Cheann a' Bhara. Thathar a' tighinn a Thiriodh cuideachd airson seòladh-clàir agus tha stèisean-rèadair air an eilean a tha a' cumail sùil air plèanaichean catharra. 

Ann an 1770, 's ann le ceithir tuathanaich deug a bha air talamh a thraoghadh airson arbhair agus ionaltraidh a bha dàrna leth an eilein. Seach a bhith a' cur air falbh crodh beò (a bhiodh tric claoidhte as dèidh an turais fhada don mhargaidh agus air nach fhaighte prìsean àrda), thòisich iad air cur air falbh feòil-mhairt shaillte ann am baraillean, air an robh fèill na bu mhotha. Bha an corr den eilean air a chur a-mach air mhàl do dhà fhichead 's a còig buidhnean de dh'àitreabhaichean air tuathanasan co-chomuinn: buidhnean àiteachaidh a bh' air a bhith ann dh'fhaoidte o linn nan cinnidhean. Bhathar a' toirt seachad talamh-croit tro bhot bliadhnail agus bhathar a' taghadh cinn-latha cur agus buain le chèile. Chaidh aithris ann an 1774 gun robh muinntir Thiriodh well-clothed and well-fed, having an abundance of corn and cattle.

Chaidh port-adhair feachd an adhair (RAF) a thogail air Tiriodh tron Dàrna Cogadh agus chaidh a chleachdadh mar phort-adhair chatharra as dèidh a' Chogaidh. Bha cuideachd Stèisean-rèadair RAF aig Cill Choinnich agus fear eile aig Beinn Hogh. Bha stèisean-tamaill aig Goirtean Dhòmhnaill rompa seo agus as dèidh a' Chogaidh bha stèisean-reudair ROTOR aig an RAF aig Beinn Ghot. Tha toglaichean an eilein ainmeil, nam measg 'taighean dubha' agus 'taighean geala' - tha an seann tughadh fhathast air tòrr aca seo - agus na taighean 'breaca' nach fhaighear ach air an eilean, far a bheil an t-aol air a pheantadh geal.

Tha cuid a' cumail a-mach gu bheil an t-ainm a' ciallachadh 'Eilean an Arbhair', air sgath mar a bhiodh Tiristich a' reic gràn do na manaich ann an Abaid Eilein I, air an ear-dheas, agus don Aba Calum Cille (b. 597), san t-siathamh linn. Bha grunn mhanachainn Crìosdail Ceilteach ann an Tiriodh fhèin aig aon am, agus tha clachan snaidhte ann an corra àite bhon linn seo, me. Teampull Naomh Phàdraig, Ceann a' Bhara (NL 938 401) agus Soiribidh (NL 984 416).

Tha dà leabhar mu na bàird Thirisdeach

(25.06.2010) Dh'fhoillsich Scottish Renewable Power, aig toiseach Ògmhios 2010, sgeama 's an amharc, a thogail tuathanas gaoithe de 500 muilnean air an Sgeir Mhòir 5km iar-dheas a Tiriodh. Cosgaidh an leasachadh seo mu £6,000,000,000 Breatannach agus tha dùil gun adhbharaich e àrdachadh sluagh an Eilein bho 800 daoine gu 1100 daoine, le ceudan a bharrachd air sin a' còmhnaidh air an eilean fad 's a bhios an obair togail a' dol air adhart.

Bhuannaich Dòmhnall Camshron à Sgairinis co-fharpais airson bratach ùr an eilein a dhealbhadh ann an 2018. Chaidh am bratach a thogail a' chiad turas 8 Sultain 2018.




#Article 548: Rob Donn MacAoidh (305 words)


B' e bàrd Gàidhlig a bh' ann an Rob Donn MacAoidh (1714 - 1778) no Rob Donn mar as fheàrr a dh'aithnichear e.

Rugadh Rob Donn ann an Allt na Caillich ann an Dùthaich MhicAoidh. Nuair a bha e fhathast na ghille òg chaidh e dh'fhuireach ann an taigh Iain MhicEachainn, fear-taca na sgìre. Bha Rob na chìobair do dh'Iain MacEachainn agus cuideachd thug e a dhà no thrì bliadhnaichean anns an arm. 

Bha liut air leth aig Rob Donn air a bhith a' dèanamh bàrdachd agus gu sònraichte air a bhith a' fanaid air daoine a b' aithne dha - ge b'e cho àrd no ìseal 's a bha an seasamh sa choimhearsnachd - agus tachartasan a ghabh àite ann an Dùthaich MhicAoidh. Dh'fhàg e còrr is dà cheud dàn as a dhèidh, air an sgrìobhadh sìos le daoine a bh' air èisteachd riutha o bheul a' bhàird fhèin. Cha robh comas leughaidh no sgrìobhaidh aig Rob Donn.

A-measg nan dàn as ainmeile aige tha ,  agus dà òran a' nochdadh bàidh don Phrionnsa Teàrlach, ged nach b'ann air taobh a' Phrionnsa a bha Dùthaich MhicAoidh. Sgrìobh e cuideachd 'Cead Fhir Bhìoguis don Fhrìth', a tha a' nochdadh na tlachd a bha e a' gabhail ann a bhith a' sealg, agus òran-gaoil ainmeil a tha fhathast ga sheinn an-diugh, air a bheil 'Iseabail NicAoidh'. Bha deagh chuid de na dàin aige air leth èibhinn agus tha dà fhear aca seo fhathast ga sheinn gu tric cuideachd, 'Briogais Mhic Ruaraidh' agus 'Thèid Mi Cuide Riut'.

Cha robh sgoil aig Rob ach bha e eòlach air obair a' bhàird Shasannaich ainmeil Alexander Pope, tro chòmhraidhean le ministear na sgìre, an t-Urramach MacDhòmhnaill, agus chithear a' bhuaidh a bh' aig stoidhle agus smuaintean Phope air torr den bhàrdachd aig Rob Donn ach gu sònraichte air na marbhrainn.




#Article 549: Międzyrzec Podlaski (101 words)


S'e baile ann an Pòlainn an ear-dheas, eadar Biała Podlaska is Lublin, air Abhainn Krzna a th'ann Międzyrzec Podlaski. (IPA: mjɛnˈd:zɨʐɛt:s pɔdˈlaski, Laideann: Meserici, Iùdais: מעזעריטש/Mezeritch, Gearmailtis: Meseritz, Seacais: Podleské Meziříčí, Liotuànais: Palenkės Mendzižecas, Ùcrainis: Межиріччя, Мендзижець-Підляський, Latbhais: Mendzižeca Podļaska, Ruseis: Мендзыжец-Подляски, Bealaruisis: Міжрэчча, Мендзыжац-Падляскі, Eabhra: מיינדזיז'ץ פודלסקי)Tha e na phriomh-bhaile den gmina ann an voivodship Lublin, agus tha 17.300 daoine ann (ann an 2005).Tha Międzyrzec Podlaski 83km air falbh bho Lublin, 291km bho Kraków, 380km bho Gdańsk agus 125km bho Warsaw, prìomh-bhaile na dùthcha. Chaidh am baile a chlàradh airson a' chiad turas ann an 1178, ann an sgrìobhainn eaglaiseil.

 




#Article 550: Na h-Òganaich (454 words)


'S ann tràth ann an 1971 a chaidh an còmhlan traidiseanta Gàidhlig Na h-Òganaich a chur air bhonn ann an Glaschu, as dèidh don t-seinneadair Mairead NicLeòid tachairt ris a' chluicheadair giotàr Noel Eadie airson a' chiad uair aig cuirm-ciùil ann an Dùn Omhainn. Thuirt Mairead san dol seachad gun robh a bràthair Donnie ag ionnsachadh giotàr agus roghnaich iad cur a-staigh airson farpais nan Còmhlan Traidiseanta aig a' Mhòd Nàiseanta Rìoghail.

Bha caraid dhaibh à Eilean Leòdhais, Dòmhnall MacIllEathain, ag obair aig a' BhBC agus 's e thug dhaibh an toiseach clàraidhean den bhàrd Murchadh MacPhàrlain à Mealabost, air nach robhar tuilleadh 's eòlach aig an àm. Dh'aithnich iad cho ùr agus togarrach 's a bha na h-òrain aig Murchadh agus thagh iad na dhà dhiubh airson an toirt gu Mòd Struighlea anns an Dàmhair 1971, far an do bhuinnig iad farpais nan Còmhlan Traidiseanta agus a ghlac iad aire an t-sluaigh leis cho proifeiseanta 's a bha an stoidhle aca agus cho inntinneach 's a bha an cuid òran.

An ath bhliadhna choisinn iad cliù eadar-nàiseanta nuair a bhuannaich iad farpais an Òrain Ùir aig an Fhèis Thar-Cheilteach ann an Cill Àirne ann an Èirinn, le òran eile le Murchadh, 'Mi le m' uillinn air mo ghlùin'. Mar thoradh air an seo thòisich iad a' cluich air feadh nan dùthchannan Ceilteach agus ann an Canada agus Sasainn.

Rinn an còmhlan trì clàran don chompanaidh Beltona Sword, meur de Decca Records - The Great Gaelic Sound of Na h-Oganaich (1972), Gael Force Three (1973) agus Scot-Free (1975).

Ann an 1976 chaidh iarraidh air Na h-Òganaich pàirt a ghabhail ann an cuairt mhòr sna Stàitean Aonaichte. Bha Noel ag obair na òraidiche aig an àm agus cha robh e comasach dha a dhol ann ach chaidh Mairead agus Donnie a-null agus nuair a thill iad chaidh iad air chuairt ann am Breatuinn nan dìsead le luchd-ciùil taice.

Tha an còmhlan slàn air tighinn ri chèile corra uair on uair sin airson tachartasan sònraichte leithid Fèis nan Còisir ann an Steòrnabhagh agus Fèis Celtic Connections ann an Glaschu (2007). Tha Mairead fhathast na neach-ciùil proifeiseanta, a' seinn leis a' bhocsair Billy Anderson, agus choisinn Donnie cliù dha fhèin anns na 1980an mar phreasantair a' phrògram chloinne Dòtaman air BBC Alba. Tha Noel a' fuireach ann an Leòdhas agus ag obair ann am foghlam.

B' e measgachadh den ghuth air leth aig Mairead, an cràic aig Donnie air an stèidse, na sgilean aig Noel a thaobh a bhith a' cur ceòl ri chèile agus na h-òrain Ghàidhlig aig Murchadh MacPhàrlain nach maireann a dh'adhbharaich cliù Na h-Òganaich. A' coimhead air ais thathar a-nis gam meas mar stiùir do chòmhlain shoirbheachail Ghàidhlig eile leithid Runrig agus Capercaillie.




#Article 551: Stòrlann Nàiseanta na Gàidhlig (103 words)


Tha Stòrlann Nàiseanta na Gàidhlig na buidhinn leasachaidh a tha ag obair an co-phàirteachas le ùghdarrasan ionadail air feadh Alba gus foillseachadh agus sgaoileadh ghoireasan-teagaisg Gàidhlig a cho-òrdanachadh. Chaidh a' bhuidheann a stèidheachadh ann an 1999 agus tha prìomh oifis aice ann an Steòrnabhagh, Eilean Leòdhais.

Bi an Stòrlann a' cur air dòigh co-labhairt gach bliadhna do thidsearan Gàidhlig, . Tha An t-Alltan a’ toirt cothrom do thidsearan Gàidhlig tighinn còmhla, toirt sùil air iomairtean teagaisg agus ionnsachaidh ùra. Bidh shreath de dh’òraidean agus bùthan-obrach ann ceangailte ri goireasan a th’ air ùr nochdadh no a th’ anns a’ bheairt aig an Stòrlann.




#Article 552: Am Pàipear Beag (248 words)


Tha a' West Highland Free Press, no Pàipear Beag an Eilein Sgitheanaich/Am Pàipear Beag, mar as fheàrr a dh'aithnichear e anns a' Ghàidhlig, na phàipear-naidheachd ionadail ann an Gàidhealtachd na h-Alba. Chaidh a stèidheachadh ann an 1971 leis an Làbarach Brian MacUilleim, agus tha smachd làidir aige air fhathast. Mar as àbhaist thèid a fhoillseachadh gach Diardaoin anns an Àth Leathann anns an Eilean Sgitheanach ach chan eil e ri fhaighinn ach air loidhne ri linn a' choròna-bhìorais.

'S e sluagh-ghairm a' phàipeir sluagh-ghairm Caidreamh Fearann na Gàidhealtachd on naoidheamh linn deug, 'An Tìr, an Cànan 's na Daoine'. Tha seo a' nochdadh prìomhachasan a' phàipeir, nam measg leasachadh na Gàidhlig agus ath-chruthachadh laghan fearainn. 

Tha am pàipear taiceil do dh'iomairt nan tuathanasan-gaoithe air Ghàidhealtachd ach bha e caran leam-leat mu deidhinn an iomairt aig SKAT gus cur às do chìsean Drochaid an Eilein Sgitheanaich. Tha e a' taobhachadh ris a' Phàrtaidh Làbarach, rud nach eil dh'fhaoite na ìoghnadh leis mar as ann le ball den Phàrtaidh a chaidh a stèidheachadh, agus 's e seo a choisinn dha am far-ainm sgaiteach West Highland Free Pravda.

Tha pàipearan-naidheachd nàiseanta corra uair a' togail air sgeulachdan a nochdas an toiseach anns a' Phàipear Bheag, leithid mar nach robh e comasach do dh'Austin Boyle ainm na h-ighne aige a chlàradh ann an Gàidhlig. 

Tha am Pàipear Beag cuideachd ag aithris ann an doimhneachd air camanachd.

Cha deach a fhoillseachadh anns a' Ghiblein agus anns a' Chèitean 2020 air sgàth a' choròna-bhìorais.




#Article 553: Alasdair mac Mhaighstir Alasdair (546 words)


Rugadh Alasdair mac Mhaighstir Alasdair, no Alasdair MacDhòmhnaill (c.1690 - c.1770), ann an Àird nam Murchan, far an robh athair na mhinistear. Bhuineadh an teaghlach do dh'Uibhist a Deas agus bha ceanglaichean làidir aca ri Clann Raghnaill.

A rèir beul-aithris 's ann bho athair a fhuair Alasdair a chuid oideachaidh anns a' chiad dol a-mach agus chaidh e an uair sin gu Oilthigh Ghlaschu, ged nach eil seo ga dhearbhadh ann am pàipearan an Oilthigh. Tha beul-aithris cuideachd a' cumail a-mach nach tug e a-mach ceum aig deireadh an latha ach gun do dh'fhàg e an oilthigh a phòsadh Sìne Dhòmhnallach à Gleann Eite. 
Rugadh a mhac, Raghnall Dubh, ann an 1728.
Nuair a nochdas e a-rithist ann an clàran sgrìobhte, ann an 1729, 's ann mar neach-oideachaidh agus ceistear aig an SSPCK (Scottish Society for the Propagation of Christian Knowledge) a tha e ag obair, ann an Eilean Fhìonain, faisg air far a bheil an Gearastan an-diugh.

Ann an 1738 bha Alasdair a' teagasg ann an Cille Chòmhain agus ann an 1739 ann an Coire Mhuilinn, far an do rinn e an dàn ainmeil aige, ''. Ann an 1741 dh'fhoillsich e faclair Gàidhlig, a' chiad leabhar clò-bhuailte a nochd bho thùs ann an Gàidhlig na h-Alba a-riamh.

Ann an 1745 chuir Alasdair a chùl ri teagasg agus rinn e air Gleann Fhionghain far an do chuir Teàrlach Òg Stiùbhairt a bhratach ri crann. 'S ann mun àm sin no beagan roimhe a bha Alasdair air tionndadh ri Eaglais na Ròimhe agus ghabh e ri arm a' Phrionnsa mar oifigear an rèisimeid Raghnaill Òig, Mac Mhic Ailein. Rinn e tòrr òran brosnachaidh Seumasach mun àm seo, leithid 'Òran nam Fineachan', 'Brosnachadh nam Fineachan', ' ('O hi ri rì, tha e tighinn') agus 'Clò Mhic 'Ille Mhìcheil', agus aoir air luchd-taice Rìghrean Hanòbhair. Tha cuid a' creidsinn gur e a sgrìobh tràchdas anns a' Bheurla a nochd gun urra goirid as dèidh Bhlàr Chùil Lodair ag innse stòiridh Bhliadhna Theàrlaich tro shùilean 'Oifigich Ghàidhealaich' an arm a' Phrionnsa.

As dèidh Bhlàr Chùil Lodair bha Alasdair agus a bhean fon choill; tha beul-aithris ag innse gun robh Sìne trom aig an àm. Mu dheireadh fhuair Alasdair seilbh air baile fearainn aig Eigneig ann am Mùideart agus rinneadh na bhàillidh e air Eilean Chanaigh, a bha cuideachd na phàirt de dh'oighreachd Chlann Raghnaill. 

Dh'fhoillsich Alasdair a bhàrdachd fon tiotal Aiseirigh na Seann Chanoin Albannaich ann an 1751. Bha iomadach diofar stoidhle na chomas, bho òrain-ghaoil bhlàth leithid '' gu bàrdachd mionaideach mu nàdar leithid 'An Samhradh' agus 'An Geamhradh'. Sgrìobhadh e aoir ghoirid sgaiteach a cheart cho math ri dàin mhòra ghaisgeil leithid 'Bìrlinn Chlann Raghnaill'. 

Bhàsaich Alasdair ann an Sanndaig ann an Àrasaig agus tha e air a thìodhlaigeadh ann an seann chladh Chille Mhuire an sin.

Tha cunntas air beatha Alasdair na òige ri fhaighinn anns an leabhar aig Raghnall MacIlleDhuibh Alasdair Mac Mhaighstir Alasdair: The Ardnamurchan Years (Coll, 1986). Tha fiosrachadh mun bhàrdachd aige ann an An Introduction to Gaelic Poetry le Ruaraidh MacThòmais (Dùn Èideann, 1990) agus ann an Gaelic Poetry in the Eighteenth Century, leis an aon ùghdar (Obar Dheathain, 1993). Tha a' mhòr-chuid de bhàrdachd air a cruinneachadh ann an The Poems of Alexander MacDonald, deasaichte le MacDhòmhnaill agus MacDhòmhnaill (Inbhir Nis, 1924).




#Article 554: Sìleas na Ceapaich (514 words)


Bha Sìleas na Ceapaich no Sìleas NicDhòmhnaill na bàrd Gàidhlig (mu 1660 - mu 1729). 

B' i nighean Ghilleasbuig, Mhic 'ic Raghnaill, 15mh Triath Dòmhnallaich na Ceapaich. Phòs Sìleas Alasdair Gòrdanach agus rinn iad an dachaigh ann am Baile Dhòrnaidh, faisg air Hunndaidh. Tha làrach na dachaigh aca fhathast ri fhaicinn air an rathad eadar Obar Dheathain agus Monadh Choinnich. Tuigear o bhàrdachd Sìleas gun robh còignear mhac aca agus co-dhiù triùir no 's dòcha ceathrar inghean.

Tha e soilleir bho ìomhaighean agus meataireachd na bàrdachd aig Sìleas gun robh i, mar nighinn chinn-chinnidh, foghlamaichte a thaobh bàrdachd na Gàidhlig. Tha a bàrdachd cuideachd a' toirt dhuinn sealladh air beachdan bhoireannach, an dà chuid a thaobh ghnothaichean pearsanta mar a tha comhairle do nighinn air caran an t-saoghail, call chloinne agus cèile agus creideamh, ach cuideachd air mar a bhathar a' meas thachartasan mòra na linne. 

Tha tòrr de bhàrdachd Sìleas a' nochdadh faireachdainn làidir Seumasach. Nam measg seo tha:

Bha creideamh làidir Caitligeach aice agus tha seo ga nochdadh anns na laoidhean aice, nam measg:

Bha a' bhàrdachd aice a' nochdadh uallaichean a' chinnidh aice, na Dòmhnallaich, ach cuideachd uallaichean an teaghlaich aice fhèin, gu sònraichte ann an:

Alasdair à Gleanna Garadh,
Thug thu an-diugh gal air mo shùilean;
'S beag iongnaidh mi bhith trom chreuchdach:
'S tric ga reubadh as ùr sinn.
Dearcair dhomhsa bhith gan osnaich
'S meud an dosgainn th' air mo chàirdean;
'S tric an t-eug oirnn a' gearradh,
Taghadh nan darag as àirde.
Chaill sinn ionnan agus còmhla
Sir Dòmhnall a mhac 's a bhràthair.
Ciod e am fàth dhuinn bhith gar gearan?
Dh'fhan Mac Mhic Ailein sa bhlàr uainn.
Chaill sinn darag làidir liath-ghlas
Bha cungbhail dìon air a chàirdibh,
Capall-coille bhàrr na giùthsaich,
Seabhag sùil-ghorm lùthmhor làidir.
Dh'fhalbh ceann na cèille is na comhairle
Anns gach gnothach am bi cùram,
Aghaidh shoilleir sholta thaitneach,
Cridhe fial farsaing mun chùinneadh;
Bu tu tagha nan sàr-ghaisgeach,
Mo ghuala thaice is mo dhiùbhail;
Smiorail fearail foinnidh treubhach,
Ceann feachda chaill Seumas Stiùbhart.
Nam b' ionnan do chàch is do Ghoill
An uair dh'imich an long a-mach,
Cha rachadh i rithist air sàil
Gun fhios dè am fàth mun tàin' i steach.
Ach nuair chunnaic sibh san tràth sin
A bhith gar fàgail air faondradh,
Bhrist bhur cridheachan le mulad:
Is lèir a bhuil nach robh sibh saoghlach.
Bu tu an lasair dhearg gan losgadh,
Bu tu sgoltadh iad gun sàiltibh;
Bu tu guala chur a' chatha,
Bu tu an laoch gun athadh làimhe;
Bu tu am bradan anns an fhìor-uisge,
Fìor-eun as an eunlaith 's àirde;
Bu tu leòmhann thar gach beathach,
Bu tu damh leathann na cràice.
Bu tu an loch nach faoidte thaomadh,
Bu tu tobar faoilidh na slàinte;
Bu tu Beinn Nibheis thar gach aonach,
Bu tu a' chreag nach fhaoidte theàrnadh.
Bu tu clach-mhullaich a' chaisteil,
Bu tu leac leathann na sràide;
Bu tu leug lòghmhor nam buadhan,
Bu tu clach uasal an fhàinne.

Tha bàrdachd Sìleas air a cruinneachadh le Colm Ó Baoill ann am Bàrdachd Shìlis na Ceapaich (Scottish Gaelic Texts Society, 1972)




#Article 555: Màiri Mhòr nan Òran (359 words)


Rugadh Màiri Mhòr nan Òran (1821–1898), no Màiri Nic a' Phearsain, no Màiri Nighean Iain Bhàin, ann an Sgèabost san Eilean Sgiathanach. Chuir i seachad a h-òige anns an Eilean Sgitheanach agus ann an 1848 phòs i Isaac Mac a' Phearsain, greusaiche à Inbhir Nis, agus chaidh i a dh'fhuireach còmhla ris dhan bhaile sin. Bha sianar chloinne aca. Ann an 1871 chaochail Isaac agus chaidh Màiri a dh'obair na banaltraim.

'S ann ri linn na h-obrach seo, a-rèir na bàrdachd aice, a chaidh a chur às leth Màiri gun do ghoid i aodach boireannaich a bh' air ùr-bhàsachadh agus a chaidh a cur don phrìosan airson còrr is mìos. Chaidh dearbhadh as dèidh làimh gun robh Màiri neo-chiontach ach cha d' fhuair i seachad air an tàmailt airson ùine mòir agus bha i air a gluasad gu bàrdachd a dhèanamh mun eucoir a rinneadh oirre agus air iomadach cuspair eile.

Dh'fhàg Màiri Inbhir Nis goirid às dèidh seo agus chaidh i a dh'fhuireach a Ghlaschu. Rinn i trèanadh foirmeil an-sin mar bhanaltram agus mar mhnaoi-ghlùine. Dh'fhàs i ainmeil am measg Gàidheil Ghlaschu leis mar a bhiodh i a' frithealadh chèilidhean agus thachartasan mòra Gàidhealach eile anns a' bhaile. Rinn i grunn òran ainmeil mu na cruinneachaidhean seo, nam measg 'Camanachd Ghlaschu' agus 'Deoch-slàinte Gàidheil Ghrianaig'.

Tha an t-uamhas de dh'òrain Màiri a-mach air bòidhchead an Eilein Sgitheanaich agus air na h-atharrachaidhean a bha air tighinn air an àite. Tha tòrr aca seo gan seinn fhathast, a leithid 'Nuair a bha mi òg', 'Eilean a' Cheò' agus 'Soraidh le Eilean a' Cheò'. Bhiodh i a' tilleadh dhachaigh gu tric fhad 's a bha i a' fuireach sa cheann a deas agus mu dheireadh chaidh i air ais a dh'fhuireach, an-toiseach ann an Òs agus an uair sin a Sgèabost. Bha i gu mòr an sàs ann an Strì an Fhearainn agus bhiodh i a' frithealadh coinneamhan chroitearan agus a' dèanamh agus a' gabhail òran-brosnachaidh dhaibh. Nam measg seo tha 'Coinneamh nan Croitearan', 'Brosnachadh nan Gàidheal' agus 'Òran Beinn Lì'.

Chaochail Màiri ann am Port Rìgh ach tha i air a h-adhlacadh ri taobh a cèile ann an Inbhir Nis.




#Article 556: Alasdair Caimbeul (197 words)


'S e Alasdair Caimbeul (27 An Cèitean 1941) neo Alasdair a' Bhocsair sgrìobhadair à Nis, Leòdhas. 

Rugadh e an 27 Cèitean 1941 ann an Dail bho Dheas, Nis, Leòdhas. 'S e a bhràthair an sgrìobhadair Tormod Caimbeul (Tormod A' Bhocsair). 'S e Aonghas Caimbeul (Am Bocsair) an t-ainm a bh' air an athair, agus b' e sgrìobhadair ainmeil Gàidhlig eile a bh' ann an uncail, Aonghas Caimbeul (Am Puilean). Dh'fhuirich e ann an Drochaid Chonain an Siorramachd Rois anns an 90an.

Tha e air dealbhan-cluiche, sgeulachdan goirid agus nobhailean a sgrìobhadh ann an Gàidhlig agus Beurla. Thòisich e a' sgrìobhadh ann an Gàidhlig ann an 1984. 'S e Bùth a' Bhaile a' chiad dealbh-chluich a sgrìobh e. Bha e an sàs ann am buidhnean dràma, nam measg 'Na Nisich' ann an Leòdhas agus Cluicheadairean Loch Aillse. Bho 1988 gu 1990 bha e na sgrìobhaiche ann an Sabhal Mòr Ostaig san Eilean Sgitheanach. Sgrìobh esan na nobhailean The Nessman agus Visiting the Bard ann am Beurla.

Bhuannaich e Duais Gasaet Steòrnabhaigh air dealbh-chluich ùr ann an 2009 aig a' Mhòd Nàiseanta Rìoghail, agus Duais Dhòmhnaill Mheek ann an 2015 airson an nobhail aige, Ro Fhada san t-Suidheachadh Seo. 




#Article 557: Aonghas Caimbeul (Am Bocsair) (209 words)


B' e Aonghas Caimbeul (1908 - 1949 ), neo mar a b' fheàrr a b' aithnichear e, Am Bocsair, bàrd à Nis. Chaidh a bhàrdachd fhoillseachadh fo stiùireadh a bhràthair, Am Puilean (a bha na bhàrd cuideachd) ann an 1978. Tha na mic aige, Alasdair Caimbeul agus Tormod Caimbeul, a' sgrìobhadh an dà chuid bàrdachd is rosg ann an Gàidhlig.

Rugadh Aonghas Caimbeul, mac Alasdair Mhurchaidh Òig à Suaineabost, ann an Nis air 3 Sultain 1908. Thàinig far-ainm 'Am Bocsair' air ann an Sgoil Chrois seach gun dèanadh e sabaid cruaidh le a dhà dhòrn. Bha mac eile anns an teaghlach le aon ainm, Aonghas, agus 's e 'Am Puilean' am far-ainm a bh' air. B' e gnàthachadh gu math cumanta a bh' ann aig an àm seo. B' e miseanaraidh anns an Eaglais Shaor a bha na athair, Alasdair Mhurchaidh Òig. 

Bha e a' cumail bùth ann an Nis agus airson greiseig, bha e ag obair ann an Glaschu, ann an Ospadal Hawkhead. Ann an 1937 phòs e Màiri Mhoireach, tè a bhuineadh do Dhail bho Dheas, cuideachd ann an sgìre Nis. Bha trìur mhac agus aon nighean aca. Tha Tormod a' Bhocsair agus Alasdair a' Bhocsair nan sgrìobhadairean ainmeil.

Bàrdachd a' Bhocsair. Dùn Èideann: MacDonald Publishers, 1978.




#Article 558: Acair Earranta (114 words)


'S e buidheann foillseachaidh a tha ann an Acair Earranta. Foillsichidh Acair leabhraichean ann an Gàidhlig, Beurla agus leabhraichean dà-chànanach. 

Tha e stèidhichte ann an Steòrnabhagh, Leòdhas.

Dh'fhoillsich Acair iomadh leabhar cloinne agus bidh sgoiltean Gàidhlig air feadh na h-Alba gan cleachdadh. Bidh Acair cuideachd a' foillseachadh leabhraichean do dh'inbhich air iomadach cuspair: bàrdachd, aistean, òrain, dealbh-chluichean, dannsa, creideamh, eachdraidh neo cultar is dòigh-beatha na Gàidhealtachd. Cuideachd, tha Acair a' foillseachadh leabhraichean Beurla air cuspairean co-cheangailte ris a' Ghàidhlig agus ris a’ Ghàidhealtachd.

Thòisich e mar phàirt de Phròiseact Dà-chànanch nan Eileanan Siar ann an 1976. 'S e Call na h-Iolaire le Tormod Calum Dòmhnallach a' chiad leabhar a dh'fhoillsich Acair ann an 1979.




#Article 559: Pròiseact Foghlam Dà-chànanach nan Eilean Siar (210 words)


Thòisich Pròiseact Foghlam Dà-chànanach nan Eileanan Siar ann an 1975 mar phìleat aig Comhairle nan Eilean Siar, ag amas air clann bhun-sgoile dà-chànanach oideachadh tro mheadhan na Gàidhlig agus na Beurla, agus tro churraicealam iomchaidh stèichichte air beatha agus àrainneachd nan eileanan.

'S ann an am fichead sgoil ann an sgìrean dùthchail anns na h-Eileanan a thòisich am Pròiseact, le taic bho Roinn Foghlam an Riaghaltais. Chaidh am pròiseact a leudachadh ann an 1978 gus tuilleadh sgoiltean a thoirt an sàs agus ghabhadh ri poileasaidh dà-chànanach airson sgoiltean an ùghdarrais air fad ann an 1981.

Ghabh sgoiltean ri dòighean-teagaisg ùra ri linn a' Phròiseict, nam measg ionnsachadh agus teagasg stèidhichte sa chiad dol a-mach air beatha agus eòlas na cloinne, pròiseactan agus teamaichean clas mar dhòigh gus curraicealam ceangailte a thabhann, agus fòcas sònraichte air Eòlas Arainneachd agus na h-Ealain Ghàidhlig. Ann an raon nan Ealan Gàidhlig bhathar a-meas aithris sgeulachdan agus sgilean-labhairt eile gu math cudromach agus bha oidhirp air a dèanamh obair-ealain a cheangail ri raointean eile sa churraicealam.

Chaidh grunn sreathan leabhraichean fhoillseachadh mar phàirt den phròiseact, nam measg leabhraichean Spàgan agus sgeama-leughaidh 'A' Ghrian'. 

Tha tuilleadh fiosrachaidh mun chiad cheum den Phròiseact ann am Bilingual Education in the Western Isles, Scotland le Iain Moireach (Acair, 1984)




#Article 560: Seulra (153 words)


Cainnt Ghàidhlig aosmhor, sònraichte o seann ri na ceàrdaich.
B' e creideamh nan ceàrd fhèin gur e chainnt fa-leth a bha anns an Seulra, ach is e a bha ann ach cruth dìomhair na Gàidhlig, cruthaichte le atharrachadh fuaimean neo òrdugh nan fuaim taobh a-steach facail fa-leth. 

Tha ainm air a' chainnt fhèin a' comharrachadh an dà fheart. Is e a tha ann Seulra ach Beurla le Seilleach an aite Beith agus Ruis is Luis air gabhail ionad a cèile. Tuigsear, gur e cainnt aosmhor a tha anns an t-Seulra, agus anns an linn a chaidh a chruthachadh cha robh am facal Beurla a' ciallachadh canan sònraichte mar a tha e an-diugh ach canan san fharsaingeachd. Mar sin chan eil An Seulra ach a' ciallachadh An Canan.

Bha caochladh ainmean aig na Gaidheal nach do bhuin ri Clann nan Ceàrd air an Seulra, na measg Laidionn nan Ceàrd, Beurlagar agus Gàidhlig nan Ceàrd.




#Article 561: An Dàrna Cogadh (262 words)


'S e cogadh mòr a bha anns An Dàrna Cogadh, eadar 1939 agus 1945 eadar dùthchannan a' Chaidreachais is a' Ghearmailt, An Eadailt agus Iapan. 'S e an cogadh a bu sgriosaile a thachair ann an eachdraidh an t-saoghail. Chaill còrr is 60,000,000 am beatha 's cha robh ceàrn an t-saoghail nach do dh'fhairich a bhuaidh. Bha feachdan an Fhaisisteachais, an Deamocrasaidh agus an Co-mhaoineas a' sabaid ri chèile sa chogadh. 

Is e an t-Uile-losgadh (Eabhra: haSho'ah, השואה) an scrios is murt den Iùdhaich Eòrpach a rinn na Nàsaich agus na luchd sin gun do phàirtich am beachd nan Nàsaich den linn an Dàrna Cogadh. Bha gràin mòr aig na Nàsaich air Iùdhaich sa' bheachd-smaoinealas agus sluagh-iùlach aca bho thùs, agus sgrìobh Adolf Hitler air a' chuspair sin san leabhar leis - Mo Chath Fhein (Mein Kampf). Smaoinich iad gun do rinn na Iùdhaich brath air a' Ghearmailt san Chiad Cogadh. Air sgath sin, rinn na Nàsaich iomairt bruideal is luath, a' cur muileannan de Iùdhaich ri campaichean-braighdeanais, agus gan marbhadh, a' mhorchuid le gas nimheil. Còmhla leis na h-Iùdhaich, dh'iarr na Nàsaich cuideachd a mharbhadh na Giofagan, Pòlainnich dhùthchasach agus Slàbhaich eile, prìosanaich-cogaidh on t-Aonadh Sobhiat, Comannaich, Clachairean, fir cho-sheòrsach, Pàpanaich, ciorramaich, agus daoine eile gum foillsicheadh maoidheadh ris na Nàsaich 'nan tòrachd airson chumhachd. 

Bha na Nàsaich a' stèidheachadh campaichean-braighdeanais air feadh meadhan na Roinn-Eòrpa, mar eisimpleir Auschwitz-Birkenau, Majdanek, Chelmno, Sobibór, Treblinka is Belzec anns A' Phòlainn, Theresienstadt / Terezín anns an t-Seic-Slòbhac (Czechoslovakia), Mauthausen anns An Ostair agus Buchenwald, Bergen-Belsen, Dachau, Flossenbürg, Ravensbrück is Sachsenhausen anns A' Ghearmailt fhèin.




#Article 562: A' Chàisg (1334 words)


'S e a’ Chàisg an fhèis as cudthromaiche ann am bliadhna na h-Eaglaise Crìosdail. Is e seo an latha air a bheil muinntir na h-Eaglaise a’ còmharrachadh aiseirigh Ìosa Crìosd.

Bidh ceann-latha na Càisge ag atharrachadh gach bliadhna. 'S e Di-Dòmhnaich an dèidh na ciad gealaiche làin as t-Earrach nuair a bhios a’ Chàisg ann. Mar sin bidh i ann eadar 22mh am Màirt agus 25mh an Giblean. 

Nuair a bithear a’ coimhead air an ainm Càisg anns na cànanan diofraichte, chithear gu bheil dà sheòrsa ann, ainmean ceangailte ri “Pessach” agus ainmean ceangailte ri “Ostern/Easter”. 

Tha dlùth-cheangal ann eadar an fhèis Chrìosdail agus an fhèis mhòir Iùdhaich “Pessach”. Dh’atharraich am facal Ebhra Pessach gu Pascha sa Ghreugais agus gu Laidinn. Ann an tòrr chànanan Eòrpach cleachdar ainmean a tha ceangailte ris an fhacal Laidinn, mar eisimpleir canar la Pascua san Spàinntis neo Pasqua san Eadailtis, påsk san t-Suainis, Ruiseis: Пасха (= Pas-cha) ris an fhèis seo. 

'S e an aon rud anns na cànanan Breatannach. Canar Pasg ann an Cuimris agus Pask ann am Breatainnis agus ann an Còrnais. Chaidh am facal Breatannach iosaid bhon Laidinn, agus chun na Gàidhlige Àrsaidh, agus am fuaim /p/ air atharrachadh gu Q /kw/ (an Linn Oghaim). Dh'atharraich am fuaim /kw/ gu /k/ ro àm na Seanghaeilge, mar sin ‘s e Càisg ann an Gàidhlig, Cáisc sa Gaeilge agus Caisht ann an Gàidhlig Mhannain. 

Tha cùisean rud beag eadar-dhealaichte leis an ainm “Ostern” anns a' Ghearmailtis neo “Easter” sa Bheurla. 

A-rèir an Duden (faclair briathrachas na Gearmailtis) thàinig an t-ainm Ostern bhon Seann Ghearmanais Austrō a tha a’ ciallachadh Morgenröte (dearg na maidne). Is dòcha gum b’ e fèis Ghearmanach aig tòiseach an Earraich a bha ann airson ùrram a thoirt do dh’ Ostara (neo Ēostre sa Bheurla), ban-dhia phaganach. Nochd am facal Ēostra sa’ chiad turas sa bhliadhna 738 aig Beda Venerabilis, manach is eachdraiche à Northumbria. Bha esan den bheachd gun robh na seann tràdaiseanan timcheall air Ostara agus ainm mios a’ Ghiblein (Ēosturmanoth aig an àm seo) ceangailte ri chèile.
Sgrìobh e: 

(Eostur-monath has a name which is now translated Paschal month, and which was once called after a goddess of theirs named Eostre, in whose honour feasts were celebrated in that month. Now they designate that Paschal season by her name, calling the joys of the new rite by the time-honoured name of the old observance.)

Ged nach eil na h-eachdraichean cinnteach idir, idir san latha-diugh an robh ban-dhia le ainm Ostara riamh ann neo nach robh, tha sin a’ sealltainn gun robh tòrr de na seann tràdaiseanan paganach a’ tighinn a-steach don chreideamh Chrìosdail.

Dh’atharraich an t-ainm Ēostra an uair sin ann an Seann Àrd Ghearmailtis gu ôstarun agus ann an Seann Bheurla gu Ēastre. Ged a chleachdadh an t-ainm pāsche timcheall air Köln anns a' Ghearmailt, bha buaidh mhòr le Bonifatius, àrd-easbaig Mhainz, a bha a’ cleachdadh ôstaruna a-rèir an tràdaisein aige-san. Tro na linntean dh’atharraich am facal a-rithist gu Ostern anns a' Ghearmailtis agus gu Easter ann am Beurla.

A-rèir nan eaglaisean Crìosdail tha a' Chàisg a' tòiseachadh tràth sa mhadainn, nuair a chunnaic na boireannaich an uamh fhalamh. Tha e sgrìobhte anns a' Bhìoball: Agus thàinig iad gu ro mhoch air madainn a’ cheud là de’n t-seachduin chum na h-uaighe, aig éirigh na greine. 
Mar sin bidh aifreannan na Càisge a’ tachairt oidhche Di-Dòmhnaich (uaireannan oidhche Shathairne) neo aig èirigh na grèine Di-Dòmhnaich. Mar as trice thèid teine beag a losgadh air beulaibh na h-eaglaise, far an losgar coinneal na Càisge mus tèid an luchd creideamh a-steach dhan eaglais. Le coinneal na Càisge bidh an sagart a’ coisrigeadh an uisge-choisrigte ùir anns an aifreann.

Tha èirigh na greine na phàirt cudthromach ann an tradaisean na Càisge. Anns a’ chreideamh Chrìosdail 's e ìomhaigh a th’ ann gum bi a h-uile duine ag èirigh an dèidh bàis. Tha e a’ nochdadh ann an òrain na h-eaglaise neo ann an dealbhan cuideachd.

Ach tha Uan na Càisge, ìomhaigh na Càisge eile, a’ sealltainn a cheangail ris a’ chreideamh Iùdaich. Tha Uan na Càisge a thoirt dhuinn cuimhne air an tradaisean Iùdaich uan ìobradh aig fèis Phessaich. 

'S e turlach mòr a tha ann an Teine na Càisge a thèid a losgadh oidhche na Càisge. Tha e gu math cumanta anns a' Ghearmailt, anns an Òlaind, anns an Danmhairg is anns an t-Suain agus anns na dùthchannan anns na h-Alpanan.

Cruinneachear fiodh, craobhan, sgudal às na gàrraidhean is seann chraobhan na Nollaige agus nithear cruach mhòr. Uaireannan cuirear ban-bhuidseach à sràbh oirre. Bidh muinntir na coimhearsnachd a' coinneachadh ri chèile, mar as trice bidh iad ag òl leann neo fìon teth agus bidh rudeigin ri ithe ann cuideachd (brot neo isbeanan). Uaireannan tha co-fharpais ann eadar na bailtean beaga air feadh nan coimhearsnachdan cò aig a tha a’ chruach as motha. 

Mar as trice thèid an teine a losgadh oidhche Shathairne ro Di-Dòmhnaich na Càisge. Ach tha àitichean eile ann far am bi an teine a’ losgadh Di-Dòmhnaich neo Di-Luain na Càisge.

Tha an tràidisean gu math sean, tha cladhaichean anns an Eilbheis agus anns an Damhairg a’ sealltainn gun robh àitichean-teine ann a chaidh a chleachdadh anns an aon dòigh mar aig Linn an Uamha.

Tha na eachdraichean den bheachd gun tàinig an tràdaisean seo bho na seann làithean ron chreidheamh Chrìosdail. Dhèanadh teine airson an samhradh fhuadach agus an sìol a dhìon an aghaidh thaibhsean dona. Chuireadh an luath air na h-achaidhean an uair sin. 

Bha na ciad tùsan sgrìobhte mu teine na Càisge a’ nochdadh anns an 17mh linn.
Chithear eisimpleir ann an Westfalen, a' Ghearmailt: “Bha am Bauernschaft Menninghausen (coimhearsnachd nan tuathanaich) ann an Oelde a’ cumail an ostara fiur (teine na Càisge ) airson nahgiburo (nàbhaidhean ) agus friuntschaft (caraidean) ann an 1664.”

'S e ugh bruichte a tha ann an ugh na Càisge. Mar as trice thèid a dhathadh, ach uaireannan thèid a sgeadachadh ann an dòigh eile. 'S e tradaisean a tha ann, ugh na Càisge a thoirt do dhuine eile mar ghiftean aig Latha na Càisge. An-diugh bidh na bùthan a’ reic uighean na Càisge à seoclaid cuideachd. 

A-rèir tradaisein paganaich 's e ìomhaigh-bheatha a tha ann an ugh na Càisge. Bha agus tha an tràdaisean, uighean a dhathadh, gu math cumanta air feadh na h-Eòrpa.

Bho na Meadhan Aoisean bhruicheadh na h-uighean aig àm a’ Charghais, air sgàth 's gun robh e toirmisgte an ithe a-rèir a’ chreideimh. Aig an aon àm thòisich na circean uighean a bhreith a-rithist, mar sin bhiodh na tuathanaich a’ bruich nan uighean airson an cumail maireannach. B’ fheudar do na tuathanaich cìs a phàigheadh do na daoine uaisle, aig latha Diardaoin a’ Bhrochain Mhòir, agus bhiodh iad a’ pàigheadh le uighean bruichte (a-measg rudan eile). 

Nochd a’ chiad ìomradh sgrìobhte anns a’ bliadhna 1682. Sgrìobh an t-Ollamh Georg Franck von Frankenau pìos air an robh an t-ainm De ovis paschalibus – von Oster-Eiern (mu uighean na Càisge), far an robh e a’ sgrìobhadh mun tràdaisean seo ann an Alsace agus e a’ gearran nach biodh e math idir don t-slàinte cus uighean ithe. 

A-rèir beul-aithris bidh geàrr na Càisge a’ peantadh uighean is e gan breith anns na nid a chuireas clann anns na taighean neo anns na gàrraidhean.

Chan eilear cinnteach carson a tha geàrr ceangailte ris an tradaisean seo. Tha cuid a’ creidsinn gum b' e an t-ugh agus an geàrr ìomhaighean Ostara, tha feadhainn eile ag ràdh gur e dìreach ìomhaigh-bheatha às an tradaisean phaganach a th’ ann an geàrr. 

Chithear cuideachd nach eil an geàrr cumanta anns a h-uile àite. Bho thùs chleachdadh beathaichean eile cuideachd. Anns an Eilbheis b’ e an cuthag a chuir na h-uighean anns na nid, anns a’ Ghearmailt, ann an Westfalen b’ e an sionnach a dhèanadh sin agus ann am Bohemia b’ e a’ chearc a rinn an obair sin. 

Ged ’s e sin na cleachdaidhean as cumanta, tha mòran eile dhiubh ann a tha a’ buntainn do ghach àite fhèin. Seo dìreach eisimpleir às an Oberlausitz:




#Article 563: Ken Kesey (453 words)


B'e Kenneth Elton Ken Kesey (rug. 17 an t-Sultain 1935 — 10 an t-Samhain 2001) ùghdar Aimearaganach a tha as ainmeil airson an leabhar aige One Flew Over The Cuckoo's Nest. 

Rugadh Kesey ann an Colorado ach thogadh e ann an Oregon, far a bheil One Flew Over The Cuckoo's Nest air a shuidheachadh. As dèidh dha bhith air a thaghadh mar am balach as coltach bhith soirbheachail bhon an àrd-sgoil aige chaidh e gu Oilthigh Oregon. Phòs e ann an 1956 agus bliadhna as dèidh sin fhuair e ceum bachelor bhon oilthigh. As dèidh seo chlàraich e ann an cùrsa airson sgrìobhadh cruthachail aig Oilthigh Stanford agus is ann fhad 's a bha e an seo a thòisich e ag obair aig ionad inntinn. Is ann tron an eòlas a fhuair Kesey air na h-euslaintich anns an ionad a tha cuid de na tachartasan ann an One Flew Over the Cuckoo's Nest stèidhichte air. 

Bha One Flew Over the Cuckoo's Nest na shoirbheachas plathadh nuair a chaidh fhoillseachadh ann an 1962. Bha e air a thogail mar dealbh-cluich ann an 1963 le Kirk Douglas a' cluich an caractair, McMurphy, agus cuideachd mar fiolm ann an 1975 air a' stiùireadh le Miloš Forman agus le Jack Nicholson a' cluich McMurphy.

Leis a' bheartas ùr a bha aige, cheannaich e àite ann an California far an robh e fhèin agus a charaidean a' deuchainn leis an drog LSD. Bha e a' creidsinn gum b' urrainn dha drogaichean mar LSD a bhith air an cleachdadh airson rannsachadh inntinn eadar-dhealaichte a' ruighinn agus gum b' urrainn dha seo sòisealtas a' leasachadh. Bha beachdan mar seo, còmhla ris an iomagain a bha aig cuid de dhaoine mu dheidhinn drogaichean anns na seasgadan, dha thoirt gu aire na h-ùghdarrasan laghail. Thachair e gum b'fheudar do Kesey teicheadh gu Meagsago nuair a lorg am poilis e is e a' feuchainn ri cainb a' fliuchadh sìos taigh-beag. Nuair a thill e gu na Stàitean Aonaichte bha e air a chur an làimh agus chuir dhan phrìosan e airson iomadh mìos.

Ann an 1964, nuair a bha aige ri siubhal tarsainn Aimearaga gun Eabhraig Nuadh airson am foillseachadh den dara nobhail aige - Sometimes a Great Notion - chaidh e fhèin agus a charaidean (mar Neal Cassady) a bha gu lèir ann am buidhean leis den t-ainm 'The Merry Pranksters', air turas tarsainn an dùthaich ann an seann bhus-sgoile a dh'ainmich iad Furthur (Further - nas fhada). Tha leabhar Tom Wolfe - The Electric Acid Kool-Aid test - na chunntas den turas seo agus bha e uabhasach poblach leis an linn de hippies a bha ann anns na seasgadan. Thàinig cuid den feallsanachd agus na stoidhlichean aca bho duilleagan an leabhar.




#Article 564: Pòla (cruinn-eòlas) (180 words)


Is e cruinne a tha anns an talamh. Tha sin ri ràdh gu bheil an talamh na ball fuathasach mòr a tha na siubhal tro'n fhànais. Tha i na siubhal, a' cuairteachadh na grèine aig astar de 93 millean mìltean. Tha an cuairt seo a' toirt bliadhna agus tha e ag adhbharachadh na ràithean againn: An t-Earrach, An Samhradh, Am Foghar agus An Geamhradh.

Air barrachd an siubhal a tha i a dèanamh, tha an talamh còmhnaidh a' tionndadh, mar gum bitheadh nan robh aiseal air an sàthadh tro a meadhan. Bithidh i a' gearradh làn cuairt mu an aiseal seo gach fichead uair ceithir. Is e an tionndadh seo a tha ag adhbharachadh oidhche agus latha.  Bithidh solas agus blàths na grèine a' tuiteam air taobh na talamhainn a tha ga h-aghaidh,ach bithidh an dara leth de na talmhainn an dubhar mòr na talmhainn fhèin.

Theirear pòla ri ceann aiseal, agus mar sin their sinn an dà phòla ri na puingean a bhitheas an talamh a' tionndadh mun chuairt.

Is e obair leantainneach a tha anns an alt seo.




#Article 565: Teine an taighe-tionnsgain Trì-cheàrnag (593 words)


Bha an Teine an taighe-tionnsgain Trì-cheàrnag ann an Eabhraig Nuadh air A' Mhàrt 25, 1911, 'na sgiorradh-tionngain as motha 'san eachdraidh am baile mhòir Eabhraige Nuaidh, a' toirt gu buil am bàs de 146 obraichean-culaidhe a bhàsaich 'san teine no a leum ri am bàsan. Lean an teine ri reachdaireachd gum feumaidh inbhean an teàrmainn leasaichte agus chuidich e a bhrosnachadh an cinntinn an International Ladies' Garment Workers' Union, gun do chog airson inbhean na h-oibre nas fhèarr airson obraichean nan taighean-ceàirde na tràillealachd sa' ghnìomhachas sin.

Bha na trì làir aig a' bhàrr an Togalach Asch, nan deich làir, air ghabhail leis a' Chomann Triangle Shirtwaist Company, sealbhaichte le Max Blanck agus Isaac Harris, a' suidhe anns a' Bhaile-mhòr Eabhraig Nuadh aig an eadar-geàrradh de Greene Street agus de Washington Place, dìreach an Ear an Washington Square.

Thug an comann obair ri 500 obraiche, mar as trice ban-inimrichean òga às an Eadailt is às an Ear na Roinne-Eòrpa, roinn dhiubh cho òg ri dà bliadhna dheug a dh'aois, a dh'obraich ceithir uair deug fad 60 ri 72 uair na t-seachdain, fuaigheal buill-aodaich airson $1.50 'san t-seachdain. 

Bha an Comann Triangle Shirtwaist a-cheana air a fhàs ainmeil a-mach an gnìomhachais-culaidhe 'san 1911: dh'fhàs an obadh-obrach mòr le obraichean-culaidhe, àitheanta ris an Èirigh nan 20,000, le fàgail deònach aig a' Chomann Triantain.

Ged rinn an International Ladies' Garment Workers' Union rèite air aontachadh co-chonnsachadh riochdaireach a' dìon a' mhòrchuid nan obraichean seo an dèidh obadh-obrach de ceithir mìos, dhiùlt Triangle Shirtwaist a chur làmh ris an aontachadh.

Bha coltach an ama na cuir an taighe-tionnsgain. Bha taisgte obair-aodaich lasanta feadh gach àite an taighe-tionnsgain, bha mìrean an aodaich sgaoilte thairis nan làr, chroch cumaidhean 's dealbhaidhean air pàipear eadar-fhighe thairis nam bòrd, bha cumanta gabhail ceò, bha soilleireachd ullaichte le soillseachadh na tollainne, agus cha robh ann tùchairean-teine. 

Air an fheasgair dhen Mhàirt 25, 1911, thòisich teine air an làr ochdamh. Thòisich a bharrachd lasadair no toitean an teine. O cheann an uair sin, chan eil fhios aig neach co-dhiù bha e sgiorradail no a dheòin. Thug obraiche às an làr ochdamh rabhadh ris na h-obraichean air an làr deicheamh agus b' urrainn do na h-obraichean air na làir sin a theicheadh. Ge-tà, oir dragh leis an cian-chonaltradh, cha d'ràinig an rabhadh air an teine an làr naoidheamh an ceann ùine. 

Air an làir naoidheamh, bha a-mhàin dà dorsan a treòrachadh a-mach. Bha aon buidheann nan staidhrean a' lìonadh le smùid agus teine a-cheana nuair chunnaic na h-obraichean gun robh an togalach a' losgadh. Bha glaste an doras eile air a bhith, a-rèir coltais a stadadh obraichean à glacadh no gabhail beàrnan agus a chumail eagraichean-aontachaidh a-mach. 

A-mach, a dh'aithghearr thuit an teàrnadair-o-theine, rud lamaranta, air acair gu dona, às an teas agus fodhan truime nan daoine a' feuchainn a theicheadh. Stad na dà àrdaichearan ag obrachadh cuideachd, a' gearradh an teicheadh sin.

A' tuigsinn nach robh ann slighe eile a theicheadh às an teine, bhris roinn nam ban na h-uinneagan agus leum iad dhan làr naoi làr fodha. Dh'fhosgail mnathan eile na dorsan nan àrdaichear agus leum iad sìos na cruinn a thighinn gu stad air a' mhullach an àrdaicheir. Mhair beagan beò na tuiteaman seo. Rinn na cuirp air thuiteam agus na h-ìobairtich a' tuiteam duilgheadas airson na luchd-smàlaidh a ruigheachd an togalach.

Dh'fhuirich an còrr gus an cheannsaich an teine iad. Ràinig na luchd-smàlaidh gu luath ach cha b' urrainn dhaibh an teine a stadadh, oir cha robh ann àraidhean ri fhaighinn gun ruigidh thairis an làir siathamh. Bhàsaich 146 daoine. 




#Article 566: Àireamh (912 words)


Tha àireamhan air an sgrìobhadh le figearan. ’S ann bho Arabais a thàinig cumaidhean nam figearan againne bho thùs agus ’s e figearan Arabach a chanar riutha airson eadar-dhealachadh a dhèanamh bho fhigearan Ròmanach. Ach tha e cumanta àireamh a ràdh an àite figeir agus tha na briathran àireamhan Arabach agus àireamhan Ròmanach cumanta. Tha e cudromach eadar-sgaradh a dhèanamh nar n-inntinn eadar àireamh mar fhigear agus àireamh mar uimhir. 

Nar cainnt làitheil, tha àireamhan air an cur gu feum cuideachd airson ainm a thoirt do rudan far a bheil tòrr mòr dhiubh a tha coltach ri chèile (me. àireamhan thaighean air sràid, àireamhan fòn, àireamhan cataloig). Tha seo a’ cur òrdugh nan àireamh ris na rudan sin ged nach fhaod an t-òrdugh a bhith follaiseach no iomlan no fiù ’s an dùil. Mas e an rùn an t-òrdugh a dhèanamh soilleir, tha riochd sònraichte aig àireamhan (1d, 2ra, 3mh, ..., msaa.) aig a bheil na h-àireamhan òrdail. ’S e na h-àireamhan àrdail an riochd roimhe (.i. 1, 2, 3, ..., msaa.).

Tha dà shiostam ann airson àireamhan a dh’ ainmeachadh – an siostam traidiseanta agus an siostam deicheach. Anns an t-siostam thraidiseanta thathar a’ cunntadh le ficheadan (me. trì fichead ’s a deich, ceithir fichead taigh ’s a còig, seachd pileachan ar fhichead, agus mar sin air adhart). Anns an t-siostam dheicheach tha facal air leth do gach iomad a deich (fichead, trithead, ceathrad, caogad, seasgad, seachdad, ochdad, naochad). ’S e seo an siostam a thathar a-nis a’ teagasg anns na sgoiltean.

Chan eil diofar eadar an dà shiostam leis na h-àireamhan gu fichead, ach bho seo a-mach cumaidh an siostam deicheach an àireamh àrdail le chèile (me. fichead ’s a h-aon bà, trithead ’s a dhà bà, ceathrad ’s a trì bà). Mar a bhite an dùil, ’s e ainmear singilte a leanas na h-iomadan a deich. Ann an suidheachadh matamataigeach, ge-tà, tha a h-uile àireamh air a cumail ri chèile, agus leughar 15x mar chòig-deug x.

Ach tha cuid ann nach bi (me. 2, 3, 5, 7, 11, 13, ... ). Canar riuthasan a prìomh-àireamhan agus a-mach air a dhà, tha iad uile còrr. Tha am feart aig gach àireamh nàdarra gum faod i bhith air am factaradh mar thoradh phrìomh-àireamhan:

agus chan eil ann ach aon fhactaradh den t-seòrsa seo. ’S e seo Teòiridh Bhunaiteach na h-Àireamhachd. 

Tha na slàn-àireamhan a’ toirt a-steach na h-àireamhan nàdarra, neoni, agus na h-àireamhan slàn àicheil. Is àicheil gach àireamh a tha nas lugha na neoni, agus dearbh gach àireamh a tha nas mò na neoni. Tha àireamh àicheil air a sgrìobhadh leis a’ chomharra “−” mar roi-leasachadh oirre. Mar eisimpleir, ’s e àireamh dhearbh a th’ anns 5 agus àireamh àicheil a th’ anns −5. Anns an t-seagh seo, ’s e obrachadh a tha ann an “−” a dh’atharraicheas àireamh dhearbh gu bhith àicheil. 

Ma chuirear àireamh dhearbh ri àireimh àicheil den aon mheud, ’s e neoni a’ bhuil:

Nise, ma bheirear −x air falbh bho gach taobh:

Agus tha e soilleir gur e àireamh dhearbh a th’ ann an àireamh àicheil àicheil agus ’s e obrachadh iom-thionndaidh a th’ anns an obrachadh “−”.

Ma faodar àireamh sgrìobhadh mar cho-mheas dà shlàn-àireimh (.i. mar bhloigh chumanta), ’s e àireamh choimeasta a th’ innte. Tha na slàn-àireamhan uile nan àireamhan coimeasta oir faodar am sgrìobhadh an riochd bloigh leis an t-seòrsaiche 1: 

Tha bloighean ann nach eil nan slàn-àireamhan:

Biodh b agus c nan àireamhan coimeasta, agus biodh

Canaidh sinn gur co-thionndadh b a tha ann an c. Tha e soilleir gu bheil: 

agus tha iomadachadh agus roinneadh an aon rud air na h-àireamhan coimeasta.

agus tha e soilleir gu bheil N ⊂ Z ⊂ Q.

Tha àireamhan ann nach eil coimeasta. ’S docha gu bheil π (pì) an tè as ainmeil. ’S e seo co-mheas a’ chearcall-thomhais le trasd-thomhas a’ chearcaill, ach chan eil ann dà shlàn-àireamh m agus n far a bheil:

Tha àireamhan coimeasta ann (.i. co-mheas shlàn-àireamhan) a tha nan tuairmse mhath oirre. Mar eisimpleir,

Canar na fìor-àireamhan ri àlach nan àireamhan uile seo – ris an àlach a tha a’ toirt a-steach na h-àireamhan coimeasta agus na h-àireamhan eucoimeasta. ’S e R (Beurla: Real) a th’ ann mar chomharra air an àlach seo. 

Thàinig seòrsa ùr de dh’àireamhan bhon cheist a bheil freumh ceàrnagach aig àireamh àicheil. Tha ceàrnag aig gach fìor-àireamh (dhearbh no àicheil) ach tha na ceàrnagan uile dearbh:

Chan eil fìor-àireamh ann a dhèanadh àireamh àicheil nam biodh i air a h-iomadachadh leatha fhèin. Mar sin, canar àireamh ìomhaigheach ri àireamh den t-seòrsa a ni àireamh àicheil nuair a tha i air a h-iomadachadh leatha fhèin. Tha comharra sònraichte aig √(-1) agus ’s e i a th’ ann.
À seo:

Mar a b’ urrainn dhuinn na fìor-àireamhan sgrìobhadh mar 2 × 1, -3.14159 × 1, π × 1, ’s mar sin air adhart, tha na h-àireamhan ìomhaigheach air an sgrìobhadh 2 × i, -3.14159 × i, π × i, no mar as cumanta: 2i, -3.14159i, π i. 

Tha àireamh ìomhaigheach mu choinneamh gach fìor-àireamh. Mas urrainnear na fìor-àireamhan riochdachadh mar loidhne àireamh, ’s ann as urrainnear na h-àireamhan ìomhaigheach, ach feumaidh loidhne àireamh ìomhaigheach a bhith tur eadar-dhealaichte. Ged thà, tha e soilleir gu bheil:

agus canar  àireamh cho-fhillte rithe oir ’s e filleadh fìor-àireamh agus àireamh ìomhaigheach a tha innte. Ged tha bun-bheachd nan àireamhan co-fhillte gu math easchruthach, tha na h-àireamhan seo air leth feumail ann am fiosaig ’s ann an innleadaireachd. 




#Article 567: Bloigh (matamataig) (626 words)


'S e bloigh a th' ann far a bheil uimhir air a cur an cèill a thaobh 's mar a tha an uiread de dh' earrainn a th' innte (me. trì cairtealan, còig ochdamh). Thèid a sgrìobhadh le dà fhigear, fear os cionn an fhir eile agus loidhne còmhnard eatarra mar a leanas...

...no le sgoradh ( / ) eatarra mar as cumanta sa chlò-ghrafachd (me. ½, ¾, ⅝ ). Canar an t-àireamhaiche ris an àireimh os cionn agus an seòrsaiche ris an àireimh fon loidhne agus is iadsan teirmean na bloighe.

Tha an seòrsaiche a' sealltainn seòrsa na bloighe. Ma tha rudeigin air a roinn sna h-ochd earrannan co-ionnan, 's e ochdamhan a th' anns gach earrainn agus 's e a h-ochd an t-seòrsaiche. Gabhaidh an seòrsaiche àireamh sam bith ach neoni a-mhàin oir chan eil ciall air rudeigin a roinn gun a bhith earrannan ann.

'S e bloigh aonadach a th' ann mas e a h-aon an t-àireamhaiche. Tha an t-àireamhaiche a' sealltainn na tha de bhloighean aonadach (no de dh’aonadan “bloigheach”) den t-seòrsa seo. Mar eisimpleir: ¾ = 3 × ¼ agus ⅝ = 5 × ⅛.

'S e luach na bloighe an roinn-àireamh far a bheil an t-àireamhaiche air a roinneadh leis an t-seòrsaiche. Mar eisimpleir:

'S e sin ri ràdh, ma tha ceithir cairtealan againn 's e an rud iomlan a th' againne. Ma tha ochd cairtealan againn, tha dà rud iomlan againne. 'S an aon dòigh:

Ann am matamataig, mas urrainnear àireamh a sgrìobhadh mar bhloigh, 's e àireamh choimeasta a chanar rithe.

'S e bloigh chumanta a th' ann ma tha àireamh choimeasta air a sgrìobhadh san riochd bloighe. 'S e sin ri ràdh far a bheil aon slàn-àireamh (an t-àireamhaiche) air a roinneadh le slàn-àireamh eile (an seòrsaiche). Mar eisimpleirean 4/3, 3/15, agus 243/39.
 
Ma tha dearbh-luach bloighe cumanta nas lugha na h-aon (tha dearbh-luach an àireamhaiche nas lugha na dearbh-luach an t-seòrsaiche), 's e bloigh cheart a chanar rithe (me. 3/4, –7/8).
Ma tha dearbh-luach bloighe cumanta nas mò na h-aon, 's e bloigh anabharr a chanar rithe (me. 15/2).

'S e àireamh mheasgaichte a th' ann ma tha bloigh anabharr air a sgrìobhadh mar àireamh shlàn le bloigh cheirt ri taobh (me. 2¾, 6⅜, msaa.).
Gus àireamh mheasgaichte atharrachadh do bhloigh anabharr:

Gus bloigh anabharr atharrachadh do àireimh mheasgaichte:

Ma tha àireamh air iomadachadh leis a h-aon, 's e toradh an iomadachaidh an aon àireamh.

Agus 's e a h-aon a th' ann mas e an aon àireamh a th' anns an t-àireamhaiche agus an seòrsaiche:

'S mar sin:

Tha e soilleir gu bheil 1/2, 2/4 agus 6/12 co-ionnan agus canar bloighean co-ionnan riutha. Gheibhear bloigh cho-ionnan ma tha an t-àireamhaiche agus an seòrsaiche air an iomadachadh leis an aon iomadair (no factar). 'S an aon dòigh, gheibhear bloigh cho-ionnan ma tha factar coitcheann aig an àireamhaiche agus an t-seòrsaiche, agus ma tha an t-àireamhaiche agus an seòrsaiche air an roinneadh leis. Mar eisimpleir:

'S ann a bhith a' lùghdachadh (no a' sìmpleachadh) bloigh a chanar ri seo.
Mur eil factar coitcheann (ach a h-aon) aig an àireamhaiche agus an t-seòrsaiche, thathar ag ràdh gu bheil na teirmean as ìsle aig a' bhloigh.

Ma chuirear bloigh bun os cionn, 's e co-thionndadh a th' ann. 'S mar sin, 's e 7/3 an co-thionndadh 3/7. 

Chionns gu bheil àireamh, air a roinneadh leis a h-aon na h-àireamh fhèin, 's urrainnear 17 a sgrìobhadh mar 17/1. (Uaireannan, thathar ag ràdh an seòrsaiche neo-fhaicsinneach ris a h-aon seo.) 'S mar sin 's e 1/17 co-thionndadh na seachd-deug.

Canar bloigh fhillte ri bloigh far a bheil an t-àireamhaiche no an seòrsaiche (no an dà dhiubh) nam bloigh. Faodar bloigh fhillte a' sìmpleachadh do bhloigh chumanta, mar an eisimpleir a leanas:




#Article 568: Ceannaiche (177 words)


Is e neach-malairt a tha ann an ceannaiche. 

Bithidh ceannaiche a' cosnadh a bheò-shlàinte eadar ceannaich agus reic. 

Bithidh gach ceannaiche a' ceannaich bathair aig prìs saor agus ga reic aig prìs daor. Theirear ràth ris an difir eadar cosgais an ceannaich agus prìs an reic. 

Mar sin: PRÌS REIC - COSGAIS CEANNAICH = RÀTH

Bithidh cuid ceannaichean a' dèiligeadh an aon bathar sònraichte, neo aslach cumhang de bathair- m.e. fionn. Air an dara laimh, bithidh ceannaichean ginearalta, m.e. fear-bùtha a' ceannaich agus a' reic iomadh seòrsa bhathair. 

Is e cùise sònraichte a tha ann an fear a' bhùth . Bithidh esan a' ceannaich bathair anns an tomad, aig prìs saor. Bithidh esan an uairsin a' reic aonadan beag de bathar aig prìs daor, ri daoine a bhitheas a' cleachdadh na bathair gu pearsanta, mar eisimpleir croganan silidh.

Bithidh bùth ginearalta (mar eisimpleir Bùth Theàrlaich anns an sreath Telebhisein Ran Dan), a' reic iomadh seòrsa bathair eadar bòtannan is biadh. Tha bùithtean ginearalta fhathast cumanta 's an latha an diugh anns na sgìrean b' iomallach den Ghaidhealtachd.




#Article 569: Cogadh Catharra Ameireaganach (1107 words)


Thachair an Cogadh Catharra Ameireaganach eadar 1861 agus 1865 eadar na stàitean a deas a bha a' strì dùthaich neo-eisimeileach stèidheachadh agus na stàitean a tuath a bha airson an dùthaich a chumail aonaichte. Thàinig an cogadh gu crìoch nuair a bhuanaich na Stàitean a Tuath. 'S e cogadh a b' fhuiltiche ann an eachdraidh na Stàitean Aonaichte. Chaidh tòrr is 600,000 saighdearan a mharbhadh ann.

Anns a' cheann a deas na Stàitean Aonaichte, bha mòran de dhaoine a bh' air an cumail ann an tràillealachd, daoine dhubha a bh' air an toirt thar a'Chuain Siar bhon Afraga. Ged a bha tràillealachd ceadaichte air feadh na Stàitean Aonaichte aig àm an Aramach, 's ann ann an ceann a deas gu h-àraidh a dh'fhàs i cudromach dhan eaconamaidh ionadail anns na bliadhnaichean a lean deireadh an Aramach. Aig an dearbh àm , chaidh tràillealachd à bith buileach anns a' cheann a tuath.

Aig àm a' chogaidh 1812 eadar na Stàitean Aonaichte agus a' Bhreatainn Mhòr, bha an aon uibhir de stàitean saora sa bha stàitean far an robh tràillealachd ceadaichte. Bha sin a' ciallachadh gu robh co-ionnanachd eadar an dà chuid de stàitean anns an t-Seanaid far an robh dhà sheanair aig gach stàite. Cha robh na stàitean tràillealachd deònach idir an cuid co-ionnanachd a chall. Mu dheireadh ann an 1820, cho-dhùin iad, bho sin a-mach stàitean ùra a leigeil a-steach nan càraidean, an dàrna tè saor agus an tè eile tràillealachd. Mar sin, cha chailleadh na stàitean tràillealachd an cuid co-ionnanachd de chumhachd. 

Ach tro thìde, dh'fhàs tràillealachd na bu chonnspaidiche anns na stàitean a tuath. Nochd iomairtean aig an robh amas cuir às dhan tràillealachd anns na stàitean a deas agus dh'fhàs na stàitean a tuath aindeònach stàitean tràillealach a bharrachd a leigeil a-steach do na Stàitean Aonaichte.

Thòisich cùisean a' fàs teann anns na bliadhnaichean a lean an cogadh an aghaidh Meagsago. Bhuanaich na Stàitean Aonaichte dhaibh fhèin cuid mhòr dhen dùthaich a bh' aig Meagsago ro làimh agus air sàilleabh sin, bho sin a-mach, bha deasbad mòr ann: am biodh na stàitean a rachadh a chruthachadh às tràillealachd neo saor?

Thàinig an deasbaid gu teann ann an 1854 nuair a chaidh roinn Kansas stèidheachadh. Chaidh co-dhùnadh gum b' e muinntir Kansas fhèin a cho-dhùnadh an tigeadh Kansas a-steach mar stàit thràillealachd neo shaor. Thàinig tòrr mòr de dhaoine a-steach dhan Kansas, cuid airson tràillealachd 's cuid an aghaidh 's an dàrna taobh a' feuchainn an taobh eile a phutadh a-mach às an Kansas. Bhris fòirneart a-mach 's mhair seòrsa de chogadh catharra ann an Kansas mu leth-dhùsan bliadhna gu ruige thoiseach an cogadh catharra aig ìre nàiseanta.

Thàinig cùisean gu ceann aig ìre nàiseanta ann an 1860 aig àm iomairt an taghaidh. Gheall Abraham Lincoln nach leigeadh e tuilleadh stàitean ùra a thighinn a-steach ach mar stàit shaor. Dhiùlt cuid de na stàitean a deas ghabhail ri sin, oir bha fhios aca gun chailleadh iad an cuid de chumhachd anns an t-Seanaid. Nuair a chaidh Abraham Lincoln a thaghadh, dhealaich a' chiad shreath de stàitean bho na Stàitean Aonaichte mar a leanas: 

Air an 4 an Gearran, 1861, chruinnich riochdairean às na stàitean Carolina a Deas, Georgia, Alabama, Mississippi agus Florida ann an coinneamh ann an Montgomery, Alabama. Roghnaich iad bun-reachd a chruthaich na Stàitean Co-fheadarail Ameireagaidh (SCA).

Aig an dearbh àm, chruinnich na Co-fheadarailich na mailisidhean a bh' ann mar tha ann an arm agus thòisich iad ri bheir air na dùin fheadarail air feadh na Co-fheadarailis gus mu dheireadh cha robh air fhàgail aig na Feadarailich eadar Texas agus Carolina a Deas ach trì Dùin, nam measg: Dùn Sumpter aig Charleston, Carolina a Deas.

'S ann air eilean ann am meadhan a' bhàigh aig Charleston a bha Dùn Sumpter agus bha am freiceadain feadarail air a chuairteachadh le feachdan a deas. Theann na saighdearan a deas losgadh air an dùn air an 12mh a' Ghiblean, 1861 ann an ionnsaigh a mhair fad latha agus rug iad air.

Mar fhreagairt, dh'iarr an Ceann-suidhe Lincoln air na stàitean eile mailisidhean a chruinneachadh dhan Riaghaltas Fheadarail na reubaltaich a chuir sìos. Dh'adhbharaich an gairme seo dàrna sreath de sgaraidhean mar a leanas:

Gu ruige seo, bha na stàitean seo deònach gu leòr fuireach leis na Stàitean Aonaichte ach cha robh iad deònach dhol gu cogadh an aghaidh nan stàitean a bha a' fàgail na Stàitean Aonaichte agus chruinnich iadsan dhan Co-fheadairaileas. Ach dhiùlt an ceann iar-dheas Virginia ghabhail pàirt dhen sgaradh sin agus dhealaich iadsan bhon Virginia agus bhon sgaradh-sa, chruthaich iad stàit ùr do na Stàitean Aonaichte: Virginia an Iar. 

Bha a-nis 11 stàitean nam ball dhen Cho-fheadaraileas. Bha 4 stàitean tràillealachd a bha fhathast còmhla ris na Stàitean Aonaichte: Missouri, Kentucky, Maryland agus Delaware.

Aig toiseach a' Chogaidh Catharra, bha 34 stàitean anns na Stàitean Aonaichte, 15 diubh tràillealachd 's 19 dhiubh saor. De na 15 stàitean tràillealachd, dhealaich 11 bho na Stàitean Aonaichte. 

Seo a leanas beagan àireamhan-shluaigh:

Àireamh-shluaigh sna Stàitean Aonaichte air fad: 31,191,876 (1860)

Àireamh-shluaigh air am briseadh sìos a-rèir roinn:

Fìor Ceann a Deas a ghabh pàirt anns a' chiad sgaradh:

Dàrna Sreath Sgaraidh (Arkansas, Tennessee, Carolina a Tuath, Virgina:

Stàitean Tràilleil nan Crìochan (nach do dhealaich)

Stàitean a Tuath (seachd na Stàitean an fhìor chinn an iar nach do gabh pàirt sa cogadh)
Àireamh-shluaigh air fad 18,048,790

Bha 9 millean neach a bha a' fuireach anns na Stàitean Co-fheadarail, 3.5 dhiubh nan tràillean an coimeas ri tòrr 's 21 millean anns a' cheann a tuath agus anns na crìochan le ach 2% dhiubh nan tràillean. Cha robh an Co-fheadaraileas deònach tràillean a chleachdadh mar shaighdearan. Tha sinn a' ciallachadh gun robh an Co-fheadaraileas a' tarraing nan saighdearan aca à àireamh-shluaigh de 5.5 milleanan neach aig an dearbh àm sa bha bha an riaghaltas Feadarail a' tarraing nan saighdearan acasan à 21 millean. Na bu mhiosa na sin dhan Cho-Feadaraileas, mar a lean an cogadh, theich cuid mhòr de na tràillean acasan dhan cheann a tuath far an deach iad dhan arm agus shabaid iad an aghaidh a' Cho-fheadarailis. 
  

As dèidh glacadh Dùin Sumpter, ghairm Ceann-suidhe Lincoln 75,000 saighdearan mailisidh a-steach dhan seirbhis an riaghaltais fheadarail airson 90 làithean gus ar-a-mach a chuir sìos. Sa cheann an ear, bha cùisean gu math cugallach an toiseach. Bha feachdan a deas gan cruinneachadh air taobh thall na h-aithne Patomac ann an Virginia mu coinneamh Washington D.C. Agus 's e glè bheag de shaighdearan bho thuath a bh' anns a' bhaile fhèin a bheireadh dìon air 's b' e gu math duilich do na feachdan bho thuath faighinn a-steach air air sàilleabh aimhreit a bh' air cùil a' bhaile ann an Maryland.




#Article 570: Donnchadh Bàn Mac an t-Saoir (368 words)


B' e bàrd Gàidhlig a bh' ann an Donnchadh Bàn Mac an t-Saoir (1724–1812), agus e air a mheas mar fhear de na bàird Ghàidhlig as ainmeile agus as cudromaiche san 18mh linn. 

Rugadh Donnchadh Bàn Mac an t-Saoir (1724 - 1812) ann an Druim Liaghairt, an cois Loch Toilbhe, ann an Gleann Urchaidh, Earra-Ghàidheal. Bha e na fhòrsair agus na gheamair anns an sgìre sin airson iomadach bliadhna agus 's ann airson nan dàn ainmeil nàdair a rinn e mu na beanntan agus na glinn mun cuairt oirre a tha a' mhòr-chuid eòlach air ainm. Nam measg seo tha 'Òran Coire a' Cheathaich', 'Cead Deireannach nam Beann' agus 'Moladh Beinn Dòbhrain'.

Bha Donnchadh cuideachd a' tighinn beò mar shaighdear aig diofar amannan. Tha iomradh na bhàrdachd mu bhith a' sàbaid an arm an riaghaltais aig Blàr na h-Eaglaise Brice ann an 1746. Bha e greis ann am Freiceadan Bhràghaid Albann agus bha e ann an Geàrd Bhaile Dhùn Èideann on bhliadhna 1767 a-mach.

Tha carragh-cuimhne mòr do Dhonnchadh Bàn ann an Eaglais nam Manach Liath ann an Dùn Èideann. Chaidh seo a ghlanadh agus seirbhis a chumail le buidhinn-choimhearsnachd Ghàidhlig a' Bhaile, Bothan ann an 2005. Tha carragh-cuimhne eile ann dha mu dheas air Dàil Mhàillidh ann an Earra-Ghàidheal.

Ged nach robh leughadh no sgrìobhadh aig Donnchadh bha e mion-eòlach air a' bhàrdachd Ghàidhlig a bh' air teanga tòrr den t-sluagh aig an àm. Choisinn e cliù bhuan do chuid bhàrdachd fhèin nuair a dh'fhoillsich e i anns a' bhliadhna 1768. Bha cuideachadh aige bho ghrunnd charaidean ann a bhith a' coilionadh na h-obrach seo, nam measg An t-Ollamh Dòmhnall MacNeacail, Lios Mòr.

 

A bharrachd air òrain agus dàn mu nàdar, bhiodh Donnchadh cuideachd a' dèanamh òrain-gaoil agus tha aon fhear aca seo fhathast gu sònraichte ainmeil an-diugh; 'Òran da Chèile Nuadh-phòsta' no 'a Mhàiri Bhàn Òg'. Tha stòiridh ann am beul-aithris mu fhear a thuirt ri Màiri, 's i na seann aois, nach aithnicheadh e idir i bhon òran. Fhreagair Donnchadh gun aithnicheadh e anns a' bhad i nan robh e ga faicinn tro shùilean fhèin.

Tha òrain Dhonnchaidh rin lorg ann an 'The Songs of Duncan Bàn MacIntyre', deasaichte le Aonghas MacLeòid (Dùn Èideann, 1952).




#Article 571: Dòmhnall Ruadh Chorùna (229 words)


B' e bàrd a bh' ann an Dòmhnall Ruadh Chorùna, no Dòmhnall Dòmhnallach (9 an t-Iuchar 1887 - 13 an Lùnasdal 1967). 

Rugadh e ann an Corùna air Cladach a' Bhaile Shear ann an Uibhist a Tuath. Bha am baile air ainmeachadh mar chuimhneachan air a shinn-seanair a bha na shaighdear aig Corùna san Spàinn ann an 1809.

Nuair a dh'fhàg Dòmhnall Sgoil Chàirinis ghabh e anns a' mhailisi. Chaidh e don Fhraing ann an rèisimeid nan Camshronach anns a' Chogadh Mhòr far an deach a leòn aig Blàr an Somme. Ged a thilleadh dhachaigh e fhad 's a bhathar ga leigheas thill e don Fhraing. 'S ann mun Chogadh a tha na dàin as ainmeile aig, nam measg 'Air an Somme', 'Illean, March at Ease', 'Òran Arras' agus 'An Eala Bhàn'.

Nuair a thàinig e dhachaigh às an Fhraing phòs Dòmhnall Anna NicDhòmhnaill (Anna Ruairidh 'ic Nèill) agus bha dithis chloinneadh aca. Bha Dòmhnall ag obair na chlachair agus tha a shàr-obair ri faicinn fhathast ann an corra thaigh an Uibhist a Tuath. Sgrìobh e tòrr bàrdachd mu chùisean coimhearsnachd agus mu shealg agus nàdar mun àm seo agus na sheann aois theann e ri òrain agus laoidhean spioradail.

Tha deagh chuid de bhàrdachd Dhòmhnaill ri leughadh ann an eagran an do fhoillsich Fred MacAmhlaigh ann an 1995 ach tha tòrr eile ann nach deach riamh an clò.




#Article 572: Dòmhnall Ruadh Phàislig (343 words)


Bhuineadh Dòmhnall Ruadh Phàislig, no Dòmhnall Ruadh Mac an t-Saoir, no Bàrd Phàislig, (1889 - 1964), do Shnaoiseabhal ann an Uibhist a Deas.

Thàinig air Dòmhnall an sgoil fhàgail air ceithir bliadhna deug ach tha e coltach gur e duine tùrail a bh' ann a rinn deagh fheum do na bh' aige de sgoil agus cuideachd don bheul-aithris a bha pailt anns a' choimhearsnachd agus gu sònraichte air bilean a mhàthar. Tha e a' nochdadh ann an cunntasan sgrìobhte Cùirt nan Con ann an Loch nam Madadh nuair nach eil e ach mu fhichead bliadhna a dh'aois agus e a' riochdachadh chroitearan Uibhist a Deas an aghaidh na Bean-uasal Gordon Cathcart 's i a' feuchainn toirt orra teisteanas a bhith aca mus fhaodadh iad coin a chumail. 'S ann le Dòmhnall agus na croitearan a chaidh an latha agus rinn e dàn mar chuimhneachan air a' chùis.

'S e pìobaire ioma-phuirt a bh' ann an Dòmhnall. Bha e na chlachair agus na iasgair ann an Uibhist agus bha e greis ag obair air loidhnichean-fòin a chur a-staigh. Na òige ghabh e don arm mar phìobaire ann an Rèisimeid nan Camshronach. Bha e air an arm fhàgail ron a' Chogadh Mhòr ach chaidh e don Fhraing mar phìobaire nan Camshronach. Mu dheireadh thog e a chasan leis a thìr mòr far an do phòs e Màiri NicIllFhaolain, a bha cuideachd à Uibhist a-Deas ann an 1930. Bha ceathrar chloinne agus 's e dachaigh làn Gàidhlig a bh' aca ann am Pàislig, far an do rinn Dòmhnall deagh chuid de na h-òrain aige. Bha iomadach cuspair fa-near dha, eadar beatha ann an Uibhist agus ann an Glaschu agus nas fhaide air falbh.

Dh'eadar-theangaich e bàrdachd Raibeart Burns gu Gàidhlig, mar eisimpleir 'Tam O Shanter' agus 'The Twa Dugs'. Tha Ruaraidh MacThòmais a' moladh nan eadar-theangachaidhean.

Chaidh Dòmhnall a chrùnadh mar Bhàrd a' Chomuinn Ghàidhealaich ann an 1938 agus chaidh a' bhàrdachd aige a foillseachadh leis a' Scottish Gaelic Texts Society ann an 1968. Tha e air a thìodhlaigeadh ann an Cladh Hawkhead ann am Pàislig.




#Article 573: Capercaillie (còmhlan) (114 words)


Chaidh an còmhlan traidiseanta Albannach Capercaillie a chur air bhonn anns na 1980an le Donald Seadhach agus le Karen NicMhàthain mar 'aghaidh' a' chòmhlain. Nochd a' chiad chlàr aca, Cascade, ann an 1984. B' e an EP aca a nochd ann an 1992, Coisich A Rùin, a' chiad chlàr Gàidhlig a ràinig am Prìomh 40 a-riamh. Tha iad air luchd-èisteachd ùr a thàladh gu òrain agus ceòl Gàidhlig le bhith a' cleachdadh dhòighean-obrach ùra teicneolais agus a' measgachadh stoidhlichean - me le bhith a' cur druma agus beus ri òrain traidiseanta.

Bu tùs-àite Earra-Ghàidheal, agus shloinn a 'chòmhlan air a' chapall-choille, eun dùthchasach na h-Alba. Chlàraich iad a chiad chlàr, Cascade, ann an 1984.




#Article 574: Niall MacLeòid (384 words)


 Rugadh Niall MacLeòid (1843-1913) ann an Gleann Dail, An t-Eilean Sgitheanach, anns a' Mhàrt 1843.  Bha e na bhàrd agus òranaiche air leth tarraingeach do Ghàidheil an naoidheamh linn deug.

Rinn athair Nèill, Dòmhnall MacLeòid, corra sheòrsa obrach. Bha e cuideachd na bhàrd ainmeil - theireadh 'Dòmhnall nan Òran' ris - agus dh'fhoillsich e dà leabhar bàrdachd, ann an 1811 agus an uair sin ann an 1871. Bha croit bheag aige saor o chìsean le còir-sheilbh ri leantail da bhanntraich a chionn 's gum bu bhàrd e, agus is dòcha gur i sin a' chòir-ghabhaltais dheireannach den leithid ann an Albainn.

Cha d' fhuair Niall òg mòran teagaisg riaghailteach – dìreach na dh'ullaich sgoil a' bhaile bhig – ach dh'ionnsaich e Beurla a leughadh agus a sgrìobhadh gun chus dorradais, agus b' e sin foghlam a bha gu math feumail aig an ám.  Bho athair fhuair e eòlas air bàrdachd nan Gàidheal, agus bhiodh e a' dol gu cèilidhean na sgìre far an deach òrain a ghabhail is sgeulachdan aithris.

Mu thimcheall air 1865 leig e ealainean dùthchail is thog e Dhùn Èideann air, a dh'obair na reiceadair-siubhail ann am buidhinn-ghnothaich Ruairidh MhicLeòid a bha na cho-ogha dha.  Anns an dreuchd a bha sin, rachadh e mar is trice a dh'Earra-Ghàidheal agus don Eilean Sgitheanach, ged a bha e uaireannan san taobh deas. Thàinig sgiorradh carbaid-eisg air is e a' fàs aosda, agus beagan na dheidh sin leig e 'dhreuchd. Chaochail e an 6mh latha den t-Sultain 1913.

Thòisich MacLeòid air bàrdachd 's e òg. Chaidh iomadach òran aige fhoillseachadh ann am pàipearan-naidheachd Gàidhealach agus dh'fhàs e caran ainmeil. Ann an 1883 chaidh Clàrsach an Doire, cruinneachadh de dh'òrain leis fhèin, fhoillseachadh agus fhuair an leabhar caithream mhòr, cha b' ann a-mhàin ann an Albainn ach thall thar sàile cuideachd.  Chuireadh an dàrna eagran den leabhar a-mach ann an 1893, anns an robh barrachd òran agus ceithir sgeulachd rin lorg; nochd an treas eagran (air a mheudachadh a-rithist) ann an 1902, agus an ceathramh (le tuilleadh meudachaidh) ann an 1909. Mar sin b' e MacLeòid a-mhàin, am measg bhàrd Gàidhlig, a chunnaic ceithir eagrain de leabhar aige na latha fhèin. Thàinig an còigeamh eagran a-mach ann an 1924, agus an t-siathamh ann an 1975. Chuir MacLeòid leabhar eile, Wallace, an clò ann an 1896.




#Article 575: Baintighearna (184 words)


Tha baintighearna 'na bean gu bheil 'na samhail de tighearna. 
 

Tha an facal bhon ro-leasachan ban- agus bhon fhacal tighearna, a tha bhon tiarna na Gaeilge fhacal na Gaeilge shean tigerne, sa' Chuimris teyrn, sa' Chuimris shean -tigern, sa' Chòrnais teern, 'sna Bhreatannais shean tigernus: *tegerno-s, tegernio-s, an fiamh teg de tigh, an dealbh sean de taigh; faodaidh an t-adhartas de tighearna agus baintighearna bho an fear an taighe agus a' bhean an fhir an taighe dhan chiall de bean-uasal dealbhaichte air a bhith leis an atharrachadh gun tig ri cànan; dh'èirich fear an taighe agus bean an taighe ri duine-uasal agus bean-uasal, agus tha na ciallan seana à cleachdadh a-nis.  

Ann an roinn nan dualchas na Roinn-Eòrpa, bidh an facal co-ionnan air chleachdadh ri ainm cumanta de labhairt ri, ionnanach ri Bean (air uairibh air fhaicinn ri A' Bh) (Fraingis Madame, Spàinnis Señora, Eadailtis Signora, Gearmailtis Frau, Pòlainnis Pani)

Tha cleachdadh sònraichte an fhacail cho ainm na h-Òighe Moire, mar as trice Ar Baintighearna, riochdachadh an Laideann Domina Nostra  

Tha air chleachdadh an facal cuideachd cho an t-ainm na Ban-dè Wicca, A' Bhaintighearna.




#Article 576: Co-iomlaideachd (140 words)


agus tha seo fìor airson gach x agus y anns an àlach. 

Mar eisimpleirean, ’s ann co-iomlaideach a tha cur-ris agus iomadachadh nam fìor-àireamhan chionns gu bheil:

me.

me. 

agus a-measg iomadh eisimpleirean eile tha cur-ris agus iomadachadh nan àireamhan co-fhillte, cur-ris nam bheactaran, agus cur-ris nam fuincseannan.

A-rèir chleachdaidh, far a bheil obrachadh air a sgrìobhadh leis a’ chomharra +, thathar a’ gabhail ris gu bheil e co-iomlaideach.

Tha obrachaidhean ann nach eil co-iomlaideach. 'S e na h-eisimpleirean as cumanta:

toirt air falbh:

easpònachadh (togail gu cumhachd):

agus iomadachadh nam machlag:

Ma tha obrachadh grùpa co-iomlaideach, ’s e grùpa aibèalach a tha ann.

Ma tha iomadachadh co-iomlaideach ann am fàinne (tha cur-ris daonnan co-iomlaideach ann am fàinne), thathar ag ràdh gur e fàinne cho-iomlaideach a tha innte.

Tha an dà obrachadh, cur-ris agus iomadachadh, co-iomlaideach ann an raon ailseabrach.




#Article 577: Martin Luther (710 words)


B' e manach agus ollamh Gearmailteach a bha ann am Màrtainn Lùtair (10 an t-Samhain  1483 - 18 an Gearran 1546). Bha na beachdan ùra aige a' tòiseachadh an Ath-Leasachaidh.

Rugadh Màrtainn Lùtair (Martin Luther 'sa Bheurla) 10 an t-Samhain 1483 ann an Eisleben ann an Sagsainn-Anhalt. Chaidh a thogail ann am Mansfeld, far an do dh’fhàs athair Mhàrtainn rud beag beairteach le bhith ag obair mar thuathanach agus mèinnear. Mar sin b’ urrainn do Mhàrtainn a dhol dhan oilthigh, far an do dh’ionnsaich e Laideann, gràmair, ùr-labhairt, ealain-reusanachaidh, beus-eòlas agus ceòl. O chionn’ s gum bu mhiann le athair Mhàrtainn gum biodh Màrtainn na fear-lagha, chaidh Màrtainn do Oilthigh Erfurt. Ach aon latha, nuair a bha Màrtainn a’ tilleadh do dh’Erfurt, thàinig stoirm le tàirneanach agus dealanach uabhasach. Bha eagal a bheatha air, agus thuirt e: Naomh Anna, cuidich mi, ma leigeas tu mi a bhith beò, bidh mi nam mhanach. Mar sin chaidh e an-aghaidh toil athair do mhanach. Ann an 1507 fhuair e òrdachadh sagartachd. An uair sin chaidh e gu Wittenberg airson rannsachadh diadhaireachd, far an do dh’ionnsaich e Greugais agus Eabhra.  Ann an 19 an Dàmhair 1512 cheumnaich e le PhD. An dèidh sin thòisich e air a theagasg mar ollamh mu Lectura in Biblia  ann an Oilthigh Wittenberg.

Thug na sgrìobh agus na rinn Jan Hus buaidh mhòr airsan. Bha Màrtainn Lùtair a’ teagasg mun Bhìobaill, ach airson bhliadhnachan bha smaoin trom aige: ciamar a gheibh mi Dia iochdmhòr? Aon oidhche, (chan eil an luchd-rannsachaidh cinnteach: eadar 1511-13 neo 1515-18) nuair a bha e a’ meòmhrachadh air rann Rom.1.17, thàinig an fhreagairt tro rann Hab. 2.4. : Is e gibht iochdmhor a tha anns a’ cheartas Dhè. Tha na daoine ga fhaighinn tron chreideamh a-mhàin. Chan urrainnear seo a chuir an gnìomh tron obair neo cliù fhèin! A-nis bha beachdan Mhàrtainn Lùtair gu tùr an-aghaidh malairt le litrichean-loghaidh, a rinn an eaglais Chaitligeach. 

Mar sin sgrìobh e 95 argamaid a chuir e gu àrd easbaig Mhainz agus gu sagartan eile airson deasbad diadhaireachd a thòiseachadh. Canar gun do chuir e iad ri doras Eaglais a' Chaisteil ann am Wittenberg anns an 31. den Dàmhair 1517 cuideachd. Cha robh Lùtair a’ gearan mu na dòighean aithreachais ceàrr a-mhàin, dh’iarr e ath-leasachadh am broinn na h-eaglaise cuideachd. Gu nàdarra cha do dh’aontaich an Eaglais Caitligeach ris na h-argamaidean. Mar sin bha tòrr cùisean-lagha ann, m.e.: Èigheachd Worms (Gearmailtis: Reichstag zu Worms), far an tuirt Màrtainn Lùtair: Tha am Bìoball os cionn riaghailtean na h-eaglaise. An dèidh sin chuir am Pàpa Màrtainn fon choill ann an 1521. Chaidh casg a chuir air na pìosan a sgrìobh Lùtair. 

Fhuair Lùtair cuideachadh bho Frederick III à Sagsainn-Anhalt, a chuir air falach e mar „Junker Jörg“ air a’ Wartburg ann an Thüringen. An seo dh’eadar-theangaich e am Bìoball tùsail bhon Ghreugais agus Eabhra gu Gearmailtis ann an 11 seachdainean a-mhàin. Ach rinn e sin ann an cànan làitheil nan daoine. B’ e sin am Bìoball ris an canar Lutherbibel (Bìoball Lùtair) an-diugh. Leis an inneal clò-bhualadh ùr chaidh am Bìoball fhoillseachadh air feadh na Gearmailt gu math luath. Thòisich na daoine an cànan às a' Bhìoball a chleachdach. B’ e sin an t-àm far deach an Àrd-Ghearmailtis oifigeil a chruthaich.

Aig an aon àm bha Melanchthon, deagh charaid aig Mhàrtainn, a’ sgaoileadh nam beachdan ùra. O chionn 's gun robh na daoine deiseil agus deònach airson ath-nuadhachaidh, chleachd iad na argamaidean Lùtair airson na h-eaglaise fhàgail. Theich mòran manachan agus cailleachan dhubha às na manachainnean cuideachd. Chaidh iad uile ri chèile airson eaglais nuadh a’ stèidheachadh ris an cainte Eaglais Pròstanach (bho protestare: casaid, gearan). 

Ach bha trioblaidean mòra ann am Wittenberg mu na dòighean ceart anns an eaglais ùir agus mar sin chaidh Màrtainn air ais. Dh’atharraich esan an t-aifreann a rèir a’ Bhìoball. Gus 1545 chuir e òraidean seachad ann am Wittenberg agus ghabh e a bheachdan airson chuspairean diofraichte. Ach anns an fharsaingeachd cha do chuir esan an t-Ath-Leasachadh air adhart.

Bha Màrtainn an aghaidh an t-seasganachd cuideachd. Ann an 1525 phòs e Katharina von Bora, cailleach dhubh, a theich às a’ mhanach. Bha sianar cloinne aca. Chaochail e air turas ann an Eisleben ann an 1546, ach chaidh a thìodhlacadh ann an Eaglais a' Chaisteil Wittenberg.




#Article 578: Alasdair Crotach MacLeòid (483 words)


B' e Alasdair Crotach (1455 - 1547) ochdamh ceann-feadhna Chlann Mhic Leòid na Hearadh. Cha d'rugadh crotach e, ach chaidh a leòn le tuagh eadar a dhà ghualainn le creachadairean Dòmhnallach as dèidh Cath Bhàgh na Fala ann an 1480. 'S ann aig a' chath seo a chaidh athair, Uilleam Dubh a ghlacadh le Aonghas Òg Mac Dhòmhnaill agus Ailean Mùideartach agus e a' sabaid ann an arm Iain, Tighearna nan Eilean an aghaidh Aonghais Òig, mac dìolainn Iain, a bha airson an Tighearnas a riaghladh an àite athar. Thugadh Uilleam Dubh a Dhùn Bheagan ach bhàsaich e air an t-slighe. 

Phòs Alasdair nighean Chamshronaich Loch Iall ann an 1535. Tha beul-aithris ag innse gun robh deichnear nighean aig a' Chamshronach agus gur i an deicheamh tè a phòs e oir dhiùlt an naoinear eile a ghabhail leis mar a bha e crotach. Chaidh am mac as sine aca, Dòmhnall, a mhurt ann an 1557 agus b'e a bhràthair Uilleam (Uilleam na h-Uamha) an ath cheann-feadhna. Phòs dithis de na h-inghean aig Alasdair Dòmhnallaich Shlèite.

Nuair a ghabh an Crùn còir air fearann Thighearnas nan Eilean ann an 1493 thug bann sgrìobhte rìoghail còir air na Hearadh, Duirinis, Bracadal agus Mingnis do dh'Alasdair. Chuir seo ris an fhearann a chaidh a thoirt do Chalum Reamhar Math, an treas ceann-feadhna le Rìgh Daibhidh II, agus ghabh Alasdair seilbh cuideachd air cuid de Thròtairnis agus air Caisteal Dhùn Tuilm. Ann an 1513 thug e ionnsaigh air Dùn Sgàthaich, far an deach leis, agus air Caisteal a' Chnuic, far nach deach, ach chaidh mathanas a thoirt dha airson seo mar thoradh air co-obrachadh leis a' Chrùn. Thug Leas-rìgh Gilleasbuig Dùbhghlas dha còir air fearann ann an Slèite agus ann an Uibhist a-Tuath. Bhuineadh tòrr de na sgìrean seo do dhùthchas nan Dòmhnallach agus chaidh tòrr strì eadar na Leòdaich agus na Dòmhnallaich aobharachadh leis mar a chaidh an toirt do dh'Alasdair.

Tha ainm Alasdair ainmeil ann an dualchas Chlann Mhic Leòid leis mar is e a thog Tùr nan Sìthichean aig Caisteal Dhùn Bheagan, a thug a-mach Bratach nan Sìthichean aig Cath Ghleann Dàil agus a chum fleadh mòr don rìgh Seumas V air na beanntanan Healabhal Bheag agus Healabhal Mhòr, no 'Bùird Mhic Leòid' mar a chanar riutha sa Bheurla.

A thaobh dualchas na Gàidhlig, b' e duine foghlamaichte a bh' ann an Alasdair a thug brosnachadh mòr do na h-ealain. A rèir beul-aithris b' esan a mhisnich Clann Mhic Cruimein gu colaiste Phìobaireachd fhosgladh ann am Boraraig. Thog e Eaglais Naomh Chliamhainn ann an Roghadal na Hearadh timcheall air 1520 agus bharantaich e uaigh spleadhnach ionnte dha fhèin a tha ga meas an-diugh mar tè de na h-eisimpleirean as fheàrr air snaidheadh cloiche ann an stoidhle cheann an iar na Gàidhealtachd a rinneadh a-riamh. Bha e air eaglais Eilean Ì fhaicinn agus bha e airson eaglais coltach rithe a thogail san dùthaich aige fhèin.




#Article 579: An t-Suain (169 words)


 
Is e dùthaich ann an Lochlainn anns an Roinn-Eòrpa a tha anns an t-Suain. Tha crìochan aige le Nirribhidh anns an iar agus le Suòmaidh anns an ear-thuath. Anns an iar tha a' Mhuir Baltach ann. Tha an t-Suain ceangailte ris an Danmhairg le drochaid ris an canar Öresundsbron. Tha an cuid as motha de na daoine (84%) a’ fuireach anns na bailtean mòra. Tha Stockholm na prìomh-bhaile. 

Eadar 1397 agus 1523 bhuineadh an dùthaich dhan Aonadh Kalmar.  Chuireadh às do thràilleachd an seo ann an 1335. Bha An t-Suain na pàirt Aonadh Nirribhidh agus An t-Suain gu ruige 1905.

B’ e rannsaichear bith-eòlais às an t-Suain a bha ann an Carl Linnaeus. Tha e cliùiteach airson an t-siostam ainmeachaidh ris an canar tacsonamaidh. Rugadh Toomas Hendrik Ilves, ceann-suidhe Eastòinia, ann an Stockholm. Tha an cluicheadair ball-coise Henrik Larsson às an t-Suain. Bha e a' cluich anns an sgioba Celtic.
'S e sgrìobhadair ainmeil às an t-Suain a th' ann an Torgny Lindgren.

Seo cuid de na ceimigearan cudthromach:




#Article 580: Sòidium (149 words)


'S e eileamaid cheimigeach a tha ann an sòidium, no soidium, no sodium, le samhla Na agus àireamh atamach 11.

'S e meatailt alcalaidh a tha ann, a bhuineas don chiad earran de clàr pillteach. Is iad na feartan fiosaigeach de sòidium, gu bheil e glè bhochd, nas aotruime na uisge agus gum bi e a' leaghadh aig teothachd de 97.72° C (370.87° K, 207.9° F). Tha a fheartan ceimigeach coltach ri litium agus potasium.

Ann an 1807 chuir Humphry Davy sruth dealain tro sòidium haidrogsaid agus chruthachadh e sòidium fìor-ghlan. Tha an t-samhla Na a' tighinn bhon ainm Laidinn, natrium.

Tha solasan-sràide a' teasachadh sgleò sòidium airson solas a chruthachadh. Tha ceimigearan a' cleachdadh sòidium ann an sòidium borohaidraid agus sòidium asaid airson co-thàthaidhean a cho-thàth.

Tha sòidium anns an riaghailt-bhìdh a' dol mar sòidium clòraid, no salann cumanta. Tha aidheonan sòidium cudromach ann an tar-aisig eadar ceallan-leith.




#Article 581: Una Voce Scotland (191 words)


Tha Una Voce Scotland (una voce = aon ghuth) 'na chomann ann an Alba airson daoine a tha ag iarraidh an Aifreann Laidinneach tradaiseanta a rèir òrdugh 1962. Chaidh Una Voce Scotland (neo Una Voce Alba) a stèidheachadh ann an 1965.  A barrachd air glèidheadh agus teasairgeadh an Aifrinn Naoimh san òrdugh Ròmanach tradaiseanta, tha Una Voce Scotland airson òrain Ghriogarach agus dìonadh na tèarmainn de eaglaisean Caitligeach a ghlèidheadh.

Tha Una Voce Scotland 'na bhall a' chomainn eadar-nàiseanta Una Voce a tha a' streap airson an Aifreann Laidinneach air feadh an t-saoghail. Cha robh an t-Aifreann tradaiseanta Laidinneach ceadaichte eadar 1962 agus 1984 ach tha e ceadaichte a-nis.

Anns an Eaglais Sacred Heart, Bridgeton, Glaschu bi Aifreann Naomh Laidinneach a h-uile DiDòmhnaich aig 10:15am.  (Tha aifreannan cuideachd a' chiad DiSathairne sa Mhàrt, san Ògmhios, san t-Sultain agus san Dùbhlachd aig 12:00noon.)

Anns an Eaglais Chaluim Chille, 693 Old Edinburgh Road, Viewpark, Siorrachd Lannraig, bi Aifreann Naomh Laidinneach aig a cheud Di-Haoine gach mios aig 7:30pm

A bharrachd air sin, bi Aifreann Naomh Laidinneach aig Eaglais Naomh Aindrea (St Andrew's Church), Belford Road, Ravelston, Dùn Èideann, a h-uile DiDòmhnaich aig 11.30am. 




#Article 582: Là Luain (169 words)


'S e còmhlan-ciùil puinc às an Eilean Sgitheanach a th' ann an Là Luain. Thòisich an còmhlan ann an 2005 le Kathryn NicAoidh air na drumaichean, Greg MacThòmais air a' bheus agus Tim Armstrong air a' ghiotàr.  Chaidh Kathryn trom le leanabh agus ghabh a piuthar, Nicola, ris na drumaichean, ach goirid às dèidh sin, phòs Greg agus Nicola agus dh'fhàg iadsan an còmhlan cuideachd. Thòisich Tim a-rithist le Raonaid Alcorn, à Èirinn, air na drumaichean agus Tòmaidh MacAlpain air a' bheus, agus mhair an sgioba sin gus an latha an-diugh.

Cluichidh iad punc ceòlmhor, uile ann an Gàidhlig.  Chluich iad a' chiad chuirm-chiùil aca aig Àrdsgoil a' Phluic, tràth ann an 2007.  Rinn iad pìos air Rapal T.Bh, air BBC2 agus anns a' Mhàrt, 2007, chaidh iad air turas ròc, Gàidhlig tro Alba agus Èirinn, còmhla ri Oi Polloi agus còmhlan teacno, Gaeilge, Grà Grànna, a ghabh a-steach 13 bailtean agus 14 cuirmean-ciùil uile gu lèir fad dà sheachdain.

 air cuirm aig an 13th Note ann an Glaschu




#Article 583: Sagsainn Ìosail (1096 words)


Is e Sagsainn Ìosail (neo Niedersachsen anns a' Ghearmailtis agus Lower Saxony sa Bheurla) an stàit as motha ach aon anns a' Ghearmailt. Tha Hànobhar (Hannover anns a’ Ghearmailtis) anns an ear-dheas na phrìomh-bhaile.

Tha Sagsainn Ìosail ann an ceann a tuath na Gearmailt. Tha Cuan a Tuath (A' Mhuir a Tuath) agus Schleswig-Holstein air tuath Sagsainn Ìosail. Tha an Òlaind an iar air Sagsainn Ìosail, agus Mecklenburg-Vorpommern, Brandenburg agus Sagsainn-Anhalt an ear air Sagsainn Ìosail. Anns a' dheas tha Nordrhein-Westfalen, 
Hessen agus Thüringen.

Is e Hànobhar le 516.000 luchd-àiteachaidh am baile as motha ann an Sagsainn Ìosail. Anns an dàrna àite tha Braunschweig (luchd-àiteachaidh: 245.220) anns an ear-dheas Sagsainn Ìosail. Anns an treas àite is e Osnabrück (165.000) anns an deas, baile cudthromach le oilthigh, agus is e àite-suidhe an easbaig Caitligich. Tha Oldenburg (158.500) ann am meadhan Sagsainn Ìosail, agus tha Göttingen (129.000) le oilthigh cliùiteach deas air Hànobhar.
Tha Wilhelmhaven (83.500) le port-mara domhainn do bhàtaichean bathair agus Emden (51.700) agus Cuxhaven (52.000) le port-iasgaich anns an Tuath Sagsainn Ìosail aig Cuan a Tuath. Is e Celle (71.300) agus Lüneburg (71.900) an geata don Lüneburger Heide. Dh’fhàs Hameln (58.900) ainmeil leis an sgeulachd Der Rattenfänger von Hameln (Pìobaire nan radan ann an Hameln) leis na bràithrean Grimm.

Tha an cuid as motha na dùthcha rèidh, ach anns an ear-dheas tha beanntan ann ris an canar Harz agus Solling. Is e an Wurmberg (971 m NN), am Bruchberg (927 m NN) agus an t-Achtermann (925 m NN) na beanntan as àirde anns an Harz agus ann an Sagsainn Ìosail.

Is e Große Blöße (528 m NN) an t-ainm air a’ bheinn as àirde anns an Solling.

O chionn 's gu bheil an cuid as motha na dùthcha gu math rèidh, tha àiteachas cudthromach ann an Sagsainn Iosail. Tha beagan iasgaich a’ dol ann ann an Cuxhaven. Tha roinn na turasachd làidir ann an Sagsainn Ìosail, gu h-àraid anns an tuath agus anns na h-eileanan. Ann an roinn na dèanadachd tha gnìomhachas bhàtaichean agus chàraichean cudthromach. Tha roinn togail bhàtaichean ann am Papenburg, Emden agus Wilhelmshaven. Tha am Meyer Werft ann am Papenburg a’ togail nam bàtaichean-cuairt-mara as motha air feadh an t-saoghail. Ann an Wolfsburg tha mòran chosnaidhean anns an fhactaraidh Volkswagen. Agus tha trì àitichean ann an Sagsainn Ìosail, far a bheil factaraidhean Airbus. Tha Hànobhar uabhasach trang, ma bhitheas an CeBIT ann, fèill chudthromach anns an t-saoghal –choimpiutaireachd.

Aig àm Iulius Caesar bha an cuid as motha na Roinn-Eòrpa fo smachd nan Ròmanach. Anns a’ bhliadhna 9 as dèidh Chrìosda dh’fheuch na Ròmanaich na Gearmailtich ann an ceann a tuath na dùthcha a chuir fo smachd a-rithist. Anns a’ bhlàr Kalkriese faisg air Osnabrück chaill na Ròmanaich a-rithist. Cha b’ urrainn do dh’Ìompaire sam bith eile a’ Ghearmailt a chur fo smachd gus an tàinig Tearlach Mòr (742-814) 800 bliadhna an-dèidh sin. An-dèidh cogadh nan 30 bliadhna (1618-1648) bhris an dùthaich às a chèile, cha robh dad air fhàgail ach sgìrean beaga gun cumhachd. 
B’ urrainn do na Kurfürsten Hànobhair pìosan a chuir ri chèile a-rithist ann a bhith a’ pòsadh agus mar dhìleab agus dh’fhàs iad na bu treasa a-rithist, gus an robh Sèoras Ludwig (1660-1727) na rìgh ann am Breatainn Mòr (1714-1727) bho thaobh a mhàthar. Mhair am aonadh pearsanta aonadh eadar Breatainn agus Hànobhar gu ruige 1837. Bha rìoghachd Hànobhair ann bho 1814-1866, ach ann an 1866 ann an cogadh eadar Pruisia agus an Ostair chaidh a ghabhail le Pruisia. Aig an aon àm bha trì sgìrean eile ann (Braunschweig, Oldenburg und Schaumburg–Lippe), ach bha iad na bu ghlice. Ghabh iad san Deutsches Reich mar stàitean neo-eisimeileach ann an 1871. An-dèidh an dàrna cogadh chaidh Hànobhar, Braunschweig, Oldenburg agus Schaumburg–Lippe a chur ri chèile agus chaidh Sagsainn Ìosail a stèidheachadh ann an 1946.

Tha Robert Koch à Clausthal faisg air Hànobhar iomraiteach ann an rannsachadh air bitheagan ghabhaltach, gu h-àraid a thaobh lorg na caitheimh. Ann an 1905 fhuair e Duais Nobel eòlas-leighis.

Ma bhruidhnear mu chànanan beaga, bithear a’ smaoineachadh gur e Frìsis an Ear (Ostfriesisch anns a’ Ghearmailtis) an cànan a tha aig na daoine ann an taobh tuath a’ Ghearmailt. Ach chan eil sin fìor. Thàinig Friosais-an-Ear bho Anglo-Friosais agus tha e ceangailte ris a' Bheurla Ghallda. Ann an Sagsainn Ìosail chan eil dad air fhàgail ach sgìre bheag faisg air Cloppenburg, far a bheil Saterfriesisch air a bruidhinn le 2000 daoine. Ann an taobh tuath a’ Ghearmailt bruidhnear Ostfriesisches Platt (Friosais-an-Ear ⁊ Sagsais Ìosail). Thàinig an cànan seo à Niedersächsisches Platt (Northern Low Saxon) agus tha e ceangailte ri Duitsis agus Friosais). Ged a bhàsaich Niedersächsisches Platt seach ann an sgìrean iomallach, tha an Ostfriesisches Platt gu math làidir fhathast an ann taobh tuath a’ Ghearmailt. Bidh 50% de na daoine a’ cleachdadh Ostfriesisches Platt gach latha, gu h-àraid air an dùthaich. Tha iad a’ sealltainn gu bheil iad eadar-dhealaichte agus sònraichte. Ged a tha tòrr dual-chainntean ann ann an Ostfriesisches Platt, tha faclair oifigeil ann, tha rèidio ann, pàipearan-naidheachd cuideachd. Is urrainnear an cànan a’ cleachdadh anns na seirbhisean. O chionn goirid chìthear sanasan-rathaid dà-chànanach, agus tha tòrr ainmean-àite ann an Ostfriesisches Platt co-dhiù, m.e.: Rechtsupweg ( Slighe air do làimh deas 'sa Ghàidhlig) Tha Friesisch, Saterfriesisch agus Ostfriesisches Platt air an dìon le European Charter for Minority Languages.

Seo eisimpleir le Ostfriesisches Platt, Àrd-Ghearmailtis oifigeil agus Gàidhlig:

Mar as àbhaist bidh an càl-greannach a’ buain an-dèidh a’ chiad reòthadh 'san gheamhradh. An toiseach bidh na daoine a' coiseachd air na sràidean bheaga do thaigh-seinnse a’ bhaile. Air an t-sràid cluichidh iad Boßeln, gèam sònraichte coltach ri Roadbowling. Bidh iad a’ toirt troilidh le leann agus Schnaps neo Korn (deoch làidir) còmhla riutha, agus ma bhios crois an rathaid ann neo tachartasan sònraichte anns a’ ghèam, feumaidh a h-uile duine òl. Mar as trice bidh na daoine air an deagh shunnd, mus ruig iad an taigh-seinnse. An uair sin ithidh iad Grünkohlessen: Sin càl-greannach le buntàta agus Pinkel (isbean le spìosrach às an àite fhèin) agus hama agus muicfheoil bruichte. Ma bhitheas iad deiseil, bidh ceòl agus dannsa ann agus bidh iad a’ taghadh Rìgh-Càil. 

Tha cupa tì uabhasach cudthromach ann an Ostfriesland anns an Tuath Sagsainn Ìosail. Tha seann lagh ann ris an canar Reachd nam Friseach. Tha e math an aghaidh eucairdeis. Seo e: Chan fhaodadh tu duine a thilg a-mach às do thaigh, mura òladh tu trì cupannan tì le Kandis (siùcar cruaidh) agus uachdar còmhla ris. 

Is e taibhse a’ mhonadh an t-ainm a tha air Kornbrand le lusan, deoch làidir eile. Bithear ga losgadh airson mionaid, mus òlar e.




#Article 584: Teòirim (688 words)


Cha ghabh teòirim (no rudeigin eile) a dhearbhadh mar thà. Tha gach teòirim air a stèidheachadh air grunnan ro-fhìrinnean agus cha ghabh a dhearbhadh mur eil na ro-fhìrinnean seo fìor. ’S e sin ri ràdh gu bheil dearbhadh daonnan den riochd: ma tha A fìor, ’s ann a tha B fior. Ri linn sin tha ro-fhìrinnean an teòirim nam pàirt cudromach dheth. Tha gach teòirim an eisimeil air fìrinneachd a chuid ro-fhìrinnean. Mar as cumanta ’s e beachd-bharailean an teòirim a chanar ris na ro-fhìrinnean.

Is math a dh’fhaodte gum bi beachd-bharail(ean) an teòirim na theòirim fhèin is gum bi an dara teòirim air a stèidheachadh air teòirim eile (no air grunnan teòirimean eile). ’S ann mar seo a tha eòlas air a thogail. Ach aig bun an eòlais seo bidh grunnan beachd-bharailean nach gabh an dearbhadh, agus tha an t-eòlas air fad an eisimeil orra. Bhiodh an t-eòlas seo meallta mur biodh gach aon de na beachd-bharailean bunaiteach fìor. Canar teòiridh ris an eòlas (.i. seata theòirimean agus na co-dhùnaidhean a tha air an tarraing bhuapa) a tha an eisimeil air grunnan beachd-bharailean gun dhearbhadh.

Tro na linntean b’ e iomairt nam matamataichean teòiridhean matamataige stèidheachadh air grunnan aicseaman. Is iad seo beachd-bharailean a tha fèin-fhollaiseach (aig a’ char as lugha ann an suidheachadh air leth). Uaireannan, tha na h-aicseaman fhèin a’ dèanamh mìneachadh air an t-suidheachadh anns a bheil an teòiridh fìor. Mar eisimpleir, tha Teòiridh Ghrùpa an eisimeil air fìrinneachd an fhearta:

Nise, is cinnteach gu bheil seo fìor aig na h- àireamhan nàdarra, ach mur biodh e fìor aig dà uimhir a agus b de sheòrsa eile, cha bhiodh Teòiridh Ghrùpa fìor airson an t-seòrsa de dh’ uimhir a tha ann an a agus b. Ach aig an aon àm, cha bhiodh grùpa a th’ ann an t-seòrsa seo idir oir ’s e feart grùpa a tha fìrinneachd a’ cho-aontair seo. Tha Teòiridh Ghrùpa a’ buntainn ri grùpaichean a-mhàin. Chan eilear a’ tagradh gu bheil i fìor anns a h-uile suidheachadh. 
Anns am matamataig, canar Siostam Aicseamach ri teòiridh a tha stèidhichte air aicseaman agus Foirmeileas ris a’ bheachd-smuainealas a chleachdas mhodailean aicseamach a-mhàin. ’S e Teòiridh Dhearbhaidh an sgoilearachd shiostaman foirmeil aicseamach agus na dearbhaidhean a thigeadh bhuapa.

Chan e pàirt de theòirim a th’ anns an dearbhadh, mar a thà anns na beachd-bharailean. Faodaidh grunnan dearbhaidhean eadar-dhealaichte a bhith aig an aon theòirim. Mar as cumanta, tòisichidh dearbhadh bho bheachd-bharailean an teòirim. Leanaidh an dearbhadh ceum air cheum, agus gach ceum air a thuigsinn bhon cheum a th’ ann roimhe, gus an ruigear an co-dhùnadh a bheir dearbhadh air an smuanairt. Ach uaireannan tha feum aig an dearbhadh air ro-stèidhean eile. ’S e smuanairtean eile a th’ anntasan agus feumar an dearbhadh air a’ chiad dol-a-mach airson a’ phrìomh smuanairt a ghabhail dearbhaidh mar theòirim. Canar lèama ri smuanairt den t-seòrsa. Thoir an aire gu bheil diofar eadar lèama agus beachd-bharail. Tha lèama co-cheangailte ri dearbhadh an teòirim agus is math a dh’fhaodte gum bi dearbhadh eile ann gun fheum air an lèama seo, no aig a bheil feum air lèama(nnan) tur eadar-dhealaichte.

An uair ’s gu bheil teòirim air a dhearbhadh, uaireannan gabhaidh smuanairt eile a dhearbhadh cuideachd gu sìmplidh. Canar co-chnuasachd ri seo. ’S e ath-thoradh teòirim a th’ anns a’ cho-chnuasachd.

Mar a tha teòirim na smuanairt a tha na chuis-dhearbhte, ’s ann nach eil fìor dhiofar eadar teòirim, lèama agus co-chnuasachd, ach a-mhàin an suidheachadh às an èirich iad. Thathar a’ beachdachadh gu bheil teòirim nas cudromaich na lèama, ach tha grunnan lèama ann (me. Lèama Ghauss is Lèama Zorn) a tha air leth cudromach cuideachd.
Corra uair tha teòirimean cudromach matamataig air an ainmeachadh leis na faclan “riaghailt”, “lagh” no “prionnsabal” (me. Riaghailt Chramer, Lagh nan Àireamhan Mòra, Prionnsabal Chot a’ Chalmain) ach sa chumantas tha na faclan “teòirim” no “lèama” nas fheàrr. Uaireannan tha am facal “frith-bharail” air a chleachdadh nuair a tha an smuanairt dearbhte ged tha tuar meallta aige (me. Frith-bharail Bhanach-Tarski), ach thathar a’ cleachdadh an fhacail seo cuideachd far a bheil smuanairt air a bhreugnachadh agus tuar aige gu robh e fìor.




#Article 585: Eachann MacDhòmhnaill (400 words)


Rugadh Eachainn MacDhòmhnaill air an tritheamh là deug dhen Ghiblean ann an ochd ceud deug caogad ‘s a trì aig Rootfield, a’ chroit athair ann am Maol Buidhe faisg air Inbhir Pheofharain. Thogadh e an sin cuideachd ach dh’fhàs e sgìth dhe obair air a’ chroit agus chaidh e a dh’Inbhir Nis airson obair a fhaighinn.

Fhuair e obair ann an Royal Clan  Tartan Warehouse agus gabbh e ann an companaidh marsantach, pàirt dhe na Highland Rifle Volunteers. Ann an 1870 liosdaich e san Naochadamh Gòrdan Gàidhealach ‘s a dhà agus chaidh e gu na h-Innseachan, Afganastan, Afraga a dheas agus an Sudan is na h-Èipheit agus chaidh e na Mhàidsear. Ann an 1900 chaidh e na Mhàidsear-Seanailear nuair a chaidh e gu Afraga a dheas agus ann an 1901 thug an Rìgh an tiotal Mhàidsear-Seanailear Sir Eachainn MacDhòmhnaill air.

Chaidh e gu Ceylon ann an 1902 ach cha robh na h-oifigearan eile a bha e còmhla ris toilichte gun robh iad ag obair còmhla ri mac croiteir agus ann an 1903, a rèir cuid luchd-eachdraidh chuir iad pìos anns a’ phàipear-naidheachd ag ràdh gun robh e co-ghnèitheach agus b’ toil leis companaidh le balach beag. Seo pìos dhen sgeulachd sin : -

Times of Ceylon 1903.

Chaidh an sgeulachd seo tro Ìompaireachd Breatannach agus bha tòrr dhaoine ag ràdh gun robh Eachainn co-ghnèitheach. Thàinig e air ais gu Breatainn airson cuideachadh a fhaighinn bhon Rìgh, ach cha robh an Rìgh deònach a’ toirt cuideachadh dha agus chuir e Eachainn air ais gu Ceylon far an robh e a’ dol gu bhith “court-marshalled”. Air an t-slighe air ais, chaidh e gu Paras agus dhùisg e aon là agus chaidh e sìos an staidhre airson bracaist a fhaighinn. Leugh e am pàipear-naidheachd agus chunnaic e pìos ag ràdh gun robh e co-ghnèitheach agus a’ bruidhinn mu dheidhinn an sgeulachd. An dèidh dha an sgeulachd leughadh, chaidh e air ais suas an staidhre gu a sheòmar agus chuir e peilear tro a cheann.

Chan eil fianais aig luchd-eachdraidh fhathast a chanas a bheil an sgeulachd seo fìor neo an e dìreach sgeulachd a chuir na h-oifigearan a-mach air sgàth gun robh iad mì-thoilichte a bhith ag obair còmhla ri mac croiteir. Ach tha fianais ann gun robh e pòsta agus bha clann aige.

Eadar 1904 agus 1907 chaidh an Carragh-cuimhne Shir Eachann MacDhòmhnaill a thogail air Cnoc Mhìcheil ann an Inbhir Pheofharain.




#Article 586: Poilitigs ann an Èireann (576 words)


Tha còig còigeamh ann an Èirinn, a bha tràth ann an eachdraidh na h-Èireann nan còig rìoghachdan fa-leth. Is iad Ulaidh, An Mí, Leamhainn, Mumha agus Connacht. B' e an Mi an còigeamh as lugha agus tha i air a bhi na phàirt den Mhumha bho linn nan Normanach. 

Nuair a dh'fhuair na Normanaich greim air Èirinn anns an 14mh linn, roinn iad an tìr eadar 32 siorramachd, agus ainmeachadh cuid shiorramachdan Contae. Is e na conntaidhean sin a tha fhathast nan aonadan rianachd na dùthcha agus tha fèin-aithneachadh làidir aig muinntir gach chontae.

Eadar 1801 agus 1921 bha Èirinn na phàirt den Rìoghachd Aonaichte. Ged a chòrd an Rèiteachadh seo ri cuid Èireannaich bha an cuid a bu mhotha na aghaidh. Dh'aontaich pàrlamaid na Breatuinn ri fèin-riaghladh airson Èireann ann an 1911. Bha fèin-riaghladh ri tòiseachadh ann an 1915 ach chuireadh bacadh air sin aig toiseach a' Chogadh Mhòr. Aig a' cheann thall cha tàinig Fèin-riaghladh idir ro 1921, nuair a stèidheachadh Saor-Stàite na h-Èireann as dèidh strì armaichte. 

Nuair a dh'aontaich an Riaghaltas Bhreatainn ri stèidhicheadh Saor-Stàite na h-Èireann, bha cuid de na Ultaich calg-dìreach an aghaidh. Chaidh sgaradh air Èirinn agus dh'fhan sia (a-mach a naoi) conntaidhean Ultach anns an Rìoghachd Aonaichte. Dh'adhbharaich an t-aontachadh fhèin sgaradh an taobh deas na tìre, agus mhilleadh ciad bliadhna na Saor-Staite le cogadh sìobhalta fuilteach a mhair 9 miosan.

Mhair Saor-Stàite na h-Èireann bho 1921 gu 1937. Fon aontachadh de 1921 bha an Saor-stàit neo-eisimeileach ach taobh a-staigh Commonwealth na Breatuinn agus chùm an Cabhlach Rìoghail seilbh air port daingnichte aig Cobh faisg air Cathair Corcaigh anns a' Mhumha. Ann an 1937 dh'aontaich muinntir na h-Èireann ri bun-stèidh poblachd, agus choisinn Èirinn làn neo-eisimeileachd.

Canar Èirinn a Tuath ri na conntaidhean Ultach a tha fhathast anns an Rìoghachd Aonaichte.

Is e Eire an t-ainm a tha air a' Phoblachd ach, tha a' Bheurla na dàrna cainnt oifigeil na h-Èireann agus 
anns a' Bheurla is e Ireland an t-ainm oifigeil air an dùthaich. Don bhrigh seo, uaireannan cluinnear luchd-poileataigs a' labhairt anns a' Bheurla mu deidhinn The island of Ireland, a' ciallachadh Èirinn gu leir. 

Tha 2 thaigh riaghlaidh ainmichte an bun-reachd na h-Èireann.
Is e a tha anns an Dail an taigh ìochdar agus theirear Teachdaire Dàil (TD) ri gach ball den Dail. Tha gach TD a' riochdachadh Contae ach tha corr is aon TD aig gach conntaidh. Tha uimhir nan TD aig gach conntaidh a-rèir meud sluagh a' chontae. Thèid an roghainn le siostam bhòt singilte so-iomcharachd.
Is e a tha anns an Oireachtas an Taigh Uachdar, tha gach ball taghta ach tha cuid de buill an oireachtas a' riochdachadh roinnean sònraichte de mhuinntir na h-Èireann, mar eisimpleir, tha luchd-riochdaidh aig oil-thighean na h-Èireann anns an oireachtas.

Tha ceithir pàrtaidhean poilitigeach le riochdairean ann am Dàil Èireann anns an latha an diugh (2007). Is iad Fianna Fáil, Fine Gael am Pàrtaidh Làborach agus Sinn Fein. 

Is e Fianna Fail agus Fine Gael an dà phartaidh as motha. Stèidhicheadh an dà phartaidh seo rè saoghal an Saor-stàit agus tha teaghlaichean poilitigeach air nochdadh annta. Tha ballrachd de Fianna Fail agus Fine Gael, eadhan don ghinealach an diugh a' beanailt air taobh a thug na seann-phàrantan aig am a' chogaidh shìobhalta. 

Tha am Pàrtaidh Làborach gu math lag an diugh (2007). 

Tha Sinn Féin na Pàrtaidh Poblachdach agus Sòisealach agus tha e an sàs ann an poilitigs gach taobh den chrìoch eadar Èirinn agus na sia chontae.




#Article 587: Sagsainn-Anhalt (1400 words)


Is e stàit Ghearmailteach a tha ann an Sagsainn-Anhalt (Sachsen-Anhalt sa Ghearmailtis, Saxony-Anhalt sa Bheurla). Tha Magdeburg, ann am meadhan na dùthcha, na phrìomh-bhaile.

Tha Sagsainn Iosail san àird an iar air Sagsainn-Anhalt, agus Brandenburg san àird an ear. Anns an àird a deas tha Thüringen agus Sagsainn.

Chan eil tòrr bhailtean mòra ann an Sagsainn-Anhalt; chan eil ach na dhà anns a bheil còrr is 200.000 luchd-àiteachaidh. Is e Halle (Saale) (237.198) ann an àird an earra-dheas na dùthcha am baile as motha. Anns na meadhan-aoisean bha Halle (Saale) ainmeil airson malairt le salainn. 'S e Oilthigh Halle-Wittenberg aon de na oilthighean as sine air feadh na Ghearmailt. Tha Magdeburg (229.126) ann am meadhan Sagsainn-Anhalt na phrìomh-bhaile. Tha caisteal mòr ann, dà oilthigh, agus tha easbaig Caitligeach agus easbaig Pròstanach a’ fuireach an-sin.

Ach tha tòrr bhailtean beaga ann an Sagsainn-Anhalt a tha fìor inntinnnach a chionn 's gu bheil iad air an dìon leis an UNESCO mar làraichean dualchas an t-saoghail:

Is e Aschersleben (26.112), ris an canar geata don Harz, am baile as sine ann an Sagsainn-Anhalt. Chaidh a bhonn-stèidheachadh ann an 753. Faisg air na beanntan Harz tha Stendal (37.137), le togalaichean agus eaglaisean ann an stoidhle Backsteingotik (clachan a rinneadh à criadh-loisgte ) agus Wernigerode (29.627), far am bi trèana-smùid chun a' Bhrocken a’ tòiseachadh. Tha lùchairt ann cuideachd ann an stoidhle romansach coltach ri Neuschwanstein.

Tha Naumburg (29.627) ainmeil airson àrd eaglais “Naumburger Dom St. Peter und Paul” le ceithir stìoballan. Chaidh tòisicheadh air togail a' chathar-eaglais seo ann an 1213.

Tha Merseburg (34.581) agus Wolfen (24.908) cudthromach airson gnìomhachais cheimigich.

Tha timcheallachd Sagsainn-Anhalt gu math ioma-chruthach. 
Anns an àird a tuath agus ann am meadhan Sagsainn-Anhalt tha sgìrean-fraoich sèimh ann. Tha an arainneachd ri taobh nan aibhnichean gu math nàdarra, gu h-araidh ann am „Biosphärenreservat Flusslandschaft Mittlere Elbe “ ( sa Bheurla Biosphere Reserve Middle Elbe), le flùraichean agus beothaichean sònraichte. Is e làrach dualchas an t-saoghail Unesco (Unesco World Heritage Site) a th’ ann.
Cleachdar dà thrian den talamh airson àiteachais; gu h-àraid ann am Magdeburger Börde timcheall air Magdeburg, far a bheil an talamh glè thorrach. Ri taobh nan aibhnichean Saale agus Unstrut chithear na fìon-liosan as fhaide tuath sa Ghearmailt. 
Tha cruth na tìre ag atharrachadh anns an àirde an iar-dheas. Tha cnuic ann, agus beanntan nas airde na sin ris an canar „Harz“

Faisg air Magdeburg tha an crois rathaidean-uisge  Magdeburg as motha ann anns an Roinn Eòrpa. Is e an ceangal eadar an Iar agus an Ear, eadar an Abhainn Rhine agus an Abhainn Oder. Tha am Mittellandkanal a’ dol air drochaid os cionn an Abhainn Elbe. Tha iad ceangailte ri chèile le dorsan-uisge.

Is e am Brocken (1.141m) ann an Harz a` bheinn as àirde ann an Sagsainn-Anhalt. Chluich pìos den sgeulachd Faust le Goethe an-sin. Tha i ainmeil airson a’ Walpurgisnacht, oidhche 30. mh den Chèitean, far am bi na bana-bhuidseachd a’ tachairt ri chèile. Uaireannan chithear Brockengespenst (taibhse Bhrocken) an-sin. Tha Heinrichshöhe (1044 m), Königsberg (1023 m) agus Kleiner Brocken (1119m) nas àirde na 1000 m. An uair sin Kleiner Winterberg (837m), Wolfklippen (723m) agus Scharfenstein (696m)

O chionn ’s gu bheil an talamh math airson àiteachais, tha 21% den mhalairt ceangailte ri gnìomhachas biadh agus deoch. Mar eisimpleir: Tha Kathi Bäckereierzeugnisse ann le stuth measgte airson bèicearachd, Rotkäppchen Sektkellerei agus factaraidh isbeanan Halko, a cuir isbeannan ann an canaichean airson a’ chiad turas. Is e Halloren am factaraidh seòclaid as sine anns a' Ghearmailt.

Tha gnìomhachas ceimigeach a’ fàs nas motha gu math luath (17% den mhalairt). Tha trì pàircean ceimigeach ann ris an canar Mitteldeutsches Chemiedreieck eadar Halle, Merseburg agus Bitterfeld/Wolfen. Tha companaidhean-gnothachais eadar-nàiseanta mar BASF agus Thyssen Krupp an-seo, m.e. tha an Aspirin a tha ainmeil air feadh an t-Saoghal a’ tighinn à factaraidh Bayer ann am Bitterfeld.
Tha tòrr chosnaidhean ann an saothrachadh rubair agus plastaig cuideachd.

Tha mèinneadh ann le gual donn agus gas nàdarrach.

Tha roinn na turasachd gu math làidir cuideachd, gu h-àraid turasachd cultarach. Le bailtean ceangailte ri Màrtainn Lùtair, le tòrr àiteachean a tha air an dìon leis an UNESCO mar dualchas na cruinne, le taigh Händel neo Straße der Romantik (rathad na Romansachd) tha mòran ann as fhiach fhaicinn.

B’ e treubhan gearmanach a bha anns na Sagsannaich. Bha iad a’ fuireach eadar taobh an Ear na h-Òlaind agus Sagsainn-Anhalt. Bha na Sasainnich fo eagal orra, o chionn’s gun robh iad nan spùinneadair-mara. Chuir iad taobh deas Shasainn fo smachd. Thàinig cuid ainmean-àite bhon àm seo, m. e. Wessex (Westsachsen, Sagsaich an Iar) Essex (Ostsachsen, Sagsaich an Ear) agus Sussex (Südsachsen, Sagsaich a Deas). Thàinig ainm Sasainn fhèin airson England bho na Sagsannaich cuideachd. 
Anns na Sachsenkriege 768-814 (Cogaidhean nan Sagsaich) chuir an t- Ìompaire Tearlach Mòr Sagsainn fo smachd. Bhon uair sin bha Herzogtum Sagsainn ann a bha na phàirt de dh’Ìompaireachd Naoimh nan Romanach.
Bha Diùc Heinrich à Sagsainn na chiad rìgh Gearmailteach (912-936) agus ghluais an cumhachd poileitigeach bhon Rhine chun an Elbe. Fon Ìompaire Otto I (936-973) à Sachsen dh’fhàs am baile Magdeburg ainmeil agus beartach gus an deach àrd-easbaig Mhagdeburg a steidheachadh an-sin. Ach ann an 1180 chaidh an Herzogtum Sagsainn tùsail air a bhriseadh.

Aig àm an Ath-Leasachaidh (1635) dh’atharraich an àrd-easbaig Mhagdeburg don Herzogreich Sagsainn. Bho 1680 bha e pàirt den Bhrandenburg-Pruisia. An dèidh cogadh Napoleon (1815) chaidh Herzogtum Magdeburg, Altmark, rioghadh Westphalen agus pàirt den Sagsainn a chuir ri chèile mar sgìre pruiseach na Sagsainn (1815-1944). Is ann aig an àm seo a dh’fhàs muinntir nan sgìrean diofraichte ri chèile, gu h-araid anns a’ ghnìomhachas. Ach ann an 1944 bhris an sgìre Sagsainn as a chèile.

Bha an sgìre Anhalt bhon 11 linn aig a’ chinneadh uaisle Askanier. Ann an 1871 chaidh iad a-staigh ri Deutsches Reich agus ann an 1918 bha iad mar saor- stàit anns an Weimar Republic.
An dèidh an darna cogadh chuir na Ruiseach Anhalt agus sgìre Sachen ri chèile, ach aig àm DDR cha robh dad ann ach dà sgire Halle agus Magdeburg. Ann an 1990, an dèidh aonadh na Gearmailt, chaidh ath-nuachadh na stàite mar Sachsen-Anhalt le Magdeburg na phrìomh-baile.
Air an lùireach chithear samhladh Pruisia (suas) agus samhladh saor-stàit Anhalt (sios).

Ann an àirde tuath Sagsainn-Anhalt bruidhnear „Anhaltisch“. Is e Thuringian dual-chainnt(Upper Saxon German sa Bheurla) a th’ ann. Tha i coltach ri Ard-Ghearmailtis oifigeal, ach le faclan agus abairtean sònraichte a thàinig às a’ Mhark-Brandenburg. M.e chanar „ick“ an àite „ich“.
Anns an Deas agus timcheall air Mhagdeburg cluinnear Altmärkisch am measg nan seann-daoine, cànan a tha ceangailte ri Ostniederdeutsche Sprache (East Low German sa Bheurla).

O chionn’s gu bheil deagh àiteachas ann an Sagsainn-Anhalt, tha feòil de gach seòrsa agus glasraich cudthromach airson biadh a chuir ri chèile.M. e.: Altmärker Hochzeitsuppe (brot-bainnse à Altmark): Is e brot feòil-circe a th’ ann le glasraich, piòsan muic-fheòil measgte, uighean agus asparag. Ann am Magdeburg ithear „Bötel mit Lehm und Stroh“ (cas le crèadh agus connlach). Is e cas-muic le peasraichean measgte agus càl geur a th’ ann. Ach uaireannan tha dòighean còcaireachd ann a tha rud beag neonach. M.e. Is e rìs milis le isbeanan biadh coltach ann an Anhalt.

Tha Salzwedel cliùteach airson Baumkuchen (ceic-craobh). Canar gun tàinig an doigh-bèicearachd le luchd-siubhail às an Ungair anns an 16mh linn. Dh’fhàs am Baumkuchen ainmeil, nuair a bha rìgh Pruisia Frederick William IV ga ithe ann an turas tro Sagsainn- Anhalt (1841). 
Is e mìn, ìm agus uighean a th’ innte ann an dòigh 1:1:2, agus is dòcha mil neo cnò neo Rùm. 
Tha a’ cheic air a dhèanamh air bior-ròstaidh os cionn teinne. Cuirear linnich na taois air a-rithist agus a-rithist, gach tè a’ bèicearachd gu curamach. Mar sin mairidh a’ cheic ùr airson uine fhada. Mu dheireadh cuirear seòclaid timcheall oirre. An-duigh is urrainnear a’ cheic à Salzwedel a cheannachd air feadh an t-Saoghal.

Ann an Würchwitz gheibhear Milbenkäse (caise-fineag). Cleachdar meanbh-chruimh (Tyroglyhus casei L.) shònraichte airson abachadh an àite lobhadan. Ithear na meanbh-chruimh còmhla ris a’ caise agus tha blas a’ chàise rud beag searbh. Ach ann an 1970 bha e coltas gum bi an traidisean gu bhith marbh. Cha robh ach caileach a-mhàin ann aig an robh fios mun dòighean traidiseanta airson a’ chàise a dhèanamh. Gu fortuanach bha uidh aig Helmut Pöschel, neach-teagaisg à Würchwitz, airson dòigh beatha meanbh-chruimh agus thoisich e gan àlaich a-rithist. An-diugh tha taigh–tasgaidh beag ann mu eachdraidh agus dòighean tradiseanta caise-fineag.




#Article 588: Bàrdachd Ghàidhlig (602 words)


Anns an 18mh linn, bha cuid de bhàird na Gàidhlig an sàs ann an Ar-a-mach nan Seumasach, leithid Alasdair Mhic Mhaighstir Alasdair agus Iain Ruaidh Stiùbhairt, a rinn strì an aghaidh arm Phrionnsa Theàrlaich Stiùbhairt.  Sgrìobh Rob Donn MacAoidh bàrdachd mu dhèidhinn nan daoine is nan tachartasan anns a' bhaile far an robh e a' fuireach, agus òrain a tha fhathast gan seinn san latha an-diugh. Tha Uilleam Ros gu h-àraidh ainmeil airson a chuid bàrdachd gaoil. 'S e bàrd spioradail a bh' ann an Dùghall Bochanan, a sgrìobh dàin diadhaidh is leabhar-latha a' chunntais-beatha is iompachaidh chràbhaich. Tha Donnchadh Bàn Mac an t-Saoir ainmeil airson a bhàrdachd nàdarrach, mar eisimpleir 'Òran Coire a' Cheathaich', 'Cead Deireannach nam Beann' neo 'Moladh Beinn Dòbhrain'. 

Anns an 19mh linn, bha tèamannan eilthireachd, fuadaichean is atharrachaidhean sòisealta gu math pailt ann am bàrdachd na Gàidhlig. Bha Màiri Mhòr nan Òran an sàs ann an Còmhstri an Fhearainn, is sgrìobh i tòrr airson na croitearan a bhrosnachadh. Rinn bàrdachd Uilleim MhicDhunlèibhe iomradh seann eachdraidh na h-Alba, air na fuadaichean agus tachartasan co-aimsireil eile. 

Bha Niall MacLeòid à Gleann Dail ainmeil mar ùghdar nan òran binne, mu dhèidhinn gaoil, Eilein Sgitheanaich agus cianalais, leithid ''. 

Anns an 20mh linn, thòisich iomairt ùr ann am bàrdachd na Gàidhlig, nua-bhàrdachd, le cuspairean is dòighean-sgrìobhaidh ùr-nòsach. 

Bha na bàird, Ruaraidh MacThòmais, Iain Mac a' Ghobhainn agus Dòmhnall MacAmhlaigh nam measg, agus fhathast a' sgrìobhadh mu dhèidhinn na h-àiteachan far an do rugadh is thogadh iad, ach ann an dòigh ùr is toinnte. 'B e cosgadh cuspair cudromach do na nua-bhàird, cuideachd. Nochd Cogadh Sìobhalta na Spàinne an an sgrìobhadh Shomhairle MhicGill-Eain agus An Dàrna Cogadh ann an sgrìobhadh MhicGill-Eain is Dheòrsa Mhic Iain Dheòrsa.

Ann an 1943, nochd a' chiad leabhar le Somhairle MacGill-Eain, Dàin do Eimhir agus Dàin Eile, ann an clò, is 's e aon de na leabhraichean Gàidhlig as cudromaiche ann an 20mh linn. 'S e 'Hallaig' (1954, Gairm) le MacGill-Eain, mu dhèidhinn baile fuadaichte ann an Ratharsair, aon de na dàin Gàidhlig as ainmeile a chaidh riamh a sgrìobhadh. 

A thaobh nua-bhàrdachd is litreachas Gàidhlig anns an fharsaingeachd, bha Gairm, iris ràitheil Gàidhlig, air leth cudromach. Chaidh Gairm stèidheachadh ann an 1952 le Ruaraidh MacThòmais is Fionnlagh J. MacDhòmhnaill, is bha Ruaraidh MacThòmais na neach-deasachaidh airson 50 bliadhna eile. 

Thàinig an linn seo gu crìoch le duanaire ùr ann an 1991, a dheasaich Crìsdean MacIlleBhàin is a chruinnich, son a' chiad uair na bàird as cliùitiche a shoirbhich às dèidh foillseachadh Nua-Bhàrdachd na Gàidhlig. Am measg bàird An Aghaidh na Sìorraidheachd, bha Aonghas Mac Neacail, Maoilios Caimbeul, Fearghas MacFhionnlaigh is Meg Bateman. Dheasaich Raghnall MacIlleDhuibh duanaire a ghabh a-steach bàrdachd na linne air fad is dithis bhàrd nach robh ann an An Aghaidh na Sìorraidheachd; Aonghas Phàdraig Caimbeul is Rody Gorman. 

Dh'fhoillsich corr is aonan bhàrd air fhichead cruinneachadh ùr de bhàrdachd Ghàidhlig às dèidh 2000. B' iad Aonghas MacNeacail, Meg Bateman, Maoilios Caimbeul is Crìsdean MacIlleBhàin a lean orra an cuid bàrdachd fhoillseachadh thar deireadh an fhicheadamh linn, an taca ri Aonghas Pàdraig Caimbeul is Rody Gorman a choisinn cliù ann an Alba is dùthchannan eile.

Anns na 2010an thàinig triùir ùr am bàrr aig a bheil a' bhuaidh as motha air blas bàrdachd ùr na linne: Pàdraig MacAoidh, Niall O' Gallagher is Marcas Mac an Tuairneir, a tha air dà chruinneachadh fhoillseachadh, gach fear, gu ruige 2017. Chaidh ciad chruinneachaidhean fhoillseachadh aig an sgrìobhadair ruisg, Màrtainn Mac an t-Saoir is a' bhan-òranaiche Sandaidh NicDhòmhnaill Jones.

Chunnaicear foillseachadh bàrdachd baile, cuideachd, le cruinneachaidhean sgrìobhte aig Flòraidh NicPhàil is Dòmhnall E. Meek, am measg bhàrd eile.




#Article 589: Alasdair Allan (167 words)


Is e Ball Pàrlamaid na h-Alba a tha ann an Alasdair Allan. Tha e na bhall ann am Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba airson nan Na h-Eileanan an Iar.

Bho 7 an Dùbhlachd 2011 bha e air a bhith 'na Mhinistear airson Foghlam, Saidheans agus Cànanan na h-Alba gu 2016 nuair an deach e 'na Mhinistear airson Leasachaidh Eadar-Nàiseanta agus Eòrpa ach chaill e an dreuchd seo nuair an do chrath Nicola Sturgeon a caibineit ann an 2018. Tha Gàidhlig fhileanta aige agus Albais. Sgrìobh e tràchdas PhD mu dheidhinn na h-Albais, anns an Albais fhéin.

Rinn e iomairt airson a' Ghàidhlig nochdadh air Duolingo is i soirbheachail.

Is ann às na Crìochan a tha e. Rugadh e ann an Ashkirk ann an 1971. Chaidh e gu Oilthighean Ghlaschu agus Obar Dheathain. As dèidh sin, dh'obraich e airson Eaglais na h-Alba mar oifigear naidheachd agus airson a' Phàrtaidh Nàiseanta ann an Ceann Phàdraig agus ann an Dùn Èideann. Tha e a' seinn ann an Còisir Sgìre a' Bhac.




#Article 590: Inbhir Theòrsa (107 words)


An dàrna baile aig Gallaibh, tha Inbhir Theòrsa air oirthir a tuath na h-Alba beagan mhìltean an iar air Taigh Iain Ghròt. 'S e am baile nas tuaithe a tha ann air tìr-mòr na h-Alba, 20 mìle bho Inbhir Ùige, am baile nas fhaisge. Chìthear Arcaibh bhon bhaile. Tha Abhainn Theòrsa a' sruthadh tron bhaile agus gheibhear
mòran bhradain ann.

Bha am baile na phort cudromach bho linn nan Lochlannach chun an 19mh linn. Tha pàirt den bhaile, eadar Davidson‘s Lane is Shore Street agus eadar Duncan Street is an abhainn na raoin-ghlèidhteachais.

Chaidh am Mòd Nàiseanta a chumail ann an Inbhir Theòrsa anns a’ bhliadhna 2010. 




#Article 591: Wittenberg (477 words)


Is e baile beag Gearmailteach a tha ann an Lutherstadt Wittenberg. Tha e na laighe ann an earra-dheas Sagsainn-Anhalt ri taobh na h-aibhne Elbe. Tha mu 46.000 daoine a' fuireach an seo . Tha an dàrna phàirt den Oilthigh Halle-Wittenberg an-seo cuideachd.

Tha Wittenberg cliùiteach o chionn’s gur e seo an t-àite far an do thòisich an t-Ath-Leasachadh. Tha Eaglais a' Bhaile, Eaglais a’ Chaisteal, taigh Màrtainn Lùtair agus taigh Mhelanchthon ann, a tha air an dìon mar dualchas na cruinne leis an UNESCO ( Stadtkirche Wittenberg sa Ghearmailtis) a thogail ann an 1187. Thogadh an t-àite, far a bheil an altair, ann an 1280, agus eadar 1412 agus 1439 chaidh na stìopallan agus an corp-eaglais mòr a thogail, mar a tha iad rim faicinn an-diugh. Eadar 1522 agus 1811 chuireadh togalachan eile ri taobh na h-eaglaise. Ann an 1928 agus 1980-1983 chaidh nuadhachadh na h-eaglaise.

Bha Màrtainn Lùtair a’ toirt na searmonan aige seachad ann an Eaglais a’ Bhaile Wittenberg. An seo bha an aifreann ri cluinntinn anns a’ Ghearmailtis airson a chiad turas agus fhuair na luchd-creidheamh Suipeir an Tighearna ann an dà doigh, àran agus fion. Tha dealbh miorbheallach ann a rinn Lucas Cranach as sine: “Suipeir an tighearna“. 

Canar gur e Eaglais a’ Chaisteil Wittenberg  (Schlosskirche Wittenberg sa Ghearmailtis) an t-àite far an do chuir Màrtainn Lùtair na 95 argamaid aige ris an doras ann an 1517.

Ann an 1490 chaidh lùchairt ùr a thogail airson a’ bhaile Wittenberg a dhìon. Ri taobh na lùchairt thogadh eaglais ùr (1496-1506). Bha na luchd-ealainn Albrecht Dürer, Jacopo de'Barbari agus Till Riemenschneider a’ toirt cuideachadh dhaibh. Ach ann an cogadh seachd bliadhnaichean (Seven Year’s War sa Bheurla) chaidh an eaglais a losgadh le teinne (1760). Bha tòrr pìosan ealainn agus fuidheall air chaill, ri measg an doras fiogha. Bha an eaglais sgrioste a-rithist ann na Cogaidhean na Saorsa (1814). Bhon uair sin bha saighdearan a’ fuireach an-seo. Eadar 1883 agus 1892 chaidh ath-nuadhachadh na h-eaglaise anns an stòidhle tùsail. Tha doras à umha ann leis na argamaidean Lùtair ann an Laideann, giobht bhon rìgh Pruiseach Frederick William IV. Am broinn na h-eaglaise tha uaighean Màrtainn Lùtair, Melanchthon agus Frederick III (Frederick the Wise) ann.

Is e taigh Mhelanchthon (Melanchthonhaus 'sa Ghearmailtis) aon de na taighean as brèagha à Linn an Ath-bheòthachaidh anns a’ Ghearmailt. Fhuair Melanchthon e mar gibht bho Frederick III ann an 1536. Bha e a’ fuireach an-seo leis an teaghlach aige. Bha e na àrd-ollamh anns an Oilthigh Wittenberg, ach anns an taigh sgrìobh e co-ionad a’ Chreideamh Pròsdanach.
Anns an dàrna làr chìthear dealbhan tùsail air a’ bhalla, a rinn na h-oileanaich a bha a’ fuireach an-seo. 

Ann an 1810 thòisicheadh taisbeanadh beag mu bheatha Mhelanchthon ann an trì seòmraichean. Bho 1954 is e taigh-tasgaidh a tha ann am Melanchthonhaus. An-diugh tha e dìonta cuideachd mar dualchas na cruinne leis an UNESCO.




#Article 592: Eisleben (190 words)


Is e baile beag Gearmailteach a tha ann an Eisleben. Tha e na laighe ann an iar dheas Sagsainn-Anhalt faisg air na beanntan Harz. Tha 21.000 daoine a' fuireach an seo. Tha Eisleben cliùiteach o chionn Màrtainn Lùtair. Tha na taighean far an do rugadh e agus far an do chaochail e ann fhathast. Tha iad air an dìon mar dualchas na cruinne leis an UNESCO (còmhla ri Lutherstadt Wittenberg). Mar sin is e Lutherstadt Eisleben (Baile-Lùtair Eisleben) an t-ainm oifigeil a tha air Eisleben.

Ann an Lutherstadt Eisleben chìthear an taigh far an do rugadh Màrtainn Lùtair. Tha na seòmraichean fhathast anns an aon dòigh mar a bha iad aig àm Lùtair. Tha an t-sràid agus an gàrradh ceangailte ris an trannsa. B’ e seo an t-àite, far am bitheadh na daoine ag obair. An-diugh tha tòrr dhealbh rim faicinn mu Lùtair, a charaid Melanchthon agus Frederick III. 
Is e taigh-tasgaidh Lùtair a' chiad taigh-tasgaidh anns a' Ghearmailt agus aon de na taighean-tasgaidh as sine air feadh an t-saoghail.

Tha an taigh far an do chaochail Màrtainn Lùtair ann an Eisleben cuideachd. An-diugh tha taisbeanadh ann mu Bhìobaill Lùtair.




#Article 593: Uilleam MacBhatair (215 words)


Bha Uilleam MacBhatair (Baile Mhuilinn Anndra, 1865 - 9 am Màrt 1948) no an t-Ollamh William John Watson M.A. LL.D. na shàr-sgoilear agus a' chiad duine a chuir sgrùdadh ainmean àite Albannach air stèidh acadaimeagach. Bha e na thidsear ann a sgoiltean ann an Glaschu, Inbhir Nis agus Dùn Èideann. B' e an uair sin Cathraiche na Ceiltis aig Oilthigh Dùn Èideann a bh' ann bho 1914 gu 1938. B' e a mhac  Seumas MacGilleMhìcheil MacBhatair a bha an ath Chathraiche na Ceiltis.

Dh'fhoillsich e leabhraichean air rosg, bàrdachd agus ainmean-àite.

B' e Ollamh nan Cànan Ceilteach aig Oilthigh Dhùn Eideann a bh' ann.

Ann an 1915, dh'fhoillsich Watson, le taic An Comunn Gaidhealach, cruinneachadh de dh'earrainean rosg bho Leabhar Abaid Dhéir gu toiseach an fhicheadamh linn.

'S iad na teacsaichean anns an leabhar: 

Cha do chòrd giorrachaidhean anns a' chànain sgrìobhte ri Watson mura robh iad stèidhichte o chionn ùine mhòr:

'Contracted forms of words - the bane of modern written Gaelic - have been freely extended (...) At present there is a tendency to make the written language reproduce all possible contractions of common speech, and the result is unsightly and often obscure. The sound priniciple is to write each word in full, except in the case of recognised contractions of old standing.' 




#Article 594: Calum Iain MacGillEathain (218 words)


Bha Calum Iain MacGillEathain (6 an t-Sultain 1915–17 an Lùnastal 1960) na sgrìobhadair agus neach-cruinneachaidh beul-aithris. B' e bràthair Shomhairle MacGill-Eain cuideachd. 

Rugadh is thogadh Calum Iain ann an Òsgaig, Eilean Ratharsair. Chaidh e gu bun-sgoil Ratharsair is gu Àrd-sgoil Phort Rìgh. Rinn e ceum ann an Ceiltis aig Oilthigh Dhùn Èideann. Às dèidh ceum le urram fhaighinn, bha e na oileanach ann an Èirinn, ann am Baile Àtha Cliath aig Coláiste Ollscoile. 

An toiseach, bha e ag obair mar neach-cruinneachaidh beul-aithris ann an Èirinn. Aig an àm seo, dh'iompaich e gu chreideamh Caitligeach. Rinn e obair-clàrachaidh mhòr ann an Alba cuideachd, ann an Ratharsair, Loch Abar, Barraigh, Uibhist a Deas is ann an iomadh àite eile. Ann 1951, thòisich MacGillEathain ag obair mar neach-cruinneachaidh airson Sgoil Eòlais na h-Alba. Eadar 1951 is 1952, chosg MacGillEathain faisg air bliadhna aig Oilthigh Uppsala anns an t-Suain far an d' fhuair e trèanadh a thaobh catalogan, tasglannan is teòiridh na beul-aithris.  O 1956, bha e a' fuiling le aillse. Nuair a chaochail e ann an 1960, chaidh a thìodhlacadh ann an Hàlainn, Uibhist a Deas.

Às dèidh a bhàis, sgrìobh Somhairle MacGill-Eain '':

Tha an saoghal fhathast àlainn.
ged nach eil thu ann.
Is labhair an Uibhist a’ Ghàidhlig
ged tha thusa an Cnoc Hàllainn
is do bheul gun chainnt.




#Article 595: George Orwell (104 words)


'S e sgrìobhadair a bha ann an George Orwell (Motihari, 25 an t-Ògmhios 1903–Lunnainn, 21 am Faoilleach 1950), fìor ainm Eric Arthur Blair.

Bha e na sgoilear aig Eton is chaidh e sa' Phoileas Ìmpireil na h-Innseachan ann am Burma. Thill e do Shasainn ann an 1927 is dh'obair e ann am Paris.
Shabaid e ann an Cogadh Sìobhalta na Spàinne air taobh na Poblachd.
Eadar 1941 is 1943 dh'obair e airson a' BhBC is a' sgrìobhadh propaganda.
Sgrìobh e pàirt de Nineteen Eighty-four ann an Diùra an dèidh do dh' Eileen, a bhean, a chaochladh.
Chaochail e leis a' chaitheimh ann an 1950.




#Article 596: Nicolaus Copernicus (460 words)


B’ e Nicolaus Copernicus (Gearmailtis: Nikolaus Korpernikus, Pòlais Mikołaj Kopernik) a’ chiad reul-eòlaiche anns an Roinn Eòrpa a sgrìobh teòiric phuncail mu An Crios-grèine agus riochdaire dioplòmasach. Dh’fhoillsich e an leabhar:
De revolutionibus orbium coelestium (A thaobh Cuairtean nan Cruinne Speurach). Canar gun do thòisich reul-eòlas ann an nòs ùr air sgàth an leabhair sin.

Rugadh Nicolaus Copernicus air 19mh Gearran, 1473 ann an Toruń, Rìoghachd na Pòlainn (1385 - 1569) anns an t-seann dùthaich, A’ Phruis. Eadar 1491 is 1494 bha e a' dol gu Oilthigh Jagiellonian ann an Kraków. An uair sin chaidh e don Eadailt. An toiseach bha e ann an Oilthigh Bhologna, far an do dh’ionnsaich e lagh agus reul-eòlas. An dèidh sin, chaidh e gu Oilthigh Phadua ann am Padova, far an do dh’ ionnsaich e a bhith na dhotair. 
Chuir e an cuid as motha den bheatha aige seachad ann an Frombork/Ermland ri taobh a' Mhuir Baltach. Bha e ag obair mar fhear-lagha, dotair, luchd-obrach clèireil, riaghladair, neach-chomhairle agus neach-rèite.

Anns an 16mh linn bha am mòr-shluagh agus an Eaglais Caitligeach den bheachd gun robh an Saoghal ann am meadhan fànais (Siostam cruinn-meadhanach). Ach bho àm gu àm nochdadh beachdan eile: Is dòcha gur e A' Ghrian a th' aig cridhe fànais (siostam grian-mheadhanach). 
Mar sin dheth, cha robh na beachd-smaointean aig Copernicus cho ùr sin. Bha reuladairean a’ sgrìobhadh mu dheidhinn bho chionn linntean: 

Chuala Copernicus mun t-siostam Greugach nuair a bha e anns an Eadailt. Rinn e rannsachadh airson faighinn a-mach mu ghluasad nam planaidean.
Mar sin dheth, b’ e Copernicus a' chiad reul-eòlaiche aig an robh siostam matamataigeach gu math mionaideach mu heliocentrism. Thuirt esan gu bheil a’ ghrian anns an aon àite agus gu bheil an Saoghal agus na planaidean eile a’ cuartachadh na grèine. Rinn Kepler obair a bharrachd air an t-siostaim sin. Ach b' e Galileo Galilei am fear a chaidh le teòiric Chopernicus an aghaidh na h-Eaglaise Caitligich (1610 - 1633).

Ann an 1510 sgrìobh Copernicus leabhar beag Commentariolus (Litte Commentary), anns an do thug e seachad na beachdan ùra aige. Thòisich e air sùil gheur a chumail air gluasad nam planaidean airson a dhèanamh cinnteach gun robh an teoiric aige ceart. Bha e ag obair gu math cruaidh fad bliadhnaichean agus chruinnich e na smaointean aige ri chèile ann an leabhar De revolutionibus orbium coelestium (A thaobh Cuairtean nan Cruinne Speurach). Ach bha Copernicus ro dhiùid an leabhar aige fhoillseachadh. 
Ann an 1539 thachair e ri Georg Joachim Rheticus, (sgoilear Mhelanchthon agus ollamh matamataig à Wittenberg). Chunnaic Rheticus dè cho math 's a bha an leabhar agus thug sin misneachd do Chopernicus. Mu dheireadh thall, dh'aontaich Copernicus an leabhar a chlò-bhualadh. Bha e deiseil dìreach mus do chaochail e air 24mh Cèitean, 1543 ann an Frombork.




#Article 597: Oilthigh Bhologna (104 words)


Oilthigh Bhologna

	

Tha an t-Oilthigh Bhologna anns a’ bhaile Bologna ann an taobh Tuath na h-Eadailt. Chaidh a stèidheachadh ann an 1088 agus bha e ag obair bhon àm ud gun stad. Is e oilthigh Bhologna am fear as aosmhòr air feadh an t-Saoghal a tha a’ toirt ceum do na h-oileanaich. Tha e cliùiteach airson eòlas-lagha.
Tha pàirtean den oilthigh ann an Imola, Ravenna, Forlì, Cesena, Rimini agus anns an Ameireaga-a-Deas cuideachd, ann am Buenos Aires.
An diugh tha barrachd air 100.000 oileanaich ag ionnsachadh an seo.

Àrd-ollaimh ainmeil a bha anns an Oilthigh Bhologna:

Oileanaich ainmeil anns an Oilthigh Bhologna

Oilthighean Aosmhòr




#Article 598: Oilthigh Obar Dheathain (128 words)


'S e fear de na h-oilthighean ann an Obar Dheathain, Alba a th' ann an Oilthigh Obar Dheathain. 

Chaidh a' chiad oilthigh ann an Obar Dheathain a stèidheachadh ann an 1495 leis an easbaig William Elphinstone is Hector Boece na chiad cheannard.
An toiseach b' e St. Mary College (Colaiste Naomh Màiri) an t-ainm a bha air, ach an uair sin dh'atharraich e gu King's College (Colaiste an Rìgh). Ann an 1593 chuir George Keith, (còigeamh Iarla Marischal) an dàrna cholaiste air bhonn, Marischal College (Colaiste Mharischal). Chaidh iad ri chèile mar aon oilthigh ann an 1858 leis an Achd nan Oilthighean (Alba). Tha sin a' dèanamh gur e Oilthigh Obar Dheathain an treas oilthigh as sine ann an Alba. Tha leabharlann cliùiteach ann le mu 1,000,000 leabhraichean.




#Article 599: Oilthigh Halle-Wittenberg (243 words)


Is e oilthigh aosmhor Gearmailteach a tha ann an Oilthigh Mhàrtainn Lùtair Halle-Wittenberg (Martin-Luther-Universität Halle-Wittenberg sa’ Ghearmailtis, Martin-Luther-University of Halle-Wittenberg sa’ Bheurla). Tha e na laighe ann an Wittenberg agus ann an Halle (Saale) ann an Sagsainn-Anhalt anns a' Ghearmailt. B’ àbhaist a bhith dà oilthigh ann a chaidh an cuir ri chèile ann an 1817.

'S e am pàirt den Oilthigh Wittenberg ris an canar “Leucorea” am fear as sine. Chaidh a stèidheachadh ann an 1502 le cuideachadh bho rìgh Frederic III. Bha e ceangailte ris a’ mhanachainn Augustineum. Thòisich iad air eòlas-lagha, eòlas-diadhachd agus eòlas-leighis a theagasg. Bho 1508 bha Màrtainn Lùtair ag obair an seo. Bha Philipp Melanchthon na àrd-ollamh airson cànan Greugais. Anns an 16mh linn bha an t-Oilthigh Wittenberg cliùiteach airson rannsachaidh chreideimh.

Ach nuair a ràinig Napoleon Sagsainn ann an 1813, dhùin e an t-oilthigh. An uair sin dh’ imrich Oilthigh Wittenberg gu Halle.

Ach bha Oilthigh Halle an-seo mar thà, fear a chaidh a stèidheachadh ann an 1694. Ann an 1817 chaidh an dà oilthigh a chuir ri chèile mar Vereinigte Friedrichs-Universität Halle-Wittenberg. Is e sin as adhbhar gu bheil dà dealbh aig an oilthigh. Dh’atharraich an t-ainm a-rithist gu Martin-Luther-Universität Halle-Wittenberg ann an 1933.

An-diugh tha ionad airson eachdraidh an Ath-leasachaidh ann, ionad airson Cànan agus Dualchas na Gearmailt, agus ionad airson rannsachadh mu na Stàitean Aonaichte.

Daoine cudromach ann an Oilthigh Wittenberg:

Àrd-ollaimh cudromach ann an Oilthigh Halle-Wittenberg:

Oileanaich cudromach ann an Oilthigh Halle-Wittenberg:




#Article 600: Dlighe Ohm (135 words)


Dlighe dhealain, steidhichte anns a chiad dol a-mach le Georg Simon Ohm (1787-1854) ollamh de feallsanachd-nàdurra aig Munchen.

Tha Dlighe Ohm ag aithris: Ann an cuairt-dhealain, nuair a bhitheas bruthachd-dhealain (Bholtachd)ag iomain sruth-dhealain tro bacadair, bithidh an sruth-dhealain a reir am bruthachd-dhealain roinnte le luach a’ bhacadair.

Riochdar seo leis a’ cho-ionnanachd

V/B = I

Far a bheil:

V a’ comharraich  bruthachd-dhealain [ Aonad  = Bholta (V)]

I a’ comharraich Sruth-Dhealain iomainichte [Aonad = Ampere(A)]

B a’ comharraich Bacadh-dhealain [ Aonad = Ohm ( ) ].

Mar is tric sgriobhar an co-ionnachd anns an cruth

Bholtachd = Sruth x Bacadh

V = I × B

Tha an cruth so feumail ri lorg am Bholtachd a tha dith a dh’iomain sruth-dhealain sonraichte tro bacadair de luach ro-steidhichte.

Tha Dlighe Ohm bunaiteach ri sgoil-dhealain agus ri innleadaireachd-dhealanachd




#Article 601: Moldàibhia (103 words)


 
Is e dùthaich anns an Roinn-Eòrpa an ear a tha ann am Moldàibhia neo a' Mholdobha neo Moldòbha. Tha Romàinia san iar na dùthcha, agus an Ucràin timcheall air an dàrna leth.

Tha Chişinău na prìomh-bhaile.

Cheannsaich Süleyman I an sgìre airson Impireachd nan Otomanach.
Chaidh am Poblachd Fhèin-riaghlaidh na Moldobha (MASSR) a stèidhicheadh ann an 1924 mar phàirt dhen Ucràin. Chuir an t-Aonadh Sovietach grèim air pàirt de Romàinia, Besserabia, ann an 1940 is dh'aontaich e Besserabia agus am MASSR. Chaidh i neo-eisimeileach an dèidh do dhèireadh an Aonaidh Shovietaich.
Chaidh a' chiad cheann-suidhe boireann, Maia Sandu, a thaghadh ann an 2020.




#Article 602: Åland (122 words)


 
Is e ceàrn fèin-riaghladh de Suòmaidh anns an Roinn-Eòrpa a tha ann an Åland ('oːland anns an Suainis neo Ahvenanmaa(n maakunta) anns an Fhionnais). Tha e na laighe anns a' Mhuir Baltach, eadar Muir Åland agus Muir na h-Innis-Mhara. 'S e buidhean de eileanan a th' ann. Tha eilean mòr ann ris an canar Fasta Åland. Tha an dàrna leth de na daoine a’ fuireach an-seo. Agus tha nas motha na 6,500 eileanan beaga ann. Tha iad mu 25 cilemeatair air falbh bhon t-Suain. Is e Suainis an cànan oifigeil aca, ged a tha Åland a’ buntainn don Suòmaidh. Tha Mariehamn na prìomh-bhaile. Fhuair Åland a chuid fhèin-riaghlaidh tro rèiteachadh Lìog nan Nàisean agus Hjalmar Branting, prìomhair na Suaine aig an àm.




#Article 603: An t-Sèirb (121 words)


 
Is e dùthaich anns an earra-dheas na h-Eòrpa a tha anns an t-Sèirb  neo Seirbia, neo Serbia  (ainm oifigeil: Republika Srbija). Tha crìochan aice ‘sa tuath leis an Ungair, san ear le Romàinia agus Bulgàiria, ‘sa deas le Albàinia agus Cosobho agus san iar leis a' Mhonadh Neagrach, Croàisia agus Bosna agus Hearsagobhana. An dèidh an Darna Cogadh bha an t-Sèirb na pàirt Iùgoslaibhia. Anns na 1990an bhris Yugoslavia às a chèile. An toiseach bha Aonadh ann eadar an t-Sèirb agus am Monadh Neagrach. Ach anns an 2006 chaidh an t-Sèirb a stèidheachadh mar stàit leatha fhèin. Tha Belgrade na phrìomh-baile. Tha am Fàsach Deliblatska Peščara suidhichte anns an sgìre Vojvodina.

Bha An t-Sèirb na phàirt Impireachd nan Otomanach ro 1878.




#Article 604: A' Phortagail (143 words)


 
'S e dùthaich ann an iar-dheas na Roinn-Eòrpa a tha anns a' Phortagail neo Portagail (Portagailis: República Portuguesa, IPA: ʁɛ'publikɐ puɾtu'gezɐ).
Tha crìochan aice gu tuath 's gun ear leis an Spàinn. Tha an Cuan Siar an iar agus deas air a' Phortagail.
Tha Azores agus Madeira, eileanan anns a’ Chuan Siar, nam pàirt den Phortagail cuideachd. 'S e Lisbon am prìomh bhaile. Tha Sgioba nàiseanta rugbaidh aig a' Phortagail.

Seo lista na bailtean as motha anns a’ Phortagail:

Ann an 15mh agus 17mh linn, bha ìmpireachd mhòr aig a' Phortagail. Fhuair Portagail ranntairean mòra ann an Ameireaga a Deas, Afraga, Àisia agus ann an Roinn a' Chuain Sèimh. 

Ann an 1581, thòisich aonadh nan crùn eadar a' Phortagail agus An Spàinnt.  

Bha an dùthaich gu mòr an sàs gnothach Tràilleachd thar a' Chuain Shiar eadar an 16mh Linn agus an 19mh Linn.




#Article 605: Oilthigh Chologne (161 words)


Is e an t-oilthigh as motha anns a' Ghearmailt a tha ann an Oilthigh Chologne (Universität zu Köln ‘sa  Ghearmailtis, University of Cologne ‘sa Bheurla). Tha e suidhichte ann an Köln ann an Nordrhein-Westfalen ann an taobh an Iar na Gearmailt.

Chaidh  an t-oilthigh a stèidheachadh ann an  1388 anns an Iompaireachd Naoimh nan Ròmanach, anns an dùthaich ris an canar  a’ Ghearmailt an-diugh. Mar a b’ àbhaist aig an àm seo bha iad a’ teagasg eòlas-lagha, eòlas-leighis, eòlas-diadhachd agus feallsanachd. Ach chaidh a dhùnadh ann an 1798, nuair a ràinig Napoleon a’ Ghearmailt.

Airson bliadhnaichean bha muinntir Köln ag iarradh an oilthigh air ais.  Mu dheireadh thall dh’fhosgail an Oilthigh a-rithist ann an 1919  le cuideachadh bho Konrad Adenauer.
An-diugh tha Oilthigh Chologne ball den Deutsche Forschungsgemeinschaft, comann den oilthighean Gearmailteach a tha a’ dèanamh rannsachadh.  Tha nas motha na 200 cuspairean eadar-dhealaichte ann airson nan oileanach. Tha an t-oilthigh ceangailte cuideachd le 16 oilthighean eile air feadh an t-saoghail.




#Article 606: Sloibhìnia (132 words)


 
Is e dùthaich ann an deas na Roinn-Eòrpa a tha ann an Sloibhìnia neo An t-Slòbhain neo Slobhinia (ainm oifigeil: Poblachd Sloibhìnia ). Tha crìochan aice  ‘sa tuath leis  an Ostair, san ear leis an Ungair, san iar leis  an Eadailt, agus ‘sa deas le Croàisia. Tron eachdraidh bha Sloibhìnia pàirt den Ìompaireachd Ròmanach, pàirt den Rìoghachd Ostair-Ungaire agus na pàirt Iùgoslaibhia. Anns na 1990s bhris an Iùgoslabh às a chèile agus ann an 1991 chaidh Sloibhìnia a stèidheachadh.  Ann an 2009 ghabh an dùthaich ri NATO. Bho 2004  tha i na ball anns an Aonadh Eòrpach agus bhon 2007 tha iad a’ cleachdadh an Euro. Tha Ljubljana na prìomh-bhaile. 

'S e bàrd Romansach Sloibhiniach a tha ann an France Prešeren. Is ann iomraiteach a tha e mar bhàrd nàiseanta na Sloibhinia.




#Article 607: Bosna agus Hearsagobhana (121 words)


Is e dùthaich ann an earra-dheas na h-Eòrpa a tha ann am Bosna agus Hearsagobhana, Bosnia-Herzegovina, neo Bosnia agus Herzegovina, (ainm goirid: BiH/БиХ). Tha crìochan aice san ear-thuath le Croàisia, san ear leis an t-Sèirb agus leis a' Mhonadh Neagrach ‘sa deas. Eadar 1918 is 1992 bha Bosna agus Hearsagobhana pàirt na Poblachd Shòisealach Iùgoslaibhia. An dèidh 1992 dh’fhàg iad Iùgoslaibhia, ach an toiseach bha cogadh ann eadar 1992 is 1995 anns an dùthaich fhèin. An-diugh tha trì sgìrean ann: Sgìre Brčko, Federation Bosna agus Hearsagobhana agus Poblachd Srpska. Tha muinntir na dùthcha a’ buntainn do trì buidheann le dualchas eadar-dhealaichte: Bosnaich, Sèirbich agus Cròthaisich. Is e sin as adhbhar gu bheil triùir ceann-suidhe anns a’ phàrlamaid. Tha Sarajevo na phrìomh-bhaile.




#Article 608: Cur-ris (493 words)


Tha an t-obrachadh air a sgrìobhadh leis a’ chomharra “+” eadar an dà àireimh a thathar a’ cur-ris, mar eisimpleir:

Faodar seo a leughadh an iomadh dòigh: “cuir-ris trì agus ceithir” no “trì, cuir-ris ceithir” no “cuir ceithir ri trì”. Mar cho-aontar, faodar a leughadh cuideachd gu bheil “a trì ’s a cheithir a’ dèanamh a seachd”:

Le bhith a’ dol air ais: 

Agus nan cuirte 4 an àite “1 + 1 + 1 + 1” sa cho-aontar os cionn, bheireadh seo dhuinn:

Tha e a’ leantainn seo gun cuirear dà àireimh nàdarra ri chèile mar seo,

chionns gum bi àireamh nàdarra ann, can c, a tha b a bharrachd air a (.i. a tha b uiread de h-aon a bharrachd air a). Canaidh sinn cur-ris ris an obrachadh a chuireas dà àireimh ri chèile san dòigh seo.

Agus san choitcheannas, ma tha a agus b nan àireamhan nàdarra, gu bheil: 

 

Ach ma thathar a’ cur-ris sreath àireamhan, chan eil e gu diofar ciamar a thathar gan toirt còmhla nam paidhrichean. Seo feart co-thiomsach chur-ris. Sa riochd as sìmplidh:

   
Mar eisimpleir, ( 3 + 8 ) + 2 = 11 + 2 = 13 = 3 + 10 = 3 + ( 8 + 2 ). 
Uaireannan thathar ag ràdh Lagh Co-thiomsach Chur-ris no Lagh nan Ceanglaichean Chur-ris ri seo ach, mar a tha an “lagh” co-iomlaideach os cionn, ’s e feart cur-ris a th’ ann.

Tha e soilleir gu bheil:

Nise, chionns gu bheil:

...tha e soilleir gu bheil neoni na àireamh air beulaibh na h-aon anns an òrdugh àireamh – ’s e a h-aon a tha “aon a bharrachd” air neoni. Tha àireamhan eile ann a tha ro neoni anns an òrdugh seo. Is iadsan na h-àireamhan àicheil – na h-àireamhan nas lugha na neoni – agus ’s urrainnear an cur-ris anns an aon dòigh:

Mar eisimpleir, ’s e a h-aon a tha ceithir a bharrachd air -3.

Chionns gu bheil cur-ris co-iomlaideach, gabhar a sgrìobhadh cuideachd:

...ach dè tha sin a’ ciallachadh? Gus a h-aon ruigsinn bho cheithir, feumar trì ceuman air ais a ghabhail.

Chan urrainnear dà rud a chur-ris ma tha iad eadar-dhealaichte. Nan cuireadh ceithir ùbhlan agus dà orainsear ri trì ùbhlan agus orainsear, bhiodh seachd ùbhlan agus trì orainsearan ann. ’S urrainnear na h-ùbhlan agus na h-orainsearan a chur-ris fa leth ach chan urrainnear an cur-ris mar-aon. Ach ’s urrainnear mur eil sin a’ cunntadh ùbhlan is orainsearan ach pìosan measa. ’S ann mar seo cuideachd le bloighean:

Gus còigeamhan agus seachdamhan a chur-ris feumar an iomlaid gu bhith nam bloighean den aon sheòrsa. Chionns gu bheil:

Bheir an aon bhun-bheachd comas dhuinn bheactaran a chur-ris. Tha cùrsa agus meud aig bheactar, agus ’s docha nach eil e soilleir ciamar a chuireas dà dhiubh ri chèile ma tha cùrsa eadar-dhealaichte aca. Ach ma tha na bheactaran air an cur an cèill a-rèir nan aon bhonn-bheactaran, ’s urrainnear codaichean de bheactaran an cois nam bonn-bheactaran a chur-ris. 




#Article 609: Poblachd na Cròthaise (143 words)


 
Is e dùthaich ann an ear-dheas na h-Eòrpa a tha ann am Poblachd na Cròthaise. Nochd e cuideachd fo na h-ainmean a' Chròthais, Croàisia neo Croatia.
Tha crìochan aice san tuath leis an Ungair agus le Sloibhìnia, san ear le Seirbia,
san deas le Bosna agus Heartsagobhana agus leis a' Mhonadh Neagrach. Eadar 1918 is 1992 bha Cròthaise pàirt na Iùgoslaibhia. Anns na 1990an, bhris Iùgoslaibh às a chèile agus ann an 1991 chaidh Croàisia a stèidheachadh. Ann an 2009 ghabh an dùthaich ri NATO. Tha Zagreb na phrìomh-bhaile. Tha faisg air millean duine a’ fuireach an seo.

Chaidh Zoran Milanović, on Phàrtaidh Sòisealta Deamocratach (Socijaldemokratska partija Hrvatske na SDP), a thaghadh mar cheann-suidhe air 6 Faoilleach 2020. 'S i a' chiad bhoireannach a thaghadh mar cheann-suidhe ann an Croàisia is lean i Kolinda Grabar-Kitarović a bha na cheann-suidhe bho 2015 gu 2020.




#Article 610: Masadoinia (128 words)


 
Is e dùthaich anns an earra-dheas na Roinn-Eòrpa a tha ann am Masadoinia a Tuath, Macadòinia a Tuath neo Masadonia a Tuath (ainm oifigeil: Poblachd na Masadoinia a Tuath). Ach tha deasbad ann fhathast mun ainm ceart, gu ruige seo tha na Dùthchannan Aonaichte a’ cleachdadh Seann-Phoblachd Iùgoslabhach na Masadoinia mar ainm oifigeil. Tha crìochan aice sa tuath leis an t-Sèirb agus Cosobho, san ear le Albàinia, agus sa deas leis a' Ghrèig, agus san iar le Bulgàiria. B’ e Masadoinia am pàirt as deasaiche a bha ann an Iùgoslaibhia. Nuair a bhris Iùgoslaibhia às a chèile, chaidh Masadoinia a stèidheachadh ann an 1991. Gu fortanach rinn iad sin gun chogadh, mar an do thachair e gu math tric anns na stàitean eile à Iùgoslaibhia. Tha Skopje na phrìomh-bhaile. 




#Article 611: Guernsey (106 words)


 
Is e eisimeileachd a' Chrùin  aig an Rìoghachd Aonaichte anns an Roinn-Eòrpa a tha ann am Bàillidhneachd Gheàrnsaidh (Beurla: Bailiwick of Guernsey, Fraingis: Bailliage de Guernesey).
Is e eilean a tha ann an Geàrnsaidh agus tha e na laighe mu 48 cilemeatair air falbh bhon Fhraing neo 121 cilemeatair bho Weymouth / Sasainn. Tha St Peter Port na prìomh-bhaile. Tha Geàrnsaidh cliùiteach airson seòrsa bhò sònraichte ris an canar Guernsey Cattle.

Is e  Geàrnsaidh an t-ainm air an eilean as motha. Ach tha eileanan beaga eile ann, feadhainn far a bheil daoine a’ fuireach cuideachd: 

Eileanan gun daoine:

Còmhla ri Deàrsaidh canar Eileanan a' Chaolais riutha.




#Article 612: Jersey (109 words)


 
Is e eisimeileachd a' Chrùin anns an Rìoghachd Aonaichte anns an Roinn-Eòrpa a tha ann am Bàillidhneachd Dheàrsaidh (Beurla: Bailiwick of Jersey, Deàrsaidhis: Jèrri, Laideann: Insula Caesarea). Is e eilean a tha ann an Deàrsaidh agus tha e na laighe mu 20 cilemeatair air falbh bhon Fhraing anns an iar thuath.
Is e Deàrsaidh an t-ainm air an eilean as motha, tha an cuid as motha den muinntir an àite a’ fuireach an seo. Tha eileanan eile ann: 

Tha Deàrsaidh cliùiteach airson nan tràighean fada, brèagha. Canar gu bheil an t-sìde uabhasach grianach air an eilean.

Còmhla ri Geàrnsaidh canar Eileanan a' Chaolais riutha.

Tha Saint Helier na prìomh-bhaile.




#Article 613: Oilthigh Heidelberg (170 words)


Is e an t-oilthigh as sine anns a' Ghearmailt a tha ann an Oilthigh Ruprecht Karl Heidelberg (Ruprecht-Karls-Universität Heidelberg ‘sa Ghearmailtis, Ruprecht Karl University of Heidelberg sa Bheurla). Tha e ann an Heidelberg ann am Baden-Württemberg anns an Iar dheas na Gearmailt. 

Chaidh a stèidheachadh le cead bho Pàpa Urban VI ann an 1386 anns an Ìmpireachd Naomh na Ròimhe agus bha e ag obair bhon uair sin gun stad. Airson mòran linntean bha iad a’ teagasg eòlas-lagha, eòlas-leighis, eòlas-diadhachd agus feallsanachd.

Tha leabharlann ainmeil ann cuideachd. Ann an 1388 thoisich a’ chiad cheannard an oilthigh air leabhraichean a chruinneachadh ann am bocsa. Ach anns an 16mh linn bha leabharlann mòr an ris an canar Bibliotheca Palatina le tòrr leabharaichean aosmhòr às na Meadhan-Aoisean. Ach chaill an t-oilthigh an cuid as motha de na leabhraichean anns an “Cogadh airson 30 bliadhna” don àrd-eaglais na Ròimhe. An dèidh Congress of Vienna ann an 1816 fhuair iad na leabhraichean Gearmailteach air ais.

An diugh tha nas motha na 3 millean leabhraichean ann.




#Article 614: Oilthigh Rostock (231 words)


Is e Oilthigh Rostock (Universität Rostock 'sa Ghearmailtis, University of Rostock 'sa Bheurla) an t-oilthigh as sine ann an taobh tuath na Roinn-Eòrpa an dèidh Oilthigh Chill Rìmhinn. Tha e na laighe anns a’ bhaile Rostock ann am Mecklenburg-Vorpommern anns an Ear-thuath na Gearmailt. Tha Rostock ri taobh a’ Mhuir Bhaltach.

Chaidh a stèidheachadh ann an 1419 le cead  bho Pàpa Màrtainn V. Mar a b’ àbhaist aig an àm seo bha iad a’ teagasg eòlas-lagha, eòlas-leighis agus feallsanachd, ach an toiseach cha robh eòlas-diadhachd ann. 
Anns an 15mh linn bha an t-Oilthigh Rostock ri measg na h-oilthighean mòra anns a’ Ghearmailt. Thàinig na h-oileanaich às an Òlaind, à  Lochlainn, às a' Phòlainn, às an Ruis agus à Stàitean eile timcheall air a’ Mhuir Bhaltach.

Ann an 1542 thionndaidh an t-oilthigh gu creideamh Pròsdanach agus beachdan an Ath-Leasachaidh. An dèidh Cogadh airson 30 bliadhna (1618-1648) chaidh an inbheachd sìos, gus mu dheireadh thall cha robh dad air fhàgail ach sgoil airson muinntir na dùthcha.
Anns an 19mh linn chaidh mòran togalaichean ùra a thogail  agus dh'fhàs an t-Oilthigh Rostock ainmeil a-rithist. 

An diugh tha naoi ceud-fàthan ann far am bi nas motha na 50 cuspair eadar-dhealaichte air a theagasg. Tha an t-oilthigh ceangailte ri 18 fheadainn eile anns an Roinn-Eòrpa agus air feadh an t-Saoghail.
Tha leabharlann ann a chaidh a stèidheachadh ann an 1569 le tòrr na 2.2 millean leabhar.




#Article 615: Am Monadh Neagrach (114 words)


 
Is e dùthaich ann an ear-dheas na h-Eòrpa a tha ann Am Monadh Neagrach neo Montenegro (Sèirbis: Crna Gora, IPA: /'t͡sr̩na: 'ɡɔra). Tha crìochan aige san iar-thuath le Bosna agus Hearsagobhana, san iar le Croàisia, sa deas le Albàinia, san ear le cosobho  agus san ear-dheas leis An t-Sèirb. Tha am Monadh Neagrach suidhichte aig a' Mhuir Mheadhanach. Bha am Monadh Neagrach neo-eisimeileach gu 1918. An dèidh sin bha i na pàirt Iùgoslaibhia. Nuair a bhris an Iùgoslabh às a chèile anns na 1990an, bha aonadh ann eadar an t-Sèirb agus am Monadh Neagrach. Ach ann an 2006 chaidh am Monadh Neagrach a stèidheachadh mar stàit leatha fhèin. Tha Podgorica na phrìomh-bhaile na Poblachd.




#Article 616: Asarbaideàn (111 words)


 
Is e dùthaich eadar an Roinn-Eòrpa an Ear agus Àisia an Iar a tha ann an Asarbaideàn  neo Asarbajan, (Azərbaycan, IPA: ɑ:zɚbai'ʤɑ:n). Tha crìochan aice leis an Ruis anns an tuath, leis an Tuirc san iar, leis a' Chairtbheil san iar-thuath, le Airmeinia san iar agus le Ioràn sa deas. Tha am Muir Caspach san ear dhith. Tha Asarbaideàn gu math beartach, o chionn 's gu bheil ola aice. Tha Baku na prìomh-bhaile.

Chaidh an dùthaich air fad a cheannsachadh le Impireachd nan Otomanach fo Mhurad IV, eadar 1623 agus 1639. Nuair a thuit An t-Aonadh Sobhiatach às a chèile thoisich cogadh eadar Airmeinia agus Asarbaideàn agus chailleadh an roinn Nagorno-Karabakh.




#Article 617: A' Chairtbheil (153 words)


 

Is e dùthaich anns an Roinn-Eòrpa an Ear neo ann an Àisia an Iar a tha sa Chairtbheil neo Seòirsia  neo Grusia  neo Georgia. Tha an Ruis ann an taobh tuath, Asarbaidean san iar agus ann an taobh a deas tha an Tuirc agus Airmeinia. Mar sin tha a' Chairtbheil eadar na Roinn-Eòrpa agus Àisia.

Tha eachdraidh na dùthcha inntinneach, a chionn ’s gun robh daoine a’ fuireach anns an àite seo gun stad bho 2000 ro Chrìosda. Aig an àm sin bha rìoghachd Colchis agus Iberia ann, a bha a’ leantainn do rìoghachd a' Chairtbheil anns na Meadhan-Aoisean.
An dèidh 1922 bha iad pàirt den Aonadh Sobhiat. Ann an 1991 nuair a bhris an Aonach Sobhiat às a chèile, stèidhich a' Chairtbheil an dùthaich aca fhèin a-rithist mar stàit neo-eisimeileach.

Tha Tbilisi na prìomh-bhaile.

Tha An Abchas agus Osàidea a Deas a 'tagradh neo-eisimeileachd bho a' Chairtbheil.

Rugadh Iosif Stalin sa Chairtbheil.




#Article 618: Mosgo (104 words)


'S e Mosgo neo Moscobha am prìomh-bhaile agus am baile as motha anns an Ruis. Tha e suidhichte air bruaich na h-aibhne Moskva anns an roinn Eòrpach dhen Ruis. 'S e Mosgo am baile as motha anns an Roinn-Eòrpa cuideachd. Tha am baile cliùiteach airson nan eaglaisean brèagha, m.e.; Cathair-eaglais Naoimh Bhasil agus Cathair-eaglais Ìosa Chrìost an slànaigheir. Tha prìomh-athair Mhoscobha, a tha na cheannard Eaglais Ortadogsach na Ruise aig an aon àm, a' fuireach anns a' Manachainn Dhanilov. Tha an Kremlin an seo, far a bheil ceann-suidhe na Ruis a' fuireach. 

Bha prìomh-oifisean a' Cho-aonta Warszawa suidhichte an seo eadar 1955 agus 1991.




#Article 619: C.B. Dùn Dèagh Aonaichte (2478 words)


'S e club ball-coise proifeiseanta Albannach a th' ann an Club Ball-coise Dùn Dèagh Aonaichte. Bhathas a' toirt am far-ainm The Terrors air a' chlub bho shean agus Na h-Arabaich air an luchd-leantainn, ach san latha a tha ann, bidh na meadhanan uaireannan a' ceangal am briathar mu dheireadh sin ris a' chlub cuideachd. 'S e The Tangerines briathar eile a chanas gu tric ris a' chlub.

Tha Aonaichte an-dràsta a' cluich ann am Prìomh Lìog na h-Alba, fo stiùir Peter Houston. 'S e Stephen MacThòmais, mac Eddie MacThòmais, aig a bheil a' chuid as motha de chòirichean a' chlub. Tha an dàrna roinn as motha aig luchd-leantainn a' chlub fo chùram ArabTRUST. Bha Tanachais a' tàladh frithealadh cuibheasach de 8,187 ann an 2005-06; an siathamh cuibheas as motha am Prìomh Lìog na h-Alba. 

Tha Aonaichte air 104 bàirean a chluich (còig a bharrachd air Obar Dheathain)

thairis air 22 ràithean ann am farpaisean Eòrpach. Tha sin a' ciallachadh gur iad an treasamh club Albannach as eòlaich air a bhith a' cluich annta. Nuair a bhiodh an club gu tric a' leantainn orra tro fharpaisean Eòrpach, bhiodh na meadhanan cèin a' cantail Dùn Dèagh riutha ann am mearachd – ainm club còmhstritheach na cathrach aca. Bidh seo fhathast a' tachairt air uairibh an-diugh.

Bheireadh na meadhanan Albannaich An “New Firm” orra fhèin agus air Obar Dheathain, nuair a bha iad aig àirde an soirbheachas anns na h-ochdadan. Bidh iad a' cantainn sin riutha fhathast an-diugh, ged 's e far-ainm car plaosganach on nach eil an dà chlub air dùbhlan math a thoirt dhan “Old Firm” bho chionn iomadh bliadhna.

Tha e na annas do mheud na cathrach, Dùn Dèagh, gu bheil e a' giùlan dà àrd-sgioba ball-coise proifeiseanta, CB Dùn Dèagh agus Dùn Dèagh Aonaichte. Tha an dà sgioba nan còmhstritheach làidir ris a chèile agus tha na lannan-cluiche aca mar uidhe corra cheud slat eadar a chèile.

Stèidhicheadh Dùn Dèagh Aonaichte fon ainm Dundee Hibernian ann an 1909. Ghabh iad seilbh air Pàirc Chlepington, an dachaigh a bh'aig Dundee Wanderers; agus thug iad ainm ùr air: Pàirc Thanachais (Tannadice Park).
	
Bha a' chiad gheama a bh' aca riamh neo-fharpaiseach nuair a chluich iad ri Hibernian Dhùn Èideann air 18mh Lùnastal, 1909. Bha an dà sgioba co-ionann aig an deireadh, 1-1. 

A' chiad gheama farpaiseach a bh'aca ge-tà, b' ann ri Dundee Wanderers a bha e; bhuannaich na Wanderers an geama 2-1. An uairsin, ghlèidh iad an Cupa Charrie ionadal ri Farfair 1-0 air 23mh An Giblean, 1910. 

An dèidh aon iomairt a-mhàin ann an Lìog a Tuath, chaidh a ghabhadh ann an Lìog na h-Alba air 7mh Ògmhios, 1910. Bha iad a' lìonadh beàrn a bh' air fosgladh nuair a cho-aonaich Ayr agus Ayr Parkhouse gus Ayr United a chruthachadh.

B'e Pàirc Thanachais làrach a' chiad gheama riamh a bh'aig Hibs Dhùn Dèagh ann an Lìog na h-Alba; Lìte Athletic an sgioba nan aghaidh. Ghlèidh Lìte 3-2 ach bha Hibs Dhùn Dèagh a' sìor chosnadh cliù dhaibh fhèin ann am farpaisean cupa. Bhuannaich iad cupa ionadail eile, an Cupa Siorrachd Fharfair, air a' chiad fheuchainn air 25 Màirt, 1911.

Thòisich Hibs Dhùn Dèagh air cluich ann an Cupa na h-Alba air 8mh Gearran, 1913. Bha a' chiad gheama aca aig Pàirc Hampden far an do chaill iad 4-2 ri Queen's Park. Nochd iad an uairsin airson a' chiad uair riamh ann an cuairt deireannach cupa nàiseanta anns an Dùbhlachd 1914. B' e sin an Scottish Qualifying Cup. Chaill iad ri Albion Rovers an dèidh dà gheama co-ionann.

Bhuail An Cogadh Mòr ge-tà air ball-coise na h-Alba gu lèir, agus chan eil rian nach tugadh an ùpraid sin buaidh air Hibs Dhùn Dèagh cuideachd. Thugadh thairis Roinn a Dhà anns an robh Hibs an sàs, agus chaidh lìogan sgìreil a chur na h-àite. Bha Hibs Dhùn Dèagh a' sàs ann an Lìog an Ear rè àm a' chogaidh air fad. 

Thachair gu robh a' chiad gheama derby riamh ann an 1915 cuideachd ri Dùn Dèagh FC. 'S e geama càirdeil a bh'ann aig Pàirc Dens fo chomhair 4,000 luchd-amhairc. Ghlèidh Dùn Deàgh FC an geama 4-0. 

Mar a bha cùisean a' tighinn air ais chun na h-àbhaist an dèidh a' chogaidh, lean Lìog na h-Alba orra Roinn a h-Aon a leudachadh. Cha deach Roinn a Dhà a stèidheachadh as ùr a-rithist ge-tà. Dh'fhàg Hibs Dhùn Dèagh an Lìog gus cur an aghaidh an co-dhùnaidh sin; b'iadsan an aon chlub a rinn a leithid. Thill iad gu Lìog an Ear agus ghlèidh iad ann an 1919/1920 e.

Thill Hibs Dhùn Dèagh gu Lìog na h-Alba san Ògmhios, 1920 ach b' e saoghal gearr a bh' aca ann a-rithist oir, cha mhòr nach do leig iad dhiubh an Lìog làrach nam bonn air sàilleabh diùltadh clubaichean Roinn a h-Aon Roinn a Dhà a chur air bhonn a-rithist. An turas seo ge-tà, cha b'e Hibs Dhùn Dèagh a-mhàin, ach 16 clubaichean uile gu lèir, a rinn an co-dhùnadh an Lìog fhàgail às beul a chèile. Mar sin dheth, b' fheudar do Hibs Dhùn Dèagh an cùl a chur ri Lìog na h-Alba airson an dàrna turas am broinn na bliadhna. 

An lorg a' gnothaich seo, chaidh Hibs Dhùn Dèagh a-steach dhan Mheadhan Lìog, a bha neo-eisimileach. Bha an Lìog sin a' soirbheachadh an uibhir 's gun deach a ghabhail air ais sa mhionaid fo sgèith Lìog na h-Alba mar Roinn a Dhà 's promotion agus relegation an cois. Thill ball-coise an lìog gu Tanachais, air an dòigh seo, san Lùnastal, 1921, an dèidh tuiteam seachd bliadhna.

Cha do dh'èirich gu math do Hibs Dhun Dèagh ge-tà anns an lìog air an do rinn iad uiread a dh'iomairt, agus bha iad air fògradh, a-mach às aon uair eile. Bha Hibs Dhun Dèagh ann an cunnart dol fodha a-nis, ach chuir Celtic tairgse an làthair iad gan ainmeachadh gus àite an sgioba glèidhte aca a ghabhail ann an Lìog Caidreachas na h-Alba. Ghabh Hibs Dhun Dèagh ris an tairgse seo gu togarrach.

An dèidh an ràith ball-coise 1922/23, ghabh co-bhanntachd fir-ghnothaich ionadail stiùir a' chlub agus air dhaibh iomairt a dhèanamh, chaidh a ath-thaghadh gu Roinn a Dhà aig Coinneamh Bhliadhnail an Lìog anns a' Chèitean 1923.

Chuir an club rompa cuideachd ann an 1923 an t-ainm aca atharrachadh. Leig iad às “Hibernian” agus thog iad ainm ùr, Dùn Dèagh Aonaichte. Chaidh an t-ainm ùr a ghabhail ri cumhachdan an Lìog air 26mh Dàmhair, 1923. 

Ghlèidh Dùn Dèagh Aonaichte Roinn a Dhà fo stiùir Jimmy Brownlie, a bha na chluicheadair/mhanaidsear ann an 1924/25. B' e seo a' chiad uair riamh a fhuair an club a-steach gu Roinn a h-Aon. 

Air dhaibh dol sìos gu Roinn a Dhà an dèidh dà ràith ann an Roinn a h-Aon, choisinn an club gaisgeachd Roinn a Dhà a-rithist ann an 1928/29. 

Gidheadh, thill iad dhan roinn foidhe aig deireadh an ath-ràithe. Dh'fhàg Jimmy Brownlie an club an dèidh dha Roinn a Dhà a bhuannachadh ann an 1930/31.

Bha Dùn Dèagh Aonaichte fo sgàil air feadh nam bliadhnaichean a lean gus an do chuir iad Jerry MacGilleChiar ann an dreuchd manaidsear a' chlub as t-samhradh 1959. Ged a chrìochnaich iad aig 35 às na 37 sgiobannan uile gu lèir ann an 1958/59, ghabh cùisean car sònraichte math dhaibh bhon uairsin.

Bha DAFC air ais ann an Roinn a h-Aon an ceann bliadhna agus dhìrich iad dhan àite a b' àirde a bh' aca riamh, gu naoidheamh àite san lìog. Bhon uair sin, cha do chaill iad an àite anns a' phrìomh lìog ach a-mhàin anns an ràith 1995/96, agus 's iad a-nis aon de na clubaichean as soirbheachail a th' ann.

Thàinig grunn mhath de chluicheadairean à Lochlann dhan chlub anns na 60an: Orjan Persson, Finn Seemann, Lennart Wing, Finn Dossing agus Mogens Berg. Bha iadsan an sàs gu mòr anns a' chiad iomairt Eòrpach aig a' chlub nuair a rinn iad a' ghnothach air treun-sgioba Bharcelona. Bha Barcelona air an Cupa Fairs a ghlèidheadh a' bhliadhna roimhe. Chaidh a chur a-mach san ath-chuairt le Juventus ach b' e cuimhne euchd mòr a dh'fhàg Dùn Dèagh Aonaichte a dh'aindeoin sin.

Ghabh Jim MacGilleEathain thairis gnothaichean an sgioba anns an Dùbhlachd, 1971 agus thòisich an linn a b' shoirbheachaile ann an eachdraidh a' chlub.

Chuir e poileasaidh òigridh co-eagraichte air bhonn bhon toiseach. B'e seo aon cheum a bha na bhunait deatamach do shoirbheachas a' chlub tron fhichead bliadhna as a dhèidh. 

Bhuannaich Dùn Dèagh Aonaichte Cupa Lìog na h-Alba ann an 1979/1980, an dèidh seachdad bliadhna lom gun duais sam bith. Ghlèidh iad an aon fharpais a-rithist an ath-bhliadhna cuideachd agus ruig iad cuairt deireannach Cupa na h-Alba air an aon ràith. Chaill iad ri Rangers san ath-chluich. 

B'e an ràith a b'fheàrr a bh'aca riamh, 1982/1983. Ghabh Dùn Dèagh Aonaichte buaidh air tiotal a' Phrìomh Roinn, agus chruinnich iad àireamh gun samhladh (aig an àm) de phuingean agus thadhail. 

Ruig Dùn Dèagh Aonaichte iar-chuairt deireannach Cuach na h-Eòrpa air a' chiad fheuchainn. Chaidh a chur a-mach às mu dheireadh thall le A.S. Roma, ged a bu chaol an call (2-3 thairis air an dà gheama). 

B'e Dùn Dèagh Aonaichte a' chiad chlub Albannach riamh a bha air cuairt dheireannach Cupa UEFA a ruigsinn. Fhuair IFK Gothenburg làmh an uachdair orra air a' cheann thall, a' buannachadh 2-1 thairis air dà gheama, ach choisinn luchd-leantainn a' chlub Duais Cluiche Cothromach (Fair Play Award) air sgàth an giùlan modhail, fialaidh san dàrna gheama aig Pàirc Thanachais.

Leig Jim MacGilleEathain dheth a dhreuchd san Ògmhios 1993, a' fuireach aig a' chlub mar chathraiche. Dh'fhastaich an club Ivan Golac mar mhanaidsear ùr; b'esan a' chiad neach à tìr-mòr na h-Eòrpa a ghabh stiùir club ball-coise Albannach. Bha an tàlant òg a b'fheàrr ann an Alba aig Dùn Dèagh Aonaichte aig an àm sin. B'e a' chiad rud a rinn e, Donnchadh Fearghasdan a reic gu Rangers airson ₤3.75 millean – am prìs a bu mhotha a bh'ann riamh eadar dà chlub Breatannach. Rinn sin gun deach aig Aonaichte air an lann-cluiche aca a leasachadh leis an airgead a fhuair iad bhon reic.

Ghabh an sgioba seilbh air Cupa na h-Alba ge-tà anns a' chiad ràith aige mar mhanaidsear a' chlub. Rinn iad an gnothach air Rangers 1-0 aig Pàirc Hampden anns a' Chèitean, 1994. B'e seo a' chiad uair riamh a bhuannaich Dùn Dèagh Aonaichte Cupa na h-Alba, ged a bha iad air an cuairt dheireannach a ruigsinn sia tursan anns na fichead bliadhna roimhe. B’ e Craig Brewster a chuir an aon tadhal sa bhàire seo an dèidh do Dhàibhidh Mac a’ Phearsain agus Ally Maxwell bùrach a dhèanamh air suidheachadh dìon sìmplidh. Mar sin dheth, bha Dùn Dèagh Aonaichte air a h-uile duais nàiseanta ball-coise a bhuannachadh a-nis.

Cha do dh'èirich cùisean cho math dhan chlub anns na beagan bliadhnaichean an dèidh Cupa na h-Alba a bhuannachadh ge-tà. Dh'fhairtlich air Golac seasmhachd àite Aonaichte a chumail anns a' Phrìomh Roinn, seach mar a b’ àbhaist do Jim MacGilleEathain a bhith a' dèanamh. Ged a ghlèidh e Cupa na h-Alba anns a chiad ràith aig stiùir a' chlub, chrìochnaich Aonaichte ann an 6mh àite sa Phrìomh Roinn ann an 1993-1994; an t-àite a b’ ìsle aig an robh iad bho chionn 19 bliadhna.

Bha Dùn Dèagh Aonaichte aig bonn an roinn anns an ath-ràith agus ceithir bàire air fhàgail ri chluich. Dh'fhàg Ivan Golac Tanachais, 's iad ann an cruaidh-chàs, agus chaidh Billy Kirkwood a chur na àite. A dh'aindeoin sin, chaidh Aonaichte sìos gu Roinn a h-Aon ann an 1994/95 airson a' chiad uair riamh nan eachdraidh, 's mar sin dheth b'e prìomh dhleastanas am manaidsear ùr an club a thoirt air ais gu Prìomh Roinn na h-Alba air a' chiad fheuchainn. Fhuair an sgioba às gu math caol, nuair a ghabh Dùn Dèagh Aonaichte a' bhuaidh air Partaig Thistle thairis air dà gheama play-off ann an 1995/96.

Bha Aonaichte air ais ann am Prìomh Roinn na h-Alba, ach an dèidh 6 bàirean truagh san ath-ràith, bha Kirkwood air a chur a-mach às a dhreuchd, agus Tommy MacGilleEathain, bràthair Jim, air a chur na àite. 

Ghabh cùisean car math bhon uairsin, agus chaidh Aonaichte suas an roinn, nan deann, a' crìochnachadh san 3mh àite ann an 1996-1997. Chaidh iad a-steach dhan fharpais UEFA a-rithist.

Cha b’ e seo ach adhartas meallta a bh’ ann oir, eadar 1997/98 agus 2006/2007, tha Dùn Dèagh Aonaichte air ochdnar manaidsear a chur às an dreuchd: Tommy MacGilleEathain, Paul Sturrock, Alex Mac a' Ghobhainn, Paul Hegarty, Ian MacColla, Gordon Siosalach, Billy Dodds agus Craig Brewster. 

Bhon a leig Jim MacGilleEathain dheth a dhreuchd mar mhanaidsear, tha na manaidsearan ùra uile ud air an lèireadh le truimead dìleab nam bliadhnaichean glòrmhor roimhe. Chan e Dùn Dèagh Aonaichte a-mhàin a tha a’ fulaing, ach am pàirt eile dhen New Firm, Obar Dheathain cuideachd. 

Leig Jim MacGilleEathain dheth a dhreuchd mar chathraiche a’ chlub ann an 2000 an dèidh dha purradh a thoirt do neach-aithisg, a bha a' cur ceistean sgrùdach air, nach bu mhath leis.

Ghabh Eddie MacThòmais, fear-gnothaich agus neach-leantainn mòr a’ chlub bho chionn iomadh bliadhna, thairis air mar chathraiche agus sealbhadair ann an 2000. Bhon latha sin, bha Alex Mac a’ Ghobhainn, Paul Hegarty, Ian MacColla, Gordon Siosalach, Billy Dodds agus Craig Brewster uile air an cur às an dreuchd, 's e a' feuchainn ri soirbheachas a thoirt air ais a Thanachais a-rithist. Dh'fhastaich e Craig Levein anns an Dàmhair 2006, agus ruig iad cuairt dheireannach Cupa an Lìg ann an 2007/08 mus do chaill iad gu caol ri Rangers air breaban peanais. 

Chaochail Eddie MacThòmais le aillse a' chaolain air 15 Dàmhair 2008 agus ghabh a mhac, Stephen MacThòmais os làimh dreuchd cathraiche a' chlub air 14 Samhain, 2008.

Tha Dùn Dèagh Aonaichte air 4 bhàir fharpaiseach a chluich ri Barcelona gu ruige seo. Rinn iad an gnothach orra gach turas; ann an 1966-67 ann an Cupa Fairs, agus ann an 1986-87 ann an Cupa UEFA. Chluich iad riutha cuideachd ann am bàir chàirdeil aig Pàirc Thanachais ro thoiseach ràith 2007-2008, ach an turas seo, b' e Barcelona a thug a-mach a' bhuaidh 1-0 le tadhal às breab pheanais bho Thierry Henry.

Buadhaiche Prìomh Roinn na h-Alba 1982-1983

Roinn a Dhà (Seann)

Buadhaiche 1924-1925, 1928-1929
Dàrna àite 1930-1931, 1959-1960

Roinn a h-Aon (ùr)
Dàrna àite 1995-1996

Cupa na h-Alba

Buadhaiche 1994 CBDA 1 Rangers 0
Buadhaiche 2010 CBDA 3 Siorrachd Rois 0

Nochdadh sa chuairt deireannach gun bhuaidh

Cupa Lìog na h-Alba

DACB 3 Obar Dheathain 0 (ath-chluiche)

Sa chuairt-deireannach gun bhuaidh

Cupa UEFA

Sa chuairt-deireannach gun bhuaidh 1986-1987
Gothenburg 1 CBDA 0
CBDA 1 Gothenburg 1 (1-2)

Cupa na h-Eòrpa

Nochdadh san iar-chuairt deireannach 1983-1984

CBDA 2 A.S. Roma 0
A.S Roma 3 CBDA 0 (3-2 do A.S Roma)

Cupa an t-Samhraidh 

Sa chuairt-deireannach gun bhuaidh 1964-1965

Cupa Am-Cogaidh na h-Alba 

Sa chuairt deireannach gun bhuaidh 1939-1940
CBDA 0 Rangers 1 




#Article 620: Édith Piaf (669 words)


B' e aon de na seinneadairean as ainmeile san Fhraing a bh' ann an Édith Piaf (IPA: edit pjaf, Fìor ainm: Édith Giovanna Gassion, Paris, 19 an Dùbhlachd 1915–Plascassier, 11 an Dàmhair 1963) agus dh'fhàs i ìomhaigh dhùthchail. Nochd a seinn a beatha dhochannach, bhrònach, le a neart a bhith òrain-ghaoil thiamhaidh air seinn ann am guth caointeach. Tha La vie en rose (1946), Hymne à l'amour (1949), Milord (1959), agus Non, je ne regrette rien (1960) am-measg a h-òrain ainmeile.

A dh'aindeoin na mòran eachdraidhean-beatha uimpe, tha mòran na beatha Édith falaichte le rùn, a' gabhail a-steach a breith. Rugadh i Édith Giovanna Gassion ann an Belleville, Paris, an ceàrn an imreachais àird air thoirt iomradh air nas fhadalaiche le Daniel Pennac. Thuirteadh sgeulachd shean gun rugadh i air a' chabhsair na Rue de Belleville 72, ach thuirt a teisteanas-breith oifigeil gun rugadh i aig an Hôpital Tenon, an taigh-leighis airson an ceàrn na Belleville. Thugadh an t-ainm Édith dhi airson an banaltram Breatannach A' Chogaidh Mhòir, Edith Cavell, a bha air chur ri bàs air a' chuideachadh saighdearan Frangach a theicheadh bhon bhraighdeanas na Gearmailte. Thòisich piaf— mith-chainnteachas a' Pharas airson gealbhonn—cho leas-ainm gum fuair i 20 bliadhnaichean na b' fhadalaiche.

'S e ban-dùthchasach leth-Eadailteach de Livorno a bh' ann a màthair, Annetta Giovanna Maillard (1895–1945). Bha i aig obair cho seinneadair nan taigh-seinnse fodhan ainm Line Marsa. 'S e lùth-chleasaiche na t-sràide a bh'ann an athair Édith, Louis-Alphonse Gassion (1881–1944) le eòlas an taighe-chluiche. Bha gu luath Édith trèigte le a màthair agus bha a h-athair sa' Chogadh, 's mar sin dh'fhuirich i fad ùine ghoirid leis a' mhàthair a màthar, Emma (Aïcha) Saïd ben Mohammed (1876–1930), a bha 'na Ban-Cabileach. Gu goirid an dèidh sin, ghabh an t-athair Édith a nighean a dh'fhuireach le a mhàthair, a bha 'na bhana-mhaighstir taigh-strìopachas ann an Normandie, agus an uair sin thill e dhan dh'armailt Fhraingich ann an 1916. Chuidich na strìopaichean a dh'àrach Édith.

As na h-aoisean trì ri seachd, bha air aithris Édith dall, a' fulang bho cor na t-sùla, 's dòcha at-còirne; agus as na h-aoisean ochd ri ceithir deug, bha i air aithris bodhar. A-rèir ri aon a h-eachdraidhean-beatha, fhuair i a lèirsinn air ais nuair ann an mar a tha iomradh air thoirt air cho mìorbhail, an dèidh chruinnich na strìopaichean a seanmhair airgead ga cur air taisdeal a thoirt urram ri Thérèse de Lisieux. Ann an 1929, aig an aois 14, cheangail i le a h-athair 'na ghnìomhan na t-sràide air feadh na Frainge, far an sheinn i gu follaiseach air a' chiad àm. An uair sin ghabh i seòmar aig an Grand Hôtel de Clermont (18 rue Veron, Paris 18ème) agus dhealaich i bhuaithe, a' dol a slighe fhèin cho seinneadair-sràide anns an Pigalle, Ménilmontant, agus na h-iomall-bhailtean na Paris (th' ann iomradh ri seo 'san òran Elle fréquentait la Rue Pigalle (Thadhail I an Sràid Pigalle). Cheangail i le a leth-phiuthar Simone Berteaut (Momone) 'san oidhirp seo, agus dh'fhàs an dithis buan-chàirdean sa' mhiastadh. Bha i mu dheidhinn 16 bliadhna a dh'aois nuair thuit i ann am gaol le gille-fritheil, Louis Dupont. Aig an aois 17 rugadh an aon pàiste aice, caileag ainmichte Marcelle, a bhàsaich aig dà bliadhna a dh'aois à fiabhras eanchainne. Mar a màthair fhèin roimhpe, lorg Édith ag àrach pàiste doirbh fad fhuireach beatha air na sràidean, 's mar sin dh'fhàgtadh i gu tric Marcelle na h-aonar fad a neo-làthaireachd, agus ghabh Dupont an nighean a dh'àrach leis fhèin roimh a' bhàs Mharcelle mìosan na b' fhadalaiche. 'S e drùisear a bh' ann an ath-leannan Édith, Albert, agus ghabh e roinn-pàighidh as an airgead gun d' rinn i le seinn ann an iomlaid ann an iomlaid nach cuirteadh e spàirn oirre a dh'fhàs strìopach; chuir caraid Édith, nighean thlàth ainmichte Nadia, làmh 'na beatha fhèin nuair bha i air chur aghaidh air an smaoin de fàs strìopach agus cha mhòr nach do chuir Albert peilear tro Édith nuair bhris i am càirdeas oir a' bhàis Nadia.




#Article 621: Àireamhan àicheil is neo-àicheil (268 words)


'S e àireamh nas lugha na neoni a th' ann an àireimh àicheil. Tha na h-àireamhan nas mò na neoni dearbh (no dearbhte). Chan eil neoni fhèin dearbh no àicheil. Ma tha àireamh neo-àicheil, 's e àireamh dhearbh no neoni a th' innte. Ma tha i neo-dhearbh, 's e àireamh àicheil no neoni a th' innte.

Ma thathar a' labhairt iomradh air àireamhan co-fhillte, 's e fìor-àireamh a th' ann mar as cumanta ma thathar ag ràdh dearbh rithe.

Faodar a bheachdachadh air na h-àireamhan àicheil mar gum biodh iad a' leigeil a-mach air na h-àireamhan nàdarra gus fuasgladh ciallach a thoirt don cho-aontar x – y = z airson gach luach de x agus y. Agus 's ann a' leigeil a-mach air seo mu seach a tha na h-àlaichean eile de dh' àireamhan agus gach aon dhiubh a' toirt tuilleadh coitcheannais do dh' àireamhan.

Tha àireamhan àicheil feumail airson àireimh a chur ri puingean sgèile a thèid fo neoni, mar eisimpleir sgèile theòthachd, agus airson fiachan nochdadh sa chunntasachd far a bheil iad air an sgrìobhadh le figearan dearga, no le figearan eadar chamagan.

Tha àireamh neo-àicheil ma tha i nas mò na, no co-ionnan ri, neoni (.i. àireamh dhearbh no neoni fhèin). Ri linn seo chan eil ciall air a' bhriathar neo-àicheil am measg àireamhan co-fhillte, ach a bheil iad nam fìor-àireamhan. 

Tha machlag fhìor-àireamhan neo-àicheil ma tha gach eileamaid dhith neo-àicheil. Tha machlag làn-neo-àicheil ma tha detèirmeanant gach fo-mhachlaig ceàrnagaich dhith neo-àicheil cuideachd.

Tha fuincsean ann thar nam fìor-àireamhan ris an canar am fuincsean signum (Laidinn – soidhne), sgn(x), far a bheil:

Mur eil :




#Article 622: Toirt air falbh (261 words)


'S e toirt air falbh an t-obrachadh matamataigeach a bheir àireamh air falbh bho àireimh eile gus an diofar eatarra fhàgail. 'S e fear de na ceithir obrachaidhean bunaiteach àireamhachd a th' innte agus tha i na h-obrachadh mùiteach ri cur-ris.

Ma tha dà àireimh air an cur-ris airson an t-suim aca dhèanamh, dhealaicheadh toirt air falbh àireamh bhon t-suim gus an diofar a dh' fhàgail.

Ma chuirear na h-àireamhan nàdarra air loidhne (loidhne àireamh), 's e ceum gu deas a th' ann an cur-ris agus ceum gu clì a th' ann an toirt air falbh.

Chionn 's gun sìn an loidhne seo gu eicrioch air an làimh dheis, tha e freagarrach do chur-ris àireimh sam bith. Chan eil seo idir fìor do thoirt air falbh ach an sìn an loidhne gu eicrioch air an làimh chlì cuideachd. Airson sin a dhèanamh, tha feum air neoni agus na h-àireamhan àicheil.

'S e loidhne nan slàn-àireamhan a th' anns an loidhne, air a bheil na h-àireamhan nàdarra, neoni agus na h-àireamhan àicheil. 

Mar a th' ann an cur-ris, 's e obrachadh càraideach air na slàn-àireamhan a th' ann an toirt air falbh ach thoir an aire nach eil toirt air falbh co-iomlaideach no co-thiomsach.

'S ann anti-cho-iomlaideach a tha toirt air falbh. 'S e sin ri ràdh nan iomlaideadh na h-àireamhan, bhiodh buil an obrachaidh àicheil:

Chionn 's nach eil toirt air falbh co-iomlaideach no co-thiomsach, tha e cumanta ann am matamataig air toirt air falbh a bheachdachadh mar gum biodh e cur-ris le àireamhan àicheil:

Faic cuideachd: Àireamhan àicheil is neo-àicheil.




#Article 623: Biadh meadhan-latha (247 words)


Thathas a` cantainn biadh meadhan-latha no biadh-nòin ris an tràth-bìdh seo. Tha ainmean mar lòn, loindse, diathad air an cleachdadh cuideachd, a-rèir dè seorsa tràth a thathas a` gabhail. Faodaidh “diathad” a bhith a` ciallachadh “dìnnear” no “biadh an fheasgair”, air a bheil “biadh feasgair” cuideachd. Mar an ceudna, gheibhear “biadh na maidne” no “biadh madainn”.

B`e biadh meadhan-latha an tràth-bìdh a bu mhotha san latha air feadh Alba aig aon àm; agus mar sin dheth, bhathas a` cantainn diathad air ann an cuid a cheàrnaidhean, mar Siorrachd Rois an Iar. Tha biadh meadhan-latha fhathast na thràth-bìdh as motha aig mòran daoine, gu h-àraid daoine aosta, agus teaghlaichean tuathanaich air a' Ghàidhealtachd `s ann an ceàrnaidhean dùthchail eile na h-Alba. 

Anns an latha a tha ann, tha tuilleadh daoine a` gabhail biadh beag aotrom mar cheapairean, no sailead, no ge b`e dè a th`ann; gu h-àraid anns na bailtean mòra far nach eil an t-uabhas tìde aig daoine, teaghlaichean no luchd-obrach, tràth mòr a ghabhail. Chan eil rian nach bi còrr is còrr daoine ann an Alba a` gabhail biadh beag aotrom mar sin, na tha a` gabhail biadh mòr, air sgàth astar luath am beatha làitheil.

Buinidh am facal “lòn” do linn nan Gàidheal bho shean, far nach robh ach aon tràth san latha. Thathas ga cleachdadh uaireannan airson biadh meadhan-latha, mar eisimpleir: air a' chlàr-bìdh ann an taigh-còcaire na colaiste Sabhal Mòr Ostaig san Eilean Sgitheanaich.

Tha am facal “loindse” a` tighinn bhon Bheurla, “lunch”.




#Article 624: C.B. Dhùn Dèagh (188 words)


`S e club ball-coise proifeiseanta suidhichte ann am Baile Dhùn Dèagh, Alba a th’ ann an Club Ball-coise Dùn Dèagh. Tha am far-ainm The Dees air a’ chlub agus tha iad a` cluich san lann-cluich Pàirc Dens. `S e dubh-ghorm an dath a th`air an lèine-dhachaigh aca.

Tha Dùn Dèagh an-dràsta a’ cluich ann an Ciad Roinn na h-Alba, air dhaibh tuiteam à Prìomh Lìog na h-Alba ann an 2005. Tha iad fo stiùir Alex Rae, a tha cuideachd na chluicheadair anns an sgioba. Chaidh Rae a chur anns an dreuchd air 24 Cèitean, 2006 nuair a bha Alan Kernaghan air a chur a-mach às. Dh`fhairtlich orra an dà bhliadhna gus an àm seo fhaighinn air ais anns a` phrìomh lìog, bhon a chrìochnaich iad ann an 7mh àite an 2005-2006 agus 3mh àite an 2006-2007. 

Tha e na annas do mheud na cathrach, Dùn Dèagh, gu bheil e an comas dha dà àrd-sgioba ball-coise proifeiseanta a ghiùlan: CB Dùn Dèagh agus Dùn Dèagh Aonaichte. Tha an dà sgioba nan còmhstritheach làidir ris a chèile agus tha na lannan-cluiche aca mar uidhe corra cheud slat eadar a chèile.




#Article 625: Obrachadh càraideach (925 words)


'S ann ri àlaichean agus na h-obrachaidhean air eileamaidean dheth a tha ailseabra a' dèiligeadh. Tha i a' rannsachadh nam feartan coitcheann a thèid an tarraing bho na h-obrachaidhean seo gun sùil a thoirt air nàdar mionaideach an àlaich no nan obrachaidhean fhèin. Am measg nan obrachaidhean seo, tha obrachaidhean càraideach air leth cudromach.

'S e obrachadh eadar paidhir (no càraid) eileamaidean den àlach a mhapas ri eileamaid den aon àlach a th’ ann an obrachadh càraideach, ach feumaidh seo a bhith fìor do gach eileamaid den àlach. Ann an comharran matamataig, tha an t-obrachadh * càraideach air an àlach A, ma tha:

Mar eisimpleir, 's e obrachadh càraideach a th’ ann an cur-ris air àlach nan àireamhan nàdarra N, oir 's e àireamh nàdarra a th' ann an suim dà àireimh nàdarra, ge b' e air bith na h-àireamhan a th' air an roghnachadh. Ach chan e obrachadh càraideach a th' ann an toirt air falbh, oir tha e furasta gu leòr paidhir àireamhan a roghnachadh nach map ri àireimh nàdarra fon obrachadh.

Mur eil buil an obrachaidh na ball den aon àlach, canaidh sinn gu bheil an t-obrachadh fosgailte. Ma tha a' bhuil na ball den àlach, 's e obrachadh dùinte a th' ann. 'S ann dùinte a tha obrachadh càraideach. Tha toirt air falbh na h-obrachadh càraideach air àlach Z nan slàn-àireamhan, agus tha cur-ris, toirt air falbh agus iomadachadh nan obrachaidhean càraideach air na fìor-àireamhan R. Chan eil roinneadh na obrachadh càraideach air R oir chan fhaodar a roinn le neoni.

Tha obrachadh càraideach air àlach A na fuincsean a mhapas an toradh Cartesach A × A ri A.

Mar as cumanta, tha comharra àraidh aig obrachadh càraideach (m.e. +, ×, ∩, 7c.) , mar eisimpleir cur-ris nan slàn-àireamhan:

ged tha e nas cumanta an comharra seo a' sgrìobhadh eadar àireamhan na càraide:

No, mas e * an comharra airson obrachaidh choitchinn:

Faodaidh feartan àraidh a bhith aig obrachadh càraideach. 'S ann mar as leanas na feartan as cudromach:

Ma tha an làthair eileamaid c den àlach:

's e eileamaid ionnanachd à clì a th' ann an c. Ma tha:

's e eileamaid ionnanachd à deas a th' ann an d. 'S e eileamaid ionnanachd a th' ann an e ma tha e ionnanachd à clì agus à deas:

Ma tha paidhir eileamaidean ann x agus y far a bheil:

's e paidhir co-iomlaideach a th' ann x agus y. Ma tha eileamaid a ann far a bheil, airson gach eileamaid x den àlach:

's e eileamaid co-iomlaideach a th' ann an a. Ma tha e fìor airson a h-uile paidhir eileamaidean den àlach:

's e obrachadh co-iomlaideach a th' anns an *.

Ma tha e fìor airson a h-uile paidhir eileamaid den àlach:

's e so-roinnte à clì a th’ anns an obrachadh *. Ma tha e fìor airson a h-uile paidhir eileamaid den àlach:

's e so-roinnte à deas a th' anns an obrachadh *. 'S e obrachadh roinnidheach a th' anns an * ma tha e so-roinnte à clì agus à deas.

Ma tha eileamaid ionnanachd e ann, agus:

's e eileamaidean iom-thionndaidh a th' anns an x agus y.

Ma tha a, w, x, y agus z nam buill den àlach, agus ma tha w * x = a agus a * y = z. Faodar a sgrìobhadh:

far a bheil na camagan ( ) a' ciallachadh gum feumar an t-obrachadh a-stigh fhuasgladh ron fhear a-muigh. Nise, ma tha e fìor gu bheil:

's e obrachadh co-thiomsach a th' anns an *.

Ma tha dà obrachadh càraideach ann, ⊙ agus ⊕ can, agus ma tha e fìor gu bheil:

Canaidh sinn gu bheil an t-obrachadh ⊙ sgaoileach air an obrachadh ⊕. 

'S e magma an t-ainm air àlach le obrachadh càraideach an lùib. Tha e cumanta seo a sgrìobhadh (A,*) far a bheil A na àlach agus * na obrachadh càraideach. 'S e an structair as bunaitich ann an ailseabra a th' ann am magma far nach eil riaghailt no feart air a chur às leth an obrachaidh chàraidich aige. Ri linn seo, chan eil mòran ùidh air magma mar thà.

Ma tha obrachadh càraideach a' mhagma co-thiomsach, 's e leth-ghrùpa a th' ann. Mur eil e co-thiomsach ach so-roinnte, 's e cuasai-ghrùpa a th' ann. 

Ma tha eileamaid ionnanachd aig leth-ghrùpa (.i. magma co-thiomsach le eileamaid ionnanachd), canaidh sinn monaid ris; ma tha eileamaid ionnanachd aig cuasai-ghrùpa, canaidh sinn lùb ris.

Far a bheil eileamaid iom-thionndaidh aig gach eileamaid monaid, 's e grùpa a th' ann. Agus 's e grùpa a th' ann cuideachd ma tha lùb co-thiomsach.

Ma tha obrachadh càraideach a' ghrùpa co-iomlaideach, canaidh sinn gur e grùpa aibèalach a th' ann.

'S e fàinne a th' ann an structair le dà obrachadh càraideach: a' chiad fhear na ghrùpa aibèalach 's an dara fear na mhonaid agus e sgaoileach air a' chiad fhear. Thathar a' smaoineachadh air dà obrachadh chàraideach mar gur e cur-ris agus iomadachadh a bhiodh ann. Tha e cumanta cur-ris a ràdh ri obrachadh a' ghrùpa aibèalaich agus iomadachadh ri obrachadh na monaid, ged sa chuis choitchinn nach biodh riaghailtean cur-ris no iomadachaidh nan àireamhan iomchaidh. Mas e fàinne (F, ⊕, ⊙):

Ma tha an t-obrachadh ⊙ co-iomlaideach cuideachd (.i. ∀ (x, y) ∈ F2, x ⊙ y = y ⊙ x), 's e fàinne cho-iomlaideach a chanar rithe.

Mas i fàinne cho-iomlaideach a th’ innte ach 's e grùpa a th' ann an dara obrachadh càraideach cuideachd, 's e raon a th' againn rithe. Mas e raon (R, ⊕, ⊙):




#Article 626: Toradh Cartesach (285 words)


Air ainmeachadh air René Descartes, am matamataigear Frangach, 's e an toradh Cartesach dà àlaich A agus B, an t-àlach C anns am bi a h-uile paidhir òrdaichte nan eileamaidean de A agus B. Tha toradh Cartesach air a sgrìobhadh: C = A × B, agus ma tha A = { a, b } agus B = { 1, 2, 3 }, 's e A × B = { (a, 1), (a, 2), (a, 3), (b, 1), (b, 2), (b, 3) }. Mar as coitchinne, 's e an toradh Cartesach:

Mas ann crìochach an àireamh nan eileamaidean anns an dà àlach (.i. ma tha àireamh chuingealaichte dhiubh), 's urrainnear an toradh Cartesach a' riochdachadh le clàr anns am bi eileamaidean an dara àlaich nan sreathan agus eileamaidean an àlaich eile nan colbhan agus 's e ceallan a' chlàir nam paidhrichean òrdaichte. 

'S e am plèana co-chomharrach an toradh Cartesach R × R, agus 's e R àlach nam fìor-àireamhan. Canaidh sinn co-chomharran Cartesach ri paidhrichean àireamhan (x, y) a riochdaicheas puingean air a’ phlèana, far a bheil:

Tha na feartan a leanas aig an toradh Cartesach, do dh' àlaichean sam bith A, B, C agus D:

far a bheil ∅ a' riochdachadh an àlaich bhàin agus A a' riochdachadh co-phàirt an àlaich A, a thaobh àlach air choreigin na h-uileachd.

'S urrainnear toradh Cartesach a' leudachadh do dh' iomadh àlaich:

Mar eisimpleir, tha an spàs trì-sheallach, le axes fìor-àireamhan x, y agus z, na thoradh Cartesach:

agus (x, y, z) nan co-chomharran Cartesach.

Far a bheil àlach a th' ann an A, faodar an toradh Cartesach A × A a sgrìobhadh A2, A × A × A a sgrìobhadh A3, agus mar sin air adhart.




#Article 627: Pàirc Thanachais (627 words)


Tha Pàirc Thanachais, air a h-iomradh mar Tannadice am bitheantas, na lann-cluiche bhall-coise suidhichte air Sràid Thanachais anns a` chathair albannach Dùn Dèagh. Tha an lann-cluiche na dachaigh do Dhùn Dèagh Aonaichte agus tha comas-lìonaidh 14,223 aice. Tha an lann-cluiche suidhichte mu choinneamh Pàirc Dhens, dachaigh còmh-strìtheach na cathrach, C.B. Dùn Dèagh. `S e suidheachadh àraid a tha seo, an dà àrd-àite ball-coise as fhaisge air a chèile san Rìoghachd Aonaichte.

Tha Tanachais na lann-cluiche le suidheachain air feadh bho 1994. Tha na lannan-amhairc mar a leanas:

Lann-amhairc Jerry MacGillechiar: Chaidh a thogail an toiseach ann an 1962. Tha i a’ ruith bhon letheach-loighne air taobh deas (Sràid Tanachais) na pàirce, a` lùbadh mun chuairt air oisean ear-deas an raon, a` crìochnachadh rud beag a-null loighne-tadhail an ear. Mun deach ath-leasachadh Aithisg Mhic an Tàilleir a choileanadh, b’e seo an aon àite san raon gu lèir far an robh suidheachain ann air fad. B’ e Am Prìomh Lann an t-ainm a bh’ air gu 2003, agus an uairsin thugadh ainm ùr air, gus an urram a chur air am manaidsear aig an robh ceannas fhad `s a bhathas ga togail. Tha leasachadh pàirtean eile na lann-cluiche a` dèanamh gum bi an lann seo, mar is àbhaist, air a glèidheadh do luchd-leantainn clubaichean eile. 

Lann-amhairc Duais an Cluiche Cothromach: Dh’fhosgail an lann-amhairc as ùire san raon-cluiche ann an 1997. Ged a tha ainm eile air, `s e cnag an leasachaidh seo gu robh e a’ leudachadh an seann Phrìomh Lann ach an rachadh taobh deas an raon-cluiche a lìonadh gu lèir. Tha an t-ainm a’ tighinn bho Chuidh an Cluiche Cothromach; barraid bheag chòmhdaichte a bh’ anns an oisean seo de Thanachais agus a fhuair a h-ainm bhon duais a chaidh a thoirt do dh’Aonaichte `s an luchd-leantainn le FIFA, air dhaibh cuairt dheireannach Cupa UEFA 1987 a ruigsinn. Tha an lann seo glèidhte cuideachd do luchd-leantainn chlubaichean eile.

Lann-amhairc an Iar: Thathas a` gabhail air seo fhathast air an t-seann far-ainm “Am Bothan”, bhon a tha i a’ cumail mullach na togalaich a bh’ ann bho thùs, a tha a’ buntainn do 1957. Eadar sin agus 1980, b’ e an aon àite seasamh còmhdaichte aig Tanachais, a dh’ fhàs gu bhith am pàirt a bu mheasail, `s a b’fheàrr a thaobh faireachdainn, anns an raon. Tha suidheachain air na barraidean tùsail bho 1994, cuid mhath dhiubh ri fhaicinn anns na h-oirean. Tha glèidheadairean tiocaidean-ràithe air an gabhail anns na pàirtean ùr-nodha dhen lann-cluiche, mar sin dheth, faodar a thoirt do dh` aon chuid luchd-leantainn an dachaigh no luchd-leantainn th’ air tadhail, a-rèir an fhèill a th’ ann do thiocaidean.

Lann-amhairc Seòras Fox: Air h-ainmeachadh air stiùiriche fad-frithealach, bha an lann-amhairc dà sreathach seo air a togail a-null taobh tuath na pàirce ann an 1991-1992. B’ e a` chiad cheum a bh’ ann gus Tanachais atharrachadh ach an coileanadh i riatanas suidheachain a bhith air feadh an lann-cluiche gu lèir. Tha i air sònrachadh do luchd-leantainn a' chlub a-mhàin.

Lann-amhairc an Ear: Chaidh fhosgladh ann an 1994, ‘s air a dealbhadh coltach ris an tè a tha dlùth rithe, Lann Seòras Fox. Tha dà sreath de shuidheachain aice cuideachd. Tha Lann an Ear a-nis na dachaigh don fheadhainn as àirde `s as dìorrasach às luchd-leantainn a’ chlub, ach tha pàtrain Lann Seòras Fox ainmeil airson a bhith car sàmhach nan dol a-mach. Mar sin, `s e an ceann seo de Thanachais a bhios a’ leantainn air dìleab an t-seann “Bhothain”.

B’e 28,000 an àireamh-frithealaidh a b’ àirde a bh`aig Tanachais airson bàir Chupa Fairs ri C.B. Barcelona air 16 Samhain, 1966. B’e 26,407 an àireamh-frithealaidh a b’ àirde airson bàir dhachaigheil. B’e geama ann an Cupa na h-Alba a bh’ ann air 23 Gearran 1952 ri Obar Dheathain.




#Article 628: Craig Levein (105 words)


Bha Levein na oileanach aig Àrd-sgoil Inbhir Chèitinn, far an robh e anns an sgioba ball-coise còmhla ri cluicheadair eadar-nàiseanta Albannach eile ri teachd, Gordon Durie. Bha e na chluicheadair do Dhalgety Bay, Leven Royals agus Inbhir Chèitinn-fo-aois-16 aig toiseach an cùrsa-obrach bhall-coise aige. Leig e bhuaithe ball-coise bliadhna aig aois 15, ge-tà, a` tilleadh thuige nuair a dh’ iarr a bhràthair air a thighinn gu seiseanan-trèanaidh club-òigridh, Lochore Welfare, far an robh e fhèin. Chuir Levein ainm ri cùmhnant aig Lochore agus an dèidh dha deuchainnean fhaighinn aig diofar àrd-chlubaichean, ghabh e ann an sgioba Cùl Dùn Beithe mu dheireadh thall ann an 1981.




#Article 629: Jim MacGilleEathain (1724 words)


B’ e cluicheadair agus manaidsear ball-coise Albannach a bh’ ann an Seumas Yuill MacGilleEathain, a rugadh 21 an Giblean 1937. Dh’ fhaodadh a ràdh gur esan aon de na manaidsearan Albannaich a b’ fheàrr a bh’ ann riamh, còmhla ri leithid Alex MacFhearghais, Jock Stein, ‘s mar sin air adhart. 
Choisinn e a chliù aig stiùir Dùn Dèagh Aonaichte fad 22 bliadhna. B’ esan am manaidsear a b’ shoirbheachaile ‘s a b’ fhaide a bh’ ann dhaibh riamh; gan toirt gu trì urraman mòra agus gan stèidheachadh mar sgioba làidir ann am farpaisean Eòrpach. Ghabh e na chathraiche anns na h-ochdadan, ‘s e fhathast na mhanaidsear cuideachd, ach leig e dheth a dhreuchd sin ann an 2000. Tha e an-dràsta gun obair làn-tìde, ach a’ sgrìobhadh colbh seachdaineil dhan Daily Record. A dh’aindeoin a bheachdan fhosgarra, ‘s cho iomraiteach ‘s a bha e mar mhanaidsear cruaidh teann, agus mar a chaidh e às rud beag fhad ‘s a bha crìoch a’ tighinn air an t-saoghail-obrach aige,  ‘s esan aon de na fir as measail a th’ ann fhathast ann am ball-coise na h-Alba.

Rugadh MacGilleEathain ann an Taigh na h-Uiseig, Siorrachd Lannraig a Deas ann an 1937, agus chaidh àrach ann am baile beag goirid dha, Ashgill. Chuir e a-steach a thìde na fhoghlamaiche do shaor, a' leantainn air an obair seo pàirt-thìde fhad 's a bha e a' cluich ball-coise san lìog, rud nach robh na annas a-measg cluicheadairean sna 1950an 'sna 1960an. Thòisich e air an cùrsa-obrach ball-coise aige aig Hamalton Acaideamaigeach, 's e na inside-forward. As a dhèidh seo, bha e a' cluich còmhla ri Cluaidh, Dùn Dèagh agus C.B. Cille Mhearnaig, gun a bhith a' ruigsinn an aon ìre de shoirbheachas 's a ruig a bhràthair, Tommy, ach a' nochdadh 474 tursan, 's a' cur 170 tadhalan. Leig e dheth a bhith na chluicheadair ann an 1970, a' tilleadh a Dhùn Dèagh na chòids anns an Iuchair, a' bhliadhna sin fhèin.

Bha Jim MacGilleEathain air 18 mìosan a chur seachad na chòids aig Pàirc Dhens nuair a thug co-strìtheach Dhùn Dèagh Dùn Dèagh Aonaichte tairgse dha dreuchd a' mhanaidsear a ghabhail anns an Dùbhlachd 1971.  B'e sin an àite Jerry MacGillechiar a bha a' leigeil dheth a dhreuchd. Ghabh Jim ris an tairgse agus dh'imrich e a-null an rathaid gus tòiseachadh air obair a' mhanaidsear aig Pàirc Thanachais, aig aois 34.

A-rèir Seòras Fox agus MacGilleEathain fhèin, b' e a' chiad rud a dh' iarr e air bòrd a' chlub uaireadair-stad a cheannach dha, ach an cuireadh e feabhas air fallaineachd nan cluicheadairean.

Stèidhich e poileasaidh òigridh co-eagraichte sa bhad, poileasaidh a chuireadh a-mach mòran cluicheadairean math òg air feadh nam fichead bliadhna a lean. Chleachd e, sa chiad dol a-mach, an t-eòlas a bh' aige air saoghal ball-coise na h-Alba gus cluicheadairean fiosrachail a cheannach, a leigeadh leis an sgioba agus an stoidhle cluich ath-chruthachadh a dh' aon inntinn leis an dòigh còidseadh aige.

Cha b' e ach ìre meadhanach-math a ruig an club an toiseach, a' mairsinn mu mheadhan an lìog fad corra bhliadhna eile. B' e a' chiad tuigse air an soirbheas a bhuinigeadh MacGilleEathain san àm ri teachd, nuair a stiùireadh an club gu a chiad cuairt dheireannach riamh de Chupa na h-Alba ann an 1974. Ged a chaill an club, b' e ceum mòr saidhg-eòlach a bh' ann a thaobh eòlas Mhic'illeathain agus leasachadh a' chlub. Thogadh air piseach siubhal a' Chupa san ath-ràith, a' crìochnachadh san ceathramh àite; b' e sin an crìoch a b' fheàrr a rinn an club a-riamh ann an Ciad Roinn na h-Alba ro ath-dhealbhachadh nan lìogan.  

Bha toradh poileasaidh òigridh Mhic'illeathain ri fhaicinn, agus bha grunn cluicheadairean math òg a' togail an cinn a-nis. Chuir MacGilleEathain roimhe gum bu chòir dhan sgioba aige a bhith a' gabhail os làimh dùbhlan Urram an Lìog ann an 1978-79. Cha b' e seo club a bha riamh comasach air farpais mòr a ghlèidheadh, 's iad fada beò fo sgàil a' chlub co-stritheach aca, seann fhasdaichean Mhic'illeathain, Dùn Dèagh; ach an dèidh crìoch truagh sa chiad ràith den Phrìomh Roinn ùr , thòisich Aonaichte air dearbhadh gur dh'fhaoidte gum biodh e an comas dhaibh urraman na dùthcha a ghlèidheadh.

Stiùir MacGilleEathain an sgioba aige gu buaidh ann an Cupa an Lìog san Dùbhlachd, 1979 's ga ghlèidheadh a-rithist bliadhna as a dhèidh sin. Bha MacGilleEathain a' cosnadh cliù dhan chlub san Roinn-Eòrpa beag air bheag, air dhaibh tighinn gu n-inbhe ann am ball-coise na h-Alba. Rinn iad an gnothach le dèanadas drùidhteach air sgiobannan leithid AS Monaco, Borussia Mönchengladbach, PSV Eindhoven, Anderlecht agus Werder Bremen. Fhreagair an stoidhle bac-ionnsaigh, a bha e fhèin air dhealbhachadh, an ìre sin gu mòr.

Ged a bha MacGilleEathain air an club a thoirt air adhart gu mòr, cha robh mòran am beachd gun tugadh iad buaidh ann an Urram a' Phrìomh Roinn; a thuilleadh air an Old Firm, bha sgioba Alex MacFhearghais, C.B. Obar Dheathain, a' fàs mòr cuideachd.   

Rinn sgioba Mhic'illeathain, a bha gu ìre mhòr ionadail, dìreach sin ge-tà ann an 1983, a' faighinn a' bhuannachd às ruith mhath, fada dhen ràith, a dh' fhàg na clubaichean eile sin air an deireadh, agus a' cluich ball-coise ionnsaigheach mòr-mhùirneach aig an aon àm. Bha MacGilleEathain ag obair na neach-cuideachaidh do Jock Stein mar mhanaidsear na h-Alba aig an àm sin cuideachd.  

Thug Rangers, a bh' air a dhol bho rath sna beagan bliadhnaichean a chaidh roimhe, tairgse dha dreuchd a' mhanaidsear a ghabhail aig Ibrox. 'S ann a ghabh MacGilleEathain an sàs ann an còmhradh leis a' chlub mòr seo à Glaschu, ach 's e na bha a' cur dragh air, am poileasaidh aig Rangers gun Chaitligich fhastadh. Am barail Mhic'illeathain, b' e bacadh gòrach a bh' anns a' phoileasaidh sin do dh' fhastaiche sam bith, 's e fhèin air iomadh Chaitligeach comasach fhastadh do Dhùn Dèagh Aonaichte. Ged a chaidh cathraiche Rangers an ràthan gun cuireadh am poileasaidh seachad nan gabhadh e ris an dreuchd, chuir MacGilleEathain roimhe gun robh e sàsaichte aig Aonaichte, 's an teaglach aige suidhichte sona ann am Bruach Tatha, Dùn Dèagh. Dhiùlt MacGilleEathain tairgse eile à Newcastle United san Òg-mhios, 1984.

An dèidh don sgioba aige an Lìog a bhuannachadh ann an 1983, thug iad an ciad theachd a-mach ann an Cupa na h-Eòrpa. 'S ann a thug rang-eòlas bac-ionnsaigheach Mhic'illeathain, còmhla ri stoidle teannachail a-mach toraidhean math ainmeil ann an iomairt Eòrpach na bliadhna sin. Mhisnich MacGilleEathain an sgioba aige gu iar-chuairt dheireannach farpais na bliadhna sin, 's cha b' e ach breab-pheanais a chuir stad orra àite fhaighinn sa chuairt dheireannach. Thug MacGilleEathain Aonaichte gu cuairt dheireannach Eòrpach mu dheireadh thall trì bliadhna as a dhèidh sin - Cupa UEFA an turas seo. 
Leanadh MacGilleathain air, a' socrachadh inbhe àrd Aonaichte ann am ball-coise na dùthcha, gun a bhith a' crìochnachadh fon cheithir clubaichean a b' àirde ach aon turas a-mhàin. Thug e an sgioba gu còig a bharrachd cuairtean dheireannaich Cupa na h-Alba, ach gu mì-fhortanach, dh' fhairtlich air an sgioba aige a stiùireadh seachad air an ceum mu dheireadh.

Chòmharraich bòrd Dhùn Dèagh Aonaichte mar cho mòr 's a bha iad am fiachaibh Jim MacGilleEathain, le bhith ga dhèanamh na stiùiriche ann an 1984; chaidh e na chathraiche agus na stiùiriche riaghlaidh ceithir bliadhna an dèidh seo. Bha e a' glèidheadh nan co-dhleastanasan sin gus an do dh' fhàg e dreuchd a' mhanaidsear san Iuchair, 1993, as dèidh linn mhòr fhada de 21 bliadhnaichean agus seachd mìosan. Mhair e na chathraiche air feadh nan 1990an.

Bhathas ag ràdh gun robh MacGilleEathain a' gabhail tuilleadh 's a chòir suim ann an gnothaichean an sgioba bhon a leig e dheth dreuchd a' mhanaidsear, agus dh'fhaoidte gum b'e seo na shamhla air cho mòr 's a bha e a' mionnach air làithean an t-soirbheis a thoirt air ais gu club a ghaoil a-rithist. 'S mathaid gur e bacadh a bh' ann an seo do chuid de mhanaidsearan, cuideam a bharrachd orra bho phearsa mhòr seann-sgeulach a' chlub a ghiùlan. Bhathas a' cur iongnadh air daoine nuair a thug MacGilleEathain, 's e na chathraiche, dreuchd a' mhanaidsear do a bhràthair, Tommy ann an 1996, beagan làithean an dèidh dha obair ùr manaidsear Raith Rovers thòiseachadh. Sheas na rinn e ris ge-tà, oir thug Tommy an club bho raon a' relegation dhan 3mh àite, air ais ann an Eòrpa 's gu cuairt dheireannach Cupa an Lìog san ràith a lean. Nuair a leig Tommy dheth a dhreuchd san t-Sultain 1998, bha cuid teagmhach air co-dhiù bha an sreath de dhroch thoraidhean a bh' aige bho chionn ghoirid, na aon-adhbhar dha fhàgail.

Bha cuid de luchd-leantainn Aonaichte ag iomairt gus MacGilleEathain agus co-bhuill a' bhùird a chur à rèim a' chlub aig deireadh na naochadan, le sùil ri ath-bheòthachadh a' chlub. Gidheadh, bha cuid mhath den luchd-leantainn ann a bha daonnan a' cumail dìleas do Mhic'illeathain.

Mhair e na chathraiche gus an deach ìmpis a thoirt air ga leigeil dheth, an dèidh dha seasamh mu choinneimh neach-aithris BBC Alba, John Barnes, beò air an telebhisean. Thug e ionnsaigh air an fhear-aithris air sàilleibh ceistean a bha sgrùdach, leantainneach, ach gun a bhith neo-chothromach. Dh' iarr MacGilleEathain maitheanas air na rinn e. Mhair e na shealbhadair a' chlub dà bhliadhna eile, 's an uairsin reic e a chuid chòirichean ri Eddie MacThòmais.

Ged a dh' fhàg e Tanachais fo sgàil mì-chàilear, 's e an rud as motha a bhios luchd-leantainn a' toirt leotha fhathast, gum b' esan a thug club meadhanach-math gun duais agus gun ach beagan eòlais ann an Eòrpa gu Urram Lìog na h-Alba, 10 cuairtean dheireannaich cupaichean na dùthcha, cuairt dheireannach Cupa UEFA agus gu mòran ràithean a bharrachd de bhall-coise Eòrpach. 

Bhon a leig e dheth a dhreuchd, tha e a' sgrìobhadh colbh buill-choise anns an Daily Record, a' tarraing bhon 50 bliadhnaichean a bh' aige ann am ball-coise na h-Alba gus barail a thoirt air gnothaichean an latha-an-diugh anns a' gheama. Tha e air Jousting with Giants a sgrìobhadh cuideachd còmhla ri Kevin O' Gallchòir (ISBN 1-85158-088-3), leabhar fèin-eachdraidh agus cunntas air an àm a chur e seachad aig Dùn Dèagh Aonaichte.

B'e a' chiad gheama a bh' aige do Dhùn Dèagh, air 11 Sultain, 1965 aig Pàirc Dhens, nuair a dh' fhulaing Dùn Dèagh an call a bu mhotha a-riamh ri an co-strìtheach aca, Dùn Dèagh Aonaichte(5-0).




#Article 630: Otto von Bismarck (403 words)


B’ e neach poileataics agus riochdaire dioplòmasach Gearmailteach a bha ann an Otto Eduard Leopold von Bismarck-Schönhausen anns an 19mh linn. Tha e iomraiteach ann an Aonachadh na Gearmailt (Gearmailtis: Deutsche Reichsgründung). Is e sin gum b' esan a dh' innlich cruthachadh Stàit na Gearmailt mar a tha i an-diugh. Nuair a chaidh ìmpireachd na Gearmailt a stèidheachadh, b' esan a' chiad seansalair.

Rugadh Otto von Bismarck-Schönhausen san 1 an Giblean 1815 ann an Schönhausen, faisg air Stendal, ann an Sagsainn-Anhalt; chaidh àrach ann am Pommern anns A' Phruis. Thug e a-mach ceum ann an eòlas-lagha ann am Berlin. An toiseach, bha e ag obair san Àiteachas air an tuathanas aige ann an Schönhausen, ach chaidh e an sàs ann an saoghal nam poileataics ann an 1848. B' e prìomh-mhinistear na Pruise a bh' ann bho 1862 gu 1890. Chaidh aig Bismarck air na stàitean beaga neo-eisimeilean ann an taobh tuath na Gearmailt a chur ri chèile, a' cruthachadh Co-chaidreamh Gearmailt a Tuath (Gearmailtis: Norddeutscher Bund) agus a' Phruis mar an stàit a bu chudthromaiche. 

Rinn e cumhnantan os ìseal leis na stàitean beaga ann an taobh a deas na Gearmailt cuideachd. Bhuannaich a' Phruis ann an Cogadh na Frainge' s na Pruis (1870 –1871), agus bhris iad cumhachd na Frainge anns an Roinn Eòrpa. An dèidh sin, dh'aonaich Co-chaidreamh Gearmailt a Tuath agus stàitean beaga eile ri chèile gus Impireachd na Gearmailt (1871-1918) (sa Bheurla: German Empire, `sa Ghearmailtis: Deutsches Kaiserreich) a stèidheachadh leis a' Phruis mar phrìomh stàit.
Bha Uilleam I na ceusar agus bha Bismarck na chiad seansalair (1871 - 1890). 

Am broinn Àrd-Rioghachd na Gearmailt chuir e pòsadh catharra, àrachas-slàinte, àrachas-tubaist agus àrachas-peinnsean air bhonn. 
A thaobh poileasaidhean cèin, chùm e na stàitean Eòrpach ann an deagh chothrom poileataigeach Ann an 1847 phòs e Johanna von Puttkamer agus bha dithis mhac aca, Herbert agus Uilleam.

Eadar 1862 agus 1888 bha Bismarck ag obair còmhla ri Uilleam I. Ach, ann an 1888, thàinig an Ceusair Uilleam II gu cumhachd, fear a bha 40 bliadhna na b' òige na Bismarck. Mar bu dual dha, bha beachdan ùra agus dòighean eile aig Uilleam II. Mar sin dheth, chaill Bismarck an dreuchd aige ann an 1890, o chionn ’s gun do dh’iarr e air an ìmpire, Uilleam II, na dleastanasan poileataigeach aige a choileanadh na aonar.
 
Chaochail Bismarck 30 an t-Iuchar 1898 ann an Friedrichsruh faisg air Hamburg. Chaidh tìodhlachadh ann an-sin cuideachd.




#Article 631: Kawagoe (337 words)


Tha Kawagoe (川越市) na cathair suidhichte beagan deas air meadhan Sgìre Saitama, an t-Seapan, san àirde an ear-thuath àrd-thìr Musashino; tha e mu 45 mionaidean air trèan à Shinjuku no à Ikebukuro ann an Tokyo. Tha e 16.27km a leud, agus 13.81km a dh’ fhaid. 

Bhon 1mh Faoilleach, 2006, tha tuairmse àireamh an t-sluaigh aig 332,846 (130,436 teaghlaichean), agus dlùthas àireamh an t-sluaigh aig mu 3,049 daoine gach km² (cileameatair ceàrnagach).'S e 109.16 km² farsaingeachd iomlan a' bhaile.

Stèidhicheadh a’ chathair air 1 Dùbhlachd, 1922. B’ e a’ chiad cathair a bh’ ann san sgìre.

Tha muinntir a’ bhaile a’ toirt an ainm “Koedo” (小江戸), no “Edo Beag” air pàirt dhen t-seann bhaile. ‘S e sin seann ainm a bh’ air Tokyo uaireigin. Tha cuid de sràidean ann an Koedo a’ glèidheadh fhathast seana-bhaile a’ chaisteal (Caisteal Kawagoe a bh’ air a leigeil sna 1870an) bho linn fiùdalach Edo. Tha làraichean cudthromach a’ gabhail a-steach an tùr-cluig Tokinokane (時の金）, mar a chìthear san dealbh air làimh dheis. Tha an tùr-cluig na shamhladh air Koedo agus bidh e a’ seirm trì uairean san latha. Tha làraichean cudthromaich eile ann mar na 500 ìomhaighean Rakan agus Teampall Kitain, far an cruinnich muinntir an àite gus fàilte na Bliadhn’ Ùir a chur air a chèile. Bidh cuid de dhaoine a’ feitheamh trì uairean a thìde ro mheadhan-oidhche, am bitheantas, aig an teampall air 31 Dùbhlachd. 

Tha Kawagoe ainmeil airson na buntàta milis aige; air Sràid Suiteas a’ bhaile, Okashiyayokochou (お菓子屋横丁), gheibhear a leithid annasan mar sliseagan buntàta milis, omhan fuar a’ bhuntàta milis (sweet potato ice cream), cofaidh a’ bhuntàta milis, agus fiù ‘s leann a’ bhuntàta milis, a tha ga thogail aig taigh-grùide Koedo.

'S iomadh fhèill a bhios a' tachairt aig diofar amannan tron bhliadhna ann an Kawago. Ach, tha aon fhèill shònraichte ann, Kawagoe Matsuri, a bhios a' tachairt uair sa bhliadhna, thairis air deireadh-sheachdain san Dàmhair. 'S e seo an fhèill as motha agus bidh na mìltean de dhaoine a' tighinn gus an tachartas a chomharrachadh.




#Article 632: Àrd-thìr (361 words)


'S e ceàrn de thìr àrd a th' ann an àrd-thìr ann an geo-eòlas agus eòlas na cruinne a tha, mar is àbhaist, gu ìre mhòr còmhnard, rèidh, dùthchail. 

'S e ceàrn mhòr de thìr àrd a tha gu ìre mhòr còmhnard a th' ann an àrd-thìr. Tha e sgaraichte bhon talamh mun cuairt air le leòidean casa (mar ann an Tibeat), no ri càrnadh grùid, no ri co-mheasgachadh dhen dà chuid (mar an Altiplano Andean).

Bidh àrd-thìrean gan cruthachadh nuair a bhios tìr còmhnard air a thogail le tectonic-beòthaileachd, agus an uairsin air a chreimeadh leis a' ghaoth no leis an uisge.

Tha àrd-thìrean a' còmhdachadh mu 45 sa cheud de uachdar na cruinne. 

'S e Chang Tang ann an Tibeat,air a bheil mullach an t-saoghail, an t-àrd-thìr as motha agus as àirde sa chruinne agus thathas a' cruthachadh fhathast e, air sgàth mar a bhios na pleataichean tectonaich Innseanach is Eòraisianach an aghaidh a chèile. 

'S e Altiplano Andianach an dàrna fear as motha 's as àirde air an liosta, aig 3600-4000 meatairean a dh' àirde, suidhichte taobh a-staigh na Meadhan-Andianaich agus a' gabhail a-steach Loch Titicaca.

Thathas a' cleachdadh àrd-thìr gus dealbh a thoirt air cruitheachdan geo-eòlasach fon t-sàl. Tha cuid de àrd-thìrean fon t-sàl, leithid an t-àrd-thìr Seychelles, nan spealgan de rùsg mòr-thìreach a tha nan laighe sgaraichte bho mòr-thìrean. Tha iadsan co-fhreagarrach ri sgeilpean mhòr-thìreach; tha cuid eile leithid Àrd-thìr Java Ontong, nan roinnean mhòr theinntidh, air an dèanamh à tuiltean-bhasailt.

'S e àrd-thìr gu mòr air a chreimeadh a th' ann an àrd-thìr geàrrta. Tha na h-àrdachaidhean nas sìne ud air an creimeadh le geòdhachan agus aibhnichean gus faochadh cas car coltach ri beanntan a chruthachadh.
Thathas a' cantainn beanntan ri iomadach ceàrn de Àrd-thìr Allegheny agus Àrd-thìr Cumberland, a tha aig oir an iar Beanntan Appalachianach ann an taobh an ear Aimeireaga a Tuath, ged 's e àrd-thìrean geàrrta a th' annta ann an da-rìreabh. 'S urrainnear a bhith a' seasamh air beinn àrd agus fainear a thoirt gur ann aig an aon àirde 's a tha na mullaichean uile eile; rud a tha a' riochdachadh an còmhnard bho thùs mun deach a thogail.




#Article 633: Na Beanntan Creagach (101 words)


'S e sreath de bheanntan àrda a tha anns na Beanntan Creagach (Rocky Mountains ann am Beurla). Tha iad a' ruith bho thuath gu deas anns a' cheann an iar Ameireagaidh a Tuath. Tha iad a' tòiseachadh ann am fìor cheann a tuath Columbia Bhreatannach agus tha iad a' ruith gu deas gu ruige New Mexico. Tha iad còrr is 3,000 mìle (4,800 km) a dh'fhaide. Anns na Stàitean Aonaichte, tha iad cho àrd ri 14,440 troigh neo 4,401 meatair os cionn na mara. Ann an Canada, tha iad cho àrd ri 12,972 troigh neo 3,954 meatair os cionn na mara.




#Article 634: A' Cheò na h-Abhalon (329 words)


'S e A' Cheò na h-Abhalon a th'ann an ùr-sgeulachd 1979 le Marion Zimmer Bradley, anns a aithrisidh i na Fionnsgeulan Artair bhon fhradharc nam mnathan na sgeulachd. 

Tha an cridhe na sgeulachd air Morgaine (gu tric air chantainn ri Morgan a' Bhean-shìdh ann an sgeulan eile), a th' air nochdadh le Bradley cho bean a' dèanamh spàirn a shàbhaladh a dualchas prìomh-mhàthaireil Ceilteach air tìr far a tha Crìosdaidheachd prìomh-athaireil a' bagradh a mhilleadh an dòigh-beatha draoidheach. Nì an leabhar iomraidhean cuideachd do na beathannan de Gwenhwyfar (Guinevere), Viviane, Morgause, agus mnathan eile a tha gu tric air bruthadh a thaobh ann an aithrisean eile nan sgeulan. Tha an Rìgh Artar agus na Marcaichean am Bùird Chuairtich 'nam caractaran-taicidh, an àite prìomh-charactaran. 

Tha A' Cheò na h-Abhalon ann am coimeas cruaidh ris na h-aithrisean eile nan sgeulan Artarach, gun nochd Morgaine gu co-sheasamh cho badhbh no ban-draoidh olc, cèin, faoin; gun breithneachadh fìor air fhaighinn (no air iarraidh) air a gràin. Sa' chùis seo, tha Morgaine air dealbhadh cho bean neartmhor, dòrainneach a tha tiodhlacan agus dleasnasan àraide aig ùine chiothnachaidh uabhasach an t-sluagh-iùil agus a' chreideimh fad a gairme a dhìonadh a dualchas dùthchasach, prìomh-mhàthaireil an aghaidh nam cothrom neo-chomasach. Tha A' Cheò na h-Abhalon a' seasamh cho dealachadh airson ciall boireann-dhligheach de fionnsgeulan air socrachadh air fir leis an labhairt air na fiosrachaidhean nam mnathan aig àm de atharrachadh mòr, a' ghabhail a-staigh am mùthadh an neart nam gnè. Tha dealbh air thoirt air na blàran, tòrachdan, agus an strì an riaghladh Artair cho bunabhas-taicidh ris na beathannan nam mnathan. Tha air aithris an sgeulachd ann an ceithir earrann mòra, Leabhar a h-aon: Bana-mhaighsir na Draoidheachd, Leabhar a dhà: An Àrd-Bainrìgh, Leabhar a trì: An Rìgh an Daimh, agus Leabhar a ceithir: An Ciomach 'san Darach.

Bha an ùr-sgeulachd 'na buaidh air a foillseachadh ann an 1983 agus tha i mòr-chòrdte air a mhaireann dhan dh'àm làthaireil. Bradley later expanded the book into the Avalon series.




#Article 635: Iomadachadh (742 words)


'S e iomadachadh an t-obrachadh àireamhachd a tha a' toirt dhuinn na h-uiread de rud sam bith den aon t-seòrsa. Mas e àireamh a th' ann an rud seo (m.e. 2) agus tha trì uiread dhith:

tha seo air a sgrìobhadh gu cumanta:

Canar factaran ris na h-àireamhan a tha air an iomadachadh (3 agus 2) agus an toradh ri buil an iomadachaidh (6). 'S urrainnear ainmean àraidh a thoirt don dà fhactar fa leth – an iomarann agus an t-iomadair – ach chionns gu bheil 3 × 2 = 2 × 3 chan eil e gu diofar cò aca tha na iomarann no na iomadair.

'S e roinneadh an t-obrachadh mùiteach ri iomadachadh.

Far a bheil àireamhan le figearan, tha iomadachadh air a sgrìobhadh le crasgan claon (×), ach ann an ailseabra tha e ro fhurasta an comharra seo agus an litir x a mheasgachadh suas. Thathar a' cleachdadh puing togte (∙) eadar na caochladairean a thèid an iomadachadh ri linn, no chan eilear a' cleachdadh comharra sam bith:

Chan urrainnear puing thogte a chleachdadh le figearan, oir thèid a leughadh mar phuing dheicheach, agus chan e a chòig uiread a trì ach caogad 's a trì a th' ann an 53.
 
Anns na h-àrd-chànanan coimpiutaireachd, thèid an reul (*) a chleachdadh. B' e sin an comharra iomadachaidh aig FORTRAN, a' chiad àrd-chànan prògramaidh.

Gabhar m uiread n a sgrìobhadh :

agus san dòigh seo 's e geàrr-sgrìobhadh cur-ris uiread na h-aon àireimh a th' ann an iomadachadh.

Mar a tha cur-ris co-iomlaideach agus co-thiomsach, 's ann a tha iomadachadh.
	

Agus tha trìtheamh feart cudromach ann. Tha iomadachadh sgaoileach air an obrachadh cuir-ris. Tha seo a' ciallachadh gu bheil:

Uaireannan, 's e Lagh an Sgaoilidh a chanar ri seo.

Tha feart àraidh aig àireamh a h-aon. 'S e an aon rud, rud sam bith a th' air iomadachadh leis a h-aon. 

Tha briathar sònraichte air àireamh leis an fheart seo ann an ailseabra. Canar eileamaid ionnanachd ris.

'S e neoni àireamh sam bith a th' air iomadachadh le neoni.

Agus san aon dòigh, ma tha neoni uiread rud sam bith, chan eil dad ann.

Tha e furasta thuigsinn gu bheil:

ach dè as ciall do -1 × 5? Faodaidh sinn am feart co-iomlaideach a chleachdadh, ma tha sinn cinnteach gu bheil iomadachadh co-iomlaideach le àireamhan àicheil, ach bhiodh e nas fheàrr a dh' fhuasgladh le taic Lagh an Sgaoilidh mar a leanas:

   
Tha e soilleir cuideachd gu bheil:

Agus ma tha an dà fhactar àicheil:

chionns gur e 1 a th' ann an -(-1). Gus seo a dhearbhadh, smaoinich gu bheil:
	

agus ma tha x = -1, gabhar a sgrìobhadh
 	

agus ma chuirear a h-aon ri gach taobh:

Tha e furasta thuigsinn ciamar a dh' iomadaicheas bloigh le àireimh shlàin:

Agus san aon dòigh:

Ma tha dà bhloigh ann:

Tha na h-àireamhaichean air an iomadachadh le chèile agus na seòrsaichean air an iomadachadh le chèile agus sin an riaghailt airson dà bhloighe iomadachadh.

Far a bheil àireamh air iomadachadh le fhèin thathar ag ràdh gu bheil an àireamh togte ri cumhachd. 'S e uiread an iomadachaidh a th' anns a' chumhachd agus tha seo air a sgrìobhadh mar fhor-sgriobta air an àireimh. Mar eisimpleir:

Tha e soilleir gu bheil:

agus sa choitcheannas:

Tha seo fìor an ann àicheil m no n no nach ann.

Gus àireamhan deicheach iomadachadh, 's urrainnear an atharrachadh do shlàn-àireamhan air an iomadachadh le deich air a thogail chun cumhachd. Nuair sin, thèid na slàn-àireamhan an iomadachadh agus na cumhachdan de dheich an iomadachadh fa leth. Mar eisimpleir:

 
No 's urrainnear an làimhseachadh mar bhloighean cumanta:

Gus àireamhan co-fhillte iomadachadh, 's urrainnear feum a dhèanamh de Lagh an Sgaoilidh. 

Tha e furasta dhearbhadh gur ann co-thiomsach co-iomlaideach a tha iomadachadh àireamhan co-fhillte. Agus gu bheil e sgaoileach thar cur-ris.
 
Tha e nas fhasa àireamhan co-fhillte iomadachadh far a bheil iad nan riochd pòlarach. 

'S urrainnear toradh sreath teirmean a sgrìobhadh leis a' chomharra-thoraidh Π (an litir mòr pi bhon aibidil Ghreugais). 

'S e caochladair brèige a th' ann an i agus e a' gabhail gach luach bho m gu n. Faodaidh sreath den t-seòrsa a' sìneadh gu eicrioch, ged nach biodh seagh aice mur eil toradh a' chiad n teirmean ag aomadh gu luach crìochach mar a dh' fhàsas n gun crìoch. 'S e sin:

Tha an comharra  (bhon Bheurla limit) a' ciallachadh luach teòr an toraidh mar a thèid tuilleadh theirmean an cur ris an t-sreath-iomadachaidh.




#Article 636: Roinn (matamataig) (455 words)


'S e roinn (no roinneadh), obrachadh na h-àireamhachd a tha mùiteach ri iomadachadh. Gus seo a chur an cèill gu sònraichte, mas e a a ni c uairean de b:

's e c a th' ann ma tha a air a roinn le b, mur eil neoni a th' ann am b:

Anns a' cho-aontar seo, 's e an duais-roinn a th' anns an a, an roinniche a th' anns a' b agus an roinn-àireamh a th' anns an c.
 
Chan eil mìneachadh air a thoirt do roinn le neoni.

Thèid roinneadh a sgrìobhadh gu cumanta leis an duais-roinn os cionn an roinniche agus loidhne còmhnard eatarra. Mar eisimpleir sgrìobhte a air a roinn le b mar:

Airson na roinnidh a sgrìobhadh san aon loidhne, mar eisimpleir anns a' chlò, tha an duais-roinn air a dealachadh bhon roinniche le sgoradh ( / ) mar seo:

Tha an dòigh seo cumanta ann an iomadh cànan prògramaidh. 

Tha comharra sònraichte aig roinnidh ( ÷ ) ged nach eil e air a chleachdadh gu cumanta ach san àireamhachd shìmplidh:
	

Mar a tha iomadachadh na ath-chur-ris na h-iomarann, 's e ath-thoirt air falbh an roinniche bhon duais-roinn a th' ann an roinnidh. Mas e àireamhan slàn a th' anns an duais-roinn agus an roinniche, bithidh an dà shuidheachadh ann:

Anns a' chiad chùis os cionn, canaidh sinn gu bheil an duais-roinn so-roinnte (slàn) le 3. Anns an dara chùis, tha 2 air fhàgail an dèidh do 11 air a roinn le 3. Canaidh sinn an còrr ris na tha air fhàgail den duais-roinn an dèidh a roinnidh leis an roinniche, agus faodar an roinn-àireamh agus an còrr a thoirt mar buil na roinnidh: 

Tha e nas cumanta, ge-tà, buil na roinnidh a thoirt mar àireamh mheasgaichte no àireamh dheicheach:

Faodar buil roinneadh dà àireimh coimeasta a shàr-mhìneachadh mar a leanas:

far a bheil p, q, r agus s nan slàn-àireamhan agus chan fhaod ach p a bhith co-ionnan ri neoni. Tha an sàr-mhìneachadh seo a' dèanamh cinnteach gur e obrachadh mùiteach iomadachaidh a th' ann an roinnidh. 

Tha obrachadh na roinnidh dùinte ann an àlach nan àireamhan coimeasta. 'S e sin ri ràdh gur h-e àireamh choimeasta a th' anns gach roinn-àireimh bho roinneadh àireamhan coimeasta. Tha obrachadh na roinnidh fosgailte ann an àlach nan slàn-àireamhan oir tha roinn-àireamhan ann nach eil nan slàn-àireamhan mar os cionn.

Faodar roinneadh fìor-àireamhan a shàr-mhìneachadh mar obrachadh mùiteach ri iomadachadh:

Gus dà àireimh cho-fhillte a roinn, dèan fìor-àireamh den roinniche le bhith ag iomadachadh leis an àireimh cho-chuingichte:

'S e fìor-àireamhan a th' ann an a, b, c agus d ach chan fhaod an dà rud c agus d a bhith co-ionnan ri neoni.

Ma tha na h-àireamhan co-fhillte an riochd pòlarach:




#Article 637: Biadh Seapanach (202 words)


Bhon a thòisich dòigh-beatha a' mhòr-shluaigh air atharrachadh gu mòr fada dhen 1950an, thugadh a' bhuaidh sin air dòigh-ithe nan Seapanach cuideachd.

Ron dàrna cogadh, bhiodh a h-uile Seapanach a' gabhail rìs mar bhunait, le iasg 's glasraich ùra, brot miso agus picealan eugsamhail an cois. An dèidh a' chogaidh, b' e aran a thàinig a-steach gu lònaichean-sgoile agus thug sin buaidh air cleachdaidhean dòigh-ithe a' mhòr-shluaigh san fharsaingeachd. Bidh daoine an-diugh ag ithe tuilleadh fheòil, uighean agus bathar bainne.

Tha trì tràth san latha am bitheantas agus 's e biadh-feasgair an tràth as motha mar as trice. Bhon a tha an dùthaich a' soirbheachadh cho mòr, tha caochladh seòrsachan bìdh ri fhaighinn agus fiù 's anns an dachaigh fhèin, thathar a' cheart cho buailteach biadh Sìneach no à Dùthchannan an Iar fhaicinn air a' bhòrd ri biadh na Seapaine fhèin.

Leis cho saor is a tha e a dhol a-mach a dh'ithe, 's ann a bhios mòran daoine a' dèanamh sin fhèin a h-uile latha, seach na bhith deasachadh bìdh aig an dachaigh. Gheibhear a h-uile seòrsa bìdh a-muigh: biadh Seapanach mar Sushi, Tempura, Udon, Soba agus Nimono; a thuilleadh air biadh Eadailteach, Sìneach, Coireanach, Tài, agus iomadh bhiadh eadar-nàiseanta eile.




#Article 638: Saor (192 words)


Is e a tha ann an Saor, ceàrd a chruthaicheas rudan a-mach de dh'fhiodh. Canar saorsainneachd ris an gnìomh seo.

Is àbhaist do shaor a dh'ionnsaich a chiùird, fo steòrnadh maighstir a thàinig a mach na shaor nuair a bha e fhèin na h-òige. Fad 's a bhios gille ag ionnsachadh bithidh bonn (cumhnant oibre, a ghabhas a-steach dleasdanas air a' Mhaighstir a bhith ga treànadh agus dleasdanas air a' ghille a dh'obair gu deireadh a tìm airson tuarasdail nas ìsle na tuarasdail chiùird) eadar a fhèin is a Mhaighstir.  Gu tradaiseanta mhair am bonn 7 bliadhna, agus thòisich na gillean aig 14 bliadhna dh'aois, tighinn a-mach nan journeach (fear sgilte, airidh air tuarastail làitheil) aig 21 bliadhna dh'aois. Ann am Breatainn, anns an latha an diugh, cha mhair am bonn ach ceithir bliadhna agus mar is tric, bithidh am bonn eadar an gille agus an companaidh a tha ga fhasdadh. Air barrachd ionnsachadh 's an ionad oibre, thèid an gille, latha 's an seachdain, gu colaiste theicnigeach far am bi e coisinn teisteanas foghlaim freagarrach ris a' chiùird air barrachd an sgrìobhainn-chiùird a gheibh e bhon mhaighstir aig deireadh a' bhuinn.




#Article 639: Innleadair (245 words)


Is e a tha ann an Innleadair neach proifeiseanta a tha ri Innleadaireachd. Is ann an innleadaireachd a tha an gnìomh agus am proifeisean a bhitheas ri dealbhadh de uidheam, acfhuinn neo obraichean, stèidhichte air prionnsabalan saidheans, agus ro-dhearbhta le rìomhaireachd. Air barrachd dealbhadh bithidh innleadairean ag obair mar manaidsearan air pròiseactan innlichidh, neo a ruithe pròiseasan innlichidh

An iomadh dùthaich tha an stoidhle de Innleadair dìonta - a' ciallachadh nach faod duine sam bith a chantainn gu bheil e na h-innleadair mur eil barantas innleadaireachd aige. 

Anns an Èirinn, mar a tha air feadh Eòrpa ach am Breatuinn a-mhàin, is e stoidhle dìonta a tha ann an innealtoir. Chanar Innealtoir Proifeasanta ris a tha air cosnadh ceum oilthigh ann an sgoil-innleadaireachd. Nuair a bhitheas an t-innleadair òg air a bhith ri innleadaireachd aig inbhe freagarrach airson trì bliadhna, faodaidh esan a chuir a fhèin air adhart airson lèirmheas agus, ma bhios an lèirmheas fàbharach, thèid a chlàradh mar Innealtoir Chairte.

Anns an Rìoghachd Aonaichte, chan eil innealtoir neo innleadair na stoidhle dìonta idir. Faodaidh do neach sam bith a chumail a mach gur e innleadair a tha ann, ged 's a tha Innleadair Chairte na stoidhle dìonta riutha a tha air dol fo lèirmheas agus air clàradh le Comhairle Innleadaireachd na Rìoghachd Aonaichte. Anns an t-samhradh de 2007 ghluais Riaghaltas na Sasainn nas dlùth ri suidheachadh na h-Èireann, nuair a thòisich iad a chuir an stoidhle innleadair proifeiseanta air innleadairean le ceum an innleadaireachd.




#Article 640: Longyearbyen (122 words)


Is e am baile as motha anns na h-eileanan Svalbard a tha ann an Longyearbyen.

Is e am baile as tuathaiche air feadh an t-Saoghal le barrachd na 1.000 duine a tha ann an Longyearbyen. Mar sin dheth tha tòrr rudan ann ris an canar: .

Tha àite eile nas tuathaiche ann an Svalbard, Ny-Ålesund, ach tha dìreach 30 daoine a’ fuireach anseo.

Tha port-adhar, Svalbard Airport, faisg air a’ bhaile le pleanaichean gu agus à Tromsø agus Oslo, Nirribhidh. Tha roinn na turasachd gu math làidir as t-samhradh.

Ann an 1993 dh'fhosgail an Svalbard University Centre (UNIS), Ionaid a tha ceangailte ris na oilthighean ann an Nirribhidh. S' urrainn do na h-oileanaich geophysics, eòlas-nàdair argtach agus teicneòlas argtach ionnsachadh an seo.




#Article 641: Roinn le neoni (713 words)


'S e roinn le neoni a th' ann far a bheil an roinniche co-ionnan ri neoni. Faodaidh seo a bhith air a sgrìobhadh , far am biodh  na duais-roinn. Chan eil brìgh a thoirt do roinn le neoni ann an ailseabra, ach uaireannan tha comas againn mìneachadh a thoirt dhith ann an anailis far an aom luach na roinn-àireimh ri teòr fhad ’s a tha fuincsean an roinniche a’ dlùthachadh ri neoni.

Smaoinich air a' cho-aontar a leanas:

Chionns gu bheil iomadachadh agus roinneadh nan obrachaidhean mùiteach, faodar a' sgrìobhadh cuideachd:

Ach chan eil ann luach de  a ni 1 an dèidh iomadachadh le neoni. 'S ann do-shònrachaidh a tha àireamh sam bith air a roinn le neoni.

Nise, smaoinich air a' cho-aontar:

Ma tha brìgh aig seo, faodar a sgrìobhadh cuideachd:

Ach tha seo fìor do gach luach de  sam bith. 'S ann neo-shònraichte a tha neoni air a roinn le neoni.

Nas foirmeile, smaoinich air fàinne cho-iomlaideach – 's e sin àlach le dà obrachadh (cur-ris agus iomadachadh) agus na feartan cumanta ailseabra aca (co-thiomsachd, co-iomlaideachd agus sgaoilidheachd) – mar eisimpleir tha na fìor-àireamhan agus na h-àireamhan co-fhillte den t-seòrsa seo. Thathar a' toirt fa-near gur h-e 0 an eileamaid ionnanachd cur-ris agus gur e 1 an eileamaid ionnanachd iomadachaidh. Tha e na chuibheas sealltainn nach eil eileamaid co-thionndaidh aig neoni.

Smaoinich gum b' e co-thionndadh neoni ann agus  mar ainm air. Chionns gur h-e a h-aon gach àireamh a tha air iomadachadh leis a’ cho-thionndadh aice:

Nise, tha 0 + 0 = 0 agus gabhar a' sgrìobhadh cuideachd:

Fo lagh an sgaoilidh:

Mar os cionn, tha , agus , agus san dòigh seo bhiodh gach àireamh co-ionnan ris a cèile. Agus chionns gu bheil:

...feumar a cho-dhùnadh nam biodh co-thionndadh aig neoni, bhiodh a h-uile àireamh co-ionnan ri neoni. 'S e sin ri ràdh, far a bheil na feartan cumanta ailseabra (gu h-àraidh sgaoilidheachd), chan eil roinn le neoni comasach ach am bheil neoni na aon àireamh anns an àlach.

Ged nach eil brìgh den roinn-àireimh  fhèin, 's urrainnear brìgh a thoirt do luach teòir na roinn-àireimh  fhad 's a tha x a' dlùthachadh ri neoni. Mar as dlùithe ri neoni a thèid x, 's ann as mò a dh' fhàsas luach na roinn-àireimh agus leanaidh seo gun crìoch. Tha seo air a sgrìobhadh:

Ged tha an coltas air gu bheil eicrioch na luach teòir, chan e teòr idir a th' ann an eicrich. Tha an co-aontar seo a' sealltainn nach eil crìoch aig an roinn-àireimh fhad 's a tha x a' dlùthachadh ri neoni.

Thathar air a bhith a ghabhail ris gur e àireamh dhearbh a th' anns an roinniche. Ma tha x a' dlùthachadh ri neoni bho thaobh nan àireamhan àicheil:

Chan eil e gu diofar an ann às a làimh chlì no às a làimh dheis a ruigeas neoni. Ri linn seo, aig neoni fhèin:

...ach chan eil mòran seagh dha ach nach eil soidhne aig eicrich (mar nach eil aig neoni).

'S e loidhne-thilgidh nam fìor-àireamhan an t-àlach . 'S ann a tha an cearcall air a cruthachadh le bhith a' cur ri chèile foirchinn na loidhne-àireamh aig eicrich. 'S e eicrioch neo-shoidhneach a tha seo agus 's ann a leanas gu bheil . Anns an t-structair seo, faodaidh an seagh a bhith aig , fhad 's nach eil , agus cuideachd aig . Chan e raon a th' anns an t-structair seo agus chan eilear an dùil gun obraich e mar gum b' e. Mar eisimpleir chan eil seagh aig  air an loidhne-thilgidh.

Bheir an loidhne-thilgidh dòigh shìmplidh dhuinn airson seagh a chur air fuincseanan a thèid do dh' eicrich agus a thilleas bho eicrich àicheil, mar eisimpleirean  , , agus iomadh eile.

'S e analog na loidhne-thilgidh aig na h-àireamhan co-fhillte a th' anns a' chruinne Riemann. Seo an t-àlach  far a bheil  na puing aig eicrich. 'S e lùbadh plàna nan àireamhan co-fhillte air uachdar cruinne gus an till iomall a' phlàna ri chèile aig an aon phuing – eicrioch. Tha neoni agus eicrioch nan pòlaichean a tha mu choinneamh a chèile air a' chruinne agus tha loidhne-thilgidh nam fìor-àireamhan na prìomh-chearcall dhith. Chan e raon ailseabrach a th' anns a' chruinne Riemann, ach tha e air leth cudromach ann an anailis cho-fhillte.




#Article 642: Cumhachd (182 words)


Is e a tha ann an Cumhachd ach sruth neirt air an libhrigeadh neo air an cleachdadh. Tomhaisear cumhachd leis a' mheud neirt libhrigte, no cleachdar ré aonad tìm.

Anns an t-Siostam Eadar-nàiseanta nan Aonadan is e an Joule a tha aonad an neirt agus is e an diog a tha na h-aonad tím. 

Mar sin is urrainnear tomhais sruth neirt le Joulean gach diog ( J/d ), ach tha aonad cumhachd ainmichte an Watt (as deidh Seumas Watt). 1 Watt = 1 joule / diog.

Aithnichear gnèithean cumhachd gu ìre mhòr a rèir an seòrsa uidheam neo an caille neirt a tha gan libhrigeadh. Mar sin, aithnichear gun tig cumhachd-uisge (mar is tric an cruth dhealain, nuair a chanar dealain-uisge ris), bho bheairt tiomnaichte le sruth uisge. 

Anns a h-aon dòigh, is e gnìomh muilnean gaoithe a chruthaich cumhachd bho neart na gaoithe. Mar is tric chanar Cumhachd na Gaoithe ri dealain cruthaichte anns an dòigh seo.

Bha cumhachd-stoithe, air an libhrigeadh le innealan-stoithe, riatanach ri car a' mhuiltean a' gnìomhachais a' stèidheachadh eaconomaidh giollacais na h-Eòrpa ré an 19mh linn.




#Article 643: Washington, D.C. (270 words)


Airson aistean eile faic Washington

'S e prìomh-bhaile nan Stàitean Aonaichte a th' ann an Washington, D.C. Chaidh Washington D.C. a stèidheachadh a dh'aona gnothach gu bhith na phrìomh bhaile. Tha na litrichean D.C. a' seasamh airson District of Columbia. Tha sin a' ciallachadh gur e siorrachd àraidh an Riaghaltais Fheadarail 's chan e stàite a th' ann an District of Columbia. Tha na trì roinnean an riaghaltais, an Riaghaltas fhèin, na cùirtean, agus a' Còmhdhail, stèidhte ann an Washington, D.C. Tha 601,723 duine a' fuireach an seo.

Chaidh an District of Columbia stèidheachadh fo Bhun-reachd nan Stàitean Aonaichte ann an 1790. Chaidh e a roinneadh bho Virginia agus Maryland. An toiseach 's e dùthaich cheàrnagach a bh' ann an District of Columbia le 10 mìle air gach taobh, rud a rinn 100 mìle cheàrnagach air fad a bh' air gach taobh na h-aithne Potomac. Ann an 1847, chaidh am pàirt a bhuineadh do Virginia bho thùs a thoirt air ais do Virginia. Mar sin, tha an District of Columbia gu lèir air an taobh a tuath na h-aithne Potomac.

Chan eil an District of Columbia na stàite mar Virginia neo Maryland agus air sgàth sin, chan eil an District air a riochdachadh anns an t-Seanaid neo anns an Taigh nan Riochdairean. Agus cha do ghabh an District pàirt anns na iomairtean-taigh a' cheann-suidhe gu ruige 1961 nuair a chaidh an 23mh atharrachadh a' Bun-reachd a chuir an sàs. Bho sin a-mach, tha còir aig an District of Columbia pàirt a ghabhail annta le tha trì bhòtaidhean aice. 

Tha na Channeled scablands, roinn gheo-eòlach inntinneach, suidhichte ann an Washington, D.C.




#Article 644: George Washington (1870 words)


Bha George Washington air leth cudthromach ann an tràth-eachdraidh nan Stàitean Aonaichte. Bha e na cheannard cudthromach os cionn feachdan Aimeireaganach ann an Cogadh nan Seachd Bliadhna (1754-1763) an aghaidh nam feachdan Frangach ann an Ameireaga.

Aig àm an Ar-a-mach Ameireaganach‎ (1775-1783), bha George Washington na Sheanailear os cionn nam feachdan Ameireaganach an aghaidh nam feachdan Breatannach.

Bu esan ciad cheann-suidhe nan Stàitean Aonaichte (1789-1797).

Rugadh George Washington air 22 an Gearran, 1732 air fearainn a theaghlaich ann an Westmoreland County, Virginia. Ann an 1748, bha e mar-thà na fhear-thomhais talmhainn agus ann an 1749 fhuair e dreuchd mar fhear-thomhais talmhainn ann an sgìre a bh’ air ùr-chruthachadh, Culpeper County. Bha e mar dhleastanas dhà cuideachd a bhith a’ stiùireadh trèanadh a’ mhailisidh ionadail.

Ann an 1753, thòisich an Fhraing air sreath de dhùin a thogail sa sgìre Ohio a bha na laighe mun iar, air taobh thall nam Beanntan Appalaiseanach. B’ e an rùn aca an ceangal eadar Louisiana ’s Canada a dhaingneachadh. Ach bha tagraidhean aig na tìrean-imrich Breatannaich, Virginia agus Pennsylvania, air na dearbh sgìrean. Chaidh George Washington a chur a dh’ionnsaigh nam Frangach ann an sgìre Ohio airson faicinn dè cho làidir sa bha iad, agus gus iarraidh orra an sgìre-sa fhàgail cuideachd. Dhiùlt na Frangaich sin a dhèanamh agus an ath bhliadhna, chaidh Washington a chur air ais dhan sgìre Ohio ach an turas seo os cionn Reiseamaid Virginia a bh’ air ùr-chruthachadh airson ruaig a chuir air na Frangaich. Bhuannaich e ann an còmhraig ri buidhinn bheag de 30 Frangaich air 28 an Chèitean, 1754. An uair sin, thog iad dùn car lag ris an tuirt iad Fort Necessity. An ceann greis, chaidh an cuairteachadh le feachd Fhrangach ’s b’ fheudar do Washington gèilleadh dhaibh. Leig na Frangaich mu sgaoil e, ach an ath bhliadhna bha Washington air ais le feachd a bha fo stiùir a’ Sheanaileir Edward Braddock. Thachair iad ri na Frangaich aig blàr Monongahela; chaidh na Frangaich a ruagadh ach chaidh Braddock fhèin a mharbhadh. A dh’aindeoin sin ge-tà, fhuair Washington deagh chliù; chaidh dà each a mharbhadh fodha ’s chaidh ceithir peilearan tron chòta aige. 

As t-fhoghar, chaidh Washington a shuidheachadh os cionn feachdan Virginia air fad, agus bha e a-nis mar dhleastanas dhà còrr is 300 mìltean (480 km) de chrìochan a dhìon. Mhair e san dreuchd seo gu 1758. Bu mhiann leis a bhith na oifigear san arm Bhreatannach, ach cha robh na Breatannaich a’ cur mòran suim anns na h-Ameireaganaich agus dhiùlt iad oifigeach a dhèanamh dheth; dh’fhàg e a dhreuchd, thill e dhan tuathanas aige fhèin agus chaidh e an sàs ann am poileataigs.

Air 6 am Faoilleach, 1759, phòs Washington a’ bhanntrach Martha Dandridge Custis, agus dh’fhuirich iad còmhla aig Mount Vernon. Thog iad an dithis mhac a bh’ aicese mar-thà. Cha robh clann aca riamh còmhla.

Le bhith a’ pòsadh banntrach bheairteach, dh’fhàs oighreachd Washington gu mòr. Fhuair e an treas chuid de na 73km2 a bha ann an sealbh Martha Custis, agus bha e a’ coimhead às dèidh an cuid fearainn às leth clann a mhnà. A bharrachd air a sin, bhiodh e a’ ceannach tuilleadh fearainn dha fhèin agus choisinn e fearann a bharrachd ann an West Virginia air sgàth a sheirbhis sa chogadh. Bha spèis mhòr aig muinntir Virginia dhà agus bha e na dhuine-uasal beairteach. Chaidh a thaghadh airson Pàrlamaid Virginia ann an 1758.

Bha Washington gu mòr an sàs san iomairt an aghaidh na Breatainne. Mar eiseimpleir, ann an 1769 mhol e do Phàrlamaid Virginia casg-malairt a chur air dòigh an aghaidh na Breatainne gus an rachadh cur às dha na Laghan Townsend. San Iuchair, 1774, bha e na chathraiche dhen choinneamh a mhol gum bu chòir Continental Congress (neo Coinneamh nan Tìrean-Imrich) a chruthachadh. Chaidh Washington a thaghadh mar bhall de Chiad Choinneamh nan Tìrean-Imrich (First Continental Congress).

 

Nuair a thòisich sabaid eadar feachdan Massachusetts agus an fheadhainn Bhreatannaich sa Ghiblean 1775, nochd Washington aig Dàrna Coinneamh nan Tìrean-Imrich (Second Continental Congress) sgeadaichte ann an deise cogaidh ag innse gu robh e deiseil airson cogadh. Gu dearbh, b’ esan am fear-Ameireaganach a b’ ainmeile a bha eòlach anns na dòighean cogaidh. Chruthaich an Coinneamh an t-Arm Tirmòrach (Continental Army), a chuir cruinn-còmhla san aon arm feachdan nan 13 tìrean-imrich a bha an uairsin a’ strì an aghaidh na Breatainne. Agus chaidh Washington a thaghadh mar Sheanalair os cionn an airm. Chaidh e a Bhoston far an do ghabh e smachd os cionn nam feachdan Ameireaganach a bha a’ cuartachadh nam Breatannach a bha glaicte am broinn a’ bhaile sin. Mhair an suidheachadh seo gus a’ Mhàirt, 1776 nuair a dh’fhàg na Breatannaich Boston. A-nise ghluais Washington arm a dh’ionnsaigh a’ bhaile New York. Bha na Tìrean-Imrich uile-gu-lèir, cha mhòr, a-nise fo smachd nan reubaltach agus san Iuchair, thaisbean iad gu robh iad a-nis neo-eisimeileach on Bhreatainn. 

Ach thill na Breatannaich san Lùnastal, 1776 a Long Island far an robh Washington agus arm. Thòisich an uairsin sreath de bhatailean sgriosail agus chaidh ruaig a chuir air Washington agus na h-Ameireaganaich gu dubh. B’ fheudar do Washington Long Island, agus an uairsin New York fhèin agus an uairsin New Jersey fhàgail an sreath a chèile. De na 20,000 saighdear a bh’ aig Washington an Lùnastal cha robh air fhàgail dha ach mu 3,000 nuair a ràinig e taobh sàbhailt na h-aibhne Delaware ann am Pennsylvania an t-seachdain ron Nollaig, 1776. Rud a bu mhiosa na sin, bhiodh a’ chuid a bu mhotha de na saighdearan seachad leis an arm aig deireadh na bliadhna. Bha a h-uile coltas ann gu robh an ar-a-mach seachad.

Ach a dh’aindeoin cho dona sa bha cùisean, chunnaic Washington cothrom nuair a bha cha mhòr a h-uile duine eile a’ dol dhachaigh. Air taobh thall na h-aibhne ann an New Jersey, bha feachd de Hesianaich ann a bha a’ gabhail fasgadh ann am baile Trenton. Oidhche ron Nollaig, 1776, oidhche a bha stoirmeil reòite, chruinnich Washington na corra feachdan a bh’ air fhàgail aige, agus a’ cleachdadh bhàtaichean a bha e air tional chaidh e thar na h-aibhne agus ann an glasadh madainn na Nollaig, thug na h-Ameireaganaich ionnsaigh air na Hesianaich a bha fhathast cadalach agus fo bhuaidh na dibhe. Chuir na h-Ameireaganaich air na Hesianaich gu dubh. Chaidh 21 Hesianaich am marbhadh ’s chaidh 90 an leòn ’s chaidh 900 an glacadh mar phrìosanaich. Cha do dh’fhulang na h-Ameireaganaich ach 4 a chaidh an leòn. 

B’ e sin, ’s dòcha, a’ bhuaidh a bu chudromaiche a bhuanaich Washington a-riamh, oir ro a’ bhuaidh, bha an ar-a-mach caillte agus às dèidh na buaidh, bha e fhathast beò. A dh’aindeoin cho cudthromach sa bha buaidh Washington, leann na duilgheadasan aige san ath-bhliadhna ann an 1777. Aig an dearbh àm ’s a bha Feachd Bhreatanach a’ tighinn a-nuas bho Mhontreal a’ leantainn na h-aibhne Hudson, nochd feachd eile à New York ’s chuir i ruaig air Washington 's fhuair i greim air a’ phrìomh bhaile aig an àm, Philadelphia. B’ fheudar dhan Chòmhdhail teicheadh, ’s theab Washington a dhreuchd a chall. Ach chaill na feachdan Breatannach à Canada gu dubh agus dh’aontaich an Fhraing taic a thoirt do na h-Ameireaganaich. 

Air sgàth sin, chur na Breatannaich romhainn, an ath-bhliadhna, ann an 1778, Philadelphia fhàgail ’s tilleadh a New York ’s dh’fheuch Washington ionnsaigh a thoirt dhaibh air an t-slighe. B’e seo Blàr Monmouth Courthouse, aonan den dà chath am blàr fosgailte nach do chaill Washington. B' e seo am batail mu dheireadh ann an ceann a tuath nan Stàitean Aontaichte. Lean an cogadh air sa cheann a deas gun an do chaill na Breatannaich gu dubh aig Yorktown ann an Virginia san t-Sultain ann an 1781 agus ’s e Washington a a ghabh gèilleadh nam Breatannach.

Ged a chaill Washington mòran chathan, an rud a bu chudtromaiche a rinn e ’s gun do lean e air co-dhiù tro gach càs agus cruadal. Agus a dh’aindeoin cho duilich sa bha cùisean aig amannan, cha do thrèig Washington feallsanachd an ar-a-mach. Nuair a bhuanaich na h-Ameireagaich an neo-eisimeileachd ann an 1783, an àite greim a ghabhail air smachd mar a bha cothrom aige, sgap e arm ’s dh’fhàg a dhreuchd ’s thill e dhachaidh.

Mar sin agus a sheirbhis dhan dùthaich aige seachad, thill e dhan bheatha phrìobhaideach aige mar thuathanach. Ach cha robh na duilgheadasan buileach seachad anns na Stàitean Aonaichte. Bho 1777, bha na Stàitean Aonaichte air an riaghladh leis a’ Chòmhdhail fo bhun-reachd ris an canar Articles of Confederation. Bha laigseachan gu leòr ann aig àm a’ chogaidh ach leis an neo-eisimeileachd air a buanachadh, thàinig na laigseachan gu mòr am follais. Mar eisimpleir, cha robh còir aig a’ Chòmhdhail cìsean a thogail ’s b’ fheudar dhi airgead iarraidh air na stàitean, agus mar bu thrice, dhiùlt na stàitean sin a dhèanamh. Ach a dh’aindeoin nan duilgheadasan cha robh aontachadh ann am measg nan stàitean air cò am fuasgladh a b’ fheàrr. Ann an 1787, chaidh co-labhairt a ghairm a chruinnich ann am Philadelphia agus iarradh air Washington bhith na fhear-cathrach aig a’ cho-labhairt. Fo a stiùir, chaidh bun-reachd a sgrìobhadh agus ’s ann a-rèir a' bhun-reachd-sa a tha na Stàitean Aonaichte air a bhith gan riaghladh gus an latha an-diugh.

Chaidh Washington a thaghadh na chiad cheann-suidhe nan Stàitean Aonaichte fon bhun-reachd ùr. Rinn e seirbhis dhà thuras mar cheann-suidhe fad ochd bliadhna gu lèir. Is Washington an aon cheann-suidhe a chaidh a thaghadh gun duine eile a bhith a’ ruith na aghaidh. A bharrachd air a sin, thòisich Washington cleachdadh cudromach a tha a-nis stèidhte ann an lagh. Dhiùlt e seasamh an treas turas gu bhith na cheann-suidhe. ’S e Franklin D. Roosevelt, a chaidh a thaghadh ceithir tursan mar cheann-suidhe, an aon cheann-suidhe nach do lean an cleachdadh seo.

Fo a stiùir mar cheann-suidhe ann an 1794, cho-rèitich na Stàitean Aontaichte agus a’ Bhreatainn Cunnradh Jay, cunnradh cudromach a sheachnaich cogadh eile eadar an dà dhùthaich agus thòisich àm sìthe agus malairt eadarra a mhair còrr is deich bliadhna. 

Ann an 1794, chaidh Washington a-mach os cionn an airm as ùr ann am Pennsylvania airson aimhreit a chuir sìos. B’ e seo Ar-a-mach an Uisge-beatha (Whiskey Rebellion). Bha daoine a rinn uisge-beatha a’ gearain mu chìsean ùra an Riaghaltais Fheadarail air uisge-beatha. B’ e seo fear den dà thuras a bha ceann-suidhe os cionn feachdan armaichte ann an eachdraidh nan Stàitean Aonaichte. (B’ e Seumas Madison am fear eile aig àm a’ chogaidh 1812 nuair a theich esan ’s na feachdan aige ro fheachdan Breatannach nuair a thog iad creach air a’ phrìomh bhaile Washington, D.C.

Fad ’s a bha e na cheann-suidhe, thàinig trì stàitean ùra a-steach do na Stàitean Aonaichte agus b’ iad Vermont, 4 an Cèitean 1791, Kentucky, 1 an t-Òg-mhios 1792, agus Tennessee, 1 an t-Òg-mhios 1796.

Dh’fhàg Washington a dhreuchd mar cheann-suidhe air 4 am Màrt 1797. Thill e d’ a fhearann ann an Mount Vernon ach cha d’ fhuair e a’ bheatha phrìobhaideach a bha e ag iarraidh oir chaidh a ainmeachadh mar Seanalair Lieutanant (ìre as àirde san arm aig an àm sin) airson rabhadh a thoirt do na Frangaich a bha a’ moidheach cogadh aig an àm.

Fhuair Washington bàs air 14 an Dùbhlachd 1799.




#Article 645: Iapanais (888 words)


Tha tuilleadh air 130 millean daoine aig a bheil Iapanais, a tha a' fuireach san t-Seapan agus ann an coimhearsnachdan eilthirich Iapanach air feadh an t-saoghail. 'S e Nihongo (日本語) a theirear ri Iapanais anns a' chànan fhèin. Tha e a' ciallachadh cànan na h-Iapain. 'S e Grian a' bhrìgh a th' air an kanji 日 agus an seo, Freumh air 本. Tha am briathar Sìonach-Iapanach seo, 日本 (Nihon no Nippon), a' toirt dealbh air an Iapan bho shealladh na Sìona, a thaobh suidheachaidh cruinn-eòlasach an dà dhùthaich. 'S i an Iapan far a dh' èireas a' ghrian agus an t-Sìn far an tèid i foidhpe. Tha an abairt Tìr Èirigh na Grèine a' tighinn às an sin.

'S e cànan in-sònraichte (isolated language) a th' ann an Seapanais. 'S e an cànan as dlùithe ris, Coireanais (a thaobh morf-eòlas, co-chàradh gu h-àraid), ach nam biodh Ryūkyūanais (teanga Okinawa) ga mheas mar chànan na chòir fhèin, 's esan an cànan a bu dhlùithe mar phàirt dhen aon teaghlach cànain.

Gidheadh, 's iomadh teoric a tha ann a tha a' sireadh air mìnicheadh a thoirt air tùs a' chànain seo, ach chan eil fiù 's aon dhiubh sin nach eil air a connsachadh. Tha cuid de sgoilearan air Seapanais a cheangladh ri Coireanais, Mongolais agus na cànanan Altaic eile, a' toirt iomradh air coimeas gràmadach eatorra. Tha sgoilearan eile a' sìreadh tùs a' chànain ann an sòisealtasan coltach ri Seapan a thaobh cultar agus eigeòlas eadar ceann a Deas na Sìne agus An Himalaya. An dèidh sin, tha feadhainn eile a' cumail a-mach gur ionnan tùs a' chànain agus na cànanan Draibhideach agus cànanan nan ioma-eileanach.(Polynesia) 'S ann tric a bhithear a' moladh gur e crìtheol a th' anns a' chànan seo, a' gabhail a-steach tuilleadh air aon de na teangannan sin.

'S e cànan co-glaodhach (agglutinating language) a th' ann an Seapanais. 'S e sin gu bheil i a' leigeil rithe structar gràmadach le bhith a' ceangladh comharran (は、が、に/wa, ga, ni) ri stuic fhacail. 

Ged a tha riochdairean ann mar: 私 watashi (mi), あなた anata (thu), 彼 kare (e), 彼女 kanojo (i) is mar sin air adhart, chan eileas gan cleachdadh cho tric ann an còmhradh, seach ann an sgrìobhadh. Tha sin a' dèanamh gu bheil Seapanais caran neo-dhìreach mar chainnt; rud a tha a' freagairt an t-sluaigh Seapanach gu math, oir tha iadsan gam meas neo-dhìreach gu leòr nan dòighean. 

Mar eisimpleir, chanar 私はスコットランド人です。watashi ha sukottorandojin desu. (Mise – Albannach – tha) (Tha mi nam Albannach), ach ann an còmhradh far a bheil e soilleir cò tha a' bruidhinn agus cò mu dheidhinn, dh' fhàgar watashi (còmhla ris a' chomharra は wa), a-mach agus theirear スコットランド人です。sukottorandojin desu; (Albannach-tha). Cha leigeas a leas an riochdair watashi (mi) a ràdh idir airson 's gun tuig daoine. Mar sin dheth, tha Seapanais gu math feumail airson bruidhinn air daoine, no air dìomhaireas nach eileas ag iarraidh fhoillseachadh. Fiù 's nan cluinneadh cuideigin an còmhradh, dh' fhaoidte nach ann a bhiodh fios aca cò no dè air a bhiodh an luchd-labhairt a-mach, air sgàth chion riochdairean. 'S e cnag na cùise a th' ann nach eil an t-subseig ga cleachdadh a h-uile uair ann an còmhradh.

Riochdan Modhail

'S iomadh chaochladh a tha air Seapanais a-rèir dreuchd, inbhe is àite san t- sòisealtas, gnè agus aithneachadh sgìreil an neach-labhairt. Tha siostam gràmadach farsainn aig Seapanais gus cainnt a chur air foirmeileachd agus modhaileachd; rud aig nach eil a' chuid as motha de chànanan Siarach.

'S e Keigo (敬語) a chanas ri modhaileachd ann an Seapanais, agus thathas ga cleachdadh a-rèir inbhe a' chàirdeas a tha ann eadar daoine. Chan eil càirdeas co-ionnan sa chumantas ann an sòisealtas Seapanach. 'S tric a bhios suidheachadh nas àirde aig neach, agus gabhaidh sin a dhearbhadh a-rèir iomadach fhactair leithid dreuchd, aois, eòlas no fiù 's an suidheachadh anns a bheil neach aig an àm – mar eisimpleir, cuideigin ag iarraidh fàbhair air cuideigin eile. Thathas a' cleachdadh Keigo ann an gnothach sam bith far a bheil neach-obrach a' bruidhinn ri neach-ceannaich; m.e. ann an taigh-bìdh, no bùth sam bith eile. Faodaidh an neach-ceannaich cainnt dhìreach mhì-fhoirmeil a chleachdadh (gu ìre), ach chan fhaod an neach-obrach idir, mura h-e neach a tha tòrr nas aosta na an neach-ceannaich a th' ann.

Tha fiù 's gnìomhar beag sìmplidh air a chur an cèill ann an diofar dhòigh a-rèir cò tha a' dol càite. Ma tha thu fhèin a' dol a thadhail air neach aig a bheil inbhe nas àirde, 's iad mairu agus ukagau na gnìomhairean a thathas a' cleachdadh (oir, tha sin a' sealltainn an inbhe nas ìsle a th' agad fhèin; dh' fhaodadh cainnt ùmhail seach cainnt urramach a chur orra). Ma 's e neach 's inbhe nas àirde aige a bhios a' falbh a dh'àiteigin, 's iad irassharu agus oideninaru na gnìomhairean urramach. Tha diofar ìrean fhoirmealachd ann cuideachd. Ma 's e 's gu bheileas a' bruidhinn ri caraidean dlùith, 's e iku am facal mì-fhoirmeil, leis na comharran fireann no boireann, yo no wa, air an cur ris a cheann. 'S e ikimasu no ikundesu a bhiodh ann ge-tà, ann an suidheachadh nas fhoirmeile, fiù 's eadar daoine is inbhe co-ionann aca. 'S iad suidheachaidhean desu/masu a theireas ri seo; far an gabh gnìomhairean suidheachaidhean foirmeil na deiridhean modhail -desu no -masu.




#Article 646: Robert Koch (473 words)


Tha Heinrich Hermann Robert Koch (11 an Dùbhlachd 1843 - 27 an Cèitean 1910) iomraiteach ann an rannsachadh air bitheagan ghabhaltach, gu h-àraid a thaobh lorg na caitheimh. Ann an 1905 fhuair e an Duais Nobel ann an Leigheas.

Rugadh Robert Koch ann an Clausthal faisg air Hànobhar ann an Sagsainn Ìosail anns a' Ghearmailt air 11mh dhen Dùbhlachd 1843, agus chaidh àrach ann an teaghlach mòr de 13 chloinne. Bha athair Robert ag obair ann am mèinn-ghuail; gidheadh fhuair air Robert a dhol gu Oilthigh Göttingen, agus aig 23 bliadhna a dh'aois bha e na dhotair. An uair sin bha e ag obair ann an àitichean diofraichte air feadh na Gearmailt.

A dh'aindeoin sin, bha faireachdainn aige air cho beag feum is a bha ann gu sabaid an aghaidh nan galaran mòra. Mar eisimpleir: Aig an àm sin bhiodh gach seachdamh daoine anns a’ Ghearmailt a' caochladh leis a' chaitheimh. Mar sin thòisich e air sgrùdadh mionaideach a dhèanamh air na bha ag adhbharachadh a' ghalair seo. 

Ach rinn e rudeigin ùr: Dh’ fhàs e bitheagan ann am meadhan-fàis beathachaidh agus dhathaich e le Anilin iad. Mar sin dheth, bha e an comas dha bitheag na sgreaba (Bacillus anthracis/Splenic fever 'sa Bheurla) a chur air leth. Thathas a' cleachdadh nan aiseidean agar agus an t-soitheach Phetri a dh' innlich e fhèin gus an latha an-diugh.
Ann an 1876 sgrìobh e lorg agus dòigh-beatha Bacillus anthracis.

B’ e sin an t-adhbhar gun d’ fhuair e obair ùr aig Bòrd na Slàinte ann am Berlin. An seo bha ùine gu leòr aige rannsachadh a dhèanamh agus ann an 1882 fhuair e a-mach mu dheidhinn na bitheag èitigich, (fàth na caitheimh, Mycobacterium tuberculosis). Bha e an comas dha shealltainn gum b' iad na bitheagan a bha rim faicinn anns an fhuil fàth a' ghalair, (nach b' iad dìreach na rudan a thigeadh an cois). Stèidhich e ceithir riaghailtean ris an canar Tagraidhean Koch. Ann an 1885 bha e na cheannard aig Oifis Impireil na Slàinte ann an Oilthigh Bherlin.

Bhiodh e a’ siubhal uaireannan air feadh an t-saoghail, don Eadailt, don Èipheit, do na h-Innseachan, Java agus Gini-Nuadh, agus air feadh Afraga an Ear. Fhuair e a-mach mu dheidhinn a' ghalair-àraidh, (Vibrio cholerae, Cholera 'sa Bheurla), mailèiria agus galaran eile. Ann an 1905, fhuair e Duais Nobel eòlas-leighis. Chaochail e air 27 Cèitean 1910 ann am Baden-Baden, Baden-Württemberg.

Gus an latha a th' ann an-diugh 's e Ionad Robert-Koch an t-ainm a tha air a’ bhòrd-slàinte as chudthromaiche anns a’ Ghearmailt. 

Stèidhicheadh Duais agus Bonn Robert Koch gus urram a thoirt air meanbh-bhith-eòlasaichean a th' air rud gu tùr ùr a lorg, no a th' air cur ri slàinte na cruinne ann an dòigh àraid. B' e a' chiad neo-Ghearmailteach a choisinn a' bhuinn an t-àrd-ollamh Bill Hutchison aig Oilthigh Srath Chluaidh ann an Glaschu.




#Article 647: Port Bhruachaidh (591 words)


B' e baile iasgaich leis fhèin a bh' ann am Port Bhruachaidh (Beurla Ghallda: Brochtie), a tha a-nis na phàirt de Chathair Dhùn Dèagh, suidhichte air oir an ear na cathrach sin, air cladach Linne Tatha, air taobh ear na h-Alba. Canaidh muinntir a' bhaile The Ferry ris, agus 's e Broughty Ferry an t-ainm a th' air sa Bheurla. Tha pàirtean dhen bhaile seo mar iomall-bhaile Dhùn Dèagh, ach tha meadhan a' bhaile fhathast a' glèidheadh an dualchas aige fhèin, a thaobh coltas agus faireachdainn. Tha a h-uile coltas ann gur e Port Bhruachaidh an t-ainm a bh' air an àite seo bho thùs, agus gur ann à sin a thàinig Brocht-Brochtie is an uairsin Broughty sa Bheurla. Bhathas a' cuideachd a' toirt Brothaig air ann an Gàidhlig, agus 's e ainm Gàidhlig eile a th' air a' bhaile Aiseag Bhrothaig. B' e borgh neo-eisimeileach a bh' ann am Port Bhruachaidh bho 1864 gus an deach a thoirt a-steach do Bhorgh Rìoghail Dhùn Dè ann an 1913.

Tha fianais ann air tuineachadh daonna bho chionn an linn ro-eachdraidheil agus dh'fhàs e gu bhith na bhaile iasgaich 's muc. B' e dachaigh Barain Gnìomhachas mòr an Diut san 19mh linn, agus dh'èigheadh air am mìle ceàrnagach as beartaiche san Roinn-Eòrpa aig an àm sin.

Chaidh Caisteal Bhrothaig a thogail ann an 1492, 's e a' dìon beul na h-aibhne gu 1932. Ach, a-rèir coltais, chaidh an caisteal, mar a tha e an-diugh, a thogail aig deireadh na naoidheimh linn deug, air an dearbh làraich far an robh an t-seann Daingneach. Tha e na sheasamh air roinn creige am Beul na Tatha.

Bha an caisteal seo an sàs gu mòr ann an Cogaidhean ris na Sasannaich agus cuideachd ann an Cogadh Sìobhalta Shasainn. Ghabhadh le cabhlach Shasannach e sa bhliadhna 1547, agus thugadh air ais bhuapa e le cabhlach Albannaich is Fhrangaich sa bhliadhna 1550. B' e seo sèist a chuir crìoch air a' chogadh mu dheireadh eadar Alba agus Sasann. Tha toll ri fhaicinn ann am balla a' chaisteil agus bhathas a' cumail a-mach am beul a' bhaile gur e balla canain a dh'adhbhraich e, ach chan eil cinnt ann ma tha seo fìor, gus nach eil. Tha an caisteal an-diugh na thaigh-tasgaidh a tha saor an-asgaidh. Tha an taisbeanadh a' foillseachadh diofar àm ann an eachdraidh an àite, mar eisimpleir: gnìomhachas nam mucan-mara, gnìomhachas an diut, cogaidhean agus mar sin air adhart. Gheibh luchd-tadhail sealladh air dualchas nàdair an àite cuideachd.

Mus deach a' chiad drochaid-rèile an Tatha a thogail ann an 1878, b' e bat'-aiseig a bha a' ceangladh an loidhne-rèile bho Obar Dheidhinn gu Dùn Èideann eadar Stonehaven agus Port Bhruachaidh.

Chaidh bàta-teasairginn a' bhaile, Bàta-teasairginn Mona, a chall san Dùbhlachd, 1959 leis a h-uile neach a bh' air bòrd, 's iad a' feuchainn ri long a bha eadar-dha-leann a shàbhaladh.

Tha meadhan a' bhaile làn taighean-òil agus corra thaighean-seinnse, tòrr dhiubh aig a bheil deagh chliù, agus a tha a' toirt seachad biadh, a bharrachd air deoch. Chan e ach mìle ceàrnagach a th' ann am meud meadhan a' bhaile, agus gheibhear co-dhiù 15 taighean-seinnse na bhroinn, aon no dhà air gach sràid, agus gun ach mionaid no 30 diogan a thìde de chois eatorra. Tha The Fisherman's Tavern, The Ship Inn agus The Royal Anchor am measg an fheadhainn as aosta. Tha Fèill Leanna a' tachairt ann gach samhradh ann an cuid de na taighean-seinnse, ach gheibhear an cothrom beòir is leann àraid bho air feadh na h-Alba òl fad na bliadhna anns The Fisherman's Tavern.




#Article 648: Dùthchannan an t-Saoghail (270 words)


Afganastan - An Aetiòp - Afraga a Deas - Aimeireaga (faic Na Stàitean Aonaichte) - Airmìnia - Alba (faic An Rìoghachd Aonaichte) - Albàinia - Aildiria - Andorra - Angòla - Antigua agus Barbuda - An Argantain - Asarbaidean - Astràilia 

an Fhraing - Fìdi - Na h-Eileanan Filipineach - Fionnlainn (faic Suòmaidh)

Gabon - Gàna - A' Ghaimbia - A' Ghearmailt  - A' Ghrèig - Gini - Gini-Bissau - Gini Mheadhan-Chriosach -  Greanada - Guatamala - Guidheana

Haiti - Hondùras

An Laitbhe - Làthos - Leabanon - Leasoto - Libèiria - Libia - Liechtenstein - Liotuàinia - Lucsamburg

Madagascar - - Màili - Malabhaidh - Malta - Na h-Eileanan Mhaladaibh - Malaidhsia - - Maroco - Masadoinia - Meagsago - Na Meanbh Eileanan - Eilean Mhanainn - Na h-Eileanan Mharshall - Na h-Eileanan Mhoiriseas - A' Mholdobha - Mianma - Monaco - Am Monadh Neagrach - Mongoilia - Moratainia   - Mòsaimbic

Omàn - An Ostair

Pagastàn - Palastain (Faic Stàit Phalastain) - Palau - Panama - Papua Gini-Nuadh - Paraguaidh - Pearu - A' Phòlainn - A' Phortagail - Poblachd Dheamocrach na Congo (roimhe Zaire) - Poblachd Dhoiminicia - Poblachd Meadhan Afraga - Poblachd na Congo -  - Poblachd na Sìne (Tai-Bhàn) - Puerto Rico

An Rìoghachd Aonaichte - An Romàinia -  Ruanda - An Ruis

Tai-Bhàn (faic Poblachd na Sìne) - Taidigeastàn - Tài-lann - Tansainìa - Tiomor an Ear - Na Tìrean Ìsle - Tògo - Tonga - Trianaid agus Tobago - Tuinisia - An Tuirc - Turcmanastàn  - Tubhalu

An Ùcrain - Uganda  - An Ungair - Uruguaidh - Usbagastàn

Zaire (Poblachd Dheamocrach na Congo a-nis)




#Article 649: Zürich (133 words)


'S e am baile as motha den Eilbheis a tha ann an Zürich (IPA: ˈtsyːʁɪç). Canar Züri (ˈtsyɾi) ris anns an cànan aca fhèin, neo Zurigo (dzu'ɾiːgo) san Eadailtis agus Zurich (zyʁik) san Fhraingis. Tha am baile suidhichte anns an Eilbheis an Iar air bruach Loch Zürich. Tha e suidhichte 161km air falbh bho Stuttgart, thall anns A' Ghearmailt. A-rèir clàrachas ann an 2006 agus 2007, 's e Zürich am baile aig a bheil maitheas na beatha as fheàrr san t-saoghal. 'S e baile-breith Huldrych Zwingli (1484 - 1531) a th' ann, duine cudthromach aig àm an Ath-Leasachaidh.

Thàinig an t-ainm Zürich bhon ainm ceilteach Turus, bha e sgrìobhte air uaigh bho àm nan Ròmanaich anns an 2. linn.  Thòisich an gluasad cultarach Dada ann an Zürich neo-phàirteil rè A' Chiad Chogaidh Mhòir.




#Article 650: Na Tìrean Ìsle (186 words)


 
'S e dùthaich anns an Roinn Eòrpa an iar a th’ anns na Tìrean Ìsle  (Duitsis: Nederland, IPA: ˈne:dərlɑnt); ainm eile: An Talamh Ìseal  neo
An Isealtìr.  'S e ball den Aonadh Eòrpach.  Gu math tric canar an Òlaind seach na Tìrean Ìsle ris. Ach chan e an Òlaind ach dà sgìre de na Tìrean Ìsle.

'S e am pàirt Eòrpach de Rìoghachd nan Tìrean Ìsle, tha an còrr den Rìoghachd, na h-Eileanan Aintilia (Netherlands Antilles) agus Arùba, suidhichte anns a' Chairibìan san àirde thuath air a' Bheiniseala. 
Tha na Tìrean Ìsle suidhichte aig a' Chuan a Tuath, agus ri taobh an ear na Gearmailt agus ri taobh a deas na Beilge. Tha Amsterdam na phrìomh-bhaile.

Tha na Tìrean Ìsle cliùiteach air sgàth 's na muileann-gaoithe aca, càise, clogs (brògan à fiodh) tuiliop agus delftware (obair-criadha sònraichte). Tha na riaghailtean gu math libearalach, tha an dùthaich iomraiteach anns na laghan libearalach mu drugaichean, siùrsachd agus co-sheòrsachd.

Bha an dùthaich gu mòr an sàs gnothach Tràilleachd thar a' Chuain Shiar eadar an 16mh Linn agus an 19mh Linn.

Seo lista na bailtean as motha anns an Òlaind:




#Article 651: Cliabh (119 words)


Is e a tha ann an cliabh seorsa bucais fighte as calbhan eu-sgolta. B'e calbhan calltainn an stugh abhaisteachd de cliabhan. B'e priomh feum nan cliabh, ann an Gaidhealtachd na h-Albainn, a ghiulain eallachan air muin daoine neo eich. 

Is cliabhaireachd, an gniomh a tha ann an figheadh nan cliabh. Chanar cliabhair neo cliabhadair ri fear (neo tè) a tha ri cliabhaireachd.

Is teicneòlas traideasanta do Gaidhealtachd na h-Albainn is na h-Eirinn a tha ann an cliabhaireachd.
Chaidh cliabhan a mach a' cleachdadh, nuair a thanaig deireadh air linn nan deich anns an dara leth den 20mh linn. Lorgar ti an siud 's an seo fhadhast, mar as tric a' grodadh an bathaich croiteir.

Is bun an aiste seo. 




#Total Article count: 650
#Total Word count: 199933